[108]

12

Madainn DisathairneIseabail

Hallo?”

“Buenos dias!”

Uabhasach èibhinn, a Chatrìona, ach feumaidh mi barrachd air a sin ’son clas uair an uaireadair a chumail riaraichte oidhche Luain.”

Bha mi mionnaichte nach tòisicheadh iadson cola-deug eile, ach co-dhiù, chan eil e gu diofar ... ”

Tha e gu diofar dhòmhsa! Tuigidh iad nach mi a thanntha mi ciallachadh, nach tu thann.”

Ist, cha tuig. Sa chiad àite, ’s dòcha nach bi duinann, agus san dara h-àite, cha bhi facal aca. Tha deiseagan afalbh air an làraidh gu Santander a tha nas fileanta na duine sa bhailagainne. Chan eil agad ach an ùine a chur seachad le dualchas na Spàinnfhios agad, beagan ciùil, beagan flamenco, na h-ealainean, am biadh ... tarraingidh sin an aire is cha mhothaich iad thaca.”


[109]

Beagan flamenco! nan toirinn leam tarbh is dustair dearg – ’s cinnteach gun tarraingeadh sin an aire nas fheàrr buileach?”

Nam biodh fhios agad cho maths a tha thu dheth – ’s e bfheàrr leam ceud uair na dhol gu mo bhiadh gu do charaid Hester Latha na Sàbaid.”

Abair naidheachd. Agus Richard càirdeach do Hester, ’s nach cuala mi guth air thuige seoach coma leam, cha robh i dol gam chur dheth cho furasta sin idir.

Bidh an aon chànan agaibh co-dhiùach MISE OIDHCHE LUAIN?”

Cha leig thu leas a bhithg èigheach, sin aon rudduilich, duilich! Ceart, tha bogsa mòr sa phreasa fon staidhre ... ”

Bhidiothan, CDan, leabhraichean còcaireachd, irisean fasain.

Ceart, coimheadaidh mi rithist orra. Chan eil ùinagam an-dràsta.”

tha thu minigeadh, nach robh thu mas fhìor nad dhubh èiginn? Feumaidh tu a dhol thairis orras plàna a dhèanamhson oidhche Luain.”

Tha agam ri dhol a choimhead air Auntie Marion.”

“ ?”

Cha tàinig gog aiste ach dhfhairich mi gu robh sruth cheistean gan cumail a-staigh air èiginn.

Chunnaic Niall achorra-ghritheach chacud, an Teanga, sa bhùth, asanais ri bean Iòsaiph gu robh rudeigin ceàrr air achaillich, is faodaidh tu bhith cinnteach gu robh e na thoileachadh mòr dhaibh a bhith càineadh nan igheanan suarach ud aig Ailig nach cuir dubhar air an starsaich aice ... ”


[110]

Ciamar a dhaithnich iad nach robh i san àbhaistan tuirt i facal laghach ri cuideigin?”

No an tug i lioft dhaibh?”

No an tuirt i, ‘Saoil am burrainn dhuibhan àiteTha miseg iarraidh’ ?”

No an dfhuair iad cupa aice.”

No an tuirt i ris an Teanga gun i a bha coimhead math.”

Cha chreid mi gun deigheadh i dhinnse bhreug ... co-dhiù, gheibh mi mach an ceartuair: tha mi dìreach afeitheamh gus Niall a leigeil a-staigh.”

Mo dhìochuimhne, ciamar a tha dol leis apheantadh?”

Cha be seo an t-àm ... “Glè mhatha h-uile càil acoimhead cho soilleir! Fònaidh e fhèin thugad nuair a bhios mise mach an doras is faodaidh sibh dalladh air na sweet nothings gun duine ag èisteachd.”

Fhalbh ’s bi dol!”

Chaidh mi a dh’aona ghnothaich dhan bhùth a cheannach cèic is pacaid bhriosgaid. Siùcar, “10%”. Chan eil sin faisg air gu leòr, dh’fheumainn tomhas gu math nas àirde ’son i siud a dhèanamh milis. Hm, crogan silidh, “45%”. Sgoinneil. Cha burrainn a bhith na b’ fheàrr, mura ceannaichinn cilo de shiùcar geal fhèin is gun dòirtinn sìos a sgòrnan e. Sin e: briosgaidean, silidh, cèic, bàr seòclaid a bheireadh neart dhomh fhèin mus cuirinn maghaidh air garaidh an leòmhainn.

