[43]

6

DimàirtCatrìona

Be-e-el!Bel, a meudailleugh thun geàrr-chunntas air Evander MacCrimmon, nach do leugh? Tha a h-uile càil agad air do chuimhneair do theangaidh, nach eil, a shiùcair? Hm?”

Cha robh sgeul air Jeremy an an-: Siuthad, leugh seo, ùine gu leòr agad, faodaidh tu gabhail air do shocair — ’s e bha seo ach creutair eile, Am Boss, aguss eThaam freagairt ris an robh dùil aige. Aguss e sin am freagairt a fhuair e, ach le beagan de cheist ann, mar gum bitheadh, do chabhag? Bha Iseabail air innse dhomh nach robh an t-ùghdar ùr a bha ise gu bhith acìobaireachd acur roimhe a chuid spiorad fìor Cheilteach a thruailleadh le cuairt gu baile mòr Gallta Lunnainn airson mìos eile. Gus am biodh e air òl nas doimhne à fuaran an earraich Ghàidhealaich, no faoineas air choreigin dhen t-seòrsa.

Bha mi air eachdraidh-beatha na grèine ùire seo a leughadh ceart gu leòr, ged nach canainn gu robh i agam air mo theang-


[44]

aidh. “Air a bhreith air eilean mara [càit eil’ am biodh eilean?] is air a thogail an dachaigh iomallach, fado thaighean eilegun fuaim abualadh air a chlaisneachd mhaoth ach na seann òrain Ghàidhlig aig a mhàthair, athair aseinn air aphìob, na tuinn abualadh air achladach agus caoineadh uaignidh nan ròn air na sgeirean ... ” Bhan eachdraidh-beatha cuideachd ag innse dhomh nach robh Evander MacCrimmon ach bliadhna na bu shine na bha mi fhèin, agus dhfheumainn a ràdh gun cuireadh e iongnadh mòr ormsa mura dfhuair a chlaisneachd mhaoth a h-oideachadh aig Radio 1 coltach ri daoineile.

A rèir na bha sgrìobhte an seo, “Cha deach Evander a chur gu sgoil am measg gràisg de dhiseanan -mhodhail a dhfhaodadh a bhith air flùr na bàrdachd a bhrùthadh is e dìreach ateannadh ri fosgladh na chridhe.” sgrìobh seo? Bha mi faireachdainn mu thràth gum biodh barrachd air flùr na bàrdachd air brùthadh math, agus breabadh cuideachd, fhaotainn nam biodh an creutair air a bhith san sgoil còmhriumsa. Bhithinn fhèin is Iseabail air ithe beò. Bha mi dèanamh dealbh dheth mu thràth. Bhiodh Richard na Schwarzenegger ri thaobh. Meaban beag bàn, chuirinn geall, sùilean uisgealach lag liath agus fèileadh a sheanar acrathadh mu na casan caola, air èiginn afalach nam failmean beaga cnapach a bha gnogadh ri chèile.

Thug mi dhut an dealbh, nach tug?” Jeremy. “Cha tugbheil ann?” Bha, bha dealbh aige na làimh. “Bhon taobh, gu -fhortanach, ach soilleir gu leòr, saoilidh mimath gu leòr is gum faithnich thu aig Euston e.”

bha siud?

Bha, gu robh Evander MacCrimmon, glòir do ainm, air an neart


[45]

fhaotainn am badeigin gus aghaidh a chur air abhaile mhòr an t-seachdain seo fhèin, gum biodh e againn a-màireach, gum feumadh cuideigin a choinneachadh gus a threòrachadh tro ghleadhraich nan sràidean (achlaisneachd mhaoth ... ) agus ged a bha Jeremy atuigsinn glè mhath gu robh beàrn anns amhargaid airson rud sam bith ris an gabhadh an t-ainmCeilteacha cheangal, cha robh sin aciallachadh gu robh Ceannard na Roinne, Duine Trang agus mòran mu choinneamh, adol ga ìsleachadh fhèin afàgail na h-oifis nach fhaodadh a dhol ceàrr às aonaisairson coinneachadh ri sgròblaiche fhacal a bu chòir a bhith ga chunntais fhèin air leth sealbhach gu robh Jeremy adol a dhèanamh ainm is fhortan dha. Jeremy, agus chan e na faclan a bha dòrtadh farfar gob na h-ite, is cinnteach: cha bhiodh Evander MacCrimmon acleachdadh càil cho cruaidh teicnigeach ri coimpiutair, am bitheadh? ’S ann air cuideigin dhen t-sluagh ìseal air am biodh caran beaga, leithid coinneachadh dhaoine aig an stèisean, atuiteam.

Bha rudeigin deGed a fhuair thu àrdachadh dreuchd, cuimhnich gu bheil smachd agamsa ortan seo. Thòisich mi air beagan de ghràin a ghabhail air Jeremy, agus air faighneachd dhomh fhèin fon ghrèin a bha fàgail Iseabail cho dèidheil air an obair, nuair a dhfheumadh i cur suas leis a leithid.

Bel?” Rud beag tioram, -fhoighidneach, an guth? ’S fheàrr dhòmhsa coimhead èasgaidh.

Bidh sin glan fhèin! ’S mi tha coimhead air adhart ris! Cuin than trèana?”

Tha e brùideil doirbh blìon mòr toilichte fiaclach a dhèanamh ri duine, is tu feuchainn ris an taobh far am bfheudar achùlag a lìonadh, às dèidh dhut a bhith beagan ro dhàna le pacaid


[46]

chnòthan oidhche mu choinneamh an telebhisean, a chumail leth-dhùinte, agus aig acheart àm toirt air na sùilean deàrrsadh le toileachas gun tug e dhut gnìomh cho cudromach ri thoirt gu buil dha. Faileas à Camhanaich nan Gàidheal a choinneachadh aig an stèiseansgoinneil.

A-màireach, cha robh e tighinn gu màireach. Ùine gu leòr crìoch a chur air an leabharam measgachadh àbhaisteach de bheul-aithris, sìthichean mòra ladarna, glaistigean beaga ciallach, ròin is òr is ceò na mònadh, chòrd e rium glè mhath ach bha mi air co-dhiù sia dhe leithid a leughadh mu thràth, mar bu trice air an sgrìobhadh aig Ameireaganaichagus sùil dhùrachdach a thoirt air an dealbh. Shìn Jeremy dhomh i.

Bidh i gu math tarraingeach air achòmhdach-cùil, hm? Byronic ... ” Thug e crathadh dha logaidh fhèin, mar fhear a chanadh nach leigeadh tu leas coimhead na bfhaide airson oighre Byronagus fhads a bha esan atuiteam beagan nas truime ann an gaol leis fhèin, fhuair mise sealladh ceart dhen dealbh mu dheireadh thall.

Càit an robh an caoiltear beag truagh le sùilean achoineanaich ghealtaich a bha mise adealbhachadh? Cha do thog an camara ach ceann is gualainn, an duine coimhead a-mach thar achuain, falt tiugh dorcha ga chrathadh aig aghaoith an dòighs nach fhaiceadh tu mòran dhe aodann, ach n diofar, bha rudeigin mun t-seasamh dìreach, mun aodann an aghaidh na gaoithe, mar gum biodh e na sheasamh aig toiseach luing Lochlannaich is i sgoltadh nan tonnbha rudeigin mu a shròin.

Rudeigincha robh mi agreimeachadh airrudeigin, rudeigin adùsgadh ann an doimhneachd mo chuimhne. Cumadh na sròinenis thuirt Ghallta shìos an rathad rium,


[47]

chan e aon turas ach gu math tric, “O, sibhse, eileanaich, bha sibh cho dèidheil air a bhith apòsadh ur càirdean is gu bheil an aon sròn air a h-uile duine san sgìre!” Lathaichean a bhiodh i ann an droch thriom agus agearain mun droch shìde, chanadh i gu robh an aon laigse-eanchainn air a h-uile duine sa choimhearsnachd cuideachd. Ach bha an t-srònrudeigin mun dòigh san robh an solas alaighe oirre, ga dèanamh cho geur ri lann sgeine acoimhead, ’s an shùil falaichte san dubhar ...

