[194]

32. A’ Bheing

Bha iomadh bliadhna bho sguir an dàrna Cogadh Mòr. Cha robh fada bho fhuair Mairead seachad air. Bha fhathast fuaimean nam plèanaichean agus nan gunnachan cho àrds a bha iad, ged nach cuala i iad a-riamh. Ach dhinnis Tormod dhi mun deidhinn.

Nuair thigeadh e dhachaigh air fòrladh, bhiodh iad acoinneachadh far na choinnich iad gu bitheanta mus tàinig achèis dhonns mus do dhfhalbh e. Bhiodh iad acoinneachadh aig abheing fhiodha. Bha abheing mu choinneamh bùth Luigi. “Abheing againn fhìn,” mar theireadh iad ri chèile gach uair a shuidheadh iad oirre.

Agus bha Tormod afalbh agus atighinn, mar theachdaire gun robh an cogadh fhathast adol, ach mar theachdaire cuideachd gun robh gach a leanadh e ga thoirt na bfhaisge air achrìch, na bfhaisge air bàs no air buaidh no air sìth.

Nuair shuidheadh iad còmhla air abheing, bhiodh e ag innse do Mhairead mu na h-àitean san robh e bho chunnaic iad a chèile cheana, mun ùpraid a bha an t-sabaid adùsgadh ann an àrainneachd an t-saoghail. Agus aig an taigh, air abheing, bha an àile cho glans a bha i air an t-siathamh , nuair chrìochnaich Dia a chuid obrach. Cha robh an cogadh fhathast air bualadh air Mairead no air a pàrantan, oir bha ise ro òg agus iadsan ro shean airson cèisean donna fhaighinn.

Bidh mi uaireannan gus mo thachdadh leis an duslaich,” ars esan. “Am peilear nach eil ag amas ort, bidh e gad sheachnadh, ach an duslach, is e tha sin rud eile. Is aithne dhomh feadhainn, agus cha ghabhadh na peilearan Gearmailteach gnothach riutha, agus


[195] bhàsaich iad san ospadal le grèim nan sgamhanan.”

Ach ged a bha ùidh aig Mairead anns na bha Tormod ag innse dhi, bha e adol seachad oirre mar oiteag na gaoithe samhraidh ag iadhadh na beinge. Agus an oidhche mus fhalbhadh e, cha robh fa-near dhi, no gu dearbha dhàsan, ach an ath chuairt dhachaigh, na làithean-fòrlaidh a bha ri thighinn. Bha earbsa aca le chèile nach robh ùidh aig na peilearan no aig na sligean ann an Tormod.

Agus thurchair gun robh iad ceart. Chaidh an t-sìth a ghairm, agus fhuair Mairead fios gun robh Tormod sàbhailt san Fhraing. Chaidh na seachdainean seachad, agus bha iongnadh mòr oirre nach robh e atilleadh. Seadh gus an dfhuair i fios eile, bho shaighdear Frangach air an robh Jean-Claude, gun robh Tormod san ospadal agus e afulang le tinneas.

Duilichs mar a bha e agus breislich achogaidh fhathast sa h-uile àite, chuir Mairead roimhpe gun deigheadh i don Fhraing a dhfhaicinn Thormoid. Bha e acoimhead gu math fada bho uchd bàis nuair ràinig i taobh a leapa. Agus dhinnis e dhi mar a thachair. Aon , agus e acoiseachd air Rue St Germain ann am Paris, agus e asireadh tiodhlac a bheireadh e dhachaigh gu Mairead, bhuail an cràdh a buabhasaiche e sa bhroilleach. Bha e cinnteach gur e an cridhe a bha agèilleadh. Chaidh a thogail don ospadal, ach bha e ro lag airson sgrìobhadh dhachaigh, agus dhiarr e air Jean-Claude fios a chur gu Mairead.

Rinn iad a-mach san ospadal gun robh duslach achogaidh, an duslach a bha air an àrainneachd a lìonadh le puinnsean, air buadhachadh air Tormod, mar bhuadhaich e air iomadh ceatharnach eile. a bharrachd, agus bhiodh na sgamhanan air dùnadh gu tur, thuirt iad ris. A dhaindeoin sin, bha esan air an fheadhainn a bfhortanaiche.

