[187]

31.Dominic

Nuair thàinig e a dh’fhuireach don bhaile an toiseach, cha robh fios aig daoine air mòran mu dheidhinn. Bha e suas mu leth-cheud bliadhna a dhaois, le feusag a bha atòiseachadh aliathadh agus le falt rudeigin fada. A rèir coltais cha robh e ag obair, ach bha a h-uile duine asmaoineachadh gun robh airgead gu leòr aige. Bha e air taigh Sheonaidh Bhig a cheannach, agus bha fios aig abhaile gun robh Seonaidh ag iarraidh ceud mìle nota air an taigh agus gun tuirt e uair is uair nach tugadh e seachad e airson aon sgillinn ruadh na bu lugha na sin. Agus nuair ghluais Dominic a-steach do thaigh Sheonaidh Bhig, cha bu bheag an àirneis is eile a ghluais a-steach na chois. Bha sin, agus prìs an taighe, adaingneachadh beachd abhaile gun robh Dominic an ìre mhath gu math dheth.

Cha robh e adèanamh mòran am measg an t-sluaigh agus cha bheannaicheadh e an dhaibh ach le seòrsa de ghnùstaich fo anail. Glè thric bhiodh e gu math fada gun èirigh sa mhadainn, agus bhiodhte ag ràdh nach robh e uair sam bith adol a chadal an a dhèireadh e. Co-dhiù, cha bhiodh neach sam bith ro fhada ann am Miongabost gus am biodh fios aig Miongabost uile bha agus nach robh e adèanamh.

Agus bha fios aca bhiodh Dominic adèanamh. Ach ged a bha am fiosrachadh aca, cha robh meud cho-ionann de thuigse aca an lùib chuid de na gnìomhan anns am biodh e an sàs. A-nise cha robh am fiosrachadh gu ìre ach acòmhdach nan nithean sin a bhiodh Dominic adèanamh air taobh a-muigh a thaighe ann am fianais an


[188] t-saoghail mhòir; cha burrainnear ach beachdachadh mu ciod a bha atachairt air taobh eile nam ballachan.

Ach bha aon fhear ann am Miongabost a fhuair tomhais de eòlas air Dominic. Be esan Aonghas Carach. Fhuair e cuireadh uair no dhà a dhol a bhroinn an taighe, agus cha be ruith ach cruinn-leum. A rèir Aonghais, ged bha e carach cha robh e breugach, bha broinn an taighe cho nàdarrach ri taigh sam bith eile sa bhaile, beagan na bu spaideiles dòcha, ach bha sin adearbhadh na beachd nach robh Dominic idir gann de stòras. Agus bhiodh Aonghas Carach ag innse do dhaoine eile ann am Miongabost mu chuid de na nithean air am biodh e fhèin agus Dominic abruidhinn. Cha bann le droch rùn no le cealgaireachd a bhiodh Aonghas adèanamh sin, ach seach gun robh cuid de na bha e afaicinn agus acluinntinn cho annasach, eadhon cho neònach, ‘s nach robh duine nàdarrach air thalamh a chumadh aige fhèin iad air cùl bhilean glaiste.

A h-uile , a shamhradh no a gheamhradh, aimsir nan seachd sian ann no às, nuair dhèireadh Dominic às a leabaidh be achiad rud a dhèanadh e a dhol a-mach a dhanns leis fhèin ann an cearcaill thuras timcheall an taighe. Dhèanadh e seo agus e fhathast na dheise-cadail. Agus ged bha e gu tur na aonar nuair biodh e ris an danns seo, bha a ghàirdeanan sìnte a-mach mar gun robh e adanns còmhla ri cuideigin. Agus bha a bheul adol gun sgur mar gun robh e abruidhinn ris an neach dho-fhaicsinneach seo a bha còmhla ris anns an danns, no a bha e, a rèir coltais, an dùil a bha còmhla ris.

Cha robh muinntir Mhiongaboist idir atuigsinn a bha agluasad Dhominic gus seo a dhèanamh.

Dìth mhòr na cèille,” arsa Màiri an t-Sruthain.

Tha e cho làn dheth fhèin,” arsa Murchadh Dhòmhnaill.

Chan eil mise cho cinnteach,” ars Iain na Cille.

Bha cuid den bheachd gun robh adhbhar air choreigin aig Dominic a bhith ris an dol-a- mach làitheil seo, eadar gun robh mòrchuis no dìth na cèille asuathadh ris no nach robh. Nach dòcha gum buineadh e do chreideamh neònach à tìr chèin. aige bha fios? Ach bhiodh cuid acur am beachdan fhèin an cèill mun ghiùlan aig Dominic. Bha


[189] Iain na Cille an ìre mhath cinnteach gun robh danns Dhominic co-cheangailte ris aghrèin ann an dòigh air choreigin.

Tha an talamh acur charan mun ghrèin,” ars Iain. “Nach dòcha gur e sin a tha na cearcaill ariochdachadh. Agus cuideachd bha cearcaill air cuid de na seann chroisean Ceilteach bha iad sin ceangailte ri creideamh.”

Ach cha robh duine acreidsinn na feallsanachd aig Iain.

mun danns, ma-?” thuirt cuideigin ris.

O, an danns,” fhreagair Iain. “Tha sin nas duilghe a thuigsinn. Ach bha mise aleughadh uaireigin mu rud air an robh Danns nan Iomadh Teine. Bho chionn fhada an t-saoghail bhiodh daoine ann an dùthaich chèin alasadh theintean aig ciaradh an fheasgair mun cuairt air na bothagan anns an robh iad afuireach. Bha sin airson na droch spioradan, a bha iad acreidsinn a bha afalbh na h-oidhche, a chumail air falbh. Agus anns amhadainn bhiodh iad adanns timcheall air na bothagan feuch an robh na teintean air a dhol às. A-nise ma bha aon theine fhathast beò, ma bha anail anns an èibhleig bu lugha, bha sin aciallachadh gun robh droch spiorad air fàire, oir cha bhàsaicheadh an teine gus am biodh na spioradan air am fuadach. Nach dòcha gur e sin a tha Dominic adèanamh cuideachd.”

Bha cuid acreidsinn Iain agus bha cuid nach robh. Bha fios aca co-dhiù nach robh e gach feasgar atogail theintean mun cuairt an taighe. Bha cuid eile asmaoineachadh nach robh ann am briathran Iain ach dìomhanas a bha asiubhal na h-inntinn agus afaighinn saorsa le bhith ag itealaich bho bhàrr a theanga. Ach a dhaindeoin ciod bu chiall don danns aig Dominic, cha robh nach robh e ris.

Aon Shàbaid chaidh Dominic don eaglais ann am Miongabost. Cha robh sin na chleachdadh aige agus dhèirich corra cheann nuair chunnacas e atighinn a-steach. Bha dùil acasan a chunnaic e gur e Bìoball a bha aige na làimh. Ach gu dearbha cha be. Is e bha aige leabhar de sgeulachdan èibhinn. Agus shuidh e fad na seirbheis, a mhair mu uair a thìde is trì chairteal, aleughadh an leabhair agus bho àm gu àm agàireachdainn ris fhèin an teis mheadhan achoitheanail. Agus cha do sheas e mar a rinn càch aig na h-ùrnaighean, agus cha


[190] do thog e a shùilean bho na sgeulachdan fhads a bha an t-seinn adol no fhads a bha am ministear alìbhrigeadh na searmoin. Agus, aig crìoch cùise, dhèirich e a-mach còmhla ri càch, agus rinn e na aonar air an taigh.

Bidh mi adèanamh mòran leughaidh,” arsa Dominic ri Aonghas Carach, agus Aonghas còir air a dhol a-steach mar thoradh air cuireadh bho Dhominic. “Bha mi aleughadh bho chionn ghoirid,” arsa Dominic, “gu bheil treubh de dhaoine ann am Mangara, sin dùthaich bheag air cùl beanntan Himalaya, agus cha bhi iad abruidhinn idir. Is ann a bhios iad aseinn. Aseinn ri chèile fad an . Bidh iad aseinn rudan mar Suidh sìos agus mar Nach i tha fuar an-diugh agus mar Tha mi gus bàsachadh leis an acras. Smaoinich, aseinn mar sin fad na h-ùine. Agus innsidh mi rud eile mu na daoine sin: tha na cluasan aca eadar-dhealaichte bho na cluasan againnetha iad suidhichte gu math nas fhaide air ais air cùl an cinn. Agus a bheil fios agad is coireach ri sin?”

Chan eil gu dearbha,” fhreagair Aonghas Carach.

“ ’S e is coireach ri sin ma- gur e cluasagan cloiche air a bheil iad air a bhith acadal fad linntean. Dìreach mar a bha Clach Sgàin na cluasaig aig Iàcob!”

Fhads a bha Aonghas afeuchainn ri sin oibreachadh a-mach, seadh carson a bha cluasan annasach air seinneadairean Mhangara, chunnaic e Dominic acur dheth a bhrògan agus a stocainnean. Bha tatù den aon sheòrsa air an chois aige. Agus be dealbh de choileach a bha san thatù. choileach iomadhathte ach le cìrean dearg air gach fear.

Dhinnis e do Aonghas mu na coilich.

Bidh an coileach a tha air mo chois chlì agairm nuair bhios an t-àm ann dhomh a dhol don leabaidh, agus bidh an coileach a tha air mo chois dheis agairm nuair bhios thìde agam dùsgadh agus èirigh.”

Seadh, seadh,” ars Aonghas.

Agus innsidh mi rudeigin eile dhut,” arsa Dominic. “ ‘S e Ruaraidh a tha air mo chois dheis aguss e Raibeart a tha air mo chois chlì. Ainmean nan coileach, tha thu atuigsinn. Agus tha iad adèanamh


[191] feum dhomh ann an dòighean eile cuideachd.”

Ciamar sin?” dhfhaighnich Aonghas Carach.

An cuala tu a-riamh,” arsa Dominic, “mun chuileig a bha aig Colum Cille agus a bhiodh alaighe air an fhacal dìreach far an sguireadh e nuair bhiodh e ag eadar-theangachadh nan saltairean? Uill, dhfhuireadh achuileag dìreach an sin gus an tilleadh Colum Cille chun an eadar-theangachaidh, agus mar sin bhiodh cuimhne aige càite na sguir e.”

Bha Aonghas ag èisteachd ri Dominic gu dian. Ach cha robh e atuigsinn fhathast an ceangal a bha aig cuileag Choluim Chille ri na coilich a bha air casan Dominic.

Lean Dominic air.

Uill,” ars esan, “cha bhi acras agus pathadh atighinn ormsa mar a bhios atighinn air daoine eile. A dhaindeoin sin feumaidh mi biadh ithe agus deoch òl airson mo chumail beò. Agus nuair bhios feum agam air biadh, fairichidh mi Ruaraidh asgrìobadh air mo chois dheis, ‘s nuair a bhios feum agam air deoch fairichidh mi Raibeart asgrìobadh air mo chois chlì. Tha iad mar sin acur nam chuimhne a bhith ag ithe agus ag òl, dìreach mar a bha achuileag acur an cuimhne Choluim Chille càite na stad e aig eadar-theangachadh an t-saltair.”

Nuair bhiodh Dominic adol don bhùth a dhiarraidh abhìdh agus ghoireasan eile, bha daoine amothachadh do na rudan a bha e aceannach. A rèir coltais bha e uabhasach dèidheil air biadh Eadailteach, ged nach robh dad de choltas an Eadailtich air fhèin. Nam faiceadh e rudan mar pizza no pasta sa bhùth, chan fhàgadh e aon phacaid dheth air an sgeilp. Cheannaicheadh e a h-uile sgath dheth. Agus dhfhaighnich Aonghas Carach dha carson a bha a leithid de mhiann aige air biadh Eadailteach.

