[13]

2

DisathairneCatrìona

idir a tha a’ cur an ceann a h-uile deamhain duine a thachras ort aig a’ phort-adhair gu bheil làn-chead aca do cheasnachadh gud bhrògan?

Sin thu, Chatrìona! Falbh air chuairt a Ghlaschu? ’S math dhaibhsan a tha ag obair dhaibfhèindèanamh às nuair a thogras tu. Uh-huh! Bidh thu air an ran-dan a-nochd, cuiridh mi geall.” Cathy aPhost Oifis. Bheil mise cho dàna is gu bheil mi faighneachd dhise tha ga fàgail an seo? bheil ise dol is E Fhèin sa Chuan a Tuath? Chan eil. Cathy bhochd, tha mi coma ged a bhiodh i gun fhiosta Dha Fhèin asuirghe air Còmhlan Phìobairean Phoilis Ghlaschu, a h-uile duinaca, tha nas miosa na isann.

Seo iad.

Sin thu, Chatrìona! Falbh air chuairt a Ghlaschu? Nach math dhutchan ann mar sin a bha e againne, cunntais a h-uile


[14]

sgillinn ... ” Ise. AgusCha robh guth againne air ruith nam bùithtean air tìr-mòr. No plèan na bu mhò. Steerage anns an Loch Mòr, sin na cuairtean againne.” Esan. Dithis nach leig thu leas fhaicinn airson aithneachadh gu bheil iad ateannadh dlùth, Mgr Ailean MacAlasdair agus a bhean, Norah: bithibh umhail, a chloinn chàich, bithibh sàmhach modhail, ’s e thagaibh an seo ach daoine matha. Dhfhaodadh tu bhith nad sheasamh sa bhùth gun smuain nad cheann achSaoil an dèan mi spaigeataidh, no am biodh e na bfhasa cearc a thilgeil dhan àmhainn,’ agus tha do shròn air dòigh air choreigin atarraing a-staigh oirre fhèin; tha na cuinnleanan adùnadh. Chan e samh salach a thann idir, fada bhuaithe: cuiridh mi geall gu bheil an dithis ud gan sgùradh fhèin ann an uisge fuar a h-uile madainn. ’S e tha seo ach fàileadh sheann treastaichean san eaglais, seann Bhìobaill geal le fuarachd agus an còmhdach leathair acnàmh, seann, seann pheppermints a cheannaich iad nuair a thàinig siùcar far nan rations ... chionns, cuimhnich, ’s e daoine matha tha seo.

AChluas agus an Teanga. Esan acluinntinn, ise acraoladh. An nathair. s urrainn dhut a dhèanamh ach cumadh freagarrach a chur air daodann, neochiontach, sùilean cruinn fosgailte, snodha laghach gàire (seall mfhiaclan, cho biorach ... ) is tu cho sona am faicinn.

Tha, nach eil e sgoinneil! Tha aig Iseabail ri tighinn a-nuas a Ghlaschu gu coinneamh – ’son a cuid obrach, fhios agaibhagus smaoinich sinn gun e deagh chothrom a bhann coinneachadh. Sia mìosan o nach fhaca mi i, agus lem athairs mo mhàthair a bhith air falbh cuideachd, fhios agaibh ... ” Fhios agaibh, Catrìona bhochd, cho aonranach, gun duinach i fhèin, nach eil e nàdarra gun gabhaidh i an cothrom a piuthar


[15]

fhaicinn is i ag ionndrainn an teaghlaich. An dèan am freagairt sin an gnothaich? Bheil sròinean siridh ChloinnIcAlasdair afaithneachadh gu bheil tuilleadh feòla ri fhaotainn?

aigtha fioschunnaic na sùilean biorach rud a bfheàrr leotha fichead uair na mise: ad dhorcha, coilear geal, mach leotha às dèidh amhinisteir na bu luaithe na na coin seilge aig Fionn Mac Cumhail. Bha Cathy agam fhathast, ach n diofar, chan eil grèim dhen olc inntese. Ged a bfheàrr leam an-dràsta gu robh i an Tiort.

