[20]

2. An Saighdear

Nuair a chaidh Coinneach don arm le thoil fhèin, an dèidh dha an sgoil fhàgail, bha mothachadh aige mu na cunnartan a bha co-cheangailte ri a roghainn. Dhfheuch athair is a mhàthair ri a stiùireadh gu dreuchd eile, oir bha cuimhne aig athair air mar a chaill athair fhèin a bheatha ann an cogadh, eadhon ged nach do roghnaich e a bith na shaighdear. Ach bha Coinneach rag agus chan èisteadh e ri a phàrantan.

Nuair a bha Coinneach na bhalach òg bha e rudeigin ceannairceach, agus bha e doirbh do a phàrantan smachd a chumail air. Bhiodh e abriseadh uinneagan gun adhbhar sam bith agus bhiodh e amilleadh rudan a bha am broinn an taighe. Bann a shaoileadh neach gun robh sgrios san nàdar aige agus gun robh e afaighinn toileachas bho dhroch-ghiùlan. Cha bann aon turas a chaidh fhuadach às an sgoil airson a bhith asabaid agus airson feadhainn eile a bhrosnachadh gu sabaid. Blaigeard balaich, mar a bhiodh na tidsearan (agus feadhainn eile) ag ràdh. Bha deagh fhios aig muinntir Chreagaboist ris a bha e coltach agus bha truas gu leòr aca ri athairs ri mhàthair.

Bha fios aig pàrantan Choinnich nach tigeadh dreuchd sgoilearachd air am mac, oir bha an sgoil cho dubh dha ri cnap guail. Air an làimh eile, smaoinich iad gur iomadh duine òg a fhuair air adhart san arm, agus mu dheireadh dhfhalbh e lem beannachd gus beatha ùr a chruthachadh dha fhèin san rèiseamaid. Is dòcha gun deigheadh ceàird ionnsachadh dha, rudeigin a bhiodh feumail na bfhaide air adhart na bheatha.


[21]

Seachdain no dhà an dèidh dha an taigh-feachd a ruighinn, chuir e brath gu a phàrantan air fòn-làimhe, ach cha do leig e guth air mun chianalas a bha air tòiseachadh asuathadh ri inntinn. Dhfheuch e ri dreach an toileachais a chur air a ghuth, aleigeil air nach robh teagamh sam bith aige mun dreuchd a roghnaich e agus ag ràdh gun robh càirdeas air èirigh eadar e fhèin agus saighdearan òga eile san rèiseamaid. Bha e acumail a-mach riutha gun robh an trèanadh agus an obair inntinneach, agus gun deach gealltainn dhaibh uile gum faiceadh iad deagh chuibhreann den t-saoghal ann an ùine gun a bhith ro fhada.

Bann sa phàipear-naidheachd a chunnaic pàrantan Choinnich gun robh an rèiseamaid gu bhith air a cur gu Iorac fad shia mìosan. Iorac! Cha tàinig guth mun naidheachd sin bho Choinneach agus nuair dhfheuchadh athairs a mhàthair ri fònadh thuige, cha robh e afreagairt. Bha làmh an uachdair aig iomagain air spiorad pàrantan Choinnich, agus mar a bha na seachdainean adol seachad bann bu mhotha a bha ciùrradh abualadh air an inntinnean.

Cha mhòr gun robh latha nach robh na meadhanan afoillseachadh droch naidheachdan mun t-suidheachadh ann an Ioracsaighdearan òga gam marbhadh agus air an leòn. Agus cha bhiodh ainmean air an sgaoileadh gus an deigheadh innse don luchd-dàimhe. Bhiodh pàrantan Choinnich ag ràdh riutha fhèin gum bu mhath an naidheachd a bhith gun naidheachd idir, ach bha iad atuigsinn nach robh saorsa inntinne air a gealltainn na bu mhotha, no ann an dìth naidheachdan.

Chaidh seachdainean seachad agus cha robh guth air Coinneach, no bho Choinneach. Agus ged nach robh fios aig a phàrantan, chaidh Coinneach a leòn gu dona nuair spreadh boma ri taobh an rathaid air an robh e fhèin agus saighdearan eile asiubhal ann an tanca. Rinn am boma toll mòr san rathad agus chaidh an tanca a dhroch mhilleadh. Thachair an spreadhadh tuath air prìomh bhaile Bhaghdaid. Chaidh na saighdearan a thoirt gu ospadal-raoin sa bhaile. Bha feadhainn de chompanaich Choinnich air an leòn gu math na bu mhiosa na bha esan. Ach fhathast cha dfhuair a phàrantan fiosrachadh sam bith.


[22]

Dhfheuch na dotairean na burrainn dhaibh airson cofhurtachd a bhuileachadh air na leòintich, agus ged a chaill dithis dhiubh am beatha an ceann latha no dhà, thòisich piseach atighinn air càch. Be Coinneach fear den fheadhainn air an robh piseach atighinn, agus cha bfhada gus an robh e comasach dha suidhe an-àirde san leabaidh.

Dhà no thrì thurais gach , bha dotair Ioracach air an robh Hashima atighinn a shealltainn air. An dèidh do Hashima lotan Choinnich a fhrithealadh, dhfhuiricheadh i deagh ghreis abruidhinn ris bho thaobh na leapa. Mhothaich e nach robh i idir acur na h-ùine seachad còmhla ri na h-euslaintich eile a bha sìnte san t-seòmar. Mu dheireadh, leudaich co-chomann sònraichte eatarra. Bha Hashima na bu shine na Coinneach, ach bha i fhathast gu math òg airson a bhith na dotair. Bhiodh iad abruidhinn mu chogadh agus mu bhomaichean, oir bha deagh Bheurla aca le chèile.

Carson a thàinig thu an seo airson mo dhaoine a sgrios?” dhfhaighnich i.

Is e an t-arm a chuir ann mi agus cha burrainn dhomh diùltadh,” fhreagair Coinneach. “An t-arm agus an riaghaltas.”

Cha robh freagairt eile aige. Gheall e dhi nach robh fuath air thalamh aige do shluagh cumanta Iorac, agus cuideachd, coltach ris abhàrd Èireannach, nach robh gràdh sam bith aige orrasan a bha e ariochdachadh san dùthaich sin. Bha eagal air gun deigheadh an co-chomann a bha eatarra ma sgaoil, ach gach latha bha Hashima fhathast atighinn a chòmhradh ris.

Bhiodh Coinneach ag innse dhi mun dùthaich a dhfhàg e, mu làithean òige air an eilean agus mun dachaigh san deach àrach. Agus bhiodh ise ag innse dhàsan mu a h-òige fhèin, mun bhochdainn san deach a togail ann am baile beag faisg air Basra. Bha i a-riamh ag iarraidh a bhith na dotair agus rinn a h-athair gach a burrainn dha airson a miann a choileanadh. Thug i an dotaireachd a-mach ann am Breatainn. Ach chaidh a h-athair agus a màthair a mharbhadh le bomaichean Breatannach nuair a bha an cogadh na àirde. Cha robh sgeul aice air achòrr den teaghlach, air a peathraichean no air


[23] a bràithrean. Agus a-nis bha dachaigh bheag aice ann am Baghdad, faisg air an ospadal agus air a h-obair. Lìon a sùilean le deòir nuair dhinnis i achuibhreann seo de a h-eachdraidh do Choinneach. Agus dhaidich Coinneach ris fhèin gun robh e doirbh dhàsan smachd a chumail air a dheòir fhèin. Bha e uaireannan adèanamh dragh dha gur esan a spreadh am boma a dhfhalbh le athair agus le màthair Hashima, ach cha bhiodh fios aige air sin gu bràth.

Aon latha agus Hashima aig leabaidh Choinnich, thuirt i ris nach bfhada tuilleadh gus am faodadh e a dhol dhachaigh, oir bha e a-nis air fàs gu math na bfheàrr. Ach fhreagair Coinneach nach robh e idir ag iarraidh a dhol dhachaigh, gun robh e ag iarraidh fuireach ann an Iorac, ged nach bann airson tòiseachadh asabaid a-rithist. Thuig Hashima bha e aciallachadh, ach chuir i na chuimhne gum biodh e acumail leabaidh bho chuideigin eile a dheigheadh a leòn, oir bha fios gur iomadh leòinteach eile a bhiodh acur feum air frithealadh. Ach càite an deigheadh e nuair a bhiodh e deiseil airson an t-ospadal fhàgail? Chuir e acheist air fhèin mìle turas. Mu dheireadh, chuir e acheist air Hashima.

Thig a dhfhuireach còmhla riumsa,” ars ise. “Is fhada a tha mo dhachaigh bho bhith na lùchairt, ach tha àite innte dhutsa.” Cha do dhiùlt Coinneach an cuireadh.

Aig an taigh, san eilean, bha pàrantan Choinnich daonnan afeitheamh ri fios.

An cuala sibh càil an-diugh?” dhfhaighnicheadh Tormod an ath dhoras.

Cha chuala smid,” fhreagradh athair Choinnich. “Ged nach do dhinnis esan dhuinn, tha fios againn gu bheil e ann an Iorac, oir sin far a bheil an rèiseamaid aige. Agus tha fìor eagal oirnn nach eil cùisean idir soirbheachail. Cha chuala sinn guth bhuaidhe bho chaidh e ann, agus tha eagal ar beatha oirnn mu dheidhinn.”

Ach,” arsa Tormod, “nan robh achuid bu mhiosa air èirigh dha, tha fios agus cinnt gun cuireadh an t-arm brath thugaibh.”

Bheireadh sin beagan de dhfhaochadh do athair Choinnich, ach cha bfhada gus am biodh na smuaintean a buabhasaiche acur


[24] charan na inntinn a-rithist. Cha robh cadal na h-oidhche ach tearc agus cha robh tlachd aig athairs aig màthair Choinnich sa bhiadh. Gidheadh, bha e na sheòrsa de chofhurtachd dhaibh gun dhfheuch iad ri comhairle a thoirt air an t-arm a sheachnadh. Bhiodh iad asmaoineachadh air mar a bha e na reubaltach nuair bha e na bhalach beagagus be sin aon rud nach do dhatharraich.

Nuair a bha e comasach do Choinneach an t-ospadal fhàgail, chaidh e a dhfhuireach gu dachaigh Hashima. Bu tric a dhiarradh i air fios a leigeil gu athairs gu a mhàthair a dhinnse dhaibh càite an robh e, agus co-dhiù gun robh e fhathast beò. Ach bha Coinneach cho rags a bha e a-riamh.

Nuair a bhiodh Hashima a-muigh acoileanadh a dleastanais afritheal;adh nan euslainteach, bhiodh Coinneach asmaoineachadh mun dachaigh a dhfhàg e. Na bheachd-san, bhiodh cùisean na bfheàrr mura biodh fios aca càite an robh e. Ach bha fios aig comanndair na rèiseamaid càite an robh e. Bha e fhathast san arm, agus bhiodh greis mhath ann mus biodh e slàn gu leòr airson aghaidh abhlàir a thoirt air a-rithist. A-rèir coltais, bha an comanndair riaraichte gu leòr gun robh Coinneach afuireach còmhla ri Hashima gus am fàsadh e gu tur na bfheàrr, agus gheall e do Choinneach nach cuireadh e guth chun na dachaigh air an eilean.

Bha athair agus a mhàthair cinnteach gun robh Coinneach marbh no air chall. Agus aon latha cheangail iad rioban buidhe ri post geata an taighe, oir cha robh craobhan aca air an cuireadh iad rioban. Ma bha achoimhearsnachd acur feum air dearbhadh gun robh iad acuimhneachadh air am mac, bhiodh an rioban buidhe na dhearbhadh dhaibh. Ged a bha iomagain orra, bha fearg orra cuideachd. Carson nach robh e acur fios thuca, ma bha e beò? Carson nach robh an t-arm acur fios thuca, ma chaill e a bheatha? Bhiodh iad nan suidhe ùine mhòr aig an uinneig, asealltainn ris an rioban bhuidhe asiabadh anns aghaoith. Agus nam mac-meanmhainn chitheadh iad Coinneach acoiseachd suas an staran chun an dorais mhòir, atilleadh à Iorac na ghaisgeach.

Feumaidh mi deise an t-saighdeir a nighe nuair a thilleas e,” ars a mhàthair.


[25]

Cha tuirt athair facal, oir bha e cinnteach gur fhada mus tachradh sin, nan tachradh idir. Agus bhiodh e asmaoineachadh mu ghòraich achogaidh, mu dhaoine òga acall am beatha le bhith atoirt ionnsaigh air coigrich ann an tìrean cèine. Carson nach do chuir na h-Ioracaich fhèin às do Saddam? Carson a dhfheumadh Coinneach a dhol don dùthaich sin airson an cuideachadh? Smuaintean agus ceistean adol an lùib a chèile agus air chall ann an dorchadas na h-inntinne.

Uill, dhfhàs Coinneach gu math na bfheàrr. Agus dhiarr e air an arm a shaoradh le truacantas. Thuig an t-arm nach biodh Coinneach gu mòran feum tuilleadh sa bhlàr, a dhaindeoin an adhartais a rinn e. Agus dhaontaich iad gu faodadh e an t-arm fhàgail. Bha Hashima toilichte nuair a dhinnis e dhi, ach dhiarr i uair eile air fios a leigeil gu a phàrantan. Dhiùlt e sin a dhèanamh.

Aon fheasgar, an dèidh do Hashima tilleadh bhon ospadal, agus a dhinnis i dha gun robh tuilleadh Bhreatannaich air an togail leòinte bhon bhlàr, dhiarr Coinneach oirre a phòsadh. Cha robh e cinnteach ciamar a chaidh aige air briathran na ceiste a labhairt. Agus bha mòran cheistean rim fuasgladh fhathast. chanadh pàrantan Choinnich? chanadh luchd-eòlais Hashima ann an Iorac, nan cluinneadh iad gun robh i adol a phòsadh fear a bha afrasadh a luchd-dùthcha le bomaichean? Càite am pòsadh iad? Càite an dèanadh iad an dachaigh? chultar agus chreideamh a bha tur eadar-dhealaichte, ged nach robh creideamh adèanamh mòran dragh do Choinneach. Ach thàinig an aon fhreagairt a bha e asireadh.

Chuairtich ministear-airm na rèiseamaid seirbheis aphòsaidh an dèidh cùis-thagraidh bho Choinneach. Chuir e iongnadh air Coinneach gun dhaontaich Hashima ri a leithid de sheirbheis, stèidhichte air creideamh a bha gu math eadar-dhealaichte bhon chreideamh aicese.

Mu thrì seachdainean an dèidh aphòsaidh, bhuail bhoma an t-ospadal anns an robh Coinneach air a bhith na leòinteach agus anns an do thachair e ri Hashima. Chaill Hashima a beatha san spreadhadh, maille ri mòran eile. Bha Coinneach a-nis na bhanntraich, fada bho


[26] dhaoine a baithne dha, ann an dùthaich a bhathar asgrios le cogadh. Cha robh air ach Iorac fhàgail.

Nuair a ràinig e an t-eilean, bha neòil dhubha san adhar. Ach shaoil e nach robh iad cho dubh ri duslach na h-aimhreit a dhfhàg e. Chuir e roimhe nach innseadh e do neach sam bith mar a thachair dha bho dhfhalbh e don arm. Chan innseadh e mar a chaidh a leòn ann an Iorac, mu Hashima no mun phòsadh. Shaoil e gun robh gach a-nis cho fada bhuaidhe.

Mu dheireadh, ràinig e an staran. Chunnaic e an rioban buidhe air post agheata, agus an rioban aplacadaich anns aghaoith. A thuilleadh air an rioban, bha cùisean dìreach mar a bha iad roimhe. Chaidh e suas chun an dorais mhòir air a shocair agus e ag ràdh ris fhèin, “Chan innis mi, chan innis mi.” Ghnog e an doras, ged nach robh e cinnteach carson. Cha tàinig duine a fhreagairt gnogadh Choinnich.

Chaidh e gu cùl an taighe agus bha athairs a mhàthair an sin, beagan na bu taine na bha iad, shaoil e. Cha do mhothaich iad gun robh e air an cùlaibh gus an do rinn e casad beag. Theab laigse a thighinn orra nuair chunnaic iad e.

Càite an robh thu?” ars iadsan. “Càite an robh thu?” ars iadsan a-rithist.

Thall thairis,” fhreagair Coinneach, “dìreach thall thairis.”

title2.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page