11
Feasgar Dihaoine-Iseabail
“Pour, oh pour, the pirate sherry, fill, oh .fill, the pirate glass ...” Cha robh teagamh sam bith ann, bha na h-òrain a b’ fheàrr aig na fir. Bha mi gu math sona mach an doras, fhios a’m gum biodh Catrìona ceart gu leòr aig a’ bhuidheann-seinn: ged nach dèanadh is’ ach a beul fhosgladh aig na h-amannan freagarrach, bha feadhainn dhiubh siud cho trang a’ snàmh anns an tlachd agus an toileachadh a bha iad a’ faighinn às an guthan fhèin is nach mothaicheadh iad gu bràth an e ròcais no uiseag a bha rin taobh.
Cha b’ urrainn dhòmhsa gun a bhith a’ seinn a-mach an doras – bha mi mionnaichte gu robh m’ aodann a’ coimhead na b’ fheàrr, dhà na trì lathaichean is bhiodh mo shaorsa agam a-rithist; bha dà chèic agam bho Rona a bheirinn do Chathy a’ Phost Oifis airson fèill-reic a’ chròileagain; bha Niall a’ tighinn gam chuideachadh leis a pheantadh – ’s lugh’ orm peantadh, dè
thug orm mo bheul fhosgladh mu dheidhinn; bha i air sgur a shileadh mu dheireadh thall; agus, an rud a b’fheàrr buileach, thàinig post-dealain bho na pàrantan gum biodh iad co-dhiù, co-dhiù seachdain eile: bha mo mhàthair air gabhail na ceann gu robh aon phioramaid gu math coltach ri pioramaid sam bith eile, nach robh ceist sam bith mu aghaidh an Sphinx, gum fac’ ise an aon seòrsa dreach air aghaidh reithe ùr Texel Phàdraig às dèidh dha bhith dèiligeadh le na mnathan, agus mar sin bha iad a’ dèanamh às (chlisg mi tiotan an siud, cha b’ ann dhachaigh?) agus a’ dèanamh air Leptis Magna, agus cò aig’ tha fios nach tigeadh iad dhachaigh taobh na h-Eadailt, b’ fhìor thoigh leatha Etna fhaicinn.
’S e rud feumail a th’ ann an atlas nuair a tha do phàrantan air an ran-dan. Gheibh thu mach mar sin gu bheil iad a’ cur an aghaidh air Libya agus air Sicily. Eadar dùthaich Ghadafy agus eilean a’ Mhafia, ’s cinnteach gum biodh iad co-dhiù, co-dhiù seachdain eile air falbh. ’S ann le cridhe aotrom a rinn mi air Oifis a’ Phuist le na cèiceannan.
“ ’S tu fhèin an seud,” ars ise, “chan eil fhios a’m ciamar a tha thu faighinn ùine airson a h-uile càil, eadar d’ obair ’s na clasaichean-oidhche ’s a h-uile rud eile. Tha corra dhuine air na bileagan a thoirt leotha mu thràth.”
Bha cruach bheag de bhileagan uaine air an sgeilp. Comann Leasachaidh Ionadail Uibhist. Clasaichean Oidhche: Camara, Còcaireachd, Coimpiutair, Fuaigheal, Sgeadachadh Taighe, Saorsainneachd, Spàinntis. Bhruidhinn i mar gum biodh Catrìona a’ cur roimhpe a dhol gu clas air choreigin, ach dè? Saorsainneachd, ’s dòcha: chanainn gu robh eòlas gu leòr aice air càch.
“Hm, ’s math sin,” arsa mi fhèin, “ ’s fheàirrde duine rud ùr ionnsachadh.”
“Tha thu cho ceart ’s a ghabhas,” arsa Cathy, “agus abair gum biodh Spàinntis feumail air na saor-làithean!”
Aha, an e sin e! Ach rinn Catrìona Higher,dè feum a bh’ aice air clas-oidhche, mura h-e clas adhartach a bh’ ann – cha robh a’ bhileag ga dhèanamh uabhasach soilleir, cuin a bha e tòiseachadh . . . oidhche Luain! Am feumainn-sa dhol ann na h-àite, mise nach d’ fhuair riamh na b’ fhaide na mañana agus vino? Mañana! Bha e gu bhith againn! Dh’fheumainn mo chomhairle fhèin a ghabhail – fosgail do bheul, dèan gròcail air choreigin – ach bu chòir gum biodh e furasta gu leòr fuireach sàmhach aig clas-oidhche, coimhead cho diùid ’s a bhios daoine co-dhiù.
“ ... agad.”
“Tha mi duilich, a Chathy, bha mi coimhead ... ”
“Bha mi dìreach ag ràdh, tha mi ’n dòchas gum bi barrachd oileanach agad na thàinig a-mach an-uiridh – tha daoine cho leisg!”
AGAM?
Choimhead mi sìos ris a’ bhileig mus fhaiceadh i an t-uabhas air m’ aodann – agus siud e, an dubh ’s an geal, ann an litrichean beaga meanbh: ‘Tutor: C. MacRae’
“Mm – chan eil mi cinnteach” – abair nach eil. “Mar a thuirt thu fhèin, ma tha làithean-saora san amharc aig daoine ... ” Agus ma THA làithean-saora san amharc aig muinntir na coimhearsnachd, cuireadh iad an aghaidh air a’ Ghrèig no air Glaschu, feuchadh iad gu Paris no Pitlochry, ach seachnadh iad an Spàinn, am-bliadhna co-dhiù. Chan eil feum sam bith ac’ air Spàinntis, b’ eòlach an seanairean air.
“Chì sinn cò nochdas oidhche Luain!” arsa Cathy. “Tha iad ag ràdh gun e deagh spòrs a th’ ann, clas-oidhche. Tachairt air daoine ’s mar sin.”
Deagh spòrs, nam biodh fhios agad. Spòrs glan fhèin mura h-aithne dhan tidsear ach trì faclan sa chànan.
“Chì! – ach ’s fheàrr dhòmhsa dèanamh às, tha Niall a’ tighinn a-nuas an ceartuair ... ” Thàinig an seòrsa dreach air a h-aodann a dhùraiginn a sgùradh dheth, bog bàidheil, brochan de smuaintean dìomhain mun ‘ghaol òg’, ach ’s e deagh leisgeul a bh’ ann ’son faighinn air falbh. Mach à seo mus buail mi cuideigin. Spàinntis! Nuair a gheibh mise grèim air Catrìona.
Bha mi air an rathad dhachaigh nuair a bhuail a faclan air mo chluas mar sgleog: “Chì sinn cò nochdas ... ” Chan eil rian – cha robh ann ach dòigh-bruidhneadh. ’S cinnteach. Seinn, ’s ann a b’ fheàrr leam buralaich ris a’ ghealaich.
Cha dèanadh e nì dh’fheum brath a chur thuice, bhiodh i deisealachadh airson falbh a sheinn, ha, falbh a cheileireadh le cridhe aotrom. Cò aig’ tha fios cuin a gheibhinn-sa grèim oirre airson beagan fhaighinn a-mach mu a cuid clas – ach bheireadh e faochadh dhomh fhèin.
Bho MOBBEL
Clas Sp Diluain DÈ NÌ MI?
Brath air falbh
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
A phiuthar sgileil, chomasach, uile-chumhachdach:
Feuch ma tha mionaid agad an can thu abracadabra no rudeigin dhe leithid ach an tionndaidh mise gu tidsear Spàinntis ro oidhche Luain. Dh’fhaodadh tu bhith air rudeigin a ràdh, a Chatrìona! Theab mise an dearg òinseach a dhèanamh dhìom fhèin sa Phost Oifis, bha mi ’n dùil gun ann a bha Cathy a’ moladh dhomh a dhol a dh’IONNSACHADH cànan. Agus chan eil dol-às air, feumaidh mi dhol ann, mise nach do rinn riamh ach trì seachdainean de Get By on the Costa no air bith dè ’n t-ainm a bh’ air a’ chùrsa bha siud a chuir thu thugam mus deach sinn gu Minorca. O chionn seachd bliadhna! Mas fhìor gu bheil cuimhn’ agam air facal dheth!