Agus chì thu Iseabail! Nach math sin, a ghràidh, an truas a thagam riut leat fhèin ann an siud.” (Cha leig thu leas, ma-: na gabh thusa dragh dhìomsa, cha bhi an taigh cho falamhs a tha thun dùil air an ath mhios.) “Tha mi cinnteach gum bi i nad choinneamh an Glaschu!”

O, chruthaidheachd. Is mise an a tha cinnteach nach bi, ach ga falach fhèin agus a cuid broth anns a’ Bh & B far nach aithnich duini. Agus tha min dòchas gun do chuir i a turas air an trèan-oidhche gu deagh fheum, adèanamh suas sgeulachd a ghabhas a chreidsinn air ciamar a thàinig MISE mach ann am pluigeanan is sgalan dearga anns an latha eadar seo is plèan madainn Diluain.

* * * * *

Chan eil thu smaoineachadh gun cuir mise sin orm! Bheil cuimhnagad gu bheil sinn naoi bliadhna fichead!”

Sin a tha a h-uile duine acur orra!”

Bheil fhios agad nach tàinig e riamh a-staigh orm, nuair a bha mi postadh litrichean ann an gèile na seachdain sa chaidh,


[16]

no muigh ag iarraidh gual is an deàrrsach ann, gun e seo an dearbh stoidhla bhiodh freagarrach.”

A h-uile duine ANN AN LUNNAINN. Agus bha an sgiort ann am Vogue.”

Beòlach mo sheanmhair air Vogue! Saoil an robh i ga leughadh san taigh-tughaidh?”

Cha chan mi gu robh an sgiort cho gann ri na trì òirlich de chotan a bhios Salome Sheòrais acleachdadh mar nàdar de shamhla aodaich. Ach, ’s dòchnach robh ann ach an ùine o nach do chuir mi orm sgiort. agus an ciall is an reusan aca a bhiodh ag iarraidh gaoth nimheil agheamhraidh afeadaireachd mun glùinean. No gaoth gheur an earraich. No, a dhinnse na fìrinn, gaoth bhiorach an t-samhraidh no cnapan garbha an fhoghair. Cha robh mo chasan cleachdte ri bhith muigh leotha fhèin gun dad gan dìon.

Cha do smaoinich mi riamh gum biodh trioblaid ann mu iomlaid ar cuid aodaichbha sinn riamh air an aon chuideam, agus nuair a thigeadh Iseabail dhachaigh air saor-làithean, cha bhiodh ach geansaidhean is jeans adol. Cha robh rian gun ann mar sin a bhiodh i ga dreasaigeadh sa bhaile mhòr, agus gu h-àraidh san oifis, am measg dhaoine proifeiseanta: idir bu choireach nach do rinn mi dealbh dhìom fhèin ann an èideadh abhaile? Sgiortaichean cumhang nach leigeadh gu bràth seachad air feansthuuèar-bhiorach co-dhiùagus gu h-àrd ...

Bheil fhios agad, Iseabail, nam bithinn-sa deònach mo bhroilleach a shealltainn dhan mhòr-shluagh, gum bithinn air an dreuchd sin a leantail o chionn fhada.”

O, nach bi thu sàmhach, chan eil ann ach aghaidh V.”

Mo chuimhne-sa air aghaidh V air geansaidh na sgoile,


[17]

cha robh i ach fosgailte chun an siud, chan ann ag amas air mimleag!”

Mas fhìor gu bheil thu cho nàrach.” Bha na busan dearg le broth afàgail lasair a sùilean na bfhiadhaiche acoimhead. “Cha tuirt mise aon fhacal gearain mu na dhfheumas mi fhèin a chur orm air achroit!”

Phut i an geansaidh àlainn a thug mi mìos afighe gu aon taobh, mar gum be raga de sheann phlaide à basgaid achoin a bhann.

Cuimhnich tha dèanamh fàbhar do chò an seo, Iseabail,” arsa mi fhèin gu teth.

Bha sinn glè, glè fhaisg air a dhol far a chèile. Ach thàinig na deòir gu a sùilean.

Chatrìona, tha mi duilichnam biodh fhios agad cho taingeils a tha mi – ’s cha bhi ann ach seachdain – ’s nam biodh fhios agad cho maths a tha e tighinn riut ...”

Sùil air fhiaradh dhan sgàthan.

Cha bhiodh ann ach seachdain.

title2. Disathairne – Catrìona
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page