Bho chionn fhada,” ars esan, “bha mise pòsta aig bana-Eadailteach. Sophia an t-ainm a bha oirre. Bha i uabhasach math air còcaireachd. Bha i uabhasach math air biadh Eadailteach a dhèanamh. Agus gach uair a dhitheas mi biadh Eadailteach, nuair sgrìobas Ruaraidh mo chas a dhinnse dhomh gu bheil an t-acras


[192] orm, bidh mi acuimhneachadh air Sophia.”

Agus càite a bheil i a-nise?” dhfhaighnich Aonghas.

Ann an nèamh,” fhreagair Dominic.

Ann an nèamh?” ars Aonghas.

Mharbh mi i,” arsa Dominic.

Chlisg Aonghas. Dhfhairich e mar gun robh cnap air fàs na amhaich.

Mharbh mi i,” arsa Dominic a-rithist. “Aon thuirt i rium gum bu toigh leatha a dhol a nèamh nuair thigeadh a cuairt air an talamh gu ceann. Ach cha robh dùil aice gun robh i adol a dhfhaighinn ann buileach cho luath. Agus chuir iad mise don phrìosan seach gun tug mi do Sophia an rud a dhiarr i.”

Bann gu truas agus cha bann gu fuath a chaidh an gnothach do Aonghas. Biomadh uair a smaoinich e bhon uair ud nach deigheadh e mìle faisg air Dominic tuilleadh. Ach cha robh sgeulachd Dhominic buileach deiseil fhathast, ged bha e adol ga cumail aige fhèin. Cha do dhinnis Aonghas do mhuinntir Mhiongaboist a-riamh mu Sophia, oir bha eagal air gun tionndaidheadh cuid dhiubh air Dominic agus gun tionndaidheadh Dominic an uair sin airsan.

Mar bu mhò a dhinnseadh Aonghas dhaibh, bann a bamharasaich a bha iad afàs. Agus thòisich feadhainn ann am Miongabost atoirt man airidh gum bu chòir feuchainn ri Dominic a ruagadh às abhaile. Aig acheart àm bha e doirbh dhaibh a leithid de ghnìomh fhìreanachadh, oir cha do rinn e cron air duine dhiubh a-riamh agus cuideachd cha robh iad idir cinnteach ciamar a dheigheadh iad an sàs na leithid.

Ach, mar a thionndaidh cùisean a-mach, cha robh an cuid iomagain adol a leantainn ro fhada. Aon mhadainn earraich nuair sheall muinntir Mhiongaboist a-mach tro na h-uinneagan suas gu far an robh Dominic afuireach, cha robh càil ri fhaicinn ach slige loisgte de fhàrdaich. Bha an taigh aig Dominic air a dhol na theine tron oidhche agus bann mu làimh a bha na ballachan cloiche fhèin nan seasamh. Nuair rinneadh rannsachadh mun ghnothaich, chaidh a dhearbhadh nach robh Dominic fhèin san taigh idir nuair shluig


[193] na lasraichean e. Chaidh a dhearbhadh cuideachd nach robh aon bhioran àirneis san taigh nuair chaidh e na theine. Feumaidh gun tug Dominic na buinn leis eadar is oidhche, agus gun tug e leis cuideachd gach saoghalta air an robh seilbh aige.

Agus ciamar a chaidh an taigh na theine? aige tha fios? Agus càite an deach Dominic? aige tha fios? An robh barrachd de bhrìgh aig danns na maidne na bha follaiseach don t-sùil agus don inntinn nach robh a-mhàin ach ag amharc? An tàinig Dominic a Mhiongabost le teachdaireachd nach do thuig sluagh abhaile sin? aige tha fios?

Sin ceistean air am bi muinntir Mhiongaboist acnuasachadh nuair sheallas iad ri cnàmhan an taighe aig ceann shuas abhaile, ri ballachan nan seasamh gu critheanach, a cheart cho critheanach ris abheatha neo-sheasmhach fhèin.

title31.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page