30. A’ Phàrlamaid
A h-uile madainn, ach madainn na Sàbaid, nuair cheadaicheadh an aimsir e, bhiodh an ceathrar a’ coinneachadh aig bùth Mhurchaidh Ailig. Sheasadh iad aig ceann na bùtha a bhruidhinn mun t-saoghal agus mu na naidheachdan, mun aimsir ’s mu chogadh air an robh cuimhne aca, mu nì sam bith san fharsaingeachd air am b’ fhiach bruidhinn. Bhiodh iad ann – Seonaidh Chalum Aonghais Oighrig, am Piuchalan, Calum Bàn Dhail nam Muc agus Pàdraig a’ White Horse – an siud nan seasamh aig ceann bùth Mhurchaidh Ailig. ’S e ‘Pàrlamaid Mhurchaidh Ailig’ a bha aig a’ bhaile orra. Ach cha robh Murchadh Ailig fhèin a’ dol nan lùib idir.
“Ah, daingead,” ars am Piuchalan, “chan eil cogaidhean ann an-diugh mar a bh’ ann uaireigin. A h-uile càil, chohigh - tech. Dh’fheumadh làmh chinnteach a bhith againne air cùl a’ ghunna.”
’S shadadh e smugaid mhòr ghrànnda a-null don dìg.
“Tha sin fìor,” arsa Seonaidh Chalum Aonghais Oighrig. “Chan eil càil an-diugh a bhalaich ach an teicneolaidsidh. Sin an rud a tha a’ cunntadh. Bang – agus lorg fhèin an targaid.”
“Ach bha sinne math air a’ ghunna,” arsa Calum Bàn. “A’ dìon na dùthcha, a bhalaich. Sin a bha sinn ris. A’ falbh ’s gun sinn ach nar balaich. A’ dìon na dùthcha.”
“ ’N dùil an fhiach i a dìon fhathast?” arsa Pàdraig a’ White Horse.
Shad e a’ cheist a-steach an dèidh smugaid eile bhon Phiuchalan.
“O, ’s fhiach,” arsa Seonaidh. “Chan eil i mar a bha i, a nàbaidh, ach ’s fhiach i a dìon. Tha cus de mharbhadh is de mhilleadh a’ dol
“ ’S i ’n fhìrinn a th’ agad an sin,” thuirt am Piuchalan. “Too true,” ars esan. “Seall air an fhear a tha seo fhèin. Fosgailte a latha ’s a dh’oidhche. Càil ach an sgillinn. ’S gu leòr aige cuideachd. Tha dhà no thrì dhiubh sa bhaile seo. Càil ach an sgillinn ruadh.”
“ ’N dùil an aithnicheadh do sheanair am baile-sa an-diugh nan robh e a’ dol a thilleadh?” dh’fhaighnich Calum Bàn.
Cha deach a’ cheist a chur ri fear seach fear eile. Sgioblaich Seonaidh a bhonaid, agus fhreagair e.
“Huh, cha till mo sheanair-sa no do sheanair-sa, cha till gu dearbha. Dh’aithnicheadh e am baile ceart gu leòr. Cnoc an Fhuadaich. An Sruth Bàn. Agus Leac na Grèine. Ach dh’fhalbh na taighean dubha, a bhalaich. ’S an-diugh tha taighean mòra, brèagha ann, cho pois ’s a gheibheadh tu an àite sam bith. Cus airgid, a bhalaich. Daoine ro mhath dheth. Ach chan fhaca mi san eaglais a-raoir sibh.”
B’ e madainn Diluain a bha ann. Bhiodh Seonaidh a’ dol don eaglais a h-uile feasgar Sàbaid, ach cha bhiodh am Piuchalan, Calum no Pàdraig ga tadhal ach ainneamh. Cha b’ e gun robh Seonaidh fhèin uabhasach cràbhach na bu mhò. ’S cha do thuig càch an toiseach dè an ceangal a bha aig an rud mu dheireadh a thuirt Seonaidh ris a’ chòmhradh a bha a’ dol. Lean e air.
“Sin an dearbh rud air an robh am Moireastanach a’ bruidhinn a-raoir. Tha e a’ fàs gliogach, bròinean. Ach rinn e searmon mhath. Bha e a’ bruidhinn air sannt dhaoine ’s air gaol dhaoine air an airgead.”
“Och, chan e gaol an airgid idir a th’ ann,” fhreagair am Piuchalan. “ ’S ann a tha daoine ag iarraidh cofhurtachd dhaibh fhèin. Hùbhar, a bhalaich, an rud a th’ ann an-diugh ’s chan e sguab fraoich. Telebhisean. Fòn. Bucas a nigheas an t-aodach ’s fear eile a nigheas na soithichean. Seall na daoine bochda a th’ ann an Ruisia ’s anns an Sudan ’s an àitichean den t-seòrsa sin. Chan eil gin de na rudan sin aca. ’S ann a tha sinnewell - off, a bhalaich.”
Siud smugaid mhòr eile bhuaidhe. Dh’èirich i mar eun air iteig mus do thuit i don dìg.
“Tha thu ceart an sin,” arsa Pàdraig a’ White Horse. “Tha na daoine sin air an cumail sìos. Chan eil cothrom aca air a’ bhiadh fhèin. ’S e seim a’ choin a tha ann. Agus tha an aimsir nan aghaidh cuideachd, anns na dùthchannan tetha co-dhiù.
“Na dicteutairean, a bhalaich,” arsa Calum. “Sin an fheadhainn is coireach. Tha feum air riobholt no dhà anns na h-àitichean sin. Dìreach gabhail suas thuca agus grèim a ghabhail orra air sgòrnan. Crathadh math a tha dhìth orra. Carson a tha iad a’ cumail a’ bhìdh bho na daoine?”
“Chan eil fios againne,” arsa Seonaidh. “Cha tuig sinne e. Sinne a chaidh a thogail air bainne na bà ’s air an sgadan shaillte. ’S e bha math ’s chan e na canastairean a tha a’ dol an-diugh. An dearg phuinnsean. Làn cheamacails, a bhalaich. Tha sin a’ fàgail thinneasan ann nach robh a’ dol nar là-ne idir.”
“Tha,” ars am Piuchalan. “ ’S chan eil daoine a’ dèanamh gu leòr coiseachd. Cus chàraichean. Daoine a’ fàs leisg. Tha cuimhn’ a’m fhìn nuair bha mi òg, a’ coiseachd trì mìle don sgoil a h-uile là, ’s trì mìle dhachaigh. Ach cha tèid iad am fad fhèin an-diugh gun a dhol ann an càr. Cus cabhaig air an t-saoghal. Sin a th’ ann. Chan e càil eile. Boil gun sgur. Agus abair boil.”
“Dè tha i a’ dol a dhèanamh?” arsa Pàdraig.
“Dè tha cò a’ dol a dhèanamh?” arsa Calum.
“An aimsir,” arsa Pàdraig. “ ’N dùil dè tha i a’ dol a dhèanamh?”
Sheall iad le chèile ri na speuran. Bha an t-adhar a’ fàs rudeigin dorch san àird a tuath.
“ ’S iongantach mur a sil i ro bheul na h-oidhche,” ars am Piuchalan.
Smugaid mhòr, lèigeach eile. Theab Pàdraig faighneachd dha cò às a bha e gan toirt.
“Tha ’n t-sìde air atharrachadh,” arsa Seonaidh. “Na samhraidhean ’s na geamhraidhean a bh’ ann, chan iad a th’ ann an-diugh. Cus de stuthan gan leigeil às suas dhan an òson. Na ceamacails a-rithist, a bhalaich. Bha mi a’ leughadh anns a’ phàipear gu bheil na h-eurasails uabhasach dona dhan an òson. Chan fhiach càil an-diugh, a bhalaich, mur a bi e ann an canastair. Sin agad an conclùisean agam fhìn. Sin mo bheachd fhìn co-dhiù.”
“Chan e a-mhàin an t-sìde a tha air atharrachadh. Tha ’n saoghal air atharrachadh,” arsa Pàdraig. “Nuair a bha sinne òg, bhiodh sinn a’ bruidhinn na Gàidhlig. Ga bruidhinn fad na tìde. Ach a-nis cha chluinn thu i ach ainneamh, gu h-àraid aig an òigridh. An TBh is coireach. Agus ceòl. Agus na pàrantan. Tha feadhainn ann a tha a’ smaoineachadh nach eil iad pois gu leòr mur a bi iad a’ bruidhinn na Beurla. Ach nach do rinn Beileag Dhòmhnaill na h-Àirigh math aig a’ Mhòd?”
“Rinn i sin,” fhreagair am Piuchalan. “Clean sweepagusno messing,” ars esan. “Nach e Gàidhlig mhath a tha sin a-nise? ’N dùil an robh ceòl anns na daoine aice? Cha chreid mi gu bheil aon phong ann an sgòrnan Dhòmhnaill na h-Àirigh.”
Cha tuirt duine càil airson mionaid. Dheasaich Seonaidh a sgòrnan fhèin le casad beag.
“Hod, bha,” ars esan. “Bhiodh a seanair, seanair Bheileag, a seanair air taobh a màthar, a’ preseantadh san eaglais. Guth math aige cuideachd. Na fuinn gu lèir. Ach chan eil daoine ag èisteachd ri òrain an-diugh ann. Cha tig iad a-mach gu consairt no càil. Cus rubais air an telebhisean. Am faca sibh am program Amaireaganach a bha air oidhche Shathairne?”
“Dè am fear a bha sin?” arsa càch.
“Hoodlum Valley,” arsa Seonaidh.
“ ’S tha thu a’ dol a dh’innse dhuinn mu dheidhinn,” ars am Piuchalan.
“Uill, ma tha sibh ag iarraidh,” arsa Seonaidh. “ ’S e sgeulachd a bha còir a bhith ann, ach cha robh sgeulachd idir ann. Deoch agus murt agus boireannaich le drogaichean. ’S ceòl. Bha an ceòl cho àrd ’s nach cluinneadh tu dè bha iad ag ràdh. Smaoinich, uair a thìde ’s deich mionaidean a’ coimhead an rubais sin.”
“ ’S carson a bha thu ga choimhead mas e rubais a bh’ ann?” dh’fhaighnich Calum Bàn Dhail nam Muc.
“O, dìreach cur-seachad,” fhreagair Seonaidh. “Sin a tha ceàrr oirnn. Seallaidh sinn ri rubais sam bith.”
Chaidh càr seachad aig astar a bha uabhasach luath.
“Nì e siud call mus gairm an coileach,” arsa Pàdraig.
“Nì,” ars am Piuchalan, “ach ’s e as miosa gum faod e call a
“Boireannach a bh’ ann,” arsa Calum. “ ’S chan iad as fheàrr. Tha iad a cheart cho dona chun na deoch ri cuid de fhireannaich. Uaireigin, b’ e rud uabhasach a bha ann cluinntinn mu bhoireannach a’ gabhail na deoch. Sin agadequality, a bhalaich. Sin an saoghal a th’ againn. Saoghal an speuradair agus saoghal a’ bhoma.”
“Chan eil mi fhìn a’ smaoineachadh gun cleachd iad am boma gu bràth,” arsa Pàdraig. “Seadh Ruisia agus Amaireagad. Tha fios aca gum bi iad fhèin air an sgrios cuideachd. Cha bhiodh anns an t-saoghal an uair sin achdump, àite gun fheum.”
“A’ bruidhinn airdump,” arsa Pàdraig, “nach garbh na tha de chlosaichean chàraichean aig taigh Piseag Aonghais Òig. Chan eil càil an siud ach meirg. Carson nach eil e a’ faighinn buldòsair ’s gan sguabadh chun a’ chladaich?”
“Ah, fuirich mionaid,” ars am Piuchalan, “chan eil math a bhith a’ dumpadh sgudal air a’ chladach. Poluisean a tha sin, a bhalaich. A’ truailleadh a’ chladaich ’s a’ truailleadh na mara. Smaoinich air an iasg. Agus air na h-eòin. Na sgairbh. Na faoileagan. Tha sgudal gu leòr air a’ chladach às aonais càraichean na Piseig. ’S tha a h-uile seòrsa rud anns a’ mhuir. Ola. Sùireids. Cha bu chaomh leam fhìn a bhith nam throsg faisg air na cladaichean seo, a nàbaidh.”
“Cha bu chaomh gu dearbha,” arsa Seonaidh. “Nuair bha mise a’ seòladh ’s nuair bha mi san nèibhi aig àm a’ chogaidh, bha uisge na mara cho glan ri criostail. Ach chan eil uimhir de na balaich a’ seòladh ’s a b’ àbhaist. Seinnsdays. Chunnaic cuid againn an saoghal mus robh sinn fichead bliadhna a dh’aois. ’S e beatha mhath a bh’ ann. Chan eildoubtsam bith mu dheidhinn.”
Chunnaic iad Murdag a’ Ghlinne Dhuibh a’ tighinn a-nuas an rathad. Bha basgaid aice na làimh. A’ tighinn chun na bùtha. Ach bhiodh greis mus ruigeadh i. Bha na casan aice aost.
“Ah, seall air Murdag chòir,” ars am Piuchalan. “Chan eil rian nach eil i faisg air a’ cheithir fichead ’s a deich. ’S iomadh atharrachadh a chunnaic i fhèin na latha. An siud na h-aonar airson faisg air fichead
“Aidh, sin mar tha ’n saoghal,” arsa Calum Bàn.
