9
Dihaoine – Catrìona
Brath ùr – leugh?
Bho MOBBEL:
N OK fios aig R sin OK? U? Fon am. B x
Agus sin na bh’ agam airson a bhith fònadh thuice fad an fheasgair – cha robh smid an siud – a’ cur teacs, feuchainn fòn Nèill, sin dheth cuideachd, feuchainn taigh Rona, cheart cho sàmhach. Fad an fheasgair a’ coiseachd sìos is suas, a’ feuchainn an tàinig teacs no post-dealain, ’s ag ithe – bha leithid de ghaoirich nam eanchainn is nach b’ urrainn dhomh smaoineachadh air a’ chòrr dòigh air an ùine chur seachad. Cha b’ urrainn dhomh smaoineachadh air dòigh sam bith air an ùine chur seachad, cha robh anns an ithe ach rud a bha tachairt dhomh nuair a choisichinn a-staigh dhan chidsin, cho nàdarra ri tarraing d’ anail.
Cha chreidinn gun do shluig mi aona ghrèim, leis an àmhghair ’s an imcheist – seall sin, nach eil sin a’ dearbhadh an staid sa bheil mi, cuiridh mi geall nach tuirt mi ‘imcheist’ riamh roimhe na mo bheatha, cha robh mi riamh san t-suidheachadh ... agus THA e doirbh a chreidsinn gum b’ urrainn dhomh aona ghrèim a shluigeachdainn, ach tha cruach shoithichean anns an t-sinc. Chunna mi iad nuair a dh’èirich mi ’son criomag tost mu leth-uair an dèidh ceithir, agus chan eil am frids ach falamh. Mhionnaichinn gu robh soitheach lasagne, leth-phunnd càise, uighean agus tomàto no dhà innte an-dè.
Agus airson càil a lorg a chuidicheadh duine gu cadal – todaidh? Bi feadaireachd. Leth-bhotal gin – cha chreid mi gun gabh. Tha am fàileadh fhèin gu leòr – chan eil rian air todaidh a dhèanamh leis a siud. Pacaid tì, a bha gealltainn gun cuireadh aona chupa seachad na do shuain thu ann an tiotan. Clàr air a cliathaich de lusan a chuireadh eagal air coineanach. Na do shuain: abair e, na do shuain leis an uabhas às dèidh blasad oirre – dèan dealbh dhìot fhèin an dèidh a bhith cagnadh coca-feòir? Fliuch? Ceart, cha robh e faisg cho math sin. Nas fhaisge, gu mì-fhortanach, air silage.
‘N OK fios aig R.’ Glè mhath. Ach dè mu dheidhinn ‘Fòn am’? Bheil ise dol a dh’fhònadh? Bheil agamsa ri fònadh? Dè ’n uair – cairteal gu sia. Mise na mo dhùisg agus i siud blàth saoirsneil fon chuibhrige. Srann aice, cuiridh mi geall. Chan aidich i idir gum bi srann aice, ach bithidh ge-tà.
Fònaidh mi aig a seachd.
Thèid mi craite a’ sìneadh ann an seo na mo làn-dhùisg airson uair a thìd’ eile.
Sgrobadh i, fònaidh mi aig a sia.
“Urrrr ... dè?”
“Dùisg! Mise th’ ann!”
“Cò ... O? mmhhh – uh!”
“MISE TH’ ANN.”
“O – Chatrìona? Dè ’n uair a tha e?”
“ ’S mi. Greas ort, inns dhomh a h-uile càil, carson nach do dh’fhòn thu a-raoir co-dhiù, bha mi air bhioran fad na h-oidhche, carson nach do dh’fhòn duin’ agaibh?”
“O – bha i anmoch ... nach do chuir mi teacs thugad?”
“Chuir, ag ràdh fòn a.m. , seo mi fònadh, dùisg, greas ort, inns dhomh.”
“O ... uhuh. Bha mi ciallachadh gu fònainn fhèin, nuair a dhùisginn ... dè ’n uair a tha e?”
“Ciamar a b’ urrainn dhòmhsa feitheamh gus an dùisgeadh tusa, nach eil agamsa ri dhol a mach a dh’obair a dh’aithghearr.”