Umh-hu, Niall afaighinn a h-uile càil a chumas air a dhòigh e?” arsa bean Iòsaiph. às a tha iad afaighinn na dearg bhathais? Nam bualainn-sa staigh dhan bhùth leSin sibh, Iòsaph afaighinn a h-uile càil a chumas air a dhòigh e?’ – Iseabail, cùm smachd air do mhac-meanmna, agus air do


[111]

bheatha na dèan dealbh idir, idir dhethbhiodh ceud cabhaig air an dearbh thè a dhol a ghodail sear is siar mun bheul shalach a bhaig boireannaich òga an an-diugh. Ann an guth milis, meallta, modhail dhinns mi dhi gun ann a bha mi dol a chèilidh air piuthar mo sheanmhar.

Chuala mi nach robh i anns an àbhaist,” arsa bean Iòsaiph. Murt, feumaidh gu robh i laghach ri cuideigin ceart gu leòr. Misneachd, Iseabail! Mar as luaithe a thèid thu ann, ’s ann as luaithe a gheibh thu às.

Misneachd. Abair e. Stad air fàl an rathaidmach à sealladh air na h-uinneagan aiceacagnadhs aslugadh seòclaid aig peilear mo bheatha airson neart. ’S dòchgum bu chòir dhomh ruith sìos is suas am bruthach dhà na trì thursantha iad ag ràdh gum piobraich eacarsaich na h-endorfainean anns an eanchainn. O, siuthad, Iseabail, sguir dheth, tha thu naoi bliadhna fichead is chan e naoi, mach à seo, mosglamaid gu suilbhir ait ...

Cha robh smaointinn agam air achòmhdach ghast’ ...

Halloduine staigh?”

Cha robh i sa chidsin is cha robh i ga garadh aig an teine. Ma bha i meadhanach dha-rìribh? Air an leabaidh?

Hallo-o? Bheil sibh an sin?”

Shaoil leam gun cuala mi fuaim shuas an staidhre. Seòrsa de dhosna? Bha mi o chas gu cas aig an steap ìseal. Ged a bhiodh i an uchd abhàis, ’s i nach biodh gam iarraidh-sa anochdadh aig stoc na leapa gun rabhadh sam bith a thoirt dhi. Thigeadh an saoghal gu crìch nam faiceadh duini às aonais nam fiaclan. Osna eile, gluasad sèithir, ceumannan, agus nochd i aig bàrr na staidhre.


[112]

thann?”

IseMISE, Catrìona, Catrìona aig Ailig.”

Thàinig i nuas gu math sgiobalta. Cha robh dad ceàrr air a cnàmhan co-dhiù.

“ ’S tu tha coimhead. . . siuthad, sìos dhan chidsin leat ach am faic mi thu san t-solas. Mo chreach, gheàrr thu dfhalt, is gu dearbhs ann air a tha a choltas gun tu fhèin a rinn e. bhagad ris, deamhais no corran: chan e mhàin nach eil e cothrom ach chan eil falt goirid atighinn riut air dòigh sam bith.”

Cha robh dad ceàrr air an teanga na bu mhò. Ciamar a leig mi às mo cheann bu choireach nach robh sinn atadhal na bu trice oirre?

Agus na bi seasamh an sin le aodann ort mar each aclisgeadh ro bhodach-starraig – ’s gu dearbh, tha daodann acoimhead nas fhaide le falt goirid, ’s an logaidh cho cam ... ”

Ciamar a bhiodh e an crogan-silidh a dhòrtadh oirre?

“ ... thagad an sin?”

Chan eil ach briosgaid bheag, dìreach rudeigin a bhiodh agaibh le cupan.”

“ ... tha sin glè mhathcèic bùtha? Bha mi smaoineachadh gun cuala mi gu robh thu cho math air bèicearachd?”

O, cuir nad chluais e. mu dheidhinnTapadh leatsa, Chatrìona, tha sin acoimhead uabhasach snog. Nise, cha robh còir agad. Thugainns gabhaidh sinn balgam.’

Tha cho math dhomh balgam a dhèanamh dhut: latha mòr a thann dhòmhsa sealladh fhaighinn de chuideigin a bhuineas dhomh, mura tachair gun laigh mo shùil air cùl cinn dathar san eaglais, ainneamhs ged a tha e innte.”


[113]

Agus bha siud aciallachadh, ‘agus chan eil mi gad fhaicinn-sa innte IDIR.’ Chan eil mi dol a ràdh aon fhacal.

Suidh, suidh, na bi na do choigreach, ged as e fìor choigreach a thannad an silidh tha seo a-nis, sùbhagan, cha dèan mi càil orra, frasan beaga meanbh ... ”

Nach bu mhì an òinseach a dhìochuimnhnich gun steigeadh iad eadar an deud fuadain agus a bannas. Chan e nach robh mi cearta coma ged a steigeadh, a h-uile h-aon, ach ghabh mi aithreachas gun tug e adhbhar gearain eile dhi.

nis a thachair dhad fhalt? Peacadh uabhasach a dhol ga ghearradh, falt cho brèagha air an dithis agaibh.” Brèagha? Facal molaidh? Chan eil i gu math. “Siuthad, a meudail, thoir fhèin thugad bainne is siùcar.” Meudail? Tha rudeigin air tighinn oirreis dòchgum faodainn sgeulachd apheant innse dhi.

Theab i tachdadh air achèic, a chead eilaice. Às dèidh a bhith cho tàireil air stuth na bùtha, thug i glamhadh math oirre.

O-hochuala mi gu robh thu asuirghe air fear de bhalaich Angie Norman. Cuiridh mi geall nach ann air peantadh a bha ur n-aire, an dithis agaibh!”

Cailleachan abhaile seo, chan eil an aire fhèin ach air aon rud.

Ach fuirich thusort – ” leum i às an t-sèithear mar nach biodh i ach ochd-bliadhndeug – “chan eil rian nach eil fear ceart am badeigin ... ” Chaidh i gu rùrach ann an drathair. “Seo sinn!”

Thionndaidh i orm, siosar caol lainnireach na làimh, gathan grèine abristeadh air lann geur agus abualadh mo shùilean. “Faobhar nas fheàrr air a seo na air bith an seann rud a bhaig aghille aig Angie!” Rinn i seòrsa de mhaoidheadh orm leis.


[114]

Chruthaidheachdan. Beatha dhìomhair Auntie Marion. Sweeney Todd the Demon Barber beò nar measg. Chan e gun cuala mi guth mu nàbaidhean a’ dol a dhìth, ach bha e ri ràdh gu robh luchd-turais afàs gann.

Cha robh fhios agad? Achiad dreuchd a bhagam às dèidh an sgoil fhàgailaguss e nach robh toilichte mu dheidhinn do shinn-seanair. Obair an dìomhanais, chanadh e, agus bha ceàrr air ciudha. Ach bha mi bhliadhna agearradh fuilts asgeadachadh chinn chàich mus do chuir fàileadh oillteil nam perms ruaig orm, agus an deach mi dh’ionnsachadh teagasg.”

Òg! Fasanta! Diùltadh comhairle a h-athar a ghabhail! am boireannach a bha seo? Dhfhalbh mise gu h-umhail modhail agus chuir mi sgolag uisge air mo cheann, mar a dhiarr i orm, chuir mi searbhadair mum amhaich, mar a dhiarr i orm, thug mi nuas sgàthan, agus shuidh mi aig bòrd achidsin mu coinneamh, mar a dhiarr i ormseo achiad turas a thug mi sùil cheart air obair Nèill. Chan e mhàin gu robh an logaidh cam, ach bha rudeigin mu na taobhannan bu choireach gu robh aon chluas acoimhead fada nas àirde na an tèile? – cha robh iad air carachadh ...

S i nach robh fada adèiligeadh leis a sin – ’s e faochadh a thann a bhith cinnteach gu bheil do dhà chluais far an robh iad riamh, mu choinneamh a chèile. Chaidh i an uair sin an sàs anns an logaidh – “Cùm suas do cheann; air ais rud beag” – agus theann i ri na ciabhagan a chìreadh air ais. Bha mi ga coimhead anns an sgàthan, cho clis is cho sgileils a bha i ag obair. Chaidh i na tàmh. Bha i acoimhead air mo bhathais. O-o.

Tha cuimhnagam,” thuirt i ann an guth fann, fadàs, meòrachail, “an latha a thuit thu far do bhaidhsagail mu choinn-


[115]

eamh an taighe seocha do rinn thu aon ràn. ’S i Catrìona a bha aburalaich agus ag èigheach gu robh thu marbh. Fuil asruthadh sìos clàr daodainn. Agus tha an làrach an siud fhathast, às dèidh fichead bliadhna.”

Chaidh fichead bliadhna eile seachad gun duine ag ràdh guth. Sruth fuar fallais. Tha fhios aice. mi?

Math dfhaicinn, Iseabail, ach tha mi cinnteach nach tàinig thu nuas à Lunnainn a dhaona ghnothaich airson a thighinn a chèilidh ormsa. nis a tha sibh ris? Agus càit a bheil Catrìona?”

An robh rian agam air innse? An cumadh i aice fhèin e no am biodh an sgeul air feadh a’ bhaile?

Sheadh?” Crathadh dhen t-siosar. Mura faigheadh i freagairt air choreigin, dhfhaodainn-sa bhith cho maol ri ugh ann an tiotan aice. Sùilean anns an sgàthan aig nach biodh duilgheadas sam bith asgaradh faoinsgeul bho fhìrinn. Cha robh an còrr air a shon. Dhinns mi mo sgeul o bhun gu bàrr, gun càil a dhoidhirp air deagh ghleans a chur air achealgaireachdbha mi làn-chinnteach gun e sin am breithneachadh a bha na sùilean anns an sgàthan adèanamh. Aig an deireadh, chrom mi mo cheann. Dhùin mi mo shùileanbfheàrr leam gum burrainn dhomh mo chluasan a dhùnadh cuideachd, ’s ann orrasan a thuiteadh na faclan ris an robh dùil agam, a chuala sinne cho tric tro na bliadhnaichean nuair a bha sinn afàs suas: Amaideas. Gòraiche. Mullach mòr amhì-mhoidh. Cho aotrom ri uiseag, an dithis agaibh.

Seòrsa de chasadaich. Gog-gog-gàg nas sgairteile na chuala mi fhathast aig cearcan mo pheathar. Comhartaich thioram.


[116]

Thug mi sùil aithghearr a-mach tro na ruisg. Nàdar de chrith-thalmhainn ann am bodhaig na caillich, agus a làimh dùinte thar a beulmus gabhadh na fiaclan cothrom na saorsa, tha mi cinnteach. Bha Auntie Marion agàireachdraich.

Bu sibh an eucorach! ’S ann a tha e acuimhneachadh dhomh ... ” ach cha dfhuair mi mach fhathast bha e acuimhneachadh dhi, ’s ann a thàinig gnogadh air lòsan na h-uinneig-chùil agus “Top o’ the mo-o-rning!”

Mo nàbaidh,” ars Auntie Marion ann an sanais chabhagach, “nighean ghasta.”

Nise, nuair a chanadh Auntie Marionnighean ghasta’, dh’fhaodadh tu bhith cinnteach gun nochdadh le sgiort chlò gun chruth no cumadh, stocainnean tiugha, càrdagan a rinn i fhèin à seann phàtaran People’s Friend (1958), agus co-dhiù trì ficheads a còig bliadhna dhaois. Chan e sin a nochd a-staigh idir.

O! tha mi dul-aich ... ”

Duilich,” ars achailleach, atilgeil sgeadaiche na gruaige an dara taobh agus aleum air ais am broinn craiceann an tidseir – “duilich, duilich.” ( “Dul-aichaig an tèile, adèanamh a dìcheall.)

Seo Imogen,” ars Auntie Marion, aig nach robh riamh aon tiotan foighidinn leainmean leòmach’, agusCheannaich iad seann taigh Anndra o chionn sia mìosan agus nam faiceadh tu cho snogs a tha e aca,” ars Auntie Marion, nach fhuilingeadh IDIR coigrich nach aithnicheadh duine aceannach thaighean le feadhainn a bhoineadh dhan àite, agusTha Imogen adèanamh cianail fhèin math ag ionnsachadh na Gàidhlig!” ars Auntie Marion, nach robh riamh sgìth acur faobhar air a teanga mu


[117]

Ghoill tha smaoineachadh gun tionndaidh iad nan Gàidheil ma dhionnsaicheas iad fhacal is blas achrogain orra.’ “Bha mi dìreach,” thuirt i, “agearradh falt Is-, is, is ga sgioblachadh do Chatrìona, seo Catrìona, nighean mac mo bhràthar.”