Mu dheireadh, ràinig Murdag ceann bùth Mhurchaidh Ailig far an robh na seòid nan seasamh ’s a’ deasbad.
“Tha thu a’ tighinn a dh’iarraidh do mheasaidseas. Ciamar a tha Murdag an-diugh?” arsa Seonaidh.
“Thuige ’s bhuaidhe,” fhreagair Murdag. “ ’S dè na cuspairean a th’ aig a’ Phàrlamaid an-diugh?” dh’fhaighnich i.
Cha do dh’fhuirich i ri freagairt. Chaidh i a-steach don bhùth.
“Nach biodh e math a bhith òg a-rithist,” arsa Pàdraig.
“A bheil thu a’ ciallachadh òg san t-saoghal a th’ ann no dhol air ais gu saoghal d’ òige?” dh’fhaighnich Calum.
“Air ais gu saoghal m’ òige. Gu saoghal mo neo-chiontais. Gu saoghal mo shuirghe. Gu saoghal a’ charthannais agus a’ bhainne ghoirt. B’ iad siud na làithean, a nàbaidh. ’S cha till iad tuilleadh. Bha iad fèir eacsaileant, a bhalaich. A bheil cuimhn’ agaibh air na h-òrain? Chan eil. Bhithinn fhìn agus An Deanntag a’ dèanamh òrain. Tha cuimhn’ agam fhathast orra:
Thèid mi fhin ’s mo ghaol, Seasaidh Anna,
Thèid mi fhìn ’s mo ghaol, Seasaidh Anna,
Thèid mi fhìn ’s mo ghaol
Suas gu Rubh’ nan Craobh
Thar mhonadh àlainn fraoich is a’ chanaich.”
“Cha robh càil a dh’fhios agam gum biodh tu a’ dèanamh rabhdan,” ars am Piuchalan.
Cha do chòrd e ri Pàdraig gur e sin beachd a’ Phiuchalain air a chuid òrain.
“An Deanntag a rinn am fear ud,” ars esan.
“Ach dè a-riamh a thachair don Deanntaig?” arsa Calum. “Deanntag Eachainn Ruaidh. Dè riamh a thachair dha?”
“Och,” ars am Piuchalan, “tha fios againn uile dè thachair dha. ’S fhada bhuaidhe a-nis. Bha fios aig a’ bhaile gum biodh e a’ dol gu
“Sin dìreach mar a thachair,” arsa Seonaidh. “Cha bhi rudan èibhinn mar sin a’ tachairt an-diugh idir. Caractar a bh’ ann, a bhalaich. Rud eile nach eil ann an-diugh, bhiodh amadan anns a h-uile baile. Eil cuimhn’ agaibh air Guirean Màiri Agnes? Fìor amadan baile. Bhiodh e a’ falbh nan taighean ag iarraidh uighean ’s bhiodh e gan tiodhlaiceadh air an lot. Creusaidh, a dhuine.”
“Tha cuimhn’ a’m air,” arsa Pàdraig. “Cho soilleir ’s a ghabhas. Chan eil iad sin ann an-diugh idir. An rud nach d’ fhuair Niall chan iarrar air e. Dh’fhalbh na làithean sin, a nàbaidh.”
“Dh’fhalbh gu dearbha,” arsa Calum, “agus ’s iomadh rud a dh’fhalbh nan cois. Saoilidh mi fhìn gur iad an òigridh bu mhò a dh’atharraich. Bha sinne deamhnaidh ceart gu leòr, ach an-diugh ’s ann a tha iad olc. Seall airFingersUilleim Ruaidh an sin. Chan eil e ach ochd bliadhna deug, naoidhean, a dhuine, ’s tha e air a bhith sa chùirt ceithir turais airson a bhith a’ goid à taighean. Chan eil math dhut do dhoras fhàgail gun ghlasadh ma thaFingersa’ falbh na h-oidhche. Gheibh e ’m prìosan fhathast, ’s e a gheibh.”
Thòisich an t-adhar a’ fàs dorch agus thàinig an t-uisge. Bha an t-àm ann do Phàrlamaid Mhurchaidh Ailig a dhol ma sgaoil airson madainn eile. Bha mòran chuspairean rin deasbad fhathast.
“Chì sinn a-màireach sibh,” ars iadsan ri chèile gu h-aon-ghuthach.
Dh’fhalbh na bodaich, a’ cur sùil ri là eile, agus, mar a gheall iad, bha iad cruinn aig ceann na bùtha madainn Dimàirt.
title | 30. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |