[86]

10

Feasgar DihaoineCatrìona

Brath ùrleugh?

Bho: MOBBEL

Cùm thusa B&J air an dòigh! 2-3 latha. Bi laghach!Bx

Bi laghach! Mura bithinn-sa air a bhith ro laghach cha bhithinn an seo ...

Bha e àraid, mar a thachair às dèidh na coinneimh. Uair a thìde agnogadh mo chinn, asgrìobhadh sìos facal no dhà, Evander-Bill afàs nas coltaiche is nas coltaiche ri feannag mhòr chealgach na mo shùilean, eadar gob biorach agus logaidh dhubh lainnireach. Bha coltas air Miriam, an -rannsachaidh, gu robh i cha mhòr na cadal. Cha tuirt an dearbh thè aon fhacal rium fad na seachdainchan e gu robh cha mhòr facal atighinn às a beul ri duine sam bith, cha robh càil ga fhreagairt ach le togail bheag de dhoisean a beòil, suaineadh anns na sgarfaichean fada


[87]

sìoda, sùilean leth-dhùinte agus agad ri thuigsinn gun ann dhìse a chaidh faclan leithid ‘the Mysterious East’ a chruthachadh. Cha robh i coimhead càirdeil no nàimhdeil, cha robh i bruidhneach is cha robh coltas oirre gu robh i toirt a h-aire far a h-obrach airson a bhith farchluais air daoine – ’s e an seud beag bìodach air taobh a sròine, aglacadhs atilgeil ghathan solais, an rud bu bheòthaile mun cuairt oirre. Fad seachdain an seo is cha chuala mi fhathast a guth.

Bha an t-acras ga mo tholladh, ’s gun e ach trì uairean. ’S bha mo dhileag gus mfhàgailcha do mheantraig mi carachadh on deasg ron choinneamh, mus fònadh Niall, an t-amadan. Rinn mi air an taigh-bheag. ’S ann fhathast glaiste staigh ann, afeuchainn ri sgiort Iseabail a chur ceart – ’s dòcha nis gu bheil leth-unnsa a bharrachd air na cruachainn agamsaa chuala mi cuideigin atighinn a-staigh. Afeadaireachd. Port Gàidhealach? Goc air, uisge aruith. Ghreas mi mach.

Miriam, anighe a làmhan. “Hallo!” arsa mi fhèin. Cha leigeadh an t-eagal leam guth a ràdh mu cho tioram, fada, dòrainneach, sgìtheil, trom, beag-feum, sàrachails a bha achoinneamh, a chaidh a ghairm, fhads a thuig mise, ach an cluinneadh Jeremy a ghuth fhèin agus ach am biodh cothrom aig achòrr againn spèis a thoirt dhan Oisean ùr. aigtha fios nach còrdadh e rithe seo glan, falbh a dhinnse nach robh mòran agamsa mu mo dhreuchd ... “Meetings, eh?” Bha siud sàbhailte gu leòr. Coimhead san sgàthan ’s a’ cìreadh mo chinn.

Tha Gàidhlig agad, nach eil?”

Theab mi achìr a stobadh nam chluais.

Thaach ... ciamar ... ?”

Chaidh i gu gàireachdraich. Lasgan mòr salach. ’S gann gun


[88]

creidinn gun tàinig e às an aghaidh bhrèagha chiùin a bha cho dùinte sàmhach fad na seachdain.

Mise cuideachd! Ach cha chreid mi gu bheil mòran aig an fhear eile.”

Cha chreid ... ?”

Chan e mhàin nach robh facal aige nuair a bha misann an Jordanhill, ach bhan dearbh fhear gu math tàireil mu na Gàidheil! Shaoileadh tu gu robh sinn ag ithan fheòir ga chluinntinn!”

Jordanhill? Ach ... ”

Bha iad alorg rannsaiche airson sreath leabhraichean air feallsanachd an earmeòrachadh, fhios agad, spioradalachd nan Innseancha robh mòran agam mu dheidhinn teagasg, smaoinich mi dhol às a dhèidh, agus fhuair! Ach bfheudar dhomh na jeans fhàgail a-staigh.” Gàire eile, ’s thug i crathadh dhan aodach shìoda. Uaine-ghorm, muir adol thairis air oitir ghainmhich, àlainn. Leig i às a làimh e mar gun cathadh tu bhuat seann mhogan de dhustair. “Chan e nach eil e brèagha – ’s ann le mo phiuthar a tha am fear sa. Tha ise na dotair an seo, ach cha dèanadh e cus dhut aig amhòine!”