Hi!” ars an tèile, asealltainn nam fiaclan mòra geala còmhnard Ameireaganach, “good to meet you! Ci-marathasibh? ”

‘Hi!’ Nam biodh duinagainne air bualadh a-staigh an doras leHi! ’, cha bhiodh romhainn ach aghaidh chruaidh dhùinte eibhir cho càirdeil ri bodaich Mount Rushmore. Ach feumaidh gu robhHi!’ ceadaichte dhannighean ghasta’. Ceart gu leòr, bha sgiort chlò oirre, sgiort cho stubach goirid is gun cuireadh i nàire air Salome Sheòrais fhèin. Agus chreidinn gun i fhèin a rinn an ... rud ... a bha ga còmhdach bho chnàimh an uga gu na cruachainn, ged a bha e na bu choltaiche ri ealain an an-diughrud a spìon i far balla Tate Modern, ’s dòchana ri bad aodaich.

Bha a h-uile càil adol gu siùbhlach, cupeile ga thoirt a-mach, agusdhfhosgail na speuran, bha na neòil air an sgoltadh às a chèile le dealanaichthuirt Auntie Marion, “Bidh Imogen gam chuideachadh leis achoimpiutair.” Chaidh ealt mhucan beaga pinc air iteig seachad air uinneag achidsin. “Thug i orm broadband a chur a-staigh, agus abair ... ” Bha na mucan adèanamh air aghealaich, chualiad gu robh an càise air leth blasta.

Rinn Hi-mis’ -Imogen-à- Carolina sùrdag no dhà air an làradearbhadh toileachais, tha min dùil, ach ag adhbhrachadh na dara crith-thalmhainn an-diugh. Cha robh gainne feòla no fèithean air an nighinn ghasta idir, agus thuirt i, “Yeah, and


[118] aren’t you glad!” bha fàgail busan na caillich nas pince na uircean sam bith a bha sgiathalaich a-muigh? Cha tàinig smid aiste.

Shèid donnalaich làidir mu ar cinn aguss ann air èiginn a rinn mi mach gu robh faclan na lùib. “An gaoth-thao-thao-aol a thug mi òg ... ” Bha Imogen aseinn. Bha na busan a-nis adeàrrsadh cho dearg ri grian ag èirigh air cùl aChuilithinn air madainn gheamhraidh.

Tha, eh, Imogen anns achòisir,” ars an antaidh ann an guth lag leisgeulach, “adh-abh!” Bha Imogen air upag a thoirt dhi le uilinn sna h-asnaichean.

Seachdain no Eilidh!” ars an mhòr.

Cha robh fuasgladh dhan chòd seo idir agam, ach cha robh càil a chinnt gum biodh cothrom aig achaillich a mhìneachadh dhomh mus deigheadh a bhus suas nan teine.

“Aw, it’s just SO sweet!”

Thug mi sùil air Auntie Marion. Bha ise afaicinn rudeigin uabhasach inntinneach am broinn a cupa. Dhaithnich Imogen nach robh mi tuigsinn. “Sean leann-an!”

Seann leannan? Thug mi sùil eile air an a bha tilgeil orm o chionn leth-uair nach ann air apheantadh a bha maire. Thug i crathadh dhi fhèin.

Chan e na leannan, aig maois! Ach seann charaid ... ” Dhòirt i cupa eile dhi fhèincha robh smaointinn oirnnechuir an nach blaiseadh air gràinean dheth spàin siùcair ann, agus thàinig an sgeul a-mach. Bha i air a bhith frithealadh chatroom (bha na mucan a-muigh a-nis adannsa air an ròp anairt) – O, chan e droch rud idir, ach le buidheann ris an canadh iad na Dixie Celts: dhaithnicheadh màthair Imogen


[119]

feadhainn a bha gabhail pàirt ann. Agus thachair a bhith nam measg ach fear a dhaithnicheadh i nuair a bha i òg, ach cha chumadh rud sam bith san dùthaich seo e, dhfheumadh esan feuchainn a-null thairis . . . na bhanntraich an-diugh . . . (“Ain’t that LOVEly?”(aig Miss Carolina), agus chan eil duin’ againn a’ fàs nas òige. “Isfhios agad, a Chatrìona, ’s mar sin tha mi dol a-null air chuairt ann am beagan is seachdain.”

Leum na mucan far an ròp agus theann iad ri eacarsaich a thachdadh na Red Arrows le farmad. Mura be gu robh mise gun lùths, bhithinn còmhriutha.

title12. Madainn Disathairne – Iseabail
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page