[117]

NA CRAOLADAIREAN

DAN, air achamara.

HERBIE, air uidheam nam fuaimean.

AN GILLE GUN AINM.

NIALL, an riochdaire.

SAMMY, beulaibh achamara ... am fear-ceasnachaidh.

MADELEINE.

IAIN AONGHAS MACILLINNEIN, Comhairliche.

Beulaibh Taigh na Comhairle.
An stèids falamh. Gaoth.

DAN is HERBIE atighinn air, bhon làimh chlì, DAN le bucas
le strapaichean crochaite ris, agus tripod, air a ghualainn, HERBIE
le bucas air strapaichean crochaite ris, sèithear-pasgaidh canabhais na làimh.

Iad astad, meadhan na stèids.

DAN (anail na uchd) Seo an àite. (aleigeil sìos abhucais) Beulaibh na Comhairle.

HERBIE (anail na uchd) Gaoth? Dearg ghèile! (stad ghoirid) tha ceàrr air do shùilean, Dan?

DAN (atoirt a-mach nèapraig, asuathadh a shùilean) Chan e ach aghaoth tha seo. ... Càil ceàrr air mo shùilean-sa!

HERBIE (aleigeil dheth abhucais) Bha còir againn tagsaidh a ghabhail.

DAN (guth àrd) , an duine beag maol às an Rubha? Sia notaichean son ar toirt leth-mhìle sìos an rathad?

HERBIE (acoimhead timcheall) il an fheadhainn eile? ... (asuathadh a shròin) fàileadh tha siud?

DAN Bhon amhuir. (stad ghoirid) Than tràigh ann.

HERBIE Leagadh en t-each ... (atoirt pacaidfagsàs a phocaid, atoirtfagàs aphacaid, ga cur thuige)



[118]

DANSewerage !Sin am fàileadh a thann. ’S taigh nanguts !

HERBIE Gu sealladh Dia orm! ... (stad ghoirid) Chaidh innse dhòmhs’ ... agus dhuts’, Dan ... nuair a ghabh sinn an obair seo ... gur e Companaidh Telebhisean Gallda a bhannainn. Dèanamh phrògraman air Tìr Mòr. An Glaschu! Far a bheil rudan atachairt. Tubaistean rathaid! Murtan! Sràidean làn dhaoine às an ciall le drugaichean! ... ’S na landaig sinn? Air eilean! (casd) Ann an dearg ghèile! (asuathadh a shròin) ’S fàileadh a leagadh an t-each!

DAN Fhuair Niall cùmhnant. Bho luchd-ealain na Gàidhlig. Iadsan aig a bheil an t-airgead.

HERBIE Tha fios am gun dfhuair Niall cùmhnant. Con nach dfhuair e cùmhnant son film a dhèanamh ann am Baile Ghobhainn? Far am faigh duine air anail a tharraing?

DAN Millean not’, thug iad dha. (stad ghoirid) À seo a thàinig a shean-seanair. (air a ghlùinean, arumastaireachd anns abhucas) Tha e dèanamh film mu dhualchas!

HERBIE Mu ?

DAN A dhualchas! A fhreumhaichean! e, ’s co às a thàinig e.

HERBIEASireadh mo Dhaoine”. Sia prògraman. Le fo-thiotalan. (afosgladh an t-sèithear-pasgaidh) ’S cha bhruidhinn e fhèin an cànan!

DAN Uill ... bidh e feuchainn ...

HERBIE Ach tuigidh e i!

DAN Tha seòrsa de Ghàidhlig aige ...

HERBIETha mi ga tuigs’ ,’ bidh eg ràdh. (casd) Feumaidh mi sgur dhe nafags . (casd) il thu dol a chur achamara, Dan?

DAN Ann an seo.

HERBIE Ceart. (atogail abhucaiss an t-sèitheir) Thèid mise null an seo. (agluasad gu taobh eile na stèids, acur sìos abhucaiss an t-sèitheir. Afosgladh abhucais, atòiseachadh atoirt càbaill, maicreafòn etc a-mach às)



[119]

DAN (aseasamhs asnìomh le làmhan) Feumaidh doras mòr an togalaich a bhith ann. Far a bheil e ag ràdh Comhairle nan Eilean Siar os cionn an dorais. Ach am bi fios aig daoine bheil sinn.

HERBIE (maicreafòn na làimh) Testing testing.Aon dhà trì. (aleigeil fead tron amhaidhc. Brag air le chorrag) Trì uairean gun a dhol iomrall timcheall earball meanbh-chuileig. (brag eile le chorrag air amhaidhc) Ceart, siud mise. mar than camara, Dan?

DAN Caran cugallach, anns aghaoith tha seo. Cha chreid mi nach cuir mi suas an tripod.

HERBIE Sin a dhèanainn-s’ , Dan. Anns aghaoith tha seo.

DAN Cha chreid mi nach cuir. Son an camara a chumail ... eil fhios agad? ... ( ’g obair le làmhan)

HERBIE Steadaidh?

DAN( ’g obair le làmhan) Son nach caraich e. Cuiridh mi suas an tripod. (atòiseachadh a' sgaoileadh casan an tripod, gan teannachadh etc)

HERBIE (asuidhe air an t-sèithear-chanabhais) ’N deach thu fhèin taobh sam bith a-raoir, Dan?

DAN Cha deach. Dhfhuirich mi staigh.

HERBIE Chaidh mise sìos dhan aChrown. Aig naoi uairean. Son pinnt.

DAN Robh duinann?

HERBIE Duine beò a dhaithnichinn-s’ . (stad ghoirid) Madeleine, tha thu meanigeadh? Cha robh, a dubh no dath. (stad ghoirid) Dùil am gun tigeadh tu fhèin sìos, Dan. Gu nochdadh tu. Ach cha do nochd.

DAN Dhfhuirich mi staigh. (acur camara air an tripod. Atoirt sùil troimhe. Ri HERBIE) Thameteroirr’, na dhinns mi dhut? Air an teilidh na mo rùm. Meter ! Fifty p.agam ri chur inntmus tèid i dhol! phòcaid a sheasas ri sin? (acoimhead man cuairt) il Niall? (acoimhead a-mach taobh clì na stèids) ’N e tha sin?

HERBIE Chan e. Craobh bheag a tha sin, Dan.



[120]

DAN Naoi uairean, thuirt e rium-s’ . tha ga chumail?

HERBIE Thuirts riumsa, Dan.

DAN Naoi uairean, thuirt e. Taobh-muigh na Comhairle.

HERBIE Thuirt e an aon rud riumsa. Beulaibh Comhairle nan Eilean aig naoi uairean, thuirt e. Bi ann. Air andot .

DAN bheil e, a-rèist? (stad ghoirid) Thuirt mi riut e ron a seo, Herbie, ach canaidh mi riut a-rithist e. Chan eil an dol-a- mach-s’ ... eil fhios agad? ... ( ’g obair le làmhan)

HERBIE Proifeiseanta?

DANS ioma riochdaire dhan a dhobraich mise, Herbie.

HERBIE Dhobraichs mise, Dan.

DAN Agus stiùiriche.

HERBIE Mise cuideachd, Dan.

DAN Mar tha fios agad. Dhobraichs thusa, Herbie. ’S bha h-uile duinaca ... proifeiseanta ...

HERBIE Cha mhòr nach.

DAN Feadhainn dhiubh nach robh.

HERBIE Duine no dhithis.

