3
Madainn Diluain – Iseabail
’S e bha math a bhith nam shuidhe an cùl an tagsaidh, air an rathad gu port-adhair Ghlaschu agus seachdain ann an dìomhaireachd an eilein far nach tachrainn air aon duine beò à NW3. Ged a bha an dràibhear a’ sìor choimhead orm gu h-amharasach san sgàthan. Nan coimheadainn air thoiseach, choinnichinn ri shùil chlì – bha sùil chaogach aige, agus bha mi ’n dòchas gu robh an tè dheas a’ cumail sùil air an rathad, is e dèanamh co-dhiù fichead mìle san uair air an M8. Bha e gu math nas sàmhaiche na ’s àbhaist dràibhearan Ghlaschu a bhith, gun smid aige ri ràdh, gun dad ach an t-sùil amharasach a bha siud bho àm gu àm.
“No’ catchin’, is it, hen?” Agus sin mo thaing airson dà not a bharrachd a thoirt dhan drabhas, nach do rinn aon nì leithid a bhith còmhraideach laghach airson a chosnadh. Cha robh baga mòr ri shlaodadh ann. Cha do bhodraig mi a fhreagairt, ach
leum a-mach is dèanamh air deasg nan tiogaidean. Tha mi ’n dòchas gun do dh’fhàg mi e le eagal a chuirp air gum bualadh a’ bhreac-òtraich e ann an latha no dhà. Tha mi ’n dòchas gum buail rud tachaiseach air choreigin e.
“Madainn Mhath!” Tè an deasga le blìon gàire. Tha is’ air a deagh thrèanadh, chan aithnicheadh tù gu bràth air a h-aghaidh gu robh i ag ràdh rithe fhèin gun i bha taingeil nach robh a dà bhus coltach rim fheadhainn-sa an ceartuair. ’S i dh’fhaodadh a bhith truasail modhail – nach ann a bha e a’ dèanamh feum dhi tachairt orm: bha i ga faireachdainn fhèin fada na bu bhrèagha air a shàillibh.
Nam faighinn dhachaigh ... bha e cho math a dhol a cheannach pàipear: gheibhinn falach air a chùlaibh ged nach leughainn facal.
“Chatrìona! Dùisg! Feumaidh gun ann agad a bha an deagh weekend sa bhaile: tha mi air a bhith ruith às do dhèidh o mhullach na staidhre.” Làmh air mo ghualainn: cha do smaoinich mi riamh gun e cuideigin ag èigheach às mo dhèidhsa a bh’ ann. “O, gun sealladh an t-àgh ort, dè thachair dhut?”
Bhiodh e uabhasach math nam biodh cuimhn’ agam air ainm a’ chreutair seo. A’ guidhe air an taobh a-staigh gun tigeadh e thugam, bha mo theanga trang air an taobh a-muigh leis an sgeulachd a chruthaich sinn: Iseabail a-bhos à Lunnainn, agus nach deach an dithis againn, ’son plòidh, dìreach, gu clionaig bòidhcheid – “Bòidhchead, sheadh,” ars an tèile, a’ coimhead cho dùrachdach is gum faodadh i bhith a’ cunntadh a h-uile guirean. “Bha sanas anns a’ Bh & B, gheibheadh tu deich notaichean nas saoir’ e, agus thuirt Iseabail, ‘Thugainn, bheir mi ann thu, ’s fheàirrde an dithis againn e’ .” “Aidh, b’ fheàirrde, sheadh,” ars
an tè a bh’ ann – daingead air, cò i?- “Agus faic mar a thachair: cha do fhreagair na cungaidhean coimheach aca idir air mo chraiceann-sa, is bhrist e mach ann am broth.”
“Broth, smaoinich – agus dè mu dheidhinn Iseabail bhochd? D’ rinn e dad oirrese?”
Iseabail bhochd! Tha Iseabail bhochd na seasamh ann an seo mud choinneamh, òinsich na buinich, air bith cò thu, le aghaidh a tha cur trom-laighe air dràibhearan tagsaidhean Ghlaschu!
“Cha do rinn càil! ’S ann a tha i coimhead nas fheàrr às a dhèidh.” Cò chreideadh gun tigeadh na breugan cho siùbhlach thugam. “Tha i a’ tilleadh a Lunnainn an-diugh fhèin: cha robh aic’ ach latha às dèidh na coinneimh.”
“Aidh – bochd nach robh barrachd ùine aice, ’s fhada o nach robh i aig an taigh.”
Na gabh thusa dragh, a chreutair, bidh Iseabail aig an taigh ann am beagan is dà uair an uaireadair, mura bi maill air a’ phlèan.
Cha robh roghainn agam ach a leantail chun a’ gheata. Bha còrr is leth-uair fhathast againn mus fhaigheamaid air bòrd. B’ fheàrr leam gun tigeadh a h-ainm thugam.
“Sin thu, Chathy, ’s tu tha coimhead math! Mìos o nach fhaca mi boireannach, ha, ha!” Bufailear leathann bàn a’ leum oirre le pòg mhòr fhliuch. A shìorraidh, nach air a tha na gàirdeanan, ciamar a tha e fruigheachd cho fada – fuaim coltach ri seann gheata a bha steigte fad a’ gheamhraidh ga shlaodadh fosgailte, siud na bilean aige a’ dealachadh le a craiceann, O, ’s i, Cathy a’ Phost Oifis, nach bu mhi ’n òinseach – “Agus a Chatrìona! Thusa ’n seo cuideachd!” Cò eile ach an Teadaidh, an aona bhian ruadh-bhàn, sùilean beaga cruinn mar nach biodh annta ach am
plastaig, agus am mustais ’s na slipean fliucha dearga a tha i a’ falach a’ dèanamh ormsa ... Stad. Tharraing na bilean air ais. Mhionnaichinn gun do shearg am mustais fhèin beagan.
Bha e cho math. ’S mi bha às mo chiall nuair a bha mi falbh leis an amhasg seo, a’ bhliadhna mu dheireadh anns an sgoil – agus cò aig’ tha fios, nam biodh e air tighinn ro fhaisg, nach biodh e air rudeigin aithneachadh – na fioromònan no leithid sin, is gum biodh e air tuigsinn gun i an tè cheàrr a bh’ aige. Bha am broth feumail.
“Dè idir a thachair dhut? Chan e rud gabhaltach a th’ ann?”
Ceum air ais.
“Tha e coimhead diabhalta!”
Sin thu, Teadaidh! Làn co-fhaireachdainn!
Gu fortanach cha tàinig ormsa mo bheul fhosgladh – nach robh an sgeulachd air fad aig Cathy a’ Phost Oifis: chuir i gleans cho fìor oirre cuideachd, cha mhòr nach robh mi fhèin ga creidsinn. Cha robh an Teadaidh buileach cinnteach ... dh’aithnicheadh tu air gu robh a mhac-mheanmna a’ sanais ris, nach robh fhios nach robh bacteria annasach air choreigin a’ feitheamh an cothrom leum a-null agus sgleò a chur air a bhòidhchead fhèin. Bha an Teadaidh riamh dhen bheachd nach robh dad a dhìth airson nigheanan a thàladh thuige ach falt bàn, sùilean mòra gorma aineolach agus, chan e mhàin creideas, ach tòrr bruidhneadh mu chuid fearalais fhèin. ’S bha mise cho faoin ri càch, gus an latha is sinn aig uinneag na leabharlainn, a’ coimhead nam balach a’ cluich ball-coise a-muigh.
“Uè-hè! Seall na sliasaidean a th’ air Calum Iòsaph!” Seo Rona Carmichael, fìor dheagh charaid do Chatrìona, ged nach robh an t-uabhas agamsa mu deidhinn. “Chan eil an Teadaidh
dona nas mò, ’s agad tha fios, è, Iseabail?” Uilinn bhiorach nam asnaichean.
“Chan eil fhios a’m, ” arsa Catrìona gu slaodach, “tha rudeigin mu na gaoisidean curlach ruadha mu na glùinean a tha caran mì-nàdarra ... rudeigin dhen werewolf ... ”
“Were-teddy!” aig Rona. Glag gàire. “Cha chuirinn fhèin corrag air. Duilich, Iseabail.”
