[69]

10. Alfaidh Foirbeis

Cha robh cùram air an t-saoghal air Deirdres air Aonghas nuair dhfhàg iad an taigh Dihaoine. Bha obair na seachdain seachad, agus bha an oifis mìle mìle air falbh. Gach feasgar Dihaoine an t-samhraidh, le cead bhon aimsir, bhiodh iad le chèile acoiseachd air an socair tron choille a bha mu dhà cheud slat bhon taigh, ag èisteachd ri ceilearadh nan eun agus ri fuaimean eile leis am biodh nàdar adùsgadh sàmhchair an ama. Air taobh thall na coille, bha taigh-òsta beag, tlachdmhor air an robh an t-ainm An Sionnach Bàn, agus bu tric a stad iad an sin a dhòl balgam de leann a bheireadh ùrachadh don chorp air crìoch seachdain na h-obrach. Cuideachd, bha iad a-nise eòlach air Mìcheal leis an robh an taigh-òsta, agus air feadhainn eile aig an robh e mar fhasan a bhith atadhal ann.

Bha achoiseachd tron choille adol gu tlachdmhor, mall oir cha robh adhbhar cabhaig aca. Bha iad asealltainn ri craobhan agus ri lusan de gach seòrsa, ged a bha iad air am faicinn ceud uair roimhe. Mu letheach-slighe tron choille leig Deirdre sgriach uabhasach aiste, agus thuigeadh neach sam bith a bha faisg oirre gun chuir rudeigin fìor eagal oirre.

Mo chreach, fon ghrèin a tha ceàrr ort?” dhfhaighnich Aonghas.

Seall,” ars ise. “Anns achraoibh,” ars ise. “Shuas am bàrr na craoibhe.”

Bha an t-àite loma làn de chraobhan de gach seòrsa, agus cha robh Aonghas afaicinn càil seach an àbhaist.


[70]

Achraobh giuthais,” arsa Deirdre. “Dìreach os do chionn.”

Nuair sheall Aonghas suas gu bàrr na craoibhe, thuig e air ball a dhùisg an t-eagal ann an Deirdre. Bha corp fireannaich shuas am mullach na craoibhe, sìnte thairis air geugan, agus smaoinich Aonghas nam fuilingeadh achraobh an crathadh bu lugha, eadhon bho osag bheag gaoithe, gun tuiteadh an corp ud na chlod gu làr.

“ ’S fheàrr dhuinn dèanamh air an t-Sionnach Bhàn gun dàil,” ars Aonghas, “agus fios a sgaoileadh gu bheil fireannach marbh sa choille. Feumaidh gun robh e asreap na craoibhe, aig Sealbh a tha brath carson, agus gun tàinig cuairt airs gun chaochail e an sin.”

Nach tu tha neochiontach,” arsa Deirdre. “Cha tàinig no bloigh cuairt. Nam biodh sin air tachairt, bha e air tuiteam às achraoibh. Tha amharas agamsa gur ann ri murt a tha sinn adèiligeadh an seo.”

Bha iad a-nise nan cabhaig adèanamh air an taigh-òsta.

Murt!” ars Aonghas. “A Dhè, beannaich mi. Mas in fhìrinn a tha nad bhriathran, feumaidh e bhith gur ann am bàrr na craoibhe a chaidh a mharbhadh, agus gun deach fhàgail an sin.”

Nuair ràinig Deirdre agus Aonghas An Sionnach Bàn, bha e follaiseach do gach neach nach bi achoiseachd àbhaisteach a thug air an slighe iad. Bhrùchd iad a-steach mar dhithis air bhoil.

Na poilis,” dhèigh Deirdre. “Cuiribh a dhiarraidh nam poileas.”

Carson? tha ceàrr?” dhfhaighnich Mìcheal.

Reòth gach neach a bha a-staigh, cuid dhiubh le glainne eadar bòrd is bilean.

Murt,” arsa Deirdre. “Tha duine marbh sa choille. Shuas ann am bàrr craobh giuthais. Na poilis! Na poilis!”

Rinn Mìcheal mar a dhiarr Deirdre air, agus cha bfhada gus an cualas dùdag acur fios romhpa gun robh na poilis gu bhith aig an taigh-òsta. Bha dithis dhiubh ann, fear rudeigin òg agus fear eile le trì srianagan air a mhuinichillean.

Cha robh dòigh air faighinn gu cridhe na coille ach nan cois, agus threòraich Aonghas agus Deirdre iad chun na craoibhe sam faca iad corp an duine. Chaidh dithis no triùir eile a bha san taigh-òsta còmhla riutha. Agus bha an corp an siud fhathast. Mhol am poileas


[71] òg gu sreapadh esan suas gu bàrr na craoibhe gun fhios nach dèanadh e aithne air an truaghan a bha na mullach, ach chomhairlich an seàirdseant dha gun sin a dhèanamh idir mus cuireadh a làthaireachd dragh air an t-suidheachadh.

Thug an seàirdseant, Seòras OToole, fòn-làimhe à pòcaid a sheacaid, agus dhìog e putan no dhà. Bhruidhinn e ri cuideigin san stèisean.

Tha mi adearbhadh gu bheil corp fireannaich ann an craoibh sa choille. Fuirichidh mise an seo, agus thèid MacLùcais chun achàir aig an t-Sionnach Bhàn. Trèoraichidh esan sibh chun na craoibhe. Tha mi den bheachd gur fheàrr do Alfaidh Foirbeis a thighinn. Ma dhfhosglas duine sam bith acheist, fosglaidh esan i.”

Dhfhalbh am polieas òg, MacLùcais, mar a mhol OToole.

Alfaidh Foirbeis?” ars Aonghas. “ na sgilean sònraichte a tha aigesan, ’s gu bheil thu ga iarraidh a bharrachd air neach eile?”

Tha eanchainn mhath aige,” ars OToole. “Agus chì e rudan nach fhaic neach sam bith eile. Co-dhiù, tha e cho math dhuinne fuireach an seo gus an ruig e ... mus tachair an còrr do Saccheus.”

Saccheus?” arsa Deirdre.

Seadh. Am fear a tha sa chraoibh,” ars OToole.

Nuair a nochd Alfaidh Foirbeis còmhla ri MacLùcais, smaoinich Deirdre nach tugadh i sgillinn air. Cha be aodach poileis a bha air idir, ach seann sheacaid de chlò Hearach agus bonaid -bhileach.

Ah-,” ars esan. “Pinus sylvestris. Laideann,” ars esan, ationndadh ri OToole. Ghabh OToole air fhacal e. Chuir e iongnadh orra uile nach do sheall e suas don chraoibh, ach am faiceadh e far an robh an corp air a chàradh.

Thug e glainne bheag a-mach às a phòcaid, agus thòisich e asgrùdadh bun na craoibhe. Bha càch ga choimhead, gun fhacal aca mus cuireadh iad dragh air.

Tha e follaiseach,” ars Alfaidh Foirbeis, “nach eil fada bho shreap cuideigin achraobh seo. Agus tha sin adearbhadh dhòmhsa gun gabh i a sreap. A-nise, tha mise adol suas ach am faic mi ar caraid.”

“ ’S e Saccheus a tha aig Seàirdseant OToole air,” arsa Deirdre.


[72]

Tha sibh atuigsinn ... seach gu bheil e sa chraoibh.”

Cha do leig e air gun cuala e i. Ach suas leis gu bàrr na craoibhe, an dìreadh cho furasta dhas ged bhiodh e ag imeachd air talamh còmhnard. Cha bfhada gus na thill e gu talamh agus rudeigin aige na làimh. Bann de iarann a bha an rud seo air a dhèanamh, agus dhfhaighnich e do chàch an robh fios aca a bha ann. Cha robh fios aig neach. Ach thug iad an aire gun robh gob biorach air aon cheann dheth.

‘ ”S e Murchadh Friseal a thair an duine marbh. Chan aithne dhomh an duine idir, ach bha litir na phòcaid le ainms le sheòladh oirre. Litir bhon taigh-tasgaidh acur às leth gun dhfhalbh e le seann chuman agus ag iarraidh air an cuman a thilleadh air eagal an lagha. A bheil duine sam bith an seo aig a bheil ùidh ann an eachdraidh?”

Thuirt iad uile nach robh ùidh sam bith acasan ann an eachdraidh, seach ùidh chumanta a bhiodh aig neach ann an eachdraidh co-dhiù. Dhfhaighnich OToole dha carson a bha e afaighneachd na ceiste.

Chan e sibhse a tha mi aciallachadh. A bheil duine sa choimhearsnachd aig a bheil ùidh shònraichte ann an eachdraidh?”

Am proifeasair,” ars Aonghas. “Tha mi atuigsinn gu bheil mòran de sheann nithean agus de sheann leabhraichean aige.”

Am proifeasair?” ars Alfaidh Foirbeis. “Thugaibh mise chun aphroifeasair. an t-ainm a thair aphroifeasair?”

Tha Eòghann MacAilpein,” fhreagair OToole.

Inntinneach!” ars am Foirbeiseach. “Inntinneach dha-rìribh.”

Thàinig am proifeasair chun an dorais a fhreagairt gnogadh cruaidh OToole.

Eòghann MacAilpein?” ars Alfaidh Foirbeis, le ceist na ghuth.

“ ’S mi,” fhreagair am proifeasair.

Tha mi gad chur an grèim airson murt,” ars am Foirbeiseach.

Sheall MacLùcais agus OToole ris le iongnadh. Ciamar a burrainn dha an duine a chur an grèim gun eadhon ceist a chur air? an fhianais air an robh e astèidheachadh na gnìomha seo? ’S cinnteach gun robh caochladh sheòrsachan ceartais ann, ach bha teagamh mòr orra le chèile ach am be seo aon dhiubh.


[73]

Nuair ràinig iad an stèisean, ghabh OToole air faighneachd do Alfaidh Foirbeis ciamar a bha e afìreanachadh an rud a rinn e. Rinn Alfaidh Foirbeis casad bheag mus do fhreagair e.

Bi achraobh agus ainm aphroifeasair achiad rud a dhùisg mamharas. Craobh giuthais. Suaicheantas Chloinn Ailpein. A-nise, bhiodh fios aig aphroifeasair air sin. Agus tha cuimhne agaibh gun tug mi inneal iarainn a-nuas às achraoibh. Agus cha robh fios aig neach a bha an làthair an t-inneal a bha ann no carson a bhathar ga chleachdadh.”

Ged a bha Alfaidh Foirbeis amìneachadh aghnothaich dhaibh, gu dearbha cha robh e ga shoilleireachadh. Lean e air.

“ ’S e cromag a bha ann airson coinnlean giuthais a chumail, ged uaireannan bhiodhte acur nan coinnlean ann an dul no dhà san t-slabhraidh. Co-dhiù, chunnaic sibh gun robh gob biorach air an inneal iarainn, agus bhiodh iad asàthadh gob biorach na cromaig do sgàineadh ann am balla an taighe. Chuireadh iad an uair sin na coinnlean giuthais sa chromaig, agus chuireadh iad teine ri na coinnlean gus am biodh solas aca am broinn an taighe. Agus abair solas bòidheach cuideachd ... agus tha fios aig aphroifeasair air sin.”

Bhris OToole a-steach don chunntas.

Ach chan eil mi atuigsinn, eadhon ged a bhiodh na tha thu ag ràdh ceart, agus chan eil adhbhar agam a chaochladh a chreidsinn, ciamar a tha gnothach aig sin ri ciont aphroifeasair a dhearbhadh. Agus ma mharbh e Murchadh Friseal le cromag nan coinnlean giuthais, carson a dhfhàg e achromag anns achraoibh?”

Dhìochuimhnich e a toirt dhachaigh leis,” fhreagair Alfaidh Foirbeis.

Dhìochuimhnich e a toirt dhachaigh leis?” arsa MacLùcais.

Seadh,” ars am Foirbeiseach. “Cha deach MacAlpein don choille a dhaon ghnothaich a-chum am Frisealach a mhurt. Ach chunnaic mi rud eile cho luaths a dhfhosgail e doras a thaighe dhuinn.”

bha sin?” dhfhaighnich OToole.

Bha iris bhon taigh-tasgaidh. Agus bha ainm air an iris mar urrasair an taigh-tasgaidh. Agus besan a sgrìobh an litir a fhuair


[74] mise ann am pòcaid an Fhrisealaich.”

Agus carson a chaidh am proifeasair don choille ma-?” dhfhaighnich MacLùcais, ’s gun e aleantainn chùisean ro mhath.

Chaidh,” ars Alfaidh Foirbeis, “a thional choinnlean giuthair. Duine neònach, a tha beò ann an linn a dhfhalbh. An tug sibh an aire nach robh eadhon dealan aige ann am broinn an taighe? ’S bhiodh e ag iarraidh nan coinnlean giuthais airson solasthiormaicheadh e iad ris an teine gus am biodh iad deiseil airson an taigh a shoilleireachadh nuair thigeadh an geamhradh. A-nise, an tuirt cuideigin gur ann le cromag nan coinnlean a mharbh e am Frisealach? Uill, cha bann. ’S ann a chaidh am Frsealach a thachdadh le ròpa a chur mu amhaich, an dearbh sheòrsa ròpa a bha aceangal agheata tron deach sinn gu doras aphroifeasair.”

Ach bha MacLùcais agus OToole fhathast acur teagamh sa ghnothaich. Thuirt iad ri Alfaidh Foirbeis nach robh cùirt san rìoghachd a dhìteadh duine sam bith air a leithid de theisteanas. Agus ciamar a bha Alfaidh Foirbeis cho eòlach air coinnleans air cromagan?

Cha robh sibhse san aon sgoil riumsa,” ars esan.

Agus innis rudeigin eile dhuinn,” ars OToole. “Ciamar a chaidh aig aphroifeasair air corp Mhurchaidh Friseil a thogal suas gu bàrr na craoibhe?”

Bann am bàrr na craoibhe a mharbh e e. Nuair chunnaic am Frisealach MacAilpein atighinn, bha e ag iarraidh a sheachnadh. Cuimhnichibh air an litir. Agus shreap e suas gu mullach na craoibhe. Agus chaidh am proifeasair suas às a dhèidh. A-nise cha robh dòigh aig Murchadh Friseal air tàrrsainn, ach a-mhàin le leum chun na talmhainn. Agus nan dèanadh e sin, bhriseadh e amhach. Mar sin, bfheudar dha fuireach sa chraoibh. Gun fhios don Fhrisealach, chuir am proifeasair an ròpa mu amhaich agus thachd e e.”

Chan eil mi fhathast acreidsinn,” ars OToole, “gu seas na tha thu ag ràdh ann an cùirt lagha.”

Ach chan èisteadh Alfaidh Foirbeis ri a leithid. Mus tàinig an gnothach gu cùirt, dhaidich am proifeasair gum bann mar siud


[75] a thachair. Uair eile bha an inntinn gheur aig Alfaidh Foirbeis air gearradh tro gach sgleò a bhiodh amùchadh inntinnean chàich. Thuirt cuideigin uaireigin gun robh comas aig Alfaidh Foirbeis an t-olc fhuasgladh fiù mus tachradh e! Tha bhliadhna dheug bho chunnaic e tro olc aphroifeasair, agus bann an-uiridh a chaochail Eòghann MacAilpein ann am Porterville.

Agus Deirdre agus Aonghas? ’S iomadh pinnt a ghabh iad san t-Sionnach Bhàn bho mhothaich Deirdre an toiseach doShaccheusann am bàrr na craoibhe giuthais.

title10.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page