19
… Aig Deireadh an Latha
Bho: Niall MacArtair<artneil@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Tha mi cinnteach gun cual’ thu gu bheil Rona air gluasad a-staigh còmh’ ri DJ againne, agus tha mise ag innse dhut, tha briodal is crònan nan calman cha mhòr gam chur às mo rian. Gun ghuth air – uill, tha fhios agad fhèin nach eil san taigh sa achV -lining.Tha mi fàs seachd seann searbh dheth, sìos is suas à Lunnainn a h-uile h-uair a thig mi dhachaigh no a bhios mi falbh chun a’ bhàta, agus nuair a thig mi dhachaigh chan eil facal ciallach ri chluinntinn am broinn an taighe seo ach ‘A ghaoil ’s a luaidh is sùgh mo chridhe’, is gu dearbh chan eil duine gan cantail riumsa! Tha rùm falamh an-dràsta sa flat aig Calum is Tony ann an Ealing, ’s chan eil fhios a’m nach gabh mi e – mura cual’ thu fhèin guth, bheil àit’ sam bith eile a’ dol? Bhiodh e
math tachairt an ath thuras a bhios mi shìos is do naidheachd fhaighinn!
Dùrachdan, Niall
Bho: Evander MacCrimmon<evander@tirnanog .celtweb
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Hallo, a Chatrìona, taing airson do fhreagairt. Tha thu cho ceart ’s a ghabhas – chan urrainn do dhuine a chuid obrach a stèidheachadh air cultar nan eilean is e fuireach sa bhaile mhòr. Amaideas, suidhe ann an aon rùm ann am Partaig ag èisteachd dìosgail nam busaichean is a’ feuchainn ri thoirt a chreidsinn orm fhìn gun e th’ ann ach ràn faoileig a’ tighinn thugam thar na mara … mar sin, a Chatrìona, mas aithne dhusa àite beag sam bith a tha ri fhaotainn air màl shuas an sineach, feuch an cuir thu brath thugam. Tha mi cinnteach gum b’ fheàirrde mo sgrìobhadh e, fois is farsaingeachd nàdair. Bhiodh e uabhasach math d’ fhaicinn: cha bhithinn a’ faireachdainn buileach air m’ aineol nam biodh aon charaid agam air an eilean! Na bi fada gun fios a chur thugam.
Dùrachdan, BILL
Bho: mmacphail. arnacleit@celtlink .net
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
cc: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Hi , Girls! Sure was grand to see your Mom and Dad last week – though I’m surprised they dare leave the island, knowing what you two might get up to! Sweet of them to come see Doug and
me tie the knot, old crocks that we are. Catriona – I am thinking of letting the house, for this year at least, if you or your parents know of anyone suitable. They’ll give you all the news.
Your loving aunt,
Marion MacPhail Campbell
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Mar as àbhaist, chan eil càil a’ dol an seo – chan fhaic mi duine beò a’ gluasad agus mhionnaichinn gu bheil dà uair an uaireadair on a chaidh càr seachad. An aon rud a thachair an t-seachdain sa, ’s e gun do rug tè dhe na cearcan mu dheireadh thall. Chan eil naidheachd a chòrr agam dhut … ’s fheàrr dhomh na h-aodaichean a chur a-mach. Sin naidheachd dhut: tha turadh ann!
Cxxxxxx
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Dè tha thu a’ ciallachadh, nach eil mise ag innse dad dhut? Cha robh cuimhn’ agam riamh air – ach tha e cho fìor ’s a ghabhas: tha Cathy air teiche le fear làraidh an èisg à Santander. Nach eil an fheannag dhubh ud, Norah NicA., ga chur mun cuairt gur mise as coireach a chionn ’s gun do dh’ionnsaich mi an cànan dhi! Cò dh’inns dhut co-dhiù? Cà bheil thu faighinn nan naidheachdan?
title | 19. ... Aig Deireadh an Latha |
internal date | 2008.0 |
display date | 2008 |
publication date | 2008 |
level | |
reference template | NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p |
parent text | Cleas Sgàthain |