Bheil rud beag bìodach brònach sam bith eile nach do dh’inns thu dhomh? Chan eil fhios a’m an seas mo chridhe ris a’ chòrr – cearcan, clasaichean, fighe dhan duin’ ud is bèicearachd dhan duin’ ud eile, fireannach a’ nochdadh gu h-obann far druim na mara. Dè ’n ath rud? Do bheatha-sa cho sàmhach! E-mails bheaga ghoirid – ‘Chan eil càil a’ tachairt an seo! H-uile nì mar as àbhaist!’ Ma tha dùil riut a ghàrnailearachd am badeigin a-màireach no a chluich a’ phiàna ann an Eaglais a’ Ghlinne an-earar, feuch an leig thu fhaicinn dhomh. Ach an tèid mi dh’fhalach dhan bheinn.
“Hallo-o, bheil thu staigh?”
Niall. Thàinig e thugam gu robh mi toilichte fhaicinn. Agus chan e mhàin gu robh mi an làn-dhùil gun dèanadh esan a’ chuid bu mhotha dhen pheantadh. ’S ann a dh’fhairich mi airson tiotan – priobadh na sùla de laigse, cha robh an còrr – gum biodh e uabhasach math mi fhèin a thilgeil air uchd a’ gheansaidh mhòir chlòimhe le ràn nach robh fhios a’m dè dhèanainn mun
chlas-oidhche, agus dè bu choireach gu robh Catrìona fada na bu chomasaiche na mise, agus gu robh mi seachd seann searbh a bhith coimhead cho grànda leis a’ bhroth oillteil a bha seo, agus ... Sguir dhe sin sa mhionaid uarach, Iseabail, ’s ann a choimheadas tu grànda buileach ma thòisicheas tù air caoineadh ’s air rànaich. Cuimhn’ agad an turas mu dheireadh a chaidh thu gu gal, agus gu mì-fhortanach bha am bogsa nèapraigean ri taobh an sgàthain – sùilean pinc is sròn stopte, càil nas coltaiche riamh ri feòcallan is droch chnatan air. Chan e dealbh tarraingeach a bh’ ann idir. ’S ann ann am filmichean a-mhàin a thèid aig boireannaich air a dhol a chaoineadh ann an dòigh a dhùisgeas truas nam fear – sùilean mòra a’ deàrrsadh le bristeadh-cridhe, agus aon deur, mar neamhnaid, a’ laighe air na busan geala. Tur eadar-dhealaichte bho na deòir a’ sruthadh sìos taobh do shròin a’ dèanamh seòrsa de slalom eadar na guireanan. Pinball. ’S ann a bhiodh am fear a bha ga do choimhead na bu dualtaiche geall a chur orra ...
“Hallo, tha mi an seo – dè mu dheidhinn cupa tì mus tòisich sinn? No, fuirich ort, an do ghabh thu do bhiadh?”
“Ghabh, ach cha do dh’fhan mi ri cupa – sheas Rona a-staigh is gnothaich aice ri Dòmhnall Iòsaph, cha robh mi ach anns an rathad.”
“Trobhad ort,” arsa Niall, fhad ’s a bha sinn a’ feitheamh ris a’ choire, is mise a’ lorg briosgaid, “bheil fada bho nach fhac’ thu d’ antaidh? Shìos an Cill Choinnich?”
“Trì bliadhna co-dhiù,” agus tha mi coma ged a dheighinn a-staigh airson World Record ann a bhith seachnadh antaidhean, m’ ainm air duilleag ann an leabhar Guinness fhathast, “ach ’s e a’ cheist, cuin a chunna Catrìona i – carson co-dhiù?”
“Tha a’ bhana-bhuidseach ud, Norah NicAlasdair, a’ cur a-mach cainnt mu deidhinn anns a’ bhùth.”
Dè nis a bh’ aig an Teanga ri ràdh?