“Dh’inns mi dhut ... h-uile càil OK ... ”
“ISEABAIL! Tha agamsa ri faighinn deiseil airson a dhol a-mach dhan oifis – gud obair-sa, ma tha cuimhn’ agad! D’ obairsa! Agus mus tèid mi ceum a-mach air an doras tha mi ’son a h-uile deamhain facal a chluinntinn mu dheidhinn mar a chuir thu cùisean ceart le Niall!”
“Fuirich – fan mionaid ach am faic mi – sia uairean, bheil thu glan às do rian, chan eil e ach sia uairean, cha d’ fhuair mi dhachaigh gu meadhan-oidhche ’s bh’ agam ri leabaidh a dhèanamh do Rona gun ghuth air cèiceannan na buinich agus an cidsin mar a dh’fhàg mi e, mar a b’ fheudar dhomh fhàgail, a dhol a ruagadh a’ chreutair dhan do ghabh thusa nòisean air feadh a’ bhaile! Siorram sìos, siorram suas, cha robh sgeul air Ruairidh againn!”
“Niall.”
“Tha fhios a’m – cha robh mi ach ... ”
“Cha robh thu ach – tha am baile cho mòr; tha mi cinnteach gun tàinig ort na maoir-chladaich agus heileacoptair an RAF a ghairm a-mach.”
“Dìreach Rona, is rinn i air an taigh-seinnse mar saighead – hoigh, carson nach do dh’inns thu dhomh? Bha an caoch dearg oirre.”
“Dè tha thu minigeadh?”
“An ceann-bliadhna aice – dh’fhiathaich thu gu dìnnear i ... ”
“O, murt – ’s mi tha coma an ceartuair, inns dhomh mu dheidhinn Nèill!”
* * * * *
“Ach ma tha a h-uile càil ceart gu leòr, carson nach eil e a’ fònadh?”
“Chatrìona.” Cha toigh leam idir e nuair a thòisicheas i leis a’ ghuth fhoighidneach, piuthar-as-sine-agus-as-glice tha siud.
“Chatrìona. Chionn ’s nach eil e ach ochd mionaidean deug às dèidh sia. Sa mhadainn. Agus ged a bhiodh e na làn-dhùisg, chionn ’s gu bheil thusa air a’ fòn, riumsa, agus nach fhaigh e troimhe. Tuigsinn?”
“Ach dè mu dheidhinn ... bheil thu cinnteach gun do dh’inns thu a h-uile dad dhomh?”
“Dh’inns, dh’inns, dh’inns – agus fònaidh mi fhèin thuige, aig àm ciallach! Agus eagal ’s nach cluinn thu bhuaithe, cuiridh mi post-dealain thugad, OK? Nach fheàrr dhut a-nis faighinn
deiseil is dèanamh air an oifis, bhiodh e math nam biodh tu staigh tràth, saoilidh Jeremy gum mi tha èasgaidh ... ”
Feumaidh mi aideachadh nuair a chuir mi sìos am fòn gun tug mi breab dhan chluasaig.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Nach tuirt mi riut gu robh a h-uile càil OK! Bha Niall a-bhos – a’ lorg àireamh fòn na h-oifis – bruidhnidh e riut aig tràth-diathaid, thuirt mi ris feuchainn mu 12.30, feuch nach caraich thu bhon deasg!
Innsidh e fhèin dhut am plàna a rinn sinn – cha do smaoinich mi riamh, ach tha e cho ceart ri ceart, mura bi e bhos an seo gu math tric fhad ’s a tha e aig an taigh, saoilidh daoine gu bheil rudeigin ceàrr. Tha sinn a’ smaoineachadh air a dhol a-mach gu dìnnear a-rithist, nach e sin a dhèanadh sibh co-dhiù, agus cuidichidh e leis a’ pheantadh, cumaidh sin a làmhan trang mus dìochuimhnich e cò th’aige.
Bx
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Chruthaidheachdan naomha, cha robh mi ach ri spòrs, cha chuirinn corrag air!
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Chan ann mar sin a bha mi ga chiallachadh! Cha chuirinn
corrag air chionn ’s nach eil gnothaich agam ris, do charaid-sa th’ ann, no barrachd air caraid, dè fios a th’ agamsa, cha do leig thu ort dad riumsa, ach feumaidh mi ràdh gun e caraid gu math blàth a ruigeas bhon doras-cùil gu bonn na staidhre ann an 0.1 diog. Tha acceleration aig an duine às am biodh iad moiteil aig Formula 1. Cha robh mi IDIR ag ràdh gu robh e grànda. Chan eil e grànda. Ach chan e, tha fhios agad glè mhath, cha robh na h-aon seòrsa fhear riamh a’ còrdadh rinn, tha e ro – co-dhiù, na gabh thusa dragh, cha bhoin mise dha. Ach mura bi e timcheall an seo bidh daoine a’ smaoineachadh gun deach sibh far a chèile – agus coma leat airson smodal, chan e sin idir e, ’s iad na clamhain-seilge bu chòir a bhith dèanamh dragh dhut, chan i nighean Sheòrais an aon tè a bha crathadh a cruachainn is rud sam bith eile a ghabhadh a chrathadh ann am MacCool’s oidhche Chiadain nuair a dh’fhalbh e às a seo làn bus is rùid. Aineolach ’s ged a tha Florabel, bha na balaich riamh dhen bheachd gu robh an taobh a-muigh aice gu math tarraingeach, agus cuiridh mi geall gun còrdadh fear aig a bheil na fiaclan air fad na pheirceall gu math nas fheàrr rithe na Guano bochd is iad mar cnagan-aodaich a chaidh a dhìochuimhneachadh air an ròp-anairt. Tha mi cluinntinn nach eil duin’ aig Tracy an-dràsta nas mò, agus ma tha thusa smaoineachadh gun e gaol leughaidh a chuir i siud chun na leabharlainn, tha thu fada fada ceàrr, ’s e cothrom gaol eile shireadh air feadh farsaingeachd na sgìre a tha a’ bhan mhòr a’ toirt dhi. Chan eil fir òg shingilte is am buadhan aca cho pailt is nach bi iad siud a’ cur biathadh air an dubhan! ’S ann a tha còir agad a bhith taingeil gu bheil mise cumail sùil air do chuid agus a’ dèanamh cinnteach nach bi an creutair na ìobairt aig na madaidhean-allaidh. Tha thu cho neochiontach, tha feum agad
air beagan de sheòltachd a’ bhaile mhòir. ’S math gu bheil mi an seo – cumaidh mise sàbhailte e. Dè an còrr a dh’iarradh tu?
B
PS Bheil thu smaoineachadh gun cùm Rona C a beul dùinte?
PPS Cha chreid mi gu leig e leas fuireach a-bhos air an oidhche – dè do bheachd?
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
’S math gu bheil thu an sin! ’N ann a’ call do chuimhne tha thu? No bheil greis o nach do choimhead thu ann an sgàthan? Tha thusa an sin, agus tha mise an seo, chionn ’s gu bheil MISE a’ dèanamh cobhair ORTSA, mise ann am breislich ag innse bhreug bho mhoch gu dubh a dh’aona ghnothaich gus nach fhaigh do cho-obraichean a-mach nach e aingeal a th’ annad, ach boireannach nàdarra le guireanan air a sròin. Chan ann gus cothrom a thoirt dhutsa mo bheatha chur bun-os-cionn! Am biodh e mòr leat, nuair a tha thu ullamh ga do mholadh fhèin, innse dhòmhsa cuin a gheibh mi dhachaigh às a seo? Cha chreid mi gun fhuiling mi seachdain eile dheth.
Agus na gabh thusa dragh mu dheidhinn Rona, tha fhios a’m nach bu toigh leat riamh i, ach ’s e deagh, deagh charaid a th’ innte dhòmhsa agus cha chan i guth. Cò dha a dh’innseadh i co-dhiù?
C
* * * * *
“Greylag Books, good afternoon!”
“Hallo – Catherine MacRae, please.”
“I’m sorry, we have no-one of that name here.”
“Yes, you do, actually – if you would just check and put me through.”
“I’m sorry, but as I said, we have no-one of that name.”
“Look, I know she’s there! Just put me through! Not too bloody difficult for you, is it?”
“I am sorry, sir, but I can’t help you. Perhaps if you checked who exactly it is you need to speak to ...?”
* * * * *
Còig mionaidean gu dhà – chan eil e dol a dh’fhònadh a-nis co-dhiù. Agus ged a dh’fhònadh feumaidh mise dhol gu coinneamh. Tha mi dìreach fann leis an acras. Agus tha a h-uile coltas air Jeremy agus cealgaire Bhearsden gu robh iad aig biadh còmhla.
* * * * *
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.iselnet
Tha de dh’aghaidh aig do leannan a thighinn a-staigh an seo mar lasair dealanaich a ghearain ’s a dh’èigheach gun tug mise dha an àireamh fòn cheàrr agus nach d’ fhuair e sgeul ort – mar nach biodh fhios agamsa air àireamh m’ oifis fhèin. Tha mi ’n dòchas gu bheil e beagan nas cinntiche mu na h-àireamhan air a’ chombaist, sin ma tha iad ga leigeil chun na stiùir idir. Bheil thu cinnteach gun e meat a th’ ann? Cinnteach nach eil iad ga
chumail air an t-soitheach airson seòrsa de mhascot? Bheil fhios agad dè rinn e? Dh’iarr e CATRÌONA NicRath. ’S math nach eil anns an òinseach a tha freagairt a’ fòn ach temp, tha barrachd am broinn bailiùin na tha eadar a dà chluais. Fòn fhèin gu sùgh do chridhe agus dèan beagan oideachaidh air. ’S mise an tè nach eil ga iarraidh a-bhos an seo a h-uile latha gus an till thu. B.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
PS Bha tè sa bhàr a-raoir le gàirdean briste, abair gun do rinn i sogan rium, air bith cò i, tè Ghallta, bleadraich mu cho còir ’s a bha e dhìom crìoch a chur air a’ gheansaidh aice – ’s i nach biodh taingeil nam feuchainn-sa ri lùb a chur air. Carson a tha thu cho diabhalta domestic?? ?? ?
Brath ùr – leugh?
Bho CATMOB
N OK++ Sguir a ghearain.
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Tha mi fàs caran iomagaineach mud ùghdar. Cha chreid mi gu bheil e còrdadh ris idir, idir gu bheil eileanach ag obair ann an seo – ma gheibh e a thoil fhèin, cha deighinn an urras nach rachadh plàna Jeremy airson cleamhnas mòr co-obrachaidh, ceanglaichean Ceilteach etc etc eadaraibh, suas ann an ceò.
Nuair a chaidh mi a-null dhan oifis mhòr airson na coinneimh
aig dà uair, bha e dìreach air dhà na trì shligean a thoirt às a phòcaid – gan sealltainn do chàch – ag innse dhaibh ann an guth tiamhaidh, socair gum biodh iad seo aige leis an-còmhnaidh, ceangal ri freumhaichean òige, fonn na mara ... Fonn na mara, fear nach tàinig na b’ fhaisge air na cuideigin gan dubh sheann dalladh a’ gabhail ‘Balaich an Iasgaich’ sa Phark Bar air oidhche hAoine. Bha eagal air nach gabhadh cianalas a mhìneachadh dhaibh ann am Beurla chruaidh Shasannach ... tha mi smaoineachadh gun do dh’aithnich e rudeigin air m’ aodann: cho math ’s a chòrdadh e rium a ràdh, ‘Stiall ort, mìnich dhòmhsa sa Ghàidhlig e, ma-tà’, no ’s dòcha dìreach gu robh mo bhrù ro fhalamh airson tòiseachadh air gòmadaich. Chan eil smaointinn aige gun aithne dhòmhsa cò th’ ann, ach ged a bha mi an dùil gum biodh a h-uile càil ceart gu leòr fhad ’s nach leiginn “Bill” a-mach air mo bhilean an àite “Evander”, chan eil mi nis cho cinnteach. Saoilidh mi gu bheil mi faicinn seòrsa de chrith anns an t-sròin bhioraich tha siud. Tha i amharasach. Tha i faireachdainn gu bheil rudeigin ga chleith bhuaipe. Rudeigin nach eil mar bu chòir.
Co-dhiù, chan eil an duine a tha a’ giùlain na sròine ach fuar riumsa – riutsa! – agus ’s ann aigesan a tha an cumhachd an-dràsta, esan a tha dol a chosnadh airgead agus cliù dhan chompanaidh, agus tha an t-uisge sruthadh mu fhiaclan Jeremy ag aisling mu dheidhinn. ’N dòchas nach gabh B na cheann nach bi tè às na h-Eileanan fada a’ tuigsinn cho tana ’s a tha an còmhdach Ceilteach aige.
C
PS Bheil guth aig a’ bhroth tha sin air falbh dhìot? Dè mu dheidhinn tiogaidean plèan?
title | 9. Dihaoine – Catrìona |
internal date | 2008.0 |
display date | 2008 |
publication date | 2008 |
level | |
reference template | NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p |
parent text | Cleas Sgàthain |