[130]

14

DidòmhnaichCatrìona

Bruisigeadh mfhalt anns an sgàthanchan fhada a bhiodh falt agam airson a bhruisigeadhnuair a dhùisg nathair bheag an amharais agus a thuirt i: ‘Carson nach do chuir i thugad a dealbh air afòn-làimhe?” Ged a bha mo chialls mo reusan afreagairt nach robh, nach robh dad aice ri chleith, bha mo mhac-meanmna asanais gun do gheàrr Niall e. Agus an uair sin gun do gheàrr Auntie Marion e. Eadar am fear nach robh faighinn gu faing mus fhàgadh e na caoraich gun chasan, agus an a chunna mi roimhe astialladh air na cuiseagans na digheagain aig ceann shìos aghàrraidh mar gum biodh i acur às dha na còtaichean-dearga aig Cùil Lodair, cha bhiodh air fhàgail ach cnoc beag creagach fo asbhuain

bha Niall ris co-dhiùbha ùine agam airson fònadh mus tigeadh Richard gam iarraidh.


[131]

Brath ùrleugh?

Bho NMMOB:

Falbh cuairt dhan tràighIsh ag ràdh gun dèan ipicnic !

N xxxxxx


Mura be siud cha bhithinn air a bhith faisg cho laghach ri Richard nuair a nochd e. Chan e gu bheil e grànda idir, an creutair. Dhfhaodadh tu ràdh gun e meudachd eanchainn a dhfhàg a bhathais cho àrdno dhfhaodadh tu bhithn amharas gu robh an toradh ghaoisidean sa chìr gach madainn asìor fhàs pailt. Dhfhaodadh tu ràdh gun e bu choireach gu robh a h-uile coltas air nach do thachair a lèine air iarann riamh gun ann air smuaintean nas doimhne a bha aireno dhfhaodadh tu bhith cinnteach nach robh an còrr ann ach mullach mòr na leisge. Nam biodh do chridhe sònraichte bogagus taobh a-staigh do chlaiginn cuideachd – ’s dòchgun gabhadh tu truas ris, afaicinn gu robh e fhèin agus poilis bhròg nan coigrich, an truaghan, ach sin dìreach e. Aon uair is gu bheil thu acleachdadh fhaclan leithidcreutairistruaghan’, chan eil thu acoimhead air mar fhireannach tuilleadh, ach seòrsa de chuilean a thachair a bhith seasamh air a chasan-deiridh agus acur a-mach cainnt. Cha robh sin ag ràdh nach fhaodainn a bhith laghach ris, no, aig achar as lugha, modhail.

Mar sin shuidh mi sa chàr is a h-uile coltas orm nach cuala mi briathran cho inntinneach no beachdan cho ciallach air an toinneamh ann am faclan cho eireachdail aig duine riamh. An-dràstas a-rithist acur beagan ola air an uidheam leSheadh?” “Smaoinich!” agusdeich comharran – “Mm, tha thu cho cearts a ghabhas.” Agus fhads a dhèanainn a-mach, bha e gu math


[132]

riaraichte leis a sin. Chan e mhàin gun canainn gu robh deagh shannt aige air a bhiadh mun àm a ràinig sinn taigh Hester, achs e sùil gu math sanntach a bha alaighe ormsa cuideachd. Cho cinnteachs a ghabhas, bhithinn air a bhith ceart gu leòr mura be na Haggis Vol-au-Vents.

Bel, darling! How delightful! Now come and meet Harry, ”a bha cho deargs a bha ise geal, agus rud beag ro dheònach fàilte chridheil a chur orm leis amhustais. Seòrsa de sgùradh mu na busan le seann sguab a rinn obair mhòr na latha ann an taigh-seinnse far an robh gu leòr ga dhòrtadh air an làr. Coltas air Harry gun do rinn esan e fhèin obair mhòr san dearbh àite. Cha deighinn an urras nach robh càraichean astad nuair a nochdadh a shròn aig oir na sràide. Ach cha robh dad mosach timcheall air Harry bochd, ’s ann a bha e abristeadh a chridhe nach gabhainn-sa balgam beag còmhlris mus gluaiseamaid chun abhùird. Nam biodh fios agam bha feitheamh oirnn bhithinn air suidhe atraoghadh Loch Nis còmhla ris seach a dhol am bad nan sgeineans nam forcannan.