Air bith dè bha Rona a’ smaoineachadh, suarach an t-eòlas a bh’ agamsa air dè cho gaoisideach ’s a bha an Teadaidh, agus às dèidh magadh an là ud, cha robh cabhag mhòr sam bith orm airson faighinn a-mach. Siud e. Bha an Teadaidh ullamh. Cha chuirinn-sa corrag air nas mò.
Agus a rèir na sùil a bh’ aigesan orm an-dràsta, bha mi sàbhailte gu leòr. Were-teddy. Cha robh math dhomh gàire a leigeil a-mach.
Cha bhithinn air cur suas leis nam biodh agam ri suidhe ri taobh aon seach aon aca air a’ phlèan, ach cha robh. Mu dheireadh thall. Siud cladach an eilein, siud an raon-laighe, nuas leatha, putadh tro na daoine bha a’ feitheamh rin luchd-eòlais. “Hallo,” aig duine no dithis, “Hallo – dè ’m beò ... ” seachad, mo bhaga, mach à seo, cà ’n do chuir mi iuchraichean a’ chàir aice, gonadh air, dè ’n DATH a th’ air a’ chàr ... seo sinn. Cò eile aig am biodh Garfield anns an uinneig-chùil, cho sean ’s gu bheil e air liathadh? Naoi bliadhna fichead ...
Dhachaigh, dhachaigh, dhachaigh. Agus cha tig mi mach air doras fad na seachdain.
Nam faighinn am broinn an taighe sa chiad àite – na can rium gun do ghluais i rud solas a’ phoirdse . adh-abh! Corp
no rudeigin air an làr san dorchadas agus mise a’ sporghail air a mhuin. Dè? CÒ? Fhuair mi gum chasan le grèim air sgeilp na h-uinneige – cha robh sin air gluasad co-dhiù, ach càite – solas. Poca air an làr. ‘Quality Livestock Nutrition.’ Livestock? Cha toigh leam seo idir. Bileag phàipeir: “Chatrìona, thug i fhèin biadh dha na cearcan – bha e fàs gann is thug mi poc’ ùr a-nuas thugad, Pàdraig.”
Cearcan?
Cha do leig i dad oirre mu chearcan. Ged a bhiodh iad ag ith’ a chèile, chan eil mi dol a-mach a choimhead. Cupa tì, pìos is càise, nì sin an gnothaich, dhan leabaidh. An ansafòn laiste – ach, tha e cho math ...
“Hallo, m’ eudail!” – droch loidhne, bragadaich sgriosail – “Mum an seo!” ’S beag an t-iongnadh gu bheil bragadaich ann is iad ann an Dubai, mach à sealladh airson dà mhìos eile. “Tha an cùmhnant ullamh, obair d’ athar deiseil nas tràithe na bha dùil.”
O, murt is mallachadh is guidheachan mòra mòra fiadhaich, na can rium gu bheil iad a’ tilleadh.
“Tha sinn a’ dèanamh às Diluain ... ”
Diluain! ’N-diugh Diluain! Cuin a dh’fhòn i?
“ ... ach o nach eil cabhag oirnn dhachaigh ... ”
Chan eil! Cabhag sam bith! Duine gur n-iarraidh an seo!
Fanaibh far a bheil sibh – no dè mu dheidhinn World Tour?
“ ... smaoinich sinn cuairt a ghabhail dhan Èipheit – b’ fhìor thoigh leam na pyramids fhaicinn ... ”
Gabh do leòr dhiubh, a mhàthair, ach na tig an rathad sa. An aon dithis air uachdar na talmhainn a dh’aithnicheas o chèile sinn, sinn nach eil gan iarraidh an-dràsta.
“ ... seo d’ athair ... bragbragbrag ... Sphinx, feuch a bheil ... bragbrag Marion ... sguir dheth, Ailig!” agus ùùùùùùù, fuaim loidhne mharbh.
Dhan Èipheit. ’S cinnteach gum bi iad co-dhiù, co-DHIÙ seachdain ann.
Bha e cho math gun guth a ràdh ri Catrìona. Bha gu leòr air a h-aire.
title | 3. Madainn Diluain – Iseabail |
internal date | 2008.0 |
display date | 2008 |
publication date | 2008 |
level | |
reference template | NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p |
parent text | Cleas Sgàthain |