Aig a’ ... ?”

O, tha barrachd machaire agaibhse ann an Uibhist, nach eil?”

Mhothaich mi san sgàthan gu robh mo bheul slaodte riumchanadh tu gu robh na bu ghlice ag ithan fheòir ...

Uhtha, tha. . . ach às a tha thu?”

Às an Rubha. Port Mholair.” Port Mholair! Am Mysterious East! “O, ’s ann à Peshawar a bha mo sheanmhair ceart gu leòr.” Cha robh an sruth ri chasg. “Uabhasach feumail airson cainnt a


[89]

chur a-mach air fiosrachadh is dìomhaireachd an ear, an latha a bha an t-agallamh agam. Tha Jeremy caran neochiontach, nach eil? Bfheàrr leis cluinntinn gu robh mi ruith casruisgtàs dèidh nan caorach anns aKhyber Pass seach adol tro fhoghlam ann an Glaschu!”

Cha tuirt thu ... ?”

Ist, cha tubhairt! Ach cha deighinn an urras nach biodh e air mo chreidsinnseall mar a shluig e sgeulachd an fhir eile! Agus, fhios agad air a seo, chan e Evander a thairsan nas motha na ormsa!”

Chan e ach Bill Smith!”

Oirrese nis a bha an aghaidh cheasnachaidh.

? Tha fhios agad? Tha thu ga aithneachadh?”

Tha, bha e san oilthigh còmhlrium bha dol a dhìochuimhneachadh na sròin tha siudagus bha e ann an Jordanhill? Tha cuimhnagad air?”

Cho math ri sìon. . . ag innse do dhuine sam bith a dhèisteadh mar a dhfheumamaid ar cùlaibh a chur ri na seann rudan: ’s e an latha an-diugh a bha cunntadh agus cha robh càil a dhfheum ann an dualchas no beul-aithris tuilleadh. Abair gun ann air a thàinig an latha!”

Ach ... ?”

Bha e dol a theagaisgModern Studies,tha min dùilach feumaidh gun tàinig e staigh air gum biodh a shaoghal na bfhasa adèanamh ròlaistean air Tìr nan Òg, beagan cianalais na lùib ... ” Chaidh i tiotan na tosd. Sheall i orm. San sgàthan an toiseach, agus an uair sin aghaidh ri aghaidh.

Fuirich ortchan eil iongnadh ann nach eil e gam aithneachadh-sa, cha robh mi riamh am measg a charaidean sa cholaiste,


[90]

agus chan eil annam ann an seo ach an sgalag: cha chreid mi gun do sheall e an taobh a tha miach tha agadsa ri obair còmhris. Ciamar nach eil e gad aithneachadh-sa?”

Otha e smaoineachadh gun i mo phiuthar ... ”

Bfheàrr leam gu robh smachd agam air mo bheul.

Do phiuthar?” Ach mus tàinig freagairt thugam: “ an uair a tha e?”

Tha cairteal às dèidh a trì.”

Ach bha i coimhead orm mar nach biodh ùidh sam bith aice san uair. Coimhead sìos is suas. Monmhar rithe fhèin.

? Carson a tha thu toirt an t-sùil tha sin orm?”

Ach cha do rinn i ach an uair fhaighneachd a-rithist.

Cairteal às dèidh trì, shiud thu, seall.”

Chan fhaca mi duine dol dhiubh fhèin mar siud aig coltas aghaidh uaireadair roimhe, ach bha Miriam na lùban. Grèim aicair an t-sinc, ’s i stampadh a casan, bloighean fhaclan gan losgadh aiste mar ghlupagan uisge à pana acur fairis.

Coltach riut,” ars ise, “coltach riut, do phiuthar? Cianail, cianail coltach, ha-ha, sgadan, nach math nach bi uaireadair air sgadan, --hììì!”

Shuath i a sùilean le trì no ceithir a shlatan de phàipear an taigh-bhig. Thug i an t-sùil dhùrachdach a bha siud orm a-rithistach bha rudeigin eile cuideachd ann, air cùl nan criomagan gàire a bha fhathast afrasadh a-mach ge boil leatha. Seòrsa de ... dhiongnadh?

Mìorbhaileach,” thuirt i, “mìorbhaileach coltach, cha bhithinn air mothachadh gu bràth, mura be gu robh mi ag obair san oifis shìos as t-samhradh ... ”

tha thu feuchainn ri ràdh?”


[91]

Siuthad,” ars ise, “chan inns mise do dhuinaca, n t-ainm a thort co-dhiù?”

Tha fhios agad! IseabailBel!”

O, sguir dheth, chan e nasiuthad, a-mach leis.”

Cha burrainn dhomh bruidheann.

“Twins,” ars ise, “ceart? Siuthad, mas fhìor nach eil sinn ach air tachairt, mise Miriam, agus mo mhionnan nach can mi guth ri duine beò” – chuir i mach a làmh – “aguss tusa ... ?”

OK, OK. Catrìona. Ach ciamar ... ?”

Bidhn t-uaireadair aig Bel air aghàirdean dheas.”

Cho fìors a ghabhas. Cleachdadh a rinn mo mhàthair nuair a fhuair sinn uaireadairean an toiseach. Bha Miriam seo fada ro gheur airson companaidh foillseachaidh, bha cruaidh-fheum acoirre aig Scotland Yard.

Feumaidh tu h-uile càil innse dhomh, agus tòisich le Bill: ciamar nach eil fhios aige thu?”

Furasta gu leòr,” thuirt mi rithe, “cuimhnich nach fhaca Bill riamh ach Catrìona, cha do thachair e air Bel chun a seo . . . Tha e sàbhailte gu leòr, chan aithnich ise!”

Bha an dithis againn a’ gàireachdraich nuair a dh’fhosgail an doras. nam fònaicheanfalt stubach goirid air a dhath cho tioram geal ris achanach, de shùith mu na sùilean na stopadh similear:

“Bel? Call for you – she couldn’t wait – I took a message.”

Nach e sin a dreuchd?

“Oh, thank you,” arsa mi fhèin cho blàths ged a bhiodh i air ceud not a shìneadh dhomh, ’s mi mothachail doBi laghach’, “That was really kind, Candytuft, thanks.”


[92]

“On-your-desk,” ars an tèile gu cruaidh mosach, agus mach an doras a ghabh i le brag. Bha Miriam aplubadaich a-rithist.

Seadh?”

Candytuft!”

Agus?”

Camomile ... ”

Camomile mo thòinan e, ge-? Do mhionnan?”

Cha mhionnaichinn dad anns an àite seo,” arsa Miriam.

Seall, chan eil fhios aig Bill gu bheil sinne ga aithneachadh, chan eil fhios aig Jeremy gun e Bill a thann an Evander, tha an dithis aca acreidsinn gun tusa do phiuthar, airson Camomile bhochd, chuirinn-sa mairgead air Ethel no Gladys ... thugainn.” Fhuair i grèim air mo ghàirdean. “Thugainn a-mach feuch a bheil Kate leòmach tha siud san oifis bheag air aideachadh nach eil innte ach cat acoiseachd air a casan-deiridh ... ”

Bileag bheag bhuidhe air an deasg. “Hester will pick u up at usual time.”

Cha robh duine timcheall.

Miriam! ’Eil sgeul agad thann a Hester?” Chrath i a ceann. Cùis-èiginn a bha seo bha an t-àm àbhaisteach aciallachadh? Fàgail na h-obrach aig a còig? Tadhal aig a flat? Agus carson? Dhfheumainn grèim fhaighinn air Iseabail sa bhad.

Mise thann. ’S tu thug an ùine afreagairt afòn!”

Bha mi muigh feuch an robh bruisichean-peant san t-sead agadtha Niall atighinn a-nuas a-nochd a chuideachadh leis apheantadh. An àite dhol a-mach gu biadh – ”

O, bheil. Hm.


[93]

“ – feumaidh daoine ar faicinn còmhla, nach e sin a thuirt thu fhèin!”

An tubhairt?

H-uile càil ceart gu leòr? tha thu dol a dhèanamh aig a’ weekend? ”

Ma dh’innseas tu dhomh thann a Hester, ’s dòchgum bi fios agam!”

Ah. Mmcha robh cuimhnam. Ach bidh e ceart gu leòr ... ”

bhios ceart gu leòr! Iseabail!”

Ist, feuch nach cluinn duinthu, sguir a dhèigheach, cuimhnich gun tusa Iseabail. Achòisir. A-nochd.”

Còisir. Cha burrainn a bhith na bfheàrr. Nis, chan eil dad agamsa an aghaidh seinn. Gabhaidh mise òran sam bithma bhios co-dhiù fichead eile ga ghabhail mun cuairt orm. Seinnidh mise am Messiah bho cheann gu ceannam broinn an taighe, nam ònar, agus an CD air cho àrds a ghabhas e. Ach còisir?

Cha tèid mo chas.”

Chatrìona!”

Fhalbhs fòn thuice is can rithe nach eil thu gu math.”

Ciamar, is fhios aice gu bheil mi aig mobair! Nach tuirt thu gun do dhfhòn i! Agus nan dèanadh i 1471!”

Chan eil rian agam, bheil thu craite?”

Ist, tha idir, chan eil ann ach na Pirates, rinn sinn san sgoil e.”

Chan URRAINN dhomh, tha mi ag innse dhut, bheil thu glic, chan aithnich mi duine!”

Thig Hester leis achàr aig a seachdchan fhaigh thu air do bheul fhosgladh aice co-dhiùagus tha e cho furasta ri


[94]

sìon, chan eil duine ag iarraidh ort Mabel a sheinn, an chorus a thann, ’s aithne dhut na h-òrain, nis, a Chatrìona!”

Ge boil leam, agus mo chiall is mo reusan ag innse dhomh gun e mullach mòr na gòraiche a bhiodh ann mi fhèin a chur ann an suidheachadh far am faodadh am mealladh a dhobraich cho math fad na seachdain tuiteam às a chèile, bha rudeigin ga mo phutadh ann. Bha mi ag iarraidh mo phàirt a chluich am measg barrachd dhaoine . . . ’s dòchgu robh còir agam a bhith air a dhol a-staigh airson actadh.

Chatrìona! Cha leig thu leas ach do bheul fhosgladh ged nach tigeadh diùird às, mhothaicheas, chan eil ann ach rud amateur.”

Uabhasach toilichte nach eil agam ri dhol gu Covent Garden nad àite!”

Na bi mar sindìreach fheirig ann, a Chatrìona, can gu bheil damhaich goirt ma thogras tu, dèan gròcail air choreigin ach theirig ann: chan eil e idir acòrdadh riutha mura nochd daoine.”

Dèan gròcail air choreigin? Bha mise cuideachd ann an còisir na sgoile! An aghaidh.

OK, OK, thèid mi ann is bidh mi laghach. Cùm thusa daire air apheantadh ... ”

“Surprise!”

Bha mi air leum sìos an staidhre cho luaths a chuala mi an clag, às dèidh do dhIseabail a ràdh gu robh Hesterrud beag -fhoighidneach dhith fhèin’. Ach an àiteaghaidh mhòr gheal os cionn smiogaid agus broilleach a sguabadh an sneachda far rathad a Naoi aig Druim Uachdair’, bha romham air an


[95]

starsach ach Richard. Bha mi dìreach gam mholadh fhèin airson an t-seacaid a chur orm is gun tuigeadh e gu robh mi dol a-machcha robh feum air leisgeul, ach

Cha tuirt Hester guth riut?”

Cha tubhairt ... ?” Esan eòlach air Hester?

Chan eil fireannaich gu leòr aca, ach bidh fhios agadsa air a sin – ’s fhada o bha i an sàs annamson a thighinn ann. Càirdeach dha mo mhàthairchan aithne dhomh an robh fhios agad?” Cha robh, agus ma bha fios aig mo phiuthar chaomh, ’s nach tuirt i guth, tachdaidh mi i. “Thugainn, than càr aice aig ceann na sràide: chan fhaigheadh i nas fhaisge.”

Bha Hester dìreach mar a mhìnich Iseabail dhomh i, ach gun canainn fhèin gun gabhadh trì smiogaidean a chunntais eadar an lipstig dhearg agus coilear achòta-fur.Trì fichead ma bha i latha: cha robh rian gu robh i dol a sheinn pàirt dhe na h-igheanan? Chan eil fhios am nam biodh sgarf dhearg mu ceann nach dèanadh i fìor Pirate King, ge-, feusag fhuadain, sgian eadar a fiaclan, fàinne – “Tha mi duilich? Gabhaibh mo leisgeul, bha mi ... ” Cha burrainn dhomh ràdh gu robh mi dèanamh dealbh dhith air an Spanish Main,seòrsa de Blackbeard boireann, maoidheadh leis a’ chlaidheamh mar a mhaoidh i air an dithis nach do rinn cabhag gu leòr dhi tarsainn na sràide nuair a chaidh na solais gu uaine.