Mach Hester às achidsin, thugnaibh, staigh an seo: “Leig leatha, Harry! Chan eil i ag iarraidh dad ri òl!” Cha deighinn cho fada sin, buileach. Nis, Richard, bheil Richard, tighinn leis achiad chùrsa (chan eil na truinnsearan acoimhead ach beag), Hester adeàrrsadh le moit: “Recipe bheag agam fhèin, còrdadh riutha cho math nuair a bhios Albannaich againn air aoigheachd. Latha a thachair dhomh a dhol dhan bhùidsear às dèidh a bhith aigTrooping the Coloura bhuail e orm dìreach mar gum bithinn air an t-slighe gu Damascus!”

Mornington Crescent,” arsa Harry, “sin far a bheil am bùidsear,” ach cha do leig i oirre gun cuali e.


[133]

Bha an truinnsear fhathast aig Richard na làimh: bu choireach nach robh e ga chur sìos air abhòrd?

Agus,” ars Hester ann an guth na bàirde, Fhads a bha an truinnsear adèanamh achiad oidhirp air an raon-laighe mu mo choinneamh, “an t-ainm a thug mi air,” gu glòrmhor, “Prawns Black Watch! ”

Ma tha uair sam bith na mo bheatha an talamh adol asgàineadh fodham agus adol ga mo shluigeachdainn, dèanadh e an-dràsta e. Chionns gu dearbh chan esluigachiad roghainn air an smaoinicheadh tu acoimhead na bha mu mo choinneamh-sa an seo. Bha mi a leithid de dhùine nam thosd is nach biodh e neònach idir nan gabhadh i na ceann nach ann ataghadh nam faclan molaidh a bfheàrr a bha miach cha do chuir e dad oirre. Tha mi cinnteach gu robh i ga mo shamhlachadh ri neach balbh le iongnadh afaicinn na Mona Lisason achiad uair. Mona Lisa! ’S ann a chuireadh e trom-laighe air Andy Warhol. Nach lag am mac-meanmna a bhaige, nach do ràinig riamh an ìre ealain san robh sàr-obair leithidPrawns Black Watchatighinn gu bith.

Am meadhan an truinnseir: sliseag thana de mharag dhubh. Bruich? Bidh sinn beò an dòchas. Sìos is suas, air a tharsainn, air uachdar na maraig, pìosan caola, caola de rud uaine air choreigin. Pònair? Piobar uaine? Bha iad cho truagh is cho meanbh is gun canadh tu gun e bileagan feòir a bhann. (Nis, tha feadhainn acumail a-mach gu bheil na Sasannaich mosach, ach cha chreid mi gu bràth gu bheil iad cho mosach sin.) Siud, mar gum bitheadh, an tartan. Nan laighe air a mhuin, trì muasgain-chaola. Trì. Beag, bochd, bìodach, brònachcha robh iad faisg cho brònachs a bha mise, nach do bhlais air feòil no iasg ann an


[134]

sia mìosanagus a bharrachd air a sin, mhionnaichinn fiùs acoimhead orra gun tàinig iad à crogan. Cuiridh mi geall gu robh ùine nas giorra o bha mi fhèin asnàmh sa Chuan Sgìth na bha iadsan, agus tha bhliadhna o nach tug min deise-snàimh as aphreasa

Can rudeigin ris abhoireannach.

Hester! My goodnessthat is SO original! ”

Gun fhacal brèige. An gabhadh e bhith gu robh i ag at le pròis? Bha nàdar de mhonmhar atighinn bhon mhustais air ceann abhùird mu dheidhinn fraighigeadh le ugh agus sosaids no dhà, gun e sin a bha dhìth air daoine, rud a lìonadh iad is nach e bhith milleadh abhìdh adèanamh phàtran leis.

Ach às dèidh a dhreach a mholadh, dhfheumainn fhaighinn nam bhroinn, agus chan e a chath sìos ach a ghabhail air mo shocair gus dearbhadh cho ainneamhs a bha a leithid de dhadhbhar gàirdeachais aig mo theanga is aig mfhiaclan. Modh, a Chatrìona, modh. Cagainn e istha amharag bruich, nach eil? Tha i brùideil fuarsluig e isÀlainn!” – faodaidh tu a mholadh chun nan speuran, gun chunnart sam bith gun tig an còrr dheth nad rathad, chionns, aon rud cinnteach, a chuireadh trì muasgain-chaola air truinnsear, chan eil i dol a thabhann barrachd dhiubh.

S ann agam a bha abharail dhìom fhèin. Chan aithnicheadh iad air na bha mi ag ithe nach e Iseabail a bhaca: Iseabail, a bha cho dèidheil air Nàdar, gu h-àraidh nan gabhadh e a ròstadh, a bhruich, no brot a dhèanamh dheth. Iseabail, nuair a dhinns mi dhi gun dfhuair an a bòige aig Pàdraigguinea -pig,a fhreagair, “Cho chualthu dad riamh cho àraid ris an dòigh sa bheil iad gan còcaireachd ann am Peru.” Air bith an ath chùrsa a bhaig Hester dhuinn, dheigheadh agam air. Às dèidh


[135]

siud, bha fhios agam gu robh mi làidir gu leòr airson rud sam bith ithe.

Agus bha, gus an do dhinns i bha am broinn nam vol-au-vents.

Tha fhios am gun do rinn mi còmhradh ris an triùir aca. Bha mo bheul ag obair leis fhèin, agus, fadair falbh, bha iadsan acur a-mach cainnt mu cho maths a bha e eòlas nas fheàrr fhaighinn air a chèile, agus cho inntinneachs a bha saoghal nan Gàidhealsmaoinich, an cànan fhèins a h-uile càilagus bha mise ann an leithid de dhèiginn is mo mhionach ag èigheach rium gu robh pìosan de mhionach coimheach air tachairt air agus nach robh e còrdadh ris idir! IDIR! is gun do leig mi le faclan leithidquaintseòladh seachad gun iad adèanamh dragh sam bith dhomh. Na bi guidhe airson rud mus fhaigh thu ebha achrith-thalmhainn a bha mi miannachadh an seo, agus bha i na mo bhrù. ’S e faighinn a-mach às an taigh.

“ … should really take Bel for a walk, its such a lovely afternoon … ”

Thèid! Thugainn! A-mach dhan èadhar bheannaichte, dhàite sam bith, machcha do smaoinich mi air achunnart gun dòchgun e am mustais a bha dol ga mo thoirt cuairt, ach cha be ach Richard. Chaidh Hampstead Heath ainmeachadh agus chuirinn-sa an ceartuair maghaidh air gu sunndach ged a bhiodh droch dhaoine nan dròbhannan aleum a-mach far cùl gach bad luachrach, ach cha robh sin afreagairt air Richard idir. ’S ann a chualesan gu robhShakespeare air aChnocadol ann an Regents Park, muigh am measg nan ròsaichean (oho, gabh thusair do shocair, ’ille), agus on a bha feasgar cho brèagha ann

Nis, air mo shon-sa dheth, bhithinn coma ged a bhiodh Shakespeare air fuireach aig an taigh ann an Stratford atàillearachd


[136]

no abreabadaireachd no an sàs anns achiùird a roghnaich athair dha, air bith ibhiodh e acur Iseabail glan dhith fhèin nuair a chanainn siud rithe: ise nan dealbhan-cluich, agus dhfheumainn cuimhneachadh gum mise, an-dràsta, ise: bhuailinn mo bhoisean gus am biodh iad cho dearg ri sròn Harry nam faighinn a-mach dhan èadhar.


Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com

An ath thuras a dhiarras tu fàbhar orm, tha mi ag iarraidh gealladh sgrìobhte ro-làimh nach fheum mi a dhol am measg sheinneadairean, mustaisichean, meabain a tha ag adhradh dhan a h-uile facal a sgrìobh Shakespeare riamh agus cailleachan craite a tha smaoineachadh gun iadsan oighre a h-uile còcaire ainmeil a bha riamh ann. Cuimhnagad an leabhar còcaireachd Laidinn a bha siud, anns an leabharlann, ’s na rudan sgreamhail a bha na Ròmanaich ag ithe a chuireadh gu gòmadaich thu fiùs aleughadh mun deidhinn, luchain air am bruich ann am mils a leithiduill, tha mise ag innse dhutsa gur dòchgum biodh Julius Caesar air a bhith air a làn-dòigh le na nithean a chuir do charaid Hester mu mo choinneamh-sa an-diugh, ’s acur car amhuiltein dheth le gàirdeachas gu robh diathad ri chàil fhathast ri faotainn, achs i mo stamag-sa a bha cur nan car amhuiltein dhith agus chan eil i air socrachadh fhathast. O, na biodh uallach ort, dhith mi e, a h-uile pioc, agus leis cho maths a chòrd e rium, an sùilean chàich, chan eil rian nach bi thu afaighinn fiathachadh eile fhathast. Gabh do leòr dheth.