DAN Sin tha cur dragh orm mu dheidhinn Nèill. Mar riochdaire. Nach eil e ... ( ’g obair le làmhan)

HERBIE Proifeiseanta?

DAN Tha e acur dragh orm.

AN GILLE GUN AINM atighinn air. Bòrd beag aige fo ghàirdean.

(asealltainn uaireadair dha) n uair dhen latha tha seo, ’ille?

AN GILLE (acoimhead bho DAN gu HERBIE, ’s air ais ... -chinnteach) Naoi?

HERBIE acrathadh a chinn ris.

DAN Thas deich mionaidean às an dèidh.

HERBIE Nas fhaisg air achairteal.



[121]

AN GILLE Dùil agam nach robh e naoi fhathast. (stad ghoirid) Naoi a thuirt Niall riumsa.

HERBIE Thuirts riumsa. Naoi air andot ,thuirt e.

DAN (adol caiseach) Thuirts ri na triùir againn! Nach robh na triùir againn ann nuair a thuirt e e? Nach cuala na triùir againn e ga ràdh? (stad)

Naoi uairean, thuirt e.

HERBIE Agus cuimhnich thus’, a laochain, nach eil e uabhasach proifeiseanta a bhith tionndadh an-àirde aig deich mionaidean às dèidh naoi, nas fhaisg air achairteal, nuair a chaidh naoi uairean air andota chantainn riut. Ceann goirt ann no às. OK dha Niall, chan eil annsan ach riochdaire aphrògraim. Achs e a thannainne luchd-ciùird ...

DAN Daoine thug a-mach an ceàrd.

HERBIE Againne tha an t-eòlas teicneòlach.

DAN Cuimhnich air an sin. Ma tha thug iarraidh a dhol a-chaoidh air cùl camara.

HERBIE No paidhir dhen fheadhainn-sa ... (acumailearphonessuas ris) ... a chur mu do chluasan.

DAN An urra rinne tham prògram.

HERBIE Sinne tha cur aphrògraim air dòigh.

DAN Chan e riochdaire.

HERBIE Mura biodh sinne, cha bhiodh prògram ann.

DAN Cuimhnich air an sin.

HERBIE Agus cùm cuimhne air.

AN GILLE Cuimhnichidh. (stad ghoirid) Duilich, Dan. (stad)

DAN (acumail a ghàirdean pìos air falbh bho shùileans atoirt sùil air uaireadair) Fichead mionaid às dèidh naoi. (aleagail a ghàirdean) Cha dèan seo an gnothaich, Herbie. (acoiseachd sìos is suas ... astad) Feumaidh mi bruidhinn ris. Seasamh aige.

HERBIE Bu chòir dhut, Dan.



[122]

DAN Feagal orm gu feum. (atòiseachadh acoiseachd sìos is suas a-rithist ... astad) Naoi uairean? canaidh mi ris. ’N e seo naoi uairean?

HERBIES tusam balach air a shon, Dan.

AN GILLE Chan eil pioc feagail ortsroimhe, Dan!

DAN is HERBIE acoimhead ri chèile. Ris AGHILLE.

HERBIE Feagal? Air Dan? (stad ghoirid) Fuirich gu nochd e. Chì thu feagal a thair Dan roimhe. (acoimhead ri DAN) Cluinnidh tu feagal a thair Dan roimhe.

AN GILLE (sùilean mòra) tha thu dol a chantainn ris, Dan?

HERBIE Coma leats tha Dan adol a chantainn ris!

DAN (acoiseachd sìos is suas a-rithist) Aidh, uill ... chì sinn thaige ri ràdh an toiseach ... leisgeul a thaige ...

HERBIE Agus bidh leisgeul aige.

DAN Cho cinnteachs a tha thu beò.

HERBIE Than-còmhnaidh leisgeul aige.

DAN Sin tha ga fhàgail na riochdaire.

HERBIE Na stiùiriche. (luath) Chan eil am meabaire air beulaibh achamara mòran nas fheàrr, Dan.

AN GILLE ? Sam Sàmhach?

DAN Tham meabaire air beulaibh achamara nas mios, Herbie. Na mo bheachd-sa.

AN GILLE (air bhioran) Sam Sàmhach, an e?

DAN agus HERBIE acoimhead ri chèile. Ris AGHILLE.

DANN ann agabhail ort bruidhinn air an neach-labhairt againn a tha thu?

HERBIE An neach-abairt againn?

AN GILLE, -chinnteach, acoimhead riutha.

DAN n t-ainm a bhagad air a-rithist?

AN GILLE, -chinnteach, acoimhead bho DAN gu HERBIE, ’s air ais.



[123]

HERBIE Rud tha Dan afeuchainn ri chantainn riut, a laochain, ann am briathran sìmplidh, ’s e gu faod esan Sam Sàmhach èigheachd air Sam Sàmhach uair sam bith a thogras e.

DAN Chan e sin dhutse.

HERBIE Tha Dan cho math ri Sam Sàmhach latha sam bith dhen t-seachdain.

DAN Thas thusa, Herbie.

HERBIE Nas fheàrr. Mìle uair.

DAN Chan e sin dhutse.

HERBIE Bi modhail, à seo a-mach.

DAN Far a bheil daoine nas seana na thu fhèin.

HERBIE Bi sàmhach.

DAN Cùm do bheul dùint’.

AN GILLE Cumaidh. (stad ghoirid) Duilich, Dan. (stad)

HERBIE robh thu raoir, co-dhiù?

AN GILLE Anns aChrown.

HERBIE An Crown? Ma, chan fhaca mi thu.

AN GILLE Robh thu ann?

HERBIE Bha. Anns anlounge .

AN GILLE Bha misanns abhàr.

HERBIE Sin an t-adhbhar nach fhaca mi thu.

AN GILLE (crith bheag) Aig Dia tha fios cuin a chuir iad a-mach mi, na ciamar a fhuair mi dhachaigh.

DAN Làn thìdagad sgur dhen deoch, a laochain, aig daois. (sùil tron achamara) Aig daois, cha robh mise strucadh innt’.

AN GILLES mait gu fuirich mi staigh a-nochd. Acoimhead an teilidh.

DAN Còir sin agad! Gu leòr phrògraman math air an teilidh. (stad)

HERBIE Chaidh mi sìos dhan aChrown aig naoi. Dùil am gum biodh Madeleine ann. Ach cha robh.



[124]

DAN (fhathast acoimhead tron achamara) Tèile nach eil uair sam bith acumail ris an uair.

AN GILLE Bha i anns abhàr.

HERBIE Eh?

AN GILLE Aig bòrd-cùil. I fhèins duine letattoos . (stad ghoirid) Thuirt mi hallo rithe. Ach cha do leig i oirre gu faca i mi.

HERBIE (asuidhe air ais anns an t-sèithear ... ainmein na ghuth) tha sinn aceasnachadh an-diugh, Dan? ... Comhairliche, nach e?

DAN Fuirich dhiog, tham pàipear agam an seo ... (atoirt pàipear às a phòcaid, ga fhosgladh, ga chumail aig fad a làimh) latha thann an-diugh?

AN GILLE Diardaoin? (acoimhead bho HERBIE gu DAN)

DAN (a cheann air ais, aleughadh a phàipeir) Diluain. Suailichean abriseadh air Taobh Siar Eilein Leòdhais. Clann le clogaidean plastaig adannsair an casan luirmeach air aghainmhich. Siarach atughadh taigh-chearc. Clann-sgoile aseinn Tuireadh Iain Ruaidh ... (sùil air HERBIE. HERBIE agnogadh a chinn) Dimàirt. Prògram mu Ghàidheal ainmeil ...

AN GILLE Sgrìobhaiche. (acoimhead bho HERBIE gu DAN)

DAN (sùil air AGHILLE) ... sgrìobhaiches neach-gnìomha ... (ri HERBIE) ... taigh mòr nan uinneag, eil cuimhnagad? ... ’s an taigh eile ri thaobh dha luchd-turais? ...

HERBIES an t-seann mhuileann. ’S a’ recording studio. (stad ghoirid) Achèilidh ma bfhìor gun fhiost? A bhean air ceann na seinn?

DAN (aleughadh) Diciadain ...

AN GILLE An-. (acoimhead bho HERBIE gu DAN)

DAN (acrathadh a chinn ris AGHILLE) Dùn Chàrlabhaigh. Tursaichean Chalanais. Croitear aig na caoraich. Broinn taigh achroiteir. Bean achroiteir air cuibhle-shnìomh, an croitear afighe clò. Sgeulachd mun shealladh bho cailleach an tac an teine, prais brota aplubadaich air slabhraidh ...

HERBIE Teine mònach. (casd) Ceò gus ar tachdadh.



[125]

DAN (aleughadh roimhe) Diardaoin ...

AN GILLE An-diugh.

DAN (sùil air AGHILLE ... aleughadh) Naoi uairean air andot .Gàidhlig: an t-slighe air adhart. Agallamh le Iain Aonghas MacIllithinn ...

HERBIE MacIllinnein ...

DAN ... comhairliche Bodmor, Bostas an Cadha.

AN GILLEN e duine beag, caol a thann, le glainneachan cruinns fàileadh na deoch dheth?

HERBIE Chan e, ’s e tha sin ach Aonghas Iain MacIllithinn ...

DAN Comhairliche Bodbeag, Hostas na Dìg.

HERBIES e tha seo ach duine mòr, reamhar, gun ghlainneachan, le fàileadh tombacdheth. (sùil gu taobh na stèids) Seo iad atighinn.

DAN, le othail mhòr, atòiseachadh ag obair air achamara.

AN GILLE Niall air an ceann.

DAN (sùil dheth) ’N e sin an comhairliche, còmhri Sam Sàmhach?

HERBIE , chan eil sgeul air Madeleine.

NIALL, SAMMYs AN COMHAIRLICHE anochdadh. AN COMHAIRLICHE le siogàr nach eil thuige an còrnair a bheòil.

NIALL (anail na uchd; a làmhan paisgtair a bhroilleach) Maitheanas, ceud maitheanas. s urrainn dhomh a chanail? Robh sibh fuireachd fada? Feumaidh sibh canail ma bha ... Herbie?

HERBIE Mise, Nèill? Woill ... (acoimhead a-null ri DAN)

NIALL Dan? ’N e stùirc greannach tha sin air daghaidh? Boill? Can rium chan e!

DAN Woill, a Nèill ... mar a thuirt Herbie ...

NIALL Tha thu dol a trod rium! Tha mi ga faireachdainn! (afosgladh a bhaga-gualainn, arumastaireachd ann) il an Aspro? Cha dèan mi car an-diugh! (atoirt botal beag às a bhaga, ga fhosgladh, aslugadh phile) HERBIE is DAN agluasad gu meadhan na stèids, aseasamh fear air gach taobh dhith.

HERBIE Nise nise, Nèill ... cha robh sinne ... (sùil air DAN)



[126]

DAN H-uile càil OK, a Nèill ... uh ...

NIALL (guth socair) A bheil, Dan? (làmh ri shùilean) Na bi coimhead orm mar sin!

DAN Tha, a Nèill ... uh ...

NIALL Tapadh leat, Dan ... faod mi? ... (abreith air làimh DAN, ga cumail eadar a dhà làimh fhèin)

DAN (acoimhead ri HERBIE) Eh?

NIALL (a shùilean dùint’) ... mar sin, ’s ann ... (guth fann) ... gus an till an neart agam ... mo comas-breithneachaidh ...

DAN acoimhead le sùilean mòra ri HERBIE.

NIALL Làmh cho làidir ... (afosgladh a shùilean, atoirt pòg dha cùl làimh DAN)

DAN Aw Thia, a Nèill ... air do shocair ...

AN GILLE (guth bìogach) Faca tu siud, Herbie?

HERBIE (acoimhead a-mach taobh na stèids) Seo Madeleine atighinn.

AN GILLE (acoimhead a-mach) Oidhche mhòr eile.

NIALL (abualadh a bhoisean) Nise, peepil! Mar a thuirt an sean facal: Obair obair, Fhearchair. (abualadh a bhoisean) Madainn trang air aghaidh oirnn.

MADELEINE atighinn air.

MADELEINE (ri HERBIE) Tha thu ann, a luaidh. (sùil air ACHOMHAIRLICHE) m plamaidh tha sin?

HERBIE (guth ìosal, caiseach) robh thusa raoir?

MADELEINEN taigh abhodaich dhuinn.

HERBIE Feitheamh riut anns aChrown gus na dhùin e ... robh thu?

NIALL (abualadh a bhoisean) Eeshchew! Eeshchew!

MADELEINE (acoimhead ris ACHOMHAIRLICHE) tha sin na bheul?

NIALL (ri MADELEINE) O! Thusair tighinn, am eil?

MADELEINE (tha i fhathast acoimhead ris ACHOMHAIRLICHE) Chunna min ceann aige uaireigin air mult a bhaig mathair.



[127]

HERBIE Deich notaichean chuir mi mach anns anloungeud, afeitheamh riut!

NIALL Naidheachd mhath, peepil! Tha Madeleine an seo, aig deireadh an latha!

MADELEINE (ri NIALL) bha siud, a Nèill? (atoirt ceum a-null thuige)

NIALL (abacaigeadh) Gabh air falbh!

MADELEINE (fhathast atighinn) thuirt thu? (a gàirdeanan a-mach son grèim fhaighinn air)

NIALL Na tig nas faisg! (aseasamh air cùl DAN) Can rithe, Dan!

MADELEINE (gàire beag, cròchanach ... adol air ais far an robh i) Dhomhfag ,Herbie.

HERBIES tha fios am robh thu, na bi smaoineachadh nach eil; ’s bha còmhriut, na bi smaoineachadh nach eil ...

MADELEINE Tha fios aig an dithis againn air rudan, Herbie. Smaoinich a liuthad rud air a bheil fios againn? Dhomh a-nisfag .

HERBIE, a cheann air a thionndadh air falbh, atoirt a phacaidfagsàs a phòcaid, ga fosgladhs atabhachdfagoirre.

(atoirt aiste) Tapadh leat, a luaidh ... (acur nafagna beul) Gaol mo chridhe agam ort.

HERBIE acur thuige maids dhi ... ga cumail thuige am broinn a làmhan.

(asèideadh a-mach ceò) Seall cho maths a tha thu air maids a chumail thuige anns aghaoith.

NIALL (atighinn a-mach bho chùlaibh DAN, afosgladh abhaga-gualainn) Biast gun nàire! Ugh! (arumastaireachd) il am paracetamol? (alorg botal philichean, ga fhosgladh, aslugadh phile)

SAMMY (acoimhead bho dhuine gu duines agnogadh a chinn mar isean) So! Am faod mise beagan a ràdh? Aig an ìre seo? Facal no dhà fhaighinn a-steach air oir?

