AN SGRÌOBHAICHE
Studaidh, shuas staidhre. Deasg le leabhraichean, lampa, fòn aig aon cheann dhith, agus pàipearan air am feadh.
AN SGRÌOBHAICHE na shuidhe aig an deasg, a’ sgrìobhadh le peann. Glainneachan air. Sgeilpichean làn leabhraichean air a chùlaibh. Dealbh ioma-dhathach ann am frèam trom. Uinneag; craobh na duilleach air a taobh-muigh. Doras air an làimh chlì. Feasgar samhraidh a th’ ann.
Tha AN SGRÌOBHAICHE a’ cur sìos a phinn, a’ toirt dheth nan glainneachan, a’ suathadh a shùilean. A’ suidhe air ais anns an t-sèithear ’s a’ coimhead ri mullach an taighe. A’ cur nan glainneachan air ais air, togail na duilleig air an robh e a’ sgrìobhadh, ga leughadh. Gàire beag a’ tighinn air aghaidh.
A’ cur na duilleig air ais air an deasg ’s a’ toirt dheth nan glainneachan. A’ feitheamh. Gàire beag air aghaidh. A’ seasamh ’s a’ coimhead a-mach air an uinneig. A’ dol chun an deilbh. A’ coimhead ris an dealbh.
A’ tilleadh chun na deasg. A’ suidhe ’s a’ cur air nan glainneachan. A’ togail na duilleig air an robh e a’ sgrìobhadh, ga leughadh. Gàire beag a’ tighinn air aghaidh. A’ cur na duilleig air ais air an deasg.
Gnogadh aig an doras
AN SGRÌOBHAICHE le car na cheann, a chluais ri claisneachd. Gàire mòr a’ tighinn air aghaidh. E togail a’ phinn.
AN SGRÌOBHAICHE Mas e mo bhean bheag chrost-s’ a tha siud, air taobh-muigh an dorais, chan fhaod i thighinn a-steach! Tha mise trang!
Gnogadh eile.
An àite bhith shìos an staidhre a’ glanadh an taighe! Man bean eile! (stad ghoirid) Eil i ag èisteachd? Tha mise trang a’ sgrìobhadh!
Làmh an dorais a gluasad. E toirt dheth nan glainneachan.
Bheir mis’ oirr’! Ma ghabhas i oirr’ nochdadh! Feumaidh mi – (an doras a’ fosgladh) – O!
AILEAN (anns an doras) Maighstir MacLeòid?
AN SGRÌOBHAICHE ’S e. (an dèidh stad ghoirid) Cò –?
AILEAN Tormod Iain MacLeòid, an sgrìobhaiche?
AN SGRÌOBHAICHE (stùirc a’ tighinn air aghaidh) Cò thusa?
AILEAN Faod mi thighinn a-steach? (a’ dùnadh an dorais ... a’ tionndadh) Sgrìobh mi litir thugaibh.
AN SGRÌOBHAICHE Litir?
AILEAN a’ gnogadh a chinn.
AN SGRÌOBHAICHE Mise faighinn uiread de litrichean ... ’N e mo bhean a leig a-steach thu? Cha chuala mi ’n doras-a- muigh ... ( ’g èigheachd ris an doras) Mo bhean bheag chrost! Fios aice gur ann a’s na madainnean, sna madainnean a-mhàin, a bhios mis’ a’ faicinn dhaoine. Ma rinn iadappointmentro-làimh. Suidheachadh. (ri AILEAN) Sgrìobh thu thugam, thuirt thu?
AILEAN Sgrìobh. (stad ghoirid)
AN SGRÌOBHAICHE Ah! (a’ suidhe air ais na shèithear) ’N tusa am balach-sgoile a bha losgadh gunna-gaoith’ anns an nàbachd seo an t-seachdain a-chaidh? Dihaoine a-chaidh? Sgàin thu uinneag-chùil na garaids againn. Cat Miss Gilchrist an-ath-dhoras –
AILEAN Gunna-gaoithe?
AN SGRÌOBHAICHEAir rifle.Feuchainn ri daoine a chur à cochall an cridhe. Sgrìobh thu litir thugam, ’s tu gun sgrìobh. Ag ràdh cho duilich ’s a bha thu. Ag iarraidh maitheanas. Chequebho d’ athair na broinn, a phàigheadh son na h-uinneig. (AILEAN a’ feuchainn ri bruidhinn. AN SGRÌOBHAICHE a’ cur stad air) Carson a chuir mi fios ort? ’N e sin a bha thu dol a dh’fhoighneachd? (AILEAN a’ feuchainn ri bruidhinn. AN SGRÌOBHAICHE a’ cur stad air) Dùil agad gum biodh e seachad le sin fhèin? Le litir ischeque ?Uill, a bhalaich, chan eil, ’s fhada bhuaith’ e. (stad ghoirid) Chan eil d’ aodach-sgoile ort a-nochd, tha mi mothachadh? Am blèisear ’s an taidh? An stoc shrianach?
AILEAN Chan eil. (stad ghoirid) Cha mhi am balach-sgoile leis a’ ghunna-gaoithe.
Stad.
Chan eil gunna-gaoithe agam. Tha gunna ceart agam.
AN SGRÌOBHAICHE O. (stad) Con nach d’thubhairt thu sin? An àite leigeil dhomh ... Man ur e am balach-sgoile a th’ annad, cò thu?
AILEAN Ailean Guinne. (làmh a-mach) Ciamar a tha sibh?
AN SGRÌOBHAICHE Guinne? ... (chan eil e a’ gabhail a làimh)
AILEAN a’ toirt a làimh air ais.
Còir agad a bhith air rudeigin a dh’ràdh. Innse cò thu. (ag èigheachd ris an doras) Leigeil daoine gun suidheachadh ro-làimh a-steach mun tìde-s’ a dh’oidhch’, a chur dragh ormsa! (ri AILEAN) Thuirt thu ... dè thuirt thu? ...
AILEAN Sgrìobh mi litir thugaibh.
AN SGRÌOBHAICHE a’ gnogadh a chinn.
Dà bhliadhna bhuaithe. Mun leabhar bàrdachd agaibh. Frith-ròidean na Cuimhne.
AN SGRÌOBHAICHE a’ gnogadh a chinn.
Litir ghoirid, cha robh duilleag a dh’fhaid innte. Ach thug mi ùine ga sgrìobhadh. Bha mi gu math mì-chinnteach, a’ gabhail orm sgrìobhadh gu duine cho ainmeil! Sgrìobhaiche cho ainmeil! ... ’N uair sin, às dèidh dhomh a sgrìobhadh, na seachdainean ’s na mìosan a’ feitheamh ri freagairt. Gu leòr a’ cantainn rium gum bu dhìomhain sin dhomh. Nach freagradh sibh i co-dhiù. Agus bha iad ceart. Cha do fhreagair.
AN SGRÌOBHAICHE Mar a thuirt mi riut –
AILEAN Bha sibh trang le rudan eile. Sin a thuirt mi rium fhìn. Le leabhar eile. Leabhraichean eile. Dà bhliadhna bhuaithe.
AN SGRÌOBHAICHE Mar a thuirt mi riut ... Tha uiread de dhaoine a’ sgrìobhadh thugams’ ... (a’ togail ultach litrichean bhon deasg, gan tilgeadh sìos, aon as dèidh aoin) ... Foillsearan. Proifeasairs. Oileanaich, mar thu fhèin ... ’n e oileanach a th’ annad? ... (stad. A’ coimhead ri AILEAN) Nam feuchainn-s’ rin dàrna leth a fhreagairt ... (stad. A’ cumail air ... ) Daoine tha ruith fèisean ’s co-labhairtean.
Riochdairean rèidio is telebhisein. (a’ praglaich am measg nam pàipearan air an deasg) Litir an seo an-diugh fhèin bho RèidioThree ...
AILEAN Chunna’ mi thu air an telebhisean.
AN SGRÌOBHAICHE Tha mi creids’ gu fac’. Cha b’ ann aon uair.
AILEAN Chuala mi thu air an rèidio.
AN SGRÌOBHAICHE Tha mi cinnteach gun cuala. Air iomadach prògram.
AILEAN ’S cha bhi thu freagairt gin dhiobh?
AN SGRÌOBHAICHE Na litrichean? Cha bhi. Mur eil iad a’ tabhachd coimisean. Le tuarastal. Rud eile tha sin.
AILEAN Ach litrichean mar a chuir mise thugad ... chan eil thu gam freagairt idir?
AN SGRÌOBHAICHE Chan e th’ agam ri dhèanamh.
AILEAN Ach ma tha cèis le seòladh is stamp am broinn na litreach? Son freagairt. Dè tha tachairt dhan a chèis leis an t-seòladh ’s anstamp ? (stad) Dè thachair dha mo chèis leis an t-seòladh ’s anstamp ?
AN SGRÌOBHAICHE Mar a thuirt mi riut – (a’ stad, ’s a’ dol air a chasan) Dè a’ cheasnachadh a th’ ort? Cò thu, co-dhiù, ’s cò leig a-steach thu? Thuirt mi ri mo mhnaoi nach robh mi airson duine fhaicinn a-nochd. An grioban-sgoile leis a’ ghunna-gaoithe, thuirt mi rithe, ach sin e! (ri AILEAN) ’N e mo bhean a leig a-steach thu? ... cha chuala mi ’n doras-a- muigh ...
AILEAN Bha an leabhar bàrdachd agad ... Frith-ròidean na Cuimhne ... (AN SGRÌOBHAICHE a’ suidhe ’s a’ gnogadh a chinn) ... againn aig Gàidhlig. Anns an Àrd-sgoil. Nua-bhàrdachd. Cha robh duine air a’ chlas ga thuigs’. Fiù ’s an tidsear. Bha i toirt a chreids’ gu robh. Ach cha robh. ’S ann às dèidh dhuinn do chluinntinn fhèin air an rèidio, a’ cur an cèill dìomhaireachd is doimhneachd na bàrdachd ... na samhlaidhean, am meadarachd ... na h-ìomhaighean inntinneach, na ruitheaman ... na diofar dhòighean air an robh a’ bhàrdachd, mar gum biodh, snaidhte, agus, gu ìre,
fillte, ri bàrdachd san t-seann nòs ... ’s ann an uair sin ... uill ... (AN SGRÌOBHAICHE a’ gnogadh a chinn) Cha do leig duine a-steach mi.
AN SGRÌOBHAICHE Dè thuirt thu?
AILEAN Leig mi mi-fhìn a-steach. (AN SGRÌOBHAICHE a’ coimhead suas ris) Tro uinneag a’ bhathroom. Bha i dùinte. (a’ seasamh, ’s a’ coimhead taobh na h-uinneig) ’N e craobh-dharaich a tha sin? ’S mait gur e seileach. NoSwedish hornbeam.An sgìre às a bheil mise, chan eil craobh ri fhaicinn. Lòin is boglaich. Na can rium gur eDanish poplar?
AN SGRÌOBHAICHE (a’ seasamh) Gabh a-mach à seo.
AILEAN Carson a thàinig mi steach air uinneag a’ bhathroom? (stad ghoirid) Dè Ghàidhlig th’ airbathroom ? (a’ cumail air) Con nach do chleachd mi ’n doras, man duin’ eile? (a’ cur a làimh air broilleach AN SGRÌOBHAICHE, ga shàthadh air ais dhan t-sèithear) Suidh, gus an inns mi dhut. (AN SGRÌOBHAICHE na shuidhe) Uill, anns a’ chiad àite, cò aig tha fios. Anns an dàrna àite, bhuail e thugam gu làidir air leac an dorais, mo sgealbag air a’ phutan, gun cuireadh ding-a- ling na glaig dragh ort, ’s tu, ma dh’fhaodte, aig toiseach bàrdachd, am meadhan sgeulachd, a’ crìochnachadh dealbh-chluich, chuimhnich mi air Coleridge, tha thu a cheart cho math ris, bha e airopium ,rud nach eil thusa, ’s tha Gàidhlig agad, rud nach robh aigesan, chunnaic miwater -rone,chaidh mi suas, thàinig mi gu uinneig, chaidh mi steach. (gàire) Tha mi garbh toilichte do choinneachadh, mu dheireadh thall. Do bhean cuideachd.
AN SGRÌOBHAICHE Chan eil mo bhean a-staigh. (a’ togail a’ fòn, a’ bragail air na putanan. Ag èisteachd) Hello?
AILEAN Càil tha ceàrr?
AN SGRÌOBHAICHEPolice ? Hello?
AILEAN Tha rudeigin ceàrr. Tha mi ’g aithneachadh ort.
A’ seasamh ’s a’ dol a-null a thoirt sùil air a’ phioctor air a’ bhalla.
AN SGRÌOBHAICHE (a’ feuchainn ri ghuth a chumail nàdarrach) Tha gadaich’ na mo thaigh. (dhan a’ fòn) Hello?
AILEAN (a’ coimhead ris a’ phioctor) Gadaich’?
AN SGRÌOBHAICHE Mèirleach, a-rèist. Hello?
AILEAN Mèirlich.
AN SGRÌOBHAICHE Dè thuirt thu?
AILEAN (fhathast a’ coimhead ris a’ phioctor) Tha fear eile shìos an staidhre.
AN SGRÌOBHAICHEHello ! Police! Police! Hello!
AILEAN Chan eil iad ann uair sam bith nuair a tha thu gan iarraidh.
AN SGRÌOBHAICHE Hello! (a’ cur sìos a’ fòn. Go togail. A’ sàthadh nam putanan)
AILEAN Na mhothaich thu? (a’ tilleadh gu beulaibh na deasg) Fàg do chàr air loidhne bhuidhe, mùin ann an doras Woolies ... tha iad ort man na radain, tha iad a’ tighinn bho na ceithir ceàrnaidhean. Cà bheil iad nuair a tha duine cur feum orr’?
AN SGRÌOBHAICHE a’ cur sìos a’ fòn. A’ suidhe le dhà làimh air an deasg, a’ coimhead ri làmhan. A’ togail a chinn ...
AN SGRÌOBHAICHE Cò thu?
AILEAN Con a thuirt thu nach robh do bhean a-staigh? Thig spotag dhubh air do theanga. (stad) Mura h-eil do bhean a-staigh, cò ris a bha thu ’g èigheachd tron doras? (stad) Mura h-eil do bhean a-staigh, cò an tè a bha romham anns a’ bhathroom? Suas gu h-amhaich ann an Radox? Tè bhàn. Bàn is pinc. (a’ gluasad a làmhan)
AN SGRÌOBHAICHE (a’ cròchail) Dè ... ? Ciamar ... ?
AILEAN Dh’iarr i orm a druim a nighe. Far nach ruigeadh anloofah . (a’ crathadh a chinn ris AN SGRÌOBHAICHE) Man ar e do bhean a th’ innt’, cò i? Anau pair ... ?
AN SGRÌOBHAICHE (anail na uchd) Mo bhean a bha sin! (a’ seasamh) Dè bha thu –?
AILEAN Bean eile bha còmh’ riut anns a’ Ghaseat, nuair a fhuair thu an MBE. Tè chaol, le ad ... (a làmh air broilleach AN SGRÌOBHAICHE,
ga shàthadh air ais dhan t-sèithear) Co mheud bean a th’ air a bhith agad, co-dhiù?
AN SGRÌOBHAICHE (a’ tarraing ’s a’ sèideadh a-mach anail) Dè tha thu ’g iarraidh?
AILEAN Ag iarraidh? Tha mi creids’, gun cus smaoineachaidh air ... (stad) Nach tu chuir a’ cheist orm! ...
AN SGRÌOBHAICHE (a’ leum gu chasan) Tha fear eile ann! Cà’ bheil e?
AILEAN Aig bonn na staidhre. (a’ togail a chorraig) Cha chuirinn dragh air!
AN SGRÌOBHAICHE a’ tighinn le rus timcheall na deasg, ’s a’ fosgladh an dorais. A’ stad – aon làmh air làimh an dorais, ’s an tèile le grèim air an ursainn. A’ dùnadh an dorais. A’ tionndadh, ’s le ceumannan mall, a’ tilleadh chun an deasg. A’ suidhe.
AILEAN (a’ suidhe cuideachd) Eil thu OK? Tha d’ aghaidh air a dhol geal.
AN SGRÌOBHAICHE, a bheul fosgailt’, a’ coimhead ris an doras. AILEAN a’ tionndadh a chinn ’s a’ coimhead ris an doras. A’ tionndadh ris AN SGRÌOBHAICHE
Cha tig e suas mura can mi ris.
AN SGRÌOBHAICHE (guth fann) Cò e?
AILEAN Donnchadh an t-ainm a th’ air.
AN SGRÌOBHAICHE (guth fann) Dè tha e ... ?
AILEAN ... ris? (a’ suidhe air ais na shèithear) Uill, an-dràsta, cha mhòr sin, chan eil fiach a’ dol anns an eilean. Duine thug a-mach dà cheàrd, a dh’ionnsaichorigamianns an sgoil-oidhche, ’s chan fhaigh e t-seoba thall no bhos. (a’ suidhe air adhart) Tha fios a’m nach robh e air a’ chnoc air an robh iad a’ roinn a-mach an t-eireachdais. Ach am faca tu na gualainnean aige? An druim! Donnchadh an t-ainm a th’ air.
AN SGRÌOBHAICHE (guth fann) Dè ... ?
AILEAN Hm?
AN SGRÌOBHAICHE (anail mhòr) ... tha e dèanamh ... ?
AILEAN Na do thaigh? (guth àrd, dòigheil) Nach eil e còmh’ rium fhìn!
AN SGRÌOBHAICHE ’S dè tha thusa ... ?
AILEAN Na do thaigh? Fàth mo thurais? (guth àrd, dòigheil) Nach tàinig mi choimhead ort fhèin! Sgrìobhaiche cho ainmeil ’s a th’ againn ann an saoghal nan Gàidheal, agus sònraichte am measg sgrìobhaichean Beurla cuideachd. (AN SGRÌOBHAICHE a’ crathadh a chinn ’s a’ coimhead ris an doras) Donnchadh? Dè tha Donnchadh a’ dèanamh an seo? ... Uill, mur eil mis’ air mo mhealladh, tha e ’n-dràst a’ rumastaireachd tro pris a’ chidsin agad, a’ lorg rudeigin a dh’itheas e. Mus tòisich e dol tron taigh ’s a’ falbh le rudan ... mèirleach a th’ ann ... feumaidh e bhroinn a lìonadh. (stad ghoirid) Faca tu an dà chròig a th’ air?
AN SGRÌOBHAICHE Dè tha ... ? (stad. Guth ìosal) ... Dè tha sibh ’g iarraidh?
Stad.
AILEAN Donnchadh. Às dèidh Donnchadh bràthair a sheanar, athair athar, ach ... agus còrdaidh seo riut, mar sgrìobhaiche ... bha Donnchadh eile ann ... bràthair athar a sheanar ... taobh a mhàthar! Nis, tha dà bhalach anns an teaghlach. Agus ’s e Donnchadh a th’ air an dithis ... Donnchadh Mòr, a mharbh a’ bhò ... agus Donnchadh Beag, no Am Bìdean, a tha shìos an staidhre anns a’ chidsin agad an-dràst, ag ith canastair tuna, cuiridh mi geall, ma fhuair e lorg air fear, lemayonnaisena mheasg, is crabhag lofa phan, gun ìm. Godzilla a th’ aig feadhainn air.
AN SGRÌOBHAICHE (a’ cur a làimh air a’ fòn. Ga toirt air falbh) Cha do fhreagair iad. Nuair a dh’fhònaig mi. Carson nach do fhreagair iad?
AILEAN Feadhainn eile nach eil ann nuair a tha thu gan iarraidh.
AN SGRÌOBHAICHE (guth àrd) Tha thu seo ... na mo thaigh ... thàinig thu seo ... goirilea eile shìos an staidhre ...
AILEAN Godzilla.
AN SGRÌOBHAICHE Goirilea! Chuala tu mi!
AILEAN Chuala. ’S math nach cual’ esan! (stad) An duine chuir an gangar Èireannachflatfuar aig an obair-latha le aon bhuille! An
duine bhuannaich an dòrnag aigCattle ShowChàrlabhaigh! Cha tigeadh tu beò às a làmhan! (a’ seasamh) Mura b’ e glè bheag dhomh, dh’innsinn dha an rud a dh’èigh thu air ... (a’ dol chun an dorais, ga fhosgladh) Haoi! Dè tha fhathast gad fhàgail aig bonn na staidhre? ... Cà ’il habsac an Airm a thug mi dhut? ... Theirig tro na rumannan gu lèir, ’s na dìochuimhnich sgeilp àrd an sgularaidh broinn nam poitean priostail ... Agus haoi! Gnothaichean bhoireannach. Dè nach eil thu dol a dhèanamh? (ag èisteachd ’s a’ gnogadh a chinn. A’ dùnadh an dorais) Dh’fhaodadh tu stad a chur air. Mar an duine-ud anns an dàrna nobhail agad, dè ’n t-ainm a bh’ air? Uilleam MacOdrum. ’S e. Cha b’ ann na shuidhe le crith na thòin a bhiodh Uilleam MacOdrum, a’ leigeil dha mèirleach a dhol tron taigh aige ... Cò? Bhiodh Uilleam MacOdrum shìos an staidhre man shot! Anns an dàrna nobhail agad.
AN SGRÌOBHAICHE Dè tha thu ’g iarraidh? Airgead?