“ ’S fhada leam, a Mhairead chòir,” ars esan, “gus am faigh mi air tilleadh gu àile ghlan na h-àrainneachd againn fhìn.”

Rinn i gàire ris, oir bha i cinnteach nach tigeadh càil tuilleadh ach piseach.

A bheil abheing an siud fhathast?” dhfhaighnich e.

Tha,” fhreagair i, “agus tha an àile cho glan ’s cho cùbhraidh ’s a


[196] bha i a-riamh.”

Rinn Tormod osann bheag agus dhùin e a shùilean. Bha e acoimhead cho toilichte, agus bha Mairead cinnteach gun robh e asmaoineachadh air an àile agus air abheing. Cha bfhada gus am biodh iad còmhla uair eile, fada bho chogadh agus bho dhuslach.

Ach, mar a bha san dàn, bann na h-aonar a thill Mairead dhachaigh às an Fhraing. Cha robh airgead ann airson corp Thormoid a thoirt air ais. Agus chaidh a chàradh na dhachaigh dheireannaich, còmhla ri saighdearan eile a thuit fo bhuaidh shligean is pheilearan. Thadhail am bàs airsan le innleachd a bha a cheart cho marbhtach. Bha an cogadh air àrainneachd an t-saoghail a mhilleadh, agus ged dhfhàsadh lusan-a’ -chadail às an talamh bhreòite, bha Mairead cinnteach gum biodh iad gu tric air an còmhdach le sneachd dubh achogaidh, oir bha i cinnteach gur fhada mus tigeadh aiteamh na sìthe.

Ged a dhfhàg Mairead cuibhreann de a cridhe san dùthaich chèin, cha robh air ach tilleadh gu tìr a h-eòlais. Cha chuireadh na peilearan no an duslach dragh air Tormod tuilleadh. Agus gach feasgar, an dèidh dhi tilleadh, bhiodh i adol chun na beinge mu choinneamh bùth Luigi, agus asuidhe san àite àbhaisteach, mar gum biodh i afàgail àite fhèin aig Tormod gun fhios nach tilleadh e. Ach bha a tuigse afaighinn buaidh air mealladh cruaidh-chridheach na h-inntinn.

Shuidheadh i air abheing fad uair a thìde, uaireannan acoimhead suas chun nan speuran agus uaireannan acoimhead a-steach a bhroinn a h-inntinn fhèin. Bha an saoghal adol seachad oirre gun fhios dhi, agus bha coigrich nach robh eòlach oirre afaighneachd da chèile ciod a badhbhar don fhaire mhuladaich. Ach cha robh freagairt aca don cheist.

Bhiodh i daonnan atoirt baga leatha chun na beinge. Anns abhaga bha criomagan bìdhe a bhiodh i ag ithe nuair bu dèine an t-acras, agus bu tric a bha criomag no dhà air fhàgail a bheireadh i do na calmain no do na faoileagan. Bha iadsan mar gum biodh iad ga feitheamh gach .

Agus bha clobhd aice anns abhaga cuideachd, ’s bhiodh i aglanadh na beinge leis achlobhd, mar gun robh i asuathadh air falbh


[197] duslach cogadh air choreigin anns an robh i asabaid na cridhe. Agus an uair a dheigheadh càr seachads e aspùtadh a chuid ceothaidh don àrainneachd a bha mun cuairt oirre, chrathadh i an clobhd ach am biodh an àile glan a-rithist.

Agus bha cladh abhaile alìonadh, oir bha na seann daoine, agus gu dearbha a co-aoisean fhèin, agèilleadh do theachdaireachd na sìorraidheachd le na galairean cumanta a bhios acur dragh air macs air nigheans air ogha an duine. Mu dheireadh cha mhòr gun robh neach adol seachad air abheing air an robh Mairead na suidhe, ach ginealach ùr, ginealach nach robh eòlach air cogadh, no air peilearan, no air duslach cogaidh.

A bheil sibh ceart gu leòr?” theireadh cuideigin, agus Mairead mar gum biodh i abruidhinn ri neach air choreigin nach robh ann.

Tha,” theireadh i. “Tha mi ceart gu leòr.”

Tha sibh acoimhead brònach.”

Thug mi mo bhròn leam às an Fhraing,” theireadh i.

Agus an uair sin dhfhalbhadh iadsan a bha abruidhinn rithe, oir cha robh iad ga tuigsinn. Cha robh iad atuigsinn càil idir, bha i asmaoineachadh.

Nam biodh Tormod air a mharbhadh le slige no le peilear, is dòcha gun robh cuideigin air bonn fhaighinn às a leth, air sgàth a dhìlseachd don rìgh. Ach air a mharbhadh leis an duslaich, be bha sin gnothach eile. Cha robh e gu leòr dhaibh a bhith amarbhadh nan daoine, ach mharbh iad an àrainneachd cuideachd.

Chaidh na bliadhnaichean seachad, agus bha an aois alaighe air Mairead, an chuid air a corp agus air a spiorad. Bann a dhfhàs i aost mus tàinig an aois oirre. Theireadh cuid gun robh am bròn a bha i fhathast afulang agoid air falbh nam bliadhnaichean. An dèidh gach cùise, nach be am bròn a bha ga fàgail atadhal air abheing. Bha bròn ann ceart gu leòr, ach cuideachd bha an saoghal air atharrachadh gun fhios dhi. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ..

Thug Mairead còrr air leth-cheud bliadhna adol chun na beinge an dèidh dhi tilleadh às an Fhraing. Bhiodh i acoimhead nan daoine a-machs a-steach à bùth Luigi, ged nach robh sgeul air Luigi fhèin


[198] a-nise. Bha ise sa chogadh gus na dh’fhàg i a’ bheing. Agus aon sa bhliadhna bhiodh i a’ ceannach aon lus-cadail, agus ga fhàgail air abheing nuair dhfhalbhadh i.

Agus chan eil fada bho chaidh mi fhìn seachad air abheing. Ach cha robh Mairead ri a faicinn. Bhuail an tinneas i. Grèim uabhasach na sgamhanan. Chaidh a toirt don ospadal. Agus cha robh Jean-Claude air fàire airson fios a chur gu a càirdean. Gu dearbha cha robh mòran dhiubh sin air am fàgail, oir bha na bliadhnaichean air a dhol seachad.

Be. Grèim uabhasach na sgamhanan. na h-ùine a bha i acaoidh air abheing, bha i aslugadh ceò nan càraichean, agus bha i aslugadh na duslaich a bha iad afàgail às an dèidh. Deireadh achogaidh mu dheireadh thall, an dèidh caogad bliadhna is còrr.

Nach neònach an saoghal,” ars am ministear an dèidh an tiodhlacaidh. “Dhfheuch na Gearmailtich ri Tormod Friseal a mharbhadh leis apheilear agus leis an t-slige. Ach cha deach leotha. Chaidh a mharbhadh leis an àrainneachd thruaillte a chruthaich sinne agus iadsan.”

Tha mi atuigsinn,” thuirt cuideigin. “Mairead bhochd. Chaidh ise a mharbhadh leis an àrainneachd thruaillte a chruthaich sinne, agus i acaoidh air sgàth àrainneachd thruaillte eile.”

Thug mi leam aon lus-cadail chun an tiodhlacadh aig Mairead. Cha robh mòran dhaoine an làthair. Dhfhuirich mi gus na dhfhalbh iad uile. Agus chuir mi an lus air uachdar na h-uaighe. Dhanns an lus greiseag anns aghrèin, agus an uair sin thuit e mar gun robh fios aige bha atachairt. No, is dòcha gun robh eagal air ro shneachd dubh na h-àrainneachd. aige tha fios?

Chan eil fada bho chaidh mi seachad air abheing a-rithist. Tha i an-diugh air a dath a chall le sùich dhubh nan càraichean. Beagan lobhaidh an siuds an seo. Bhiodh dùil ri sin. Chuimhnich mi air an tinneas a dhfhalbh le Mairead.

Agus thàinig e a-steach orm nach seas an cuimhneachan as maireannaiche, eadar gur e saighdear no being, no boireannach a bhios a’ caoidh, rim chomas-sa agus rid chomas-sa air àrainneachd Dhè a thruailleadh.

title32.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page