Iad acoimhead ris.



[128]

NIALL Sammy?

SAMMY Samuel, mas e do thoil, a Nèill. So! ’S e rud bu chaomh leamsa ràdh mar agallamhaiche na h-agallaimh ... ’s e seo: Let ’s get on with it!

NIALL (atogail a chinn) Na chluinn sibh siud, uile? Rud a thuirt Sammy?

SAMMY Samuel. Dìreach adol gu cnag na cùise, a Nèill. Say whats what.Chan urrainn dhomh a leasachadh. Thug mi e bho taobh mo sheanar. Bhiodh e cumail tunnagan. Ceart, ma-thà! Tòisicheamaid!

NIALL Ceart, peepil! ... (a cheann crom, asmaoineachadh ... ga thogail) Sammy! Thusan seo.

SAMMY Ann an seo, a Nèill? Eil thu cinnteach?

NIALL Dha am maidhc, Herbie, anns an làmh aige.

HERBIE atoirt maicreafòn dha SAMMY.

SAMMY Cinnteach geil thu gam iarraidh an seo, a Nèill?

NIALL Mmm? (aclapadh a phòcaidean)

SAMMY Nach bithinn na bfheàrr shuas an siud? Air aphatio?

NIALL Mmm ... (atoirt pàipear à pòcaid-broillich a sheacaid, ga leughadh)

SAMMY No aig bonn nan steapaichean? Na thall pìos? Na bhos? do bheachd?

NIALL aleughadh.

(agluasad) Bonn nan steapaichean a-rèist, a Nèill, OK? Ri taobh aphalm tree? Bidh an camara orm son achiad mhionaid co-dhiù, nach bi, Dan? Bithidh. Tha fios gum bi. (asèideadh dhan amhaicreafònHERBIE acur a làmhan mu na h-earphones , ’s cha mhòr atuiteam bhon t-sèithear-pasgaidh) Chuala tu siud, Herbie? Mo ghuth a-nis. Testing testing.Samuel Macliomain, Nèill-a- Mhic telebhisein. Bha trì truinnsearan air abhanais mhì-choltach. Over and out. OK?Arobh? Bha? Ceart. Let ’s go!



[129]

NIALL (acur aphàipeir air ais na phòcaid) Nise ... Mr MacIllechiar ... ?

DAN MacIllithinn.

AN GILLE MacIllinnein ... Duilich, Dan.

AN COMH. (atoirt na siogàr a còrnair a bheòil) MacIllinnein.

NIALL (ris ACHOMHAIRLICHE) Mo leisgeul, Mr MacIllinnein, is maitheanas. Nam biodh sibh cho math ... mas e ur toil e ... (ri SAMMY ... guth cruaidh) Air ais far na chuir mi thu, Sammy! ... (ris ACHOMHAIRLICHE) ... seasaibh an taobh seo bho Sammy ... ?

SAMMY Samuel. An taobh seo dhìom, a Nèill? Eil thu cinnteach? Carson an taobh seo, seach taobh eile? Carson, mar eisimpleir, nach cuir thun taobh ud e? Air an steap? Non null an siud? ? Up to you, of course.Fàg an sin fhèin e, a-rèist. ’M bin camara fhathast ann? Chan fhaod cùl mo chinn, Dan, tha niosgaid. Ceart. Cumaibh oirbh.

NIALL Na seasadh sibh an seo, a maighstir ... (guth cruaidh) il am balach?

AN GILLE Seo mi, a Nèill.

NIALL Na bi canail Nèill ormsa! ... (asealltainn dha le chorrag) Dèan làrach leis an cailc agad.

AN GILLE adèanamh stròc air achabhsair.

Nis, nan cuireas sibh ur bàrr bròg, maighstir ... ?

AN COMHAIRLICHE, amharasach, acur a chas cheàrr air an loidhne.

An cas eile, cuideachd, mar an ceudna, nam biodh sibh cho math ... ?

AN COMHAIRLICHE acur a chas eile air an loidhne.

SAMMY Chan fhaod e a dhol eadar mis an camara!

NIALL Nis, nam biodh sibh cho math

SAMMY Chan fhaod e seasamh ro fhaisg orm!

Agabhail grèim air NIALL mun a mhuinichill, ga shlaodadh gu beulaibh na stèids.

Facal na do chluais, a Nèill.



[130]

NIALL thann, Sammy?

Atoirt sgal dha cùl làimh SAMMY, ga teiche.

SAMMY Samuel. (cabhagach; a làmhans a cheann adol) Fàileadh làidir tombaca atighinn dheth, a Nèill. Siogàrs! tha sin adèanamh dhìoms’? Passive victim! Made my point?

NIALL (osann) Ceart, Sammy! (adol air ais suas an stèids) Ma cuireas sibh ur cas a-rithist, maighstir ... ?

SAMMY Fad mo ghàirdein eadar mis e, a Nèill, aig achar as lugha!

NIALL (ris ACHOMHAIRLICHE) Tapadh leibh.

SAMMY Agus cead gluasad gu steans eile, ma sheabhtas aghaoth!

NIALL (abualadh a làmhan ri chèile) Sinn uile ... ? il am balach?

AN GILLE An seo, a Nèill.

NIALL Sguir acanail Nèill! ... Agus! “ASireadh mo Dhaoine.” Gàidhlig: an t-slighe air adhart. Magallan leis aChomhairliche Iain Aonghas Mac mac ...

DAN MacIllIthinn.

HERBIE MacIllInnein.

MADELEINE MacIllEathain.

Stad. Iad uile acoimhead ris ACHOMHAIRLICHE.

AN COMH. MacIllinnein.

NIALL ... an Comhairliche Aonghas Iain MacIllinnein -

AN COMH. Iain Aonghas.

NIALL ... Iain Aonghas MacIllinnein. (anail mhòr) Take One.

AN GILLE dol a-machs acrùbadh air beulaibh ACHOMHAIRLICHEs SAMMY. Atoirt brag leis abhòrd.

AN GILLE An Comhairliche Iain Aonghas MacIllinnein. Take One.

SAMMY Madainn mhoch anns na h-eileanan an iar, tìr nan òg. Uspairtich na gaoithe nam chluasan, ataireachd bhuan na mara asluaisreadh -

NIALLCut !



[131]

SAMMY Duilich, a Nèill. Got carried away.Mo sheanair, taobh mo mhàthar. Bhiodh e ri bàrdachd. Tòisichidh mi rithist, OK? (stad) Ga mo chluinntinnloud and clear, Herbie?

HERBIE acur suas òrdag mhòr ris.

mar than dealbh, Dan? Maghaidh alìonadh na sgrion, tha?

DAN acur suas òrdag mhòr ris.

NIALL Siud e, Sammy? ... Agus!

AN GILLE (adol a-mach, toirt brag leis abhòrd) An Comhairliche Iain Aonghas MacIllinnein. Take Two.

SAMMY Nam sheasamh air amhadainn mhoich chiùin seo ... (gaoth) ... ann am prìomh bhaile nan eileanan an iar, neamhnaid ...

NIALLCut ! ... And!

AN GILLE (adol a-mach, toirt brag leis abhòrd) An Comhairliche Iain Aonghas MacIllinnein. Take Three.

SAMMY Eadar slios nam beann àrda is druim achuain mhòir ...

