[92]

14. Murchadh agus Ùistean

B’ ann san àrd-sgoil a thàinig Ùistean agus Murchadh air a chèile an toiseach. A-riamh bho chuir Mgr Caimbeul iad nan suidhe còmhla bha iad gu math mòr aig a chèile, an chuid nuair bhiodh iad acluichs nuair bhiodh iad ag obair. Bha iad glè fhaisg air an aon aois, ’s ged nach aithnicheadh iad a chèile roimhe cha bfhada gus na thuig iad gun robh ùidh aca anns na h-aon nithean. Agus bhiodh iad daonnan còmhla. Le chèile bha iad math air obair na sgoile, ’s cha robh fear seach fear na mheadhan air trioblaid do neach eile a-riamh.

Ach mus tàinig achiad bhliadhna gu ceann, thòisich Ùistean agearain le sgìths. Bhiodh e uaireannan cho sgìths gun robh e na dhuilgheadas dha coiseachd don sgoil. Ach chùm e air gus na dhfhuasgail an samhradh na saor-làithean fan comhair. ’S nuair dhfhosgail an sgoil a-rithist, thill Ùistean mar a thill càch, agus gu dearbha bann a bha Murchadh asmaoineachadh gun robh Ùistean acoimhead na bfheàrr. Cha robh teagamh am beachd Mhurchaidh nach robh saorsa an t-samhraidh air feum a dhèanamh do Ùistean, mar a rinn i dhaibh uile. Bha Ùistean dìreach mar fhear sam bith eile de ghillean na sreatha.

Ach cha do mhair sin ro fhada. An ceann còig no sia sheachdainean, thòisich Ùistean afàs sgìth a-rithist. Agus cuid de làithean cha burrainn dha an sgoil a fhrithealadh. Bha e ro sgìth airson gluasad bhon taigh. Chuir a mhàthair a dhiarraidh an dotair, agus thuirt esan gun robh tinneas air Ùistean. Bha sin follaiseach, shaoil a mhàthair,


[93] ach chaidh an dotair an urras gu leighiseadh fois agus tìm na bha ceàrr air.

Bhiodh Murchadh adol a shealltainn air Ùistean gach cothrom a gheibheadh e, agus bhiodh màthair Ùistein ag ràdh gun robh a bhith afaicinn Mhurchaidh atoirt togail inntinn do a mac. Ach cha robh Murchadh fhèin cho cinnteach, ’s ged nach robh e ach trì bliadhna deug a dhaois, bhiodh e ag ràdh gum bu chòir Ùistean a chur gu ospadal no gu àiteigin airson tuilleadh rannsachadh a dhèanamh mu a thinneas.

Ann am mìos no dhà dhfhàs Ùistean mòran na bu laige, agus a dhaindeoin iarraidh, bha an dotair ag ràdh gun robh e a-nis ro lag airson a ghluasad, gur ann a dhèanadh e cron airs gu dearbha nach be sin fheum. ’S bha dragh mòr air Murchadh mu staid a charaid.

mi dhut?” theireadh Murchadh ris, ’s e na shuidhe air oir na leapa san robh Ùistean na laighe.

An toiseach cha robh Ùistean ag iarraidh càil ach cuideachd Mhurchaidh. Bhiodh e afaighneachd bha atachairt san sgoil, ’s ciamar a bha na caraidean eile a bha còmhla riutha. Bhiodh Murchadh ag innse nan naidheachdan air fad dha, ach uaireannan cha bhiodh naidheachdan ann.

Ach mu dheireadh sguir Ùistean a dhfhaighneachd mu naidheachdan na sgoile. Bha cho fada bho bha e innte, smaoinich Murchadh. Agus chuir e iongnadh air Murchadh aon fheasgar, agus e ag innse mu rudan a thachair san sgoil an sin, nuair chuir Ùistean stad airs a thuirt e ris nach robh e ag iarraidh naidheachdan na sgoile a chluinntinn tuilleadh. Cha be a-mhàin gun chuir e iongnadh air Murchadh, ach rinn e dragh dha cuideachd. Ach cha do chuir sin bacadh air bho bhith atadhal air Ùistean. Bha an càirdeas a bha eatarra làidir, daingeann agus, ged bha iad le chèile gu math òg, bha tuigse shònraichte aca mu cho cudromachs a bha fìor chàirdeas. Agus mar a bfhaide a bha cùisean adol air adhart, bha tuigse aca mu nithean eile cuideachd.

Gach uair a thigeadh Murchadh bhiodh e afaighneachd do dhÙistean an robh sam bith ann a dhèanadh e dha. Mar bu trice


[94] cha robh, ach aon fheasgar dorch sa gheamhradh bha duan eile aig Ùistean. Am feasgar seo chuir Murchadh umhail air, cho luaths a chaidh e a-steach don t-seòmar. Shaoil e gun robh Ùistean air crìonadh bho chunnaic e roimhe e, ged nach robh ach bhon uair sin.

Tha,” ars Ùistean ann an guth sèimh. “Tha rud ann a thu dhomh.”

Rud sam bith,” fhreagair Murchadh. “A bheil thu ag iarraidh orm rudeigin a thoirt thugad às abhùth? Chan eil agad ach innse dhomh.”

Chan eil,” ars Ùistean, “Chan eil mi ag iarraidh càil às abhùth.”

Cha tuirt e facal eile airson mionaid.

S an ceann na mionaid: “Nach leugh thu dhomh dhà no thrì earrannan às aBhìoball.”

Cha robh fios aig Murchadh a theireadh e. Ach chunnaic e gun robh Bìoball air bòrd beag fon uinneig, agus shìn e a làmh a-machs rug e air aBhìoball. Chùm e na làimh e airson greiseig.

A bheil cuibhreann shònraichte ann a bu mhiann leat a chluinntinn?” dhfhaighnich Murchadh.

Chan eil,” fhreagair Ùistean. “Fosgail e an àite sam bith, agus leugh dhomh na chì thu air an duilleig.”

Dhfhosgail Murchadh am Bìoball. Be Leabhar an Taisbeanaidh a bha fa chomhair, agus an dàrna caibideil mu dheireadh. Agus thòisich Murchadh aleughadh:

Agus chunnaic mi nèamh nuadh agus talamh nuadh; oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis

Thug e sùil air Ùistean. Bha e follaiseach gun robh e ag èisteachd ri gach facal a bha Murchadh aleughadh. Lean Murchadh air, agus ràinig e an ceathramh earrann:

Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas , no bròn, no èigheachd, agus cha bhi pian ann nas

Thug e sùil eile air Ùistean. Bha a shùilean dùinte, agus nàdar de shìth do-ainmichte air a ghnùis. Ach bha e follaiseach gun robh e fhathast ag èisteachdagus ag èisteachd. Chùm Murchadh air gus an do ràinig e am facal mu dheireadh san leabhar mu dheireadh sa


[95] Bhìoball. An uair sin dhfhosgail Ùistean a shùilean air a shocair.

Tapadh leat,” ars esan san aon ghuth shèimh. “Ach is fheudar dhomh brath a ghabhail air do chàirdeas, agus aon ghealladh iarraidh ort.”

tha sin?” arsa Murchadh, ’s e acoimhead ri Ùistean tro na deòir agus e na laighe san leabaidh.

Geall nach bi thu asileadh dheur air mo shon-sa, agus geall dhomh cuideachdgeall gum bi thu aleughadh aBhìobaill dhomh às dèidh dhomh bàsachadh. Ged nach bi mise ann, bidh mi gad èisteachd.”

Thug Murchadh dha an gealladh. Thug e an gealladh do dheagh charaid, do charaid a bha acrìonadh agus esan afàs. Ach, ann an dòigh, bha Ùistean afàs cuideachd, afàs mòr ann an cridhe Mhurchaidh, afàs gu inbhe an fhìor chàirdeis.

an amhlacaidh sheas Murchadh còmhla ri càch anns achladh. Bha crith air leis an fhuachd. Choisich e dhachaigh na aonar, fada an dèidh do chàch falbh. Agus air an t-slighe dhachaigh, bha cuideigin no rudeigin ag èigheachd ris, aleughadh nam briathran a leugh e fhèin do dhÙistean.

Bhon uair sin, bliadhnaichean na dhèidh, biomadh adhradh a chuairtich Murchadh aig beul uaighe san dearbh chladh ud. Ach cha do dhfhàg e an cladh a-riamh gun a dhol a thadhal air Ùistean. Agus gach uair, dhfhàg e facal beag na dhèidh.

title14.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page