[76]

11. An Duine

Cha robh dìth foghlaim air idir. Bhiodh e aleughadh leabhraichean nuair bha e òg, agus bhiodh e cuideachd asgrìobhadh bàrdachd. Bàrdachd mu na rionnagan, mu ghaol agus mu chogadh. Anns an oilthigh fhuair e bharrantas no trì ann an nithean co-cheangailte ri feallsanachd. Bha a dhealbh anns aphàipear-naidheachd agus gùn fada, dubh an oilthigh adòrtadh bho a ghuailnean. Bha rola aige na làimh agus ribean aceangal na rola. Bha dealbhan de fheadhainn eile anns aphàipear-naidheachd cuideachd, ach cha dfhuair iadsan ach rudan mar M.A. ann am Beurla.

Thàinig e dhachaigh nuair bha e mu dhà fhichead. Bha feusag agus falt fada air an uair sin. Chaochail athair agus a mhàthair goirid mus do thill e, agus thuirt e fhèin gun tàinig e dhachaigh a bhlàthachadh an taighe. Cha robh san teaghlach ach e fhèin. Cha do phòs e a-riamh, ach bha feadhainn acumail a-mach gun robh mac aige ann an Oxford. Cha be gun robh dragh aige bhiodh iad acumail a-mach, agus cha robh e air aire càil aideachadh riutha no a chleith orra. Cha robh esan acur dragh orra, ach air an sròinean a-mhàin.

Cha robh iad atuigsinn bha ga chumail beò, na aonar anns an taigh mhòr ud le na similearan. Agus an corra uair a chitheadh iad a-muigh e, bhiodh iad adèanamh an dìchill an sròinean a shàsachadh. Bha sin atoirt seòrsa de thoileachas dha, agus an tuilleadh toileachais nuair nach innseadh e dhaibh.

A h-uile Sàbaid bhiodh e afrithealadh na h-eaglais, ag èisteachd


[77] gu mionaideach ri gach facal a bha am ministear alabhairt agus acrathadh a chinn mur an robh briathran amhinisteir a rèir a smuaintean fhèin. Chuireadh e stad air amhinistear air taobh a-muigh na h-eaglais, agus thòisicheadh e afeallsanachd ris. Bha e acreidsinn gun robh uile rùintean an dàin falaichte an àiteigin anns na speuran. Ach bha e acreidsinn anns aBhìoball cuideachd.

Chan eil litreachas ann coltach ris,” theireadh e. “Agus smaoinich, tha cuid dheth cho aost ri na creagan.”

Bha e daonnan asireadh fiosrachadh mu nithean brìoghmhor na beatha, agus afeallsanachd mu na rionnagan. Sgrìobh e leabhraichean mu na rionnagan. Agus ann an iomadh dòigh eile cuideachd bha e eadar-dhealaichte bho mhuinntir abhaile. Bha e asmaoineachadh nach robh càil adèanamh dragh dhaibhsan ach ciamar a gheibheadh iad an cuid aran làitheil, ’s ma bha rudeigin milis air uachdar bha e na bfheàrr leotha buileach. Ach be theireadh iadsan gur ann a bha esan neònach na dhòigh agus nach burrainn do dhuine a bhith beò às aonais a chuid arain làitheil.

Cha bheathaich an t-aran an inntinn,” theireadh e.

Cha robh freagairt aca.

Bhiodh e afalbh abhaile agus còta fada, dubh air. Bha feadhainn ag ràdh nach robh stiall aodaich air fon chòta.

Na sròinean a-rithist,” theireadh e.

Agus bhiodh e aseinn leis fhèins e acoiseachd. Uaireannan stadadh e agus shealladh e suas don adhar, rionnagan ann no rionnagan às. An uair sins dòcha gum biodh e na ruith car greiseig mus gluaiseadh a shiubhal gu coiseachd a-rithist. Cha robh duine atuigsinn bha e aseinn. Bhiodh e ag ràdh gur e òrain a bha annta ann an cànan a dheasaich e fhèin, nach robh an cànan seo aig duine beò san t-saoghal ach aige fhèin, nach ionnsaicheadh e an cànan do neach eile, oir gum faodadh e rud sam bith a ràdh agus nach tuigeadh duine air thalamh e, agus gun robh e anabarrach feumail nuair bhiodh e ag iarraidh bruidhinn ris fhèin. Bha deagh cheòl anns aghuth aige. Bha feadhainn de na h-òrain rudeigin fada, ach bha iad uile aige air a theanga.

Bha fasanan eile aige nach robh muinntir abhaile atuigsinn.


[78]

Aig àm neadachadh nan eun dheigheadh e a-mach a shireadh an uighean, ach cha tugadh e ach aon ugh à nead sam bith. Reothadh e na h-uighean, agus chumadh e reòite iad. Bha e areothadh trì uighean gach bliadhna.

Bidh iad feumail nuair sgriosar na h-eòin,” ars esan.

Cha robh tiodhlacadh sa bhaile nach robh e afrithealadh, anns achòta fhada, dhubh. Bha e acreidsinn gun robh anam an duine mhairbh ag èirigh suas chun nan rionnagan, far am biodh e tèarainte gus an tigeadh an mòr, coltach ris an t-seirbheis a bha e fhèin atairgsinn do na h-eòin. Agus air a shlighe air ais bho thiodhlacadh bhiodh e alìbhrigeadh òraid do neach sam bith a dhèisteadh ris, agus do fheadhainn nach robh san èisteachd idir.

Aon thachair e ris amhaighstir-sgoile.

Am bi thu ag ionnsachadh dhaibh mu na rionnagan?” dhfhaighnich e.

Bithidh,” fhreagair am maighstir-sgoile. “Ach tha na rionnagan cho fada bhuainn shuas anns an adhar, agus chan eil tòrr de eòlas againn mun deidhinn.”

Chan eil crìochan air eòlas,” ars esan. “Agus tha iad cho fada bhuats is miann leat.”

Ghluais e air falbh, acoiseachd, astad, aruiths aseinn. Agus thòisich am maighstir-sgoile ag innse don chloinn mu na rionnaganfiosrachadh a fhuair e à leabhraichean. Cha robh feallsanachd am measg an fhiosrachaidh. Agus thòisich achlann ag atharrais air an duine. Bha fearg mhòr air amhaighstir-sgoile. Agus bha corraich mhòr air an duine.

Dhfhàs e tinn aig toiseach an earraich. Thàinig tinneas air mu nach cualas a-riamh roimhe. Shèid an làmh dheas aige gus an robh i cho mòr ri spaid agus sheac achas chlì aige gus an robh i cho beag ri spàin. Cha chuireadh neach sam bith ainm air an tinneas. Afàs agus aseacadh aig an aon àm. Bha e afeallsanachd mun tinneas.

Feumalachd na làimhe ga thraoghadh às achois,” ars esan.

Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn. Leabhar mòr leis an làimh mhòir. Chaidh an leabhar a leughadh air feadh an t-saoghail.


[79]

Cha robh nach robh e a-muigh, aruiths acoiseachd. Thòisich an làmh aseacadh agus achas afàs.

Feumalachd na coise ga thraoghadh às an làimh,” ars esan.

Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn. Chaidh an leabhar seo cuideachd a leughadh air feadh an t-saoghail.

Bhiodh e uaireannan aleigeil air gum be craobh a bha ann. Chòmhdaicheadh e e fhèin le duilleagan, agus dheigheadh e don phàirc a bha ann am meadhan abhaile. Sheasadh e an sin fad uair a thìde no dhà, aleigeil air gur e craobh a bha ann. Ach cha bu toigh leis nuair thigeadh faisg aira fhliuchadh na craoibhe! Agus nuair bhiodh aphàirc sàmhach, dhèigheadh e ri cuideigin a bha adol seachad. Bha daoine adol à cochall an cridhe agus iad asmaoineachadh gun robh na craobhan abruidhinn riutha. ’S cha tigeadh fiamh ghàire air, eadhon fo na duilleagan.

Cha robh rèidio no telebhisean aige idir. ’S cha bhiodh e aleughadh nam pàipearan-naidheachd na bu mhò. Cha robh ùidh aige anns na nithean a bha adol air adhart san t-saoghal.

Ma tha iad ag iarraidh an saoghal fhèin a chur bun-os-cionn, dèanadh iad sin, ach fàgadh iad mo shaoghal fhìn agamsa.”

Aon , mu bhladhna an dèidh dha tighinn don bhaile, chunnacas e acoiseachd an rathaid mhòir agus tunnag aige air sreing. Bha e acoiseachd air a shocair, oir bha e doirbh don tunnaig cabhag a dhèanamh. Tunnag mhòr, gheal agus casan buidhe oirre. Stadadh e an-dràstas a-rithist, agus bhiodh e abruidhinn ris an tunnaig. Cha robh fios aig neach sa bhaile carson a bha tunnag aige. Bha cait agus coin acasan, ach bha tunnag aigesan. Uighean, bha iad asmaoineachadh. Ach chan fhacas an tunnag bhon ud. Feòil tunnaig, bha iad asmaoineachadh an uair sin.

eile bha aige san taigh, a thuilleadh air tunnag na h-aon maidne? Cha robh fios, oir cha dfhuair duine de mhuinntir abhaile cuireadh a-riamh a dhol a-steach air an starsaich. Bha an taigh cho dùinte ris fhèin, cho glaiste. Bha cuimhne aca air an taigh nuair bha athair agus a mhàthair beò. Bha e coltach ri gach taigh eile sa bhaile. Ach cha dfhuair iad eòlas airsan a-riamh, eadhon nuair bha


[80] e na bhalach. An dèidh dha an sgoil fhàgail thug e bliadhnaichean afalbh nan oilthighean, acosnadh theisteanasan anns gach mar a dhfhàgadh e. Cha robh dragh aige den bhaile, a rèir coltais. Agus cha robh e atuigsinn carson a bha iad ga mheas neònach. Rinn e feum de na tàlantan a bhuilich Dia air a chum gnè a phearsa a shàsachadh. ’S ma bha càch asireadh sàsachadh ann an caoraichs bho bhith agabhail gnothaich ri an co-chreutairean, besan an neach mu dheireadh a dhfheuchadh ri cuing a chur air an saorsa.

Bhathar atilgeil air gun robh e gòrach, ach cha tuirt duine a-riamh gur e amadan a bha ann. Bu toigh leis a bhith acunntadh chlachan agus ag oibreachadh a-mach cia mheud bileag feòir a bha afàs ann an achadh le na bha afàs ann an ceàrnaig bhig a chunntadh. Bu toigh leis a bhith adèanamh nithean anns an robh ùidh aige fhèin. An robh sin ceàrr seach nach robh ùidh aig càch annta? Cha robh esan asmaoineachadh gun robh.

Dhfhuirich e sa bhaile mu chòig bliadhna. Rinn e imrich gun innse do neach gun robh dùil aige falbh. Tha e coltach gun robh e air falbh seachdain mus robh amharas aig muinntir abhaile nach robh e fhathast nam measg. Tha am baile sàmhach a-nise, gun neach ann a bhios acoiseachd sìos an rathad, aruiths astad, agus agabhail òrain nach burrainn do neach air thalamh a thuigsinn, ach e fhèin. Chan eil càil ann a-nise a chumas còmhradh ri muinntir an àite, a thuilleadh air na caoraichs air an aimsir. Agus tha iad uile ag aideachadh gun chaill am baile rudeigin luachmhor nuair dhfhalbh Ebeneezer. Be sin ainm, ainm a thug e air fhèin, oir bha e cinnteach nach biodh Ebeneezer eile sa bhaile nuair thill e. Agus cha robh, ’s cha bann a-mhàin a thaobh ainm.

Chan eil fios aig duine càite an deach e. A dhoilthigh eile, ’s dòcha. No eadhon gu ionad eile a dhoileanachadh dhaoine ann an oilthigh na beatha, a dhfhaotainn misneachd bho rionnagan àlainn achinn a tuath.

Tha muinntir abhaile an dòchas gun till e fhathast, oir tha iad a-nise den bheachd gun dhionnsaich iad mòran bho Ebeneezer, nach eil ri fhaotainn idir ann an leabhraichean.

title11.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page