“ ’S i as lugh’ orm,” arsa Niall. “Tha fhios agad fhèin, ma thèid cuideachadh sam bith iarraidh oirre, tha i siud ro thrang, falbh gu coinneamh-ùrnaigh no cruinneachadh Guild no, dè fios a th’ agamsa, cur gleans air brògan a’ mhinisteir le a smugaidean beannaichte fhèin – ach abair thusa gu bheil ùine gu leòr aice airson a h-uile pìos smodail a tha a’ dol a chagnadh agus a shailleadh le barrachd puinnsein mus tèid a dhrùidheadh dhan ath chluais . . . athair Hamlet, fhios agad.”
Cha robh, cha robh càil a dh’fhios a’m dè ’n gnothaich a bh’ aig Norah NicAlasdair ri athair Hamlet, ach bha e math cluinntinn gun do leugh Niall leabhar uaireigin dhe latha.
“Ach dè bha i ag ràdh?”
“Cha chuala mi ceart e – faodaidh tu bhith cinnteach gun deach i fhèin ’s bean Iòsaiph gu sanais nuair a nochd mise staigh, ach aon uair is gu robh mi mach à sealladh cùl nan sgeilpichean, dhìochuimhnich iad gu robh mi ann – cha robh mi cluinntinn ach criomagan: ‘Clann Ailig, chan eil iad a’ dol faisg oirre’ agus ‘Bu chòir do chuideigin a cùram a ghabhail mus tèid e nas miosa’ ... ”
“ ... mus tèid e nas miosa . . . ?”
“Àidh, agus rudeigin mu dheidhinn a h-aois. Agus a ceann.”
Nis, chan eil mise measail air Auntie Marion, agus airson Catrìona, cuiridh mi geall gun fheàrr leatha fichead uair na Rhode Islands a tha a’ gogadaich a-muigh, ged nach fhaigheadh i ugh bhuapa ri a maireann, ach ma bha dad ceàrr, ’s iad nach biodh riaraichte, na pàrantan, nan tilleadh iad is gun duin’ air a dhol na gaoth.
“Feumaidh mi dhol sìos – thèid mi a choimhead oirre a-màireach. Fichead mallachd oirre, chan eil ùine agam, nach eil an deamhain Spàinntis – ”
“Spàinntis?” Ma bha uallach ormsa gu robh Auntie Marion a’ fàs gòrach, bha e soilleir gu robh Niall a’ smaoineachadh gu robh an dearbh thrioblaid agamsa.
Cha chreid mi gun leigeadh e a leas a dhol às a chìdhlean a’ gàireachdraich.
“Bha mi ’n dùil nach robh iad a’ tòiseachadh cho tràth seo, ach siuthad, na gabh dragh – chan eil ann ach feadhainn a’ gabhail a’ chiad cheum.”
“Sgoinneil – cha do ghabh mise sin fhèin!”
“Siuthad, bidh e ceart gu leòr – tha tòrr stuth aig Catrìona, leabhraichean is CDan, agus cuidichidh mi fhèin thu.”
“Thusa?”
“Seadh, mise – tha barrachd na mo cheann na ceithir àirdean na combaist, fhios agad!” Feumaidh gu robh mi fhathast a’ coimhead teagmhach. Bha e rud beag frionasach a’ leantainn air. “Bha mi greis air soitheach mu chladaichean Ameireagaidh a Deas – dithis bhalach à Chile ag obair oirre, is ghabh mi ’n cothrom beagan ionnsachadh bhuapa. Thugainn,” a’ cur bhuaithe a chupa falamh, “faigh na bruisichean ’s am peant, ’s nì sinn toiseach tòiseachaidh.”
Bha e na bu laghaiche na bha mi ’n dùil, Niall. Ach is esan a bu chòir a bhith cumail a’ chlas – suaip a-null ’s a-nall agamsa leis a’ bhruis, sìos is suas, gun guth ach “Buenas noches, can a-rithist e – sin thu – a-rithist? Agus dè th’ ann an latha math? Ceart ... ” Dè bha e dèanamh aig muir, nuair a dh’fhaodadh e a bhith ceannsachadh nan eucorach san sgoil ud shìos.
“Sguir mionaid! Cha chùm mi gu bràth cuimhn’ air a h-uile facal – leig d’ anail.” Chuir mi mo bhruis agus an crogan air sgeilp na h-uinneige ri taobh a’ fòn, is dhà no trì rudan eile a b’ fheudar a sgioblachadh às an rathad. Chuir mi mo dhruim ris a’ bhalla – bha e math èirigh far mo ghlùinean, cha robh mi cleachdte ri bhith orra. “Chan aithne dhut a bheil dad a chòrr a’ dol a thighinn orm gun fhiosta? Clasaichean oidhche is fighe is fuine is fireannaich – dè ’n ath rud?”
“Saoilidh mi gu bheil thu sàbhailte gu leòr tuilleadh – ach ... ”
“Dè ‘ach’? Mach leis!”
“Bidh i uaireannan a’ coimhead às dèidh clann Phàdraig – seòrsa de dh’iomlaid: bheir esan biadh dha na cearcan ma bhios Catrìona an àite.”
Clann Phàdraig – na sàtain bheaga. B’ fheàrr leam feuchainn ri cait-fhiadhaich a ruagadh dhan leabaidh. Agus bha dà bhliadhna o chunnaic mise mu dheireadh iad. Bhiodh iad na bu mhotha. Bruidheann air trom-laighe.
“Ach chan eil e tachairt ach ainneamh – fìor chorra uair a thèid aig Annag air Pàdraig fhaighinn am broinn coileir is tàidh airson a dhol a-mach gu biadh.”
“ ’S math sin.”
“Cha chreid mi nach eil an ceann-bliadhna aic’ ann Dimàirt ... ”
Dh’fheuch mi an robh an clobhd-sgùraidh air an sgeilp aig mo chùlaibh ’son a thilgeil air. Agus bha. Ach bha an crogan ann cuideachd. Tha buadhan annasach aig an stuth ris an can iad Interior One-Coat High Gloss – bidh thu dà uair an uaireadair mus còmhdaich thu, can, còig slatan fiodha ceart leis – ach air do
shon fhèin dheth? Dà dhiog agus tha e air d’ fheadh. Falt, seann gheansaidh Catrìona, mo bhriogais – rinn Niall a dhìcheall leis a’ chlobhd-sgùraidh ach ...
“Sguir dheth, tha thu ga dhèanamh nas miosa. ’N ainm Sealbh, leig às mi ... ” Bha siud ro fhaisg air far an d’ fhuair sinn eòlas air a chèile.
Chaidh mi suas an staidhre a dh’iarraidh aodach glan. Ach feuch an tigeadh e às m’ fhalt. Dhearbh deich mionaidean fo shruth an uisge theth nach tigeadh. Dh’fhaodainn a dhol a-mach air Oidhche Shamhna mar seo. Cha robh dad air a shon ach an siosar.
“Siuthad, suidh, gearraidh mise dhut e.” Robh fiamh a’ ghàire air aodann?
“Thusa?”
“Àidh, bidh mi toirt cliop dha na balaich air an t-soitheach.”
Moiteil. “Tha mi glè mhath air!”
Cha d’ fhuair aon seach aon againne ar falt air a ghearradh goirid o dh’fhàg sinn an sgoil. Cha robh mo chluasan air a bhith muigh leotha fhèin fa chomhair an t-sluaigh ann an còrr is deich bliadhna. ’S gann gun aithnichinn am boireannach anns an sgàthan. Aghaidh-choimheach. Ach ma bha i coimheach dhòmhsa, bhiodh i na b’ annasaiche buileach do dh’Auntie Marion – cha leigeadh a leas uallach sam bith a bhith orm eagal ’s gun tuigeadh i nach mi Catrìona – ’s ann bu choltaiche gum biodh trioblaid agam a’ cur na ceann gum boininn idir dhi. Math fhèin. Dheighinn ann sa mhadainn.
title | 11. Feasgar Dihaoine – Iseabail |
internal date | 2008.0 |
display date | 2008 |
publication date | 2008 |
level | |
reference template | NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p |
parent text | Cleas Sgàthain |