Bfheudar dhomh an uair sin a dhol gu Shakespeare anns aphàirc còmhla ri Richardna tòisich, chan ann ga mhisneach-


[137]

adh, cha robh an còrr dòigh air faighinn a-mach dhan èadhar, agus mura bithinn air faighinn a-mach às an taigh, bhiodh aiseirigh an annlain na chùis-mhaslachaidh am measg nan daoine. Mach leinn, ma-, mi fhèins am pleaban a bha gealltainnAs You Like Itdhomh, agus ged a dhfheumainn a bhith dhà no trì uairean a thìde a bharrachd na chuideachd cha bhiodh cothrom labhairt aige, rud a bha a cheart cho math agus an stòr a bhagam deSheadhagusMm, inntinneachair teirigeachdainnis gheibhinnn-sa manail a tharraing ann am fois agus bfheàirrde mi rud èibhinn a tharraingeadh maire bho chor mo mhionaich.

Henry VI, Part 1.

Cha mhòr nach robh mi sgiamhail. Bha mi ag ùrnaigh airson sgaoth de mheanbhchuileagan a chuireadh ruaig air a h-uile h-aon aca. H-uile h-uair a dhèanadh actair òraid mhòr fhada, bha mi dèanamh dealbh dhiubh: timcheall a chinn, alaighe air a chluasan, abìdeadh, abìdeadh.

Tha mi ag innse dhut, mura dfhuair thu do thiogaid plèan airson Dimàirt agus mo thè-sa airson tilleadh dhachaigh, tha mi falbh a choiseachd. C.

PS An dòchas gun do chòrd ampicnicribh.


Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet

bhliadhna ga chumail aig astar gun a bhith -mhodhail ris, ’s mi ag obair anns an aon oifis, agus cho luaths a ghluais mi air falbh agus cothrom mo chùl a chur ris agus e nas fhaide bhuam, tha thusa air a h-uile càil dhe sin a mhilleadh. Seachdain, aon seachdain, chaidh thu mach a dhòl còmhlris, mach a sheinn,


[138]

mach gu do bhiadh, agus nuair a bha làn-chothrom agad soraidh slàn a ràdh ris air starsach Fanny Cradock aphiàna – ’s cinnteach gum burrainn dhut èadhar gu leòr a tharraing nad sgamhan acoiseachd dhachaigh leat fhèindhfheumadh tusa falbh dhan aphàirc airson beagan Romeo and Juliet ann an ciaradh an fheasgair! an suidheachadh anns am bi mise Dihaoine sa tighinn eadar e fhèin is Hester, an do smaoinich thu air a sin? Tha e cho math gu bheil thu tilleadh dhachaigh a chumail sùil air an Romeo agad fhèin, agus a dhèanamh soilleir dha againn a tha measail air agus tha coma ged nach fhaiceadh i tuilleadh e. Cha bu toigh leam idir an lasair a bha na shùil às dèidh dhuinn tachairt air Gòrdan agus Salome, mas etachairtam facal airson cha mhòr tuiteam air am muin am measg nan coilleagan agus amhurain, agus tha mise ag innse dhutsa nach e an sealladh bu tlachdmhoire a bhann. Cuiridh mi geall gun aontaicheadh a h-uile duine ciallach rium nach do rinn creutair glic riamh sogan ri tòin rùisgte Ghòrdain o bha a mhàthair fhèin asuaineadh nam badan mun cuairt air. Ach airson do Nèill, ’s ann tha min dùil gun do chuir an sealladh na cheann gum bu chòirpicnicbarrachd a ghabhail a-staigh na roile is càise is ubhal às an dèidh.

Na gabh thusa dragh: tha do thiogaid air a cur air dòigh, iss mise an a bhios toilichte faighinn air ais gu a h-àite fhèin. latha eile san oifis, sin ort? Mas e ceist a thann as motha tha fulang streas, ’s ann a tha thu math dheth. An do dhìochuimhnich thu gu bheil agamsa ri clas-oidhche a thoirt seachad an ath-oidhch’? Tha do Niall ag ràdh gun tig e ann airson cùl-taic, ach chan eil mi ga iarraidh, agus faodaidh tu fhèin sin innse dha. B.

title14. Didòmhnaich – Catrìona
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page