[89]

’S E SEO DO BHEATHA

Stiùidio TV

shreath shèithrichean, taobh na stèids, air an làimh dheis.

Doras air an làimh chlì.

Doras air an làimh dheis.

Sgrion, cùl na stèids, air an làimh chlì. Bòrd is sèithear air a beulaibh. Slide projectorair abhòrd.

DUINE atighinn air tron doras clì, ’s asuidhe aig abhòrd le chùl ris an èisteachd. Acur air aphrojector. An sgrion adol geal. An uair sin, luath, às dèidh a chèile, cairtean le FIOS, FIANAIS, FARAM sgrìobhtorra, le aodann Napoleon, cairtean le LASAIR, LÒCHRAN, LUIN sgrìobhtorra, agus mu dheireadh leS E SEO DO BHEATHA. An sgrion adol geal.

TRIÙIR BHOIREANNACHs FHIREANNACH atighinn tron doras air an làimh dheis. Tha iad astad am meadhan na stèids, abruidhinn nam measg fhèin. Aodach ceart orra.

1 ... ’s cha do shaoil mi mòran dhen abholt air abhalla a bharrachd, am pàtran craobhach ud ...

2 ... ’s am faca tu, bhrònag, na bha de bhotail anns an rùm eile. .. ’s amheud a bhanns na sgàthain ... ?

3 (ri FEAR 1) ... agus leth-làn na spàin cinnamon. Agus uaireannan bidh mi acur ugh.

FEAR 1 Ben duff i! (ri FEAR 2) Mineral felt, ’s bha e daor. Thafelttana a cheart cho math. Ach na cuirmasticair, mura h-eil an tiormachd ann ...

FEAR 2 (ceann crom) Cha robh miseg iarraidh a bhith an seo ann ...

3 Dùin do bheul!

D.A. anochdadh tron doras clì. Deise fhaileasach ghorm. Leabhar mòr dearg aige fo achlais. Tha iad asgur a bhruidhinn.

D.A. Fhathast na ur seasamh? ... Suidhibh! Suidhibh!

Iad adol a-null chun achiad shreath shèithrichean.



[90]

FEAR 1 Seo mise, nach e, anns amheadhan?

1 Chan e!

3 Theirig far an deach cantainn riut.

2 Ri mo thaobh-s’ .

FEAR 1 Ma, thuirt riochdaire aphrògraim rium ...

2 Suidh ann! Thusa ri thaobh, Etta.

3 Bidhn camara oirnn fad na h-ùine, nach bi?

FEAR 2 il mise?

Iad asuidhe anns achiad shreath, anns an òrdugh, FEAR 2, 3, FEAR 1, 2, 1.

D.A. H-uile duine na àite? . .. (mas fhaigh FEAR 1 air bruidhinn) . .. gast’, gast’! . .. (ationndadh, le gàire proifeiseanta, ris an luchd-èisteachd) ... Oidhche mhath, a chàirdean, tha min dòchas gu bheil sibh gu frogail a-nochd ... D.A. an seo, aithnichidh sibh uile mi. .. (a ghàirdeanan a-mach) ... D.A. ! ach e? ... acur fàilte oirbh aon uair eile guS e Seo Do Bheatha! ... am prògram air am bi sinn, gach seachdain, atighinn air Gàidheal ainmeil ... fear no ... fireann no boireann ... gun fhiost dhaibh! ... gun dùil aca ris! ... ’s acantainn riutha na facail bheaga air a bheil sibh uile eòlach: ’S e Seo Do Bheatha!

S E SEO DO BHEATHA air an sgrion. I dol geal.

(làmh gu chluais) ’S tha mi dìreach air cluinntinn, a chàirdean, tron aphlug bheag eileagtronaigeach na mo chluais ... chan eil mi dol a dhinnse dhuibh co mheud plug beag eile eileagtronaigeach a tha slaodadh rium! ... (a ghàirdeanan a-mach) D.A. ! ach e! . .. gu bheil an duine ris a bheil sinn afeitheamh ... duine a thann. .. fireannach. .. dìreach a mhionaid seo fhèin ... (làmh gu chluais) ... gabhaibh mo leisgeul ...

2 (ìosal) Gabh beachd air an deise!

1 (ìosal) Cha be sin an a bhair nuair a choinnich e sinn.

3 (àrd) Cha be deise bhair nuair a choinnich e sinn! Ach flanails!



[91]

D.A. (guth àrd) ... ? Ah! . .. (atoirt a làimh sìos) . .. tha e air a thighinn a-mach à tagsaidh ... (làmh suas) ... an draoibhear air a thighinn a-mach às a dhèidh? ... buaireadh mu fharadh? ... (ag èisteachd) ... Sabaid, ? ... Ma tha, cuir stad orra! ... Seadh, thusa! ... (àrd) ... Pàigh fhèin an tagsaidh! ... (ag èisteachd) . .. Than draoibhear flat fuar air achabhsair? . .. Cuir an t-airgead na phòcaid àrd! ... ’S thoir am fear eile ... an duine. .. a-steach an seo! . .. (ag èisteachd) ... Bhuail e thusa cuideachd? ... an fhuil riuts do shròn brist’? ... Coma leats trobhad leis! ... (ag èisteachd) ... Tha e staigh mar-thà? ... an doras-aghaidh glainne bho na còmhlaichean? ... adèanamh air an stiùidio? ... (atoirt a làmh sìoss abruidhinn, ann an guth luath, ris an èisteachd) Tha e smaoineachadh ... an duine a thann ... duine a thann. .. gu bheil e atighinn an seo a-nochd dhan an stiùidio a ghabhail com-pàirt anns an deasbad mhòr leantainneach mu shuidheachadh na Gàidhlig. (anail) Anns an fharsaingeachd. (anail) Ach chan ann. Ach tha e smaoineachadh gur h-ann! Thug sinn achar às! (a ghàirdeanan a-mach) D.A. ! Bu tu e! ... (làmh gu chluais) Istibh! Seo e tighinn!

Ationndadh chun an dorais air an làimh chlì. Afeitheamh.

AN DUINECAILEANanochdadh tron doras air an làimh dheis. Ad mhòr gheal crochaite mu amhaich le còrd. Lèine thartain, am broilleach aice reubte, an earball a-mach air a thòin. Denims .Brògancowboy .Tha e acoiseachd seachad air D.A. gun sùil a thoirt air.

CAILEAN (ri FEAR 1) Bugair de thagsaidh-driver. -mhodh, an tuirt thu?

D.A. (làmh ri cliathaich a bheòil ... ris an èisteachd) Chan fhace mi!

CAILEAN (ris an fheadhainn eile a tha nan suidhe) tha sibhse dèanamh an seo?

D.A. (atighinn gu taobh CHAILEIN ... a ghàirdeanan a-mach) D.A. ! ach e!

CAILEAN (ga theich às an rathad gun sealltainn ris, le aon ghàirdean, ’s abruidhinn ri FEAR 1) Chuir iad an tagsaidh seo air mo thòir. Bha mi anns anLegionaig aChountry anWestern. Mi-fhìn, Niall Bromaidhs Kenny Dan aBhruiser. “Hang on to your hat, cove, ”ars an draoibhear. ’S a-mach à seo leam aig 90. “Here, ere, ere, ”



[92]

thuirt mi ris ann an guth reusonta, modhail. “Dèan air do shocair!” Na ghabh e mo chomhairl’?

FEAR 1 Thug thu dha i, a Chailein?

CAILEAN Bfheudar sin dhomh.

D.A. acoimhead gu oir na stèids, ag obair le ghàirdean.

1 A bhuidheach na tig, no idir an dìobhairt. (ri CAILEAN) chuir an seo thu leis an aodach sin? (ri 2) Ga mo nàrachadh am fianais an t-saoghail!

CAILEAN Chan e, ach tha gad fhàgail-san seo? Carson nach eil thu aig an taigh, adeasachadh mo shuipeirs ablàthachadh mo shliopars ris an teineelectric ?

D.A. adol a-rithist gu taobh CHAILEIN. Acur a làimh air a ghualainn.

D.A. (ris an èisteachd) Nis, tha Cailean afaighneachd ...

CAILEAN Teich a làmh.

D.A. (atoirt a làimh air falbh. .. ris an fheadhainn a tha nan suidhe) ... afaighneachd, le beagan iongnaidh na ghuth, tha sibhsadèanamh an seo? , tha e faighneachd, a tha Flòraidh mo bhean

1 (FLÒRAIDH) (ri CAILEAN) Agus cuir an lèine sin air ais a bhroinn do bhriogais!

D.A. Tormod, do nàbaidh bun-na-h- ursainn ...

FEAR 1 (TORMOD) (adèanamh dòrn) A’ rightdhan a’ solar plexus,a Chailein, ? ... man Bob Fitzsimmons ...

D.A. Normana, a bhean ...

2 (NORMANA) (ri CAILEAN) Agus dùin do bhadi!

FLÒRAIDH Mo mhionnan! (ri NORMANA) Nach math gun mhothaich thu!

TORMOD Sin seòrsrud dham mothaich i!

FLÒRAIDH Air mo nàrachadh, a bhrònag ...

NORMANA Tha fios am ...



[93]

TORMOD (ri NORMANA, a-mach à còrnair a bheòil) Sguir thusa ghabhail gnothaich!

NORMANAN ann dhuts’? Chan fhaic thu latha!

TORMOD (còrnair a bheòil) Na tom do liop ann an lite nach fheàrrd thu. .. (stad ghoirid) Na tom do spàin an càl fear eile ... (stad)

D.A. (ri TORMOD) ’N e siud e? Hmm?

TORMOD (fhathast ri NORMANA, a-mach à còrnair a bheòil) Mise do dhuine. Còir agad mo chomhairla ghabhail anns gach . Cuimhnich earail an abstoil. (ri D.A. ) ?

D.A. Faod mi cumail orm leis aphrògram? Mo phrògram? An ùine aruith?

TORMOD Faodaidh gu dearbh!

D.A. Tapadh leat.

TORMOD Duine seo acur stad ort.

CAILEAN (a thair a bhith acoimhead gu geur ri FEAR 2, a tha na shuidhe air oir anns an t-sèithear, le cheann na làimh) John Modo? ’N tu thann?

D.A. Agus mar tha Cailean, le shùil gheur ...

CAILEAN (adol a-null, ’s aseasamh os cionn FEAR 2) John Modo! ’S tu thann!

J. MODO (guth ìosal) Hallo, Chailein. (a cheann crom) Duilich a bhith seo.

CAILEAN Ille ... Ille, cha do dhaithnich mi thu gun amboilersuit !

J. MODO (ceann crom) Thug iad orm a thighinn ann.

CAILEANN e sin an t-seacaid a thug mi dhut ann an 1974?

3 (àrd) Cuin a thug thusa seacaid no eile dha John Modo agamsa?

D.A. Mar a thuirt Cailean, ’s e John Modo ...

3 ... no càil eile an-asgaidh, a-riamh, dha duine tha beò?

D.A. ... agus Etta, a mhàthair, maille ris ...

ETTA A throc!



[94]

D.A. Nise ...

ETTAS dùin putanan do lèine! Duine seo ag iarraidh a bhith coimhead ri dimleag odhar-sa fad na h-oidhche!

FLÒRAIDH Mo mhionnan! (ri ETTA) Nach math gun mhothaich thu! (ri NORMANA) Mo nàire!

NORMANA Tha fios am ...

ETTA (aputadh J. MODO) Suidh thusan-àirde!

D.A. Nise, chàirdean, nam urrainn dhuibh ... mar gum biodh ...

CAILEAN (èighe) Hoi!

Sàmhchantas.

Dèanabh air ur socair! (ri D.A. ) Cùm ort, D.A.

D.A. (a ghàirdeanan a-mach. .. ris an èisteachd) Dhaithnich e mi!

CAILEAN Ille, ’s caomh leam an deise a thort. Deise mhath tha sin.

n fhuair thu i? (feuchainn an aodaich eadar òrdags a sgealbag) Robh i daor? Geall gu robh. Nise. .. (suathadh a làmhan) suidh mi?

D.A. (gàire) Uill, a Chailein, tha e mar chleachdadh againn air aphrògram seo ... mo phrògram ...

CAILEAN Ri taobh John Modo? Chaidh sinn dhan sgoil an aon latha. Mi-fhìns e fhèins Tormod.

D.A. Uill, a Chailein ...

CAILEAN Acluich còmhla anns aphlayground. Sabaid an aghaidh balaich aChinn Shìos.

D.A. Uill ...

CAILEAN Far an togair mi-fhìn, OK? Stuth math a thanns an deise sin. Inns a-nis dhomh. Mas suidh mi. tha gu bhith air aphrògram agad a-nochd?

D.A. (gàire) Sin a tha mi feuchainn ri innse dhut. ..

CAILEAN Na can smid! Leig dhomh tomhais! ... Duineigin le buinteanas dhan abhaile againn fhìn, tha fios gur e ... (stad. A



[95]

shùilean adol mòr) Na can rium! ... (acrathadh a chinn, ga fhreagairt fhèin) Chan e ...

D.A. (a ghàirdeanan a-mach) ’S e!

CAILEAN (a shùilean adol mòr a-rithist) Biffar? Mo shean charaid sa chùirt? Cuin a leig iad a-mach e? (guth luath, dòigheil) Tha mhath agam dhut mu dheidhinn ... Na thòisich am prògram? Bha e na sheasamh air bàrr simileir amhans aon mhadainn bliadhnùir, smùid achoin air, dol a chur sgrath air aghoc ... (D.A. acrathadh a chinn) ... An Dotair Jojo? (D.A. acrathadh a chinn) Gillemhoire MacCianan MacMhuirich? (D.A. acrathadh a chinn)

FLÒRAIDH Thusa, amadain! Thusa tha gu bhith air! (ri NORMANA) Mo mhasladh!

NORMANA Tha fios am ...

CAILEAN (ri D.A. ) Mise? Ist! ...

D.A. Thusa, Chailein! (asealltainn an leabhair mhòir dhearg dha) Cailean Iain MacIlliosa ... ’S e Seo Do Bheatha!

CAILEAN (asuathadh a làmhan) Dhuine bhochd! . .. (ri D.A. ) Cailean MacIlliosa. Cha bhi mi acleachdadh an Iain.

D.A. Nach bi?

CAILEAN Cha bhi.

ETTA Agus carson nach bi? (ri D.A. ) Às dèidh Iain, bràthair athar, duine na bfheàrr na esan – (ri CAILEAN) – an latha bfheàrr a bha thu!

CAILEAN (ri D.A. ) Thoir às an Iain.

D.A. (acur a làimh air a ghualainn) sinn sin, a Chailein.

CAILEAN acoimhead ri làmh D.A. D.A. atoirt a làimh air falbh.

CAILEAN (asuathadh a làmhan) Ach ... Carson mise?

D.A. (ris an èisteachd) Carson mise? An cuala sibh siud, a chàirdean? Carson mise? ars esan. Carson mise, ’s gun mi airidh? Sin a tha acheist ud aciallachadh. Carson mise, a bharrachd air duine eile san t-sreath? ... Eil fhios agaibh thagainn an seo, a chàirdean? Irioslachd! Irioslachd aGhàidheil! . ..



[96]

TORMOD An Leòdhasaich.

D.A. (acoimhead ris) An Leòdhasaich ...

TORMOD An Nisich.

D.A. An Nisich. (mas fhaigh TORMOD air bruidhinn) Irioslachd is stuamachd ...

TORMOD Is uaisleachd.

D.A. (atoirt sùil chaiseach air) – is uaisleachd ...

TORMOD An Nisich!

D.A. – an Nisich. (stad ghoirid) Agus an Leòdhasaich. (stad ghoirid) Nach math fhaicinn, agus nach math a chluinntinn. Nach math gur e daoine iriosal a thannainn, agus gur ann bho dhaoine iriosal a thàinig sinn. Gu bheil sinn fhathast atoirt feart dha na dhionnsaich sinn ris aghlùin ... Nach mòr an togails an toileachas-inntinn ...

GUTH (dheth ... còmhradh Ghlaschu) Get on with it!

CAILEAN (ris an fheadhainn a tha nan suidhe) ’S mi tha gu bhith ann? ... An fhìrinn a thaige? ...

NA BOIREANNAICH (còmhla) ’S tu.

eile?

Co mheud Cailean Iain MacIlliosa a thann?

J. MODO (a cheann sìos) Cha robh miseg iarraidh a bhith an seo idir, a Chailein ...

ETTA (atoirt sgal dha mullach a chinn) Can a-rithist e!

D.A. asmèideadh riutha le dhà làimh, mar gum biodh e gam beannachadh. Iad adol sàmhach.

D.A. (ris an èisteachd) A-nochd, a chàirdean, tha e na mhòr thlachds na thoileachas-inntinn dhomh cantainn ri Cailean ... uh ... MacIlliosa ... Cailean na Crùbaig, mar as eòlaich sinn air anns an eilean ... Colin Crude, mar a dhaithnicheas an còrr dhen t-saoghal e ... ’S e Seo Do Bheatha!

Stad.



[97]

Carson mise? (acrathadh a chinn) Chan fhaigh mi seachad air acheist ud. Bho dhuine, cuimhnichibh, nach tug a-riamh a-mach foghlam foirmealach, mar gum biodh, ach a tha an-diugh na cheann air companaidh-iomairt cho mòrs ... cho ainmeils a tha ... Mar eisimpleir! Co mheud làraidh a thagad, a Chailein?

CAILEAN (asuathadh a làmhan) Uill ... tha aon no dhà ...

TORMOD Thas fichead!

D.A. (sùil dhan leabhar) Sia làraidhean deug thairis air an fhichead, a chàirdean!

TORMODS cuimhnich air na busaichean! Natransits !

D.A. (sùil air TORMOD. .. ’n uair sin acumail air) ... asiubhal fad is farsaing air feadh na Gàidhealtachd. .. ’s Albas Èirinn, tuath is deas ... ’s gu ruige tòin Shasainn, agus baile mòr Hamburg anns aGhearmailt.

CAILEAN Agus Barcelona.

D.A. Agus Barcelona ...

CAILEAN Anns an Spàinn.

D.A. Ceart. (stad ghoirid) againn, a-muigh, air an rathad, adraoibhigeadh achàir aige fhèin, air nach deach de làraidhean Chailein ... Colin Gillies Haulage ... seachad, le fluis, uair no uaireigin?

TORMOD nach robh steigtair an cùlaibh, uair no uaireigin?

J. MODO (togail a chinn) An àitnon àiteigin.

TORMOD Eadar Steòrnabhaghs an Tairbeart.

J. MODO Ulapuls Inbhir Pheofharain.

TORMOD Cockbridge is Tomintoul. (atogail a làimh) Dibhearsain, a Chailein!

D.A. acoimhead ri TORMOD. A chorrag ri liopan.

TORMOD (ri D.A. ) Duilich, duilich ... (acur a chorraig gu liopan fhèin) Heesht! ...

Stad.



[98]

D.A. (sùil dhan leabhar. Air TORMOD. Air ais dhan leabhar) Acheil Cailean riaraichte, a chàirdean, le companaidh-iomairt a-mhàin? Companaidh cho mòrs a ... cho ainmeils a tha ... ? Bhiodh tusa. Is mise. Acheil Cailean? Ann am facal: chan eil! than diugh na fhear-seilbhe, na fhear-stiùiridh agus na fhear-cathrach, chan ann air aon, chan ann air dhà, ach air trì companaidhean eile ...

TORMOD Agus garaids. Cuimhnich air agharaids.

D.A. (às dèidh sùil air TORMOD) ... Cailean Earranta, C.G. Enterprisesagus Fraochan plc ... le còrr is ceud duine ... neach ... fireann is boireann. .. ag obair dha, agus fodha. (ris an èisteachd) Carson mise? ... (acrathadh a chinn. Stad. Làmh gu chluais) what ? ... (ainmeineach) mu dheidhinn? ... Can ris a dhol dhan ospadal ma tha shròin brist’! ... Con a tha thu cur dragh ormsa le sins mi meadhan prògraim? . .. mo phrògram? (stad ghoirid) Tha draoibhear an tagsaidh fhathast càit’? ... Tilg plaide air uachdar! A choire fhèin a bhann, can ris, nuair a thig e timcheall ... (làmh sìos, ationndadh le gàire) Nis, a Chailein ...

CAILEAN (asuathadh a làmhan) Nise, D.A.

TORMOD Pioc feagail air Cailean roimhe.

D.A. (sùil uamhalt air TORMOD) ’S e Seo Do Bheatha!

TORMOD Bhruidhneadh Cailean ris anArchibishop of Canterbury!

NORMANA atoirt giodsag dha le h-uilinn.

D.A. Agus tòisicheamaid, aig toiseach tòiseachaidh, aig toiseach do bheatha. Rugadh agus thogadh tu, a Chailein, anns abhothan bheag chòir ... (ationndadh chun asgrion) ... am Bogha Dhonn na h-Àird. .. (dealbh Ghàidhealach atighinn air an sgrion) ... (ationndadh a chinn ... guth caiseach) ... Am bothan beag còir! . ..

GUTH GHLASCHU (dheth) The wee hoose!

Dealbh taigh beag flat atighinn air an sgrion.

ETTA Ochans a ghràidh! Taigh na Crùbaig!

D.A. ... anns abhliadhna naoi deug, fhicheads a dhà ...

CAILEANS a ceithir.



[99]

D.A. Dhà tha shìos an seo.

CAILEAN (acoimhead ris) Ceithir.

D.A. ... an dàrna mac aig Cailean Iain agus Peigi Gilios. Bha dathair air falbh anns achogadh aig an àm ...

Dealbh: saighdearan adolover the top.

... an dàrna cogadh ...

Dealbh: Hitler.

ETTA (ri NORMANA) Chan e Chrùbag tha sin.

D.A. ... agus cha do thill e dhachaigh ...

ETTA Ach tha mi ga shamhlachadh ri na daoine. An aon fhalt slìobachs sùilean man neas.

D.A. ... chuir bàt’ -aiginn Gearmailteach an soitheach air an robh e ... na sheòladair ... an soitheach. .. (Dealbh: Quinquereme of Niniveh) ... fodha chun ghrunnd, agus chaidh a bhàthadh anns achuan tha farsaing, mòr.

Dealbh: Tràigh Shanndaidh.

Mar sin, a Chailein, cha dfhuair thu riamh eòlas air dathair ...

ETTA (ri NORMANA) Cha be sin dhuinne e!

D.A. ... cha do ruith thu riamh, na do rud beag, “to meet your dad, wiflichterinnoise and glee, ”cha do shreap thu riamh, mar do leithid eile, air glùin dathar, “the envied kiss to share. ”

ETTA Ist, mas dìobhair mi.

D.A. Ach tha dealbh againn. .. tha. .. dathairs do mhàthair ... an latha a phòs iad, anns naCooperative Tearoomsan Glaschu ... (faileas cròig atighinn air an sgrion) ... ma chumas tu do shùil air asgrion ...

GUTH GHLASCHU (dheth) The teuchtar weddin’ .

An dealbh-pòsaidh atighinn air an sgrion.

D.A. Sin iad! Dathairs do mhàthair.

ETTA Bha mi oirre. Mi-fhìns Catrìona Bheag Dhòmhnaill Chaluim.

An dealbh afalbh.



[100]

D.A. (ationndadh duilleag anns an leabhar) Tha mi nise dol ga do thoirt, a Chailein ...

An dealbh atilleadh. Bun-os-cionn.

... còig bliadhna air adhart ... gun achiad latha a chaidh thu dhan abhun-sgoil ...

CAILEAN sgoil?

FLÒRAIDH An sgoil bheag! Amadain! (acrathadh a cinn ri NORMANA)

NORMANA Tha fios am. ..

CAILEAN (ri na boireannaich) ’S con nach tuirt e sin? (ri D.A. ) Na h-infants. Mi-fhìns John Modo.

TORMOD Mise cuideachd, a Chailein.

D.A. (ri fear aphrojector) Abhun-sgoil. (guth nas àirde) Abhun-sgoil! (chan eil càil atachairt) Achiad latha anns abhun-sgoil, a Chailein, eil cuimhnagad air an nighinn bhig bhòidhich, bhàin le na figheachanan a bha ri do thaobh anns an t-suidheachan?

GUTH (dheth) Please miss,shluig Cailean a shleapan!

D.A. An-diugh, Mrs. MacPherson, pòstna dachaigh fhèin le teaghlachs chù ann am Baile Chloichridh, ach an uair ud. .. eile ach Anna Bheag ThormoidAin Alasdair, cùl Chrois an e? ... Trobhad a-steach, Anna.

ANNA anochdadh. Boireannach mòr, reamhar.

ANNA (gàirdeanan a-mach) Caileandarling !

I tighinn a-null no trotans atoirt giosag mhòr dha. CAILEAN acur a làmhan suas, mas dèan i rithist e.

(ri D.A. ) Cha burrainn dha a shandshoes a chur air leis fhèin, na bhòtannan. Clueaige chas chearts chas cheàrr. Mise dhfheumadh sealltainn dha. Clueaige.

D.A. ’S bha seo mu dheidhinn sleapan, Anna?

ANNA (lachan mòr) Shluig! Leis am biodh sinn asgrìobhadh air na sglèatan. Thusa ro ògson cuimhne bhith agad air sleapan. Bfheudar dhaibh falbh leis dhan ospadal an càr Sheonaidh a



[101]

Phuist. Uair eile, steig e sleapan suas na choinnlean. (lachan mòr) Nise, cha be an aon shleapan idir! Ud ud! (lachan, ri CAILEAN) Cuimhnagad? Theab e thighinn a-mach air do shùil! (ri D.A. ) Clueaige. Bfheudar dhaibh falbh leis a Bhorgh, chun doctair. Uair eile -

D.A. Agus tapadh leats’, Anna!

ANNA afalbh. Amothachadh dhan fhear a tha na shuidhe, le crùib, aig oir an t-sreath shèithrichean.

ANNA John Mododarling !

I toirt giosag mhòr dha. J. MODO air a dhruim anns an t-sèithear. Ris an fheadhainn eile…

Chan eil mi dol a shuidhe còmhla ribh idir. Chì mi muigh an cùl sibh, anns a’ hospitality suite.Am branndaidh ceart a thac’. An cognac.

I dol a-mach air an doras air an làimh cheart.

D.A. (leis an leabhar) Agus mas cùm sinn oirnn, tha aon ghuth eile air an robh thu gu math eòlach anns abhun-sgoil ... A Chailein! Èist ri seo!

Fead maicreafòn, DHETH, ’s an uair sin ...

GUTH GHLASCHUTherr you go, Dad.

CAILEAN acoimhead ri D.A.

D.A. (a chorrag suas) Fuirich!

GUTH (crochanach, aost) Come out here! You rascal that you are!

D.A. Aguscome out here Mr Macaulay,am maighstir-sgoile!

MR MACAULAYbodach le batas glainneachan cruinnanochdadh.
Nurs òg, bhrèagha còmhlaris. .. grèim aice air fo ghàirdean.

FLÒRAIDH Thia! Seallaibh air Slashar!

NORMANA Cho beags a dhfhàs e!

Iad agluasad le ceumanan slaodach a-null gu D.As CAILEAN. MR MACAULAY acoimhead ri CAILEAN, ’s atogail abhata mar gum biodh eg iarraidh a bhualadh leis.



[102]

MR M. Gillies, isn ’t it?

CAILEAN (ateiche) Yes , sir.

D.A. ’S am burrainn dhuibh innse dhuinn, a Mhaighstir MhicAmhlaigh, ris a bha Cailean coltach, na bhalach, anns an sgoil-bheag?

MR M. Anns abhun-sgoil? Burrainn. Tha mi aost, ach chan eil mi fhathast air mo shubhailcean a chall.

AN NURS asuathadh nan roillean bho bheul.

Tapadh leat, a Mharsaili. Haraam! Tha cuimhne glè mhath agamsa air Colin John Gillies ... haraam! ... nuair a bha e anns abhun-sgoil, far an robh mi nam mhaighstir-sgoile. .. airson ochd bliadhna ... (a ghuth adol fann) . .. bha. .. (togail air) ... thairis air an fhichead ... gus na leig mi dhìom mo dhreuchd. .. haraam! ... anns abhliadhna ... (a ghuth adol fann) . .. ’s ann. .. (togail air) ... agus a h-aon.

AN NURS asuathadh a bheòil.

Ged nach robh Gillies, Colin John, na sgoilear ... haraam! ... agus gu feumainn tric a bhith ga shràiceadh ... leis achuip ... an Lochgelly ... (atogail abhata) ... You rascal that you are! ... gidheadh. .. (ag obair sìos is suas leis abhata) . .. agus lemetre stickma mhullach achinn. .. iomadh slàradh ... ’s mi dhfheumadh ... bhiodh e ruith nan clann-nighean anns aphlayground ... (acoimhead ris AN NURS) . .. bhiodh iad asgreuchail ... (air ais gu D.A. ) ... agus le rùlair mòr, trom ... brag mun druim. .. (ag obair leis abhata) ... Take that, you wretch! ...

AN NURS atoirt dha pile

. .. Balach salach a bhann. .. le cliob lom ... glùinean sgreabach ... bhris e uinneag achanteen. .. dithis eile anns an aon bhaile. .. bha mi trom, trom air an triùir. .. dhfheumainn sin ... mo dhleastanas a bhann ... fear Macleòd ... John Murdo Macleod. .. fear lìgeach, sàmhach. .. bhithinn gan toirt dha mun acheann ... le na dùirn ... O, bhitheadh! ... haraam! . .. ’s abhròg dhan fhear eile ... Smith ... Norman Smith ... fear beulach, cabach ... bus na



[103]

bròig Ballata ... Can a-nis nach dèan thuvulgar fractions! ... e roiligeadh air an làr. .. bfheàrrd iad e. .. bfheàrrds mi-fhìn ... ochd bliadhna deug ... haraam! ...

Stad.

D.A. Agus tapadh leibhse, Mhaighstir MhicAmhlaigh!

AN NURS afalbh leis. E tionndadh aig an dorass atogail abhata.

MR M. Bithibh modhail! Mas marbh mi sibh! (ri J. MODO) Macleod! Suidh an-àirde! What is mans chief end? (J. MODO atoirt leum às) Smith! ’N e tofaidh- tha sin, a tha thu cagnadh? (TORMOD aslugadh rudeigin a tha na bheul. MR M. amaoidhean air CAILEAN leis abhata) Are you calling me a liar, Gillies? ... (afeuchainn ri tilleadh a-steach. AN NURS ga shlaodadh a-mach)

Stad.

CAILEAN (acoimhead a-mach às a dhèidh) Duine math! Theab en ceann a chur dhìom latha, le siofal aghuail.

TORMOD Chuir e fiacail asam uair. ma chuir?

J. MODO Dhfheuch e ri mise thachdadh. Chaidh an saoghal dubh. Mo choire fhìn a bhann.

D.A. An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach ... (gàirdeanan a-mach) D.A. ! Bu tu e! ... Acumail oirnn ... (aleughadh bhon leabhar) Rugadhs thogadh tu ann am Bogha Dhonn na h-Àird ... (map de Leòdhas atighinn air an sgrion, le X gheal acomharrachadh aBhogha Dhonn) . .. gille òg, tapaidh. .. glan, gasta. .. (ETTA: Ha!) ... sin a tha eg ràdh an seo, a Chailein. .. aon bhliadhna bha ghriùthlachs an triuthach ort, bliadhneile thug iad asad natonsils ,ach son adhbhar air choreigin cha do bhuin iad dha na h-adenoids .Ann an 1954, nochd dainm uair anns aGhaseat. Aig Mòd ionadail na bliadhna sin, anns aBhoys Own Choice, balaich dhà-dheug gu ceithir-deug, bha thuthird ... sin an treas àite ... às dèidh Peter Angus MacIver (Lochcroistan) firstagus Alasdair Murdo MacKenzie (Fidigarry) second ... Eil cuimhnagad n t-amhran a sheinn thu, a Chailein?



[104]

CAILEANThéid mi null gu tìr mo rùin’.

FLÒRAIDH Cha be achAn tèid thu leam, a rìbhinn mhaisich? ’.

NORMANA Cha be achCha tèid mise chaoidh ri mbheò’.

ETTA Cha be achThèid is gun tèid i leam’.

TORMOD Tha sibh uile ceàrr. An amhran a sheinn Cailean. .. cuimhnagam air mar an lathan- ... ’s e, ‘Thèid sinn, thèid sinn, le suigeart agus aoidh’.

CAILEAN (agnogadh a chinn) Thèid. Tha mi meanigeadh, ’s e. (ri TORMOD) An e?

TORMOD Nach eil fhios agad gur e! (stad ghoirid) Amhran math Leòdhasach!

D.A. ‘An tèid thu leam, a Mhàiri?’ a tha shìos an seo. (luath) Co-dhiù no co dheth ... robh mi?

GUTH GHLASCHUThe fifties.

D.A. Ah! (aleughadh) . .. agus anns an t-Samhain, 1955, nochd dainm anns aGhaseat a-rithist. .. eil cuimhnagad carson ... ?

CAILEAN (car na cheann) Chan eil gnothaich aige seo ri cuibhle mhòr tractair, a bheil?

D.A. (aleughadh) . .. eadar ainm eile ... N. Smith agus J.M. Macleod ... na triùir agaibh ann an taigh-cùirt Steòrnabhaigh, fo chasaid ...

TORMOD (air a dhòigh, ri D.A. ) Sinne bha sin! Mise N. Smith, N for Norman, esan J.M. Macleod, J for John Modo.

ETTA Con a tha thu cur sin air feadh an t-saoghail? . .. gu robh am balach agamsa ann an làmhan an lagha?

TORMOD Cha be na aonar, Etta!

D.A. (aleughadh) ... “feuchainn chlachan air uinneagan Taigh aBhùirn, càin deich tastain an duine, ’s na dèanamh a-rithist e.”

CAILEAN Uill, tuigidh tu fhèin, D.A. Boys will be boys.

TORMOD Balach fireanns e ri fàs ... ?

J. MODO (atogail a chinn) Na casg dha duine òg aimhleas. (acromadh a chinn a-rithist)



[105]

D.A. (acoimhead bho dhuine gu duine) ’N e siud e? Cumaidh mi orm? Faodaidh mi? ... (aleughadh às an leabhar) ... Am bothan beag còir, agus sibh a bha dòigheil ann ...

DealbhBalmoral Castleatighinn air an sgrion.

... thu fhèin agus do bhràthair mòr Diggon ...

CAILEAN (sgeun) Chan eil esan an seo, a bheil?

D.A. (aleughadh) ... a tha an-diugh an Astràilia, ’s a dhùilt a thighinn air aphrògram ... Agus do phiuthar Ealasaid Anna ...

CAILEAN (sgeun) Chan eil ise an seo, a bheil?

D.A. ... a tha an-diugh na dachaigh fhèin le teaghlachs trì coins each am Baile Ùr an t-Slèibh, ’s a dhùilt a thighinn air aphrògram mar an ceudna ...

Atighinn air an sgrion luath, às dèidh a chèile:

Camilla Parker-Bowles.

Atomic bomb.

Pin-up.

D.A. afeitheamh. An sgrion adol geol. Stad ghoirid. D.A. acoimhead dhan leabhar. Ris an sgrion. Air ais chun an leabhair.

D.A. Ach tha aon thè nach do dhiùlt a thighinn air aphrògram. .. mo phrògram ... prògram D.A. O tha! (gàirdeanan a-mach) D.A. ! Bu mhòr am beud! (ri CAILEAN) A Chailein! n guth tha seo?

Fead àrd bho inneal a choreigin, DHETH, ’s an uair sin GUTH GHLASCHU

GUTH GHLASCHU ... no’ got a spare tenner, by the way? ... (fead àrd eile bhon inneal) ... Wha ’? ... Aye, right ... Yir oan, Ma!

Fead. Casd. Iad afeitheamh.

GUTH CAILLICH chanas mi? ... Teich leis an stob sin! ...

Fead àrd. Brag. Aodann caillich anochdadh anns an doras. I tighinn a-steach. Tha AN NURS còmhrithe.

D.A. Guth air a bheil thu gu math eòlach, a Chailein! Do mhàthair!



[106]

CAILEAN (sgeun) tha ise dèanamh an seo?

ETTA (air a casan) A Pheigi! ’N e daghaidh a tha mi faicinn?

PEIGI (acoimhead gu cùlaibh) Etta! ’N e do ghuth a tha mi cluinntinn?

D.A. Bhon an Taigh-Eiridinn phrìobhaiteach dha na chuir thu i, a Chailein ...

PEIGI (atogail a làmhan) Etta! Seall orm!

ETTA (atogail a làmhan) Tha mi gad fhaicinn, a Pheigi!

PEIGI Etta! Chuir am balgaire ann anHomemi!

ETTA Tha mi thall an seo, a Pheigi.

PEIGI (ationndadh) Tha mi gad fhaicinn, Etta! Etta ...

ETTA Tha mise gad fhaicinn-sa cuideachd, a Pheigi. A Pheigi ...

PEIGI Cha robh mise ag iarraidh a dhol a ghin aHome ,Etta. Nach robh mo dhachaigh bheag fhèin agam?

Air asgrion: Balmoral a-rithist.

A mhàthair! A rugs a thog e! Etta

ETTA Chan fhada gum bi mi innte còmhriut, a Pheigi.

J. MODO (atogail a chinn) Carson a tha thu ag ràdh sin, a mhàthair?

ETTA Mac neo-ar-thaingeil agamsa cuideachd.

J. MODO Chan eil, a mhàthair.

ETTA Na shuidhe an tac an teine, a Pheigi, asmaoineachadh leis fhèins atoinneamh a chorragan.

CAILEAN (ri PEIGI) Riabhach ort, fhuair thun cothrom a thighinn còmhrinn dhan an taigh ùr! Thuirt mi riut a thighinn còmhrinn! An tigeadh tu ann?

FLÒRAIDHS fhada chitheadh i!

CAILEAN Do rùm fhèin shìos an staidhre, le sinc is sgàthan, pàipear-srianach air abhalla, teilidh bheag anns achòrnairs poit mhùin fon leabaidh.

FLÒRAIDH Cha tigeadh dha duine tha geal.



[107]

PEIGI Cluinn, Etta! Mise dol dhan aon thaigh ri nigheanAin Duinn!

ETTA Na shuidhe an tac an teine, a Pheigi, acoimhead ris an t-slabhraidhs atoinneamh a chorragan.

FLÒRAIDH Agus rinn nigheanAin Duinn ortsa a-riamh? Ach gun phòs i do mhac?

PEIGI Mise dol fon aon mhaide-droma ri ogha Iseabail Ruaidh!

ETTACiamar a chuireas mi mo mhàthair a-mach às an taigh?” Siud a tha e cnuasachadh leis fhèin, gach oidhche, an tac an teine.

J. MODO Chan e, a mhàthair.

PEIGI Sin a rinn mo mhac orms’, Etta.

ETTA Agus sin a mo mhac orms’, a Pheigi.

J. MODO Cha dèan, a mhàthair.

PEIGI Dhfhàs sinn aost, Etta.

ETTA Chan eil iad gar n-iarraidh.

PEIGI Tha sinn às an rathad.

ETTA Nar h-uallach.

PEIGI (glaodhaich) Tha bhuil, Etta! Seall oirnn!

ETTA Tha mi gad fhaicinn, a Pheigi.

PEIGI Aig deireadh mo latha, Etta!

CAILEAN Riabhach ort, thu fhèin a dhiarr a dhol dhanHome !Thu fhèin a fhuair lorg air a’ Home !

FLÒRAIDH Cha burrainn dhuinne a cumail às!

CAILEAN (ri D.A. ) Dùil agam gur e mo bheatha-sa bha seo? (bragail le chorrag air an leabhar) Cailean Iain MacIlliosa gun an Iain, ’S e Seo Do Bheatha?

TORMOD (air a chasan) Tha fios agad tha tachairt an seo, nach eil, a Chailein?

NORMANA (ga shlaodadh sìos air cùl a sheacaid) Suidh thusair do thòin!



[108]

D.A. (às dèidh sùil uamhalt air TORMOD) Acur nan gearanan sin an-dràsta gu aon taobh, mar gum biodh ...

ETTA (àrd) Carson a chuireas? ’S gun agam ach an fhìrinn? (aputadh J. MODO) Siuthad! (ag obair le meòir) Tòisich le na corragan pìobaire!

PEIGI Beachd agad, Etta, na tha tachairt riumsanns an taigh-ud!

ETTA Eil thug ràdh, a Pheigi?

PEIGI Cha leig iad dhomh car a dhèanamh. Soitheach a nighe no làr a sguabadh ...

ETTA Tch tch tch ...

PEIGI ... mo leabaidh a chàradh anns amhadainn, ’s e chanas iad rium fuirich innte cho fadas a thogras tu. Fad an latha, mas e sin mo thoil.

ETTA Rud nach robh riamh na chleachdadh agads’, a Pheigi!

D.A. Ma dhfhaodas mi ceist bheag a chur oirbh aig an ìre seo, a Pheigi ... ?

ETTA (ationndadh air) Ist

PEIGI Sàth putan ri taobh na leap, thig iad thugad le do bhracaist air treidhe.

ETTA Càil cho -chailear ...

PEIGI Lit is bainne, hama ròst, marag dhubh Charlie Barleys ugh eireig, tost, poit teathas anDaily Record. ’S an Gaseat, mas e Diardaoin.

D.A. ... facal fhaighinn a-steach air oir, mar gum biodh ...

ETTA (ationndadh air) Ist thuirt mi riut!

PEIGI Nuair sin, cho math èirigh. Spideag de nurs ga mo chuideachadh chun na poites le mo chuid-aodaich. Nuair sin, sìos dhan andayroom . sgoil chairtean adol an sin, agus sgoil snap dhaibhsan, man Slashar, a thair na subhailcean a chall ...

ETTA Eil Slashar anns a’ Homecuideachd?



[109]

PEIGI Tha, na bhuidheach. Fad na maidne an sin, n còrr a thagam ri dhèanamh, cumail chearcan air a thoirmeasg dhomh ... Nuair sin, an diathad. Trì cùrsaichean, Etta, ith e ma tha thu air a shon, mura h-ith fàg, is glainne Baileys. Nuair sin norrag ann an sèithear bog son uair a thìde ma choinneamh an teilidh, gun tig iad timcheall le slaidh an fheasgair ... Mo bheathadol seachad mar sin, Etta, na thair fhàgail dhith. Gabh beachd orm, agus gabh truas rium. Sin an ceàrd a chuir ann mi!

ETTA (atogail a làimh) Bidh mi còmhriut a-màireach, a Pheigi!

J. MODO Cha bhi, a mhàthair.

ETTA Tha e air achùis a dhèanamh orm!

J. MODO Chan eil, a mhàthair. Chan eil miseg iarraidh ort falbh idir.

ETTA Cluinn, a Pheigi! Cluinn na breugan!

J. MODO dhfhigheas geansaidh dhomh, a mhàthair, ma dhfhalbhas tu?

ETTA Cha chaomh leam Baileys, a Pheigi, bidh e toirt orm brùchdail.

J. MODO bhruisigeas mo bhrògan dhomh?

ETTA Eil Atholl Brose aca, a Pheigi?

D.A. Nis, a chlann-nighean ...

ETTA Cluinn, a Pheigi! A chlann-nighean!

PEIGI Chuala mi e.

ETTA An cuala tu e, a Pheigi?

PEIGI Chuala, Etta. Le mo dhà chluais.

ETTA A chlann-nighean, thuirt e.

PEIGI air tha clann-nighean aige, Etta?

ETTA Tha òirnne, a Pheigi.

PEIGI e, co-dhiù?

TORMOD (air a chasan ... ri D.A. ) Tha fios agad tha air tachairt an seo, nach eil? Dìth planaigeadh!

NORMANA O, suidh sìos!



[110]

TORMOD Dìth smachds dìth planaigeadh! Sin a tha air tachairt an seo.

D.A. (sùil uamhalt air TORMOD) Tapadh leibh-s’ , a Pheigi ... Etta ...

PEIGI Mi falbh a-nis, Etta. Bingo a-nochd aig naoi uairean ...

ETTA (aseasamh) Fuirich rium, a Pheigi. Tha mi tighinn còmhla riut ...

J. MODO Chan eil, a mhàthair!

ETTA (ga bhualadh lehandbag) Iarnaig fhèin abhriogais uallach à seo a-mach. Faigh fhèin lorg air aphraidhpan!

D.A. (acumail air ... aleughadh às an leabhar) Ged a phasaig thu anQualifying ,a Chailein ... (Air an sgrion ... càr le L-plates) ...

TORMOD (acoimhead a-mach dhan an èisteachd) Fios aig duine dhe na daoine sin bhanns a’ Qualifying !

D.A. ... dhiùlt thu dhol a sgoil Steòrnabhaigh ... (ri TORMOD) Thèid do chur a-mach!

J. MODO (aseasamh) Mam! Chan fhaod thu mfhàgail! (falbh às a dèidh)

D.A. (ri TORMOD) Aon fhacal eile! (làmh gu chluais) What ?

J. MODO (astad ri taobh D.A. Car na cheann) Uh ... choinnich mi Cailean ... duilich, a Chailein ... uh ... dhaithnicheadh sinn a chèile ... chaidh sinn dhan sgoil an aon latha ... agus uh ... thug e dhomh t-seoba ... nuair a chaill mi am bàta-iasgaich ... anns achuaraidh ... air achrushar ... cha robh mig iarraidh a thighinn an seo a-nochd ... mo mhàthair a thug orm ... agus air an làraidh ... adraoibhigeadh na làraidh ... agus tha mi fhathast ag obair dha ... feumaidh mi dhol às dèidh mo mhàthar ... agus sin na thagam ri ràdh ... (afeuchainn ri làmh CHAILEIN a chrathadh) ... duilich, a Chailein ...

D.A. (ris an èisteachd) John Modo, a chàirdean!

J. MODO (ag èigheachd) Fuirich rium, a mhàthair! Na falbh às maonais! (tionndadh anns an doras) Na pilichean a rinn seo! Pilichean ùr a thug an dotair Spàinneach dhi! ... bha dotair Spàinneach ann an Nis cuideachd! !!



[111]

E dol a-mach.

FLÒRAIDH is NORMANA aseasamh.

CAILEAN il sibhse adol?

FLÒRAIDH Sinne falbh.

NORMANA Duine bruidhinn rinne.

FLÒRAIDH Sinne mar nach biodh sinn idir ann.

NORMANAS mar sin, tha sinn afalbh.

TORMOD (ri NORMANA) Càite?

NORMANA dhut-s’ ?

D.A. , a chloinn-nighean ...

FLÒRAIDH (adol a-mach) , gu dearbh ... Thighearna, an deis’! ... (ri NORMANA) Na dhfhàg thu càil?

NORMANA Cha do dhfhàg ... n taobh tha anhospitality suite?

Iad afalbh.

TORMOD (aseasamh) Uill, a Chailein, mar tha fios agad, chan e duine thannamsa bhios ag ràdh mòran, ach nuair a chì mi cùisean adol budar-a- sgeing, ceò air abheinns an cat air feadh na fìdhle ...

D.A. (làmh ri chluais ... e ga toirt sìos, ’s adol a-null gu TORMOD) Eil thug iarraidh an leabhair?

TORMOD (suidhe air ais na shèithears acoimhead suas ris)

Chan eil ...

D.A (atabhachd an leabhair air) Siud e agad!

TORMOD (beagan iomagain) Chailein ... ?

D.A. Tha thug iarraidh aphrògraim ... mo phrògram ... a ruith? Seo dhut e, ma-thà!

TORMOD acrathadh a chinn.

Gabh às mo làimh e!

TORMOD Cha ghabh ...



[112]

D.A. Greas ort! (ga phutadh anns abhroilleach leis an leabhar) Ma tha thu smaoineachadh gun dèan thu nas fheàrr ... (put eile) Uill?

TORMOD Sguir dha mo phutadh! ... Can ris sgur, a Chailein ...

D.A. Seo! (put eile)

TORMOD Sguir dheth, thuirt mi riut! ... A Chailein ... ?

D.A. (ga dhèanamh fhèin dìreach) Ah! Cailean!

Adol a-null gu CAILEAN. Grèim aige air an leabhar le làimh. TORMOD ga leantainn a-null. Aseasamh ri taobh CHAILEIN. J. MODO atilleadh a-steach. Seasamh air taobh eile CHAILEIN.

J. MODO Dhfhalbh i. Thug i dhomh a’ handbagma thaobh achinn. (ri CAILEAN) Tha thu coimhead ri dìlleachdan.

Stad. Na triùir aca acoimhead ri D.A. Air an sgrion: aghaidh SANDY MATHESON. An sgrion adol geal.

D.A. (grèim air an leabhar le dhà làimh. Guth sgìth) Cailean MacIlliosa ...

TORMOD Cailean Iain MacIlliosa ... (toirt brag air an leabhar le chorrag) ... air achiofar, seall! ...

D.A. (coimhead ri TORMOD. Osann sgìth Fosgladh an leabhair) Gàidheal ...

TORMOD Leòdhasach!

CAILEAN Niseach!

D.A. (osann sgìth) Fear-gnothaich ...

TORMOD Croitear!

J. MODO Grèighear ? (ri TORMOD) Tha crodh aige.

TORMOD Conastabal baile!

D.A. ag obair le ghàirdean ri cuideigin air taobh-muigh na stèids.

S iomadh ainm a bhair! ... (coimhead ris an doras) ... na dhfhalbh na boireannaich? ... (ri CAILEAN) ’S iomadh ainm a bhort, a Chailein, ?

D.A. Acur ainmeannan gu aon thaobh -

TORMOD Cailean Crude! ... Nach robh, John Modo? ...



[113]

J. MODO Bìdean na Crùbaig.

TORMOD Balach beag amhamaidh.

J. MODO Cailean againn fhìn.

D.A. (osann, aleughadh) Fear-seilbhe ...

TORMOD Colin John Gillies, absent .

J. MODOS en than Cailean.

TORMOD Am bleigeard air a chasan. (ri J. MODO) Siuthad! Mac achoin! Mac na galla!

J. MODO Mac na bids’? ... Duilich, a Chailein ...

TORMOD Àigeach na h-Àird! ... (ri J. MODO) Nach robh?

J. MODO Buaireadair nam banntrach.

TORMODThe cock of the north.

J. MODOExcused shorts.

D.A. (osann, aleughadh) Fear-stiùiridh ...

TORMOD Cailean na Cloinne.

J. MODO Cailean aPhlungair.

D.A. (osann throm) ... fear ... fear ... (adùnadh an leabhair le clab)

S e Seo Do Bheatha!

Atoirt an leabhair dha CAILEAN. Adol gu beulaibh na stèids. A ghàirdeanan a-mach ris an èisteachd.

D.A. acrathadh a chinn. Afalbh.

Iad acoimhead às a dhèidh.

TORMOD tha ceàrr air an duine-ud?

il e dol?

(ag èigheachd) Haoi! D.A. ! Till! Cha tuirt mise mo phìos fhathast! Mo rud!

Iad acoimhead ri CAILEAN.

DHETH, atighinn tron doras air an làimh cheart, tòrr gàireachdainn is èigheachd ... guth fear Ghlaschu nam measg.



[114]

FLÒRAIDH (aseinn) Tha mi tinns mi ri caoidh mo dhòchais

Nochds a-raoirs fad na h-oidhche mhò-raoir ...

ANNA D.A. darling !

NORMANA Tha branndaidh, a bhrònag! LeAmerican ginger!

D.A. Haoi, bioch! Fàg mo dheisorm!

SLASHARBehave yourselves! ... il mo bhat’ ... ?

D.A. Watch the material! ... HAOI!

FEAR GHLASCHUNaw ... Hey! ... Wait a wee minute! …

FLÒRAIDH Thug thun ear agus thug thun iar bhuam,

Thug thu ghealach is thug thu ghrian bhuam ...

CAILEAN aleigeil às an leabhair. A làmhan adol nan dùirn.

CAILEAN (ationndadh ri J. MODOs atogail na cearrag) Eil thu faicinn an dùirn sin? Sin sia mìosan anns an ospadal. (J. MODO ateiche pìos air falbh bhuaithe)

(ationndadh ri TORMODs atogail a làimh dheis) Eil thusa faicinn na sin? Sin am bàs. (TORMOD ateiche pìos air falbh bhuaithe)

Iad acoimhead ris. Acoimhead ri chèile. CAILEAN acoimhead a-mach dhan an èisteachd. Sgeun na shùilean

DHETH:

ANNA seòrsa drathars a bha siud a bhair, Normana?

NORMANA Molach purpaidh, a bhrònag. Man meileabhaid fo mo làimh!

FLÒRAIDH Do chòmhradh meallt’, fad agheamhraidh dhòmhsa ...

TORMOD (guth socair) Tugainn dhan Legion, a Chailein.

J. MODO Bidh e fhathast fosgailt’.

TORMOD mu dheidhinn? Pinnt no dhà?

J. MODO Dhà no thrì nips?

Stad.



[115]

TORMOD (atighinn nas fhaisg air) Faodaidh tu dòrn a thoirt dhan tagsaidhdriver .Air an t-slighe sìos.

J. MODO (atighinn nas fhaisg air) Dhan duine air an doras. Air an t-slighe steach.

TORMOD (làmh fo uileann CHAILEIN) Tugainn!

J . MODO (làmh fon uileann eile) Còmhrinn fhìn.

Iad afalbh leis. Dol a-mach air an doras air an làimh dheis.

GUTH GHLASCHU (dheth) Hullaw therr, boys, yous gaun – (Fuaim buille)

Sàmhchantas.

Air an sgrion: Abhò Ghàidhealach.

An sgrion adol geal.

AN DUINE a tha na shuidhe ma choinneamh na sgrion acur dheth aphrojector. Aseasamhs ga dhèanamh fhèin dìreach. Ationndadh ris an èisteachd.

AN DUINE Chan ann à Nis a tha mise ann. Buinteanas agamsa ri sgìre Nis.

Às na Hearadh a tha mise.

AN Nurs aruith tarsainn na stèids, a bloubhs reubte, SLASHAR às a dèidh, ann am bocsair-shortsisvestgun ghàirdeanan, afeuchainn ri breith oirre mu na h-adhbrannan le cromag abhata. Iad adol às an t-sealladh.

Taing do Dhia!

E falbh.

title’S e Seo Do Bheatha
internal date2011.0
display date2011
publication date2011
level
reference template

Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p

parent text Sia dealbhan-cluiche
<< please select a word
<< please select a page