8
Diardaoin – Iseabail
Ìm, siùcar, trèigil, siorap ... h-uile càil dhe sin aice staigh, tha e a’ coimhead furasta gu leòr, chan eil agam ach an leaghadh còmhla ann am pana ... feuch a-nis an tàinig guth bhuaipe fhèin, Delia nan cruachan-mònadh: 3 brathan ùra, seo sinn. Mm, cha chreid mi gu leig mi leas seo a ghleidheadh do Niall, mach leis. O, Hester ’s a’ chòisir, cò chuimhnich riamh, ’s fheàrr dhomh leisgeul air choreigin a chur thuice. Ach ma dh’fhònas i an oifis – tha i cho deamhnaidh beag foighidinn – ’s cha deach mi ann an t-seachdain sa chaidh – feumaidh Catrìona dhol ann. Bidh i ceart gu leòr, nach do rinn sinn na Pirates san sgoil, cò mhothaicheas. Innsidh mi rithist dhi. Ceart, dè th’ aice fhèin ri ràdh an toiseach.
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Iseabail, feumaidh tu grèim fhaighinn air Niall! Chan eil e a’
freagairt a’ fòn, chan eil mi faighinn smid aiste ach ‘Fàg brath’. Bha mi feuchainn ’s a’ feuchainn a-raoir is cha robh duine an siud, duin’ aca a-staigh, cò aig’ tha fios nach eil rudeigin ceàrr. ’S fheàrr dhutsa dhol sìos, inns dha mar a bha, mura bi sgeul air lorg an Teadaidh, cuiridh mi geall gum bi e san gym.Feumaidh mi falbh, tha Jeremy air coinneamh a ghairm, tha e coltach gu bheil seo – dè bh’ aig’ air, seòrsa de choinneamh cleamhnais – aca a h-uile seachdain feuch am bi a h-uile duine san roinn nas bàidheile ri chèile: còrdaidh e riut glan. Ach faigh grèim air Niall.
C x
‘Faigh grèim air Niall.’ ‘Fhalbh sìos.’ ‘Inns a h-uile càil dha.’ ‘Lorg an Teadaidh’. Bheil smaointinn aice gu bheil cèiceannan agamsa ri dhèanamh, uallach gu leòr ann an aon latha do thè nach eil uabhasach cinnteach idir mu fheumalachd sòda-arainn agus brìgh beirm. Ach cha ghabhadh Niall fhàgail a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e an t-sitig. Thàinig e thugam gun e an rud a b’ fheàrr a h-uile nì a dh’fheumainn airson na h-iomairt bhèicearachd a chruinneachadh còmhla, a h-uile soitheach agus barrachd, clobhdaichean is searbhadairean. Dh’obraich sin cho math ri math, bha an cidsin mar sheòmar-lannsa san ospadal as cliùitiche san rìoghachd nuair a bha mi ullamh. Bha gach nì ann an òrdugh cho math, na pacaidean ’s na crogain, an sgèile deiseil, spàinean fìodha is spàinean stàilinn, sìoltachan – cha robh mi buileach cinnteach carson sìoltachan, ach bha e aice air a’ phàipear – ’s ann a bha mi deònach a dhol an sàs ann sa bhad, mise nach itheadh cèic latha dhen bhliadhna mura b’ e na bùithtean sgoinneil tha faisg orm an Lunnainn, mm, an tè Fhrangach, reiceadh tu do phiuthar airson nan gateaux aca ...
O, mo phiuthar, abair àmhghair, ‘Lorg Niall!’ – math air na h-òrdain.
An deàrrsach uisge muigh, agus ciamar a bha i an dùil a bha mise a’ dol air lorg fear nan gàirdean air feadh a’ bhaile gun chàr? Ach ’s dòch’ gu robh e na b’ fheàrr gun sin a ràdh rithe, cuiridh mi geall nach eil cuimhn’ aice gu bheil e fhathast an garaids Dhànaidh: bhiodh e cho math gun a thoirt gu a h-aire.
