22. Turas a’ Phrionnsa
Bhrùchd doras an taigh-òsta fosgailte agus còmhla ris a’ ghaoith leum am Prionnsa a-steach. Bhioraich gach neach a bha a-staigh an sùilean agus an cluasan.
“Crùn,” ars am Prionnsa. “Tha mi ag iarraidh crùn.”
Bha a leithid de dhùrachd a’ snàmh air feadh aodann, agus sheall na bha an làthair ri chèile. Ghabh iad truas ris. An coigreach a thàinig thuca ’s e a’ labhairt ann an Gàidhlig choimhich. Agus an truaghan ag iarraidh crùn!
“Gheibh sinne crùn dhut,” arsa fear dhiubh, “ge air bith dè cho doirbh ’s a bhios e dhuinn. Seallaibh, seallaibh fhearaibh, cuiribh ur làmhan nur pòcaidean ’s faicibh dè a th’ agaibh.”
“Chan eil agam fhìn ach dà sgillinn ruadh,” arsa fear eile, “agus cha robh crùn agam dhomh fhìn a-riamh.”
Chuir iad uile an làmhan nam pòcaidean mar a dh’iarr Seonaidh orra, ach eatarra cha dèanadh iad ach trì sgillinn deug. Ghabh Seonaidh an t-airgead na làimh agus shìn e a làmh a-null chun a’ Phrionnsa.
“Chan eil feum an sin,” ars am Prionnsa. “Cha dèan nas lugha na crùn a’ chùis dhomh.”
“Agus ciamar air an talamh a bheir sinne crùn dhut agus gun againn ach trì sgillinn deug?”
Bha càch san taigh-òsta a’ sealltainn ri Seonaidh, mar gum b’ e an ceannard a bha air a’ chomann a bha an làthair.
“Bheir,” ars am Prionnsa, “le fuil agus le beatha. Seallaibh cho
Sheall iad uile ri Seonaidh a-rithist, feuch dè a theireadh e. Ach cha robh Seonaidh ag ràdh smid. Gun teagamh bha am Prionnsa a’ coimhead onarach gu leòr, earbsach gu leòr, agus ged a bha crùn mòr, na bu mhotha na chunnaic iadsan a-riamh, nach bu mhotha na sin a cheannaicheadh e dhaibh ... nam b’ fhìor briathran a’ Phrionnsa.
Mu dheireadh thuirt Murchadh a bha ri taobh Sheonaidh air a’ bheing, ’s an aileag a’ tighinn air, air dha balgam den leann òl ro chabhagach, gun robh esan a’ smaoineachadh gum bu chòir crùn a lorg don Phrionnsa. Ghlaodh na bha an làthair gun robh sin ceart agus gun lorgadh iad crùn don Phrionnsa. Thug am Prionnsa taing dhaibh agus thuirt e riutha gun robh saoghal ùr a’ nochdadh air fàire. Ach dh’fhaighnich Seonaidh don Phrionnsa ciamar a bha iadsan, daoine bochda, a’ dol a chosnadh crùn dha. Cha robh eòlas aca air càite no air ciamar a gheibheadh iad a leithid sin de bheairteas.
“Seo mar a nì sinn e,” ars am Prionnsa. “Cuiridh sinn cuirm air chois, agus ann am meadhan na cuirme bidh sabaid. ’S e daoine làidir, treuna a th’ annaibh uile agus bidh grunn chuairtean againn san t-sabaid. Nì sinn an t-sabaid ri coigrich ... ri na daoine beaga, meanbha a tha a’ fuireach shìos an siud. Airson gach fear agaibh a bhuannaicheas, thèid dhà no thrì sgillinnean a chur ann am bogsa, agus, mar sin, gheibh mi crùn. Gheibh mise mo chrùn. A bheil sibh uile ag aontachadh ri sin?”
“Tha sinn ag aontachadh,” ars iadsan gu h-aon-ghuthach.
Agus thog iad orra an uair sin gu an dachaighean air leth a dh’ullachadh airson na strìth a bha air thoiseach orra, a dh’ullachadh airson beairteas. Dh’fhàg iad an leann a bha fhathast gun òl fuar anns na glainneachan.
“Nach e duine snog a th’ ann?” arsa Seonaidh ri Murchadh nuair bha iad a’ dealachadh aig crois an rathaid. “Chan fhaod sinn briseadh-dùil a dhèanamh air ... seall na gheall e dhuinn.”
An ath là chruinnich muinntir a’ bhaile aig an achadh, far an robh a’ chuirm agus an t-sabaid gu bhith. Bha gach nì air dòigh. Bha iad uile deiseil gu sabaid, agus bha am bogsa mòr an siud gus an t-airgead a shlugadh mar mhuc-mhara acrach. Bha, bha gach nì air dòigh.
Dh’ith iad agus dh’òl iad na b’ urrainn dhaibh, agus iad a’ smaoineachadh air na mìltean mòra a bha air thoiseach orra, na mìltean mòra a bha air falach sa bhogsa.
Chunnaic iad an fheadhainn a bha gu bhith nan aghaidh a’ tighinn a-nall gu meadhan an achaidh, agus fear mòr, reamhair air an ceann, e fhèin rudeigin coltach ri prionnsa. Ach cha robh esan a’ coimhead coltach ri gun robh crùn a dhìth air.
Mu dheireadh thall bhuail fear-an-taighe, air an robh Freastal mar ainm, clag mòr a chrithnich an saoghal. Bha an t-sabaid gus tòiseachadh.
Leum a’ chiad dithis gu taobh a-staigh nan ròpan, agus nuair bhuail an clag a-rithist chaidh iad an caraibh a chèile, fear a’ Phrionnsa agus am fear eile. Bha iad a’ gabhail da chèile, na miotagan cruaidhe a bha air an dùirn a’ bragadaich air cuirp a chèile. An ceann greiseag, siud an dàrna fear na shìneadh air an talamh. Cò a bhuannaich? Bhuannaich fear a’ Phrionnsa. Bha a’ chiad chuairt seachad, agus siud gliong an airgid anns a’ bhogsa. Abair ceòl agus fleadhachas.
Chaidh cuairt bho chuairt a chur, agus chaidh gach cuairt a bhuannachadh le fir a’ Phrionnsa. Ach bha aon chuairt eile ri a feuchainn.
Leum iad gu taobh a-staigh nan ròpan, ach mus d’ fhuair iad air tòiseachadh thuirt Freastal gum biodh e iomchaidh do fhear a’ Phrionnsa cothrom a thoirt don fhear eile a mhiotagan a thoirt dheth agus cothron nan dòrn a thoirt dha ... seach gun robh a leithid de bhuaidh aca a-nis. Chuir e comhairle ris a’ Phrionnsa, agus dh’aontaich am Prionnsa. Mearachd!
Chaidh na fir gu sabaid. Anns an èigheachd, dh’èirich a’ ghaoth
Chaidh na fir don taigh-òsta, far an robh iad an oidhche roimhe sin. Ach bha feadhainn a bha ro sgìth, cho sgìth ’s nach robh am pathadh orra. Agus thàinig am Prionnsa a-steach.
“Cha d’ fhuair sibh crùn dhomh,” ars esan. “Gheall sibh an crùn dhomh.”
“Ah,” arsa Seonaidh, “dè is urrainn dhuinne a dhèanamh a-nis? Bheir sinne gach nì a th’ againn ... ar beatha, ar fearann, ar dòchas. Thoirt leat iad uile, agus tha sinne gan toirt dhut le ar saor thoil.”
“Gabhaidh mi iad,” ars am Prionnsa. “Thugaibh dhomh iad uile. ’S fheudar dhomh a-nis cuairt bheag a ghabhail ach an èirich an duslach às mo cheann. Càite am faigh mi cobhair? Ach, tillidh mi, agus gheibh mi mo chrùn. Tillidh. Tillidh mi ... fhathast.”
Choisich e a-mach às an taigh-òsta, agus chaidh e sìos an rathad chun na h-oifise mòire a bha ri taobh a’ bhanca. Thug e sporan a-mach às a phòcaid agus chuir e pasgan notaichean air a’ chuntair.
“Seadh?” ars am fear a bha san oifis.
Sheall am Prionnsa ris airson greiseag.
“Single to Rome ,” ars esan.
title | 22. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |