TOISEACH AN EARRAICH
Aig beulaibh na stèids, na meadhan, bòrd ’s dà shèithear.
BODACH anns an t-sèithear air an làimh dheis.
CAILLEACH anns an t-sèithear air an làimh chlì.
Shuas bhuapa, air taobh clì na stèids, bòrd eile ’s dà shèithear.
TÈ anns an t-sèithear air an làimh dheis.
FEAR anns an t-sèithear air an làimh chlì.
Aig toiseach an deilbh, tha solas air a’ chiad bhòrd. Am bòrd eile ann an leth-sholas, no ann an dorchadas.
AM BODACH ’s A’ CHAILLEACH nan suidhe a’ coimhead a-mach dhan an èisteachd. Deich diogan. A’ CHAILLEACH an uair sin a’ bruidhinn ...
A’ CHAILLEACH ... an ùine bho shuidh mi ann an seo a-nochd ... (a’ coimhead suas, is gu aon thaobh) ... ’n e sin uireas a tha e? (i dèanamh mèaran)
AM BODACH ’S nach gabh thu innt’, a-rèist, ’s chan e bhith ’g ochanaich ’s ag osnaich an sin.
A’ CHAILLEACH Dè math? (mèaran eile) Ma thèid mi innte ro thràth, chan fhaigh mi norradh a-rithist tron oidhch’ ... (stad) Ach rud ga bheil mi mothachadh ... mar as seana tha mi fàs ... ged a dh’fhairicheas mi oidhche fada ... no fhionnairidh ... tha ’n t-seachdain a’ dol seachad ann am priobadh na sùla. Nach eil e neònach? A-màireach Disathairn’ a-rithist. Cuin tha ’n duine a’ tighinn? Saoilidh mi nach eil mionaid bho Dhisathairn’ a-chaidh. Bha mi aig bhana a’ Choop. Bha ’n uisg’ ann. Nach eil e neònach?
Stad.
’S na bliadhnaichean a’ dol seachad a cheart cho luath ... ’s fhada bho chaidh iad air a’ chaoich orm. Aig fichead air an t-srian, aig deich air fhichead air an trotan, aig dà fhichead air a’ chaoch. ’S a-nis, earrach eile romhainn. Seo sinn aig toiseach earrach eile ...
Stad.
A’ dùsgadh anns a’ chàinealach. Ag èirigh aig guth an eòin.
Stad.
Tha sinn cho aost. Ciamar a dh’fhàs sinn cho aost? ... Cuin a thuirt thu bha ’n duine sin a’ tighinn?
AM BODACH Cha tuirt mi.
A’ CHAILLEACH Cuine, ma-thà?
AM BODACH Leth-uair an dèidh naoi.
A’ CHAILLEACH An dèan mi panaceics? ’N dùil, nan dèanainn panaceics, an itheadh e iad? (stad ghoirid) Seall eil càil ceart air an teilidh.
AM BODACH Tha thìd’ agad glainneachan fhaighinn ... (a’ togail a’ phàipeir bhon a’ bhòrd, ga fhosgladh, a’ lorg na duilleig le prògraman an teilidh ... )
Fiach mo thòin a thachais.
A’ CHAILLEACH No sgonaichean. Dh’fhaodainn sgonaichean flùir a dhèanamh ... (stad) Nach eil Frost air a-nochd? Inspector Frost?
AM BODACH Chan eil. Ceala-deug a-nis bho nach robh Frost air. (stad ghoirid) MacNèill an t-ainm a th’ air an duine tha tighinn a-màireach, a thuirt e air a’ chairt.
A’ CHAILLEACH Sloinneadh Barrach.
AM BODACH Càil ceàrr air na Barraich. Fìor Ghàidheil! Choinnich mi ri gu leòr dhiobh aig muir. Drungairean, ach dè dh’iarradh tu? Pàpanaich, ach chan urrainn dhaibh sin a leasachadh. An car a bh’ anns an t-seana mhaide ...
A’ CHAILLEACH Tha feadhainn ann an Leòdhas cuideachd. Tha.
AM BODACH a’ coimhead rithe.
Choinnich mi tè ann an Glaschu. An turas a bha mi ann an Glaschu ... (a’ coimhead ris) ... a sealltainn air Mòr mo nighean. Bhon Taobh Siar.
AM BODACH Co air a tha thu mach a-nis?
A’ CHAILLEACH Bhon Taobh Siar. ’S ann. (stad ghoirid) Ach cha b’ e MacNèill an sloinneadh a bh’ oirr’. Sloinneadh na b’ fhaide a bh’ oirr’.
AM BODACH ’S mait gu robh i pòst’ aig Barrach ... (a’ tionndadh a chinn chun a’ làimh dheis ’s ag èigheachd) Cò tha siud? Cò th’ ann? (ris A’ CHAILLICH) Duineigin aig an doras-a- muigh. (a’ tionndadh ’s ag èigheachd) Cò th’ ann? Cà ’il an cù?
A’ CHAILLEACH Ist, amadain!
AM BODACH (àrd) Cà ’il an cù? Garry! (rithe) Èigh air a’ chù!
A’ CHAILLEACH Ist! ... ’S tu air a dhol bhuaithe ...
AM BODACH Garry! (nas àirde) Garry Garry Garry! (car na cheann, feuchainn ri coimhead fon a’ bhòrd) Cà’ bheil thu, ’choin?
A’ CHAILLEACH a’ coimhead a-mach dhan an èisteachd ’s a’ crathadh a cinn.
AM BODACH a’ suidhe ’n-àirde. A’ coimhead gu làimh dheis. Gu làimh chlì.
An dithis a’ coimhead a-mach dhan an èisteachd.
A’ CHAILLEACH Màireach a tha ’n duine tighinn. Mgr MacNèill. Chan ann a-nochd. Chan eil dùil againn ri duine a-nochd. Ach Dòmhnall Uilleam, aig an uair àbhaisteach. Oidhche Haoine, bidh ’n deoch air. Leth-uair an deidh naoi, madainn a-màireach, a tha ’n duine tighinn.
Stad.
Galbraith a’ sloinneadh a bh’ oirr’.
AM BODACH Nic a’ Bhreatannaich. (a’ coimhead rithe) Cò air?
An solas a’ dol sìos air a’ chiad bhòrd. A’ tighinn suas air a’ bhòrd eile.
TÈ is FEAR nan suidhe tarsainn bho chèile aig a’ bhòrd. Ag òl teatha.
ISE Ach carson a dh’fheumas tusa dhol a dh’obair a-màireach? ’S gu leòr dhaoin’ eile aca?
ESAN Gu meadhan latha. Dh’iarr iad orm. Thuirt mi riutha gun deighinn a-steach.
ISE Thuirt thu riums’ gun toireadh tu sìos am baile mi. Gun tigeadh tu còmh’ rium sìos am baile.
ESAN Bheir mi sìos thu feasgar.
ISE Agam ach càis’ air fhàgail anns a’ fridge .Son do phìos.
ESAN Càis’ glè mhath.
ISE ’S chan eil aon shlaighse lof am broinn an taigh, an-dràsta chuimhnich mi. Cha d’ fhuair mi mach feasgar.
ESAN Bha thu coimheadMurder She Wrotea-rithist, nach robh? Innis an fhìrinn!
ISE Dh’fhaodainn sgonaichean a dhèanamh. Ach chan eil flùr a-staigh a bharrachd ... (stad) Mo mhàthair a dh’ionnsaich dhomh sgonaichean a dhèanamh.
A’ CHAILLEACH, aig a’ bhòrd eile, a’ tionndadh a cinn ’s ag èisteachd.
Spàin bheag de shòda an arain, bhiodh i ’g ràdh ...
A’ CHAILLEACH, gàire air a h-aodann, ag èisteachd rithe.
Craiteachan salainn. Meug. Ugh.
ESAN Thig dhachaigh còmh’ rium as t-samhradh.
ISE Uaireannan bhiodh sinn a’ dèanamh feadhainn le currans. Bha iad cho math le silidh rubrab. Feadhainn bheaga chruinn le currans.
ESAN Chì thu do mhàthair. Bheir sinn a-null dha Na Hearadh i son latha. Thèid mi fhèin air a tòir. Leis a’ chàr.
ISE (a’ leum gu casan) Bidh ’m Paki aig a’ chòrnair fhathast fosgailt’! Gheibh mi lof aig a’ Phaki! –
ESAN Chan eil do chas a’ dol a-mach à seo son oidhche! ’N ann às do chiall a tha thu, mun tìde-s’ a dh’oidhch’, oidhche Haoine? An t-sràid làn ghràisg is dhrungairean!
ISE (a’ suidhe) Boireannach leisg a th’ unnams’, nach e? Boireannach gun fheum. Can rium e.
Solas a’ dol sìos orra. A’ tighinn suas air a’ chiad bhòrd.
AM BODACH Chleachd gu leòr dhaoine bhith tighinn an seo.
A’ CHAILLEACH Bha latha dha na sin ...
AM BODACH Sgoilearan! Mar an duine tha tighinn a-màireach ... Ach ’s fhada bhon uair sin. Chan eil duine a’ tighinn an-diugh.
A’ CHAILLEACH Dè chiad ainm a th’ air an duine tha tighinn a-màireach?
AM BODACH (a’ togail na cairt) Chan eil e ’g ràdh.
A’ CHAILLEACH Duine mar sgoilear nam facal a bhios ann.
AM BODACH No Mr Henderson.
A’ CHAILLEACH No an sgoilear Èireannach.
AM BODACH Tòmas a’ chiad ainm a bh’ air an Èireannach. Eil cuimhn’ agad? Ach cha b’ ann mar sin a bha e ga ràdh. (stad ghoirid) Tomass! Siud mar a bha e ga ràdh.
A’ CHAILLEACH Sgoilear nam facal! A’ feagal a chuir e orm! (làmhan gu broilleach) Madainn mhath, ’s mi meadhan nigheadaireachd. Cò chuir aghaidh air uinneag a’ sgularaidh ach duine le put mòr purpaidh air a mhaol!
AN DUINE a’ nochdadh.
AM BODACH Bonaid chruinn air. Gun bil.
A’ CHAILLEACH Bha ’s speuclairean.
AM BODACH ’S còta oillsgin, mas fliuchadh an t-uisg’ e.
A’ CHAILLEACH ’S bòtannan, son a bhith tighinn tro na leugan.
AM BODACH À Sgoil Eòlais na h-Alba a bha e.
A’ CHAILLEACH Mgr Mac an t-Sealgair.
AM BODACH An t-Ollamh Mac an t-Sealgair. Ollamh a bh’ ann.
A’ CHAILLEACH Inneal aige, a bha togail a h-uile dùrd a bha sinn ag ràdh.
AM BODACH Bhruidhinn e rinn.
AN DUINE ... chionn ’s nach eil mar gum biodh air an dàrna làimh dearbhadh againn gu bheil an aon charthannas aig an aon ìre mar gum biodh anns na coimhearsnachdan no eadhoin air an làimh eile na h-aon cho-fhaireachdainnean mar gum biodh ... ?
E a’ feitheamh ri freagairt.
An dithis a’ coimhead suas ris. A’ coimhead ri chèile.
AM BODACH ’S e Gàidhlig a bh’ ann?
A’ CHAILLEACH Cha b’ e na Grèig.
AN DUINE a’ falbh.
’S roimhe-san ... feasgar fliuch eile ... eil cuimhn’ agad? ...
AM BODACH An sgoilear Èireannach!
A’ CHAILLEACH Mi meadhan fuine ...
AM BODACH À Baile Atha Cliath.
A’ CHAILLEACH Bha mi dèanamh panaceics. No ’n e sgonaichean? Sùil dhan tug mi, tro uinneag a’ chidsin, cò bha dèanamh air an taigh ach an duine sin ... Doctair O’Bruadair ...
AM BODACH Proifeasair O’Bruadair. Proifeasair a bh’ ann.
AN DUINE a’ nochdadh.
A’ CHAILLEACH Duine dèante.
AM BODACH Bonaid bileach air.
A’ CHAILLEACH Robh speuclairean?
AM BODACH Guirean mòr air cliathaich a shròin.
A’ CHAILLEACH ’S ad mholach uaine. Le it’.
AM BODACH Thug e dheth i, am broinn an taigh.
A’ CHAILLEACH Bhruidhinn e rinn.
AN DUINE Anis teachd an Earraich tha ’n lá dol go síneadh
Air Lá Féill Bhríghde árdochaidh mi mo sheól ...
Iad a’ coimhead ris.
Trí lá lomartha an loinn
Trí lá sciuthanta an chlaibhream
Agus trí lá na bó riabhai.
Iad a’ coimhead ri chèile.
AM BODACH Gàidhlig a bh’ ann?
AN DUINE Gaelige.
E a’ feitheamh.
AM BODACH Aw cliath. Siud mar a thubhairt e e. Bawl Aw cliath.
A’ CHAILLEACH Thog e ar dealbh. Anns an dealachadh. Chuir e air ad. Thug e oirnn an uair sin seasamh taobh ri taobh aig beulaibh an dorais mhòir –
AM BODACH Anns an dile bhàtht’! –
A’ CHAILLEACH – ’s thog e ar dealbh. (stad ghoirid) Ach cha do chuir e riamh thugainn e.
AN DUINE a’ togail ad. A’ falbh.
Gheall e. Ach cha do chuir e riamh thugainn e.
Stad.
AM BODACH Amhrain a bhiodh iad ag iarraidh oirnn. Na sgoilearan.
A’ CHAILLEACH Seanchasan èibhinn.
AM BODACH Stòraidhean mu shamhlaichean.
A’ CHAILLEACH Bàrdachd sgìreil.
AM BODACH Sean fhacail.
AN DUINE (tha e air tilleadh ... bonaid clò air a cheann) Tha mi ’n dòchas gu bheil tòrr agaibh dhomh a-nochd ... ?
A’ CHAILLEACH Mo chreach-s’ ! Mr Henderson!
AN DUINE Chan e ach strainnsear nan òrduighean ... (ris A’ BHODACH) ... dè, a Mhurchaidh? ...
An triùir a’ gàireachdainn.
A’ CHAILLEACH Ist, a Shàtain! ...
AM BODACH (moiteil) ’S mi thug amhran na cuibhle-shnìomh dha! A rinn Bean Dhol ’Ic ’An Bhàin à Tàbost. Bha i snìomh ’s chaidh a’ chuibhle troimh-a- chèile oirre.
A’ CHAILLEACH Siuthad can e.
AM BODACH (guth caiseach) Tha mi dèanamh sin! (ris AN DUINE) Deiseil?
A’ suidhe ’n-àirde; a dhà làmh air a ghlùinean.
O nach robh do mhaide-siubhail
Gun fàs anns a’ ghiuthais
Do thrì chasan dubha
’S iad gun bhioran a chur cruinn dhiobh.
Cha bu donn dige latha
Chuirear car à clòimh leat ...
A’ CHAILLEACH Nan robh do rèimh ...
AM BODACH Nan robh do rèimh, do thartanan ... (a’ coimhead rithe)
A’ CHAILLEACH Do mhaighdeanan ...
AM BODACH Do mhaighdeanan, do eachanan ... (a’ coimhead rithe)
A’ CHAILLEACH Dol a-mach Tràigh Tharabhaig ...
AM BODACH Dol a-mach Tràigh Tharabhaig
’S astar aig a’ ghaoith leat
Cha bu donn dige latha
Chuirear car à clòimh leat.
AN DUINE Tha seo math. (ris an èisteachd) Nach eil seo math?
E falbh.
AM BODACH Rinn i amhran dha ’An Seònaid.
A’ CHAILLEACH Siuthad can e.
An solas a’ dol sìos orra. A’ tighinn suas air a’ bhòrd eile.
ISE ... caora leatha a chaidh a bhàthadh an Tobhtaranna, feadan air mòinteach Dhail. Bhiodh mo mhàthair ga ghabhail leam ...
A’ CHAILLEACH, aig a’ bhòrd eile, a’ tionndadh rithe le gàire.
AM BODACH (às an dorch) Chan eil fhios aic’ air.
ISE Mo mhallachd-s’ air ...
AM BODACH (às an dorch) ’S i bh’ aig bonn a’ chlas. Ann an Cros, ’s ann a’ Lìonal. (a’ magadh) ’S i bhalast !
A CHAILLEACH Na bi ’g èisteachd ris. (gnogadh a cinn) Siuthad! ... Mo dhiombadh-s’ air ...
ISE Mo dhiombadh-s’ air Dòmhnall Anna
Dh’fhalbh e ’s leig e Tobhtaranna
Gus an deach mo chaora mholach
Air a ceann sìos ann ...
(còmhla ... A’ CHAILLEACH mar gu robh i ag altram pàist)
Bha thu latha, chaora mholach
Bha thu latha, chaora ...
AM BODACH (às an dorch) Cha b’ e Bean Dhol ’Ic ’An Bhàin a rinn an amhran sin, ach Mòr a’ Bhothain ...
ISE (luath, ris A’ CHAILLICH) ’S am fear eile bhiodh tu gabhail leam, a rinn i ...
AM BODACH (às an dorch) A piuthar! Peathraichean a bh’ unnta!
ISE Dol a-mach an clacharathad
Ged a bha i dùmhlaidh
Chunna mi dol seachad i
Le cabhaig, a’ bhean-ghlùine
’S thuirt mi ri mo bhanabaidh
Lùdag ri lùdag
(còmhla ... A’ CHAILLEACH mar gu robh i ag altram pàist)
An tè a gheibh an t-ùrstan
Bidh ’n geall aic’.
AM BODACH (solas a’ tighinn suas air) Rinn i amhran dha ’An Seònaid. (ris AN TÈ aig a’ bhòrd eile ... a ghàirdeanan a-mach) Trobhad ’s suidh air mo ghlùin, ’s gun gabh mi leat e.
Stad.
ISE (a’ tionndadh ris AN FHEAR ... guth luath) Eil thu ’g iarraidh cupan teatha eile? ’N dèan mi cupan teatha eile dhut?
Solas a’ dol sìos air an dàrna bòrd.
A’ CHAILLEACH (a’ tionndadh ris A’ BHODACH) Rinn i amhran dha dròbhair a dhiùlt each a cheannachd bhuaipe ...
AM BODACH Cha b’ e, ma-thà! Ach nach tabhaicheadh a’ phrìs cheart air!
A’ CHAILLEACH ’N e sin a bh’ ann?
AM BODACH ’S e, sin a bh’ ann!
A’ CHAILLEACH Tha mi ceàrr, a-rèist.
AM BODACH Tha, tha thu ceàrr!
A’ CHAILLEACH Siuthad gabh e.
AM BODACH Cha ghabh!
A’ CHAILLEACH Siuthad! Dròbhair a’ chòta ghlais ...
E a’ coimhead a-mach dhan an èisteachd, le gàirdeanan paisgt’ ’s beul dùinte.
AM BODACH Dròbhair a’ chòta ghlais ... (a’ coimhead rithe) ... siud mar a tha e tòiseachadh ... (a’ coimhead a-mach dhan an èisteachd)
Dròbhair a’ chòta ghlais
Cha robh e pailt no fiallaidh
Cha tug e air mo Phadaidh-sa
Dàrna leth ’s a b’ fhiach e.
Stad.
(coimhead rithe) Padaidh an t-ainm a bh’ air an each.
A’ CHAILLEACH Dè an ath rann?
AM BODACH Siud e! Chan eil an còrr ann!
A’ CHAILLEACH Nach eil?
AM BODACH Chan eil an còrr ann, tha mi ’g ràdh riut! Nuair a chual’ an dròbhair a’ chiad rann, thug e dhi an airgead ceart air a’ spot!
A’ CHAILLEACH Bidh e aig Mr Henderson. Ma bha ’n còrr ann.
AM BODACH Cha robh ’n còrr ann, thuirt mi riut!
A’ CHAILLEACH Cha robh. Ach ma bha. (stad ghoirid) Siuthad, can amhran ’An Seònaid.
AM BODACH Chan eil cuimhn’ agam air. Tha e air a dhol às mo chuimhne ...
Stad.
Bha uair a bha e agam air mo theanga ...
AN DUINE a’ nochdadh. Bonaidcorduroyair a cheann. Teip reacordar le maicreafòn crochaite ris.
’S mòr na chruinnich an duine sin anns an sgìre seo.
A’ CHAILLEACH ’S anns a h-uile sgìre eile ... ’N e Mr Henderson?
AM BODACH ’S air feadh nan Eileanan an Iar.
A’ CHAILLEACH Air sean daoine mar sinne a bhiodh e tadhal ...
AN DUINE (a’ sgaoileadh a-mach a ghàirdeanan ... maicreafòn anns an dàrna làimh) Gar ’n èisteachd ’s gar cluinntinn ... seo mo nèamh-s’ air thalamh!
AM BODACH ... thuirt e ...
AN DUINE Feumaidh sibh a thighinn, na ur dithis, gu diathad dhan taigh againn ...
AM BODACH ... thuirt e ...
AN DUINE Tha seo dhòmhs’ ... (a’ sgaoileadh a-mach a ghàirdeanan) ... mar seòmar uaine na ban-sìth’ ...
AM BODACH ... thuirt e ...
A’ CHAILLEACH Dè nach d’ thubhairt e? (ris A’ BHODACH) Cha robh còir agad leabhraichean d’ athar a thoirt dha. Bha còir agad an cumail, ’s an toirt dha do nighinn. (stad ghoirid) Nach e thug a’ char asad!
An solas a’ dol sìos orra. A’ tighinn suas air a’ bhòrd eile.
ESAN Le Disathairn’ ceithir uairean-a- thìde aigtime -and-a- halfagus ’s ma dh’fhaodte gun iarr iad orm a thighinn a-steach Latha na Sàbaid cuideachd, cò aig tha fios ... bhiodh sean ceithir eiledouble time ... bha mi ’g obair anmoch dà oidhche mar-thà an t-
seachdain-sa ... sean sia is sia dhà dheug ’s sia a-màireach ochd deug ’s Latha na Sàbaid cò aig tha fios ma dh’iarras iad orm sean sia uairean deug thar fhichead! Airgead mòr!
AM BOIREANNACH a’ tighinn a-steach.
AM BOIREANNACH Tha sibh ann an sin.
ESAN O, hallo, a Chriosann! Trobhad a-steach!
AM BOIREANNACH Cha deach thu steach dhan taigh-òst’ a-nochd, air do shlighe dhachaigh?
ESAN Uill ... cha deachaidh.
AM BOIREANNACH Cha robh an ceàrd aig a bheil mise pòst’ a-staigh ann, an robh?
ESAN Uill ... cha robh.
AM BOIREANNACH Tha ’n troc gun a thighinn dhachaigh fhathast.
ISE Chan eil e cho anmoch ri sin. (a’ coimhead suas is gu aon thaobh) Naoi uairean?
AM BOIREANNACH Co-dhiù ... eil sibh a’ dol dhachaigh am bliadhna na ur dithis? Mu dheireadh thall? Mar a bha sibh ’g ràdh?
ISE a’ crathadh a cinn.
ESAN Tha i diùltadh am bliadhna a-rithist, a Chriosann.
ISE Fhad ’s a tha m’ athair beò, cha tèid mise dhachaigh.
ESAN Cha leig thu leas a dhol faisg mìle air –
ISE Ma phòsas tu ’n duine sin, ars esan –
AM BODACH (às an dorch) Hearach. Phòs i Hearach.
ESAN Cha robh mise math gu leòr dhan an nighinn aige –
AM BODACH (às an dorch) Còmhradh mar còmhradh nan ceàrdan.
ISE Ma phòsas tu ’n duine sin, ars esan ...
ESAN Mise –
ISE ... cha thill do chas an taobh-s’ . (a’ tionndadh chun a’ bhùird eile) Sin a thuirt e rium. Agus sin an adhbhar nach tèid mise dhachaigh.
A’ CHAILLEACH (às an dorch) Ach chan e an aon adhbhar.
AM BOIREANNACH Bidh mi-fhìn ’s tu fhèin, a-rèist, a’ dol dhachaigh còmhla am bliadhna a-rithist?
ESAN H-uile coltas gum bi.
AM BOIREANNACH Eil feagal ort idir gun gabh mise brath air an duin’ agad ann am mòinteach Rainich?
Stad.
Cha tig an troc a th’ agamsa taobh còmh’ rium ... (stad) Slòpraich anns napubs .Sin far am bi an troc a th’ agamsa a’ cur seachad na saor-làithean. (i seasamh) Cho math a dhol a-mach ga lorg. Gun fhios nach do thuit e ’n àiteigin ’s gun bhris e chas. Tha mi ’n dochas gun bhris, na mìle pìos. Amhaich na b’ fheàrr buileach.
I falbh.
ISE Bliadhnaichean a-nis bho nach fhaca mi i ...
ESAN Cò?
ISE Mo mhàthair.
An solas a’ dol sìos orra. A’ tighinn suas air a’ bhòrd eile.
A’ CHAILLEACH Bliadhnaichean a-nis bho nach fhaca sinn e.
AM BODACH Cò?
A’ CHAILLEACH Mr Henderson.
AM BODACH Tha sinn fhathast an seo ...
A’ CHAILLEACH Cha do rinn sinn càil air ...
AM BODACH Ma rinn, dè?
A’ CHAILLEACH Cha b’ e gun dh’fhàs sinn sgìth dhe chuideachd ...
AM BODACH Bidh e fhathast a’ tighinn dhan a’ sgìre ...
A’ CHAILLEACH Ach tha bliadhnaichean bho nach fhaca sinn e ...
AN DUINE ’s AM BOIREANNACH a’ nochdadh.
AM BODACH Nochd e le bhean uair. Eil cuimhn’ agad?
AN DUINE Mo bhean.
A’ CHAILLEACH Bhon Taobh Siar.
AM BOIREANNACH Tha mi toilichte, toilichte, ur coinneachadh (gàire) Dh’innis Donaidh dhomh uiread mu ur deidhinn!
Aig a’ bhòrd eile ...
ISE Ach chì mi i. ’S chan fhada thuige.
ESAN Cò?
ISE Mo mhàthair.
ESAN (a’ seasamh) B’ fheàrr dhòmhs’ a dhol às dèidh a’ chreutair ud, cumail sùil oirr’. Dol a-mach oidhche Haoine na h-ònrachd, ’s an t-sràid làn ghràisg is dhrungairean ...
Aig a’ chiad bhòrd ...
AM BODACH Sheinn i amhran dhuinn.
A’ CHAILLEACH Ochan ’s a ghràidh!
AM BODACH Esan a dh’iarr oirr’.
AM BOIREANNACH (àrd, a’ seinn tro sròin)
O, craobh nan ubhal
Craobh nan ubhal
Geug nan abhall ...
Iad a’ coimhead suas rithe.
AN DUINE (riutha) Nach eil i math? (ris an èisteachd) Nach eil seo math?
A’ CHAILLEACH Agus h-abair gun dèanadh i lachan!
AM BOIREANNACH a’ lachanaich.
AM BODACH Garry a’ durghail fon a’ bhòrd, ga freagairt.
Stad.
A’ CHAILLEACH MacNèill an sloinneadh a bh’ oirre.
AN DUINE ’s AM BOIREANNACH a’ falbh.
Cha robh e seo bhon uair sin.
AM BODACH Fhuair e leòr dhinn.
A’ CHAILLEACH Fòghnadh na dh’fhòghnadh.
AM BODACH Cha robh ’n còrr againn dha.
A’ CHAILLEACH Nach eil sinn aige air teipichean, ma tha e ’g iarraidh ar cluinntinn?
AM BODACH ’S carson a bhiodh e ’g iarraidh ar faicinn?
A’ CHAILLEACH Daoine cho aost ’s cho grànda.
Stad.
AM BODACH Cha do dhìochuimhnich e sinn glan-bhuileach. (a’ togail na cairt air a’ bhòrd) Chuir e cairt thugainn.
A’ CHAILLEACH À Canada. Dealbh mathain oirre.
AM BODACH Daoine aig an robh Gàidhlig an Canada. Bha e thall ann a’ tadhal orr’.
A’ CHAILLEACH Mathan dubh. Agus sgrìobhadh Gàidhlig air an taobh eile, na làimh-sgrìobhaidh fhéin.
Stad.
A’ chearrag a th’ aige.
Aig a’ bhòrd eile ...
ESAN (na sheasamh) Chì thu do mhàthair ’s chan fhada thuige? (a’ suidhe) Dè fios a th’ agad air a sean? Carson a bhios tu ’g ràdh rudan mar sean? Rudan gun chiall? (stad) B’ fheàrr dhut sgur a chantainn rudan mar sean. Am fianais dhaoine. Mas tòisich daoine a’ gabhail allaidh riut ’s a’ cur umhail ort. (a’ seasamh)
Aah ... obair a-màireach ann no às. Tha mi dol sìos an rathad son pinnt ...
ISE Faigh lof air do shlighe air ais. Bidh ’m Paki fhathast fosgailt’.
ESAN Ma chuimhnicheas mi ... (aig an doras) ... Cumaidh mi sùil a-mach airson an òinsich creutair ud. Còir aice bhith muigh na h-ònrachd air oidhche Haoine anns a’ bhaile seo ... (anns an dol-a- mach) Cuir air an doras às mo dhèidh. Agus glas an teilidh.
E falbh.
Solas air gach bòrd. ISE, a taobh ris an luchd-èisteachd, ag òl cupan teatha. AM BODACH ’s A’ CHAILLEACH mar a bha iad.
Sàmhchantas, 10 diogan.
A’ CHAILLEACH Chunnaic mi Mr Henderson, chan eil cho fada ri sin bhuaithe. Bha e air an rathad mhòr. Ann an càr.
AM BODACH ’N e càr dubh a bh’ ann?
A’ CHAILLEACH Càr glas.
AM BODACH Càr gorm a bh’ aige, an truib mu dheireadh a bha e an seo.
A’ CHAILLEACH Cha b’ e ach càr dearg. Chac faoileag air.
AM BODACH Bha duine còmh’ ris. Cò ’n duine bha còmh’ ris?
A’ CHAILLEACH Bho Sgoil Eòlais na h-Alba.
AM BODACH Le speucalairean.
A’ CHAILLEACH Mgr Mac an t-Sealgair.
AM BODACH An t-Ollamh Mac an t-Sealgair! (stad) Thàinig iad às a’ chàr aig ceann na sràid. Chunna mi iad an uair sin, bho uinneag a’ skylight ,tron a’ phrospaig, a’ dèanamh dìreach oirnn, Mr Henderson air an toiseach, le inneal crochaite ris, an t-Èireannach le camara mu amhaich, na thobha, na shàil ...
A’ CHAILLEACH A-mach à càr mòr, dubh.
AM BODACH Chuala mi clab a’ gheat’ ...
A’ CHAILLEACH Ruith mi gu doras a’ chidsin ...
AM BODACH Dh’èigh mi air a’ chù. Garry Garry Garry! dh’èigh mi.
A’ CHAILLEACH Bha mi dèanamh panaceics ... no ’n e sgonaichean flùir? ...
AM BODACH Slawn leibh, thuirt an duine bha còmh’ ris anns an dealachadh. ’S thog e ad.
A’ CHAILLEACH Thog e ar dealbh. (stad ghoirid) Ach cha do chuir e riamh thugainn e.
AM BODACH Proifeasair O’Bruadair ... (suidhe ’n-àirde) Latha mòr romham-s’ a-màireach. Greann coin air madainn Earraich. Cho luath ’s a gheibh mi an duine-s’ a-mach às an rathad.
A’ CHAILLEACH Na làithean a’ fàs fada ...
AM BODACH Cha tig fuachd gu ’n tig Earrach,
Le gaoith a tuath ’s le fuachd ghaillin.
A’ CHAILLEACH Sneachda na Càisg, cha deach e riamh seachad, ged a b’ e aon fhras e.
AM BODACH Earrach fada ron a’ Chàisg,
Fàisgidh e na sùilean.
A’ CHAILLEACH Mar bò chaol a’ tighinn gu doras,
Sìneadh anns an fheasgar Earraich.
Iad a’ coimhead a chèile.
AM BODACH Thèid cathanaich na maidne Earraich
Gu mìn fuar tro bhòrd an daraich.
A’ CHAILLEACH Sin a thuirt mi ri Mr Henderson. Bha mi air an rathad mhòr. A’ tilleadh bhon doctair. Cha b’ ann ach a’ tilleadh à Glaschu, bho bhith coimhead air Mòr mo nighean. Ruith an duin’ aice leis a’ bhoireannach an ath-dhoras. Tè bhon Taobh Siar. Sloinneadh Barrach. Mi dìreach air cromadh bho bhus na stiomair ... carson nach do choinnich thusa mi ann an Steòrnabhagh? ... siud bìb bìb aig conacaig càir air mo chùlaibh! (làmhan air a broilleach) A’ feagal a chuir e orm! Nuair a dh’fhosgail mi doras a’ chidsin, cò bha sin ach Mr Henderson! A Shàtain! thuirt mi ris. A Shàtain tha thu ann! Leig e sìos uinneag a’ chàir, ’s thuirt mi ris ... mo làmhan geal le flùr ...
ISE Sòda-arain ...
A’ CHAILLEACH Craiteachan salainn ...
ISE Meug ...
A’ CHAILLEACH ... thuirt mi ris:
Nuair a thig Latha Fèill Bhrìghde
Bidh Nighean Ìomhair anns an toll
Cha bhi mis’ ri Nighean Ìomhair
’S cha bhi Nighean Ìomhair rium.
Stad.
Thug e leabhar beag a-mach às a phòcaid, ’s sgrìobh e an rud a thubhairt mi sìos ann. Na faiceadh tu cho luath ’s a bha làmh ... a’ chearrag a th’ aige ... ga sgrìobhadh! Na shuidhe aig bòrd a’ chidsin; cha tigeadh e na b’ fhaide suas. Thug thu dha leabhraichean d’ athar. Thuirt a bhean gu feumadh sinn a thighinn gu diathad mhòr dhan taigh aca. Bha ghrian a’ dol fodha, a’ ghealach ag èirigh. Thuirt e gu robh a’ mhionaid seo dhàsan mar ... mar ... facal fada Beurla. Nach do thuig mi. Leig e bìb bìb eile air a’ chonacaig. ’S dh’fhalbh e.
ISE Dh’fhalbh e mach oidhch’ ... ’n ann air tòir lof? ’S cha do thill e.
(a’ dèanamh lachan mar a rinn AM BOIREANNACH) ’S mi fhuair an fhois. (stad ghoirid) Litir an dèidh grunnan làithean às a’ Chaisteal Nuadh ag ràdh gu robh e fhèin ’s Chriosann a’ dèanamh beatha ùr dhaib’ fhèin shìos an sin. Faigheadh i ’leòr dheth ... (stad) Thìd’ aig duineigin pronnadh a thoirt dha Simon Cowell.
Stad.
’S mi fhuair an fhois.
AM BODACH (a’ coimhead mun cuairt ... an uair sin, a’ sanais) Na dh’fhalbh na daoine ud?
A’ CHAILLEACH Dh’fhalbh. Le na beannachdan. (a’ coimhead ris) Cuir air an teilidh.
AM BODACH Chan eil iad ag èisteachd air cùl an dorais? (a’ feuchainn ri èigheachd) Cha bhiodh iad ann fada. Nam biodh Garry againne beò.
A’ CHAILLEACH Garry bochd! Mharbh anRoyal Maile.
AM BODACH Agus math an airidh! Cha robh e sgur a ruith nan càraichean.
A’ CHAILLEACH Cuir air an teilidh, thuirt mi riut. (e feuchainn ri seasamh)
AM BODACH Chan urrainn dhomh. Chan eil lùths na mo chasan.
(a cheann air ais ... a shùilean dùint’) Cuin a dh’fhalbh an lùths às mo chasan?
A’ CHAILLEACH Ha! ’S fhada bhon uair sin. (stad) Ma chuireas mi do bhotal teth suas an-dràst ... (a’ coimhead suas, is gu aon thaobh) ... ’n e sin uireas a tha e? Cuin a tha Dòmhnall Uilleam a’ tighinn dha do thogail innt’?
AM BODACH Chan eil gu ... às dèidh Frost.
A’ CHAILLEACH Oidhche Haoine, tha mi ’n dòchas nach bi cus deoch air ... nach tuit e leat air an staidhre a-rithist ... (mèaran) ... Obh, obh, mo chnàmhan! An ùine bho shuidh mi ann an seo a-nochd! ...
AM BODACH ’S nach gluais thu thu fhèin! ’S an cothrom fhathast agad!
A’ CHAILLEACH Dè math? (mèaran) Eil fhios co mheud trod a gheibh Frost beag bho Inspectoir Mullet a-nochd? (stad)
Ach rud ga bheil mi mothachadh ... ged a dh’fhairicheas mi oidhche fada ... no fhionnairidh ... tha ’n t-seachdain a’ dol seachad ann am priobadh na sùla. Nach eil sin neònach?
AM BODACH (a’ feuchainn ri dhèanamh fhèin dìreach anns an t-sèithear ... guth crochanach, fann)
’N uair a thig thu dh’àiteach
a-mach as t-earrach
chì thu na gàdaran
a’ treabhadh feannag
’s ann a bhios ’An Seònaid
a-staigh gu fada
’s fhaisg tha e dha Rònaigh
na dhan a’ bhaile ...
(ris AN TÈ) Anns an t-sean tiomnadh. Rìgh Daibhidh, na shean aois. Clann-nighean Lot ... Mise d’ athair. Trobhad ’s suidh air mo ghlùin, ’s thoir dhomh ... Cuir do ghàirdeanan mu m’ amhaich, ’s thoir dhomh ... (a cheann a’ dol sìos air a bhroilleach)
Aig an dàrna bòrd, tha ISE a’ seasamh, ’s a’ dol a-mach.
A’ CHAILLEACH ’S na bliadhnaichean a’ dol às an t-sealladh a cheart cho luath. Mar sgeul a dh’innseadh neach. Ar faileasan a’ fàs fada. Dreach na h-anmoch a’ tighinn oirnn. Dh’fhàs sinn cho aost ’s cho grànda ...
Tha ISE a’ tilleadh a-steach. Aodach dubh oirre, còta ’s ad. Ceas na làimh.
Seo sinn aig toiseach earrach eile ...
A’ coimhead ris A’ BHODACH. A’ coimhead ris AN TÈ. A’ coimhead a-mach dhan èisteachd. Gàire tighinn air a h-aghaidh.
Tha Mòr mo nighean a’ tighinn dhachaigh.
title | Toiseach an Earraich |
internal date | 2011.0 |
display date | 2011 |
publication date | 2011 |
level | |
reference template | Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p |
parent text | Sia dealbhan-cluiche |