Bha sròn Evander MacCrimmon a’ dèanamh dragh mòr dhomh.

* * * * *

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Tha fhios am nach eil thu ach asuidhe air do thòin adalladh air cofaidh is briosgaidean, mar sin faodaidh tu smuain no dhà a chosg air do phiuthar bhochd, nach eil adèanamh bun no bàrr dhe na litrichean dìomhair air mìosachan achidsin. a tha**2c son FS, bix?’ aciallachadh? Agus tha rionnag eile air Diardaoin, nas mothabheil rud sam bith dol a thighinn ormsa gun fhiosta?

Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com.com

chèic airson fèill-reic na sgoile Dihaoine, agus briosgaidean nam biodh ùine agam. Rona Diardaoin. Chan urrainn dhomh


[48]

sgrìobhadh an-dràsta, droch shùil aig J. orm, tha agam ris a h-uile criomag mu EM a ghabhail a-staigh.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

bheil iad? Chaidh mi air feadh nam bogsaichean is nan tionagan. Falamh air fad ach phìos coirce le barrachd feusaig orra na bhair mo shinn-seanair.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Cha do rinn thu riamh iad, an drinn? Sin as coireach nach eil thu freagairt, chan e gu bheil duine cumail sùil ort. Cha do rinn thu iad is cha tuirt thu guth rium mun deidhinn. Càit às a bheil mise dol a dhfhaighinn chèic? Ro Dhihaoine? Mise a theab an Lèabag fhuadach a-mach à Home Ec.is i sgiamhail gu robh linn nan ìobairtean loisgte seachad. Chan fhaca mi duine riamh adèanamh leithid de dhùpraid mu dheidhinn sgonaichean. Ag èigheach gun do theab mi an sgoil a chur na teine. I fhèin nach do mhìnich riamh dhomh an diofar eadar Fahrenheit is Celsius bu choireach gu robh an àmhainn ro theth. Tha làn-fhios agad nach deach mise faisg air pacaid flùir bhon uair sin, agus cha tèid.

Tha mi smaoineachadh gu bheil an streas tha seo dona dha mo chraiceann, saoilidh mi gu bheil am broth nas miosa. idir a bha thu minigeadh leis, ga mo chur ann an suidheachadh far a bheil fuine air fàire.


[49]

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Cuiridh mi geall gu bheil thu air am PC a chur dheth, is gu bheil do cheann crom os cionn an deasga acoimhead dìcheallach. Agus na dèan an leisgeul gu bheil thu acur gleans air mìomhaigh-sa!

MI MU NA CÈICEANNAN? FÒN THUGAM!

Bho: Catmob

Fònaidh mi nochd.

* * * * *

Innsidh mise dhut thu: thu gingerbread. ”

Innsidh mise dhutsa mi, ceannaichidh mi chèic agus spìonaidh mi dhiubh am pàipear.”

Ist. Sguir dheth, tha gingerbread cho furasta, innsidh mise dhut. . .”

Stad! Innsidh mise dhutsa, ’s ann a tha e furasta buileach cèic a cheannach sa bhùth!”

Chan eil math dhut! Bidh daoine amharasachtha fhios aca gum bi mise abèicearachd an-còmhnaidh. Chan eil math dhut an croft cred agam a mhilleadh!”

Chan eil math ... croft cred,bheil thu glic... ciamar a leig mi leat mo chur ann an leithid de shuidheachadh?”

mhionaid, Iseabail: dìreach a tha ann an suidheachadh doirbh an seo? mhiannaich agus a roghnaich agus a chùm oirre gus an tuirt mi gun tiginn ann? a dhfheumas a


[50]

dhol a-mach gu oifis am measg choigreach agus a thoirt a chreidsinn orra gun e tèile thinnte? Fhads a tha thusa suidhe am broinn an taighe gu comhartail gun uallach sam bith ort, laighe san leabaidh gu meadhan-latha ma thogras tu, ’g ithes ag òls acoimhead an TV ... ”

Meadhan-latha! ’S cearcan ann! Gun uallach! Cearcan is cèiceannan is bean Iòsaiph atoirt dhomh athird degree chionns gun do cheannaich mi leth-phunnd hama!”

Ma tha thusa smaoineachadh gu bheil e nas duilghe ceithir chearcan agus bean Iòsaiph a mhealladh na an seat a tha san oifis, tha barrachd ceàrr ort na beagan ghuireanan!”

Trì cearcan.”

Ceithir.”

Chan eil iad abreith.”

tha thu ag ràdh rium?”

On a sguir thu dhithe feòil. .. cha burrainn dhomh feòil a cheannach sa bhùth mus biodh daoine amharasach ... ”

Iseabail!”

Cha robh cus feòla idir oirre ach rinn i brot a bha sgoinneil

“ !? ? ** !”

Rinn mi risotto le feòil na sliasaid.”

Ma tha thu smaoineachadh gu fan mise an seo is tusa aMURT ... a chanabail a tha thu ann!” —ùùùùùùùùùùùù

* * * * *

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Cu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Cha robh mi ach afeuchainn ri do chur thuige air sàillibh nan cèiceannan. Cha robh ann ach fealla-dhà. Cha burrainn


[51]

dhòmhsa cearc a mharbhadh. Tha fhios agad nach burrainn. Mura bithinn nam èiginn co-dhiù. Aguss e sitheann a chuirinn ann an risotto, ’s e as fheàrr leam.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Cha leig thu leas a bhith cho crosta mu dheidhinn. Tha fhios agad nach robh mi ach atarraing asad. Tha mi duilich, OK? Cha bhoin duine dha na cearcan agad ged nach beireadh iad ugh gu sìorraidh.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Gabh air do shocair, a Chatrìona, cuimhnich cho cudromachs a tha seo dhòmhsa: chan urrainn dhomh tilleadh gus am bi am broth air falbh! Tha fhios agad nach burrainn dhomh dhol dhan oifis agus maodanns mo dhà làimh cho dearg is cho corrach ri dealbh de Mhars smaoinicheadh gun tachradh a leithid do thè a thogadh am measg chaorach. Cha bhi ann ach cola-deug aig achar as fhaidesin a thuirt an dotair, agus an t-salon, ged nach eil earbsagam inntese tuilleadh. Cola-deug, a Chatrìona, no deich latha, agus a h-uile càil adol cho math dhut anns an oifis, an obair cho furasta dhut! Chan eil fhios nach fhalbh e ro dheireadh na seachdain! Cuimhnich gu FEUM misethusaa bhith ann gus an cuir Evander MacCrimmon ainm ris achùmhnant, no bidh misair an t-sitig ma theicheas e gu Collins no Canongate.


[52]

Glanaidh mi an taigh air fad. Agus peantaidh mi na h-uinneagan. An taobh a-muigh cuideachd. AGUS thèid mi choimhead air Auntie Marion, is saoilidh i gun tu tha laghach, agus suidhidh mi còmhrithe fad an fheasgair ga h-èisteachd ga mo chàineadh-sa.

Sguir a bhruidheann air tilleadh. THA SEO CUDROMACH, a Chatrìona!

Inns dhomh ciamar a mi an gingerbread,siuthad.

le gaol

B. xxxxxx

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Peantaidh mi an skirting.

B. xxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxx

Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

OK. Seo mar a thu achèictha e ceangailte, dinnsear.doc- rinn mi e cho sìmplidhs a burrainn dhomh, chan eil rian gun tèid e nad aghaidh, dhèanadh leanabh e. C.

PS. Tha Evander MacCrimmon atighinn a-nuas a-màireach. Tha agamsa ri choinneachadh aig Euston, mus tèid e air chall sa bhaile-mhòr, an creutair. Dol far-loidhne a-nis. Oidhche mhath.

?

title6. Dimàirt – Catrìona
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page