[5]

AN STAFFROOM

Bòrd air beulaibh na stèids. Trì, ceithir sèithrichean. Bòrd eile, cùl na stèids, ledispenserfaileasach bùrn teth, cupannan, mugannan, canastairean teatha is siùcair, sileagan cofaidh, pacaidean bainne etc.

Doras, taobh deas na stèids. Sèithrichean eile ris gach balla-taobh. Sreath dhubhanan air abhalla-chùil airson còtaichean. Uinneag, meadhan cùl na stèids.

Tha anstaffroomfalamh. Tron uinneig, tha aghrian adeàlradh, alìonadh an rùim le solas geal.

Abhliadhna aig toiseach an deilbh-chluich: 1960.

JESSIE atighinn a-steach dhan a’ staffroom ,atoirt dhith a còta, ga chrochadh air aon dhe na dubhanan. Boireannach ògbloubhs, sgiorta, brògan àrd le cniop. Tha i dol chun abhùird aig cùl na stèids, alorg muga, acur làn spàin de chofaidh ann, afeuchainn andispenserle làimhtha e tethalìonadh amhuga, acur bainne ann agus làn na spàin de shiùcar. Atighinns asuidhe aig abhòrd eile. Aseasamhs asgioblachadh a sgiort.

Asuidhe, le aon chas tarsainn air an tèile. Ag òl balgam cofaidh. Atoirt sgàthan às a baga, acoimhead rithe fhèin anns an sgàthan. Acur an sgàthain air ais dhan abhaga. Ag òl balgam cofaidh.

An doras taobh deas na stèids afosgladh. DÒMHNALL IAIN acur a chinn a-steach. Acoimhead ri JESSIE. Atighinn a-steach. Deise ghorm air. Còta air a ghàirdean. Iad acoimhead ri chèile.

D.I. Hallo, Jessie.

JESSIE À Nis, nach ann? ... stad dhiog ...

D.I. ... uh ...

JESSIE Bràthair Donnie, nach e? ... Dòmhnall Iain? ...

D.I. ’S e.

JESSIE (asuidhe air ais, le gàire beag) Seo a-nis! ... Agus tha gad fhàgail an seo?



[6]

D.I. Tha mi tòiseachadh an seo an-diugh.

JESSIE Anns an oifis? (D.I. agnogadh a chinn) Cha tusa Mr Macleod ... tighinn thugainn bho ... (D.I. agnogadh a chinn) ... Mo chreach-s’ ! Tha thug obair còmhrium fhìn a-rèist!

D.I. Miss Finlayson?

JESSIES e. (gàire beag) Uill ... (gàire beag) ... trobhad a-steach. Dùin an doras. (e tionndadh. Than doras dùinte) Fhuair thu lorg air a’ staffroom . (e tionndadh) Croch do chòta. Nach tu tha tràth?

D.I. Uill ... achiad latha ...

JESSIE Seo anstaffroom againn. do bheachd air?

D.I. (sùil timcheall) Glè mhath…

JESSIE (gàire beag) Cha robh thu fada afaighinn lorg air. (e crochadh a chòta air dubhan) Na croch e air an fhear sin ... peg Mr Anderson tha sin ... fuirich ... (adol tarsainn no stèid ... astads acoimhead ris) Ach , arsa mise rium fhìn, a thann am Macleod, Donald John ... bha fios am gur ann às na h-eileanan ... (asealltainn dubhan eile dha) Croch do chòtair an fhear-sa.

D.I. (acrochadh a chòta) ris a tha an oifis coltach?

JESSIE O ... (gàire beag) ... chan eil sinn cho dona ...

D.I. Chaidh mi gu oifis an Àrd-stiùiriche

JESSIE Bu dhìomhain sin dhut.

D.I. Ghnog mi. Ach cha do fhreagair duine.

JESSIE (acrathadh a cinn) Cha bhi duine ga fhaicinn.

D.I. ?

JESSIE An Àrd-stiùiriche.

D.I. Uair sam bith?

JESSIE Chunnaic mi e an- uiridh…aon uair. A dhruim adol a-steach a chùl càr. Còta Crombie air. Tha mi smaoineachadh gur e bhann ... (gàire tighinn air a h-aodann) chreideadh e! Geall nach eil cuimhnagad m faca tu mi mu dheireadh?

D.I. (làmh a-mach) Faod mi cofaidh ... ?



[7]

JESSIE Faodaidh! (stad ghoirid) Geall nach eil cuimhnagad. Còig bliadhna bhuaithe. (D.I. , aig abhórd, acrathadh a chinn. Atogail cupan ... ) Fàg an cupan sin. Cupan Mr Robertson tha sin.

D.I. O ...

JESSIE Thoir leat am fear sgàineach leis an t-srianag an-dràst.

E cur cofaidh, siùcar, bainne dhan achupan. Afeuchainn andispenserle làimh ...

N aire! Tha e teth!

... alìonadh achupain le bùrn teth. Atighinn chun abhùird.

Siuthad! Feuch an tomhais thu!

D.I. adèanamh son suidhe.

Na suidh air an t-sèithear sin. Sèithear Mr Macgillivary.

D.I. n suidh mi?

JESSIE Suidh air an fhear chruaidh sin an-dràst.

Iad asuidhe. Stad ghoirid.

JESSIE Innsidh mi dhut a-rèist. Chunnaic aigHighland Annualan Dùn Èideann. O chionn còig bliadhna. Càil a chuimhnagad, an robh?

D.I. Cha robh.

JESSIE Achiad bliadhna a bha thu anns an oilthigh. AnEldorado Ballroom, Leith.Bha thu ann còmhri oileanaich Obar Dheathain.

D.I. Cuimhne agamsair mòran mun oidhche sin ...

JESSIES beag an t-iongnadh! Bha thu gun bhliam leis an deoch.

D.I. Dhùisg mi anns an ospadal.

JESSIES beag an t-iongnadh! Bha thu na do dhalladh.

D.I. Vodkabu choireach. Air muin uisge-beath’. Polish vodkaa stòp duineigin sìos mamhaich.

JESSIE O! ... fhads a tha sinn leinn fhìn ... son gun chuimhnich mi (stad ghoirid) ... Chan e Jessie a thorm ... anns an oifis ... no anns a’ staffroom… (stad ghoirid) Ach Janet.



[8]

D.I. Janet?

JESSIES e.

Stad. An dithis agabhail balgam cofaidh.

D.I. cho fada – ?

JESSIE – ’s a tha mi air a bhithg obair an seo? Trì bliadhna, cha mhòr.

D.I. Eil e – ?

JESSIEacòrdadh rium? O ... (gàire beag) eil fhios agad ... (stad ghoirid) mu do dheidhinn fhèin?

D.I. rud?

JESSIE robh thu roimhe seo? Obar Dheathain, an ann?

D.I. ’S ann. Tuath air Obar Dheathain. (stad ghoirid) Ellon.

JESSIE il sin?

D.I. Tha shuas ... (làmh a-mach) ... tuath air Obar Dheathain. An rathad gu Ceann Phàdraig.

JESSIE Tha mi creidsgu bheil e gu math fuar shuas an sin. Anns agheamhradh.

D.I. Càite?

JESSIE Air achost an ear. An àite a thubhairt thu.

D.I. Ellon? O, tha. Nas fuar nan cost an iar. (sàmhchantas) Ach chan eil uiread de dhuisg’.

Sàmhchantas.

JESSIE mar a bhan obair? ... n roinn anns an robh thu?

D.I. Roinn?

JESSIEDepartment .

D.I. Ah! Uill, cha robh mi ... bha mi an siuds an seo ...

JESSIE Robh thu fada ann?

D.I. Cha robh uabhasach fada. (stad ghoirid)Trì mìosan. (stad ghoirid) Deich seachdainean.



[9]

JESSIE Con a dhfhàg thu? ’N e Eilean

D.I. Ellon.

JESSIEachiad àitanns an robh thu? Tha chiad àitan-còmhnaidh

D.I. (guth àrd) Bha e mar gum biodh tu air ais anns an sgoil! Mar gum be balach beag a bhannad!

JESSIE Chiad àitan-còmhnaidh mar sin. Tha cuimhnam, achiad àitanns an robh mi-fhìn

D.I. Bha aon bhalgaire de Shasannach ann ... againn ri dhol gu clasaichean ... seminarsa bhaig orra ...

JESSIE Bhas againne

D.I. Eil fhios agad thug e ormsa dhèanamh? Seasamh air beulaibh achlas agus bruidhinn son deich mionaidean

JESSIE Tch tch tch ...

D.I. – pàipear a leughadh a-mach bha mi dèanamh fad na seachdain – ’s carson

JESSIE Bha còir agad suidhe an cùl achlass do cheann a chumail sìos. Sin a bhios eileanaich adèanamh.

D.I. ’S cha be sin ach nuair a sguir minuair a sguir mithuirt e ris achòrr dhen achlas ceistean a chur orm! ‘Cuiribh ceistean air!’ thuirt e. Thòisich aon bhidsà Sasainn – sandalsis speuclairean cruinn

JESSIE Robh dhiubh-san ann?

D.I. Nach eil fhios agad gu robh! Baga raffia air a gualainn le canastair cut, pàtran fighes fhicheadrecipeson gobhar

JESSIE Cha be Ruth achiad ainm a bhoirr’? Bha againne an seo

D.I. Cha be ach Veronica. Thòisich i ga mo cheasnachadhceist às dèidh ceistle guth man sgian air truinnsear. Thuirt mi rium fhìn: Taigh na galla air a seo. ’S choisich mi mach.

JESSIE Ist ... !

D.I. Eil fhios agad chiad rud a dhfheumainn a dhèanamh, gach madainn, ann an Ellon? Ro chàil eile? Roinn a chur air na



[10]

pinseilean purpaidh! Mise! Aig a bheil C.A. C., B.O. D., agus Diploma. Rinn mi e son ceala-deug. Aig ceann na ceala-deug, thuirt mi ris aStiùirichecha robh e staighach bha an Iar-stiùiriche – ’s duine no dhithis eilechaidh mi steachgun ghnogadh – ’s thuirt mi riutharisan clàr an aodainn – ‘Chan e’, arsa mise, ‘sgalag dhuibhsedhuts’ – a thannamsa idir.’ ’S choisich mi mach.

JESSIE Tha thu cho coltach ri do bhràthair mòr!

D.I. Eh?

JESSIE Nuair than ainmein ort!

D.I. , Donnie?

JESSIE Man asgadan!

D.I. Bha sibh air an aon chlas, nach robh? ... an sgoil Steòrnabhaigh?

JESSIE Sia bliadhna. (guth socair) mar a tha e?

D.I. ’S ann leis tha an deise seo a thorm. a dhfhàg e aig an taigh. (acoimhead sìos ris fhèin) Tha sinn mun aon mheud.

JESSIE Tha i ... (afeuchainn ri lorg facail)

D.I. Rinn e toll beag anns an lìnig le fag. Sin as coireach gu bheil i agamsa. Cha chuireadh e fhèin air i às dèidh sin.

JESSIE bheil e?

D.I. Anns an lìnig. (afosgladh no seacaid) Cha mhòr gu faic thu e.

JESSIE Chan e ach Donnie. Pitlochry, nach ann?

D.I. Baile Chloichridh. Chan ann. Calum Uilleam a tham Pitlochry.

JESSIE il Donnie a-rèist?

D.I. Inbhir Nis.

JESSIE E fhèins an teaghlach?

D.I. n teaghlach?

JESSIE Tha e pòsta, nach eil?

D.I. Chan eil na



[11]

JESSIE Suirghe air -eigin, a-rèist?

D.I. Cho fads tha fios agamsa, tha e mar a h-uile eileanach eile dha leithid anns abhaile mhòr, agabhail smùid oidhche Haoines adol gu dannsa, adol gu gèam ball-coise feasgar Disathairn’ ’s agabhail smùid eile oidhche Shathairn’, ’s afuireach anns aleabaidh fad latha na Sàbaid le na pàipearan-naidheachds botal mòr Irn Bru. ’S adol air ais dhan asgoil madainn Diluain. Tidsear a thann.

JESSIES chan eil e pòst’? (gaire beag) chreideadh e? (stad) Ach ciamar a fhuair thu an obair air ais? Ma dhfhàg thu Ellon mar a dhfhàg thu?

D.I. Cha robh mi ga h-iarraidh.

JESSIE (guth cabhagach ... acoimhead air falbh bhuaithe) Chan e mo ghnothaich e.

D.I. ? O! ... (guth àrd) ’S e! ? ...

JESSIE (fhathast acoimhead air falbh) Còir agam faighneachd. Mo ghnothaich e.

D.I. Chan e, ach uill ... son an fhìrinn innse. .. nuair a thill mi dhachaigh ... an dèidh Ellon fhàgail. .. bha ma mhàthairs mathair ... rinn iad uiread de throd ...

JESSIE (ationndadh a cinn) Pàrantan mar sin co-dhiù.

D.I. ‘ chuir air ais an taobh-sthu?’ ‘Carson a-riamh a rug mi thu?’ Etc.

JESSIE Mo mhàthair-san aon dòigh

D.I. Dhiarr mi…direach son faighinn air falbh. .. dhiarr mi air Calum, bràthair mo mhàthar, litir a sgrìobhadh dhomh. À Glaschu. Dhiarr mathair air.

JESSIE Calum Greum, am ministear?

D.I. Agus aig an aon àm, dhiarr mi air Seòras, bràthair mathar litir a sgrìobhadh dhomh. À Dùn Èideann. Dhiarr mo mhàthair air.

JESSIE Seòras MacLeòid, am fear-lagha?

D.I. Agus sin a tha gam fhàgail an seo.



[12]

JESSIE Mo mhàthair-smar sin cuideachd. Gu trod. Chan eil a beul adùnadh.

D.I. Ach chan eil mi an taing duine aca.

Stad.

JESSIE Chan eil mathair gu math. Tha e le chridhe. Agearan le chridhe. (stad) Thuirt an doctair ris dèanamh air a shocair. Ach chan urrainn dha. Feumaidh e a bhithg obair. (stad) Uill. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu fuirich thu nas fhaide na trì seachdainean an seo.

D.I. Deich.

JESSIE Deich seachdainean.

D.I. Trì mìosan, cha mhòr. (stad ghoirid) Càil a dhùil agam.

JESSIE O?

D.I. (acoimhead ris an doras ... an uair sin) Eadar mi-fhìns tu fhèin, Jessie ... ’s na leig guth ort ri duine eile. .. ’s ann tha mise dol a dhfheuchainn gu muir.

JESSIE A sheòladh? Thusa?

D.I. (beagan diombach) Con nach tèid? Nas fheàrr na bhith glaistann an oifis fad mo bheath’.

JESSIE Uill. Ach ciamar ... ?

D.I. Tha mi air foirm fhaighinn. (moiteil) Bhon aPhool!

JESSIE Ach. .. nach eil thu car aost ... ?

D.I. Aig 22? 23? (stad ghoirid) Chan eil! Afoirm a lìonadh. ’S a cur a-steach. Sin na thagam ri dhèanamh. (luath) Cuimhnich nach innis thu dha duine.

JESSIE Janet.

D.I. Janet. (stad ghoirid) Seòrsa duine a thannamsa, Janet ... chan eil còir agam a bhith air mo chuingealachadh am broinn oifis. Glaiste. Am broinn oifis. Tha mi fàs…mì -shaoirsinneil. Do-riaraichte. (guth nas làidire) ’G iarraidh a bhith a-muigh anns an t-saoghal mhòr. Am measg dhaoine. Astreap crann soithich. Dùthchannan cèin. Sin seòrsa duine a thannamsa, Janet.



[13]

JESSIE (aseasamh) Uill ... anns an ùine ghoirid a tha thu gu bhith còmhrinn ... cho math an oifis a shealltainn dhut.

D.I. (aseasamh) Ceart. (ag òl a chofaidh) tha air ceann an oifis?

JESSIE Tomhais.

D.I. Cha tusa ... ?

JESSIES mi. (gàire beag)

D.I. O! ...

JESSIE Aon rud eile, mas tèid sinn sìos. ’S e Miss Finlayson a bhios agad orm anns an oifis. .. nuair a tha sinn ag obair. .. daoine a-machs a-steach ... eil fhios agad? ...

D.I. Miss Finlayson.

JESSIE Aguss e Beurla a bhios sinn acleachdadh anns an oifis. Fad na h-ùine.

D.I. (an dèidh smaoineachadh mu dheidhinn) Ceart. (stad ghoirid) Chan eil mi gu bhith cho fada innt’, co-dhiù ...

JESSIE Bidh sinn glè mhath còmhri chèile, nach bi?

D.I. Carson nach bi?

JESSIE (gàire beag) Ag obair.

D.I. (gàire beag) Miss Finlayson.

JESSIES e. (an uair sin) Bi taingeil nach do chuir iad sìos thu gu roinn Mr Anderson.

D.I. Dona?

JESSIE No suas gu roinn Mr Robertson.

D.I. Nas miosa?

JESSIE No null gu roinn Mr Macgillivary.

D.I. Eagalach?

JESSIE acrathadh a cinn.

D.I. Cuin a chì mi an Àrd-stiùiriche?

JESSIE O ... seachdain no dhà.



[14]

D.I. Nach bu chòir dhomh ... ?

JESSIE Ga fhònaigeadh a bhios sinn, mar as tric.

D.I. Chan eil thu rèist asmaoineachadh ... ?

JESSIE Cuiridh mi-fhìn fòn suas dhan oifis aige. Innsidh mi dha gu bheil thu air tòiseachadh. Mar sin, bidh fios aige. (stad ghoirid) Cha chaomh leis daoine bhith dol gu doras an oifis aige, gun adhbhar.

D.I. O ...

JESSIE Theirig suas an ceann seachdain no dhà. Ma bhios tu fhathast air son fhaicinn.

D.I. Ma bhios mi fhathast ann ...

Tha iad acoimhead ri chèile. Asuidhe. Acoimhead a-mach dhan talla. Tha an solas tron uinneig ag atharrachadh ... aciaradh beagan. D.I. aseasamh. Acrochadh a chòta air dubhan eile. Asuidhe.

JESSIE (ationndadh ris) do bheachd air antypewriterùr?

D.I. Bha an aon sheòrsann an Ellon. Chan fhaodadh duine strucadh ann ach arùnaire.

D.I. aseasamh, ’s afalbh leis an t-sèithear air a bheil e na shuidhe gu cùl na stèids. Atilleadh chun abhùird le sèithear eile. Asuidhe air a shocair ... agluasad a thòin sìos is suas. Asuidhe.

D.I. (ationndadh rithe) Thàinig Anderson a-steach dhan oifis againn an . .. bha thusa muigh ... ’s thuirt e riumsa a dhol chun achoinneimh meadhan-latha an àite Macrindle. Gu robh Macrindle aig tiodhlaigeadh duineigin ... a mhàthair. .. ’s gu feumainn-sa dhol na àite.

JESSIE Cuin a bha seo?

D.I. An-. Cha robh thusa staigh. Theab mi cantainn ris, an clab abhuis: ‘Youre not my boss. ’

JESSIE Fàg agamse.

D.I. ‘See Janet’ ,thuirt mi ris. ‘Do you mean Miss Finlayson? ’ars esan.



[15]

JESSIE Fàg thusagamse.

Tha i aseasamh, ’s adol a-mach.

An solas ag atharrachadh.

D.I. aseasamh, ’s afalbh le chupan chun abhùird aig cùl na stèids. Atilleadh le cupan eile. .. fear mòr gorm. Asuidhes atoirt balgam às achupan. JESSIE atilleadh a-steach.

JESSIE Fhathast a-staigh an seo, a bheil? Còir agad a bhith anns an oifis ... (acoimhead ri h-uaireadair) ... o chionn deich mionaidean. (nuair nach eil e freagairt) Co-dhiù. Tha rìoghailt ùr air a thighinn sìos bhon Àrd-stiùiriche, ’s chan fhaodar neach a thoirt a-mach às a roinn fhèin, à seo suas, son adhbhar sam bith, gun cead sgrìobhte bho cheann na roinne. Seo dha Anderson! (i suidhe) Nis, a Dhòmhnaill Iain, na gabh cais, ach bha thu fadalach an-diugh a-rithist ...

D.I. Mise?

JESSIE Bha. An-diugh a-rithist. Anns amhadainn. Bha.

D.I. Uill, ach ma bha. Seall an astar a tha mi bho ...

JESSIE Meadhan abhaile?

D.I. . .. meadhan abhaile!

JESSIE Muigh an Cnoc-Iordain a tha thu, nach ann?

D.I. (acunntadh le chorragan) Tha chailleach gam chur-sa-mach a h-uile madainn aig cairteal an dèidh seachd. Coiseachd bhon taigh guCrow Road.Bus 44 bhoCrow RoadguPartick Cross. Subwayà sin guBuchanan Street.Bus 54 no 54a bhoKillermont StreetguStonehouse . No 55guCoalburn .

JESSIE Bhiodh tu na bfheàrr le càr.

D.I. No 58 gu Strathaven.

JESSIE Càr beag.

D.I. Chan urrainn dhomh draibhigeadh.

JESSIE Tha mise agabhail leasanan. A h-uile oidhche Haoine, bidh Ronnie ... balach an-ath-dhoras ... atoirt dhomh leasan.

D.I. Ùidh a dhòrdaich Dia agam ann an càraichean.



[16]

JESSIE Ach tha iad feumail. Tha Ronnie ag ràdh

D.I. Bàtaichean, a-nis. Sin rud eile. Ore carriers.Tancairs ...

JESSIE Tàmailt a bhann mu do fhradharc.

D.I. Bha iad air mo ghabhail. Sin an rud as deuchainnaiche. Mura bitheadh am balgairecolour test.Tha iad agabhail dhaoine le glainneachan an-diugh anns aMherchant Navy. Ach an cois a h-uile càil, dhfheumainn-sa bhithcolour blind.

JESSIE Bha thu ro aost, co-dhiù.

D.I. Aig 24? 25? Cha robh!

JESSIE Uill ... (stad) il do ghlainneachan? Con nach eil iad ort?

D.I. mi chùis às an aonais.

JESSIE Dùil agam gu robh còir agad an cumail ort fad na h-ùine. Gun tuirt bodach nan sùilean

D.I. Bidh mi gan cur orm dha napictures . ’S a-null a dhIbrox. Dhfhaodainn a bhith air falbh na mo stiùbhard. Ach seòrsobair tha sin dha fireannach?

JESSIE ThaBarrington Drive ... far a bheil mise. .. gu math faisg air meadhan abhaile. Bidh mi-fhìns Marietta ... an nighean a thanns aflat còmhrium ... afaighinnliftbho Ronnie ...

D.I. aRonnie tha seo?

JESSIE Dhinns mi dhut. .. suasWoodlands RoadguCharing Cross ...

D.I. Cluinntinn fiach na làithean-sach Ronnie ...

JESSIE Trèine à sin guHamilton Central.

Tha i aseasamhs adol a-mach. An solas ag atharrachadh.

D.I. aseasamh, ’s acrochadh a chòta air dubhan eile. Atoirt pàipear-naidheachd à pòcaid a chòta. Asuidhes atòiseachadh ga leughadh.

JESSIE atighinn a-steach. Sgiort eile oirre, nas giorra. Bloubhs tana, fosgailte. Falt na chuailean. Tha i dol chun abhùird aig cùl no stéids, atogail cupan craobhach, acur cofaidh ann, afeuchainn andispenserle làimhtha e tethalìonadh achupain le bùrn teth, acur bainne dhan achupan, acur achupain air sàsar ...



[16]

JESSIE Mi air sgur dhen t-siùcar ...

Atighinn a-null chun abhùird. Asuidhe.

D.I. (cur sìos aphàipeir) Tomhais thuirt anjanitorrium. Macfadden. Dhfhaighnich mi dha mu naradiators . ‘Why, ’arsa mise ris, ‘are we freezing to death in the office?’ ‘Not my department, Jimmy, ’ars esan. Sin afreagairt a fhuair mi. Jimmy! ‘Try the resident engineer, ’ars esan. -mhodh? Mura be glè bheag dhomh, dhfhònaiginn an Àrd-stiùiriche.

JESSIE Mas e do thoil. Achs e an rùnaire a fhreagras.

D.I. O ...

JESSIE Tomhais robh mi-fhìns Ronnie a-raoir, uill, ìnnsidh mi dhut. Taigh-bìdhe Innseanach! AShish Mahal, airGibson Street.Robh thu riamh innte?

D.I. dhith thu? Cat?

JESSIE Dùin do bheul, cha be achsteakischips ,ach fuirich gun innis mi dhut bhaig Ronnie. Pakora ! Poppadums!Fios aige air amhenu bho cheann gu ceann. Lamb rougan josh! Chapattis!Rudeigin eile. Dùil agam, nuair a thàinig an duine dubh leis an chapatti, gur e clobhd-sgùraidh a bhann, mar a bhios iad a toirt dhut anns anChineselepork spare ribs!An gàire a rinn Ronnie! ...

D.I. Bidh sibh dol dhan anChinesecuideachd?

JESSIE Ma, tha min dùil! (stad ghoirid) Na can rium nach robh thu riamh ann anChinese ?

D.I. Cha robhs cha bhi.

JESSIE Tha sinn adol a-mach gu Balmaha latha na Sàbaid-satighinn. Picnic lunch.Thacanoeaig Ronnie air Loch Lomond. Tha e ag ionnsachadh Gàidhlig. ’S mo mhàthair atilgeadh ormsa nach pòsadh duine a-chaoidh mi! Na dhinns mi dhut muninterviewa bhaig Ronnie? Bhainterviewaige. Cost Accounts, Eastern Division.Triùir dhaoine mu choinneamh. Achiad cheist: am pàipear-naidheachd a bhios tu leughadh, Mr Herbison? AnGlasgow Herald,arsa Ronnie. An Economist. ’S am Beano. Fhuair en t-seoba.



[18]

D.I. Eil fhios agad de Ghàidhlig a thairinterview ?Agallamh.

JESSIE Carson nach eil thusa acur a-steach son t-seobaDeputyanns an roinn seo fhèin? Nach eil athìdagad? Salary in accordance with age and experience ... ’s co mheud bliadhna a-nis a tha thu air a bhith an seo? . .. leannual increment,mar tha fios agad, airrelated sliding scale,maille ripension scheme, superannuation,diathad an-asgaidh gach latha anns achanteens do iuchair fhèin dhan taigh-bheag. Carson nach eil thu faighinn foirm? ’S ga lìonadh? ’S ga cur a-steach?

Stad.

D.I. Tha dealbh Dopey anns aGhaseat an t-seachdain-s’ . Apòsadh Ghearmailteach.

JESSIE (aseasamh air a chùlaibh, ’s acoimhead ris aphàipear tarsainn air a ghualainn) ’S e, mo mhionnan! Nach e dhfhàs liath! (stad ghoirid) n clas air an robh e?

D.I. An clas romham-s’ .

JESSIE An clas às mo dhèidh.

D.I. Tha e anns an Arm. Chaidh e dhan Arm nuair a dhfhàg e asgoil.

JESSIE Bha Ronnie anns an R.A. F. bhliadhna.

D.I. Thachair rud neònach dha Dopey nuair a chaidh e dhan Arm. Chaill e Ghàidhlig.

JESSIE (ga phutadh air a ghualainn) Ist! ...

D.I. Choinnich mi e air aMhol a Tuath. Mise fhathast san sgoil, ’s esan aig an taigh airleave ,an deise an Airm, air taobh-muigh aMhacs. Aguss ann am Beurla a bhruidhinn e rium. Bhruidhinn mise risesan ann an Gàidhlig. Achs ann am Beurla a fhreagair e mi.

Stad.

JESSIE Carson a tha thu coimhead rium mar sin?

Tha e seasamh, ’s adol a-mach.

An solas ag atharrachadh.

JESSIE afosgladh a baga, toirt Kleenex a-mach àss aseideadh a sròin. Atoirtcompactcruinn le sgàthan às a baga, cur fùdar air a



[19]

sròin. Adùnadh achompact, adùnadh abhaga, afosgladh aphàipeir-naidheachds atòiseachadh ga leughadh.

D.I. atighinn a-steach. Deise eile air, a tha beagan ro mhòr dha. Cuisean aige na làimh.

D.I. Deise eile bho Dhonnie mo bhràthair. (acoimhead sìos ris fhèin) do bheachd?

JESSIE (atoirt sùil oirre) Hmm. .. (aleughadh aphàipeir).

D.I. Stracadh beag anns aghobhal aice, a ghrob mo mhàthair le snàthad mhòr. Dhiùlt e a cur air às dèidh sin. (acoimhead sìos ris fhèin) Beagan ro mhòr dhomh, a bheil?

JESSIE aleughadh aphàipeir.

D.I. (acumail a chuisean suas) Thàinig e mu dheireadh thall!

JESSIE (aleughadh) Hmm ...

D.I. Feasgar an-. Bho mo mhàthair. Air an dàrna post.

Tha e atòiseachadh aceangal achuisein, leis na sreangannan a thair aig gach còrnair, ris an t-sèithear.

JESSIE Mas cuireadh mo mhàthair-scàil mar sin thugam ...

Tha an cuisean ceangailte. Tha e asuidhe air. Aseasamh. Agluasad a thòin sìos is suas. Asuidhe.

D.I. (dòigheil) Gabhadh Dalrymple air suidhe nam àite-sa-nis! Na duineile ac’! (ationndadh ri JESSIE) tha ceàrr orts’?

JESSIE Mi leughadh aphàipeir.

D.I. mar tha Ronnie na tìdeachan-s’ ?

JESSIE (fhathast aleughadh) O ... tha sin seachad.

D.I. Eh? (stad ghoirid) Cuin a thachair seo? . .. Cuir sìos am pàipear sin.

JESSIE O ... o chionn trì seachdainean.

D.I. Dùil agam gu robh sibh. .. gu robh e ag ionnsachadh Gàidhlig ... ?

JESSIE Chan eil, ma-thà. (stad ghoirid) Nas fheàrr às aonais.

D.I. dhiarradh tu air Gall, Janet? Na sguir iad a-riamh a mhealladh nan nìghneagan Gàidhealach?



[20]

JESSIE O ... dùin do chab! (atogail aphàipeir-naidheachd).

D.I. An Gall mosach, gun mhodh, gun dhreach.

JESSIE (aleughadh a-mach) ‘ ... Mackenzie . At Lewis Hospital ... to Joan and John Neil’ ... Nach e sin John Neil a bhair clas Dopey? Às na Lochan?

D.I. (aseasamhs acoimhead ris aphàipeir tarsainn air a gualainn) ‘Tulach Àrd, Ràinis’ . .. ’S iongantach man ar e. (làmh air a gualainn) Carson a bha thu fhèin aleannanachd ri Gall?

JESSIES an Joan tha sin? Nee Macleod? (coimhead suas ris) Chan e Sùsaidh, an e?

D.I. Chan e. (acur a làimh air a broilleach)

JESSIE (atoirt leum aist’) tha thu dèanamh, a bhalaich?

D.I. apògadh a lethcheann.

JESSIE (afeuchainn ri làmh a theiche) ’N ann air thu fhèin a chall a tha thu?

D.I. Thèid sinn a-mach gu diathad Dihaoine. A dhàite ceart.

JESSIE (coimhead ris an doras ... guth nas socaire) Sguir a-nis. Mas tig duine steach.

D.I. ’S dhan aPhark oidhche Shathairn’. (acur a làimh eile air a broilleach ... a bheul ri cluais) Airson soitheach no dhà.

JESSIE (guth nas cruaidhe) Sguir, thuirt mi riut!

D.I. ’S dhan Dorchester madainn na Sàbaid. Son bheag a chuireas ceart sinn.

JESSIE (teiche nan làmhan aige bho broilleach) Tha fàileadh bho danail. .. eil fhios agad air a sin? Mar leann lobht’.

Tha e adol air ais gu shèithear. Asuidhe. An dithis acoimhead a-mach dhan talla.

An solas ag atharrachadh.

D.I. Bha Sùsaidh an Obar Dheathain ... an aon àm rium fhìn.

JESSIE Chunnaic mi Ronnie feasgar Disathairn’. AirGreat Western Road.

D.I. Phòs i duine dubh. Nigerian .



[21]

JESSIE Ach chan fhacesan mise.

D.I Doctair. Tha i ann an Lagos còmhris.

JESSIE Seacaid chorduroy air ... (ationndadh ri D.I. ) Duine dubh?

D.I. Man abhìth.

JESSIE Cha chreid mi ... (acrathadh a cinn)

D.I. ?

JESSIE ... gun còrdadh e rium a bhith pòstaig duine dubh. (acoimhead ri D.I. le drèin air a h-aghaidh) Duine dubh no drungair. (na suidhe, còig diogan, drèin air a h-aghaidh. Aseasamh ... ) Na bi ro fhada gun thighinn sìos dhan oifis. ( ... adol a-mach)

An solas ag atharrachadh.

D.I. aseasamh, dol chun abhùird aig cùl na stèids, atogail muga mòr geal bhon abhòrd, acur cofaidh, bainnes làn na spàin de shiùcar ann, afeuchainn andispenserle làimhtha e tethalìonadh achupain le bùrn, atilleadh chun abhùird aig beulaibh na stèids. Asuidhe. Agabhail balgam cofaidh. Aleth-sheasamh. Agluasad a thòin sìos is suas air a chuisean. Asuidhe.

D.I. (dòigheil) Feuchadh Macavennie na duineile suidhe na màite-sa-nis!

JESSIE atighinn a-steach. Twinset .Sgiorta dhubh, sìos seachad air a glùinean. Brògan gun chnuip.

JESSIE tha gad fhàgail an seo? Con nach eil thu shìos anns an oifis?

D.I. n uair a tha e?

JESSIE (asealltainn a h-uaireadair dha) Fichead mionaid!

D.I. n diofar son cairteal na h-uaireach? Fichead mionaid?

JESSIE Gun tuirt mise riut fuireach anns an oifis. Sin an diofar!

D.I. Cha robh car agam ri dhèanamh.

JESSIE Na sgrìobh thum prògram ùr?

D.I. Sgrìobh.



[22]

JESSIE Na thaip thu e?

D.I. Taipidh Shirley e.

JESSIE Cha thaip.

D.I. Carson?

JESSIE Thuirt mi riutsa thaipeadh.

D.I. OK. Cho luaths a gheibh mi cataraids ùr dhan antypewriter .

JESSIE (crith na guth) ’S e rud, gun tuirt mi riut fuireach anns an oifis, gun tillinn bhon achoinneimh mhìos. ..

D.I. Yes , Miss Finlayson. (ag òl balgam cofaidh)

JESSIE ... ’s nach do dhfhuirich. Sin an rud

D.I. aleum gu chasan. Asèithear atuiteam.

D.I. (guth àrd, ainmeineach) Gam òrdachadh air ais sìos innta tha thu? ’N e sin a tha thu dèanamh?

JESSIE (guth àrd, ainmeineach) Agus sguir a dhòl do theatha leis an spàin anns achupan!

D.I. (ag èigheachd) Cofaidh a thann! Cofaidh!

JESSIE (ag èigheachd) Chuireadh tu abhuidheach air na coin!

D.I. (ag èigheachd) Siuthad! Can e! Thoir an òrdugh! (adèanamh air an doras) Taigh na bidsair a seo! (adol a-machs adùnadh an dorais, le brag, às a dhèidh)

An solas ag atharrachadh.

Tha JESSIE asuidhe, afosgladh a baga, atoirt pacaidfagsislightera-mach às, acur thuigefag .Na suidhe asmocaigeadh.

Acluinntinn duineigin atighinn. Tha i acur nafagàs, le cabhag, ann an sàsar a thair abhòrd.

D.I. atighinn a-steach. Glainneachan air. Deise chlabach chlò, nas motha nan a bhair roimhe seo.

D.I. Tha mi duilich. (stad ghoirid) Janet?

JESSIE ?

D.I. Tha mi duilich, thuirt mi.



[23]

JESSIE Glè mhath.

D.I. Chan eil e glè mhath. Bha mi ceàrr ... eil thug èisteachd? Bha mi ceàrr. ’S tha mi ga aideachadh. (stad ghoirid) ’S tha mi duilich.

JESSIE Cha chan sinn an còrr mu dheidhinn.

D.I. ’S ma tha thu deònachlifta thoirt dhomh gach madainn ... mar a thubhairt thu. .. anns aMhini ... uill ...

JESSIE Ma tha thug iarraidh.

D.I Chan e ach ma tha thusag iarraidh! Tha miseg iarraidh! Nach eil fhios agad gu bheil miseg iarraidh!

JESSIE Sin ceart gu leòr, a-rèist.

D.I. Gheibh mi 10 no 10A bhoBath StreetguKelvinbridge .Dìridh mi staidhre a’ subway , ’s faodaidh tu mo thogail air taobh thallGreat Western Road.

JESSIE Thig mi air do thòir. Ma tha thug iarraidh.

D.I. Chan e ach ma tha thusag – (stad) An tig? BhoAnniesland ?

JESSIE n t-sràid air a bheil thu?

D.I. Earle Street. (stad ghoirid) Campbell Street.

JESSIE Dùil agam gu robh thu airOtago Street.Còmhri Dòmhnall Handaidh.

D.I. Dhfhàg mi. Tha rùm agam dhomh fhìn a-nis airCampbell Street. Bedsitter.

JESSIEN ann a-mach air a chèile a chaidh sibh?

D.I. ?

JESSIE Thu fhèins Dòmhnall Handaidh.

D.I. man a chòrdadh e riut fhèin a bhith fuireach còmhri duine nach glan soitheach?

JESSIE Chaidh sibh mach air a chèile.

D.I. – nach nigh a-mach cupan?

JESSIEEarle Street.il sin?



[24]

D.I. Campbell Street.Tha. .. suas bho Sauchiehall. TaobhBlytheswood Square.

JESSIE aireamh an taigh? (e coimhead rithe) Annumber !

D.I. Room 25, 40Campbell Street. (stad ghoirid) Ma tha thu cinnteach. .. (dòigheil) Cha leig mi leas èirigh gu ochd uairean. Agus trobhad seo ...

JESSIE ?

D.I. Roinnidh sinn am peatroil.

Stad.

JESSIE Bha Marietta mar sin. Man Dòmhnall Handaidh.

D.I. Marietta?

JESSIE A bham Barrington Drive còmhrium.

D.I. (acumail a dhà làimh a-mach bho bhroilleach) An le na ... na ... ?

JESSIE Bha i luideach. Aodach salach air an làr ...

D.I. Dòmhnall Handaidh. Nam faiceadh tu an ràsar aige ...

JESSIE Kleenex ... tights. .. rudan nach ainmich mi ...

D.I. seòrsrudan?

JESSIE dhuts’! (stad ghoirid) Gnothaichean bhoireannach.

D.I. Beans .Dòmhnall Handaidh. A h-uile biadh. Beans .

JESSIE Chan eil fhios am am bu chòir dhomh seo innse dhut, ach. .. bha fàileadh dhith.

D.I. Bho ... ?

JESSIES mait gun mhothaich thu. Man sean fhallas. Man broinn clòsaid.

D.I. Marietta?

JESSIES mait gun mhothaich thu? An aon oidhche a-riamh a thadhail thu oirnn. Thu fhèins am fear caol à Uibhist.

D.I. (acrathadh a chinn) . .. cuimhnam ...

JESSIE Bha cus deoch ort.



[25]

D.I. Ruma dubh bu choireach.

JESSIES uisge-beath’. (stad ghoirid) Thuit thu na do chadal.

D.I. Feumaidh mi sgur a dhòl ruma dubh. Air muin uisge-beath’.

Stad.

JESSIEN ainmein a ghabh i nuair a dhinnis mi dhi gu robh mi air flat a cheannachd anAnniesland !Innsidh mi rud eile dhut, a chumas tu agad fhèin. Bha i an làn chinnt gu robh i tighinn còmhrium! Bfheudar dhomh cantainn rithe ... an clàr an aodainn. .. nach robh.

D.I. Tha thu nas fheàrr leat fhèin. Sin mo bheachd-sa.

JESSIE Tha, fichead uair.

D.I. Na mo bheachd-s’ , chan eil càil nas fheàrr na iuchair do dhorais fhèin na do phòcaid, ’s a bhith tighinns afalbh mar a thogras tu. Gun a bhith cur dragh air duine eile. Na duine eile acur dragh ort.

Stad.

JESSIEM bi thu fhathast afaicinn Dòmhnall Handaidh?

D.I. Uaireannan, oidhche Shathairn’. Anns aPhark. (stad ghoirid) ’M bi thu fhèin afaicinn Marietta?

JESSIEN-dràsts a-rithist. Carson?

D.I. Chan eil airson càil.

JESSIE Chunnaic mi i ... chan eil cho fada ri sin bhuaithe. (car na ceann) Bha i faighneachd mu do dheidhinn.

D.I. O?

JESSIE man thawandering hands?dhfhaighnich i.

D.I. Eil i fhathast airBarrington Drive?

JESSIE Tha, carson? (stad ghoirid) Eil thu dol a chèilidh oirre?

D.I. Mise?

JESSIEN e sùil a chuir thu innte?

D.I. Mise? Chan e, na

JESSIE Tha gaol agad oirr’! Tha mig aithneachadh!



[26]

D.I. (gàire) Agams’? Chan eil na ...

JESSIE Gaol do chridhe! Fuirich gun innis mi dhi!

D.I. mu do dheidhinn fhèins Dòmhnall Handaidh, a-rèist? Am bi thu ga fhaicinn etc.?

JESSIE (aleum gu casan) Seall an uair a tha e! ’S gun duine beò anns an oifis! (ationndadh aig an doras) Fuirich gun innis mi dhi!

Tha i dol a-mach.

An solas ag atharrachadh.

D.I. aseasamh, afeuchainn na phòcaidean, atoirt cèis dhealbhan à pòcaid-broillich a sheacaid. Adol a shuidhe, tha e stads acoimhead ris achuisean. Ga chur dìreach. Asuidhe. Atoirt nan dealbhan às achèis, toirt dheth nan glainneachan. Acoimhead ri na dealbhan.

JESSIE atighinn a-steach ...

D.I. Ah!

... a falt air a chìreadh air ais bho maoil; sgoiltean na mheadhan. Deise dhorchoirre, bloubhs dùinte, le broids aig an amhaich. Brògan àrda. D.I. acumail dealbh suas ... gàire air aghaidh.

Thàinig iad an-.

JESSIE acoimhead ris an dealbh.

Na dealbhan a thog sinn aig an taigh as t-samhradh. Siuthad, suidh.

JESSIE il do ghlainneachan?

D.I. Chì mi nas fheàrr às an aonais.

JESSIE Mas cuireadh mo mhàthair-sdealbhan no eile thugam tron aphost. .. (mas fhaigh e air achiad dhealbh a thoirt dhi) Eil fhios agad tha na rùn an-dràsta? Tha, gun tèid mise dhachaigh a choimhead às dèidh mathar. Smaoinich! Gu leig mi seachad mobairs mo dhreuchd, ’s gun tèid mi dhachaigh a fhrithealadh mathar. Ise le druim, le cas, le ceann, ’s chan eil mi pòst’, man an dithis eile ... no coltas gum pòs ... ’s n còrr a thagam ri dhèanamh? Ach seallaidh mise dhi!



[27]

D.I. (atoirt dhi an deilbh a thaige na làimh) Mi-fhìns Marietta. Seall an geansaidh a thorm!

JESSIE (sùil air an dealbh) Nach i dhfhàs reamhar!

D.I. (ag aontachadh) Man cliathaich taigh. (acur an ath dhealbh a-null thuice) Sin sinn a-rithist, aig Gob aRubha. .. (acur nan dealbhan a-null, aon às dèidh aoin) Mariettas mo mhàthairs mo phiuthar ... a chlann ...

JESSIE Tha Don Ailig coltach riut ...

D.I. Thas Barbara, ma bheir thu sùil cheart ... coltach ri na daoine. .. Marietta a-rithist ... a chlann a-rithist, còmhri seanairs a seanmhair. .. mo phiuthars an duine ... Brian an t-ainm a thair. .. mise le smùid ... Mariettas mo mhàthair ... mo mhàthairs Don Ailig. .. mi-fhìns an duinen ath-dhoras aigCattle ShowBharabhais ... Mariettas mo phiuthar, am broinn an taigh ... aghaidh mo sheanar air abhalla, air an cùlaibh ... (acumail suas an ath dhealbh) . .. aig Dia tha fios tha siud, no n deach a thogail. .. mi-fhìns Brians an duine an ath-dhoras anns na Doune Braes ... mathair le Barbara na uchd. .. mo mhàthairs Don Ailig ... Barbara na h-aonar ... seall a-nis cho coltachs a tha i rium! ... mise air taobh-muighHendersonsan Ceann a Bhàigh, aceannachdcarryout ... a h-uile duinagainn ... Loch Airigh na Lic. .. Taigh Dubh Àrnoil. .. ’s am fear mòr fhèinDonnie!

JESSIE Thia! Seall e dhomh!

D.I. Tilleadh bhon achreagach a tha e ... sin an t-saigh againn ri thaobh ... Sheila ...

JESSIE Air an aon chlas rium san sgoil ...

D.I. ... ceann na cruaich mhònaich ...

JESSIE Tha e air cuideam a chur air ...

D.I. Cuideam! (atarraing a-mach beulaibh na seacaid) dha tha thug innse! (atogail nan deilbh eile bhon bhòrd) Sin iad gu lèir. (JESSIE fhathast acoimhead ris an dealbh) Cha robh e deònach idir gun deigheadh a phioctor a thogail.



[28]

JESSIE mar tha Goillspidh acòrdadh ris?

D.I. Dornoch. (a làmh a-mach airson an deilbh) Principaltidsear a thann a-nis. BeurlasGuidance .

JESSIE (fhathast acoimhead ris an dealbh) Tha e air cuideam a chur air ...

D.I. Cuideam! (atarraing a-mach bann na briogais) Bha bhriogais seo ro theann dha!

JESSIE ... ach tha e coimhead ... (car na ceann) . .. hmm ...

D.I. Tha Dornoch acòrdadh ris nas fheàrr na Inbhir Nis. Tha flat bheag aige am meadhan abhaile, ’s bidh e dol a-mach air eathar a h-uile deireadh seachdain. Shaoileadh tu, ag èisteachd ris, nach robh duine riamh a-muigh air eathar ach e fhèin.

JESSIE Neònach nach do phòs e ... ?

D.I. ? Donnie againne? (gàire beag cruaidh) Chan eil e cho gòrach.

JESSIES cha bhi e tighinn sìos a Ghlaschu uair sam bith?

D.I. Bha e bhos ... trì bliadhna bhuaithe ... aigCup Final.

JESSIE Cuine?

D.I. Trì bliadhna bhuaithe, a bheil? Rangers is Celtic. Mura h-eil ceithir.

JESSIES cha do dhinnis thu dhomh!

D.I. Cha robh thu seo airson innse dhut. Bha thu air cùrsa-choreigin.

JESSIEAssertiveness Refresher.Shìos an Dorking. Còig bliadhna bhuaithe.

D.I. A bheil? (stad ghoirid) Tha mi creidsgu bheil.

JESSIE Nach eil de lùths anns na gàirdeanan aicese a thogass a thionndaidheas mathair air an leabaidh. Chan eil guth gu bheil nurs a-machs a-steach moch is anmoch. ’Shome helpseachd latha anns an t-seachdain. Ach seallaidh mise dhi ...

Stad.

D.I. Chan eil cuimhne agam air mòran mun a’ weekenda bha e bhos. Bha mig òl Pernod. Pernod air muin uisge beath’. Tha cuimhne



[29]

agam gun deach sinn gu pinnt às dèidh aghèam. Bàr am meadhan abhaile. Co-dhiù, anns abhàr a bha seo ... a bha luma-lans acur a-mach air abhus le luchd-leantainn Rangers ... thachair gun tuirt mi rudeigin ris-san ann an Gàidhlig. tha thu gabhail? ... Rudeigin mar sin. Eil thug iarraidh bheag? Uill! Thionndaidh e orm na dhearg bheathach. ‘Sguir le do Ghàidhlig an seo!’ thuirt e. Sgeun na shùilean. ‘Chan ann aig an taigh a tha thu an-dràst idir!’ ... ’S cha robh duine còmhrinn, cuimhnich. .. coigreach na ... nach bruidhneadh Gàidhlig. Coigreach na ... (stad ghoirid) Bha sinn leinn fhìn.

JESSIE Cho coltach ris!

D.I. ?

JESSIEChan ann aig an taigh a tha thu an-dràst idir.’ Cho coltach ri rud a chanadh e.

D.I. (aseasamhs acur air nan glainneachan) ’S ann leis a than geansaidh a thorm cuideachd. ’S na stocainnean. Geansaidh a dhfhigh cailleach aig an taigh dha, ro ghoirid anns na munichillin, thuirt e, ’s dhiùlt e a chur air. (aig an doras) Nuair a smaoinicheas mi air, cha mhòr nach ann leis a tha h-uile stiall a thorm. Ach na Damarts.

Tha e adol a-mach.

An solas ag atharrachadh.

JESSIE na suidhe acoimhead ris an dealbh. Ga chur sìos, afosgladh a baga, toirt paidhir ghlainneachan-leughaidh a-mach às, gan cur oirre. atogail an deilbhs acoimhead ris.

D.I. atighinn a-steach. Deise eadar-dhealaichte air, le peitean. Tha i ro mhòr dha, agus nas motha nan a bhair ron a seo. Am falt aige liath. Glainneachan dorcha air.

D.I. Duine -mhodhail a thanns anjanitorùr ud ... Millar, no n t-ainm a thair? ... Meabaire beag -mhodhail. ..

adol chun abhùird, alorg timilair, ga lìonadh gu leth le bainne, toirt botal philichean às a phòcaid, acur phile dhan abhainne, afeuchainn andispenserle làimh.


[30]

D.I. tha ceàrr air an donasdispenserseo? Cuin a chaidh a lìonadh?

Atighinn chun abhùird aig beulaibh na stèids, astad, acoimhead ri shèithear, cur na glainne sìos air abhòrd, agluasad an t-sèithir sia òirlich, acoimhead ris, ga ghluasad air ais. Asuidhe.

D.I. (ri JESSIE) thagad ann an sin?

JESSIE (atoirt dhith nan glainneachan-leughaidh) Dealbh de dhuaigh mathar.

D.I. O ... (agabhail an deilbh às a laimh) ... O ... (ga thoirt air ais dhi)

JESSIEN aonrud a chuir i thugam a-riamh. ’S litir fhada na chois.

D.I. ?

JESSIE Mo mhàthair. (acur an deilbh sìos air abhòrd) Tha i tighinn a-mach a Ghlaschu a dhfhuireach còmhrium. Sin a bhanns an litir.

D.I. (agabhail balgam às an timilair) Ghia-ach! . ..

JESSIE Dol a chreic an taighs an lot. . .. ri Sasannaich, faodaidh tu bhith mionnaicht’ . .. ’s atighinn a-mach a Ghlaschu a dhfhuireach còmhriumsa. An dhen achloinn-nighean nach do phòs. Thig orm a cur sìos guPartick Highlanda h-uile latha Sàbaid, chan ann aon uair ach a dhà. Bidh ministearan is èildearan atighinn a chèilidh oirre. Leocaidean. ’S achailleach bheag an ath-dhoras. Tòisichidh i ... mas seall mi rium fhin ... a seabhtadh nanornaments .Abragail le panaichean. Aruith an taigh. (ationndadh ri D.I. ) mar than t-sùil?

D.I. (atoirt dheth nan glainneachan) Dubh.

JESSIE Agus math an airidh! Thusa sabaid ri Dòmhnall Handy!

D.I. dhinns sin dhuts’?

JESSIE Marietta do bhean. Air afòn.

D.I. O, tha sibh bruidhinn ri chèile a-rithist, a bheil?

JESSIES fhada bhon uair sin. (stad ghoirid) Gu leòr atachairt rithe.

D.I. (làmh gu shùil) Cabag na galla. Tha i air innsdhan t-saoghal.



[31]

JESSIE n tug e dhut i?

D.I. Taobh-muigh aPhark. Cha chreid mi.

JESSIEN e nach eil fios agad?

D.I. Bhan deoch orm. (caiseach) Oidhche Shathairn’, a chreutair!

JESSIE Carson a bha sibh asabaid?

D.I. Càil a chuimhne agam.

JESSIE Dithis a ràinig ur latha ... Geall gur tusa thòisich.

D.I. Cha be, ma-thà.

JESSIE Mo nàire mhòr! ... Dùil am nach robh cuimhnagad?

D.I. (afeuchainn air glainneachan JESSIE) Gu sealladh Dia orm!

Gan toirt dheth, gan toirt dhi. Tha e seasamh.

An solas ag atharrachadh.

JESSIE (cur oirre nan glainneachan. .. ris an dealbh) Ach seallaidh mise dhut. Pòsaidh mise fhathast.

D.I. (acur air còta clò) Pòsaidh. ’S bidh na spaidean adannsaig do bhanais.

JESSIE (ris an dealbh) Ge boil leat ...

D.I. Pòsaidh. Agus tillidh achomhailteachd, ach cha thill thusa.

JESSIE (atoirt dhith nan glainneachan) il thu dol?

D.I. Tìde diathad. Nach e?

JESSIE (asealltainn a h-uaireadair dha) Fichead mionaid fhathast.

D.I. Mhionnaichinn gun cuala min gleoc abualadh.

JESSIE Fichead mionaid.

D.I. (atighinn air ais a-steach) Mmm ...

JESSIE il dowatchfhèin?

D.I. Brist’.

JESSIE Oidhche Shathairn’?

D.I. Ron a sin. Oidhche eile, atilleadh às a’ Snaffle Bit.Thuit mi air an deigh.



[32]

JESSIE Con nach eil thu ceannachd ùr?

D.I. leis?

JESSIE Thoir dhìot do chòt’.

D.I. Còta Donnie. (stad ghoirid) tha ceàrr?

JESSIE Thoir dhìot còta Donnie an toiseach. Mas tig duine steach.

D.I. Tha e beagan ro mhòr dhomh. .. (atoirt dheth a chòta) ’N e Marietta a bhair afòn a-rithist? (asuidhe) Bha i air afòn a-rithist, nach robh?

JESSIE robh thu dol an-dràst? Aig fichead mionaid gun uair?

D.I. O! Sin! (stad ghoirid) Bha a-mach.

JESSIE Dhan aphub?

D.I. ’S mait. tha ceàrr air a sin?

JESSIE Gu bheil thu dol dhan aphub a h-uile latha - sin tha ceàrr air a sin. Aig aon uair deug anns amhadainn, ma gheibh thu leat e. Uaireannan afuireach ann gu trì uairean feasgar. ’N uair sin atilleadh dhan oifis le fàileadh na deoch dhiot. ’N ann asmaoineachadh a tha thu nach eil daoine amothachadh? A Dhòmhnaill Iain?

D.I. Ma tha, dragh!

JESSIE O?

D.I. Cacadh iad àrd abhacain.

JESSIES do bheans do theaghlach? Gun iomradh air achron a tha thu dèanamh ort fhèin? Cuimhnich gu bheil an Àrd-stiùiriche

D.I. Eil fhios agad tha mi dol a dhèanamh? ... cho luaths a dhùineas tu do chab? ... Tha mi dol a choiseachd a-mach às an diabhal àittha seo, ’s adol gu muir

JESSIE Aig fhicheads atrì?

D.I. Na mo stiùbhard. Taigh na galla. Donkeyman .Dragh agam. Tha mi dol a choiseachd a-mach às a seo, sìos chun aPhool, ’s adol a shoidhnigeadh air na mo stiùbhard. Innis sin dhan achnap blanaig a phòs mise, an ath thrub a dhfhònaigeas i thu. Innsidh



[33]

mi dhut rud eile a tha mi dol a dhèanamh. Mas fhalbh mi. Air mo shlighe mach. Tha mi dol suas gu oifis an Àrd-stiùiriche. Ach am faic mi ris a tha e coltach. Chan fhaca mi riamh e. Anns na bliadhnaichean fada, glas a tha mi air a bhith ... lobhadh anns an diabhal àitseo. Tha mi dol a-steach dhan oifis aige ... gun ghnogadh ... ’s adol a chantainn ris: Hallo! Macleod, D.I. Permanent Junior Nobody. Goodbye. (acur a ghàirdeanan air abhòrd, a cheann air a ghàirdeanan) Na creid facal dheth, a Sheònaid. Na creid facal dheth.

JESSIE (acur a làimh air mullach a chinn) Ist a-nis ...

D.I. Carson a-riamh a phòs mi i? (atogail a chinn) Con nach do dhèist mi riut?

JESSIE acrathadh a cinn.

D.I. Bfheàrr dhòmhsa bhith marbh, na mar a tha mi.

JESSlE Ist, a-nis ...

D.I. Chan eil mi dol faisg oirr’, a Sheònaid. (stad ghoirid) Tha fàileadh dhith.

JESSIE Man sean fhallas. Tha fios am.

An solas ag atharrachadh.

D.I. (asuidhe an-àirde) Carson nach do phòs sinn? Mi-fhìns tu fhèin?

JESSIE (guth marbh) Bha sinn air a bhith gu math dòigheil.

D.I. aseasamh, ’s acur a làmhan air a broilleach.

JESSIE (chan eil i carachadh ... guth marbh) Sguir. Mas tig duine steach.

D.I. Thèid sinn dhan aShish Mahal ...

JESSIE (tha e aice air a teanga) Oidhche Haoine ...

D.I. Dhan a’ Star of Peking ...

JESSIE Oidhche Shathairn’ ...

D.I. Sguiridh mi dhòl ...

JESSIE Sguiridh mi dhe nafags ...

D.I. Cuiridh sinn do mhàthair dhan arùmspare ...



[34]

JESSIES bidh do chlann atighinns afalbh ... mar a thogras iad ...

D.I. No dhfhaodadh sinn a cur ann an taigh dha seann dhaoine ...

JESSIE Mo mhàthair?

D.I. Sin a bhios daoine aig an taigh a dèanamh. (e suidhe) Daoine trang.

Ann an airgead mòr. An eilean Leòdhais.

JESSIES às dèidh dhutsa do bhean fhàgail. .. ’s do theaghlach. .. ’s às dèidh dhòmhsa mo mhàthair a chur dhan an Taigh tha seo ... bidh sinn an uair sin cho dòigheil, mi-fhìns tu fhèin, nach bi, leinn fhìn, gun duine ann ach an dithis ... Nach bi?

Gleoc abualadh ... fad às.

D.I. (aseasamh, ’s acur air a chòt’) Tugainn còmhrium.

JESSIE (acur thuigefag) Thuirt Marietta riut a fònaigeadh.

D.I. Tugainn. Son aonan. Aonorange juice.

JESSIE Cha tèid mo chas.

D.I. Bidh mi air ais ann an uair a thìde. (afosgladh an dorais) Tha sinn glè mhath còmhlari chèile ... ag obair ...

E dol a-mach. JESSIE asèideadh ceò suas gu mullach anstaffroom .Afosgladh a baga, acoimhead na bhroinn, ga dhùnadh. Aseasamh, dol timcheall abhùird, asuidhe air sèithear D. I. An fhag fhathast na beul. Agabhail grèim air a glùin ...

JESSIE Aobh-aobh!

... aseasamh, dol timcheall abhùird gun t-sèithear aice fhèin, asuidhe ann air a socair, agabhail grèim air a glùin.

AOBHaobh!

D.I. atighinn a-steach. Falt geal. Crùib. Deise eadar-dhealaichte air, fada ro mhòr dha. An solas ag atharrachadh.

D.I. Uair a thìde. (atoirt uaireadair cruinn à pòcaid a pheitein, ga shealltainn dha JESSIE) Nach tuirt mi riut!

Abualadh a chruachainn air oir abhùird aig beulaibh no stèids. Afalbh an uair sin chun abhùird aig cùl na stèids.



[35]

JESSIE adol a-mach. A shùilean ga leantainn. Tha e togail cupan bhon abhòrd, ’s acoimhead ann ...

Ghia-ach ...

... atogail fear eile. ’N aonrud. Alorg fear glan, ga chumail fon andispenser .Chan eil càil atachairt. Acur a làimh air andispenser ...

Fuar.

... alìonadh achupain gu leth le bainne, toirt cairteal-botalvodkaà pòcaid-broillich a sheacaid, ataomadh ploumvodkadhan achupan, tighinn chun abhùird aig beulaibh na stèids, gu leigeil fhèin sìos, le drèin air aghaidh, dhan t-sèithear ... Asuidhe. Atoirt balgam às achupan. Acoimhead a-mach dhan talla. Gàire flagach air aghaidh.

Tomhais chunnami anns a’ ... (stad) ... Cha bann ach air an t-sràid ... tighinn sìos bhon an t-sràid eile ... n t-ainm a thoirr’? ... solais ... bùth èisg ... (acrathadh a chinn ... guth nas àirde) n t-ainm a thoirr’?

Tha e mothachadh nach eil duine eile anns a’ staffroom .Agabhail balgam às achupan. Atogail aphàipeir-naidheachd, ga leughadh ri solas na h-uinneig. An solas aciaradh ... JESSIE atighinn a-steach. Tha i cuagach. Falt liath. Cardagan tiugh. Sgiorta chlò. Brògan ìosal. An solas aciaradh.

D.I. John N. air bàsachadh. Anns aGhaseat.

JESSIE John N.?

D.I. Clas Dhòmhnaill Handy. Bha e anteamna sgoil. Right half.

JESSIE John N. MacDonald?

D.I. John N. MacLeod.

JESSIE John N. MacLeod, A.?

D.I. John N. MacLeod, B.

JESSIE (acur oirre nan glainneachan, aleughadh, tarsainn air a ghualainn) ‘Suddenly, aged fifty eight ... ’

D.I. (acoimhead suas rithe) Chan eil sin aost ...

JESSIE (aleughadh) ‘ ... beloved husband ... ’



[36]

D.I. ’S iongantach man ar e chridhe ... duine cho òg ...

JESSIE Chan e seo baile mhaireas. (adol gu ceann fhèin dhen abhòrd, asuidhe) Obh-obh! Mo chas!

D.I. Nam iongnadh mo dhruim-s’ !

JESSIES chan eil na stocainnean lastaig gu feum sam bith ...

D.I. Stocainnean lastaig? Cuir dhan teine iad!

JESSIE le grèim air cùl a cois.

S ann a tha iad astad na fala. ’S fhada bho thilg mise an fheadhainn agam fhìn dhan abhin.

JESSIE acoimhead a-mach dhan talla. Acoimhead ri D.I.

JESSIE Na dhith thu càil an-diugh?

D.I. Mise?

JESSIE Geall nach do dhith. Fad latha gun bhiadh.

I seasamh, dol chun abhùird aig cùl na stèids, atilleadh le poca plastaig, asuidhe le osann, afosgladh aphoca, toirt a-machthermos ,bucas plastaig le pìosan, bainne, siùcar etc. Atogail cupan D.I. , ga chuir fo sròin.

JESSIE Tha thu air a bhith aige a-rithist.

D.I. Chan eil, ma-thà.

JESSIE Fhathast asmaoineachadh nach eil fàileadh bhovodka ... Co mheud an-diugh?

D.I. Nach fheum mi e, chreutair! Son mo chnàmhan!

JESSIE (alìonadh achupain aige bhon a’ thermos) Co mheud?

D.I. Nach tuirt an doctair rium ...

JESSIE Dùil agam, às dèidh anoperation ,gur e Dòmhnall Iain eile bha gu bhith ann ...

D.I. Nach tuirt an doctair rium nach dèanadh aonan bheag, an-dràsts a-rithist, cron sam bith orm. Aon no dha. Doctor Mac ... (acrathadh a chinn) Gur ann a dhèanadh iad feum dhomh. Dhan achridhe.



[37]

JESSIE Dùil gu fàsadh tu ciallach ...

D.I. ... nam èigin le mo chnàmhan ...

JESSIE acur bainne a chupan Dh. I., ga chur a-null thuige. Acur làn na spàin de shiùcar na cupan fhèin. Fosgladh abhucais plastaig, ga shàthadh a-null thuige.

D.I. (atoirt pìos às abhucas) chuir i orra an-diugh?

JESSIE (acur thuigefag) sheall?

D.I. Hama. (stad ghoirid) Nach i tha cumail ris, gu- ... cailleach còrr isninety ...

JESSIE (asèideadh ceò gu mullach a’ staffroom ) Spama thorra.

D.I. Cailleach còrr isninety . (a bheul làn) Mo bheannachd oirr’, can rithe. Can thusa siud rithe, bho Dhòmhnall Iain. Do mhàthair chaomh, chòir. Còrr isninety .

JESSIE Sguir a dhith cho luath.

D.I. Cha do chàirich iad andispenserfhathast. (atoirt gàmag eile às a phìos) Thuirt mi ris abhleigeard bheag ud a tha dèanamhCommunity Service ... an àite bhith anns aphrìosan, far a bheil còir aige ... thuirt mi ris, ‘What about the dispenser in the old staffroom?’ ‘What about it, grandad? ’ars esan. Bleigeard beag -mhodhail ...

JESSIES nach e sin a thannad? Grandad ?

D.I. -ùidheil, -mhodhail ...

JESSIE Na big ith cho luath. (stad) Barbara bhochd. Eil thu idir ag iarraidh aleanabh fhaicinn? Achiad ogha?

D.I. atoirt gàmag mhòr às a phìos.

Do nighean fhèin ... ’S am balach beag cho coltach riut ris asgadan ... ach gu bheil a chraiceann dubh. H-uile duine acantainn an aonrud ... cho coltachs a tha e ri sheanair ...

D.I. (atoirt pìos eile as abhucas) Mo bheannachd oirr’. Can rithe a bhithg ùrnaigh air mo shon-sa.



[38]

JESSIE Thìdagad tòiseachadh atighinn dhan eaglais. (stad ghoirid) Cuin a chunnatu Don Ailig?

D.I. Disathairna-chaidh. Thug mi leam e a-null a dhIbrox. (stad ghoirid) Cha chaomh leisfootball .

JESSIE tha e dèanamh?

D.I. Chan eil fiach.

Stad.

JESSIE Thig mi air do thòir latha na Sàbaid-satighinn. Ma tha thug iarraidh. Leis achàr. Eil deise nach eil buileach cho clabach agad? Thig thu còmhrium fhìns mo mhàthair dhan t-searmon a PhartaigHighland .

D.I. (a bheul làn) Agam ri bhith an Inbhir Nis latha na Sàbaid-satighinn. (i coimhead ris) Deireadh na mìos ...

JESSIE Donnie bochd. mar a tha e?

D.I. Tha còrr is ochd clachan deug ann. De chuideam. Thas còrr. De chuideam. (atarraing a-mach na seacaid a thair) Mar a tha thu faicinn.

JESSIE An truaghan bochd ...

D.I. Coma leis, fhad’ ’s a tha e faighinn làn abroinn. (abualadh a bhroillich ... adeanamh brùchd bheag) ’N turas mu dheireadh a bha mise sealltainn air, ’s ann na phyjamas a bha e, ag iasgach bho cheann na leap. ‘Bruidhinn Beurla ann an seo,’ thuirt e. ‘Chan ann aig an taigh a tha thu an-dràst idir.’

JESSIE Cho coltach ri rud a chanadh e!

Stad.

D.I. Chan eil càil a dhfhios aige tha e dol a dhèanamh.

JESSIE (iongnadh na guth) Donnie?

D.I. (guth caiseach) Don Ailig!

JESSIE O ...

D.I. (caiseach) Donnie mo bhràthair! A bha na thidsear! A than-diugh an ospadal nan ùmaidhean an Inbhir Nis!



[39]

JESSIE Tha fios am. Nach robh e air an aon chlas rium!

DJ. Don Ailig mo mhac. A bhanns an tubaist rathaid. Le càr nach buineadh dha. Gunlicense ,gun eile.

JESSI E Tha fios am.

D.I. Uill, ma-thà. (stad ghoirid) bha mig ràdh?

JESSIE Nach eil fhios aige tha e dol a dhèanamh.

D.I. Chan eil fhios aige tha e dol a dhèanamh. Thuirt mi ris ... bha sinn ann an café airByres road ... Chancellor street ... ’s e chomhairla thug mi air ... afoghlam a thoirt a-mach. Dèan cùrsa choreigin, thuirt mi ris. Chan eil thu ro fhada. Sin a sheasas anns an latha thann an-diugh. (a ghuth adol nas àirde) Achs ann a tha eg iarraidh a dhol gu muir! Uill! Theab mi tòiseachadh agaireachdainn. Cha robh càil ann. ’N ann, arsa mise, aig aon air fhichead? Dhà air fhichead? Chan eil ann a sin, arsa mise ris, ach còmhradh gun chiall. Gòraich is aineolas. Duine thair a bhith mar-thà, arsa mise, chan ann aon uair ach trì ann an làmhan alagh? Bha mise mi-fhìn, arsa mise ris, uair dha robh mi, ag iarraidh gu muir. O bha. Nuair a bha mi ag obair aig tuath bliadhna, ann an Ellon, faisg air Obar Dheathain ... àite fuar anns agheamhradh. Ach cha deach! Sin an rud! Thuirt mo chialls mo reusan rium gun a dhol ann.

JESSIE Òl do theatha.

Stad.

D.I. A liuthad rud a bha mi dol a dhèanamh. Uair dha robh mi.

JESSIE seòrsa rudan?

D.I. (caiseach ... acrathadh a làmhan) Sguir a dhèanamh uiread de cheò. Gus daoine eile mhùchadh ... (stad) O ... bha mi dol a dhionnsachadhRussian ... fhuair mi teips. Saorsainneachd. Norwegian ,uair eile, thòisich mi, ge ar bith fo Dhia carson ... chan eil cuimhnagam an-diugh ...

JESSIE Chaidh mise gu clasaichean oidhche son bhliadhna ann andressmaking .Chòrd iad rium.

D.I. ... ’s aig acheann-thall, cha do rinn mi fiach ...



[40]

JESSIE Carson tha thug ràdh sin?

D.I. rinn mi?

Stad.

JESSIE Chùm thu do sheoba.

D.I. Chùm. (guth nas làidire) Chan e h-uile fear aig maois a chanas sin!

JESSIE Thog thu teaghlach.

D.I. Thog. (guth nas làidire) Ghlèidh mi mo chialls mo reusan.

JESSIE Cha do dhionnsaich thu dràibhigeadh.

Stad.

D.I. (creiceal na ghuth) Dhfhàg mo bhean mi.

JESSIE (guth socair ... a làmh air a làimh) Nise, nise. Cha be do choire-sa-mhàin a bhann a sin.

D.I. (creicealach) ’N dùil? Eil thu smaoineachadh?

JESSIE acrathadh a cinn.

D.I. (gabhail grèim air alàimh aice) Rinn thusa do dhleastanas cuideachd.

JESSIE Chuir mi clach-uaigh air mathair.

D.I. Math dha do mhàthair.

JESSIE Mo thaigh fhìn ann amBishopbriggs .

D.I. Cha bann gu do phiuthar ... uh ... am Monifeith ... a chaidh i.

JESSIE Newton Mearns. (stad ghoirid) Bu dhìomhain sin dhi.

D.I. No gu do phiuthar eile ... uh ... an Callander.

JESSIESt . Andrews. ’S fhada chitheadh i.

Stad.

N tug thu do nigheadaireachd salach a-steach leat?

D.I. Riabhach! Cha do chuimhnich mi.

JESSIE Thoir a-steach e ro dheireadh na seachdain. Tha lèine sin a thort man amhuc. (stad ghoirid) Cuiridh mo mhàthair tron aZanussi e.



[41]

D.I. (crathadh a chinn) Còrr isninety ,tuigidh i mar thamachinenigheadaireachd ag obrachadh!

JESSIE Agusspin drier. (stad ghoirid) ’S mu dheidhinn siotaichean na leap’? Nach eil athìdagad – ?

DI. O, tha sin ceart gu leòr, bidh mi faighinn feadhainn ghlan bhuap’ ... Dihaoine-satighinn. Cubicles1A gu 39B an t-seachdain a-chaidh, cubicles40 gu 58 an t-seachdain-s’ . Misecubicle54. 54B.

JESSIE thann a54A?

D.I. Dia tha fios. Ach chan eil e sgur achasdaich tron abhòrd-isean. (stad ghoirid) ’S chan eil am fear ann a55 asgur a bhramail.

Ach tha iad glè mhath dhuinn air an dòigh sin, anns an Taigh ... a thaobh siotaicheans mar sin air adhart ... na balaich òg a tha ruith an àit’. (stad) ’S air latha na Sàbaid, mas e do thoil, faodaidh tu fuireachd innte gu deich uairean sa mhadainn. ’S faodaidh tu dhol air ais innte feasgar, mas e do thoil.

Stad.

Bhàsaich Dopey cuideachd. A bhanns an Arm. Eil cuimhnagad air Dopey? Bhàsaich esan cuideachd.

JESSIES eil sin atoirt rabhadh dhut idir?

D.I. Fifty eight. (acoimhead rithe) Chan eil sin aost.

Stad. D.I. ag ith. JESSIE asèideadh ceò gu mullach a’ staffroom .

D.I. (afosgladh aphìos) Banana. ’S caomh leam banana.

JESSIE Sguir a dhith cho luath.

Stad.

JESSIE (gàire beag) ’S ann a tha mi cuimhneachadh an-dràst ... faire, faire! ... achiad latha a thòisich thu anns an oifis. Cuine, arsa tusa, a chì mi an Àrd-stiùiriche? Oich, oich ... (agabhail grèim air cùl a glùin).

D.I. Faodaidh tu bhith gàireachdainn ... Ach chan fhada gu faic mi e.

JESSIE aleigeil às a glùins asuidhen-àirde.



[42]

Tha e airmemoa chur thugam. chanas tu nis? Chì mi thu a dhaithghearr, tha eg ràdh innte.

JESSIE (làmh a-mach) Seall i dhomh.

D.I. Cha sheall. Carson a sheallas?

Stad.

JESSIE (acoimhead timcheall) A’ staffrooma chleachd a bhith cho làn de dhaoine ...

D.I. Andispenseragoil ...

JESSIE Mr Robertson ... Mr Anderson ...

D.I. Àite fhèin aig a h-uile duine ...

JESSIE Daoine gast’ ... bha sinn dòigheil ...

D.I. Mr Macgillivary ... Mr Oliphant ...

JESSIE Daoine snog ... a h-uile duine aca ...

D.I. Alatha shuidh mi ann an sèithear Mr Anderson ... gun fhiost ...

JESSIE Alatha dhfhalbh thu le cupan Mr Robertson ... oich, oich ...

D.I. atogail aphàipeir ... ga leughadh ri solas na h-uinneig.

JESSIE (guth fad às) Dalgetty. Sin asloinneadh a bhair Ronnie ...

D.I. (acur sìos aphàipeir) Ronnie a bha sin?

JESSIE Ronnie! A chleachd a bhith ... bha sinn ... (stad ghoirid) Tha cuimhnagad air Ronnie!

D.I. ... O (stad ghoirid) ’N e sin aRonnie aig a robhcanoeair Loch Lomond ... ?

E togail aphàipeir a-rithist. Stad.

D.I. (acur sìos aphàipeir) ‘Miss Finlaysona bhios agad orm anns an oifis’ ... eil cuimhnagad air a siud? ‘Janet a bhios agad orm am fianais dhaoine’ ... eil cuimhnagad?

E togail aphàipeir. Stad.

JESSIE (grèim air cùl a glùin) Cha tug thu sùil an robh duine anns an oifis, air do shlighe suas?



[43]

D.I. (cur sìos aphàipeir) Mun tìde-sa latha?

JESSIEG obair air achoimpiutair, no rudeigin?

D.I. Mun tìde-sa latha? (togail aphàipeir. Ga chur sìos)

bha gu bhithg obair air coimpiutair no eile anns an oifis againne mun tìde-sa latha?

JESSIE Thèid sinn sìos, an dèidh sin ... (aseasamh) Obh, obh ... Mas nochd duineigin ... coigreach, no duineigin ... gun dùil riutha ... (acur a’ thermos ,am bucas plastaig etc air ais dhan aphoc) ... làn thìdagad tòiseachadh ag ith man daoine eile, aig uair nàdarrach ... (atogail aphoc) ... cho dorchs a dhfhàs e ... tha latha dol na chèis ... (ri D.I. ) ... Ciamar as lèir dhut am pàipear sin gun ghlainneachan? ... (stad ghoirid) Eil thu tighinn, ma-thà?

D.I. (apasgadh aphàipeir) Tha cho math ... (aseasamh) Bidh sinn nas blàithshìos anns an oifis ...

Iad acoiseachd gu slaodach a-null chun dorais ... D.I. air thoiseach.

D.I. (ationndadh rithe) Na dhfhàg thu càil?

JESSIE Cha do dhfhàg. Na dhfhàg thu fhèin?

D.I. Cha do dhfhàg.

JESSIE il do ghlainneachan?

D.I. Na mo làimh.

JESSIE Mfheadhainn-stha sin.

D.I. An e? (gan toirt dhi) il mfheadhainn-s’ , a-rèist?

E feuchainn a phòcaidean.

JESSIE Greas ort ... (stad ghoirid) Cho dorchs a dhfhàs e ...

D.I. (atoirt a còta bho dubhan, ’s ga thoirt dhi) ’N cuir mi asolas air?

JESSIES sinn dìreach afalbh?

E tòiseachadh acur a chòta fhèin air.

Na cuir ort fhathast e.

D.I. Carson?

JESSIE (asealltainn a h-uaireadair dha) Còig mionaidean.



[44]

D.I. n diofar son còig mionaidean?

JESSIE Tha diofar.

D.I. (crathadh a chinn) Cha do sguir thu riamh dheth. (làmh air ursainn an dorais) Aobh, aobh!

JESSIE tha ceàrr a-nis?

D.I. (làmh gu bhroilleach) Losgadh-bràghad ... gus mo mharbhadh ...

JESSIE Thuirt mi riut gun a bhithg ith cho luath.

D.I. (abualadh a bhroillich ... brùchd bheag) Tha e falbh ... oich, oich ...

JESSIE Tha gun ath thuras.

D.I. Feumaidh mi sgur a dhith ... air muin uisge beath’ ...

Stad.

JESSIE Fhalbh, ma-thà. Ma tha thu falbh.

D.I. (afosgladh an dorais) Cuimhnich asolas a chur dheth.

JESSIE An solas nach eil air.

D.I. (ationndadh rithe) Na dhfhàg thu càil?

JESSIE Cha do dhfhàg.

D.I. (afeuchainn na phòcaidean) Cha robh iad orm, an robh?

JESSIE ?

D.I. Mo ghlainneachan.

JESSIE Cha robh.

D.I. Togaidh iad ceann an àiteigin ... (stad ghoirid) Tugainn, ma-thà.

E dol a-mach.

JESSIE Fuirich riumsa.

D.I. (bho muigh) Tha mi ann a sin.

JESSIE Thèid sinn sìos còmhla.

I dol a-mach às a dhèidh.

An doras adùnadh.

A’ stèids ann an dorchadas.

titleAn Staffroom
internal date2011.0
display date2011
publication date2011
level
reference template

Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p

parent text Sia dealbhan-cluiche
<< please select a word
<< please select a page