Bha clàr-ama nam busaichean crochte ri mìosachan a’ chidsin – chan eil fhios nach robh an càr a’ dol far dòghach nas trice na leig i oirre – agus gheibhinn sìos an rathad an ceann cairteal na h-uarach: nach robh e cho math cuairt bheag a ghabhail sìos, leisgeul air choreigin airson tadhal sa Phost Oifis, mo cheann a chur a-staigh dhan bhùth feuch an robh Iòsaph fhathast aig an aon duilleig ann am mìosachan na h-eaglaise, seasamh aig Dànaidh feuch an robh an càr deiseil, fiù ’s coimhead tro uinneag a’ Phasgain feuch dè cho còmhdaichte ’s a bha Salome Sheòrais air latha cho mì-chàilear. Chan e, ’s ann a bhiodh e na b’ fheàrr bruidheann rithe: bha seòrsa de reudar aig Salome – fuirich, dh’fheumainn a h-ainm ceart a ghabhail oirre! (Ceit ... Ceit Flòraidh? Ceit Effie!) – agus ma bha fireannach na ònar taobh a-staigh, can, còig mìle dhith, bhiodh fios aic’ air. Bha i mar combaist. Cha mhòr nach b’ fhiach do luchd-saidheans deuchainn a dhèanamh – Salome a chur, can, ann am meadhan pàirc, is pìos aodaich mu a sùilean, agus leigeadh tu às fireannach, dìreach mar gum biodh tu a’ leigeil às luch dlùth do chat, agus cuiridh mi geall gun tionndaidheadh i is gun cuireadh i a h-aghaidh an taobh a bha e, Salome co-dhiù, cha mhionnaichinn idir airson a’ chait – ghluaiseadh i dìreach mar a tha an t-snàthad a’ cumail ris an àird a tuath. Ach nas luaithe.
Bha am plàna a’ còrdadh rium – cuairt bheag sìos dhan bhaile, tadhal an siud ’s an seo, feuch an robh dad ri chluinntinn, no cha robh fhios nach tachrainn air Niall fhèin, agus ghabhadh a h-uile càil a dhèanamh soilleir.
Cha robh cuimhn’ agam riamh gum mise, mas fhìor, Catrìona. Gum mise a dhealaich leis. Mise a chaill mo leannan. Mise a bha fulang le cridhe briste ... Gum biodh an naidheachd air a dhol timcheall mar an dealanach, agus air fàs anns an innse. Gun ann a bha còir agamsa bhith am broinn an taighe, nam shìneadh air mo leabaidh aonranach a’ caoineadh ’s a’ rànaich, no nan nochdainn a-mach idir, a bhith coimhead aig a’ char as lugha muladach, duilich, ìseal – is chan ann a’ bualadh doras na bùtha romham le blìon gàire is “Sin sib’ fhèin!” ri bean Iòsaiph, “Abair fliuch! ”, mar nach biodh an t-uisge cur barrachd dragh orm na air na lachain. Cha robh mi tuigsinn idir dè bu choireach gu robh i a’ coimhead orm cho truasail, agus shaoil leam nach robh ann ach a’ mhiann ’s a’ mhosaireachd a bh’ air cùl nan oidhirpean ri thoirt gum aire nach robh mi air biadh gu leòr a cheannach.
“Mmm, droch rud a th’ ann dol far do bhiadh” aicese, “mmm, feumaidh boireannaich a bhith faiceallach.” Bha e mòr leam a ràdh rithe nach ceannaicheadh duine sam bith ’s an ciall ’s an reusan aca ach na dh’fheumadh iad aig na prìsean acasan, ’s gum bithinn a’ cur m’ aghaidh air a’ Cho-op cho luath ’s a gheibhinn an càr air ais.
Oifis a’ Phuist. Aghaidh thruasail eile. Cathy a’ coimhead gu dùrachdach nam aodann – feuch a bheil na guireanan a’ fàs dad nas gainne?
“Thu fhèin gu dòigheil, a Chatrìona, m’ eudail? Gu sunndach?” Cha robh dad sunndach mun ghuth aice, no an dòigh làn co-
fhaireachdainn san robh i coimhead orm, na sùilean a’ snàmh ann an uisge a chuireadh fairis ann an tiotan nan toirinn dhi adhbhar. Shìorraidh, chan eil ann ach broth, agus tha e dol nas fheàrr, cha b’ urrainn barrachd crith a bhith na guth nam biodh i faighneachd do chlann King Lear dè ’n triom a bh’ air an athair.
“Tha,” arsa mise, “tha mi faireachdainn gu math nas fheàrr. Cha chreid mi nach bi a h-uile càil seachad ann an latha na dhà, gun guth mu dheidhinn tuilleadh, agus ’s mise an tè a bhios sona!”
“Seadh?” ars ise. “Sheadh ... O.” Seòrs’ de dh’osna.
“Seadh ... ”
Shìn i dhomh na stampaichean, ’s thug mi mo chasan leam.
Sheas mi treiseag aig uinneag a’ Phasgain, a coimhead nan coinnlean ’s nan soithichean; chithinn Salome trang mar as àbhaist — ga coimhead fhèin san sgàthan feuch an robh i coimhead cho math ris an turas mu dheireadh a thug i sùil ann, còig mionaidean air ais. An taobh clì — smiogaid an-àird a-nis — sìos — sùilean fosgailte cho fad ’s a dheigheadh iad le neo-chiontas — chan e, ’s e bh’ ann ach seòrsa de chlisgeadh. Bha i dìreach air mothachadh dhomh. Smèid mi ’s chaidh mi staigh.
“Hi, Cheit! Dè tha dol?” Ghabh i ceum air ais. “Na gabh dragh dhen bhroth: chan e rud gabhaltach a th’ ann idir.” Nach bu mhi an òinseach, nàdarra gu leòr gun clisgeadh i a’ faicinn rud cho cunnartach ri plugain a dh’fhaodadh sgaoileadh air feadh a craiceann luachmhor fhèin. “Chan fhac’ thu Niall?” Bha mi teannadh ri faireachdainn gum biodh e cho math nach tachradh iad, Salome is an t-aodach a’ tuiteam dhith mar as àbhaist: chanadh tu gu robh an sgiort agus an lèine bheag coltach ri feadhainn sam bith eile an latha a cheannaich i iad — agus
bhitheadh iad coltach ri feadhainn sam bith eile nan cuireadh nighean eile oirre iad – ach aon uair is gu robh iad crochte air cnàmhan Cheit Effie Sheòrais, bha beàrnan, is fosglaidhean, a bha leigeil osagan fionnar gaoithe a-staigh – cianail fallain, tha mi cinnteach – agus a’ leigeil earrann bodhaig a-mach. Bha luchd-turais a’ cosg fortan anns a’ Phasgan as t-samhradh, fireannaich Ameireaganach gu sònraichte. Feadhainn mhòra dhearga, thigeadh iad a-mach a’ suathadh am bathais ’s a’ fosgladh coilear na lèine, ged nach robh rian gu robh i cho blàth a-bhos againne ’s a bha i air raointean Texas.
Cha robh i air guth a ràdh fhathast. “Chan fhac’ thu sgeul de Niall air an rathad an-diugh?”
“Chan fhac’ an-diugh idir,” ars ise.
“Ceart ... OK, ’s fheàrr dhomh feuchainn sìos chun na garaids ma-tà ... ” Thòisich a’ fòn aice air seinn: “Horò, mo nighean donn bhòidheach.” Dè an seòrsa creutair a roghnaicheadh siud air a’ fòn? Cha robh a leithid de rud ri nàire innte. Bha e a cheart cho math dhomh dèanamh às – dh’aithnich mi air a h-aodann gun e Leannan-na-Seachdain-sa a bh’ ann, agus cha leigeadh a leas neach sam bith aig nach robh ach cromosòm-x smaoineachadh gun cluinneadh i facal a chanadh iad tuilleadh – bha cluasan Salome a-nis air a’ bhann eile, ag obair air FM, mar a thuirt Catrìona uaireigin, Fir a-Mhàin.
Bha an càr deiseil! Mach à seo gu bùth a’ Ghlinne agus cheannaichinn de bhiadh na chumadh a’ dol mi gus am faighinn air falbh is air ais gu Lunnainn ’s gum obair fhèin. ’S dòch’ gu robh còir agam a bhith air cromadh sìos taobh a’ bhealaich – ach bha biadh reòthta agam, is cha b’ e obair chòig mionaidean a bhiodh ann cur an ceann Nèill MhicArtair gun i am boireannach
ceàrr air an tàinig e cho obann an-dè. Bharrachd air a sin, dh’fhaodadh am fear eile bhith staigh — cha robh rian agam air an sgeulachd innse ’s am burraidh bàn anns an èisteachd, cha bhiodh smaointinn aig a’ chliostar ud air a bheul a chumail dùinte.
Bha mi cho sona a’ tilleadh chun an taighe le na pocannan làn ’s a’ dèanamh dealbh dhìom fhèin sìnte air an t-sòfa ag ithe rudan blasta, a’ leughadh a’ phàipeir, CD a’ cluich gu socair agus mi cunntais nan lathaichean, ach cha robh oisean romham air bòrd no clàr-obrach a’ chidsin far an leiginn às iad. Flùr. Siùcar. Soithichean bèicearachd. Air falbh glan às mo chuimhne. Cha robh an iomairt a’ coimhead faisg cho tarraingeach ’s a bha i sa mhadainn.
Nise, Iseabail, chan eil ann ach an dearg ghòraiche bhith clisgeadh ro leth-phunnd flùir agus dhà na trì uighean. Cha dèan iad dad ort. Tha boireannaich air feadh na rìoghachd a’ dèanamh seo. Tha, agus bha, tro na linntean. Agus do phiuthar Catrìona, cha mhòr gun smaoineachadh air. Bheil thu ag ràdh nach tèid agad air? Ceart, stuth na bùtha a chur seachad, an doras glaiste, muilchinnean a thruiseadh, am pàipear aig Catrìona mu mo choinneamh, anail a tharraing: flùr is spìosraich is sòda ann am bobhla, ceart. Chan eil maill ann. Dè th’ ann an tomhas ach matamataig, bha mi riamh math air. Ìm is siùcar dhan phana. Agus? Seo e, ceud grama sioraip agus ceud grama trèigil.
Ciamar a tha mi tomhas trèigil is siorap?
Chosg e deannan math uisge teth is siabainn, gun tighinn air – ciamar a fhuair trèigil dham fhalt? — siampù, mus tàinig mi chun a’ cho-dhùnaidh gum feumadh gu robh dòigh shònraichte aig Catrìona air faighinn timcheall air an duilgheadas seo. Bha
an t-eabar milis a-nis anns a’ phana co-dhiù, ach dh’fheumainn-sa suidhe is m’ anail a leigeil mus fheuchainn chun an ath cheum ... chan eil RIAN ... Ceart. Suas an staidhre. Briogais ghlan. Sgoladh uisge fuar air m’ aodann. Bha rudeigin ann an sùilean na tè anns an sgàthan – O, na bi coimhead. ’S cinnteach gu bheil na tha sa phana air leaghadh ... FÀILEADH AN LOSGAIDH!
Mìorbhail nach do bhrist mi mo chas air an staidhre. Siùcar loisgte, seach rud sam bith, bha mo stamag a’ cur charan dhith fiù ’s às dèidh dhomh am pana a thilgeil chun a’ chnuic. ’S ann a bha i miannachadh a leantail.
“Hoigh! ’N ann às do rian a tha thu! Theab mi siud fhaighinn mun chlaigeann!” Cha do theab idir, bha e troighean bhuaipe, cò chunnaic riamh i, agus cò bha ga h-iarraidh co-dhiù, Rona Carmichael, dè bha i dèanamh an seo.
Lean i staigh mi is choimhead i timcheall. Bhuail e orm nach robh dòigh air thalamh nach fhàgadh coltas a’ chidsin amharasach i, i fhèin is Catrìona mar dà cheann eich, cho còrdte, is làn-fhios aice gun dèanadh an tèile cèic a-mach à èadhar is dealt mura biodh an còrr aice. Dh’fheumainn fhèin aideachadh gun canadh fianais gu robh suaip aig cidsin sgiobalta Chatrìona ri fail-mhuc às dèidh crith-thalmhainn. Agus cha robh sùilean biorach Rona – cha robh cuimhne agam chun a seo cho beag ’s a bha iad – a’ fàgail òirleach gun mion-sgrùdadh.
“Rud beag troimh-a- chèile ... ” arsa mi fhèin ann an guth fann. An-dràsta mhothaich mi gu robh sruth trèigil air ruith sìos bho bhobhla na sgèile, thairis air a’ chlàr-obrach, agus gu robh e a’ cruthachadh seòrsa de bhoglach am measg nan carpet tiles às an robh mo phiuthar cho moiteil, air an sgeadachadh le
dustadh min-flùir mar crathadh sneachd’ air a’ mhòintich. Bha Rona ullamh coimhead. Sheall i orm fhèin leis an dà ghimleid ghlas.
“Chan eil càil a chuimhne agad, a bheil?”
“Tha, fèill-reic na sgoile, tha mi dìreach an sàs ... ”
“Chan e na fèill-reic na sgoile! Agus bha fhios agad air.” Bha na gimleidean ag amas thairis air mo ghualainn air mìosachan a’ chidsin, far an robh, bha e dìreach air tilleadh thugam, ‘*R’ sgrìobhte mu choinneamh Diardaoin.
“Rona?” Cha robh ’n còrr dòigh air faighinn às. Dh’fheumainn innse dhi. “Fhios agad, cha mhi, tha mi ciallachadh chan i, ciamar a chuireas mi seo ... ”
“Tha e soilleir gu leòr dhòmhsa,” ars ise, ann an guth a bha cuideachd cho geur is cho tioram ri gimleid. “Air bith dè no cò th’ air d’ aire, chan eil càil a chuimhn’ agad gun e mo cheann-bliadhna th’ ann. Thig a-nuas, ars thusa, nì mi fhèin lasagne, is seòclaid mousse, gheibh sinn botal fìon.” Cha mhòr nach canainn gu robh i caoidh an t-seòclaid mousse barrachd na an dìochuimhne no am beag-diù aig a caraid. “Thug thu an t-sitig do Niall bochd an-dè agus suarach agad mo cheann-bliadhna-sa. Air bith dè tha thu minigeadh leis, a Chatrìona, cha chreidinn gu bràth gun dèanadh tu a leithid!”
Ged a dh’fheumainn aideachadh, bha e doirbh na faclan fhaighinn a-mach.
“Iseabail a th’ ann. Tha Catrìona ann an Lunnainn.”
Ach bha ise na boil.
“Cha leig thu leas tòiseachadh le leisgeul, tha e dìreach SUARACH ... dè thuirt thu?”
“Iseabail. Mise th’ ann.”
Chaidh na gimleidean nan sàsaran.
“Iseabail?”
“ ’S mi.”
“Iseabail? Bheil thu cinnteach?”
Bha seo cho gòrach is gun tug e gàire orm. Chuir i a ceann gu aon taobh – thàinig seòrsa de choltas seòlta air a h-aghaidh, cleas cruiteir nach robh deònach cus a phàigheadh aig rup chaorach – is sheall i sìos is suas. Chrath i ceann. “Iseabail? Ach carson idir ... ?”
Taing dhan àgh, thòisich i air gàireachdraich.
“Nach bu sibh – ach carson?”
Mhìnich mi dhi an sgeul o bhun gu bàrr. Mì-fhortanach gun ann air sèithear an trèigil a shuidh i nuair a chaill a glùinean an lùths a’ lasganaich. Chead eile aice: shaoil leam gun do dh’aithnich mi gu robh i toilichte gu leòr gun ann ormsa a bha am broth loibhte is nach ann air Catrìona. Furasta gu leòr a bhith rèidh leatha, Rona, ach cha bhi sinn gu bràth nar dlùth-charaidean. Dh’aindeoin sin, bha i gu feum, ’s i bha.
“Ach dè mu dheidhinn Nèill? Carson nach do dh’inns thu dhàsan? Ciamar, uh, ciamar a chaidh agad air ... GUN innse dha?”
Robh de dh’aghaidh oirre is gu robh i faighneachd ... ?
“Thàinig e staigh ann an seo mar tornado is ... ”
“Pòg mhòr is thugainn-suas-an-staidhre?”
“Mm.”
Feumaidh gu bheil Catrìona a’ toirt aithisgean gu math mionaideach dhi.
“Ghabh e san t-sròin e nach robh ceud cabhag ort d’ aodach a thilgeil sear is siar? Ghabh e rùid is a-mach leis?”
“Sin dìreach e.”
“Fhios agad,” arsa Rona, “chan eil Catrìona a’ faicinn aona lochd ann, ach tha an duine mar dhreallag – lasaidh e suas ann an tiotan, ach cha mhair an droch thriom mionaid; leagaidh an rud as lugh’ e is bidh e cho ìseal ... ”
Thug i sùil air a h-uaireadair.
“Thugainn, mach à seo sinn, tha e gu bhith còig is bidh na bùithtean a’ dùnadh, greas ort.”
“Na bùithtean?”
“Am Pasgan co-dhiù, is bidh Salome Sheòrais a’ dèanamh air MacCool’s, faodaidh tu bhith cinnteach às, gu h-àraidh ma tha fear aonranach feumach air cluas bhàidheil ri claisneachd is sùilean mòra dorcha ag innse dha cho fearail gasta ’s a tha e, thugainn, faigh do sheacaid.”
“Ach ... ”
“Ist led ach, chunna mi fhèin a-raoir ann i, cha robh mi tuigsinn bho thalamh dè bha fàgail Nèill an siud leis fhèin, is nighean Sheòrais a’ gabhail nan ciad cheumannan dhe h-iomairt. Bha i mar chat nuair a thòisicheas e air cluich le gloic de luch. Nam faiceadh tu mar a chaidh i as dèidh Dhòmhnaill Iòsaiph nuair a chrìochnaich i fhèin is Gòrdan. [Dòmhnall Iòsaph? O, an Teadaidh! Aha!] Feumaidh sinn Niall a shàbhaladh!”
Tha mi smaoineachadh gun deach Rona àrach air measgachadh dhen Famous Five agus Mills & Boon. Ach rinn i a’ chùis ... agus cha bhiodh e furasta às a h-aonais. Bha Niall romhainn sa bhàr ceart gu leòr, ach thionndaidh e a chùlaibh nuair a chunnaic e mise, is cha bhiodh e air facal èisteachd bhuam mura b’ e Rona. Gu fortanach, cha robh nighean Sheòrais air nochdadh: feumaidh gun deach i cuairt dhachaigh a dh’fhaighinn a h-armachd-
chogaidh airson Waterloo na luchaig a dhèanamh cinnteach. Cha robh Niall deònach aideachadh nach do dh’aithnich e gun i am boireannach ceàrr a bh’ aige na ghàirdeanan an latha roimhe, ach b’ fheudar dha gabhail ris. Bha e coimhead fada na bu laghaiche na shuidhe air taobh thall a’ bhùird – chaidh sinn uile mach gu biadh airson ceann-bliadhna Rona – is a chrògan trang le sgian is forca, seach a bhith cunntais m’ asnaichean. Mar a b’ fhaid’ air falbh a bha e, ’s ann bu mheasaile air a bha mi fàs. Mun àm a thug e an taigh air às dèidh mi fhèin is Rona a chur dhachaigh – cha robh rian aic’ air dràibheadh, botal dearg leis an dìnnear agus mar a bha i a’ stialladh air a’ bhranndaidh às a dhèidh – cha mhòr nach b’ e mo roghainn bràthar-cèile.
Rinn mi leabaidh dhi san rùm-chùil, siuga is glainne làn uisge fuar ri a taobh. ’S ann às dhèidh dhomh fhèin a dhol dhan leabaidh a smaoinich mi èigheach sìos feuch an robh i air cadal.
“Rona!”
“Mphnrg – dè?”
“Ciamar a tha thu a’ tomhas trèigil?”
“Anns a’ chrogan – tomhais an crogan is bheir às spàin is tomhais a-rithist e.”
Anns a’ chrogan. Cò smaoinich.
title | 8. Diardaoin – Iseabail |
internal date | 2008.0 |
display date | 2008 |
publication date | 2008 |
level | |
reference template | NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p |
parent text | Cleas Sgàthain |