[96]

15. Cuimhneachain

Chan fhaca Ailean cogadh a-riamh. Gun teagamh bhiodh e acluinntinn mu chogaidhean, ’s afaicinn chunntasan air an telebhisean mu chogaidhean ann an dùthchannan fad às. Ach cha robh fios sam bith aige bha cogadh aciallachadh do dhùthaich no do shluagh a bha na lùib.

Bha fios aige gum bithist acuimhneachadh gach bliadhna air an fheadhainn a chaill am beatha anns na Cogaidhean Mòra. Ach do ghille nan ceithir bliadhna deug san aonamh linn thar fhichead, cha robh sin aciallachadh mòran. Bann a bha na nithean a bha e afaicinns acluinntinn adùsgadh barrachd cheistean na bha iad afreagairt. Cha be nach robh Ailean ga mheas freagarrach gun deigheadh cuimhne a chumail orrasan a chaill am beatha.

Bha cuimhne aig athair Ailein air cogadhs air bha air cùl cogaidh. ’S bhiodh e ag innse do Ailean mu chogadh. ’S bhiodh Ailean acur cheistean air athair.

A bheil fios aig an fheadhainn a bhàsaich gum bi sinn acuimhneachadh orra? A bheil feadhainn fhathast beò a tha sinn asmaoineachadh a tha marbh? Carson a bhios sinn ag ràdh nach fhàs iad aost mar a dhfhàsas sinne aost? Carson nach bi sinn acuimhneachadh air an fheadhainn a chaill am beatha aig Blàr Chuil-lodair? Ann an cheud bliadhna eile, am bi sinn fhathast acuimhneachadh? Ciamar is urrainn dhuinn a bhith acuimhneachadh air daoine nach baithne dhuinn? Carson a bhios sinn gan cuimhneachadh air na Sàbaid?”

Ged a bhiodh athair afeuchainn ri ceistean Ailein a fhreagairt,


[97] bha fios aig an dithis aca gun robh iad fhathast nan ceistean. Cha robh e furasta cogadh agus faireachdainnean dhaoine a mhìneachadh do ghille nach do dhfhiosraich cogadh. ’S ged bhiodh na gillean acluich air cogadh le na saighdearan plastaigs le na saighdearan fiodha, cha robh ann ach cluiche. ’S bhiodh Ailean asmaoineachadh ach an e cluiche a bhann an cogadh co-dhiù. Dhfheumadh athair aideachadh gun tàinig an smuain cheudna a-steach air fhèin cuideachd bho àm gu àm.

Aon Shàbaid Shamhna, chaidh Ailean agus athair a-mach chun na seirbheis a bhathar acumail aig acharragh-cuimhne. Bha mòran dhaoine an làthair, cuid dhiubh aost gu leòr airson a bhith sa chogadh iad fhèin. ’S bha an t-àite làn de fhlùraichean dearga nan cearcaill mu bhun acharragh-cuimhne. Bha ministear ann cuideachd, agus sìthean mòr dearg na bhroilleach.

Leugh Ailean na h-ainmean a bha air acharragh-cuimhne. Nach buabhasach na bhàsaich anns na cogaidhean. ’S bha iad uile cho òg. Agus, am beachd Ailein, cho neo-chiontach.

Leugh Ailean a h-uile ainm a chitheadh e air acharragh-cuimhne. Cha robh e ag èisteachd ris amhinistear abruidhinn mu chogadhs mu shìth, mu bheathas mu bhàs, mu dhòrainn is mu dhòchas. Bann a bha Ailean aleughadh nan ainmean. Bha an carragh-cuimhne acoimhead cho fuar. Agus am measg nan ainmean bha ainm a sheanar. Cha do rinn sin dragh dha, oir bfhada bho bha athairs a mhàthair air innse dha gun chaill a sheanair a bheatha ann am bàta-cogaidh. Bha fios aige cuideachd nach do lorgadh corp a sheanar a-riamh. ’S ciamar a bha fios aca gun robh e marbh? ’S dòcha gun robh a sheanair beò fhathast. Ma bha, bhiodh e gu math aost. Bha gu leòr de dhaoine beò eadhon gu ceithir-ficheads a deich. Ach bha ainm a sheanar air acharragh-cuimhne. Nach robh sin fhèin adearbhadh gun robh e marbh? No an robh? Cha robh Ailean cho cinnteach, ach smaoinich e gum bu bheag an tairbhe dha a bhith abeachdachadh air ceistean gun fhreagairtean. Ach, air an làimh eile, ’s dòcha gun robh na freagairtean ann, nan gabhadh iad an lorg.

Lean Ailean air aleughadh nan ainmean. Ach theab a chridhe


[98] leum às a chorp nuair chunnaic e ainm fhèin air acharragh-cuimhne. A-nise, bha fios aige ged a be ainm fhèin a bha e afaicinn nach be ainm fhèin a bhann idir. Ach, nan robh esan air a bhith ann aig àm achogaidh, ’s dòcha gu cinnteach gur e ainm fhèin dha-rìribh a bhiodh ann. Cha tuirt e facal ri athair, ach thòisich e asmaoineachadh. Càite am bitheadh e? San Fhraing? San Eadailt? Aig grunnd achuain? Ann an uaigh san fhàsach, gun leac, gun charragh-cuimhne ga chomharrachadh? Tuilleadh cheistean. Tuilleadh cheistean gun fhreagairtean.

Bha am bàta-cogaidh aseòladh am measg nam mèineans am measg nam bomaichean. Chunnaic na h-itealain Gearmailteach iad. Agus thòisich na bomaichean atuiteam, ’s bha iad agoil na mara mar a thuiteadh iad. Amhuir a bha cho bòidheach, ciùin bho chionn mhionaidean a-nise na biona-stùir do na h-itealain marbhtach. ’S bha srann oillteil aca os cionn abhàta. ’S bha na bomaichean atuiteam.

Chaidh am bàta a bhualadh. Bha iad alosgadh air na h-itealain, ach bha iad cho fada shuas. Dhfheumadh iad iad fhèin a dhìon. ’S bhuail boma bho bhoma am bàta, gus an deach am bàta na leth, ’s ann an tiotan bha am bàta briste agus sgìth air grunnd achuain. ’S dhfhalbh na h-itealain a shireadh cobhartach eile ann an cuan eile.

Cha tug duine dhiubh am beatha às. Bhiodh iad taisgte san tuaim ud fo thuinn gu crìoch tìme, ach aon chorp no dhà a shnàig air falbhs air dhòigh air choreigin a lorg solas an latha air uachdar nan tonn. Eadhon a-nis cha tigeadh dìomhaireachd achogaidh am follais. Dhaibhsan a bha air bòrd sguir an cogadh tràth, cogadh achogaidh agus cogadh na beatha. ’S cha bhiodh eadhon put no carragh-cuimhne far na sguir an cogadh.

Bha an t-seirbheis seachad. Cha robh neach air fhàgail ach Ailean agus athair. Dhaithnich athair air Ailean gun robh e air chall na chuid smuaintean.

Thug Ailean sùil mun cuairt, agus chunnaic e gun robh na daoine a-nise adol à sealladh air fàire. Dhfhairich e crith fhuachd adol troimhe. Agus sheall e ri na cearcaill de fhlùraichean dearga a bha aig bun acharragh-cuimhne. Smaoinich e gun robh an cogadh


[99] seachad airson bliadhna eile, agus gun robh dleastanasan dhaoine air an coileanadh air dhòighs gum biodh an cogaisean saor bho chogaidhean gus an tigeadh an ath Shamhains gus an deigheadh samhradh eile seachad.

Tiugainn, ’ille,” ars athair.

Sheas Ailean far an robh e car tiotain. Thug e às a bhroilleach an dìthean plastaig dearg aige fhèin, an dìthean dearg a thug athair dha nuair phut e bonn nota ann an canastair coigrich. Chuir e an dìthean aig bonn acharragh-cuimhne còmhla ri càch, agus chrom e a cheann, mar chuimhneachan air a sheanair agus air Ailean air choreigin leis na dhfhàlbh am bàs ann am mac-meanmhain cogaidh.

Thiormaich e a shùilean, agus choisich e fhèin agus athair a-mach, agus dhachaigh, don t-sìth.

title15.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page