[147]

AM FEAR A CHAIDH DHAN EILEAN

Aon charactar a thann an IAIN (1) agus IAIN (2). Tha IAIN (1) adèanamh tòrr bruidhinn ris fhèin, am broinn a chinn, far a bheil IAIN (2) glaist’ ’s gun dòigh aige air faighinn a-mach.

An stèids falamh.

Sealladh 1

IAIN (1) atighinn air. Astad am meadhan na stèids. Spot solais air.
IAIN (2) atighinn air. Seasamh ri taobh IAIN (1).

IAIN 1: (ationndadh ri IAIN 2) An tòisich mi? (IAIN 2 agnogadh a chinn)

(casd bheag)

(ationndadh ris an èisteachd) Feasgar Dihaoine a bhann

IAIN 2: n t-ainm a thoirnn?

IAIN 1: Ah! (stad ghoirid) Iain. (acoimhead ri IAIN 2) Iain MacArtair.

(IAIN 2 agnogadh a chinn)

(casd bheag)

Feasgar Dihaoine a bhann. Bha mi na mo rùm shìos astaidhre ... mo sheòmar-cadail ...

IAIN 2 Chan eil mi ag obair.

IAIN 1 ... nuair a dhfhosgail an doras ... (acoimhead gu taobh na stèids; an doras afosgladh)

... ’s thàinig i steach.

NORMA (guth ìosal) Iain, a chagair?

IAIN 1 Norma. Mo bhean. (mar fhear-dealbhachaidh aodaich lemodel’) Bloubhs tana, sgiorta ghoirid. Casan caol fada ann an stocainnean dubhnylon .

IAIN 2 aleigeil fead.

NORMA Chan eil mi cur dragh ort, a luaidh?

IAIN 1 Chan eil, a ghràidh.

NORMA Tha uncail Ailean gad iarraidh. Shuas astaidhre.



[148]

IAIN 2 Ailean a h-uncail. Tha e afuireach còmhrinn.

NORMA (atoirt dhith a bloubhs ... a h-anail adol luath) ’S tha mise gad iarraidh! An seo! An-dràst! Air mat nan ochd nota fichead!

Stad. NORMA atogail a bloubhs bhon an làr. Afalbh. An dithis acoimhead às a dèidh.

IAIN 1 Cha bann buileach mar siud a bha e.

IAIN 2 acrathadh a chinn.

Tòisichidh mi a-rithist? (casd bheag) Feasgar Dihaoine a bhann

An doras afosgladh le brag.

NORMA (guth àrd) Doidseadh a-staigh an seo a-rithist?

IAIN 1 Norma. Mo bhean. (adèanamh guth fir-dealbhachaidh aodaich) Dungaree, cardagan tolltach. Bòtannan uaine.

NORMA (atrod) Con nach eil thu muigh, latha mòr math, man daoine eile, adèanamh beagan de dhfheuman an t-saoghail?

IAIN 2 Boireannach ... (asèideadh anail a-mach)

NORMA Acurcreosoteair an t-seada? Todhar air arhubrub? (stad ghoirid) Cha be sin a chuir a-steach mi.

IAIN 1 O?

NORMA Tha uncail Ailean gad iarraidh.

IAIN 2 Faighnich dhi carson.

NORMA fios a thagamsa?

Spot solais air uncail AILEAN, taobh shuas na stèids.

UNCAIL A. tha cumail an duine sin?

IAIN 2 Uncail a thaice air. Ach chan e a h-uncail a thann.

NORMA Greas ort! Uncail Ailean afeitheamh!

IAIN 2 Cha bhuin e dhi. Caraid dha h-athair a bhann.

IAIN 1 (ri NORMA) Cha tuirt e bha eg iarraidh?

IAIN 2 Cha robh eg iarraidh a bhith fuireachd na aonar. ’S thàinig sinne a dhfhuireach còmhris. (acoimhead mun cuairt) Leis than taigh seo.



[149]

IAIN 1 Bfheàrr dhomh a dhol suas, a-rèist. (-chinnteach) Cha tuirt e bha eg iarraidh ... ?

Sealladh 2

UNCAIL A. Tha mi dol a cheannachd taigh eile. Taigh-samhraidh.

IAIN 2 Cha robh miseg iarraidh thighinn a dhfhuireach còmhris.

UNCAIL A. (ri IAIN 1) ’N ann air a dhol bodhar a tha thu? (guth àrd, mar gum biodh e bruidhinn ri leanabh beag) Tha dùil agam taigh-samhraidh a cheannachd. Air eilean Nog.

IAIN 2 Rinn e fortan ann am Mexico. Ag àrach chnothan.

UNCAIL A. Dha na triùir againn.

IAIN 2 Norma a thug orm. Thuirt i gu robh e cur truas oirre.

UNCAIL A. stùirc tha sin air daghaidh? Bu chòir dhut a bhith toilichte.

IAIN 2 Rinn e fortan eile ann an Afraca.

UNCAIL A. Leibh a bhios e nuair a bhàsaicheas mi. Leat fheins le Norma. Nighean mo dheagh charaid nach maireann.

IAIN 2 Tuathan cofaidh.

UNCAIL A. Feumaidh tu dhol a Nog. Nam àite. Chan urrainn dhòmhsa, le mo chas.

IAIN 1 Mise?

IAIN 2 Waow!

UNCAIL A. Nam biodh duineile ann. Ach chan eil. thaigh a ghlac mo shùil. (atoirt dealbh dha IAIN 1) AnCommercial Guesthouse –

IAIN 2 (aig gualainn IAIN 1, aleughadh) “Desirable Nog dwellinghouse on the seafront, overlooking the harbour. Contact in first inst. W.D. Mackay. ”

UNCAIL A. Faic thaige ri ràdh. Watch points. (atoirt dealbh eile dha) Agus a’ Seaview Guesthouse –

IAIN 2 (aleughadh) “Authentic Nog stone mansion on the seafront, overlooking the harbour. Contact in first inst. J.A. Macleod. ”



[150]

UNCAIL A. Faic thaigesan ri ràdh cuideachd. Box clever.Tha ceist agad?

IAIN 1 Uill ... (sùil air IAIN 2) ... Mise?

UNCAIL A. Chan eil duine eile ann. Fuirich seachdain anns gach taigh. Rinn thu cùrsa saorsainneachd uaireigin, nach do rinn? Feuch nobaichean nan dorsan. Eil dìosg aig astaidhre? Fuirich mìos. Rannsaich aphlumaireachd. Na drèinichean ... Tha ceist eile agad?

IAIN 1 Uill (guth dòigheil) il Nog?

UNCAIL A. (adol tro dhuilleaganatlas ... astads aleughadh) Nog. Eilean. Taobh an iar Alba. Cuan ga iathadh mun cuairt. Sluagh, chan eil eg ràdh. Cainnt, Gàidhlig ... Càil eile cur dragh ort?

IAIN 1 Uill ...

IAIN 2 (taobh a bheòil) Ciamar a gheibh thu ann ...

IAIN 1 ... ciamar a gheibh mi ann?

UNCAIL A. (adol tro dhuilleagan leabhar beag eile) Nog nog nog ... (astad) Nog. Aiseag bho Pol aBhàigh, Dimàirts Dihaoine, 1700 hours. tha sin anns an t-sean uair?

IAIN 1 Uh ...

UNCAIL A. Còig uairean. latha thann an-diugh?

IAIN 1 Uh ...

UNCAIL A. Dihaoine. n uair a tha e?

IAIN 1 Uh ...

UNCAIL A. uair. Tìde gu leor agad. Tagsaidh bhon taigh. Bus gu Pol aBhàigh. Bàta gu Nog. Bidh thu ann aig ... (sùil dhan aleabhar bheag) ... 2100. tha sin anns an t-sean uair?

IAIN 1 Uh ...

UNCAIL A. Naoi uairean. Feumaidh tu airgead, siud ceud notaguscashcardna dainm, soighnig i air a chùl, siud pàipear aphin, cùm cuimhne air na h-àireamhan, sluig am pàipear. (atogail a làimh) Tioraidh!



[151]

IAIN 2 (aoibhneach) Tha mi dol a Nog!

UNCAIL A. Can ri Norma, air do shlighe mach, a thighinn suas leis abhotal meths an ola-ungaidh. Mo chas acur feum air a suathadh a-rithist.

Sealladh 3

IAIN 1 agus IAIN 2 adol tarsainn na stèids. Trì sèithrichean ann an sreath. Draoibhear le bonaid bileach anns achiad shèithear. Iad asuidhe anns na sèithrichean eile.

IAIN 1 Seo mi anns an tagsaidh.

IAIN 2 (dòigheil) Aig toiseach mo thurais.

IAIN 1 Smèid ri Norma anns an dealachadh. Eil i anns an uinneig?

IAIN 2 Chan eil.

AN DR. (ationndadh a chinn) il thu dol?

IAIN 1 (dòigheil) Nog!

AN DR. Eh?

IAIN 2 (atoirt giodsag dha) Ist, amadain!

IAIN 1 (gàire beag) Uh ... Stèisean nam Busaichean.

IAIN 2 Stèisean MhicConnachaidh.

AN DR. Chan eil sin ach timcheall achòrnair!

IAIN 1 Tha fios am. (gàire beag) Duilich.

AN DR. Bidh e fhathast trì notaichean.

IAIN 1 Sin OK.

An tagsaidh afalbh. Iad asuidhe air adhart. Air ais. An tagsaidh astad. Iad asuidhe air adhart. Air ais.

AN DR. (ationndadh a chinn) Ceithir notaichean.

IAIN 2 (ìosal) Thuirt e trì.

IAIN 1 (atoirt notnan còig notaichean dha) Tapadh leat.

IAIN 2 (ìosal) Tha eg ràdh trì air amheter!

AN DR. (acumail suas nan còig notaichean) Càil nas lughagad idir?



[152]

IAIN 1 Sin OK.

Iad atighinn às an tagsaidh. Fuaim na tagsaidh afalbh.

Sealladh 4

An dithis aig beulaibh na stèids.

IAIN 1 (acoimhead suas) Agus seo mi ann an Stèisean MhicConnachaidh.

Gleadhraich bhusaichean. Tannoy: ding dong, ’s guth nach gabh a dhèanamh a-mach etc.

Spot solais air duine aig cùl cunntair. Eg èigheachd sìos fòn ...

AN DUINE Breac-luirgneach piullagach aig 1800hoursco mheud ceas a thagad chan fhàsDuke of Yorksan talamh glas thuirt Carol sin riut ... (acur sìos afòn ... ri IAIN 1) Seadh?

IAIN 1 Ticeard – (fuaim bus)

AN DUINE (làmh gu cùl achluais) Bàilleibh?

IAIN 1 (ag èigheachd) Ticeard gu Pol aBhàigh. (am fuaim astad)

AN DUINE Trang, an tuirt thu? Tha mi gus an adha a chur a-mach! Cuin a tha thu tilleadh?

IAIN 1 Uill, chan eil mi cinnteach

AN DUINE (làmh gu cùl achluais) ?

IAIN 2 Can seachdain bho Dhimàirt sa tighinn.

AN DUINE (astampadh ticeard) £7 .50.

IAIN 1 (atoirt a-mach an rolla notaichean) Tennerceart gu leòr?

AN DUINE (acumail suas an not’) Càil nas lughagad? (atoirt ticeard is iomlaid dha) Singil gu Pol aBhàigh.

IAIN 1 (dòigheil) Tha mi dol nas fhaide na sin.

AN DUINE (làmh gu chluais) Dudu?

IAIN 1 (moit) Tha mi dol gu ruige Nog!

AN DUINE Air mo chasan bho shia uairean sa mhadainn. Chan urrainn dhomh ticeard a thoirt dhut gu Nog.



[153]

IAIN 1 Cuin tha bus Phol aBhàigh afalbh?

AN DUINE Chan fhaod mi. Tha e an aghaidh nan riaghailtean.

IAIN 1 (guth nas àirde) Am bus gu Pol aBhàigh? Cuin a tha e fàgail?

AN DUINE Feumaidh tu ticeard gu Nog a cheannachd am Pol aBhàigh, an oifis achidhe. Bhon aSgiobair Spàgach. Mo bhràthair. ’S tha bràthair ann an sin.

IAIN 2 Faighnich dha a-rithist. Na caill do nàdar.

IAIN 1 (guth faiceallach) Am bus gu Pol aBhàigh ... ?

AN DUINE Ah!

IAIN 1 ... cuin a tha e fagail?

AN DUINE uair.

IAIN 1 uair! Ach, ach ...

AN DUINE (làmh gu chluais) Eh?

IAIN 1 ... tha mi rèist air a chall!

AN DUINE Oifis cidhe Pol aBhàigh. Dèan do ghnothaich ri Sgiobair Spàgach MacConnachaidh. Reicidh e ticeard riut gu Nog. ’N aire mas toir e achar asad. Mise Coinneach a bhràthair, aig a bheil fios agus faireachdainn.

