[134]

21. MacGumaraid

Siuthad a-nise. Innis dhuinn dìreach ciod a thachair. Faodaidh tu gabhail air do shocair, ach innis a h-uile càil dhuinn.”

Biad sin briathran aphoilis. Bha dithis dhiubh annaon fhear le leabhar-notaichean air abhòrd air a bheulaibh, agus peann na làimh. Be am fear eile a bha abruidhinn. Bha sinn nar suidhe ann an seòmar beag, le dath glas air na ballachan, le uinneag bheag nach ceadaicheadh sealladh air an t-saoghal. Cha robh iarann air an uinneig idir. Bha iadsan nan suidhe aig aon taobh den bhòrd agus mise aig an taobh eile.

Chuir mi romham gum feumainn an fhìrinn innse dhaibh, eadar gun creideadh iad mi no nach creideadh. Nuair a chuir mi fios orra, bu bheag a bha de dhùil agam gu falbhadh iad leam. Cha burrainn dhomh gun fios a chur orramairidh an rud a chunnaic mi nam inntinn gu bràth.

Uill,” arsa mise, an dèidh casad beag no dhà, “seo dìreach mar a thachair ...

Chaidh mi don leabaidh ro mheadhan-oidhche, agus thòisich mi aleughadh leabhar mu eachdraidh beatha Stalin. An dearg bhlaigeard! Co-dhiù, cha bfhada gus na thòisich An Gille Sàmhach acagarsaich nam chluasan, gam thàladh gu saoghal eile, agus chuir mi an solas às. Bha mo sheòmar dubh, dorch. Cha fhaicinn fiù mullach an taighe, càil ach dorchadas dubh na h-oidhche. Cha robh eadhon snàithlean solais ag èaladh a-steach tro sgàineadh anns na cùirtearan. Ach cha do ghèill mi don Ghille Shàmhach air ball idir. Chuir rudeigin stad


[135] air a chuid cagarsaich.

Shuas os mo chionn, shuas san lobhta, chuala mi gleadhraich mar gum biodh cuideigin acoiseachd. ‘Aon de fhuaimean annasach na h-oidhche,’ arsa mise rium fhìn. Ach cha robh sin buileach afreagairt air na bha mi acluinntinn. ‘Radan,’ their sibhse, ’s dòcha. Ach cha chuala mise a-riamh radan le brògan air a spògan!

MacGumaraid! Smaoinich mi air MacGumaraid. An Comhairliche. Chaidh sinn a-mach air a chèile aig àm an taghaidh, oir bha sinn asireadh shaoghal is choimhearsnachd eadar-dhealaichte. Thachair mi ris a-staigh am baile bho chionn dhà no thrì làithean, esan na dheise agus na ad chlò, duine spaideil, agus mise nam luideagan làitheil fhìn. Bhruidhinn sinn ri chèile, oir bha sinn eòlach air a chèile bhor n-òige san àrd-sgoil. Agus tha esan a-nise àrd anns aChomhairle, shuas ann an nèamh air choreigin a tha ataitneadh ris fhèin.

Dhfhaighnich mi dha carson nach robh e acàradh nan toll anns na rathaidean. Thuirt e rium nach robh spaid aige! Thairg mise spaid dha, ach dhiùlt e mo thairgse.

Tuigidh sibh nach toigh leam MacGumaraid. Agus bha mi cinnteach gur e a bhanns an lobht os mo chionn ...

Bha e sa bhàta agus cuip aige na làimh. Bha am bàta làn de thràillean agus bha MacGumaraid abualadh nan tràillean leis achuip. Bha mi acluinntinn nan tràillean ag èigheachd os cionn fuaim fiadhaich, iargalt na mara, air an t-slighe gu Ameireaga. Bha cuid dhiubh cho lags gum bu ghann a bha an anail aca air iasad. Agus gach fear no gach a bha abàsachadh air bòrd, bha MacGumaraid agus càch gan sadail do uaigh fhliuch achuain. Bidh an cnàmhan gu sìorraidh aig grunnd na mara. Tha fois aca a-nise. Bha aon thràill air bòrd air an robh Bobo. Be duine tapaidh a bhann am Bobo, co-dhiù na bu tapaidh na mòran eile, agus cha robh MacGumaraid ga chuipeadh-san cho cruaidhs a bha e acuipeadh chàich. ‘Gheibh mi airgead mòr air Bobo nuair reiceas mi e,’ arsa MacGumaraid ris fhèin, ‘agus feumaidh e bhith slàn, fallain. Nach mi bhios beairteach.’

Agus sin mar bha e le luchd-obrach na Comhairle. Bhiodh e gan


[136] cuipeadh-san cuideachd, ach leis an teanga. Agus bhiodh e asadail cuid dhiubh do uaigh fhliuch ann an cuan an dìomhanais. Cha do pheacaich iad, a bharrachd air gun robh iad nan tràillean ag obair airson tuarastal truagh. Agus bu bheag diù MhicGumaraid càite am faigheadh iad aran làitheil, no gu dearbha am faigheadh iad idir e. Cha robh a chàirdean-san am measg tràillean na Comhairle ach tearc ... ”

Stad mi airson mionaid, a dhfhaicinn an robh iad gam chreidsinn. Ach cha robh an sùilean ag innse càil dhomh.

Lean ort,” arsa fear dhiubh.

Cha robh e ag ràdh mòran. Agus bha am fear eile asgrìobhadh.

Lean mi ormleis an fhìrinn ...

Bha an seòmar làn dhaoineIùdhaich agus truaghain eile nach robh atighinn a rèir feallsanachd an ama. Cha robh stiall aodaich orra, agus bha uiread dhiubh ann agus an seòmar cho beags gun robh iad asuathadh ri chèile. Fir agus mnathan agus clann. Fàileadh uabhasach. Shuas gu h-àrd aig mullach an t-seòmair bha toll beag. Smaoinich mi air na seann taighean dubhale toll sa mhullachbhiodh acheò adol a-mach tron toll. Agus an toll seo, ann am mullach an t-seòmairbann a bhiodh rudeigin adol a-steach, adol sìos an àite a bhith ag èirigh ...

Chaidh MacGumaraid agus Nàsach suas gu mullach an t-seòmair air an taobh a-muigh, agus shocraich iad iad fhèin ri taobh an tuill. Bha poca làn de chriostailean gorma aig MacGumaraid na làimh. Chuir e na criostailean sìos tron toll. Thòisich gas afalbh bho na criostailean, agus cha bfhada gus an robh gach truaghan a bha san t-seòmar rag mharbh. Rinn MacGumaraid gàire. Dhoibrich an gas. Dhfhalbh na truaghain. Glanadh eagalach. Rinn MacGumaraid gàire eile ...

Cha robh cùisean adol gu math ann an seòmar na Comhairle. Bha na cìsean ag èirigh. Bha aimhreit am measg dhaoine san togalaich mhòir. Turas no dhà a-null-thairis, a rannsachadh croitearachd ann am Pacastan, a dhfhaicinn ciamar a bha adol don Dalai Làma ann an còmhraidhean le Sìona, a chunntadh cia mheud duine a bha a’


[137] bruidhinn Gàidhlig ann am Bohemia ... Agus bha MacGumaraid air gach turas dhiubh sin ...

Bha am bàta mòr atulgadh gu cunnartach. Ged nach be MacGumaraid an sgiobair, bha MacGumaraid aig an stiùir. Bha na cnuic-eighre air bhog agus agluasad. Cha robh e furasta an seachnadh. Bha iad fuar agus bha iad cruaidh ... deamhnaidh cruaidh.

Bha an Titanic air chrith. Uilebheist mhòr. Bha an sluagh afulang, agus bha iad cinnteach gun deigheadh aChomhairle seo, an Titanic seo, fodha. bu choireach? ach MacGumaraid? Dhfheumadh rudeigin tachairt.”

Tha fios agad gu bheil casaidean cruaidhe, casaidean cudromach, nad aghaidh?”

Tha,” arsa mise.

Thachair an ceasnachadh feasgar an-.

Carson a mharbh thu MacGumaraid?” ars am poileas.

Chuir acheist iongnadh orm, oir cha do rinn mise ach fios a chur thuca air sgàth na chunnaic mi sa mhadainn. Dhinnis mi an fhìrinn dhaibh, mar a bha MacGumaraid acoiseachd le a bhrògan mòra shuas san lobht os mo chionn. Dhaontaich na poilis nach robh càil seach an rathad ri fhaicinn air achorpbha e dìreach na laighe an siudna shìneadh air lianag mo chadailair beulaibh mo thaighenuair dhèirich mis a sheall mi a-mach sa mhadainn.

Smaoinich mi air an dealbh a bha agam fhìn agus aig an t-saoghal air MacGumaraid. Ma mharbh mise MacGumaraid, bann leis an inntinn a mharbh mi e agus cha bann leis achlaidheamh no leis aghunna. Cha robh claidheamh no gunna rim faicinn. Dhfheumainn na daoine agus aChomhairle a shaoradh bho làmhachas-làidir an fhir a bha acuipeadh nan tràillean, adòrtadh nan criostailean tron toll a bha ann am mullach togalach na Comhairle. Chunnaic mi na tràillean agus chunnaic mi na h-Iùdhaich. Chunnaic mi na taighean dubha agus ceò ag èirigh tron mhullach suas don adhar. Ceò nach robh atachdadh nan daoine.

Agus bha mi a-nise an grèim aig na poilis, fo chasaid gun mharbh mi MacGumaraid. Bha iadsan a cheart cho gòrach riumsa, gus na


[138] thuig iad a bha atachairt. Agus nuair a thuig, thug iad mo shaorsa dhomh air urras. Dhùin na geatachan mòra le brag air mo chùlaibh, agus choisich mi sìos an rathad a-steach don ghrèin, gun dorchadas air fàire.

Ach cha robh mo choiseachd air mo thoirt glè fhada nuair a chunnaic mi MacGumaraid. Bha e acàradh nan toll san rathad le spaid air taobh a-muigh togalach na Comhairle.

Tha thu beò fhathast,” dhèigh e rium.

Tha gu dearbha,” fhreagair mi. “Ach bha leabaidh glè fhuar agam a-raoir ... agus cluasag glè chruaidh cuideachd.”

Ciamar a bha sin?” dhfhaighnich MacGumaraid.

Bha,” arsa miseseach gun chuir na poilis às mo leth gun robh mi air do mharbhadh agus gun dhfhàg mi do chorp air an lianaig air beulaibh mo thaighe.”

Thusa cuideachd?” arsa MacGumaraid. “Tha iad daonnan acur dhaoine an grèim, an dòchas gun tèid mo mharbhadh latha brèagha air choreigin. Ach is buan gach deamhainn!”

Rinn mi gàire, agus choisich mi air falbh ... bho MhacGumaraid ... agus bhon spaid ... chan eil fhios cuin a chluinneas mi an radan a-rithist. An radan le na brògan mòra air a spògan. Nos dòcha gur e cuideigin eile a chluinneas e!

title21.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page