NIALLCut ! (a làmhan gu cheann) Leig anail, Sammy. An gaoth gu do cheann. Sibhse eile ... uile ... peepil ... sàmhach ... sàmhach ... (adùnadh a shùilean)

AN GILLE (ri MADELEINE) Mise dol dhan aChounty a-nochd. (MADELEINE acoimhead ris) Chunnaic mi thusa anns aChrown a-raoir. Thuirt mi hallo riut. (MADELEINE acoimhead ris) Lean an duine le natattoosmi a-steach dhan taigh-bheag. Thug e mowatchbhuam. Ma thug, dragh. (stad ghoirid) Tha mi dol aloungeaChounty a-nochd. Tha e nas daoiranns anlounge ,ach ma-thà, dragh. (toirt leth-bhotalvodkaa-mach à broinn a sheacaid.) ’G iarraidh nip? (MADELEINE acoimhead ris)

dhomh fhìn a-rèist. ’N dàrna an-diugh. ’N dòchas nach fhaic Niall mi. (toirt balgam às abhotal, sèideadh a-mach a phluicean, acasdaich) Siud nas fheàrr. (balgam eile, asèideadh a-mach a phluicean, adèanamh gàire) Robh thu fhèin a-riamh anns aChounty?

Chan eil MADELEINE aleigeil oirre geil e ann.



[132]

NIALL (atoirt a làmhan sìoss afosgladh a shùilean) Ceart, a h-uile duine nan àitichean? (AN GILLE agabhail balgam eile mas cuir e am botal air falbh) Chan ann an sin, Sammy! il ... ?

AN GILLE (àrd, cinnteach às fhèin) Tha mi seo!

NIALL Agus! ... An Comhairliche Iain Innis MacIllinnein. Take Four.

AN GILLE (gàire flagach air aghaidh) O! ... mise nis, an e? ... (adol a-mach, toirt brag leis abhòrd) Comhairle agus Sam Sàmhach ... Take ... (lachan beag leamh)

NIALL Thig an seo!

AN GILLE dol a-null thuige, an gàire beag air aghaidh. NIALL atoirt shlais chruaidh dha mun aodann.

bheil e?

AN GILLE -chinnteach. NIALL atogail a làimh. AN GILLE toirt dha an leth-bhotal.

A-nis air ais gu obair. Dèiligidh mi riut a-rithist.

AN GILLE ationndadh air falbh bho NIALL. Tha SAMMY mu choinneamh.

SAMMY (toirt shlais chruaidh dha mun aodann) Agus siud son a bhithg èigheachd ainmeannan ormsa!

NIALL Uile ullamh? ... Air ais far an chuir mi thu, Sammy! ... Agus!

AN GILLE (adol a-mach, brag leis abhòrd ... guth ìosal) An Comhairliche Iain Aonghas MacIllinnein. Take Five.

SAMMY (guth slaodach) Tha mi nam sheasamh an ceartuair mu choinneamh aitreabh mhòr na Comhairle, ann am prìomh bhaile an eilein ris an abrar ... ann an sgeulachd is rann ... An t-eilean beag riabhach bha riamh san taobh-tuath ...

NIALL (a ghàirdean adol mar roth-gaoithe): Nas luath! Nas luath!

SAMMY (na ghuth nàdarrach) Maille rium air amhadainn mhoich seo, na sheasamh nas fhaisg orm na ... na ... tha

DAN (èigh) Stad!

NIALLCut !



[133]

SAMMY tha cearr? Càil tha ceàrr, Dan? Mo thaidh –?

NIALL Ist, Sammy! (crith bheag na ghuth) Seadh, Dan?

DAN An aodann aige. Làn fallais.

NIALL Aodann ?

DAN Aodann achomhairliche.

NIALL Madeleine!

DAN (ri HERBIE) Gam dhalladh tron a’ lens ...

NIALL Madeleine!

DAN (ri HERBIE) Càil ceàrr air mo fhradharc-s’ !

MADELEINE (ri NIALL) tha thug iarraidh a-nis?

NIALL (feuchainn ri bhith modhail) Nan dèanadh ... nam burrainn sibh ... suathadh am fallas air aghaidh maighstir ... ?

MADELEINE Mise?

NIALL Nam biodh sibh cho math?

MADELEINE Con nach urrainn dha fhèin a shuathadh?

NIALL Aig an aon àm, cuir air beaganslap ?

AN COMH. (ga dhèanamh fhèin dìreach) Slap ? tha dol a thoirt dhomhslap ?

MADELEINE (adol suas thuige) Dèan air do shocair, a bhròinein. (afosgladh a baga-gualainns asealltainn na tha na bhroinn dha) Seo a tha e ciallachadh leslap .

AN COMH. (acoimhead dhan abhaga) ? (stùirceach) Powderis peant? Man boireannaich?

MADELEINE Son achamara, a ghràidh. (atoirt bucas Kleenex a-mach às abhaga) Mo chreach-s’ ! Tha thu na do shruthanan fallais! Nach tu tha teth! (asuathadh aodann leis aKhleenex) ’N e mhòr a ghabh thu raoir?

AN COMH. (ga dhèanamh fhèin dìreach) Cha be gu dearbh. Tha mise anns na h-A. As.



[134]

MADELEINE (trang) Dotagpowdera-nis ... ach am bi thu coimhead brèagha air an teilidh ... (AN COMHAIRLICHE atoirt asiogàr à còrnair a bheòils aleigeil sriathart) Murt! (ri DAN) ’N dèan siud achùis? (DAN atogail òrdag rithe)

NIALL (ris AGHILLE) figear air a ... ?

AN GILLE Còig.

NIALL Cuir sia ... Nis, peepil ... (abualadh a làmhan ) ... aon uair eile, agus an turas seo, gun stad. Deiseil?

AN GILLE (adol a-mach, toirt brag leis abhòrd) An Comhairliche Iain Aonghais MacIllinnein. Take six.

SAMMY Tìr nan òg! n duine, gun ùidh gun anam, air amhadainn mhoich seo, a sheasadh, mar tha mise, ag amharc

HERBIE Stad! Hold it! (toirt dheth na fòns-cluais)

NIALLCut !il aValium? (arumastaireachd anns abhaga, toirt a-mach botal, aslugadh phile)

SAMMY thann, Herbie? Mo ghuth? Moghlottal stops?Chan eil rian air gur e! Bidh mi garglaich gach oidhches madainn le bainne teth is salainn!

HERBIE (acumail na fòns ri aonchluaiss adol a-null thuige) Chan eil fhios am ... fead neònach atighinn tron amhaicreafòn ... (toirt amhaicreafòn bho SAMMY, ’s agluasad mu chuairt meadhan na stèids’, ag èisteachd tro na fònss ag obrachadh amhaicreafòn margeiger counter) ... chan e ... chan ann ... (stad air beulaibh ACHOMHAIRLICHE. Gluasad amhaicreafòn suas is sìos) ... Siud e! Siud a tha ga dhèanamh!

NIALL (sgìth) Inns dhomh.

HERBIE (atighinn thuige) Na putanan!

NIALL (sgìth) Putanan?

HERBIE Putanan a chòta ... Feumaidh e bhith gur e ... gu bheil iad ... (toirt na fòns-cluais dha NIALL) Èist fhèin ris!

-chinnteach, ag aomadh a chinn, tha NIALL acur fòn ri chluais. HERBIE adol a-null chun ACHOMHAIRLICHE. Agluasad amhaidhc



[135]

sìos is suas air a bheulaibh. NIALL atoirt leum bheag às. Atoirt afòn air falbh bho chluais. Atogail a chinn.

NIALL (osann) Maighstir MacIll’ ... uh ... (Atoirt nam fòns-cluais air ais dha HERBIE)

AN COMH. Maighstir MacIllinnein, tha sin ceart. An Comhairliche MacIllinnein.

NIALL Am bi sibh cho maths ur còta a thoirt dhìobh, nam bi sibh cho math?

AN COMH. Mo chòt’? Dhìom?

NIALL Nam bi sibh cho math?

AN COMH. ma gheibh mi fuachd? Ma thig cnatan orm? (stad ghoirid) Leig mi sriathart mar-thà.

MADELEINE Ampowdera bha sin, a ghràidh.

AN COMH. Bha facal aig mo mhàthair: Ne ’er cast a clout till May be out.

AN GILLE (guth bìogach, luath) An t-Ògmhios a thann.

NIALL afeuchainn a bhròig air.

DAN (ri HERBIE) thuirt e?

HERBIE Gur en t-Ògmhios a thann. (stad ghoirid) Tha e ceart.

DAN An t-Ògmhios a thann, a Nèill.

NIALL An e? (an dèidh stad ghoirid ... ris ACHOMHAIRLICHE) An t-Ògmhios a thann, tha am fear-camara agam ag innse dhomh.

AN COMH. O? (an dèidh smaoineachadh mu dheidhinn) Bheir mi dhìom e, a-rèist.

NIALL (acoimhead timcheall) Deiseil? H-uile duine? A-rithist?

AN COMHAIRLICHE atoirt dheth a chòta. Ga thoirt dha MADELEINE. Tha a spèathar fosgailte; pìos lèine asteigeadh a-mach aiste.

AN GILLE (adol a-mach ... brag leis abhòrd) An Comhairliche Iain Aonghais MacIllinnein. Take seven.

HERBIEs DAN (còmhla) Hold it!Stad!



[136]

NIALLCut ! (guth ìosal) Thusa, Sammy! Na can facal! (acoimhead suas, atogail a ghàirdeanan) Carson tha thu rium mar seo? (ationndadh, crèicealach) OK, Dan. Marbh mi! Herbie! Cuir fon talamh mi!

Afosgladh abhaga-gualainn, atoirt a-mach leth-bhotal AGHILLE, atoirt balgam às. DANs HERBIE atighinn thuiges asanais na chluais, fear air gach taobh dheth. NIALL ag èisteachd. Ationndadhs asmèideadh air AGHILLE le chorrag. Acur sanais a chluais AGHILLE. AN GILLE adol chun ACHOMHAIRLICHE. Asanais ris.

AN COMH. (làmh gu cùl a chluais) ? (AN GILLE asanais)

Feumaidh tu bruidhinn nas àirde na sin.

AN GILLE asanais. AN COMHAIRLICHE atoirt sùil sìos. Aleum dhan adhar, toirt slais dhan AGHILLE mu thaobh a chinn, cur a dhà làimh gu spèathars a chùlaibh ris an èisteachd, ann an aon ghluasad. Tòrr othail an uair sin air bho chùlaibh. E tionndadh a chinn, acantainn rudeigin ris AGHILLE. AN GILLE adol gu NIALL.

AN GILLE Tha eg ràdh nach urrainn dha.

NIALL Nach urrainn dha ? Crìochnaich do sheantansas!

AN GILLE Dùnadh a spèathar. Tha siop steigte.

NIALL Madeleine!

MADELEINE A-rithist!

NIALL Fhalbhs cuidich Maighstir Uh le ... (stad ghoirid) ... nam bi sibh ... tu ... cho math.

MADELEINE Mise?

NIALL Nam bi thu cho math. ’S tus eòlach air spèatharan fireann a tha seo.

MADELEINE atoirt ceum a-null thuige. NIALL ateiche gu cùl DAN ... nuair sin adol a-nulls aseasamh ri taobh ACHOMHAIRLICHE. AN COMHAIRLICHE ationndadh a chinn.

MADELEINE Ciamar a rinn thu sin, a bhròinein? (AN COMHAIRLICHE acrathadh a chinn) Teich do làmhan às an rathad. Faic mi tha mi dèanamh. (adol air a glùinean mu choinneamh. AN COMHAIRLICHE



[137]

aseabhtadh a chasan mar each frionasach) Seas! (AN COMHAIRLICHE agluasad a chasans a làmhan) Seas, thuirt mi! ... (coimhead suas ris) bhreabail a thort? (AN COMHAIRLICHE aleigeil a-mach fuaim eadar lachan is èighe) Seo a-nis.

I seasamh. AN COMHAIRLICHE ationndadh. Tha spèathar dùinte. MADELEINE, le ceumanan mall, ’s mar gum biodh i ameòrachadh air rudeigin, adol air ais gu h-àite.

HERBIE tha ceàrr ort-s’ ?

MADELEINE Hmm?

HERBIE Do shùilean man thruinnsear.

MADELEINE Chan fhaca tu an rud a chunnaic mise ...

NIALL (abualadh a bhoisean) Ceart, peepil

MADELEINE (acoimhead ris ACHOMHAIRLICHE) chreideadh e ... ?

NIALL (ris AGHILLE) figear a thair am bòrd? Can e!

AN GILLESeven .

NIALL Cuireight .Dèan e!

SAMMY Faod mise rud eile a chur a-steach aig an ìre seo, a Nèill, beachd, at this moment in –?

NIALL Chan fhaod.

SAMMY (acoiseachd a-mach) O well!Ma tha thu gu bhith mar sin ...

NIALL (àrd) H-uile duine na àite? ( ’g èigheachd) Thig a-muigh às na preasan sin, Sammy! (a ghuth adol nas àirde) Maighstir Uh! Air ur cailc, nam bi sibh cho math. Cead taing! Deiseil? il an leth-botal? (atoirt aleth-bhotal às abhaga, atoirt balgam math às)

AN GILLE (ri HERBIE) Tha eg òl mo leth-bhotal!

NIALL (àrd ... agluasad a ghàirdein mar roth-gaoithe) Siuthadaibh!

AN GILLE (adol a-mach ... brag leis abhòrd) An Comhairliche Iain Aonghas MacIllinnein. Take eight.

SAMMY (guth slaodach) An-diugh, air amhadainn seo, tha mi na mo sheasamh air beulaibh togalach mòr, geal Chomhairle nan Eilean. Maille rium ann an seo, mu choinneamh togalach mòr



[138]

gheal Comhairle nan Eilean, airson beachdachadh air acheist, Gàidhlig: an t-slighe air adhart, tha Maighstir Iain Aonghas MacIllinnein, Comhairliche Bodmor, Bostas An Cadha. (atighinn nas fhaisg air ACHOMHAIRLICHEs acur amhaicreafòn fo shròin) A Mhaighstir MhicIllinnein, ma dhfhaodas mi faighneachd dhuibh anns achiad dol-a- mach ... (abacaigeadh air falbh bhuaithe) ... fàileadh an tombac’, a Nèill ... do-ghiùlaint’ ...

AN COMH. (atoirt stiomp na siogàir à còrnair abheòil) Ceist chudromach, inntinneach. Agus ma dhfhaodas mi, mas freagair mi i, alabhairt às mo leth fhìn, mar fhear-cathrach Comataidh Brosnachaidh aChànains aChultair Ionadail anns na h-Eileanan an Iar, fàilte chridheil a chur air aChompanaidh agaibh, a thàinig an t-astar a thàinig sibh, thar chuan, a thoirt cothrom dhuinn, mar eileanaich, acheist chudromach, inntinneach seo a chnuasachadhs a dheasbad, gu follaiseachs gu deamocrataigeach, tro na meadhanan, ann an solas an latha ...

SAMMY (acumail amhaidhc aig fad a làimh) Agus agus agus -

AN COMH. (atogail a laimhs acur casg air) Ma leigeas tu dhomh achiad cheist a fhreagairt. Tha e mar fhiachaibh oirnn, aig toiseach tòiseachaidh, mar Chomhairle, iomairtean a chur air chois, a rèir nan iarrtasans nan caochlaidhean bheachdan a tha romhainn, a bhrosnaicheass a mheudaicheas an oidhirp shoirbheachail a rinn na comadaidhss na fo-comadaidhs dhiofraichte bho thùs anns na roinnean, buidheann corporra a stèidheachadh chum rannsachadh farsaing poblach agus sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na molaidhean, a chuireas fa-near gu cunbhalach, mar gum biodh, chan e mhàin ar feumalachdan coitcheann mar Ghàidheil, abruidhinn Gàidhlig, ann an saoghal nan Gàidheal, ach ar còirichean, mar Ghàidheils mar eileanaich, anns an fharsaingeachd. (stad ghoirid) Chan urrainn dhòmhsa chur nas sìmplidh na sin.

SAMMY -

AN COMH. Na snàithleanan a chaidh a shònrachadh an lùib nan diofar phròiseactan a tharraing ri chèile. Parameataran ùra a chur air bhonn.



[139]

SAMMY , ach

AN COMH. Na dòighean anns am faodadh fiosrachadh agus taisbeanaidhean a fighe steach don bhun-bheachd. Misneachadh nam buidhnean corporra fa leth a bhith cnuasachadhs abreithneachadh air an t-slighe air adhart.

NIALL (a ghàirdeanan adol) Tapadh leibh, Maighstir Uh ...

SAMMY Ach ... ?

NIALL Mmm?

SAMMY mu dheidhinn nan ceistean eile, a Nèill? (NIALL acrathadh a chinn)

An traidisean beul-aithris? Am poileasaidh -chànanach?

NIALL (mar neach adùsgadh à suain) Ceart, peepil! That ’s it! (atoirt an leth-bhotail às abhaga, agabhail balgam mòr às. Arumastaireachd anns abhaga) il ancyanide ?

AN COMH. (ri SAMMY) Eil sinn ullamh? Cha tug siud fada.

SAMMY (ateiche) Tha ... tha ...

AN COMH. Mu dheidhinn mo thuarastail. (ga leantainn) Airgead ceart a bfheàrr leam. Ach gabhaidh micheque .

SAMMY (a dhruim ris an tripod) Cha do tha ... thach ... (trothail casdaich)

AN COMH. (acur na siogàir air ais còrnair a bheòil, ’s asèideadh air SAMMY) Preusant bhon aChomhairle. (atoirt siogàr às a phòcaid àrd) Cùm i gu latha na Nollaig.

SAMMY (acasdaichs aspliathartaich ... adol a-null gu NIALL) A Nèill? Facal na do chluais? (Chan eil NIALL aleigeil air geil e ann. SAMMY afalbh. Atoirt na siogàir dha HERBIE. Astad aig oir na stèids) Samuel an t-ainm a thorm. Chan e Sammy. Samuel.

E adol a-mach.

NIALL na sheasamh, meadhan na stèids, an leth-bhotal na làimh, acrathadh a chinn. HERBIE is DAN adol a-null thuige; aseasamh, fear air gach taobh dheth. NIALL acoimhead bho HERBIE gu DAN. Air ais.



[140]

HERBIE Cha be do choire bhann, a Nèill.

NIALL atoirt balgam às an leth-bhotal. Ga chumail suas ris an t-solas. Ga chrathadh.

AN GILLE (taobh a bheòil) Dhòl e gu lèir e!

NIALL (acoimhead bho DAN gu HERBIE. Air ais gu DAN. Acrathadh a chinn, ’s asgaoileadh a ghàirdeanan) Mi dèanamh mo dìcheall. Gàidheal tha annam. Gàidheal baile mòr. Ach rugadh an seanair agam an seo. An achadh gallainn fiadhaich anns an chaidh sinn air chall an-. Le mo sean-seanair a bha i. Tha mi dol air ais gu mo freumhaichean. Domhainn anns an dualchas. Tha obair an Gàidhlig air fàs mòr. Ach an clann againn adìreadh suas gun Gàidhlig. Is bochd sin. Tha mi brònach. An uimhir de diofar dhòighean is a bhios an clann againn afaicinn saoghal na Gàidhligs acanail O ghia! Mise nis afeuchainn toirt orra am faic iad Gàidhlig diofraite. Mise is mo caraidean. Tha sinn trang. Chan e son airgead. Tha sinn aig binnean cur-car cultarach. Tha amaisean Gàidhlig is na amaisean agam aon-fillte. Mi dèanamh saothair mòr pearsanta chum Gàidhlig a cumail beò. Bidh mi abruidhinn Gàidhlig gus an tig an latha am bàsaich mi. ThaO levelagam. (a ghlùinean adol gu chèile. HERBIE is DAN agabhail grèim air fo na h-achlaisean mus tuit e) Tha sibh acreidsinn mi? Dan? Herbie? Can tha còmhladh!

HERBIE Tha gu dearbh, a Nèill.

DAN Gu dearbha fhèin, tha.

NIALL Gàidhlig anns an ceann agam fad na tìde. Fiùs air an oidhche, bidh pad is pinseal agam taobh na leab’, ma thig beachd Gàidhlig na mo ceann, bidh mi sadail sìos am beachd, ga bualadh sìos air am pad leis am pinseal. (an teanga aige adol liotach) Agus ma tha mi dèanamh airgead fhads a tha mi sàbhaladh na Gàidhlig? – tha sin? Feumaidh neach bith-beò. Cuir biadh air am bòrd. Feumaidh neach ithe. (acoimhead suas ri HERBIE le sùilean fliuch) A daimen icker in a thraves a smarequest.

HERBIE (an dèidh stad ghoirid) Mmm ... (agnogadh a chinn)

NIALL acoimhead ri DAN. DAN agnogadh a chinn.



[141]

AN GILLE (agnogadh a chinn) Gu dearbh!

Na triùir acacoimhead ris.

NIALL (ri DAN is HERBIE) Blessings on your frosty pows!Tha mi cho dòigheil! Herbie! Maitheanas! Dan! Do làmh! A-rithist! Feumaidh mi! (e apògadh cùl làimh DAN)

DAN Aw Thia, a Neill ... steady on ...

NIALL Mi nise falbh. Le ceum sunndach, cridhe aotrom. (ationndadh air AGHILLE ... guth cruaidh) Thusa! Am seòmar agams’! uair! (guth nàdarrach) H-uile duine eile is neach, naoi uairean anns am madainn a-màireach. Bàrr anWar Memorial.Air andot .Dan! Sguir acoimhead orm mar sin! Le na sùilean agad! (e falbh)

MADELEINE (adol a-null chun ACHOMHAIRLICHEs agabhail grèim air a ghàirdean) Trobhad thusa còmhriums’, Aonghais Iain.

AN COMH. Iain Aonghais.

MADELEINE Iain Aonghais.

AN COMH. Tha sin ceart. Aonghas Iain comhairliche Bodbeag, Hostas An Dìg. Aonghas Iain MacIllithinn.

MADELEINE (acoimhead suas dhan aghaidh aige) Fhathast abraonadh le fallas! ...

AN COMH. Mise, air an làimh eile, comhairliche Bodmor, Bostas An Cadha. Iain Aonghais MacIllinnein.

MADELEINE Cur tromhad le teas! ... (làmh air a mhaol) ... Ach am feuch mi ...

HERBIE Sguir dheth, Madeleine.

AN COMH. (ri MADELEINE) Bha facal aig mo mhàthair: Bainne blàth na duinne a chuimeas cop ri bus nam balachan.

MADELEINE Bu chaomh leam do mhàthair a choinneachadh.

AN COMH. Chan eil rian agad.

MADELEINE Ciamar?

AN COMH Bhàsaich i.

MADELEINE Tha mi duilich.



[142]

AN COMH. Bha i ceithir fichead bliadhnas a h-ochd deug.

MADELEINE Bidh e tachairt dha daoine aig an aois sin.

AN COMH. Thuit i bhopoufee .Acur Murdinag piuthar mo sheanmhar air ais air abhalla. bhliadhna eile, bha i air teilegram fhaighinn bhon abhànrigh.

MADELEINE (afeuchainn a ghàirdein) Geall geil thu làidir!

HERBIE Leig dhan duine, Madeleine!

AN COMH. Uill ... cho math ris an ath fhear ...

MADELEINE Geall geil thu cho làidir ri each!

HERBIE (atabhachd na pacaid oirre) ’G iarraidhfag ,Madeleine?

AN COMH. Thilg mi cuibhle-cairt tro uinneag an t-sabhail uair.

MADELEINE Na thilg? (stad ghoirid) Carson?

AN COMH. Bha e faileachadh orm a càradh. (stad ghoirid) Thug mo mhàthair trod dhomh.

HERBIEFagan seo dhut, Madeleine.

MADELEINE Thig thuscòmhriums’, Iain Aonghais, dhan rùm, ’s cha bhi sinn diog atoirt na briogais dhìots càiridh mi-fhìn an spèathair aice le mo chorragan eòlach ealant’ ’s cuidichidh tu fhèin mi acur an t-snàithlein dhan t-snàthaid. (iad agluasad gu taobh na steids, MADELEINE le grèim teann air gàirdean ACHOMHAIRLICHE)

... Mar an each ... tha mi creidsgun thilg ... fàileadh tombac’, càil as fheàrr leam ... fàileadh siogàrs ... fallas ... (leigeil a tac air ACHOMHAIRLICHE) ... Crith atighinn nam iosgaidean ... mo ghlùinean acall an lùths ... Cùm grèim orm, Iain Aonghais! ... mig iarraidh laighe air mo dhruims mo chasan a thilgeadh dhan adhar ...

Iad afalbh. AN GILLE acoimhead às an dèidh. Than aghaidh aige brònach.

HERBIE , cha dèan seo e ... (e acur thuigefag)

DAN Ceart! (iad atòiseachadh a sgioblachadh an uidheim.

Ris AGHILLE) Haoi! Thusa! Dhuinnhandan seo.



[143]

HERBIE (ris AGHILLE) Chuala tu Dan? Làmhan ort! ... (acasdaich) Gaoth na galla! (iad apasgadh chàbaill, acur stuth dha na bucais etc)

AN GILLE n dùil a chanas e rium, Dan?

HERBIE ?

AN GILLE Niall. Aig uair.

HERBIE Cha chan fiach.

AN GILLE do bheachd, Dan?

HERBIE Bruidhnidh Dan ris air do shon. Ma tha thug iarraidh.

AN GILLE Am bruidhinn, Dan? ... (stad ghoirid) Tha feagal orm fhìn.

HERBIE Tha. Ach chan eil feagal air Dan.

AN GILLE Bruidhnidh tu ris a-rèist, Dan?

HERBIE Nach tuirt e riut gum bruidhneadh? (casd) Mi dol a sgur dhe nafags .Mo mhionnan!

AN GILLE Uill tapadh leat, Dan. (stad ghoirid) Uill ... (stad ghoirid) ... cha chreid mi nach tèid mi dhan aChrit. Son livenar. Thug duine dòrn dhomh mun aghaidh an truib mu dheireadh a bha mi ann. Ma thug, dragh. Uill ... (stad ghoirid) ... chì mi sibh a-màireach.

DAN Naoi uairean, cuimhnich!

HERBIE Chan e còig mionaidean às an dèidh.

DAN No aon mhionaid às an dèidh.

HERBIE Chuala tu Niall. Naoi uairean. Air andot .

AN GILLE afalbh. DAN is HERBIE asgioblachadh an uidheim.

HERBIE Chan eil thu dol a bhruidhinn ri Niall mu dheidhinn, a bheil?

DAN Mu dheidhinn ? ... (sùil a-mach taobh na stèids) Chan eil. (iad ag obair)

n t-ainm a thair, co-dhiù?

HERBIE Càil a dhfhios am. (casd) Eil ainm air?

Iad ag obair.



[144]

DAN Thu fhèin adol a dhàita-nochd?

HERBIE Mise? Chan eil.

DAN Chan eil fiach air an teilidh.

HERBIE Chan eil uair sam bith. (stad ghoirid) Mura tèid mi dhan aChaley aig naoi. Son pinnt. Ach gum bi Niall ann.

DANN ann anns aChaley a bhios eg òl?

HERBIE H-uile oidhche. Neil baby a thaig caileagan an taigh-sheinnsair ... (stad) Eil thu OK, Dan?

DAN ?

HERBIE Cùl do làimh. Bha thu coimhead rithe.

DAN An robh? ... (acoimhead ri cùl a làimh) O! ...

HERBIE Cha do ghoirtich thu i, no ... ? (DAN acrathadh a chinn)

Chan eil do shùilean asileadh? ... (stad ghoirid) ’S ann a smaoinich mi, mar a bha thu acoimhead ri cùl do làimh ...

DAN ? (stad ghoirid) Càil ceàrr air mo shùilean-sa!

HERBIE ... gu robh thu air a sgroidsigeadh no rudeigin. (apasgadh an t-sèitheir, ga thogail; acur abhucais air a ghualainn) Siud siud!

DAN Ceart! (atogail an tripod, acur abhucais air a ghualainn)

Iad agluasad a-mach.

HERBIE Carson bàrr aWar Memorial, Dan?

DAN astad, aleigeil sìos an tripod etc. Atoirt a-mach aphàipeir. Ga fhosgladh. Ga chumail bho aghaidh, fad a làimh. Aleughadh.

DAN Òrain cogaidh. (stad ghoirid) ’S às dèidh sin, tha sinn adol gu mullach Mhùirneig.

HERBIE Carson?

DAN (aleughadh bhon aphàipear) Òrain nàdair. (acur aphàipeir air ais na phòcaid, togail na tripod etc, aleantainn HERBIE a-mach) Fiach smeog air an teilidh a-nochd ... (astad) Thameteroirr’, na dhinns mi dhut? An teilidh na mo rùm. Tha i airmeter .

HERBIE adol a-mach.



[145]

DAN (sùil air cùl a làimh) Chan eil fhios nach tig mi dhan aChaley còmhriut aig naoi uairean ...

Adol a-mach.

titleNa Craoladairean
internal date2011.0
display date2011
publication date2011
level
reference template

Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p

parent text Sia dealbhan-cluiche
<< please select a word
<< please select a page