AILEAN Freumh gach uilc. (stad ghoirid) Chan eil thu son èisteachd rium, tha mi ’g aithneachadh. Chan eil thu ’g iarraidh cluinntinn stòraidh nan Donnchaidhean. (làmh gu cùl a chluais) Tha e shuas aig an teine. Cha tug siud fada. (a’ tionndadh chun AN SGRÌOBHAICHE) Na Donnchaidhean. (osann bheag) Bha a’ chiad Dhonnchadh ... chan e Donnchadh Mòr, a mharbh a’ bhò ... no an goirilea, man a th’ agad air, shìos an staidhre ... ach Donnchadh bràthair a sheanar, taobh Nèill an athair ... na dhuine dùr, greannach, mì-ùidheil, math air clachaireachd, cha sheasadh prais mhaorach pluc ris. Bha an Donnchadh eile – bràthair-athar a sheanar, taobh am màthar – ainmeil son a bhith cluich triumb, ag òl a lèine ’s a’ ruith bhoireannach, thill e à Ameireagaidh gun sgillinn ruadh na phòcaid. (ag atharrais). Cò ris a chaidh sinn? DonnchadhNumber1 no DonnchadhNumber2? Ma tha mise air m’ ainmeachadh air DonnchadhNumber1, carson a tha mi cho èibhinn, aotrom nam dhòigh, ’s a tha h-uile balla a thogas mi cho cam? Ma tha thusa air d’ ainmeachadh air DonnchadhNumber2, carson a tha thu cho mosach, nach glèidh thu fonn nad cheann, ’s nach do chuir thu riamh dragh air
boireannach, ach falbh le corra dhrathars bho ròp-aodaich? Sin na ceistean a bhios a’ cur an dà Dhonnchadh òg an amhaichean a chèile, air na h-oidhcheannan fada geamhraidh. Guthan a’ dol àrd, dùirn a’ dol troplasterboard ,uinneagan a’ tighinn a-mach! An cùm mi orm?
AN SGRÌOBHAICHE Cha chùm.
AILEAN Riabhach! (stad ghoirid) Ach dè do bheachd, mar sgrìobhaiche? Air an stòraidh, gu ruigeadh seo? An dèanadh i sgeulachd ghoirid mhath?
AN SGRÌOBHAICHE Dè tha thu dèanamh na mo thaigh? Gabh a-mach às mo thaigh.
AILEAN H-abair aoigheachd! ’S nuair a nochd mi, dhearbh thu air mo bhus gur e duineigin eile a bh’ annam. Balach-sgoile. ’S thuirt thu nach robh do bhean a-staigh. ’S cha do dh’èist thu ri mo stòraidh. Cha do leig thu dhomh a crìochnachadh. ’S dh’èigh thu mèirleach orm. ’S dh’èigh thu goirilea air Donnchadh. (ag èisteachd) Tha e anns an rùm shuas. (air ais) Tha thu nis gam òrdachadh a-mach às do thaigh. ‘Fan’ cho mòr ’s a th’ agad. A thàinig às na h-eileanan – bhana, bus buidhe, bus gorm, bàta, bus gorm eile, làraidh le digear air a cùl, trèana ’s bhana gheal – a chèilidh ort.
AN SGRÌOBHAICHE Carson?
AILEAN Carson? (stad ghoirid) Barabara, thuirt an tè anns a’ bhath, an t-ainm a th’oirr’. Chan e bean-taighe a th’ innt’, sin aon nì fìor. (a’ sealltainn a bhois dhan SGRÌOBHAICHE) Cuin a chaidh dustair air rèile na staidhre? (stad ghoirid) Con nach eil thu faighinn searbhant cheart, ’s na th’ agad de dh’airgead? ... a bhruisaigeadh do bhrògan dhut ’s a ghlanadh mullach a’ chucair? ... (a’ suidhe ’n-àirde) Tha tè agam dhut! Aodann man gealach abachaidh an eòrna, bodhaig manSumo wrestler,calpannan man an t-ochdamh Rìgh Eanraig! Ach obraiche! Murdag an t-ainm a th’ oirre, uaireannan Murdinag. I fhèin ’s Donnchadh anns na dubh oghaichean, taobh Bheàrnaraigh, ’s tha ’n ceann aic’ a bharrachd air. (a’ sìneadh a làimh chun a’ fòn) Am fònaig mi i?
AN SGRÌOBHAICHE (làmh a-mach) Chan eil ... (a’ slugadh ’s a’ crathadh a chinn) ... a’ fòn ...
AILEAN (a’ toirt a làimh bhon a’ fòn) Còcaire a sgùras làr! Maighdeann-taighe a dh’obraicheasstrimmer !Làn a broinn de bhuntàta, glainne no dhà de bhranndaidh cruaidh na Spàinne, cò aig tha fios dè eile a dhèanadh i dhut?
AN SGRÌOBHAICHE (a’ slugadh) Na leigeadh tu dhomh bruidhinn ...
AILEAN (a’ suidhe air ais ’s a’ pasgadh a ghàirdeanan) An Cruithfhear a chuir a-steach ni.
AN SGRÌOBHAICHE (a’ slugadh) Chan eil fhios a’m cò thu ...
AILEAN Ailean Guinne.
AN SGRÌOBHAICHE ... no cò às a thàinig thu ... (a’ cumail air ... crith bheag a’ tighinn na ghuth) ... Agus chan eil mi ’g iarraidh faighinn a-mach. (a ghuth a’ fàs nas làidire) Nise, na gabh seo anns an dòigh cheàrr. (stad, ’s a’ slugadh) Ach na falbhadh tu? ’S do charaid a thoirt leat. Donnchadh, nach e an t-ainm a th’ air? ’S e rud ... chan eil an oidhche nochd ... freagarrach. Oidhche sam bith eile, bhiodh tu dì-beatht’. Ach a-nochd ... (làmh a-mach os cionn an deasg) ... tha tòrr agam ri dhèanamh. Aiste Ghàidhlig air bàrdachd na h-ochdamh linn deug. Teilefis na h-Èireann. RèidioThree .Le sin ... chan urrainn dhomh an ùine thoirt dhut a mhiannaichinn. ’S air a bheil thu airidh, tha mi cinnteach. ’N e sgrìobhaiche a th’ annad? Air ùr-thòiseachadh? Chan eil e farast aig toiseach tòiseachaidh. Faca mi càil a sgrìobh thu? Dh’fhaodadh sinn coinneachadh uaireigin eile, an dithis againn, ’s bruidhinn mu dheidhinn. Leig fios thugam ro-làimh. Ann an taigh-òst’, ’s mait, an còrdadh sin riut? Bidh tu ’g òl, nach bi? Leòdhasach, tha fios gum bi. Cò an Leòdhasach nach bi ’g òl? Tuilleadh ’s a’ chòrr aig amannan. ’S ma tha thu sireadh beachd air do sgrìobhadh ... no comhairle muagents ... no ... bho sgrìobhaiche nas sine ... uair sam bith, à seo a-mach ... chan eil agad ach a’ fòn a thogail. No sgrìobhadh thugam. Cèis le seòladh isstampairson freagairt am broinn na litreach. Ach an-dràst ... na falbhadh tu? Nam biodh tu cho math. ’S do charaid a thoirt
leat. Nach e tha sàmhach? ’S ma thug e rudan leis, dè ’n diofair? Coma leam. Ciamar a chuir Shakespeare e? Who steals my purse steals trash. ’S a’ bruidhinn air airgead ... feumaidh sibh ur faraidhean air ais a Leòdhas, thu fhèin ’s ... uill, tha mi deònach sin a thoirt dhuibh, na gabh ort diùltadh, sgrìobhaiche òg, tha fios nach eil mòran agad, cha bhi mi cumail mòran airgid am broinn an taighe ’n dèanadh fichead not’ a’ chùis, deich-ar-fhichead, no an sgrìobh micheque ? (coimhead ris an doras) Dè tha e dèanamh a-nis?
AILEAN (a’ seasamh ’s a’ dol chun an dorais, ga fhosgladh, ag èigheachd) Dè tha thu dèanamh a-nis? ... duine shuas an seo a’ faighneachd. (stad) Tha e fon staidhre. (ag èigheachd) Fàg nasandshoessin, chan fhutaig iad thu! (ris AN SGRÌOBHAICHE) A’ lìonadhbin linerdubh. Trobhad ach am faic thu e.
AN SGRÌOBHAICHE (a’ fosgladh drathair anns an deasg) Tha trì fichead not’ ... trì fichead ’s a deich ... agam an seo. Thoir leat iad. Chan eil an còrr agam. (gan cur a-null air an deasg)
Stad. AILEAN, air an doras a dhùnadh, na sheasamh le dhruim ris AN SGRÌOBHAICHE, a’ coimhead ris an dealbh air a’ bhalla.
Mur eil gu leòr ann ... Ma tha thu ’g iarraidh an tuilleadh ... thachequebookagam ... (ga thoirt às an drathair ’s ga chumail suas) Ma dh’innseas tu dhomh d’ ainm ... (a’ fosgladh anchequebook ,a’ cur air nan glainneachan, a’ togail peann)
AILEAN (a’ tionndadh) Dh’inns mi dhut m’ ainm. (a’ coiseachd air ais gu shèithear. A’ stad, ’s a’ toirt sùil eile air an dealbh. A’ crathadh a chinn) Dè seòrsa dealbh tha sin? ’S e fear le aghaidh dùint’ ann am feusag, a chaidh dhanArt School,a rinn an dealbh sin. (a’ suidhe) Dè ’n t-ainm a th’ orm, ma tha?
AN SGRÌOBHAICHE (a’ cur sìos a’ phinn) Gunn, nach e? ... Guinne? ...
AILEAN, gàire beag air aghaidh, a’ gnogadh a chinn.
(a’ toirt dheth nan glainneachan) Iain ... ? Chan e ...
AILEAN, gàire beag air aghaidh, a’ crathadh a chinn.
Donnchadh a th’ air do charaid. Sloinneadh Lochlannach a th’ ann an Gunn. Aonghas ... ? Tha e tòiseachadh le A, nach eil ... ?
AILEAN A bhalgaire! Dùil agam gur ann a’ toirt a chreids’ a bha thu.
AN SGRÌOBHAICHE Dè ... ?
AILEAN Toirt a chreids’ nach robh fios agad. Ach dhìochuimhnich thu e, a mhastaig! (a’ seasamh) Bheir mi aon theans eile dhut. Aon, cuimhnich! ... Uill? Dè ’n t-ainm a th’ orm?
AN SGRÌOBHAICHE (a’ slugadh) Ah ...
AILEAN (ag atharrais) Ah!
AN SGRÌOBHAICHE Aah ...
AILEAN (os a chionn) Aah! Aah! (dòrn ri bhus) An diabhal ort, can e!
AN SGRÌOBHAICHE Aaaah ... Alasdair?
AILEAN a’ tilgeadh a ghàirdeanan dhan adhar, a’ dol a-null chun an deilbh, a’ coimhead ris. A’ tionndadh.
AILEAN A mhic na bids’! A mhic mhòr an diabhail! (a’ tilleadh chun an deasg, a’ cumail a dha dhòrn suas) Eil thu gan iarraidh? A bheil? AN SGRÌOBHAICHE a’ crùbadh na shèithear, a ghlùinean air an tarraing suas, ’s a’ falachd a chinn na ghàirdeanan. Gnogadh aig an doras. AILEAN ga dhèanamh fhèin dìreach, a’ cur a làmhan sìos. Toirt ceum air ais bhon deasg. A’ tionndadh chun an dorais.
BARBARA (a’ cur a cinn a-steach) Hi! Faod Barbara a thighinn a-steach? ... Chan eil mi cur dragh oirbh? (a’ tighinn a-steach ’s a’ dùnadh an dorais) Bath mun tìde-s’ a dh’oidhch’, càil as fheàrr leam! (ris AN SGRÌOBHAICHE) Con a tha thu na do shuidhe mar sin, cho neònach? (ri AILEAN) ’N eyogaa tha e dèanamh?
AILEAN Tha e meòrachadh.
BARBARA Ist, a bhreugadair! Tha e cluich falach-fead. (a’ putadh AN SGRÌOBHAICHE) Yoo hoo! Tha Barbara gad fhaicinn!
AN SGRÌOBHAICHE Bibby ...
BARBARA Hallo!
AN SGRÌOBHAICHE (a’ togail a chinn) Bibby!
BARBARA Cho geal ’s tha ’n aghaidh aige! ’N e do stamag a th’ ann a-rithist? (ri AILEAN) Robh thusa cur feagal air? (a’ suidhe suas air an deasg, a’ cur a gàirdean mu amhaich AN SGRÌOBHAICHE. A’ pògadh a phluic) Seo a-nis.
AN SGRÌOBHAICHE Bibby! Tha fear eile ann!
BARBARA Faca tu e? Man tarbh! ’S cho grànda!
AN SGRÌOBHAICHE Falbh le ... tha e ...
BARBARA Tha fios a’m. Haversack ’s trì pocannan dubh plastaig mar-thà anns an lobaidh, a’ cur a-mach air am bus. (ri AILEAN)
Eil thusa duilich gun chuir thu feagal air a’ bhodach agam? (AILEAN a’ gnogadh a chinn) Can e, ma-thà.
AILEAN Tha mi duilich.
BARBARA Sgrìobhaiche a th’ ann. (stad ghoirid) Theab thu chur à cochall a chridhe. ’S an t-seachdain a-chaidh, theab balach-sgoile le‘air gun’an aon rud a dhèanamh air. Gunna-gaoithe. Smaoinich air a chall dha litreachas na Gàidhlig.
AILEAN Agus dha litreachas na Beurla.
BARBARA Agus dhan t-sluagh gun àireamh ann an lapan a tha dèidheil air an sgrìobhadh aige.
AILEAN Bha e thall ann, nach robh? Chuala mi e fhèin ga inns’ air an rèidio.
BARBARA Bha. Thug a sgrìobhadh a lapan e.
AILEAN Dha na h-Innseachan cuideachd.
BARBARA Agus dhan a’ Ghearmailt.
AILEAN Air feadh an t-saoghail, dh’fhaodadh tu ràdh.
BARBARA AchOuter Mongolia.
AILEAN Cha robh e fhathast anOuter Mongolia?
BARBARA Ach bithidh. Tha e mòr aig na Mongolians. Thathas a’ bruidhinn air shìos am baile an Ulan Bator. Anns nacafes . (a’ suidhe air oir na deasg) Faodaidh tu cùl mo làimh a phògadh. (AILEAN a’ seasamh, a’ pògadh a làimh, suas a gàirdean, a gualainnean) Sin gu leòr ... Sguir, thuirt mi!
AN SGRÌOBHAICHE Ach ... ach ...
AILEAN Tha e bruidhinn.
BARBARA Cho geal ’s a tha ’n aghaidh aige fhathast!
I leum sìos bhon deasg. AILEAN a’ tighinn gu cùlaibh, ’s a’ cur a ghàirdeanan timcheall oirre. A’ sanais na cluais.
AN SGRÌOBHAICHE Bibby! Dè tha e dèanamh?
BARBARA (a’ gluasad a cuirp) Mmm ...
AN SGRÌOBHAICHE Ach ... chan fhaod e, Bibby!
AILEAN Cò thubhairt?
BARBARA (a sùilean dùinte) Faodaidh.
AILEAN Cò tha dol a chur stad orm? Uilleam MacOdrum?
AN SGRÌOBHAICHE Ach ... tha thu leigeil dha, Bibby.
AILEAN Suidh air do thòin.
BARBARA Mus tig luairean ort.
AILEAN Sguir a choimhead rinne.
BARBARA Na leig ort g’ eil sinn ann.
AILEAN Cùm ort le do sgrìobhadh.
AN SGRÌOBHAICHE a’ suidhe.
AILEAN (ri BARBARA) Dè fàileadh tha sin?
BARBARA Càite?
AILEAN Cùl do chluais.
BARBARAObsession !E fhèin a cheannaich e dhomh. Airson na Nollaig.
AILEAN Robh e daor?
BARBARA Mo phreusant Nollaige? Nach eil fhios agad gu robh! ... ’S airson na Càisg, thug e mi a Pharis. ’S airson mo cho-latha-breith, dha na Seychelles.
AILEAN Chan eil e sgrìobhadh. Carson nach eil e sgrìobhadh?
BARBARA Am faighnich mi dha?
AILEAN Cha do sgrìobh e facal bho nochd mi. Cha do chuir e peann ri pàipear.
BARBARA Tha e air a dhol sàmhach a-rithist.
AILEAN Tha e feitheamh gu faic e dè thachras.
BARBARA Dè tha sinn a’ dol a dhèanamh.
AILEAN Man“A Question of Sport. ”
BARBARA“What happened next. ”
AILEAN An seall sinn dha?
BARBARA Carson nach seall?
AILEAN Dè thig a-mach.
BARBARA Dè thèid a-steach.
AILEAN Cuiridh e dhan ath leabhar e.
Còmhla, tha iad a’ sguabadh nam pàipearan, an airgid, na litrichean etc bhon an deasg. BARBARA a’ laighe air a druim oirre.
BARBARA (ris AN SGRÌOBHAICHE) Seo nas fheàrr na naSwedishbhideos agad. .. Na magasans shalach a bhios tu faighinn tron a’ phost. (ri AILEAN) Thoir thusa do sheacaid dhìot.
AILEAN (a’ toirt dheth a sheacaid) Fosglaidh seo a shuilean ...
BARBARA ’S a bheul. .. (ri AILEAN) Chan eil thu fàgail do bhriogais ort?
AILEAN (a’ toirt dheth a bhriogais) Cuiridh seo spionnadh às ùr ann. ..
BARBARA Crith an cùl a chinn. .. (ri AILEAN) Bidh crith a’ tighinn a chùl a chinn. A’ coimhead nam bhideos.
AILEAN ’S na dhà shlinnean, cuiridh mi geall.
AN SGRÌOBHAICHE a’ seasamh ... a bheul a’ fosgladh ’s a’ dùnadh.
BARBARA (a’ tarraing AILEAN sìos air a muin)
AN SGRÌOBHAICHE a’ dèanamh fuaim na amhaich.
Dè bha siud?
AILEAN Cha do rinn mi mach.
BARBARA Tha còmhradh gu leòr aige. Nuair a thogras e.
AILEAN ’N e thug an t-sèine dhut?
BARBARA Cò eile?
AILEAN Òr, mura h-eil mi air mo mhealladh.
BARBARA Bhiodh e bruidhinn riums’. Uair dha robh e. Cha robh chab a’ dùnadh.
AILEAN Con a sguir e?
BARBARA ’S fheàrr leis a bhith bruidhinn ri daoine mar e fhèin.
AILEAN Cò iadsan?
BARBARA O ... sgrìobhaichean eile. Mar e fhèin. (stad ghoirid) Daoine tha am fianais an t-sluaigh. A sheasas air àrd-ùrlar. A bhios air an teilidh. (stad ghoirid) Bidh iad a’ suidhe còmh’ ris shìos an staidhre, anns an studaidh mhòr, ’s a’ bruidhinn ’s a’ gàireachdainn. Chan fhaod mise dhol a-steach. (AILEAN ga pògadh)
AN SGRÌOBHAICHE Tha mi ... Mr Gunn? ... a-riamh ...
AILEAN Tha e bruidhinn rium.
BARBARA Dh’èigh e Mr Gunn ort.
Iad a’ coimhead ris, a’ feitheamh ris an tuilleadh.
AN SGRÌOBHAICHE. .. gillean às na h-eileanan ... (a’ stad)
BARBARA Bhiodh e bruidhinn riums’. Uair dha robh sinn. Thug e char asam, le theanga mhìn, mheallta.
AILEAN (a’ slìobadh a cois) Fhuair e suas do mhuinichill.
BARBARA Àitichean eile cuideachd.
AILEAN (a’ slìobadh a cois) Fhuair e na bha e ’g iarraidh?
BARBARA Tha gràdh agam ort, thuirt e.
AILEAN Robh guth air a mhnaoi, fhad ’s a bha seo a’ dol air adhart? An tritheamh bean?
BARBARA Fàgaidh mi i, thuirt e.
AILEAN Dùil agam gur e ise a dh’fhàg esan. Gun ruith i air le Ìleach.
BARBARA Thusa tha mi ’g iarraidh, ars esan. A’ cur a ghàirdean timcheall orm.
AILEAN Cà ’n tug e thu? (a’ coimhead ris AN SGRÌOBHAICHE) Cùl a’ ghàrraidh? Ceann na cruaich?
BARBARA Càr. Seata thoisich a bha dol air ais.
AILEAN Na chùm e bhriogais air?
BARBARA Cha do sguir e chòmhradh.
AILEAN Fhad ’s a bha sibh ... ?
BARBARA Cha do dhùin a bheul.
AILEAN Tha e dùint’ a-nis.
BARBARA Chan eil diorra mhiog aige. (iad a’ pògadh) Ach tha e fialaidh. (togail a gàirdean) Seall!
AILEAN ’S e cheannaich sin dhut?
BARBARA Agus aodach sa stoidhl’.
AILEAN (a’ coimhead ris a’ bhràiste air caol a’ dùirn) Airgead, mura h-eil mi air mo mhealladh.
BARBARA Bhiodh e ’g innse rudan dhomh. Ga mo chumail ceart. Dè am fìon le dè ’m biadh.
AILEAN Dè spàin ’s dè ’n fhorc.
BARBARA Gun a bhith dol a-mach gun drathars orm. Gun a bhith falbh air mo chasan luirmeach air feadh an taighe ’s ag èisteachd ri RèidioOne .
AILEAN Càil an còrr?
BARBARA Leabhraichean! Agus dh’fheumainn a leughadh. Bhiodh e ga mo cheasnachadh mun deidhinn, agus a’ trod nan toirinn am freagairt ceàrr.
AILEAN Na leabhraichean aige fhèin?
BARBARA Anns an dà chànan. Nobhails is bàrdachd. (stad ghoirid) Agus dealbhan cluich.
AILEAN Robh dhealbh fhèin air ciofar-cùil nan leabhraichean? Le lèine fhosgailte ’s bonaid Duitseach air?
BARBARA Thuirt e gu robh gaol a’ chridhe aige orm ... (AILEAN a’ toirt
pòg dhi) ’S thuirt e gum biodh sinn còmhla gu bràth, agus nach tigeadh duine no càil gu bràth eatarainn ...
Iad nan sìneadh air an deasg len gàirdeanan mu chèile.
AN SGRÌOBHAICHE (a’ seasamh ... làmhan a-mach) Ach, ach. .. (a’ stad) Innsidh mi dhuibh. Ma sguireas sibh. Bibby! Carson a tha thu leigeil leis? Fear eile shìos an staidhre. A’ falbh le mo. .. (stad) Bibby? Tha mi duilich gum bithinn a’ trod ’s a’ gabhail cais. Nuair nach robh thu tuigsinn mo. .. Nuair a bhiodh tu mèaranaich, a’ leughadh mo ... Tha mi duilich. (BARBARA a’ pògadh AILEIN) Can ris sguir, Bibby. ’S canaidh esan ris an fhear eile. Bheir mi rud sam bith dhaibh. Ma sguireas iad. Ma sguireas iad ’s ma dh’fhabhas iad. ’S cha bhi ’n còrr mu dheidhinn, ’s tha mi toirt maitheanas dhut son ... son ...
BARBARA (ri AILEAN) Mmm. .. tha sin cho math ...
AILEAN (a’ toirt pòg dhi ’s a’ suidhe an-àirde) Tha thìd’ againn falbh.
BARBARA Tha.
AILEAN a’ tighinn sìos bhon deasg. A’ cuideachadh BARBARA sìos.
AILEAN Dè tha thu toirt leat?
BARBARA a’ crathadh a cinn, a’ toirt dhith na bràiste air cùl a dùirn, na fàinneachan, an t-sèine mu h-amhaich. Gan tilgeil air an deasg.
AN SGRÌOBHAICHE Bibby? (a’ suidhe. .. glaodh na ghuth) Chan eil thu falbh?
BARBARA Nis, na tòisich! Bidh thu nas fheàrr às m’ aonais.
AN SGRÌOBHAICHE Ach, ach ... (stad) ... chan fhaod thu falbh, Bibby.
AILEAN Cò thubhairt? (a’ dèanamh dòrn. .. ri BARBARA) An tarraing mi air i?
AN SGRÌOBHAICHE Ach do leasanan dràibhigidh, Bibby? Do chlasaichean oidhche?
BARBARA Smaoinich an fhois a gheibh thu! Cho sàmhach ’s a bhios an taigh, gun mi ann.
AN SGRÌOBHAICHE Ach ...
BARBARA Cho glan ’s a bhios e!
AILEAN Thuirt mi ris au pair fhaighinn. Cha leig e leas a pòsadh.
BARBARA ’S fhada chitheadh e! Chan iarradh e fhèin a shùgradh, ach a bhith falbh lehooverair feadh an taighe.
AILEAN (air a bhriogais a chur air ais air) Dustaigeadh le dustair.
BARBARA Sgùradh leac an teine leParazone .
AILEAN Spreidheadh Domestos sìos a’ phoit.
AN SGRÌOBHAICHE Ach phàigh mi airson do chùrsaLinguaphone ,Bibby!
AILEAN Duine beò a’ cur dragh air.
BARBARA A’ lìonadh an t-sinc le soithichean salach.
AILEAN Dèanamh fuaim.
BARBARA Fàgail aodach salach air an làr.
AILEAN Faodaidh e tòiseachadh airautobiography .
BARBARAVolume One.Tùs mo Làithean.
AILEAN A dhealbh an cùl an leabhair. Ad shràbhach air a cheann.
BARBARA Bidh e air gluasad dha na Seychelles. Le beanNumber Five.
AILEAN Dè Ghàidhlig a th’ airautobiography ?
BARBARA Bidh mis’ ann anVolume Three.
AILEAN (a’ dol chun an dorais, ga fhosgladh ... guth àrd, a’ cunntadh) Aon, dhà trì ... (stad ghoirid) Cà’il am poca nèibhidh, am fear canabhais, na lìon thu e? ... Ah! (stad ghoirid) An gleoca mòr le fuaimBig Bencuideachd, tha duine an Àrnol a thuirt rium mo shùil a chumail a-mach airson fear ... OK! Tòisich gan cur dhan a’ bhana. (ri BARBARA) Transitgheal a ghoid sinn ann an Struighlea air an t-slighe sìos ... (a’ dùnadh an dorais, a’ dol tarsainn na stèids, a’ toirt a’ phioctor sìos bhon a’ bhalla) Goill gu leòr anns an eilean a chrochas seo air a’ bhalla.
BARBARA (a’ coimhead ris AN SGRÌOBHAICHE le sùilean mòra ... a gàirdeanan a-mach) Feumaidh mi giosag a thoirt dha mus fhalbh mi! (a’ dol timcheall an deasg, a’ cur a gàirdeanan mu amhaich AN SGRÌOBHAICHE, a’ toirt pòg dha) Mmm. Ugh gun salainn. (ga leigeil
às) Mar sin leat, a luaidh. (a’ tilleadh gu beulaibh an deasg) Cuimhnich air na pilichean ùr, gu feum thu h-uile gin ac’ a ghabhail, tha e ’g ràdh air a’ bhotal. Tha do lèintean Van Heusen fhathast gun tilleadh às anlaundrette . (làmhan gu broilleach) An aghaidh aige a’ coimhead rium!
AN SGRÌOBHAICHE Bibee!
BARBARA (a làmhan gu cluasan ... a’ ruith gu AILEAN) An guth aige! An guth aige ’s aodann! (ri AILEAN) Dè ’n t-ainm a th’ ort, co-dhiù?
AILEAN (gàirdean timcheall oirre, ga toirt chun an dorais, a’ cur an deilbh ris a’ bhalla, a’ fosgladh an dorais, a’ fàgail BARBARA an sin, a’ tilleadh chun an deasg, a’ cur na bràiste, nam fàinneachan, an t-sèine, an airgead pàipeir gu lèir na phòcaidean. Ris AN SGRÌOBHAICHE) Trash ! (cur a làimh a-null, a’ breith air làimh AN SGRÌOBHAICHE, ga crathadh) Garbh toilichte do choinneachadh, mu dheireadh thall. (leigeil às a làimh, dol chun dorais. A’ togail an deilbh, ga thoirt dha BARBARA) Cùm siud. (a’ cur aona ghàirdean timcheall air BARBARA. A’ togail na tèile.) Mar sin leat. (stad) Eil thu ’g iarraidh Donnchadh fhaicinn mus fhalbh sinn? ... Chan eil? Cinnteach? ... Ach chì thu fhathast e. Coinnichidh na daoine nuair nach coinnich na cnuic ...
Iad a’ falbh. An doras a’ dùnadh.
AN SGRÌOBHAICHE na shuidhe, a’ coimhead a-mach dhan an èisteachd.
A’ tionndadh a chinn bho thaobh gu taobh.
A’ coimhead ris a’ bhalla, far an robh am pioctor.
A’ coimhead ris an làr ... pàipearan, airgead etc sgapte air fheadh.
A’ coimhead suas gu mullach an taighe.
Car na cheann, ag èisteachd.
A’ seasamh. Grèim air cùl an t-sèitheir.
A’ tighinn timcheall an deasg, le ceumannan mall.
Na sheasamh, le aon’ làimh air oir an deasg.
A’ tarraing anail mhòr. A’ sèideadh a-mach.
A’ coimhead ris an làr.
Ri na ballachan.
Ri mullach an taighe.
A’ tionndadh a chinn bho thaobh gu taobh, ag èisteachd.
AN SGRÌOBHAICHE Duin’ ann ...
A’ tòiseachadh a’ togail na bh’ air an deasg bhon làr. A’ togail duilleag, a’ lorg a ghlainneachan air an làr, a’ leughadh loidhne no dhà tronlensnach eil briste, a liopan a’ gluasad. Gàire beag a’ tighinn air aghaidh. A’ cur na duilleig air an deasg.
A’ toirt trì ceumannan gu taobh deas na stèids, is sia ceumannan air ais, a’ gluasad a ghàirdeanan mar saighdear.
Na sheasamh ag èisteachd.
A’ toirt ceum chun an dorais. Ceum eile.
A’ stad.
Dhà no thrì anailean mòra. Gan sèideadh a-mach.
A’ coimhead ri mullach an taighe.
Ris a’ bhalla air an robh am pioctor.
Ris an làr.
Ag èisteachd.
A’ toirt ceum chun an dorais.
Ag èisteachd.
Ceum eile.
Na sheasamh aig an doras, ag èisteachd.
AN SGRÌOBHAICHE Dh’fhalbh iad ... (a’ cur a làimh air làimh an dorais. A cheann ris an doras, ag èisteachd)
Chan eil duine ann ...
Gnogadh mòr air taobh eile an dorais, sia no seachd de bhuillean cruaidhe.
AN SGRÌOBHAICHE a’ leum air falbh bhon doras, le èigh a tha stad na amhaich. A’ ruith air ais chun an t-sèitheir ’s a’ crùbadh ann, a ghlùinean air an tarraing suas gu smiogaid, a cheann air falach na ghàirdeanan.
Gnogadh mòr eile.
AN SGRÌOBHAICHE a’ togail a chinn ’s a’ dèanamh fuaim beag crèicealach.
An doras a’ fosgladh.
AILEAN a’ tighinn a-steach. Aodach-sgoil air ... blèisear le suaicheantas air a’ phòcaid-broillich, stoc shrianach, taidh, flanails ghlas ...
AILEAN Maighstir MacLeòid? Maighstir Tormod Iain MacLeòid, an sgrìobhaiche? (a’ dùnadh an dorais, a’ tighinn a-null chun an deasg. A’ crùbadh, a’ feuchainn ri faicinn aghaidh AN SGRÌOBHAICHE. Guth modhail, diùid)
Thàinig mi mun a’ ghunna-gaoithe.
AN SGRÌOBHAICHE a’ toirt a làmhan air falbh bho aghaidh, a’ togail a chinn ’s a’ coimhead ris.
AILEAN Chuir sibh fios orm. Gu mo phàrantan. Fòn. Gu robh sibh ag iarraidh m’ fhaicinn. (Stad. An uair sin, le tòrr stadan ... a’ seabhtadh a chasan ’s a’ gluasad a liopan ... ) Uh ... tha m’ athair ’s mo mhàthair ... thuirt iad rium innse dhuibh ... gu bheil an gunna-gaoith’ ... gun tug iad bhuam e. .. agus gu bheil econfiscated ... facal Beurla. .. duilich. .. à seo a-mach. Agus a thuilleadh air an sin ... leigeil fios dhuibh ... (luath, a shùilean dùinte) ... ged nach eil mi airidh air maitheanas airson an rud a rinn mi, tha iad ... (slaodach, a shùilean fosgailte) ... an ìmpidh nach peanasaich sibh ro chruaidh mi ... mi fhathast òg is aineolach, thuirt iad. .. agus ... (luath) cho duilich ’s a tha iad airson an àmhghair a dh’adhbhraich mi anns a’ choimhearsnachd le mo dhol-a- mach Dihaoine a-chaidh ... agus cha thachair e gu bràth tuilleadh. (stad ghoirid) Agus tha mi-fhìn duilich cuideachd.
AN SGRÌOBHAICHE a’ geur-choimhead ris. Dèanamh fuaim beag na amhaich.
AILEAN Eil sibh a’ faireachdainn ceart gu leòr, Mhaighstir MhicLeòid? ... tha an aghaidh agaibh ...
A’ cur a chinn sìos ’s a’ coimhead a-steach a shùilean AN SGRÌOBHAICHE. Sùilean AN SGRÌOBHAICHE a’ dol mòr, sgeunach. E crùbadh air ais anns an t-sèithear.
AILEAN (a’ sgur a bhruidhinn mar balach-sgoile) Faireachdainn lobht, a bheil? ’N e do stamag a-rithist?
(a’ togail a’ fòn. AN SGRÌOBHAICHE a’ dèanamh an fhuaim na amhaich. AILEAN a’ sàthadh putanan na fòn. A’ feitheamh. Àrd, cinnteach) Hallo? Emergency ?Cà’ robh thu ’s nach robh thu freagairt? Dè bha thu dèanamh, a’ coimhead riut fhèin anns an sgàthan a-rithist? Nis, èist riums’! Ambaileans le dà pharamedic, oxygen tent, mantra ’s an nurs mhòr, Murdag, uaireannan Murdinag, gu taigh an sgrìobhaiche ainmeil, Tormod Iain MacLeòid, neo TIM, cho luath ’s a rinn sibh càil a-riamh! (a’ cur sìos na fòn) Tha iad air an t-slighe. (a’ cur a làimh a-mach. .. guth a’ bhalaich-sgoile) Uh ... am biodh diofar leibh ged a shuidhinn? Fhad ’s a tha sinn a’ feitheamh. (e suidhe. AN SGRÌOBHAICHE a’ geur-choimhead ris. E sealltainn a-mach air an uinneig) Dh’fhaodainn a bhith ceàrr, ach saoilidh mi gur eNorwegian pinea tha sin, air taobh-muigh na h-uinneig. (casd bheag, a’ cromadh a chinn) Tha ùidh agam ann ambotany ... luibh-eòlas ...
Stad. AN SGRÌOBHAICHE, crùbt’ anns an t-sèithear, a’ coimhead ris.
AILEAN (casd bheag ... a’ suathadh a ghlùinean) Uabhasach toilichte ur coinneachadh mu dheireadh thall, Mhaighstir MhicLeòid. Sgrìobhaiche cho ainmeil. (stad) Mi-fhìn ’s feadhainn dhe na balaich air a’ chlas agam ... tha sinn a’ sgrùdadh leabhar bàrdachd leibh an-dràst anns an Àrd-sgoil. Frith ròidean na Doimhne no rudeigin, an t-ainm a th’air. Cuairtean na Cuimhne? Tha e còrdadh rinn. Ris a’ h-uile duine againn.
Stad.
Cha robh sinn ga thuigsinn an-toiseach. Nua-bhàrdachd. Theab sinn litir a sgrìobhadh thugaibh. Cèis le stamp na broinn, airson freagairt. Ach an uair sin, cò thàinig dhan sgoil airplacement ... facal Beurla eile ... duilich ... ach oileanach ... Mr Wankdorf ... toirt a-mach dreuchd tidsear Gàidhlig ... agus thug esan fuasgladh dhuinn air dìomhaireachd is doimhneachd na bàrdachd agaibh . na h-ìomhaighean ... na samhlaidhean ... an rannaigheachd ùr ... na ruitheaman ...
title | An Sgrìobhaiche |
internal date | 2011.0 |
display date | 2011 |
publication date | 2011 |
level | |
reference template | Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p |
parent text | Sia dealbhan-cluiche |