27. An Dìomhanas
Bha cùisean doirbh do Niall nuair a chaill e obair. Bha e ag obair aig companaidh ann an Glaschu. Nuair dh’fhàg Niall an sgoil cha robh e ag iarraidh fuireach san eilean idir. Co-dhiù, cha robh obair mhòr sam bith a’ dol san eilean aig an àm. Bha e ga mheas fhèin gu math fortanach nuair fhuair e obair ann an Glaschu. B’ e obair oifis a bha aige agus bha i a’ còrdadh ris gu math. Bha mu ochd bliadhna bho thòisich e san oifis.
Aon là leugh e ann am pàipear-naidheachd gun robh am buidheann do robh e ag obair a’ dol a chur às do dhà cheud gu leth dreuchd. Bha e cinnteach nach biodh esan am measg nan daoine a bha a’ dol a chall an cuid obrach, oir bhiodh iad air fios fhaighinn mus nochdadh guth mu dheidhinn anns na pàipearan. Ach cha b’ ann mar sin a bha. Madainn a-màireach nuair chaidh e don oifis bha cèis dhonn air an deasg aige. Am broinn na cèise bha litir ag innse dha gun robh iad a’ gearradh sìos air àireamh an luchd-obrach, agus gun robh iad duilich gun robh esan air aon den fheadhainn a dh’fheumadh falbh. Thug iad taing dha airson na h-obrach a rinn e rè nam bliadhnaichean. Leugh e an litir dhà no thrì thurais mus do bhuadhaich an suidheachadh air. An uair sin, rinn e cnap den litir agus thilg e don bhasgaid i.
Feasgar, agus e a’ dol dhachaigh air an tiùb, bha e a’ coimhead nan daoine a’ tighinn air bòrd, agus a’ falbh nuair ruigeadh an trèana an ceann-uidhe. Bha e cinnteach nach do chaill iadsan an dreuchd mar a chaill esan. Cha b’ e gun robh iad a’ coimhead toilichte. Bhiodh iad sgìth, ’s dòcha coltach ris fhèin, an dèidh obair latha. B’ iomadh feasgar
Bha àite-còmhnaidh aig Niall air mhàl ann an Glaschu. Bha e cofhurtail gu leòr agus bha na nàbaidhean gasta. Bha e a’ fuireach ann am Partick, agus nuair ràinig an trèana Partick leum e dhith còmhla ri ficheadan eile. Còig mionaidean de choiseachd ’s bha e am broinn an taighe. Bha am màl daor, ach bha sin ceart gu leòr agus e a’ cosnadh. Rinn e dragh dha nach b’ urrainn dha am màl a phàigheadh ann am mìos eile. Cha robh aige ach mìos. Gun teagamh, dh’fheuchadh e ri obair eile fhaighinn, ach cha robh na h-obraichean ach tearc. Airson a’ chiad uair mhiannaich e gun robh e air a dhol a-steach airson a bhith na thidsear. Bha e math air saidheans san sgoil. Ach bha tàladh a’ chosnaidh ro làidir.
Fhreagair e iomadh sanas a nochd sanEvening Times. Ach cha d’ fhuair e obair. Cha robh duine no buidheann ga iarraidh. Agus dh’fheumadh e an taigh fhàgail. Sgrìobh e gu athair ’s gu a mhàthair a dh’innse dhaibh mar thionndaidh cuibhle an fhortain. Cuibhle a’ mhì-fhortain a bha innte a-nise. Dh’iarr iad air a dhol dhachaigh chun an eilein. Bheireadh iad biadh is leabaidh dha, ach cha b’ urrainn dhaibh obair a thoirt dha. Bha e taingeil gun robh iad ann. Ach bha fios aige nach robh mòran aca. Bha peinsean na stàite aca. Chumadh sin biadh agus blàths riutha. Agus ’s dòcha drama aig àm na Bliadhn’ Ùire. Cha robh beul cìocrach eile a dhìth orra. Ach bha iad càirdeil, coibhneil.
Agus nuair thàinig a’ mhìos gu ceann chuir Niall roimhe nach robh càil air a shon ach a dhol dhachaigh. Ach bha rudan aige ri dhèanamh mus fhalbhadh e. Dh’fheumadh e an taigh a sgioblachadh agus beannachd a leigeil le na càirdean. Thug iad dha tiodhlac de airgead a chumadh beò e seach gun chaill e a chosnadh. Bha an t-sùim a’ coimhead cuimseach, ach bha fios aige nach seasadh i ro fhada. Chuir e dheth aodach na h-oifis oir cha robh feum aige tuilleadh air. Agus an dèidh dha a bhiadh a ghabhail chaidh e sìos an rathad don bhàr. Bha iad uile an sin. Bha fios aige gum biodh iad ann. Bha iad ann a h-uile oidhche. ’S mus tàinig an oidhche gu ceann, bha iad a’ gabhail òrain. Feadhainn Ghàidhealach, feadhainn Bheurla agus feadhainn chrosta.
Bha a cheann goirt anns a’ mhadainn. Madainn fhuar, ghlas. Nuair a ràinig e Inbhir Nis bha am feasgar glas cuideachd. Agus fuar. A-màireach chitheadh e an t-eilean a-rithist. Agus chitheadh e athair ’s a mhàthair. Eadhon a-nise bha Glaschu fada air falbh bhuaidhe. Bha e mar nach robh e air a bhith ann a-riamh.
Agus bha Shirley cho fada air falbh bhuaidhe cuideachd. Cha do mhair sin ach trì mìosan. E fhèin is Shirley. An-diugh bha i mar bhruadar ann an eachdraidh. Ach bha cuimhne aige oirre. Bha e cinnteach nach robh ann ach i, ach mheall an saoghal e. Mheall Shirley e. Cha robh annsan ach eileanach bochd ag obair ann an oifis. Ach bha a h-aisling fhèin aig Shirley. Taigh mòr ann am Milngavie agus làithean saora ann an Teneriffe. Cha robh cuid seach cuid an comas Nèill. Cha robh na chomas ach gaol, ach cha robh sin faisg air a bhith gu leòr.
San taigh-òsta an Inbhir Nis, chuir e an oidhche seachad ag òl uisge-beatha agus a’ smaoineachadh. Corra uair smaoinicheadh e air Shirley. Agus air prìs an uisge-bheatha. Agus air an fhear a ghoid an t-airgead sa bhanca airBuchanan Street. An truaghan. Bha e cuideachd a’ smaoineachadh air an eilean. ’S air na bliadhnaichean a chuir e seachad san oifis ud ann an Glaschu. Thug e a-mach a leabhar-latha agus sheall e troimhe. Chunnaic e rud no dhà nach gabhadh a-nis an coileanadh. Pàrtaidh ann an taigh Sùsaidh Jenner air an
Thàinig dithis a-steach don bhàr. Fear agus tè. Ged nach robh Niall ag iarraidh a bhith a’ farchluais, bha na guthan cho àrd ’s nach b’ urrainn do neach gun an cluinntinn. Bha iadsan cuideachd a’ dèanamh air an eilean. Leig iad seachad na dreuchdan a bha aca ann an Glaschu gus am faigheadh iad sìth bhon t-saoghal anns an robh iad beò. Daingead! Esan a’ dèanamh air an eilean seach gum b’ fheudar dha, agus iadsan a’ dèanamh air seach gun robh iad searbh den bheatha a bha esan a’ sireadh.
Cha robh fios aige dè bha iad air a bhith a’ dèanamh. ’S dòcha gur i an obair acasan aon den mhòran air na dh’fheuch e. Cha robh iad a’ coimhead coltach ri eileanaich idir. Cha b’ ann a-mhàin air an cainnt a bha blas Gallta, ach air an snuadh cuideachd. Cha do dh’fhiosraich iad gaothan fuara nan eilean. Ach bha e an dòchas gun deigheadh gu math dhaibh le chèile.
Bha an aiseag gu math trang. Mòran de luchd-turais, smaoinich e. ’S dòcha gun robh feadhainn ann à Glaschu. À Partick? ’S dòcha gum faic e cuid dhiubh air an tiùb nuair bhiodh e a’ dol dhachaigh bho obair. Bha a cheann rudeigin goirt. Smaoinich e air Inbhir Nis, ’s air an dithis a chunnaic e a’ sabaid air an t-sràid nuair sheall e a-mach tron uinneig. ’S iongantach mur robh na cinn acasan goirt cuideachd. Agus bu mhath an airidh gun robh a cheann fhèin goirt. Dh’òl e cus den uisge-bheatha.
Air an aiseag chunnaic e feadhainn a dh’aithnich e. Bhruidhinn e riutha agus dh’innis e dhabh mar a chaill e obair. Thuirt iad ris gun robh iad duilich, ach cha do shaoil e gun robh co-fhaireachdainn nan guthan. Bha e cinnteach nach robh dragh aca. Agus dh’innis aon fhear dha mar a chaill e fhèin obair uaireigin. Bha am fear seo air a bhith ag obair air bàta a bha a’ seòladh a-mach à Abhainn Chluaidh. Aon oidhche ghabh e an deoch, agus thug sgiobair a’ bhàta a leabhraichean dha air ball.
Thug Niall sùil a-mach tron uinneig. Chitheadh e fearann an eilein agus chaidh e a-mach. Bha a’ ghaoth a’ sèideadh ’s bha an cuan rudeigin greannach. Bha e a’ faireachdainn neònach. Cha do dh’fhairich e mar seo a-riamh nuair bhiodh e a’ dol dhachaigh air làithean saora. Bhiodh e a’ dol chun an eilein le cheann san adhar, cha b’ ann tro mhòrchuis ach tro shàsachadh le a bheatha fhèin. Sin nuair bha obair aige. Ach a-nise bha e a’ tighinn ’s a’ fàgail saoghal air a chùl.
Thàinig athair ’s a mhàthair gu ceann an starain na choinneamh. Bha e a’ faireachdainn nach bu chòir dha a bhith aig an taigh air an eilean. Bha e gun dhreuchd agus gun dhòchas. Agus cha robh coire sam bith aige fhèin ris. Bha e a’ faireachdainn gun robh e air athair ’s a mhàthair a leigeil sìos. Cha tug e mòran dhaibh rè nam bliadhnaichean a bha e ag obair. ’S a-nise bha e an urra riutha airson biadh is deoch a chumadh beò e. Bha fios aige nach biodh obair ann dha air an eilean, oir bha fichead neach is còrr a’ feitheamh ri gach obair a nochdadh. Dh’fhairich e gur dòcha gum b’ e seòrsa de pheanas, de bhreitheanas, leis an robh an dàn ga bhualadh airson nach robh e cho math da phàrantan ’s a dh’fhaodadh e. Fhad ’s a bha e ag obair, bha deagh chosnadh aige, ach bha fealla-dhà a’ bhaile mhòir ro mhilis. A dh’aindeoin sin, chuir athair ’s a mhàthair fàilte air.
Mus robh e ro fhada aig an taigh, thòisich a chogais a’ dèanamh dragh dha. Bha fios aige nach robh e furasta da mhàthair biadh a cheannach do thriùir, agus sin air a’ bheagan a bha i fhèin agus athair a’ faighinn bhon stàite. Agus ged nach robh mòran aige, chuir Niall roimhe gum feumadh e a bhith ag ithe air falbh bhon taigh. Agus
Aon oidhche shuidh e sìos agus dheasaich e ceisteachan anns an robh còrr air trithead duilleag. Bha an ceisteachan, ma b’ fhìor, a’ sireadh beachdan an t-sluaigh mu nithean cudromach an t-saoghail. Diadhachd agus poilitigs. Cogadh agus gaol. Agus thòisich e a’ falbh nan taighean leis a’ cheisteachan, ag ràdh ri daoine gun robh e a’ rannsachadh am beachdan mu chor an t-saoghail, ma b’ fhìor gun robh dreuchd aige a’ falbh a’ faighneachd cheistean. Agus bha na daoine a’ freagairt nan ceistean. Agus bha na daoine gu math gasta ris. Thairgeadh iad tì no cofaidh dha. Agus ghabhadh e an tì agus an cofaidh ’s rud sam bith eile a thairgeadh iad dha. Ach b’ fheàrr leis gun robh e fhathast ann an Glaschu. Ann am Partick. A’ falbh ’s a’ tighinn air an tiùb. ’S an uair sin dheigheadh e dhachaigh, agus bhiodh e ag ràdh ri mhàthair nach robh an t-acras air, gun d’ fhuair e làn a bhroinn de bhiadh anns na taighean air an robh e a’ tadhal. Agus bha a chogais na bu shocaire, oir chan fheumadh a phàrantan a bhith a’ caitheamh an cuid airgid air biadh a chumadh esan beò.
Mhair sin fad mhìos gus na ruith e a-mach à taighean, ’s gus an robh de fhiosrachadh aige mu bheachdan dhaoine na lìonadh leabhar. Dh’fheuch e ris an fhiosrachadh fhoillseachadh ach an dèanadh e beagan airgid às, ach cha robh duine ag iarraidh an fhiosrachaidh. Aon uair eile bha a bheatha an eisimeil athar ’s a mhàthar.
Aon mhadainn thuirt e riutha gun robh e a’ dol a thilleadh a Ghlaschu. Cha robh iad idir toilichte, ach dh’fhalbh e a dh’aindeoin sin. Cha robh mòran airgid aige, ach fhuair e a Ghlaschu còmhla ri fear a bha a’ dràibheadh làraidh. Nuair ràinig e Glaschu chaidh e gu far an robh Shirley a’ fuireach. Ach cha tàinig neach chun an dorais. ’S dòcha gun robh i air an t-àite fhàgail. Cha robh fios aige. Agus cha robh àite aige san cuireadh e an oidhche seachad. Dh’fhalbh e cuairt air chois. Chunnaic e Shirley aigBlythswood Square, na seasamh air oir sràide. Cha do bhruidhinn e idir rithe. Is dòcha gun chaill ise a h-obair cuideachd. Chùm e air a’ coiseachd, a’ cur charan ’s a’ cur
Nuair thàinig a’ mhadainn, bha am baile mòr a’ beòthachadh. Bha daoine gun ghnùisean agus gun ainmean a’ gabhail seachad. Agus an ceann ùine chunnaic Niall feadhainn a dh’aithnich e. Shirley. Athair. A mhàthair. Sùsaidh Jenner. Robin. Geoff agus Belinda, is aodach bainnse orra. Jackie, a bha cho snog agus cho faoin. Chuir iad uile flùr geal air a’ bheing air an robh e a-nise na shuidhe. Ach bha fios aige nach fhaca e ach ìomhaighean.
Thàinig fear-siubhail salach agus shuidh e ri taobh Nèill air a’ bheing. B’ e Wilberforce an t-ainm a bha air.
“Seachd iongnaidhean an t-saoghail,” arsa Wilberforce, ’s e a’ coimhead nam flùraichean.
“Ach tha ochd dhiubh ann,” fhreagair Niall.
“Tha,” arsa Wilberforce. “Sin an t-ochdamh iongnadh.”
“An t-ochdamh iongnadh?” arsa Niall.
“Seadh,” arsa Wilberforce. “Falbh thusa chun na h-oifis san robh thu ag obair. Tha do dhreuchd an sin a’ feitheamh riut.”
An uair sin dh’èirich Wilberforce agus dh’fhalbh e. Cha robh Niall air fhaicinn a-riamh roimhe, seadh mur robh e uaireigin air an tiùb.
Nuair ràinig e an oifis, shuidh e aig an t-seann deasg. Bha i dìreach mar dh’fhàg e i, ach gun robh cairt dhathte na seasamh na meadhan.
“Cha ruig breithneachadh an duine air dìomhaireachd a’ chruthachaidh,” ars a’ chairt.
title | 27. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |