26. An Litir
’S e feasgar na Sàbaid a th’ ann, ’s tha mi a-staigh nam aonar. Fhuair mi an litir agaibh an-dè. Bidh mi a’ leughadh ur litrichean dhà no thrì thurais. Tha an fheadhainn aig a bheil mi a’ fuireach anns an eaglais. Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil iad cràbhach idir, ach bidh iad a’ dol don eaglais a h-uile feasgar Sàbaid. ’S bidh e fhèin a’ dol sìos don bhàr a h-uile feasgar Sathairne. ’S e An Eala Dhubh an t-ainm a th’ air a’ bhàr. Cha bhi an deoch air idir nuair thilleas e, ach aithnichidh duine gun robh e ann am bàr. Bha mi fhìn ann am bàr an-raoir, anns a’ Choire Chopair. Cha robh mi ann am bàr a-riamh gu siud. Bha am pathadh orm. Cha do dh’òl mi ach leth pinnt de làgar. Cha robh e uabhasach math idir. Ach chuir e iongnadh orm na bha a-staigh de bhoireannach. Cha bhi na boireannaich a’ cur adan orra don eaglais an seo idir. Chan eil fios agam carson.
Tha e doirbh a chreidsinn nach eil ach trì mìosan bho dh’fhàg mi an sgoil. Cha do rinn mi glè mhath anns na deuchainnean, ach b’ e mo choire fhìn a bha sin. Cha do rinn mi obair gu leòr. Bhiodh sibh ag ràdh rium nach fhaigh duine càil an-asgaidh san t-saoghal seo, agus bha sibh ceart. Ach cha do dh’èist mi ribh. B’ fheàrr leam gun robh mi air a bhith ag èisteachd ribh. Ach chan urrainn dhuinn uile a bith nar dotairean ’s nar ministearan. Cò a chumadh na sràidean glan an uair sin, ’s cò a thogadh na h-ospadail anns am biodh na dotairean ag obair? Thuirt sibh rium uaireigin gum bu chòir dhomh a bhith nam mhinistear nuair dh’fhàsainn mòr. ’S bha mi a’ smaoineachadh air sin an-raoir nuair bha mi sa bhàr. Ach cha dèanainn ministear idir.
Chan eil mi deas-bhriathrach gu leòr airson a bhith nam mhinistear. Tha feadhainn ag ràdh gum bi ministearan a’ dol don bhàr an seo. Chan eil mi cinnteach gu bheil càil ceàrr air sin. Bha mise sa bhàr an-raoir, ’s chan eil mi a’ faireachdainn nas peacaiche air a sgàth. Tha feallsanachd eadar-dhealaichte an seo.
Tha an taigh sàmhach a-nochd. Ach bidh mi a’ coimhead a-mach tron uinneig, ’s tha daoine daonnan a’ coiseachd na sràide. Chan eil mi a’ tuigsinn càite a bheil iad uile a’ dol, no cò às a tha iad a’ tighinn. Eadhon feasgar na Sàbaid tha iad a’ coiseachd.
’S toigh leam a bhith a’ fuireach san taigh seo, ged tha e rudeigin aonranach aig amannan. Tha iad glè mhath dhomh. ’S tha am biadh math. Fhuair mi staoig gu mo bhiadh an-diugh. ’S buntàta. ’S glasraich. ’S an uair sin cèice a’ seòladh ann an ughagan. Bha e math. Bha e blasta.
Bidh mi a’ smaoineachadh air feadhainn a bha còmhla rium san sgoil. Tha cuid dhiubh a-nise air tòiseachadh san oilthigh. Bha iadsan ag obair na bu chruaidhe na bha mise. Is dòcha gum faic mi iad ma gheibh mi dhachaigh aig a’ Bhliadhn’ Ùir. Cha b’ urrainn dhòmhsa. Trì bliadhna eile a’ strìth ri foghlam. ’S math gu bheil mi an ceann mo chosnaidh.
Chan eil an obair dona idir. Chan eil am pàigheadh uabhasach math, ach nì mi an gnothach. Tha an fheadhainn a tha ag obair còmhla rium gu math gasta, ach tha Mgr Watson gu math cruaidh. Tha e coltach gun robh e san arm uaireigin. Bha mi a’ bruidhinn ris Dihaoine. Bha e a’ faighneachd ciamar a bha an obair a’ còrdadh rium. Bha sin gasta. Ged tha mi ag obair, tha mi fhathast ag ionnsachadh. Tha mòran dhaoine gun obair an seo. Cha bu toigh leamsa a bhith an seo gun obair.
Tha mi a’ feuchainn ri beagan airgid a shàbhaladh. Chan e gu bheil sin furasta air an tuarastal a tha mi a’ faighinn. Feumaidh sinn uile tòiseachadh aig an toiseach. Tha bàrr na craoibhe cho fada shuas, ’s tha mise ro òg fhathast airson tòiseachadh ga dìreadh. Ach ’s dòcha gun tèid agam air beagan a chur an dara taobh.
Bha mi duilich a chluinntinn nach eil Dòmhnall Mhurchaidh Òig
Geansaidh a bha sibh ag iarraidh orm fhaighinn dhuibh. Fhuair mi an t-airgead a chuir sibh thugam airson a’ gheansaidh, agus feuchaidh mi nach cosg e barrachd air deich nota fichead, mar a dh’iarr sibh. Ach cha bhi e furasta a dhol a-steach do bhùth aodaich agus geansaidh boireannaich a cheannach. An do ruith iad a-mach à geansaidhean anns na bùthan aig an taigh? Tha bùthan de gach seòrsa an seo. ’S bidh mi toilichte rud sam bith a chur thugaibh, cho fad ’s nach e gnothaichean bhoireannach a bhios ann. Is dòcha gun iarr mi air bean-an-taighe an geansaidh agaibh fhaighinn. No air aon de na caileagan a tha aig m’ obair. Chan eil fios agam dè a smaoinicheas iad. Co-dhiù, cuiridh mi thugaibh e, ’s tha mi ’n dòchas gun còrd e ribh.
Tha sibh ag ràdh nach eil an t-sìde uabhasach math. Bha ceò an seo sa mhadainn an-dè, ach bha i brèagha, soilleir an-diugh. Bha grian air choreigin san adhar, ach uaireannan cha robh na sgòthan a’ toirt urram dhi. Tha iad ag ràdh gur e aimsir fhliuch a bhios againn an seo a-màireach. Ach dè ma stiùireas Dia na siantan gu àite eile?
Siud Mgr Caimbeul agus a bhean a’ tilleadh. Tha mi an dòchas gun chòrd an t-searmon riutha. Bheir iad cupan tì dhomh mus bi àm cadail ann. ’S iongantach mur a toir co-dhiù. Bidh sinn a’ bruidhinn nuair bhios mi a’ gabhail tì còmhla riutha air an oidhche. Bidh sinn
Feuchaidh mi ri bhith a’ sgrìobhadh nas trice. Ach dè am math dhomh a bhith a’ sgrìobhadh mur eil càil agam ri ràdh? Tha e nas fhasa fònadh san là a th’ ann. Ach feuchaibh gum bi sibhse a’ sgrìobhadh, ’s ag innse nan naidheachdan. Tha mi a’ sgrìobhadh a-nochd seach gu bheil rud agam ri ràdh. ’S chan eil fios agam ciamar a their mi e. Tha mi cinnteach nach còrd e ribh. Ach tha mi an ceann mo chosnaidh, ’s chan e leanabh a th’ annam tuilleadh. Feumaidh an saoghal, mo shaoghal-sa, leasachadh ann an co-chòrdadh ri rùintean an dàin. Bu toigh leam gum biodh sibh ann, ach tha ur saoghal fhèin agaibhse. Ach is olc (agus is tearc) a’ ghaoth nach do shèid ann an seòl chuideigin. ’S a dh’aindeoin na thuirt mi mu dhuilgheadasan mun gheansaidh agaibh, tha fuasgladh a-nis air a’ cheist. Bidh mi a’ fuireach an seo, san taigh seo. Thuirt iad rium gum faodainn fuireach.
Tha mi a’ dol a phòsadh a-màireach.
title | 26. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |