[27]

3. Am Partaidh Purpaidh

Bann air an telebhisean a chuala Seumas Gilleasbaig MacSonachan an toiseach gun robh Taghadh Pàrlamaid air a ghairm. A-nise bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan daonnan deònach a bheachdan a chur an cèill, ge air bith an cuspair a bhiodh cuideachd anns an robh e adeasbad, eadar gun robh mòran de eòlas aige air achuspair no nach robh. Agus mar bu trice, cha robh! Agus bheireadh na seachdainean ro na Taghaidh cothrom dha air a bheachdan fhoillseachadh mu gach cuspair fon ghrèin. Ach bha e adèanamh beagan de dhragh dha nach fhaigheadh esan mòran èisteachd an taca ris an fheadhainn a bhiodh aseasamh airson na Pàrlamaid. A chum an suidheachadh sin a leasachadh, nach ann a chuir Seumas Gilleasbaig MacSonachan roimhe gun seasadh e fhèin airson na Pàrlamaid.

Bha fios aige nach gabhadh gin de na partaidhean àbhaisteach gnothach ris, agus co-dhiù bfhada bho thagh iad an fheadhainn a bha gu bhith gan riochdachadh san t-strì a bha air thoiseach orra. Dhfheumadh e partaidh ùr a stèidheachadh. Agus sin an rud a rinn e. Agus thug e Am Partaidh Purpaidh mar ainm air aphartaidh ùr. Lìon e na pàipearan iomchaidh agus chuir e a-steach iad ron cheann-latha mar a bha na riaghailtean ag iarraidh. Agus ged nach robh duine beò sa Phartaidh Phurpaidh ach e fhèin fhuair e gu leòr de luchd-taice a chuireadh an ainmean ris aphàipear.

Cha robh daoine atuigsinn carson a bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan aseasamh fo bhratach Partaidh Purpaidh. Bhatar a


[28] cumail a-mach gun thagh e an t-ainm sin seach gun robh dath de ghnè air choreigin co-cheangailte ri na partaidhean eile, agus gun thagh e an dath purpaidh a chum faighinn air falbh bhon ghorm, bhon dearg, bhon bhuidhe agus bhon uaine. Agus cha deach e air chall air cuid gun robh ceanglaichean rìoghail aig an dath purpaidh. Ach cha robhar acreidsinn gun robh eadhon Seumas Gilleasbaig MacSonachan cho mòr às fhèin agus gun taghadh e an dath air an adhbhar sin.

Bann an uair a dhfhoillsich e am pàipear a bha acur a-mach poileasaidh aphartaidh a dhfhiosraich daoine carson a thagh e an t-ainm. A rèir aphàipeir sin bha gach litir a bha san fhacal purpaidh ariochdachadh rudeigin: p airson plaideachan, u airson uisge, r airson rocaidean, p (eile) airson piseagan, a airson adan, i airson iasg, d airson drochaid agus h airson Hiort. Agus chuir e sìos poileasaidh fa chomhair fear dhiubh sin.

Chùm e achiad choinneamh ann an Talla Bhaile na Circe. Chaidh a chur às leth Baile na Circe uaireigin gun dfhuair am baile an t-ainm mar chomharradh air meudachd eanchainnean nan daoine a bha afuireach ann. Biodh sin mar a bhitheas e, ach bha an talla làns acur thairis am feasgar a bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan adol a dhiompachadh sluagh abhaile gu bhith acreidsinn anns na nithean a bha esan acur fan comhair. Bha a bhean, Màiri Belinda NicSonachan, agus a dhithis mhac, Ferdinand agus Seonaidh Donaidh, asgaoileadh bhileagan mun Phartaidh Phurpaidh aig doras na talla. Agus abair gun robh na bileagan grinn, snasail. Bha dealbh de Sheumas fhèin orra, agus bòst gur e an aon cheannard partaidh a chùm Coinneamh Taghaidh ann am Baile na Circe a-riamh. Chòrd sin ri muinntir Bhaile na Circe. Agus bha mòran sna bileagan mu phlaideachan, mu uisge, mu rocaidean, mu phiseagan, mu adan, mu iasg, mu dhrochaidean agus mu Hiort.

A-nise cha robh cuid de shluagh Bhaile na Circe uabhasach cinnteach an seòrsa coinneamh a bha Seumas adol a chumail. Spleogag Murdag aGhreusaich i fhèin ann an aodach dubhs ann am brògan mòra, agus thug i leatha Bìoball gun fhios nach robhar a


[29] tarraing a coises nach e aon de choinneamhan ràitheil amhinisteir a bha gu bhith san talla. Agus chuir Meubail Dhòmhnaill Put oirre dreasa bhrèagha fhlùranach gun fhios nach sealladh Seonaidh Donaidh rithe, oir chunnaic i a dhealbh anns aphàipear-naidheachd agus bha i asmaoineachadh gun robh e uabhasach eireachdail.

Co-dhiù, thòisich achoinneamh, agus bha Am Plumadair anns achathair. Dhinnis Am Plumadair don chruinneachadh gun robh Taghadh Pàrlamaid gu bhith ann a dhaithghearr agus gur e am fear a bha ri thaobh air an àrd-ùrlar, Seumas Gilleasbaig MacSonachan, a bha aseasamh airson aPhartaidh Phurpaidh. Dhfheuch e ri mòran eile innse dhaibh cuideachd gus an do sheas maighstir-sgoile Bhaile na Circe ann am meadhan na talla a chur an cuimhne aPhlumadair nach bann ga èisteachd-san a thàinig am mòr-shluagh cruinn am feasgar ud.

Mu dheireadh sheas Seumas. Bhruidhinn e le guth a dhùisgeadh na mairbh, seadh ma bha duine marbh an làthair. Agus ars esan, “Is misa-nis Seumas Gilleasbaig MacSonachan; ma bheir sibh dhomh bhòt cha bhi gnothaichean dona dhuibh; purpaidh mo phoileasaidh, purpaidh mo smuaintean; èistibh gu mionaideach riumsas na gluaisibh.”

Agus an dèidh dha na partaidhean eile san Taghadh a chàineadh gu cùl nan cluasan, thòisich e ag innse do na bha an làthair a dhèanadh esan dhaibh nuair dheigheadh (cha bann idir nan deigheadh) a chur don Phàrlamaid.

P airson plaideachan,” ars esan, “u airson uisge, r airson rocaidean, p airson piseagan, a airson adan, i airson iasg, d airson drochaid agus h airson Hiort. Cuiribh ri chèiliad, fillibh gu grinn iad; sibhse bhios math dheth, fuiribh gun cluinn sibh.”

Agus an uair sin sheas am maighstir-sgoile a-rithist.

P airson plaideachan,” ars esan. “ tha sin aciallachadh?”

Fhreagair Seumas Gilleasbaig MacSonachan mar a leanas: “A-nise tha an t-ainm atòiseachadh le ps tha sin aseasamh airson plaideachan. Nuair chuireas sibh mise don Phàrlamaid tha mise adol a thoirt plaideachan do gach neach sa bhaile a tha os cionn


[30] aois trì ficheads a còig ach am bi mi cinnteach gum bi iad blàth san leabaidh air oidhcheannan fuara agheamhraidh.”

Chòrd seo ri muinntir Bhaile na Circe agus thòisich iad ag èigheachds abualadh am boisean. Ach sheas am maighstir-sgoile uair eile.

Agus ciamar a tha thu adol a phàigheadh airson nam plaideachan?” dhfhaighnich e.

Aidh, ciamar?” dhèigh feadhainn eile, gu h-àraidh feadhainn nach robh eadhon afaicinn aois trì ficheads a còig air fàire.

Socair, socair,” arsa Seumas Gilleasbaig MacSonachan. “Bruidhnidh sinn air airgead nuair thèid sinn tron lìosta.”

Innis dhuinn mun dàrna litir. Innis dhuinn mun uisge,” arsa Murchadh Doileag.

Uill,” arsa Seumas Gilleasbaig MacSonachan, “tha mise adol a chruthachadh obraichean gu leòr an seo. Tha mi adol a chur air chois obraichean areic uisge ri na Sasannaich. Tha mòran a bharrachd uisge againne ga fhaighinn an seo na tha na Sasannaich bhochda afaighinn. nota air botal mòr agus crùn air sileagan. Èisteadh sibhsri Seumas còirs cha bhi an t-acras tuilleadh oirbh.”

An uair sin sheas nighean an Èireannaich.

mu na rocaidean?” ars ise. Be boireannach mòr a bha ann an nighean an Èireannaich. Cha bann do dhÈireannach a bhuineadh i idir, ach thug iad an t-Èireannach air a h-athair seach gun tug e trì bliadhna ag obair ann an Conamàra. Bha guth aice a bha cho àrd ris aghuth aig MacSonachan fhèin.

A-. Na rocaidean,” ars esan. “Tha mise adol a-null a dhAmeireaga agus tha mi adol a bhruidhinn ris aCheann-suidhe aca agus tha mi adol a dhiarraidh air sgur a bhith acur nan rocaidean suas don iarmailt. ’S iad na dòlais rocaidean sin a tha adèanamh nan toll anns an òson. Coma leibhse de na daoine gòrach a bhios atoirt a chreidsinn oirbh gur iad na canastairean anns a bheil stuth a chumas am fallas às na h-achlaisean a tha ag adhbhrachadh nan toll anns an òson. Rocaidean nan Ameireaganach a tha gan dèanamhs chan iad na canastairean.”


[31]

Lìon an talla a-rithist le fuaim bhoisean abualadh. Bha an gnothach acòrdadh ri sluagh Bhaile na Circe.

Agus càit a bheil na piseagan atighinn a-steach?” dhèigh Peigi Barabal, oir biad na piseagan a bha an dara p ariochdachadh.

Seo far a bheil na piseagan atighinn a-steach,” arsa MacSonachan. “Tha mise agealltainn do gach neach a tha afuireach leis fhèin gum faigh iad piseag ro cheann na bliadhna an dèidh dhòmhsa a bhith air mo thaghadh. A-nise, bidh sibh afaighneachd carson a tha mi an dùil seo a dhèanamh. Tha ma- gus nach bi na daoine a tha afuireach nan aonar afaireachdainn cho aonranach. Bidh piseag aca ris am bruidhinn iad, achs e tha math mu dheidhinn sin nach freagair aphiseag air ais iad.”

Miaow,” dhèigh cuideigin a bha san èisteachd. Thàinig fiamh ghàire air bilean MhicSonachain. Ach lean e air.

“ ’S tha sin gam thoirt chun na h-ath litreach ann an ainm aphartaidh. Sin a airson adan. Tha mise air mothachadh gu bheil mòran bhoireannaich san a thann adol dhan eaglais gun adan, agus tha mise ag iarraidh gu sguir an cleachdadh borb sin. Agus gheibh gach boireannach san àite leth-cheud nota gach bliadhna airson adan ùra a cheannach.”

Sheas Murdag aGhreusaich, agus chunnaic gach neach a bha san talla gun robh ad mhòr dhubh oirre. Chuir i a meur gu a ceann, a chomharrachadh gun robh ad oirrese.

Nach innis thu a-nise dhuinn mun iasg,” ars Am Plumadair.

Tha mi atighinn chun an èisg,” arsa MacSonachan. “Tha daoine ag ithe cus feòla. Feumaidh daoine iasg a bhith aca co-dhiù aon uair san t-seachdain. Bheir seo obair do na h-iasgairean. Atreabhadh achuain air oidhcheannan fuarair druim na mara aseòladh, cha bhi sinn gun bhiadh ma dhitheas sinn iasg a tharraingeas maraichair bòrd dhuinn.”

Bha mòran iasgairean ann am Baile na Circe. “O, nach àghmhor,” arsa na h-iasgairean.

Agus dhèirich an uair sin Uilleam Tobhtabhat. Dhfhaighnich esan bha an litir d adol a dhèanamh do Bhaile na Circe.


[32]

Arsa MacSonachan: “D airson drochaid. Bidh drochaid air gach sruthan. Bidh drochaid air gach allt. Gus nach tèid do chas a fhliuchadh nuair a shiubhlas tu a-nall. Chan eil mòran rudan san t-saoghal cho cudromach ri drochaidean. Bheir iad bho àite gu àite thu, eadhon bho bheachd gu beachd. Bho shuidheachadh gu suidheachadh. Cuimhnich gum faod thu do chasan a fhliuchadh ged nach biodh tu faisg air cuan no air uisge. Feumaidh sinn daonnan a bhith atogail dhrochaidean.”

Bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan atighinn gu deireadh an fhacail. Bha e a-nise adol a dhinnse dhaibh mu Hiort.

Agus Hiort,” ars esan. “Seo an dealbh a tha agamsa air Hiort. Bidh Hiort fhathast làn dhaoine. Bidh iad adol ann air saor-làithean. Bidh Hiort na champa mòr do luchd-turais, làn de ghoireasan mar thaighean-òsta, mar amaran-snàmha, mar phàircean-cluiche. Agus gheibh gach neach a tha san talla seo a-nochd cothrom aon uair sa bhliadhna co-dhiù air làithean-saora a chur seachad ann an Hiort. Riviera achinn a tuath. Riviera an taoibh siair. Sin an dealbh a tha agamsa air Hiort.”

Leum Uilleam Uilleam Uilleim gu a chasan.

Agus mun arm?” ars esan.

Fhreagair MacSonachan: “Cha chuir an t-arm dragh sam bith air an luchd-turais. ’S ann a bhios an t-arm feumail airson daoine a dhìon. Agus bidh iad acumail sùil air an àite nuair nach bi e cho trang fad mhìosan agheamhraidh.”

A rèir coltais bha muinntir Bhaile na Circe riaraichte gu leòr le geallaidhean MhicSonachain. Ach dhèirich am ministear, an t-Urramach Fearghas MacGille na Cutaig agus thuirt e ri MacSonachan gur e beachdan ionmholta dha-rìribh a bha aige sa phartaidh agus gun robh esan co-dhiù an dòchas gun soirbhicheadh leis aPhartaidh Phurpaidh agus le MacSonachan fhèin cuideachd. Ach bha ceist atighinn a-steach air ach carson nach do bhruidhinn MacSonachan mu rudan a leithid foghlam agus seirbheis na slàinte agus mu rudan eile den t-seòrsa sin mum biodh muinntir na Pàrlamaid abruidhinn sa chumantas.


[33]

O,” fhreagair Seumas Gilleasbaig MacSonachan, “fàgaidh mise rudan den t-seòrsa sin aig feadhainn eile. Nuair a dhfhàsas am Partaidh Purpaidh nas motha, bidh daoine sa phartaidh a bhios agabhail uallach airson nan nithean sin. Ach cuimhnichibh na rudan a thuirt mi ribh. Plaideachan. Uisge. Rocaidean. Piseagan. Adan. Iasg. Drochaidean. Agus Hiort.

Shuidh MacSonachan sìos. Ma shuidh, dhèirich càch. Bha iad uile ag èigheachd agus abualadh am boisean. Bha an sluagh riaraichte. Bha MacSonachan riaraichte. Agus nuair a bhàsaich an othail sìos, sheas MacSonachan air a chasan a-rithist.

Ars esan: “Dhèist sibh ri mo bheachds rim phrògram, ’s feuch a-nis nuair bhios sibh bhòtadh, gun cuir sibh crois aig mainm-sa; ’s ma bha sibhn dùil gun robh mi gòrach, mo bheachd gun dhfhàg mi agaibh dòchas, ’s na thuirt mi ribh nam sheanchas.”

Uill, thàinig latha an Taghaidh. Chaidh na croisean a sgrìobhadhs chaidh na croisean a chunntadh. Agus sin an latha a bhàsaich am Partaidh Purpaidh. Thug Seumas Gilleasbaig MacSonachan an car à dhà no thrì cheudan den t-sluagh. Ach cha robh sin gu leòr. Cha robh mòran aige ri ràdh nuair bhruidhinn luchd nan naidheachdan ris. ’S e bha cudromach dhasan gun robh àrd-ùrlar aige bhon cluinneadh e a ghuth fhèin.

title3.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page