IAIN 2 Faighnich dha cuin than ath bhus. Na caill do chac.

AN DUINE Con a tha thu dol a Nog co-dhiu? (stad ghoirid) Chan ann bho na Muilinnean Gaoitha tha thu? Mas ann, ’s urrainn dhòmhsa crannaichean obrachadh. ( ’g obair le làmhan) Liebhers, Hy-macs -

IAIN 1 (guth faiceallach) An ath bhus gu Pol aBhàigh ... ?

AN DUINE Ah!

IAIN 1 ... cuine? ...

AN DUINE Madainn a-màireach.

IAIN 2 ? ... Ach ... ach ...

AN DUINE (làmh gu chluais) Tha ceist agad?

IAIN 1 ... feumaidh mi dhol a Nog an-diugh! A-nochd!



[154]

IAIN 2 An-dràst! Air amhionaid!

AN DUINE (afosgladh bucas plastaig) Cha dfhuair mi teans mo thràth meadhan-latha ith fhathast, cho trangs a bha mi. Maran-corc le smurag càiss mo thubayoghurt tropical fruits.

IAIN 2 Sherrab!

IAIN 1 mi? Cha ghabh mi orm tilleadh dhachaigh.

IAIN 2 Aghaidh Norma, romham anns an doras.

IAIN 1 Aghaidh uncail Ailein, romham am bàrr na staidhre.

AN DUINE (acagnadh) Nam bithinn-snad àit’, dheidhinn a Chafe MacConnachaidh an ath dhoras, far a bheil mo bhràthair Marco

IAIN 2 An tagsaidh!

Iad a ruith gu oir na stèidss ag amharc mun cuairt airson na tagsaidh.

AN DUINE (ag èigheachd às an dèidh) Con nach tuirt thu gu robh thug iarraidh tagsaidh? Bha mi air fònaigeadh MacConnachaidh Cabs, cantainn ri mo bhràthair Stirling a thighinn air do thòir ...

Sealladh 5

Solas atighinn suas air an tagsaidh. Iad ationndadhs ga fhaicinn.

IAIN 1 (anail na uchd) Taing do shealbh! Tha thu fhathast an seo!

AN DR. nis?

IAIN 1 (asuidhe steach) Pol aBhàigh.

IAIN 2 (asuidhe steach) Cho luaths a rinn thu càil a-riamh!

AN DR. Pol aBhàigh? Sin trì fichead mìle!

IAIN 2 Dragh!

AN DR. An airgead an toiseach.

IAIN 1 na tha e?

AN DR. Bidh sin ... fuirich a-nis ... (luath, ìosal) ... 4 by 4aig 90 son 10sone 45 by 50 ... (àrd) ... trì fichead not’, can 65, às aonais tip.



[155]

IAIN 2Cashcardagad, can ris.

AN DR. Airgead.

IAIN 1 acunntadh a-mach seachdtennersbhon arolla.

AN DR. (acumail suas tenner) Càil nas lugha agad? Sgrios mi a’ fivera thug thu dhomh ann an Café MacConnachaidh air cofaidh latte agus cèic curran organigeach.

IAIN 1 Sin OK.

IAIN 2 Feumaidh tu an tuilleadh airgid.

IAIN 1 Canaidh mi ris stad aig achiad toll anns abhalla.

An tagsaidh afalbh. Solas dheth.

Sealladh 6

Solas suas. An tagsaidh air an t-slighe.

IAIN 1 Uill ... eile bha mi dol a dhèanamh?

IAIN 2 Cha robhn còrr air a shon.

IAIN 1 bha Norma air a dhràdh, na robh mi air tilleadh?

IAIN 2 bha uncail Ailean air a dhràdh?

IAIN 1N e mo choire-sa bhann gu robh am bus air falbh?

IAIN 2 Suidh air ais a-niss dèan thu fhein comhfhurtail.

IAIN 1 (dòigheil) tha dol a Nog?

IAIN 2 (dòigheil) chreideadh e?

IAIN 1 (aseinn) “Thèid mi chun nan eileanan, thairis air na monaidhean ... ”

IAIN 2 (aseinn) “Thig thugam, thig còmhrium, gu siar ... ”

IAIN 1 (aseinn) “Tham feasgar ciùins na siantan blàth,

Tha ghrian san iar mar bhall den òr ... ”

IAIN 2 Coltas an uisgoirre.

AN DRAOIBHEAR asuathadh na h-uinneig bhon taobh-staigh.

IAIN 1 Than t-uisgann.

IAIN 2 Fras glanaidh an latha.



[156]

GUTH AIR AREIDIORain, moving slowly inland from the Atlantic, should reach all areas by nightfall ... ”

IAIN 1 Fhads nach tig i gu gèile ...

GUTH AIR AREIDIOAttention all shipping. The Met Office issued the following gale warning to shipping at 1500 hours ... ”

IAIN 1 (aseinn ... guth creicealach) “Càit am bi na maraichean an oidhche bhios an gèilann ... ”

GUTH AIR AREIDIO (tòrr bragail) “Mallin, Hebrides, Isle of Nog. Strong to severe gales, force 9 to 10, increasing to hurricane force 12, imminent. ”

AN DR. (asuathadh na h-uinneig) Pol aBhàigh.

IAIN 1 Cha tug siud fada!

IAIN 2 (mach air an uinneig) ... Highland Crafts ... West Coast Knitwear ...

IAIN 1 (mach air an uinneig) ... the Hi Hi Hostel ... Wendys Place ...

AN DR. il thug iarraidh a dhol?

IAIN 2 Dhinns thu dha mar-thà.

IAIN 1 Oifis achidhe.

AN DR. (ationndadh a chinn) Tha mo bhràthair-sag obair an sin.

IAIN 1 Bheil? (stad ghoirid) ’N e MacConnachaidh a thortsa cuideachd?

AN DR. Chan e. MacFhearchair.

An tagsaidh astad. Iad atighinn a-mach. Fuaim an uisg’.

AN DR. Splaidhsear MacFhearchair an t-ainm a thair. Splaidhsear na h-Aona Shùil. Can ris, ma chì thu e, gu bheil Fittipaldi a bhràthair ... duine nas fheàrr na esan ... ag iarraidh a bhaidhsagal leis an3 - speed ’s an dynamo air ais.

An tagsaidh afalbh. Solas sìos.

Sealladh 7

Oifis aChidhe. SGIOBAIR MACONNACHAIDH na broinn, aig deasg. IAIN 1 is IAIN 2 adol a-steach tron doras. Glag bheag atoirt gliong.

SGIOBAIR (aseasamh) Feasgar math!



[157]

IAIN 1 (ga chrathadh fhèin) Fliuch, aidh ...

SGIOBAIR (a chorrag suas) Tha thu ceart! ’S tha mise ceàrr!

Gliong na glag. SPLAIDHSEAR MACFHEARCHAIR anochdadh.

SPLAIDHSEAR Nam oillsgin bho linn achalabhain!

SGIOBAIR Ah! Seo mo cho-obraiches mo charaid sa chùirt, Splaidhsear na h-Aona Shùil MacFhearchair. Eil i togail baltag, a Mhaighstir MhicFhearchair, na mhothaich thu, leis an aon shùil a tha na do cheann?

SPLAIDHSEAR Bagarrach, riasach, a Mhaighstir MhicConnachaidh, fionnar bhon iarras is faoileag air amhuir! Ged nach eil annam ach aon sùil, chì mi leis an t-sùil a thagam. Ach chan eil an neach a tha dèanamh lòn beag air mat nan ochd nota deug againn ag iarraidh sin a chluinntinn.

SGIOBAIR (atighinn a-mach bho chùl achunntair) ’S ged tha mise laobhach, spàgach, chumainn bròg glè dhìreach.

SPLAIDHSEAR do ghnothaich rinn, a dhuinuasail?

SGIOBAIR Eil e nar comas do chuideachadh?

SPLAIDHSEAR Splaidhsear MacFhearchair, iarr agus bheirear dhut.

SGIOBAIR Sgiobair MacConnachaidh, can agus gheibh thu.

IAIN 1 Uh ... ticeard gu Nog. (stad)

SGIOBAIR Nog? (stad ghoirid) De seòrsa ticeard?

SPLAIDHSEAR Chan ann bho nam Muilinnean Gaoitha tha thu?

SGIOBAIR Draibhigidh mise dumpar, mas ann.

SPLAIDHSEAR Obraichidh mise micsear.

IAIN 1 (acrathadh a chinn) Chan ann, chan ann ... (stad)

SGIOBAIR Mo bhràthair Coinneach? Muc an t-saoghail mhòir!

SPLAIDHSEAR Fittipaldi againne? Balgaire bhon abhroinn! (stad)

SGIOBAIR (astampadh ticeards ga toirt dha) Ticeard a Nog. Dha aon neach.



[158]

SPLAIDHSEAR Bidh sin £17 .50, Maighstir ... ?

IAIN 1 MacArtair. (stad)

SGIOBAIRCnuic is uillt is Ailpeinich

Ach cuin a thàinig na h-Artairich?’

SPLAIDHSEARSliochd na murts na h-euceart.’

Na dithis ageur-choimhead ri IAIN 1.

SGIOBAIR Ach thann an sloinneadh, a Splaidhsear, aig acheann thall?

SPLAIDHSEARS e farainm an rud, nach e, a Sgiobair, aig deireadh an latha?

SGIOBAIR Cha do phàigh e fhathast son a thiceard.

IAIN 1 O! ... (làmh gu phòcaid-broillich) An gabh sibhcashcard ?

SGIOBAIR Airgead. (stad ghoirid) Bha mise suirghe uair air à Nog. ruadh.

SPLAIDHSEAR Bhris i do chridhe, nach do bhris, a Sgiobair? (acumail an notsuas ris an t-solas) Sir Walter Scott! Sàr Ghàidheal!

SGIOBAIR Bhris i mo phòcaid an toiseach ... Thachair à Nog riutsa cuideachd, nach do thachair, a Splaidhsear?

SPLAIDHSEAR bhuidhe bhàn. (acrathadh a chinn) Bha i dubh dhòmhsa. (fuaim conacaig) Ahoy there!

SGIOBAIRHallo the ship!

SPLAIDHSEAR Aiseag Nog.

SGIOBAIR Shìos aig achidhe.

SPLAIDHSEAR Ullaichte son seòladh.

Iad adol a-mach tron doras. Gliong na glaig. Uisgadòrtadh.

IAIN 2 (asanais) Cha tug e do sheinns dhut.

Iad a-muigh.

SPLAIDHSEAR Tuiltean na dròbh!



[159]

SGIOBAIR Rotach dhonn IllDoinean!

Spot solas air duine le oillsgins bonaid bileach.

SGIOBAIR Sin i! The Maid of Nog!

Achonacag.

SPLAIDHSEAR Rud a dhfheumas tu dhèanamh a-nis ...

SGIOBAIR Èist seos na èist ach seo!

SPLAIDHSEAR ... ’s e do thiceard a thoirt dhan duine leis an oillsgin shalach, ’s am bonaid seòladair air a ghànrachadh lered lead, ’s na sùilean claon, ’s an t-sròn dhearg, ’s fàileadh na daoraich, aig ceann aghangplank

SGIOBAIR Fear à Nog! Noganach!

SPLAIDHSEARa chanas riut, ann am briathran ciùin

FEAR NOG Feuchainn ri amadan a dhèanamh dhiom, mac màthar? An ann?

IAIN 1 Gabh mo leisgeul?

FEAR NOG Ticeard bus tha seo! (ga reubadhs ga sadadh às)

IAIN 1 O! ... (atabhachd na ticeard cheart air) ... duilich ...

FEAR NOG (acur aghaidh faisg air aghaidh IAIN 1) ’N e aodann amadain tha sin? Mac màthar aig an robh bhàtiasgaich! An tarbh mu dheireadh air eilean Nog! (acoimhead a-null) bha an cheàrd sin acantainn mu mo dheidhinn-s’ , mac màthar? (agabhail na ticeard eile, toirt sùil oirre, ga reubadh, toirt leth dhi air ais dha IAIN 1. Acur aghaidh faisg air a-rithist) A theab a dhol dhan asgoil mhòr! Ach nach burrainn dhomh mo mhàthair fhàgail na h-aonar anns acharabhan.

Fuaim na conacaig, faisg.

SGIOBAIR (atogail a làimh anns an dealachadh) Mar sin leat!

SPLAIDHSEAR (atogail a làimh) Siuthad ma-thà!

SGIOBAIRN aire ort fhèin bho bhoireannaich ruadh Nog!

SPLAIDHSEARS bhon fheadhainn bhàn!

SGIOBAIR Na struc anns aleann dhubh!



[160]

SPLAIDHSEAR Seachain an treas tarraing!

Iad afalbh. Fuaimean, dheth ... einseans na h-aiseig, an gangplank atighinn air bòrd etc. Guthan àrd, cabhagach, am measg a chèile.

Steach aròp!

Thoir a deireadh mun cuairt!

Leig a coinnlean dhan astoirm!

Cùm dìreach i, Iain!

Cùm tioram i, Dhòmhnaill!

Fuaim nan einseans. Bragail shuailichean. Gaoth. Faoileagan.

IAIN 1 Tha i gluasad.

IAIN 2 Air fuasgladh bhon aphalla!

IAIN 1 Togail cùrsair Nog!

IAIN 2 (aseinn) “ ... rìbhinn a bheil cuimhnagad, an oidhche mus do sheòl mi ... ”

Ceòl: Voyage of the Brendan.

IAIN 1 (atarraing anail mhòr) An cuan siar! Èadhar na mara!

Brag suaile. Fuaim nan einseans.

IAIN 2 (aseinn) “Sheòl min-uiridh, òr gam fhurain, Sheòl min-uiridh, cuan an t-sàile ... ”

IAIN 1 Seòladair! Sin a bha còir a bhith annam!

IAIN 2 Maraiche nan cuantan. Tha e anns an fhuil.

IAIN 1 A.B. MacArthur air achuibhle. Steady as she goes!

IAIN 2 Dol timcheall an t-saoghail ...

IAIN 1 Air tìr anns gach port ...

NIGHEANHallo , sailor! You like me, no, yes?

IAIN 1 Seòladair a bha na mo sheanair Thàboist. ’S ann am Murchadh Ruadh, taobh mo mhàthar ...

GUTH (air P.A. , tro bhragail) “Mayday! Mayday! Captain MacArthur to report to the bridge! ”



[161]

M.C. (spàin atoirt gliong air glainne) “Ladies and gentlemen! Pray silence for Commodore MacArthur! ”

GUTH (neach naigheachd) “Among Her Majestys guests at Balmoral were Admiral of the Fleet Sir Iain MacArthur and his wife Lady Norma ... ”

Suaile às dèidh suaile toirt brag orra. Iad nan seasamh len casan sgiabte, acumail grèim teann air an rèile. Solas sìos.

Sealladh 8

Solas air IAIN 1, na shìneadh air being, a shùilean dùinte. IAIN 2 na shuidhe le ghèillean air a ghlùinean aig ceann na being.

BHOIREANNACHAGGIEs MILLYanochdadh, grèim aca air gàirdeanan a chèile le gluasad abhàt’. Afeuchainn a-null le corra stad, gaoth làidir nan aghaidh, chun na being. Astad aig cùl na being.

AGGIE Milly! Seall! Tha duine air abheing againn!

MILLY Tha. (acrùbadhs acoimhead a dhaodann IAIN 1) ’S fior dhroch dhath air.

AGGIEN en deoch, an dùil?

MILLY Neo cur na mara?

AGGIE Neo an chuid?

Stad. Iad acoimhead sìos ris.

AGGIE Saoil am bfhiach e phòsadh, Milly? Siuthad thoir sùil.

MILLY Ist, a bioch! Mas cluinn e thu!

AGGIE Saoil an dèanadh e oidhche?

MILLY (gàireachdainn) Nach ist thu!

IAIN 2 (atogail a chinn ... guth lag) O Dhè naomh agus bheannaichte. Ga ar bith iad, no às a thàinig iad, cuir air falbh iad ...

MILLY (aputadh IAIN 1) Haoi, bhalaich!

IAIN 2 (guth lag) Cuir air falbh iad, a Chruithear. Chan eil mise an seo ann.



[162]

AGGIE (aputadh IAIN 1) Haoi, bhalaich! Abheing againne tha sin!

IAIN 1 aleigeil osann.

MILLY Tha e fosgladh a shùilean, Aggie.

AGGIE Bruidhinn ris, Milly.

MILLY (àrd) tha ceàrr ort, a bhalaich? (IAIN 1 ag osnaich) Chan eil fàileadh deoch dheth idir, Aggie. Cur na mara a thair.

IAIN 2 (lag, cha mhòr fo anail) A Dhè naomh agus bheannaichte, ’s aithne dhut mfhàillingean uile. Thoir beò às a seo mi, a Chruithear, agus creididh mi annad gu bràth agus gu sìorraidh tuilleadh, amen ... (a cheann adol air a ghlùinean a-rithist)

MILLY Bi deiseil leis aphoca plastaig, Aggie ... (ri IAIN 1) mar a tha thu faireachdainn?

IAIN 1 (osann) Carson nach eil i stad?

MILLY ? ... Feuch ri do shùilean fhosgladh.

IAIN 1 Am bàta ... Carson a tha i gluasad mar a tha i?

IAIN 2 (atogail a chinn) Sìos is suas, ’s bho thaobh gu taobh ...

IAIN 1 O Thia ... (feuchainn ri suidhe an-àirde)

AGGIE (acumail aphoca phlastaig fo bheul) Sin, sin! Cinntich dhan aphoc i!

MILLY Tha eg iarraidh laighe sìos a-rithist, Aggie. Fireannaich? Chan fhuiling iad fiach, an taca ri boireannaich.

AGGIE (sùil dhan aphoc) Dhìobhar e rùchd achaolanan.

IAIN 1 (alaighe sios) Mi bàsachadh ...

MILLY Cluinn, Aggie! Chan fhuiling iad fiach. (ri IAIN 1) ’S tu nach eil!

IAIN 2 (atogail a chinn ... aseinn, guth crochanach):

Nuair chaidh sinn fo rùm, ’s sinn airsneulach trom.
Bha cuid againn tinns an gàbhadh ... ”

IAIN 1 afeuchainn ri suidhen-àirde.

MILLY Am poca plastaig eile, Aggie, greas ort!



[163]

AGGIE (le poca plastaig eile fo bheul) Sin, sin, sin a-nis ...

IAIN 2 (ag osnaich) Tha mi coma ged a dheigheadh i fodha ...

AGGIE (sùil dhan aphoc) Tha curranan air a thighinn an-àirde.

IAIN 2 ... coma ged a dheigheadh i gu grunnd na mara ...

MILLY Dhomhanorak Marks and Spencers,Aggie. Gun cuir mi fo cheann i.

AGGIE Bidh e nas fheàrr nuair a gheibh i seachad air Eilean an t-Suaimhneis.

(brag suaile mhòr. Dìosgail is crathadh) Droch mhuir a-riamh aig Eilean an t-Shuaimhneis.

MILLY Cha do ràinig i Eilean an t-Suaimhneis fhathast, Aggie.

AGGIE Nach do ràinig? Bha dùil agam gun ràinig, mar a bha i aroubhlaigeadh.

MILLY Tha sinn fhathast aig Eilean an t-Sonais, Aggie. (brag suaile eile. Dìosgail is crathadh)

Eilean an t-Suaimhneis atighinn air fàire. Air an fhuaraidh.

IAIN 1 (osann) O Thighearna ...

AGGIE is MILLY, le grèim aca air a chèile, dol a-null chun arèile, ’s acoimhead a-mach ris amhuir. Gaoth làidir nan aghaidh. Solas sìos.

Sealladh 9

Fuaim na maras na gaoithe astad. Solas suas. AGGIE is MILLY atilleadh bhon arèile, ’s aseasamh aig cùl na being.

MILLY Haoi, bhalaich! Suidh an-àirde!

IAIN 2 (atogail a chinn) bheil sinn?

AGGIE Dìreach atighinn a-steach.

Fuaim nan einseans.

MILLY (ri IAIN 1) Tog do cheann. Gu faigh mi m’ anorak .

IAIN 1 (asuidhen-airde ... iongnadh na ghuth) Sguir i ghluasad!



[164]

IAIN 2 Tha mi dol a thighinn beò aiste!

Fuaim na conacaig. Glag na drochaid. Guthan àrd, cabhagach, am measg a chèile.

Thusa an sineach, Eardsaidh!

A Mhoire mhàthair!

Mise seothach, a Raghnaill!

Dia dham shàbhaladh!

Dòmhnall Iain an siudach, a Thioramaid!

A Dhia manam!

MILLYBackshiftnan Uibhisteach a thann.

Cuir eadar uisgagus gaoth i, Eardsaidh!

Stiùir a cuinnlean air alaimrig, a Raghnaill!

Cath an ròp, a Thioramaid!

Na h-einseans astad. Sàmhchantas. IAIN 1 is IAIN 2 aseasamhs adol gu beulaibh na stèids. MILLY is AGGIE còmhla riutha, air gach taobh dhiubh.

IAIN 1 (acoimhead a-mach dhan èisteachd) sluagh tha sin air achidhe?

IAIN 2N ann afeitheamh ceann-crìoch a tha iad?

MILLY Thàinig iad a dhfhaicinn abhàtatighinn a-steach.

AGGIE Chan eil an còrr ri dhèanamh an Nog air oidhche Haoine.

MILLY Gun tòisich an dannsa. (iad ationndadh chun na làimh dheis)

N aire air do chasan sìos angangplank .

AGGIE Cùm grèim air arèile.

MILLY Bfheàrr dhòmhsa dhol roimhe, Aggie, mas tuit e truimeach air shearrach.

AGGIES thèid misair a chùlaibh, Milly, mas fhalbh e an comhair achùil.

Iad agluasad gu taobh deas na stèids. Astad.



[165]

IAIN 2 Stàiteil, gaisgeil ... maighdean roimhes às a dhèidh ... thàinig Iain MacArtair air tìr an eilean Nog.

AGGIE Haoi, bhalaich? il do cheas?

MILLY Robh ceas agad?

Stad.

AGGIE tha ceàrr?

IAIN 1 (ri IAIN 2) na dhfhàg mi e?

MILLY Chan ann aruith bho chàil a tha thu?

AGGIE Poilis dhubh nam putanan buidhe?

MILLY òg a rinn thu trom? ’S a h-athair?

IAIN 1 (acrathadh a chinn) Chan ann, chan ann ...

IAIN 2 Can riutha gu bheil thu pòst. Aig Norma.

Sàmhchantas. An dithis acoimhead ris.

IAIN 1S ann a tha mi air ... misean ...

MILLY Misean? tha sin, misean?

AGGIE Man misionairidh?

MILLY Chan ann bho na Muilinnean Gaoitha tha thu?

AGGIE (luath) Mas ann, thastenceaig ceann shìos na lot againne

MILLY Mise dhfhaighnich an toiseach, Aggie. (ri IAIN 1) Tha lios le balla cloich timcheall oirre a bhaig mo sheanair

IAIN 1 (acrathadh a chinn) Chan ann, chan ann ... (stad ghoirid)

IAIN 2 Air gnothaich eile, can riutha.

Sàmhchantas. An dithis acoimhead ris.

MILLY (mach à oir a beòil) Sgoilear, Aggie. Thoir sùil air na làmhan.

AGGIE (mach à oir a beòil) Liutan aghiomaich. Cha do rinn iad car a-riamh.

MILLY (ann an guth àrd ri IAIN 1) Feumaidh tu seabht aodaich fhaighinn. Ma tha thu gu bhith air Nog air misean.

AGGIE Gun cheas.



[166]

MILLY Nam bithinn-snad àit’, dhèanainn airSuperstore Ram Singhair Sràid na h-Eaglais, Menswear Section.Bidh e fhathast fosgailt’.

Spot air RAM SINGH, ceann shuas na stèids.

R. SINGHYour heart will sing
When you shop at Singhs ... ’

IAIN 1 seòrsaodach?

R. SINGH (gan cumail suas) Drabhars lemotif ?

MILLYHold that tiger.

R. SINGH (ga cumail suas) T-shirt lemotif ?

AGGIEThe Missionary position.

MILLY Sinne falbh dhachaigh a-nis.

AGGIE A dhreasaigeadh son an dannsa.

MILLYS mait gu faic sinn ann thu.

AGGIE Nad aodach ùr.

Iad afalbh.

MILLY Mise an ruadh leis asgiortafelt ’s ammatching bolero ...

AGGIE Mise an bhàn leis asgiorta dirndls nastilettos ...

Sealladh 10

IAIN 1 (adol bho chas gu cas, agluasad a ghàirdeanan) Faireachdainn car lag fhathast ... (làmh gu stamaig) ... òglaidheachd mo chom…

IAIN 2 Bruis-fhiaclans Colgate. Ràsar.

IAIN 1 Bhiodh cur na mara air Nelson.

IAIN 2 Siabann sèibhig.

IAIN 1S air Sir Francis Chichester. (stad ghoirid) ’S e chiad rud àite-fuirich a lorg.

IAIN 2S ma dhfhaighnicheas iad il do bhaga?

IAIN 1S mait nach faighnich.

IAIN 2S mait nach mothaich iad. (stad)

IAIN 1 Innsidh min fhìrinn. Gun chaill mi e.



[167]

DOODLES (atighinn air bhon taobh chlì) Fàilte gu Nog, a dhuinuasal! (ri DEEDLES, a tha air nochdadh bhon taobh dheas) Dèan às, Deedles!

DEEDLES Do bheatha dhan tìr, a Ghàidheil urramaich! (ri DOODLES) Na can riumsdèanamh às, Doodles!

Iad aseasamh, fear air gach taobh dheth. Gàire mòr air aodann an dithis.

DOODLES Tha thu ag ràdh riut fhèin an-dràst, a dhuinuasail, na do cheann fhèin: bfheàrr, an dèidh breislich is luaisgean achuain, na pinnt mhòr de leann dubh Nog, a chuireas neart às ùr na mo chorp is manam?

DEEDLES Tha e air bualadh a-steach ort gu làidir an ceartuair, a Ghàidheil urramaich: nach biodh e iomchaidh is freagarrach, tèaraintair talamh tioram an dèidh gàbhaidhean is cunnartan na bhòidse, mo gharbhan a sgoladh le seapan taisealach de threastarraing Nog, a theicheas na sgàileans a dhaiseigeas gach bròn gu cùl?

DOODLES Le searrag roimhe de Mhac an Noganaich110 proof,suidheamaid a-mhàin gu socair?

DEEDLES Is slige-chreachainn na dèidh de shùgh cruaidh an eòrna, a bhean leasaich an stòp dhuinn?

DOODLES Is siola mhath de ruma às dèidh sin, cha tig an aois leatha fhèin?

DEEDLES (agabhail grèim air a ghàirdean) Le sin, ma dhfhaodas mi, a dhuine chòir, do stiùireadh gun dàil gu doras-mòr aChaley

DOODLES (agabhail grèim air a ghàirdean eile) Ma cheadaicheas tu dhòmhs’, a Ghàidheil ionmholta, do threòrachadh, gun mearachd nad cheum, gu doras-cùil aChrown

IAIN 1 (ìosal; crith na ghuth) tha sibh dèanamh? Leigibh às mo ghàirdeanan!

Iad ga shlaodadh bho gach taobh.

DEEDLES Leig às e, Doodles! Chuala tun duine!



[168]

DOODLES Sguir dheth, Deedles! Tha eg iarraidh a thighinn còmhriums’!

IAIN 2 Breith Sholamh! (ris an èisteachd) Cuidich mi, duineigin!

IAIN 1 (crith na ghuth) Leigibh às mi, thuirt mi, an dithis agaibh!

Iad ga leigeil às.

IAIN 2 Maoidh am poileas orra!

IAIN 1 Bu chòir nàire bhith oirbh!

MACAOIDH is MACLEÒID atighinn air. An dithis le deisichean dorcha, lèintean geala, taidhs.

MAOIDH Cur dragh air an t-srainnsear, an ann, Deedles?

DEEDLES (feagal air) Chan ann, Mr MacAoidh, cha ghabhainn orm ...

MLEÒID Doodles?

DOODLES (feagal air) Mise, Mr MacLeòid? Cha robh, cha robh ...

MAOIDH Robh iad acur dragh oirbh, strainnsear san tìr? Innis, ma bha.

IAIN 1 Uill ...

IAIN 2 Can gu robh! Bha, can!

IAIN 1 ... cha robh, mar sin ...

MAOIDH Cha chreid mi nach robh. do bheachd, a MhicLeòid?

MLEÒID Tha thu ceart, a MhicAoidh. (ri IAIN 1) Na bhruidhinn iad riut ann an Gàidhlig aost, phungail nach cluinn thu chaoidh air arèidio?

MAOIDH Nach tuig duine ach iad fhein?

MLEÒID Acleachdadh deich facail far an dèanadh aon achùis?

MAOIDH Na gheall iad sean sgeulachdan innse dhut?

MLEÒID Mu thaibhseans an shealladh?

MAOIDH Na dhfheuch iad ri do Ghàidhlig a cheartachadh?

DEEDLES (crùib air leis an eagal) Cha do dhfheuch, Mr MacAoidh, mo mhionnan!



[169]

DOODLES (crùib air leis an eagal) Mo làmh dheas suas gu Dia, Mr MacLeòid!

MLEÒID do bheachd, a MhicAoidh? An leigeil às an truib-sa? Cuimhnich thagad!

MAOIDH (adèanamh dòrn) No pronnadh math a thoirt dhaibh? do bheachd fhèin, a MhicLeòid?

MLEÒID (adèanamh dòrn) Smuig fala ris an dithis? Bfheàrrd iad e!

MAOIDH (ri IAIN 1) tha sibhg ràdh?

IAIN 1 Uill ...

IAIN 2 Bheir, can! Màlaich achoin! Can e!

IAIN 1 ... tha iad ... cha robh iad, mar sin ...

MAOIDH Cluinntinn siud, an dithis agaibh? Tha strainnsear ag radh nach do rinn sibh càil air.

IAIN 2 Chan eil!

MLEÒID Nach fhaod sinn buntainn dhuibh.

IAIN 2 Faodaidh! Marbh iad!

MAOIDH Con tha thu fhathast adanglaigeadh an sin, Deedles?

MLEÒID Doodles? ris tha thu feitheamh?

DEEDLES is DOODLES aruith bhon astèids, abualadh na chèile leis achabhaig. Solas sìos.

Sealladh 11

Solas suas. Mar a bha iad.

MAOIDH (ri IAIN 1) Cha chuir iad an còrr dragh ort.

MLEÒID Cha ghabh iad orr’.

IAIN 1 Uill ... tapadh leibh.

MAOIDH thramp, tha thug ràdh riut fhein?

MLEÒID uireasbhach?

MAOIDH Bhiodh tu ceàrr. Fada ceàrr.

MLEÒID Bha uair nach be sin an àbhaist.



[170]

MAOIDH Bha latha eile aig fir na mònach.

MLEÒID , le clogaid air a cheanns amarcach air each geal, a bha na cheannard air poilis Lunnainn alatha phòs Teàrlach is Di?

IAIN 2 Deedles?

MLEÒID Doodles!

MAOIDH , le searragan, am fianais an t-saoghail, a thomhais làrach aMhillenium Dome? bha os cionn asguad a chladhaich anChannel Tunnel?

IAIN 2 Doodles?

MAOIDH Deedles!

MLEÒID chanas tu nis? (stad)

MAOIDH (làmh a-mach ... gàire air aghaidh) MacArtair, nach e? Bha dùil againn riut.

Acrathadh làimh IAIN 1.

MLEÒID (làmh a-mach ... gàire air aghaidh) Thàinig fios romhad gu robh thu tighinn.

Acrathadh làimh IAIN 1. IAIN 1 is IAIN 2 acoimhead ri chèile.

MAOIDH Duncail Ailig? ... Ailean? ... (IAIN 1 is IAIN 2 agnogadh an cinn) Dhfhònaig e sinn.

MLEÒID Bhon taigh agad.

MAOIDH Droch loidhne.

MLEÒID Mar gu robh e bruidhinn tro cuibhrig leapa.

MAOIDH Tòrr giogalais air a chùlaibh.

IAIN 1 is IAIN 2 acoimhead ri chèile. Solas air UNCAIL AILEANs NORMA, cùl na stèids, asuidhen-àirde anns aleabaidh.

NORMA (grèim air cas UNCAIL A., acunntadh) An òrdag ... asgealbag ... (cur a làimh fon andowny) ... an gunna fada ...

An solas adol às.

MLEÒID Ach dhinns e dhuinn fàth do thurais.


[TD171]

MAOIDH chuir an taobh-sthu.

MLEÒID Cha leig sinn guth oirnn.

MAOIDH (acrathadh làimh IAIN 1) Willie Dan MacAoidh, Fear-gairm, Comhairle Nog.

MLEÒID (acrathadh làimh IAIN 1) John Angus MacLeòid, Iar-fhear-gairm.

MAOIDH Bho na Muilinnean Gaoith’, nach ann? Na can smid!

IAIN 1 Chan ann.

MLEÒID Sin thu! Tha sinn atuigs’!

Gàire mòr air aodann an dithis, acoimhead ris. Iad apriobadh còmhladh.

MAOIDH Airgead mòr, ? Dhutsas dhuinne. (atogail a làimh) Ist!

MLEÒID Agus bheir sinn fhìn an sluagh gu taobh. ’N e na Noganaich?

MAOIDH Fàg againn iad.

MLEÒID Far a bheil am poball dall, n gille cam ministear.

Iad apriobadh còmhladh air IAIN 1.

MAOIDH (ationndadh air MLEÒID) air tha gille cam agad, a MhicLeòid?

MLEÒID (atoirt ceum air ais) Air do shocair, a MhicAoidh.

An dithis ationndadh ri IAIN 1.

MAOIDHS bidh na comhairlichean eile leinn, co-dhiù, amhòr-chuid.

MLEÒIDS tha dol a dhèisteachd ris an fhuidheall nach eil?

Iad apriobadh còmhladh air IAIN 1.

IAIN 2 (oir a bheòil) Bfheàrr dhut innse dhaibh. (IAIN 1 acoimhead ris) thus tha gad fhàgail an seo.

IAIN 1 adèanamh casd bheag, ationndadh ri MAOIDHs MLEÒID, agluasad a ghàirdeanans a chasan, ’s atòiseachadh a bruidhinn. MAOIDHs MLEÒID ag èisteachd ris. Na h-aodainn aca adol



[172]

stùirceach. IAIN 1 asgur a bhruidhinn. Acoimhead ri IAIN 2. IAIN 2 acrathadh a chinn. MAOIDH is MLEÒID acoimhead ri chèile. Ri IAIN 1.

MAOIDH Chan eil a-rèist gnothaich agad ri na Muilinnean Gaoith’?

MLEÒID Ach leig thu dhuinn bruidhinn!

MAOIDH Rudan innse dhut nach robh còir againn!

MLEÒID Agus na taighean tha seo air an dthàinig thu thoirt sùil?

IAIN 1 thaigh. (atoirt dealbh às a phòcaid) AnCommercial Guesthouse –

MLEÒID (ri MAOIDH) Taigh dantaidh Bellag!

IAIN 1Contact in first inst. W.D. Mackay’ ?

MLEÒID Eil fhios aice? Na dhinnis thu dhi?

IAIN 1 (atoirt dealbh eile às a phòcaid) Agus a’ Seaview Guesthouse –

MAOIDH (ri MLEÒID) Taigh duncail Dan!

IAIN 1Contact in first inst. J.A. Macleod’ ?

MAOIDH Eil fhios aige? Na dhinnis thu dha? (stad)

MLEÒID (guth aotrom) Bidh sinn atighinn sìos an seo a h-uile oidhche Haoine.

MAOIDH Agabhail cuairt timcheall achidhe.

MLEÒID Nach bi, a MhicAoidh? Gun tòisich an dannsa anns an Talla.

MAOIDH Talla abhaile. Tha thu tighinn chun danns’, nach eil? Chan eil an cùram ort, no ... ?

MLEÒID Còmhlan-ciùil bho Tìr Mòr.

MAOIDH Seinneadaireansraffle .

MLEÒID Dhfhaodadh tu buannachadh rùda. Cheviot.

MAOIDH Chì sinn ann thu ... Iain, nach e?



[173]

MLEÒID Nise! il dùil agad fuireachd a-nochd? Do cheann a chur fodhad?

IAIN 1 Chan eil fhios am fhathast.

MAOIDH Hmm. (stad ghoirid) Taigh mòr, geal, leall mod cons,saoilidh mi, ri aodann na mara

MLEÒID AnCommercial !Taigh dantaidh Bellag!

MAOIDH tha ceàrr air a sin?

MLEÒID tha ceàrr air a’ Seaview ?

MAOIDH Taigh duncail Dan!

MLEÒID Cho math ris aChommercial latha sam bith dhen t-seachdain, le rumananen suite ’salarma cupan teatha dhut ri taobh na leap’.

MAOIDH Theirigeadh e dhan a’ Seaviewmas e thoil.

MLEÒID Carson? (amharasach) tha ceàrr air aChommercial?

MAOIDH tha ceàrr air a’ Seaview ?

MLEÒID Carson tha thug atharrachadh dinntinn?

MAOIDH Theirigeadh e far an togair e. n dragh a thagamsa?

MLEÒID Dhan aChommercial, a-rèist.

MAOIDH Tha thu cinnteach? (MLEÒID le boill air aghaidh. MAOIDH ationndadh ri IAIN 1) Nis ... Iain, nach e? ... (astad) il do cheas?

IAIN 1 Chaill mi e.

MAOIDH Thachair e dhomh uair. Eadar Florida is Cuba. Thachairs dhuts’, a MhicLeòid. (car na cheann) A MhicLeòid?

MLEÒID (diombach) Tilleadh à Kazakhstan. Ceas le cuibhlichean.

IAIN 2 (ìosal, ri IAIN 1) Chan eil iad ga do chreids. (stad)

MAOIDH Tha anCommercialshuas an rathad. Cuiridh sinn chun doras thu.

MLEÒID Ach cha tèid sinn nas fhaide leat.

MAOIDH Cha ghabh sinn sin oirnn.



[174]

MLEÒID Cha chaomh le antaidh Bellag MacAoidh. Chan eil i ga iarraidh, a dhubh no dhath.

MAOIDH Cha chaomh leatha thusa bharrachd. Thàinig i às do dhèidh uair le iarann speal ...

Iad afalbh. Solas sìos.

Sealladh 12

Solas suas. Iad mu choinneamh doras.

MAOIDH (guth ìosal) Seo e. An Commercial Guesthouse.

MLEÒID (guth ìosal) Chan fhaca tu duine dhen dithis againne, cuimhnich. Ma dhfhaighnicheas i.

MAOIDH Fhuair thu fhèin lorg air an taigh.

MLEÒIDS chì sinn aig an dannsa thu.

MAOIDH Tugainn! Mas cluinn i sinn.

Iad afalbh le cabhaig.

IAIN 1 asàthadh putan na glaig. Afeitheamh. An doras afosgladh, ’s ceann CAILLICH anochdadh. I acoimhead a h-uile taobh ach ri IAIN 1 is IAIN 2.

ACH. Eil neach ann?

IAIN 1 (casd bheag)

tha siud leis achnatan?

IAIN 2 Thusa, can.

ACHAILLEACH atoirt sùil bhiorach air.

ACH. thusa?

IAIN 2 Inns dhi. ’S geil thug iarraidh rùm.

ACHAILLEACH atoirt sùil bhiorach air.

ACH. Singilte no dùbailte?

IAIN 2 Dìreach dhut fhèin, can.

Iad adol a-steachs adùnadh an dorais.

IAIN 1 Thàinig mi air abhàta, ’s



[175]

ACH. chuir thugam thu? Mac mo pheathar?

IAIN 1 Cha be, ach duine air achidhe

IAIN 2 Chan aithnich thu mac apeathar.

IAIN 1 Chan aithnich mi mac ur peathar.

IAIN 2 Man ar e an duine air achidhe mac a peathar.

IAIN 1 Man ar e an duine air achidhe mac ur peathar. (stad ghoirid) Duine beag.

ACH. Bidh mac mo pheathar acur luchd-turais thugam. Feuchainn ri mo thoirt gu taobh. (stad ghoirid) cho fadas a tha thu gu bhith seo? ... (creiceal atighinn na guth) ... an taigh cailleach bhochd, gun athair gun mhàthair, gun phiuthar gun bhràthair. ’S gun dùil ri litir.

IAIN 1 Uh ... seachdain?

ACH. Rùm singilte son seachdain. (na sùilean aice adol biorach) Dha dithis! (tabhachd iuchair mhòr air IAIN 1) Gabh an iuchair-sàs mo làimh. An doras donn aig bàrr na staidhre leis alàmhach steigtann. ’N ann bho luchd nam Muilinnean Gaoitha tha thu?

IAIN 1 Chan ann.

ACH. Tha iad gu bhith oirnn. Mac mo pheathar, nach do choinnich thu air achidhe, afeuchainn ri mo chur-sa-mach às an taigh seo. Ach am bi e aige fhèin air màl dha luchd nam Muilinnean Gaoith’, nuair a thig iad. Tha e acur boireannaich bho Roinn Shòisealach na Comhairle orm, cha mhòr gach seachdain, le pàipearan nach leugh mi, facail mhòr nach tuig mi. (an creiceal atighinn na guth) Cailleach bhochd, gun chù, gun chat, gun leanabh beag. ’S gun duine a charaicheas aHoover. (a sùilean adol biorach) Cha dèan e bhiadh dheth. (stad) Àite àlainn a bhanns amhòinteach. A liuthad samhradh breac, riabhach a bha mi oirre nam phàist’. Bha i cho sàmhachs cho sèimhs cho nàdarrach. Lochan is uillt is feadanan, ’s cha chluinneadh tu càil mura cluinneadh tu nuallan no laoigh no caora a miamhlaich. (stad) Agus iseanan gu leòr. Sin na chluinneadh tu oirre. Chan iarradh sinn dhith. il do cheas?



[176]

IAIN 1 Uh ... (coimhead ri IAIN 2)

ACH. Fad seachdain anns an aon aodach na mo thaigh-s’ ? Cha ghabh thu dhanam ort! Tha bùth Ram Singh fhathast fosgailt’ –

Solas air RAM SINGH, cul na stèids.

R. SINGH Bùth Ram Singh an-còmhnaidh fosgailt’.

ACH. Le coigrich tha a h-uile taigh-comhnaidh, taigh-òstis bùth ri aodann na mara. Ach an taigh seos a’ Seaview Guesthouse.Tha an sluagh ionadail air teiche gu cùl abhaile, a thaighean comhairle, taighean tionas carabhans. Buinidh a’ Seaview Guesthousedha Dan MacLeòid. Theab sinn pòsadh uaireigin. Tha mac le bhràthair air aChomhairle. John Angus. Theab min ceann a chur dheth uair le speal. Tha e feuchainn ri Dan bràthair athar a chur a-mach às an taigh. ’N tug mi dhut iuchair?

R. SINGH Bùth Ram Singh fosgailta h-uile latha ach latha na Sàbaid.

ACH. Robh John Angus carach sin shìos air achidhe cuideachd?

IAIN 2 amaoidheadh air IAIN 1s acrathadh a chinn.

ACH. Air do shlighe air ais bhon duine dhubh

R. SINGH Agus latha na Nollaige.

ACH. – thèid thu steach dhòmhsa dh’Offlicense Myrtle,son leth-bhotal branndaidh a bhios agam ri taobh na leap’ ... (creiceal na guth) ... mas tig cuairt orm, cailleach bhochd ... (na guth nàdarrach) ... agus leth-bhotal Nog nectar, am fear saor, son an t-siataig a tha gam chràdh a lathas a dhoidhch’. (atoirt pàipear dha IAIN 1) Seo. Sgriobh mi sìos e.

IAIN 2 ilOfflicenseMyrtle, faighnich dhi.

ACH. OfflicenseMyrtle? Tha mas tig thu gu bùth Ram Singh, eadar SamanthasNatural Wholefoodsagus a’ Leek and Dragon Cycle Shop. (an creiceal atighinn air ais na guth) Coigrich air a bhailagainn a chur fon casan, ’s tha sinn a-nis acall na mòintich. A shaoghail, a shaoghail, nach caochlaideach thu. Nuair a bha dùil ri sòlas, ’s e bròn a bha nad rùn ...

Solas adol sios.



[177]

Sealladh 13

Broinn bùth RAM SINGH.

R. SINGHPulloverbuidhe, gun mhuinichillin, uabhasach brèagha?

IAIN 1 Agus tha Eilean Nog acòrdadh riut, Mr Singh?

R. SINGH O mo chreach-s’ , tha. Civis Noganus sum ... Lèine gheal chotan le srianagan, garbh saor?

IAIN 1 Fiùs an droch shìde?

R. SINGH Tha thu cantainn riut fhèin, Duine dubh neònach, nach eil? Mise cuideachd acantainn rium fhìn an aon rud, son fichead còig bliadhna ... Paidhir stocainnean, pàtaran Nog, eagalach snog?

IAIN 1 na bhios sin, Mr Singh?

RAM SINGH ag obair le chorragans an uair sin atoirt brag air till. Solas air MYRTLE atighinn air. I teiche RAM SINGHs aseasamh air cùl natillna àite. RAM SINGH afalbh.

IAIN 1 na bhios sin, Myrtle?

MYRTLEEleven seventy nine.Can ri Bellag 10p. son aphoca plastaig. Gàidhlig Leòdhais a thagam. mu dheidhinn soitheach dhut fhèin son an dannsa?

IAIN 2 Soitheach?

MYRTLECarryout !Feumaidh tucarryoutson an dannsa. H-uile duine an Nog aceannachd soitheach son an dannsa. Botal.

IAIN 1 Uill, chan e fear-òil, mar sin, a thannam ...

MYRTLE Chan urrainn dhut a dhol gu dannsa air eilean Nog gun soitheach. Carryout .Cha bhi duine air eilean Nog adol gu dannsa gun soitheach.

IAIN 2 Leth-bhotal, can.

MYRTLE (sgread na guth) O thì, cho math dhomh mo thiceard gu Bermiuda òrdachadh as spot air an eadar-lion! (guth nas sèimh) seòrsleth-bhotal? Uisge-beath’? Branndaidh?

IAIN 1 Uisge-beath’, tha mi smaoineachadh ...



[178]

MYRTLE Treas-tarraing, no Nognectar ?

IAIN 1 Nognectar . (luath) Chan e fear-òil, mar sin, a thannam ...

MYRTLESeven fifty. (brag air an till) Eil fhios co ris a tha na Bahamas coltach mun am-sa bhliadhna ... ? (ag èigheachd às dèidh IAIN 1 is IAIN 2) Am feum mibikinia thoirt leam ... ?

Solas sìos.

Sealladh 14

Taobh clì na stèids. IAIN 1 leis an aodach ùr air. IAIN 2 na sheasamh mu choinneamh, adèanamh sgàthan dha.

IAIN 1 (acur air taidh) Snaim plèine no Windsor ... ?

IAIN 2 Carson a cheannaich thu taidh thartain?

IAIN 1 Plèine, tha mi smaoineachadh ...

IAIN 2 Agus seacaid uaines briogais chòrd? chanas uncail Ailean?

Spot air uncail AILEAN asuidhen-àirde anns aleabaidh.

UNCAIL A. Fuirich mìos. Bliadhna. Bàsaich air Nog. (ationndadh ri NORMA) Nise, Norma, tha tachais iongantach orm, shìos mun an it ...

IAIN 2S carson ad?

IAIN 1 Chòrd i ri Mr Singh.

IAIN 2 Mr Singh a reic i riut.

IAIN 1 (acur an aid gu aon taobh, ’s adèanamh gàire ris fhèin)

IAIN 2 Mothaichidh daoine dhut. Le sin air do cheann.

IAIN 1 Chan eil i gu bhith orm aig an danns’!

IAIN 2 Às dèidh dram no dhà, bidh iad ag iarraidh a feuchainn orr’.

IAIN 1 Bliadhnaichean bho nach robh mi aig danns’ ...

ACH. ( ’g èigheachd ris bho thaobh thall na stèids) Tagsaidh dhut aig an doras.

IAIN 1 (fo anail) Cìr, leth-bhotal ... (làmh gu phòcaid-tòin) ... h-uile càil agam ...

E agluasad tron doras. IAIN 2 air a ghualainn.



[179]

ACH. (atogail a cinn ... guth ciùin, bàidheil) O, a-nise, Mr MacArtair, seall ort nad aodach ùr, saoilidh mi nach en aon dhuine a thagam. ’S caomh leam an ad. Nise, coma leat dhen tacgsaidh dhiog, fuirichidh e riut, mac mo pheathar a chuir an seo e air do thòir. bha mi dol a dhràdh riut? ... (afeuchainn ri cuimhneachadh) ... cha be ... Mi-fhìns Dan a’ Seaview ? ... Air amhòinteach, nuair a bha sinn beag ... (gàire atighinn air a h-aghaidh) ... Cha robh sinn acarachadh às na lòin. Ag ith corra-mheagan. Air oidhcheanan cheòthanach, ’s en crodh a bheireadh dhachaigh sinn. Aon oidhche, an àirigh a sheanar, thuirt e ris na bha staigh: Nuair a dhfhàsas mise mòr, tha mi dol a phòsadh Bellag, ’s bidh ceathrar chloinn againn ... Flòraidh, Dòmhnall Beag, Calum Caols Am Bidean. Bha sinn taobh ri taobh air achailleach ... Ach cha do thachair sin. ’S dhfhàs sinn aost’. ’S dhfhalbh na daoine. ’S chaidh na h-àirighean gu talamh. ’S ged tha mhòinteach fhathast ann, tha panail le airgead mòrs miann air an tuilleadh adol a chur às dhith. Eil thu pòst’, Mr MacArtair?

IAIN 1 Tha, uill ... (stad) Tha.

Solas air NORMA asuidhe an-airde anns an leabaidh.

BELLAG Agus an e bean mhath a thinnte? An cuir i a làmh air an dealgan, agus a bheil a luach os cionn chlach uasal?

UNCAIL AILEAN asuidhe an -àirde ri taobh.

UNCAIL A. Norma. Bean. Coileabach. Tòin is cìochan. Cainnt, Gàidhlig ... Tha ceist agad?

Solas sìos orra. Fuaim conacaig a-muigh.

BELLAG Siud do thagsaidh.

Sealladh 15

Solas atighinn suas air an tagsaidh.

AN DR. MacArtair? ’N aire air dad anns an dol a-steach.

Iad asuidhe anns achùl. An tagsaidh afalbh. Iad asuidhe air adhart. Air ais.

IAIN 2 (sanas) Sin an aon dhraibhear, nach e?



[180]

IAIN 1 (sanas) Deamhnaidh coltach ris.

IAIN 2 (sanas) Faighnich dha.

IAIN 1 (ris AN DRAIBHEAR) Eil fad againn ri dhol?

AN DR. Timcheall achòrnair.

An tagsaidh astad. Iad asuidhe air adhart. Air ais.

IAIN 1 Cha tug siud fada.

IAIN 2 Dhfhaodainn a bhith air coiseachd. Na mo bhrògan ùr.

IAIN 1 (adol na phòcaid-tòin) na tha sin?

AN DR. Phàigh aChomhairle. Chan ann bho na Muilinnean Gaoitha tha thu? Mas ann ... duine thug a-mach ceàird plater an Ceann Loch Mòr ...

IAIN 1 acrathadh a chinn.

OK, not’, ma tha thug iarraidh tip a thoirt dhomh. Cha chumainn mairgead anns aphòcaid sin. Can not’. OK, trì, son gum buin thu, mar mi-fhìn, do chlannIc Artair, ach sin e ... Còig? Gun tigeadh do rioghachd!

An tagsaidh afalbh. Solas sios.

Sealladh 16

Solas suas air IAIN 1 is IAIN 2 aig beulaibh na stèids.

IAIN 2 (acoimhead suas gu bàrr an dorais) Talla Bhaile Nog.

Iad ag èisteachd. Fuaim ceòl dannsa.

AN T-URRAMACH atighinn air, bhon taobh dheas.

AN T-URR. Pill air ais bho geatachan! Atharraich do shlighe fada uaipe!

IAIN 1 (atoirt leum bheag às) thusa?

AN T-URR. An t-Urramach Murchadh A. MacDhòmhnaill, M.A. , Eaglais Mhòr Nog. Duine leis aChruithfhears leis alosgadh-bràghad. Na rach a-steach don ionad aingidheachd sin, don ghàrradh luchd-reubainn!

AN T-OLLAMH atighinn air, bhon taobh chlì.



[181]

AN T-OLL. Fhalbh a-steach innt’. Na big èisteachd ris!

IAIN 1 (atoirt leum bheag às) thusa?

AN T-OLL. An t-Ollamh Moraidh F. MacIllemhaoil, M.A. , Ph.D. , neach uile-fhiosrach, uile-thuigseach. Na big èisteachd ris an ùmaidh sin! Bha e air achiad fheadhainn a thuit às achraoibh.

AN T-URR. Dagon! Dagon!

AN T-OLL. (atoirt dheth nan glainneachans atilgeadh a sheacaid) ’N diabhal, air a tha Dagon agad? (ri IAIN 1) Lean thusa romhad, a shaoghal achiùils an t-sòlais!

AN T-URR. (atilgeadh a sheacaid) Neartaich mi, a Thighearna, an aghaidh do nàmhaid! (ri IAIN 1) Tha thu air an t-slighe gu ifrinns gu bàs!

AN T-OLLAMHs AN T-URRAMACH adol an gleac. Atuiteams arolaigeadh gu taobh deas na stèids.

AN T-OLL. ... am beathach a thagam ... il a sgòrnan? ...

AN T-URR ... buaileam a ghial, a Thighearna ... briseam fhiaclan na bheul ...

Iad arolaigeadh a-mach às an t-sealladh. IAIN 1s IAIN 2 adol tron doras. An ceòl astad. Solas sìos.

Sealladh 17

Solas suas. Talla an dannsa.

DOODLES (atighinn air bhon dàrna taobh ... ceann crom) Fàilte ort a-rithist, a dhuinuasail!

IAIN 1 Doodles!

DOODLES Coimhead às dèidh nan còtaichean. Pàirt-ùine.

DEEDLES (atighinn air bhon taobh eile ... ceann crom) Do bheatha don danns’, a Ghàidheil urramaich!

IAIN 1 Deedles!

DEEDLES Coimhead às dèidh nan taighean beag. An neach àbhaisteach le dhruim.



[182]

DOODLES (atogail a chinn) ’S a bheil dannsan air nach eil sinn eòlach an eilean Nog fa-near dhut, a shrainnsear chòir? (acur a bhoisean ri chèile) Tha min dòchas gu bheil.

DEEDLES (atogail a chinn) An tug thu ceumanan ùr, iongantach thugainn thar chuan? (acur a bhoisean ri chèile) Can gun tug.

MAOIDH (atighinn air) Gabh ad Mr MacArtair às a làimh, Doodles.

DOODLES mi sin, Mr MacAoidh. (acromadh a chinn) Duilich.

MLEÒID (atighinn air) Chan eil thu ri na cleasan àbhaisteach a-rithist, Deedles?

DEEDLES Cha ghabhainn orm, Mr MacLeòid. (acromadh a chinn) Maitheanas.

MLEÒID Air ais gu dobair, a-rèist. Co mheud dìobhart, gu ruige seo?

DEEDLES Sia, Mr MacLeòid. Chinese takeawaynam measg.

MAOIDH Tòrr shabaidean, Doodles?

DOODLES Trì, Mr MacAoidh. Gun cunntadh nam boireannach.

MAOIDH (acrathadh a chinn) Sàmhach ... ro shàmhach ...

DEEDLES is DOODLES afalbh. Còmhlan-ciùil atòiseachadh acluich, dheth.

MAOIDH (guth àrd) Tha thu an sin, a MhicArtair!

MLEÒID (guth àrd) Fhuair thu lorg air an talla!

MAOIDH Dhfhònaig duncail Ailean a-rithist.

MLEÒID Bha e gabhail bath.

MAOIDH Chan ann bho na Muilinnean Gaoitha tha thu, thuirt e.

MLEÒID Tarraing ur cois a bha thu, thuirt e.

MAOIDH Nis, an taigh-samhraidh seo ... Iain, nach e? ... Chunna tu anCommercial ?

MLEÒID Chan fhace a’ Seaviewfhathast, a MhicAoidh. ’S chan eil paids aig aChommercial air a’ Seaview .

MAOIDH BhanCommercialna thaigh-fuirich, a MhicLeòid, nuair a bha a’ Seaviewna bhàthach le òcrach ri chliathaich.



[183]

MLEÒID Tha cuimhnagainn air aChommercial, a MhicAoidh, nuair a bha na daoines an crodh adol a-steach air an aon dhoras.

MAOIDH Tha cuimhnagainn air a’ Seaview ,a MhicLeòid, nuair a dhfheumadh tu do chasan a shuathadh anns an tighinn-a- mach.

MLEÒID Tha cuimhnagainn air aChommercial – (stad. RI MAOIDH ... guth aotrom) Na Moireasdanaichsliochd na murts na h-euceart,’ a MhicAoidh. Cha be clannIc Artair.

MAOIDH thuirt sin riut? Deedles?

MLEÒID Doodles.

Solas sìos.

Sealladh 18

An talla danns’. An còmhlan-ciùil acluich.

MAOIDH do bheachd air achòmhlan-ciùil? Math, nach eil?

IAIN 1 Ach, ach ... aithnichidh mi iad!

An còmhlan-ciùil astad. Feadalaich is stampadh.

Sin aSgiobair, bho oifis cidhe Phol aBhàigh, air amheileoidian!

SGIOBAIR (ag èigheachd) How ’s she logging,Mr MacArtair?

IAIN 1 Agus aSplaidhsear air anaccordian !

SPLAISEAR (ag èigheachd) Horse on to Abadan,Mr MacArtair!

AN DRUMAIR acluich.

SGIOBAIR (as cionn an fhuaim) Balach mo pheathar! Ringo!

Na maidean atuiteam air AN DRUMAIR.

SGIOBAIR Tog iad, Ringo. (ri IAIN 1) Tha e fhathast ag ionnsachadh.

IAIN 2 Faighnich dhaibh na dhfhàg thu do cheas an oifis achidhe. (IAIN 1 mi-chinnteach) Siuthad!

SGIOBAIR Ceas, Mr MacArtair? Cha chreid mi gun dhfhàg.

SPLAISEAR Bha sinn air mothachadh, Mr MacArtair. (stad)

SGIOBAIR Dhfhàg duineigin poca buntàta. Duke of Wonders. (stad)



[184]

MAOIDH (a-mach dhan èisteachd) Seall ort! Caitheamh am beatha ag iths ag òls amèaranaichs acàineadh a chèiles acadal. (stad ghoirid) tha dol a labhairt ris an t-sluagh bhorb seo, a MhicLeòid? Mise no thusa?

MLEÒID Thu fhèin am Fear-gairm.

MAOIDH Cinnteach? (tabhachd amhaicreafòn air)

IAIN 2 n droch shùil a thacorm?

MLEÒID Tha iad asmaoineachadh gur einspectoira thannad. Snooper.

MAOIDH (ri IAIN 1) Bfheàrr dhomh innse dhaibh nach e. Mas leum iad ort.

MLEÒID Mas cuir duineigin sgian annad.

MAOIDH (tron amhaidhc) Ladies and gentlemen! (feadalaich is stampadh) Fàilte gu Talla Mhòr Nog! (iad adol sàmhach) A-nochd, còmhlan-ciùil Phol aBhàigh ...

AN DRUMAIR acluich. Na maidean atuiteam air.

SGIOBAIR Tog iad, Ringo.

AN DRUMAIR atogail na maidean. Na maidean atuiteam air.

SGIOBAIR Fàg iad, Ringo.

MAOIDH ... nalocal artistesair a bheil sibh uile eòlach, cha leig mi leas an ainmeachadh air an ainmeannan, tha sibh uile eòlach orra ... agus mu dheireadh, atadhal oirnn bhon Tìr Mòr ... cuiribh ur làmhan ri chèile, a chàirdean, airson Mr MacArtair. (ri IAIN 1) Iain, nach e?

AN DRUMAIR atoirt aon bhrag air an druma le bhois. Sàmhchantas.

Fàilte chridheil Noganach, a chàirdean! Buailibh na basan gu cruaidh!

AN DRUMAIR atoirt brag eile air an druma. Duirgheal am measg an èisteachd.

Cha tàinig Mr MacArtair dhan eilean a chur dragh air duin



[185]

agaibh, mas e sin tha sibh smaoineachadh. Chan eil gnothaich aige ri DSS, CSA, SNH no RSPB, chan iarr elicenseteilidh fhaicinn, no càr, chan fheòraich e mharbh an -bhliadhnach no thaig do sheanmhair anns achiste mhine. (an duirgheal adol nas ìsle) Duine man sinn fhìn! Chaill e cheas air astiomair! (an duirgheal astad) Tha botal mòr na phòcaid! (dranndan bàidheil) Tha Gàidhlig aige! (an duirgheal ag èirigh a-rithist) Ach tha e dèanamh annlan oirre! (dranndan bàidheil)

An còmhlan-ciùil: St . Bernards Waltz.

MAOIDH Thàinig inspectoir dhan eilean uair, a MhicArtair.

MLEÒID Duine beag le glainneachan. Tagaichean, ’s na dhub thu na caoraich. Bha e anns na pàipearan-naidheachd.

MAOIDHMan disappears on Nog. ’ (toirt botal às a phòcaid-broillich) mu dheidhinn nip?

IAIN 2 (aleughadh, car na cheann) ‘Nog nectar, hundred proof. ’

IAIN 1 Uill, chan e fear-òil, mar sin, a thannam ... (agabhail abhotail bho MAOIDH ... ri IAIN 2) ... ged a ghabhainn aon ... (ag òl bhon abhotal. MAOIDH, MLEÒID is IAIN 2 acoimhead ris)

An còmhlan-ciùil astad.

Mmm. Math. (atoirt abhotail air ais dha MAOIDH) Chan fhairich thu e adol sìos.

MLEÒID Gabh tèile. (atabhachd a bhotail fhèin air)

IAIN 2 (aleughadh) ‘Mac an Noganaich, 110 proof. ’

IAIN 1 (ag òl) Mmm. (atoirt abhotail air ais dha MLEÒID) Chan eil blas idir dheth.

MAOIDH Seòmar achomataidh a-nis, a MhicLeòid.

MLEÒID (ri IAIN 1) Buill a-mhàin.

Iad afalbh.

IAIN 1 (ris ASPLAIDHSEAR) Chan eil blas idir dheth. An Nognectar .

IAIN 2S mait gun dhfhàg mi mo cheas anns an tagsaidh ...

IAIN 1 (ris ASGIOBAIR) Tha e gun bhlas. Thas am fear eile.



[186]

AGGIE (atighinn air) Seall ort! (sgreuch bheag) Thia, an t-seacaid!

MILLY (còmhrithe) Cuimhnagad oirnne? Millys Aggie? (sgreuch bheag) Murt! Na brògan!

IAIN 1 Ah! (atogail an aid nach eil air a cheann) Oidhche mhath, a chlann-nighean!

AGGIE Sgiobair, a ghaoil!

SGIOBAIR (guth ìosal) Hallo, Aggie.

MILLY Splaidhsear, a ghràidh!

SPLSEAR (guth ìosal) Hallo, Milly.

Iad agabhail grèim air IAIN 1, air gach gàirdean.

AGGIECanadian Barn Dance,a Sgiobair! (a chluais IAIN 1) Gaol a chridhe aige orm! A bhuigneag!

MILLY Deiseil, a Splaidhsear? (a chluais eile IAIN 1) Às a chiall às mo dhèidh! An truaghan!

AN DRUMAIR acluich air an druma le làmhan. Astad gu h-obann.

SGIOBAIR Con a rinn thu siud, Ringo? Con a chuir thu do dhòrn tron druma?

SPLSEARLadies and gentlemen! (feadalaich is stampadh) Take your partners for a Canadian Barn Dance!

An còmhlan-ciùil atòiseachadh le dithis. Èigheachd is gleadhraich nan dannsairean. Solas sìos.

Sealladh 19

Solas suas air IAIN 1, eadar AGGIE is MILLY, meadhan na stèids. An dannsseachad. MAOIDH is MLEÒID.

MAOIDH Bha sinn agabhail allaidh riut anns an dannsud, a MhicArtair ... Hello, Aggie.

MLEÒID Man earb na beinne ... Hello, Milly.

AGGIE Nach eil e math air danns’? Choinnich sinn air abhàt’.

MILLY Sguir thusa aghoradaireachd sìos mo bhloubhs chiffonsee -through,Willie Dan MacAoidh! Tha sùil aSplaidhseir ort!



[187]

AGGIE Agus sguir thusa adhfhorgladh suas mo sgiorta dirndl-s’ , John Angus MacLeòid! Mas fhaic aSgiobair thu!

IAIN 1 (atoirt abhotail a-mach) mu dheidhinn nip? (ri na boireannaich) Pioc blas dheth.

Na boireannaich adeanamh gàire.

AGGIE Balgam beag, a-rèist, a luaidh ... (acur abhotail gu beul) Son gur e thu fhèin a thann.

MILLY Na fhliuchas mo liopan, a chagair ... (acur abhotail gu beul) Yum yum!

IAIN 1 Agus dha mo charaid Mr MacAoidh?

MAOIDH Willie Dan. (ag òl) Facal na do chluais, a MhicArtair ...

IAIN 1 Agus dha mo charaid eile, Mr MacLeòid?

MLEÒID John Angus. (ag òl) Comhairlbheag ort ...

IAIN 1 Agus dhomh fhìn ... (ag òl; trothail casdaich; a shùilean fliuch) ... rud?

MAOIDH Seachain na boireannaich againn. Aggies Milly.

MLEÒID Feuchainn ris an deoch a chur orra.

MAOIDH Suath thu fheins do bhotal mòr ri boireannach sam bith eile anns an talla.

MLEÒID Ach cùm air falbh bho Millys Aggie.

Na boireannaich agaireachdainn.

MILLY Tha iad cho làn eudach, Mr MacArtair!

MAOIDH Cha do dhfheuch e ri brath a ghabhail oirbh air abhàt’, a chlann-nighean?

MLEÒID Cha robh e ga ur ruith timcheall an deic?

Na boireannaich agàireachdainn.

MAOIDH Sinne dol a-mach an cùl an-dràst le Aggie is Milly.

MLEÒID Ach bidh sinn air ais.

An ceathrar afalbh ... MAOIDH le ghàirdean timcheall air AGGIE, MLEÒID le ghàirdean timcheall air MILLY.



[188]

IAIN 1 (ri IAIN 2) ... ?

IAIN 2 ! (stad ghoirid) Con nach do labhair thu air do shon fhèin?

IAIN 1 bha mi dol a dhràdh?

IAIN 2 Nach eil thus’ – (stad) Gu robh thunach robh thu – (tarraing anail) Gur e duine pòsta thannad! Pòstaig Norma.

Solas air NORMAs UNCAIL AILEAN, cùl na stèids, ann ambath .

NORMA (grèim aice air cas UNCAIL AILEIN) ... agus cha dfhuair amhuc bheag phinc seo fiach a tòin a thachais ... agus chaidh amhuc bheag phinc seo wee wee wee wee wee ... (Solas sìos orra)

MR SINGH (anail luath ... e air a bhith danns’) Mr MacArtair! Gur maiseach thu nad èideadh!

IAIN 1 (toilichte fhaicinn) Mr Singh!

MR SINGH Adannsa gu suilbhir, ait, air bàrr na h-òrdaig, na do bhrògan ùr, , Mr MacArtair?

IAIN 1 Gabh nip, Mr Singh.

MR SINGH Mòran buidheachais, Mr MacArtair, ceud taing, ach feumaidh tu mo leisgeul a ghabhail.

IAIN 1 Na dhfheuch thu an Nognectarseo a-riamh, a Sgiobair? Chan eil pioc blas dheth.

SGIOBAIR il Aggie? ... ’S mi phàigh son na fiaclan-fuadain aice.

MR SINGH Nil desperandum, a Sgiobair. Cha do dhùin doras nach do dhfhosgail doras.

IAIN 1 mu do dheidhinn-s’ , a Splaidhsear? Tha e dol sìos man am bùrn!

SPLSEAR n deach Milly? ... ’S mi cheannaich an teilidh dhi.

MR SINGH Sursum corda, a Splaidhsear. Rud nach fhaic an t-sùil, cha ghluais an cridhe. (e dannsa-mach)

IAIN 2 (ri IAIN 1) De bha siud a thuirt e? Sursum rudeigin.

DOODLES (air nochdadh) Sursum corda! Aciallachadh, Togaibh ur cridheachan!



[189]

DEEDLES Agus nil desperandum. Aciallachadh na bi fo chùram.

DOODLES Laideann, a dhuinuasail.

DEEDLES Cànan marbh.

DOODLES Chan e sin dhan aGhàidhlig e, a dhuinuasail.

DEEDLES Tha Ghàidhlig fhathast beòs abuiceil.

IAIN 1 (làmh na phòcaid-broillich. Stad)

IAIN 2 il am botal?

IAIN 1 dhfhalbh le mo bhotal?

IAIN 2 Feuch do phòcaidean eile.

IAIN 1 (ag obair na phòcaidean) Chan eil. (ainmeineach) ghoid mo bhotal?

DOODLES (acoimhead ri DEEDLES) Cha be mise co-dhiù.

DEEDLES (acoimhead ri DOODLES) Na mise.

MYRTLE (air nochdadh) ’G iarraidh botal eile? Reicidh mise botal eile riut.

IAIN 1 Bhiodh sin gast ... uh ...

MYRTLE Myrtle!

IAIN 1 Chan e fear-òil, mar sin, a thannam ...

MYRTLE Tha fios am. Last of the big spenders.

IAIN 2 ... ach saoilidh mi, ma ghabhas mi aon ghlainne eile dhen an Nognectar ,gu faigh mi fuasgladh is soillearachadh dha gach dìomhair is cnap-starra a bha riamh acur dragh orm ... (adèanamh pluicean, ’s asèideadh a-mach)

MYRTLE (atoirt botal dha IAIN 1) Tha phrìs dùbailte às dèidh meadhan oidhche. (IAIN 1 atabhachd fichead nota oirre) Càil agad nas lugha?

IAIN 2 ... freagairt airson a h-uile ceist a bha riamh gam bhuaireadh ... (cur a shùilean claon)

MYRTLE il mi dol a dhfhaighinnchangemun tìde-sa dhoidhche?

IAIN 2 (car na cheann) mi? thu? Co às a thàinig sinn? il sinn adol?



[190]

DOODLES Tha dòigh àraidh air an ceann a thoirt à botal Nog nectar, a dhuinuasail. (làmh a-mach) Ma bheir sibh dhomh e ... ?

IAIN 2 (car na cheann) robh Maois nuair a chaidh an solas às? ... Co mheud adhairc a bhair abhoc?

DEEDLES Grèim teann air an àrc eadar òrdag is sgealbag na làimhe deise, a Ghàidheil urramaich, ’s an uair sin leth-char subailte seòlta air amhaich abhotail le caol na cearraig. (làmh a-mach) Ma bheir sibh dhòmhse ... ?

DOODLES mise, Deedles. Duine tha eòlach.

DEEDLES Fàg agamse, Doodles. Mas bris thu e.

An dithis agabhail grèim còmhladh air abhotal, ga spìonadh às làmhan IAIN 1, ’s afeuchainn ri shlaodadh bho chèile.

IAIN 1 Haoi! Mo bhotal!

IAIN 2 Sguiribh dheth, can riutha!

DOODLES Leig às e, Deedles!

DEEDLES Cha leig, ach leig thusàs e, Doodles!

BELLA agus DAN air nochdadh. Na seasamh gan coimhead.

BELLA (ri DEEDLES is DOODLES) tha seo? Maide-leisg?

IAIN 1 Mo bhotal.

BELLA Thoiribh dhòmhsam botal sin, a dhà dhiol-dèirig!

DEEDLES is DOODLES aleigeil às abhotail. Am botal atuiteam.
DEEDLES abreith air mas buail e an làr.

BELLA (ri DEEDLES) Na mo làimh! (DEEDLES atoirt dhi abhotail) Gabhabh a-nis a-mach às mo shealladh, a dhà dhiol-dèirig!

Iad afalbh, abualadh na chèile.

MYRTLE Hallo, Bella.

BELLA Dùin do chab, Myrtle. (atoirt abhotail air ais dha IAIN 1) Con a leig thu dhaibh a thoirt bhuat? Seo Dan a’ Seaview .Fosgailidh e am botal dhut. Bha sinn adol a phòsadh uaireigin. Do dhà òrdag fon an àrc, Dan. Thàinig e air mo thòir a-nochd a-rithist. Fàinne asheanmhar. Cha chuireadhs mar a chuirinn orm ... (ri



[191]

DAN) Ceannaichidh tu cheart dhomh. Leemerald . (ri IAIN 1) Chaidh e sìos air aonghlùin. Theab gu bràth nach èireadh. (DAN atoirt abhotail dhi. Ri IAIN 1) Gabh fhèin achiad , do bhotal a thann. Fòghnaidh! Thusa nis, Dan. Mr Singh? Chan eil thug òl ann. dhomh fhìn, cailleach bhochd, làn siataig. Dùin do chab, Myrtle. Tèile dha Dan. Thug mi dhabath .Chuir mi am bogadh e uair a thìde am bùrn lòn mòrAnIc Iain le làn mo chròig de shòda-nighe ann. Nuair sin ghabh mi dha le sgrubair. Na faiceadh sibh cho pincs a tha e fon an t-salchair. Carson a tha an còmhlan-ciùil sin na suidhe diomhain?

SGIOBAIR Feitheamh ribfhèin.

SPLSEAR Gu sguir sibh chòmhradh. (IAIN 1 leis abhotal ri bheul) ’S a dhòl.

IAIN 1 Cha do dhfhairich min ud adol sìos a bharrachd. (acoimhead ris abhotal) Stuth mìorbhaileach!

SGIOBAIR (tro maidhc) Ladies and gentlemen! Take your partners ... (na maidean atuiteam air AN DRUMAIR) Tog iad, Ringo! ... for a Strip the Willow.

BELLA Seas thusa thall an siud, Mgr MacArtair. Ri taobh Dan.

IAIN 1 (adol ann. Ri DAN ... moiteil) Duine anns an t-sreath!

MYRTLE Hallo!

IAIN 1 Myrtle!

MYRTLE Theirig gu taobh eile Mhgr MacArtair, Mr Singh.

MR SINGH Seo mi a-rithist, Mgr MacArtair. (adèanamh dannsa bheag) Lùdagan air cùl na h-iosgaid.

MILLY mu ar deidhinne, a Sgiobair? Mi fhìns Aggie?

SGIOBAIR (ris ASPLAIDHSEAR) Gaol nach caochail fhads as beò mi ...

AGGIE Hallo, antaidh Myrtle! Hallo, a Splaidhsear!

SPLSEAR (ris ASGIOBAIR) Mo chridhe briste brùite, air mo shùil chan aithnich càch sin.

MACAOIDH is MACLEÒID atighinn air. Adancowboysorra.



[192]

MAOIDH (stad) Antaidh Bella!

MLEÒID (stad) Uncail Dan!

MAOIDH tha sibhse dèanamh an seo?

MYRTLE (sgread dhòigheil) Tha iad adol a phòsadh. (stad)

MAOIDH (acrathadh a chinn ... guth slaodach) Chan eil, chan eil ...

MLEÒID (ri MYRTLE ... guth slaodach) Tha thu tarraing mo chois.

Iad acoimhead bho BELLA gu DAN, ’s air ais.

MAOIDH Chan fhaod sibh.

MLEÒID Cha ghabh sibh sin oirbh. (stad)

MAOIDH Cuine?

MLEÒID il sibh dol a dhfhuireachd?

MAOIDH (ri MLEÒID) Anns a’ Seaview ,càiteile?

MLEÒID (ri MAOIDH) Anns aChommercial, tha fios gur ann.

MAOIDH Antaidh?

MLEÒID Uncail?

IAIN 1 (atighinn eatarra leis abhotal) Co-dhiù, a bhalachaibh ...

BELLA Às dèidh na bainnse, bidh mise fhathast anns aChommercial, agus (ri MLEÒID) Dan duncailmo dhuine! – anns a’ Seaview .

MR SINGH Astatus quo.

BELLA Oidhche ma seach anns gach taigh. A-nochd, uirigh chùbhraidh aChommercial, leis a bhobhstairorthopaedic ’s fàileadh a’ lavendar ,an ath-oidhche, leid bhreòit a’ Seaview ,leis a bhobhstair chnapachs fàileadh casan Dan.

MYRTLE chanas sibh nis?

BELLA Dùin do chab, Myrtle.

MAOIDH (ri IAIN 1) thuirt thusa?

MLEÒID Aidh. thuirt riutsbruidhinn?

MR SINGHPax , pax,fhearaibh!



[193]

IAIN 2 (ri IAIN 1) ’N aire ort fhèin.

IAIN 1 Carson? (stad ghoirid) bhuaithe?

MILLY Trobhad thusa còmhriums’, Willie Dan.

AGGIE Mi-fhìns tu fhèin, John Angus.

IAIN 1 tha còmhriumsa? (ationndadh air IAIN 2) Ist thus’!

NORMA (atighinn air ... bloubhs tana, sgiorta ghoirid. Nylons) ach do bhean ghaolach fhèin?

IAIN 2 Norma! (ri BELLA) Mo bhean!

NORMA (a gàirdean mu amhaich) ’N e putanan no siop a thair aspèathar sin?

MAOIDH Gabh dhan aloidhne, a MhicArtair.

MLEÒID Cumail daoine afeitheamh.

IAIN 1 n deach Norma? (Tha NORMA air falbh)

MILLY Hallo, Mr Singh.

MR SINGH Hallo, Milly.

NORMA atighinn air. Dungaree, cardagan tolltach. Bòtannan uaine. UNCAIL AILEAN còmhrithe. Bermuda shorts is sandals.

UNCAIL A. (acumail a stamag ri IAIN 1) Feuch dòrn air a sin. (abreith air làimh air MAOIDH ... gnogadh a chinn ri IAIN 1) il Nog? ars esan. Ciamar a gheibh mi ann?

MAOIDH Willie Dan MacAoidh, Fear-gairm, Comhairle Nog.

MLEÒID John Angus MacLeòid, Iar-fhear-gairm. (acrathadh làimh UNCAIL AILEAN) Uncail Aileag, nach e? Bha dùil againn riut.

UNCAIL A. Chuir mi isean sgiamhach romham. (agnogadh a chinn ri IAIN 1s atogail a chois) Chan eil fiach ceàrr air mo chas. (apriobadh) Tuigidh tu fhèin.

NORMA Bheir thu chreids rud sam bith air.

An dannsa atòiseachadh. Iad adol timcheall ann an cearcall. Reel of the 51st Division.Èigheachd, sgiamhail.

MR SINGHStep we gaily, on we go!



[194]

MAOIDH Chan ann an taobh sin, a MhicArtair.

MLEÒID An taobh seo, a MhicArtair!

NORMA tha ceàrr ort, a bharrachd air duine eile?

MAOIDH Cuiribh dhan amheadhan e!

UNCAIL A. ’S fo Dhia an dfhuair en t-aodach a thair?

NORMA thug a char às?

BELLA adol a mheadhan na ruidhle. Adannsmu choinneamh IAIN 1. Cur car dheth. Ga thilgeadh gu MILLY. MILLY acur car dheth. Ga thilgeadh gu AGGIE. E dol bho AGGIE gu MYRTLE. MYRTLE acur car dheth. Ga thilgeadh gu NORMA.

NORMAS dhfhàg thu mo ghràp ùr a-muigh a-rithist. Anns an uisg’. Fad na h-oidhche. An gràp ùr agam.

I acur car dheth, ’s adol air ais dhan achearcall. Iad uile adannstimcheall air. Èigheachd, sgiamhail. IAIN 1 atuiteam gu ghlùinean. Ag èaladh a-mach às achearcall gu beulaibh na stèids. Atogail a chinn.

IAIN 1 Chan eil mi ... faireachdainn ... ro mhath ...

Sealladh 20

Fuaim einsean bàta.

Cùl na stèids: RINGO, a dhruim ris an èisteachd, air achuibhle-stiùir.

IAIN 1 aig aparan na stèids, air a ghlùinean. A cheann crom. Plaide timcheall air.

IAIN 2 air a ghlùinean ri thaobh. Gùn man gùn-oidhche air. Bann mu shùilean. Glasan air cul adhùirns air adhbrannan. Sèinichean mu chorp.

IAIN 1 (atogail a chinn) bheil mi?

ASGIOBAIR (dheth) Cùm a sròn gun iar, Ringo. (atighinn air) Nach be seo amhadainn!

IAIN 1 bheil mi? (acoimhead ris fhèin fon aphlaide) il maodach?

ASGIOBAIR (adèanamh gàire ... ri duineigin, dheth) ’N cualthu siud? (ag atharrais) bheil mi?



[195]

ASPSEAR (dheth) Mar nach biodh fios aige.

ASGIOBAIR (ag atharrais) il maodach?

ASPSEAR Mar nach biodh cuimhne aige. (atighinn air) Fàgaidh mi chuibhle còig mionaidean eile aig Ringo. Tha e tighinn thuice. (ri IAIN 1) Abair madainn!

IAIN 1 (acoimhead timcheall. Suas riutha) Tha mi air bàta. (iad agàireachdainn) tha mi dèanamh air bàta?

ASGIOBAIR ClannIc Artair! Chan fhuiling iad fiach!

ASPSEAR Seachain an Nognectar !thuirt sinn ris. Na dhèist e rinn?

ASGIOBAIR Cha do dhèist. ’S tha bhuil air.

ASPLSEAR (ri IAIN 1, atogail a ghuth mar gum biodh e bruidhinn ri leanabh) Bfheudar dhuinn ruith leat.

ASGIOBAIR Na Noganaich ag iarraidh do mharbhadh.

IAIN 1 Carson? (stad ghoirid) rinn misorra?

An dithis agaireachdainn.

IAIN 1 (acrùbadh fon aphlaide) Mi fuar. (stad ghoirid) il maodach?

ASGIOBAIR A-rithist leis an aon cheist. (atogail a ghuth mar gum biodh e bruidhinn ri leanabh) Thug thu dhìot e. Aig an danns’.

ASPSEAR H-uile stiall.

ASGIOBAIR Aodach ùr Mr Singh. (atogail a ghuth) Thug thu dhìot es thug thu seachad e.

ASPSEAR Fhuair MacAoidh an t-seacaid mheileabhaid uaine.

ASGIOBAIR MacLeòid abhriogais chòrd.

ASPSEAR Deedles ampulloverbuidhe.

ASGIOBAIR Doodles an taidh thartain.

ASPSEAR Ringo alèine gheal le na srianagan.

ASGIOBAIR Dan a’ SeaviewanT - shirt ’s an drabhars le namotifs .

ASPSEAR Bidh iad air oidhche na bainnse. Fo dheise andemob .



[196]

ASGIOBAIR Antaidh Bella na stocainnean, pàtaran Nog.

ASPSEAR Bidh iad oirroidhche na bainnse.

ASGIOBAIR Am broinn nambootees .

ASPSEAR fhuair an ad?

ASGIOBAIR ga togail. Tha i air a cheann.

ASGIOBAIR Agus na brògan?

ASPLAIDHSEAR adèanamh dannsa bheag. Tha iad air a chasan.

IAIN 1 (acoimhead suas riutha ... guth beag) Bha mi aig danns’?

ASGIOBAIR (atogail a ghuth mar gum biodh e bruidhinn ri leanabh) ’S tu bha!

IAIN 1 (guth beag) Luirmeach?

ASGIOBAIR Mar a rug do mhàthair thu.

ASPSEAR Do chlioban ris aghaoith’.

IAIN 2 atogail a chinns astrìs abreabail le chorp gu lèir an aghaidh nan glasans na sèinichean, afeuchainn ri faighinn às. ASPLAIDHSEAR adannsa-null gu chùlaibhs atoirt a bhròig dha mun druim. IAIN 2 astad.

ASPSEAR (asgur a dhanns’ ’s atilleadh gu taobh ASGIOBAIR) Manail nam uchd. Cus bhriosgaidean milis.

ASGIOBAIR (ationndadh a chinn) làmh air achuibhle, Ringo. (ris ASPLAIDHSEAR) Thuirt thusgun cumadh tu sùil air!

ASPLAIDHSEAR adol suas gu cùl na stèids.

IAIN 1 (ris ASGIOBAIR) Chic e mi. Carson a chic e mi?

ASPSEAR (abualadh RINGO) ’N diabhal ort, thuirt mi riut?

IAIN 1 rinn misair?

ASPSEARSouth west by west,thuirt mi riut! (ga bhualadh) ’Ne sinsouth west by west?

ASGIOBAIR Cha do rinn càil. (atoirt dòrn dha) ’N aire! Tha e tilleadh.


[197]

ASPSEAR Dhfhàg mi aigi. Feumaidh e ionnsachadh. (ri IAIN 1) Con a tha thu suathadh do ghàirdean? ’S tha fàgail an drèin sin air daghaidh?

IAIN 2 aturraban. ASPLAIDHSEAR ga chiceadh. E astad.

ASGIOBAIR (ri IAIN 1) chuir dhan eilean thu co-dhiù?

ASPSEARS gun thu eòlach.

IAIN 1 acoimhead bho dhuine gu duine. Afosgladh a bheòil. Ga dhùnadh.

ASGIOBAIR (làmh os cionn a shùilean) Tha ghrian air bàrr na mara.

ASPSEAR Bidh i gu math àrd. Mas buannaich sinn Plymouth.

ASGIOBAIR Bidh i air a dhol fodha.

ASPSEAR Bidh ghealach anns an adhar. (stad)

IAIN 1 (guth beag) Plymouth?

ASGIOBAIR (adol tro dhuilleagan leabhar beag ... astads aleughadh) Plymouth. Port mara. Devon. Sir Francis Drake. Cainnt: seòrsa de Bheurla. (adùnadh an leabhair) Tha ceist agad?

IAIN 1 (ris ASGIOBAIR) An t-seacaid a thort. Bha an aonsheòrs’. Anns acheas a chaill mi.

ASGIOBAIR An robh? Smaoinich air a sin.

IAIN 1 (ris ASPLAIDHSEAR) Agus briogais mar an a thorts’.

ASPSEAR Eil thug ràdh rium?

Dheth: an einsean aleigeil ràn àrds atòiseachadh aputhadaich. Fuaim conacaig bàta mòr. Fir ag èigheachds atrod.

ASGIOBAIR (ag èigheachd) Seachain an tancair sin, Ringo! Cùm gustarbordi! Starbord ,thuirt mi! (ris ASPLAIDHSEAR) Thoir bhuaithe achuibhle!

ASPLAIDHSEAR adol suas gu cùl na stèids. Abualadhs aciceadh RINGO, ’s adol air achuibhle. RINGO, le ràn àrd, aruith a-mach. Fuaim an einsean asìoladh sìoss adol rèidh. Achonacags na guthan afalbh.

ASGIOBAIR (grèim air gàirdean IAIN 1) Trobhad thuscòmhriumsa.



[198]

IAIN 1 (acoimhead suas ris) Càite?

ASGIOBAIR (acrathadh a chinn) Call ach ceistean ...

Afalbh le IAIN 1 air ghàirdean gu cùl na stèids. Na triùir le an dromanan ris an èisteachd. IAIN 1 anns amheadhan.

ASPSEAR Gabh achuibhle.

ASGIOBAIR Do dhà làimh.

IAIN 1 agabhail na cuibhle. Aphlaide atuiteam dheth.

ASPSEARAble Seaman MacArthur on the wheel.

ASGIOBAIRSteady as she goes.

IAIN 1 astiùireadh.

ASGIOBAIR (atoirt sùil sìos) Bha e pòst’, thuirt e?

ASPLSEAR (atoirt sùil sìos) Man bulb biuthagan.

ASGIOBAIR Man meuran gun tòin ann.

IAIN 1 astiùireadh.

ASPSEAR (ga bhualadh) Tha thu dol feir aroinn, an diabhal ort!

ASGIOBAIR (ga bhualadh) Gustarbordi!

ASPSEAR (ga bhualadh) South west by west,an diabhal ort!

ASGIOBAIR (ga bhualadh) ’N e sinstarbord ?

ASPSEAR (ga bhualadh) ’N diabhal ort, tha thu dèanamh ... ?

An solas adol sìos orra. Brag na mara.

Solas fhathast air IAIN 2, air a ghlùinean aig aparan na stèids. A cheann crom.

An solas adol às.

titleAm Fear a Chaidh dhan Eilean
internal date2011.0
display date2011
publication date2011
level
reference template

Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p

parent text Sia dealbhan-cluiche
<< please select a word
<< please select a page