[25]

4

DiluainIseabail

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

: 9 Giblean 2007 0730

Air: leth-rùisgte

Am biodh e air a bhith mòr leat aon bhad aodaich a burrainn dhomh a chur orm fhàgail agam? Snàithlean beag de rudeigin a chòmhdaicheadh mo bhodhaig? Gun a bhith nochdadh dearg rùisgte fa chomhair nan nàbaidhean? Nach do dhaontaich sinn gum fàgamaid a h-uile càil as àbhaist dhuinn a bhith cur oirnn às ar dèidh? Chan urrainn dhutsa a ràdh nach eil deagh roghainn agad, a h-uile troight a bhios mise cur orm a dhobair afeitheamh ort sa phreasa, air iarnaigeadhs air a chrochadh is air a phasgadh rid làimh idir a thug ort daodach fhèin a thoirt leat?


[26]

e dhut ann an Lunnainn? Chan eil rian geil thun dùil an dreas a bhagad air banais Flòrag Chaluim na Cachaileith a chur ort far am faic daoine? Far am faic mo cho-obraichean e? Uill, ma tha, sguir! Leig sin às do cheann sa mhionaid uarachna smaoinich air a dhol aona cheum a-mach air an doras leis. Mura bi Fancy Dress agus Fifties Revival Night a’ dol ann an Twosteps. (Fuirich, na smaoinich air a dhol gu Twosteps. Tha fhios a’m gun do dh’fhàg mi a’ chairt am badeigin. Ma chì thu i, cuir seachad san drathair i.) Dhfhaodadh daoine gabhail nan ceann gun e mise a roghnaich sìoda pinc le earball coilich aluaisgeadh mun mhàs. ’S annson spòrs a cheannaich thu e, nach ann? Inns dhomh gun ann. MIONNAICH dhomh gun ann ... Agus ma thug thu leat dha-rìribh e, tha bùth Oxfam shràid bhuat. Cha chan min còrr.

Ach a bheil thu tuigsinn nach eil agam a chuireas mi orm ach còig-deug paidhir dhrathaisean, sia bras agus pocan socks?Is cinnteach nach robh thu minigeadh gun deighinn mun cuairt am measg dhaoine, ’s an latha geal ann, anns na tha sa phreasa bheag san rùm-chùil? An tu fhèin a rinn na geansaidhean? Robh glainnichean-grèine ort aig an àm, no an robh an solas dheth? Fhios agad air a seo, a Chatrìona, ’s e aon rud a thann a bhith cur dhathan a thabeòthailagusaighearachri chèile, ’s e rud eile a thann a bhith taghadh snàth a tha deàrrsadh nas teotha na achil orains a bàbhaist Dòmhnall Dall-dhathach a bhith stialladh air slinnean nan caorach nuair a bhiodh smùid air. Agus airson nan jeans,tha mise cho dèidheil air glèidhteachas ris an ath , cha bu chòir dhuinn cus de stòras an t-saoghail a chosg, ach tha na tiogaidean nam broinn ag ràdh 1998 agus 1997! Than t-aodach air fàs cho tana mu thòin na as sine is


[27]

gun dèanadh e sìoltachantha mise ag innse dhut, tha mi gu bhith air achiad bhus gu bùth Chailein Mhòir sa mhadainn.

B.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Na gabh dragh mun chàr, bidh e ceart gu leòr.

B.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Gòrdan Guano. Tha an Landrover OK.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

O, chaill e fiacailcha robh seat-belt air. tha dol a mhothachadh, nach robh grunn a dhìth mu thràth. Cha do bhrist e shròn idir, cha robh ann ach gun do bhuail aodann sa chuibhills bha sruth fala aiste, is thachair gu robh pàipearan aige na uchd, rudeigin mun t-subsadaidh, bha cabhag air chun aphuistan latha mu dheireadh, mas fhìor. Nach bi e ri blabhdaireachd mar siud an-còmhnaidh. Cha burrainn dhòmhsa stad ga èisteachd, nach fheumainn a dhol dhan bhùth, cha do dhfhàg thu deur bainne a-staigh. No mòran eile. Thuirt mi gu robh mi duilich (bha còir aige fhèin a bhith air a bhith coimhead roimhe, chan eil e cho furasta bacadh a-mach às agheata seo) agus rinn esan


[28]

air taigh Eàirdsidh. Guidheachadh le seòrsa de dhfhead eadar na fiaclan, ’s e tha air fàs droch-nàdarrach.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Chan eil thu atilleadh dhachaigh, cha leig thu leas a dhol dhìot fhèin mar sin! Tha iad ag ràdh gum bi an càr deiseil ann an seachdain, pàighidh mi fhèin e, nach tuirt mi riut gun dragh a ghabhail. Cha robh ann ach na solais-chùil, agus beagan de sgèabadh air doras abhootdùinidh e cho math ri sìon, ge-. Beagan peant ri dhol air, suarach sin. n dragh mòr a thort mu Ghuano, bu chòir dragh a bhith ort mum dheidhinn-sa, dhfhaodadh an Landrover aige bhith air mo chur dhan t-sìorraidheachd. Can rium nach eil dad eadar thu fhèin agus fear a tha toirt Clachan Chalanais gud chuimhne a h-uile turas a e mèaran ...

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

B’ fheàrr leam gun sguireadh tu a dhèanamh leithid de dhùpraid mun chàr, agus mu fhiaclan an fhir eileis cinnteach nach eil thug iarraidh eòlas nas dlùithe orra?

CIAMAR A THA DOL DHUT ANNS AN OIFIS? INNS DHOMH.

Bheil thu tuigsinn idir gun e cho draghails a tha mi mud dheidhinn a bu choireach nach robh maire air an rathad? Sin agus cion abhìdhbha mi gu fannachadh, cha robh aon


[29]

duilleag tha fhios am nach eil thu ga h-òl ach dhfhaodadh i bhith am broinn an taighe agad do dhaoineile! – cha robh hama, cha robh ugh fhèinagus fuirich ort, nach fhaodadh tu bhith air innse dhomh gu robh cearcan agad? Feumaidh mi dèanamh às sìos gu taigh Phàdraig a phàigheadh an Layers’ Mash.Seòrsa de dh’aoir, an e, ‘Layers’ Mash’? Fealla-dhà? Soilleir nach tàinig e riamh a-staigh air na Rhode Islands agadsa gun e dleastanas circe bracaist an latha màireach a chur mum choinneamh-sa.

INNS CIAMAR A THA DOL DHUT ANNS AN OIFIS!

* * * * *

Bha mi air bhioran, ach cha robh facal atighinn bhuaipe ach gearain mun chàr, truas riGòrdan bochd’ – Gòrdan bochd! An damh ... is cha dfhuair mi mach fhathast n deach a cuid aodaich ceart: dhfhàg i às a dèidh na chumadh blàth mi ceart gu leòr, ach, airson stoidhl’, no cumadh a rèirs far a bheil abhodhaig bhoireann adol a-machs a-staigh ...

Cha robh dad aice ri dhèanamh ach a dhol dhan oifis, ‘Tha’ ’sChan eila ràdh ri Jeremy is e amìneachadh mobair ùr dhisin nam biodh tìdaige! aigtha fios nach do chuir i latha saoirsneil seachad aleughadhs aslupraich a leòr de chupannan cofaidh, gun chùram no uallachagus sin dìreach e! aigtha fios! Chan eil agamsa. Bu chòir de thuigse bhith aice dhinnseadh dhi gum biodh latha fada na bu duilghe agamsa. Làn dragh mu deidhinn-se, gun tighinn orm fhèin. Bruidheann air streas ...

Cuir tubaist Ghuano an dara taobh, cha bhithinn air a dhol a-mach ann an leithid de chabhaig nam biodh grèim a-staigh a dhithinn. Sin aona phuing. Nach be am plàna gum bithinn a


[30]

broinn an taighe, nach bithinn idir atachairt air daoine, nach biodh cothrom aig duine fàs amharasach? Ach, achiad sgailc, nach bfheudar dhomh feuchainn a-mach dhan bhùth a lorg rudeigin na bfheàrr na Quality Livestock Nutrition.

Dhan bhùth. Bean Iòsaiph. Fichead ceist mun bhroth. An do shàsaich sin i? Cha tàinig e faisg air. Bha an uair sin a h-uile pioc na mo bhasgaid ri bruidheann air, ri sgrùdadh, ri beachd a thoirt seachad air. Agus chan eil Catrìona atuigsinn s coireach gun fheàrr leamsa fichead uair a dhol a mhòr-bhùth a shluigeadh talla abhaile seo còig tursan agus far nach aithnich duine beò mi, agus far an leig iad leam leth-phunnd hama a cheannach gun faighneachd carson. ’Son ithecarson eile!

Briosgaidean seòclaid, mm, cha chomhairlichinn idir dhut iad, leis abhroth tha sin, chan eil fhios nach bi thu nas miosa air a shàillibh, chan ithinn-siad nad shuidheachadh-sa, mmm ... ” aig acheart àms a bha i abualadh not ris achunntais. “Mmfhios agad, a Chatrìona, bhiodh tu na bu shàbhailte le ìm na na rudan buidhe fuadain sin ... ” not eile, mm. Bha i riamh ris abhrunndail seo, ach cha robh ann ach fuaim, chuirinn geall nach robh grèim dheth afruigheachd na h-eanchainn. Ma bha eanchainn ann, a bharrachd air seòrsa de dhuidheam a bha nas luaithe na am beathach ùr eleactronaigeach mu a coinneamh gus notaichean a chunntais.

Hama, a Chatrìona? Mmm ... fear air choreigin gu bhith air aoigheachd agad gu bhracaist, hm? Mmm ... nh!nh!nh!” Chaidh srann an t-seillein gu nàdar dechan eil fhios am an canadh tu gàire risfuaim magail neònach mar gum biodh acòirdian abramadaich.

Chan ann, ach dhomh fhèin!”


[31]

Dhut fhèin?”

Carson nach biodh e dhomh fhèin? Cha robh ann ach leth-phunnd hama! Cha bu toigh leam idir an dòigh san do chuir i acheist. No carson a bha i acur leithid de cheist.

“ ’S ann.”

Mmmdhfhàs thu searbh dhe na lusans na measan, ma-? Sgìth dhen ghlasraich, mmm? Tha thu ag ithe feòil a-rithist?”

Bha mo ghloic peathar air a dhol na vegetarian gun guth a ràdh rium. Gun smaoineachadh gun e sin dìreach an seòrseadar-dhealachaidh air an greimicheadh iad seo, Bean Iòsaiph agus a caraidean: Sherlock Holmeschan e na, ’s e bha sa bhailagainne ach feadhainn a dhfhaodadh a bhith air Sherlock Holmes oideachadh aig a’ cheart àm san robh iad a’ ruith MI5 pàirt-ùine...

’S ann a thàinig e thugam,” thuirt mi rithe gu milis, “nach robh dad agam an aghaidh marbhadh mhucan.” Agus rinn mi a h-uile dìcheall gun leigeil le mo shùilean gluasad an taobh a bha Iòsaph, chitheadh tu tron doras san rùm-chùil e, aneadachadh ann an seann sèithear, Gasait na seachdain sa chaidh adèanamh cuibhrige dha bhrù, sròn phinc an uircein asnotradh ann am mìosachan na h-eaglaise agus làn-chinnt agam gu robh nobhail theth air choreigin am falach na bhroinn. Bha coltas air gu robh e faighinn de thlachd is de thoileachas às an duilleig mu choinneamh is nach robh rian nach e Jezebels an an-diugh a bha ga thàladh, agus nach e searmon mun t-seann fheadhainn.

“ ... nas glice na caora.”

Iòsaph nas glice na caora? Ceist an sinach cha be, ’s ann air mucan a bha i a-mach.

Mmm.” Daingead, saoilidh i gu bheil mi magadh oirre. O,


[32]

nach coma, mach à seos a cuid deasbaid mu leth-phunnd hama, ceud cabhag orm gus am faigh mi air ais am broinn an taighe feuch an tàinig naidheachd o Chatrìona. ’S i dhfhaodadh a bhith air a dòigh, cur seachad an latha am measg dhaoine ciallach, inntinneach nach dèan cuspair deasbaid dhen a h-uile grèim a dhfheuchas i ri chur na beul.

title4. Diluain – Iseabail
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page