Tha Richard ag innse dhomh gu bheil piuthar agad shuas an sin, shuas an Albacha chreid mi gun cuala mi riamh guth agad oirre? Nach annasach dhi bhith dèanamh a dachaigh shuas an sin, cho iomallachbheil teaghlach aice? Bheil i nas sine no nas òige na thu?”

Chan eil, chan eil teaghlachtha i, uh, rud beag nas, nas òige.


[96]

Chan eil an t-uabhas eadarainn idir.” Cairteal na h-uarach, agus tha i na suidhe an seo rid thaobh, agus sguir a cheasnachadh! Cùm daire air an rathad! Ach bha i tionndadh sìos fosgladh cumhang, agus bha a h-uile coltas gu robh sinn an seoair bith robhseo’, suarach cho maths a bha na solais.

Bha daoine cho trang acur fàilte air Richard, nach e rinn math tighinn, etc, etc, is gu robh mise sàbhailte gu leòrthuirt Iseabail nach robh dlùth-charaidean sam bith aicann, gum faighinn às le do bheò?’ isNach ann than deagh shìde’ ... agus seo sinn, atòiseachadh le fear dhe na h-òrain aig na fir. Bha iad caran gann ceart gu leòr, agus mas e seo na Pirates,bhiodh iad greis mus cuireadh iad eagal air cròileagan aMhachair Iaraichsuaip riD’ airgead no do bheatha, mas e do thoil e, agus fhads nach eil e dèanamh dragh, chan eil cabhag idir ann ... ” Bha Hester acoimhead na bfhoghaintiche na duinaca robh i? — aha, ’s ann a bha Hester aig aphiàna. Coltas caran gealtach air aphiàna, dhfheumainn a ràdh, nuair a thilg i i fhèin air an stòl is e adìosgail fòidhpe, agus a ghabh i thuige gu sgairteil, a sealltainn am maighstir.

Dhfheumainn aideachadh gun do chòrd e rium. Fiùs ged a bha greis mus do mhothaich mi gu robh stiùiriche air abhuidheann-seinn, fiùs ged a dhfhaighnich an bha ri mo thaobh an robh tùchadh orm — ‘Adenoids,’ thuirt mi, agus lorgadh Iseabail a slighe fhèin a-mach às a sin an ath sheachdainfiùs ged a bha mi fàs amharasach gun e an cothrom a bhith na Phirate atoirt slaodadh air a roghainn boireannaich a chuir Richard an seo, agus nach be cho measails a bha e air seinnchan e gu robh dad ceàrr air a ghuth, gu math nas fearail na chanadh tu ri choimheadchòrd an oidhche rium. Gu h-àraid


[97]

nuair a smaoinichinn an-dràstas a-rithist air Iseabail air a ghlùin apeantadh an skirting.

Bha mi gu math riaraichte leam fhèin nuair a thàinig an t-àm tilleadh dhachaigh. Richard a-mach às an rathad anns a’ chùl. Mise gu sona san toiseach, cha mhòr ag aisling mu cho maths a bhiodh e fuireach a-bhos agus pàirt a ghabhail . . . cha ghabhadh sin a bhith, ceart, mu dheidhinn feuchainn air achòisir aig an taigh? Dealbh brèagha dha-rìribh, seasamh air àrd-ùrlar is cuideigin atoirt seachad duais Mhic Shimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdain; seasamh còmhla riagus sin e. Chan annson seinn a-mhàin a tha achòisir againne ainmeil. O, tha guthan brèagha aca air fad, Salome Sheòrais is Doilidh, Florabel is Tracy Iagain, ach thèid baritones nan tenors ann an tiotan mura bi iad faiceallach nuair a tha an sgioba tha siud mu sgaoil. Dìochuimhnich achòisir, a Chatrìona, lean thusort, feum a thagad air luchd-èisteachd a bharrachd air damhan-allaidh agus chorra-chòsag ... “?”

“Bel, darling, you’re half asleep tonight – I do hope that that wretched Jeremy isn’t working you too hard! I was talking about Sunday lunch.”

Bha an càr na thàmh. Bha sinn cheum bhon flat. Cuin a thòisich i air bruidheann? Robh misair aontachadh a dhol thuice gu mo dhiathad?

Bha. Agus thigeadh Richard gam iarraidh. Nach robh sin fhèin laghach dha.

Tha mi smaoineachadh gu bheil coltas rudeigin seòlta air.

title10. Feasgar Dihaoine – Catrìona
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page