[199]

33. Na Aonar

Trì uairean sa mhadainn. Sàmhchair uabhasach. Cha robh cuideachd aig Seumas ach a smuaintean. Chunnaic e taibhs air taobh thall an t-seòmair, faisg air an uinneig nach robh ann. Seòrsa de tholl. Cha robh e cinnteach carson nach robh e san leabaidh aig trì uairean sa mhadainn, ach smaoinich e, nuair chunnaic e an taibhs, gun robh adhbhar air choreigin ann. Leum e gu grad, agus chaidh e don taigh-bheag. Nuair thill e, bha an taibhs fhathast an siud. Bhruidhinn e ris an taibhs.

Is e Donnchadh an t-ainm a tha ormsa,” thuirt an taibhs.

Bha fios aig Seumas air sin.

Agus dhfhalbh an taibhs.

Cha robh air fhàgail san t-seòmar ach Seumas, bòrd, cathair agus dòrlach de dhuilleagan bàna de phàipear air uachdar abhùird. Agus peansail. Bha pàipear dorch acòmhdach nam ballachan. Pàipear deamhnaidh, dorch. Bha solas crochte bho mhullach an t-seòmair. Cha robh an solas ro shoilleir. Cha robh teine sa chagailt. Bfhada bho chaidh an teine às. Ach bha ìomhaigh nan lasraichean air na ballachan. Seòrsa de theachdaireachd.

Dhfhairich Seumas acras. Cha be acras, a bha asireadh sàsachadh bho hama is bho uighean, bho sgadan, bho bhradan, bho bhuntàta, bho fheòil shaillte no bho mheasan. Acras achuirp gun teagamh, ach cuideachd acras na h-inntinn. Acras a bha asireadh sàsachadh bho dhoimhneachdan uabhasach an t-saoghail.

Dhfhuirich Seumas san t-seòmar, ach chaidh e air chuairt.


[200]

Dhfhalbh e air chuairt tro thrannsachan a bheatha. Bha iomadh companach còmhla ris. Iomadh companach, agus iomadh smuain.

Cha robh Seumas buileach còig bliadhna a dhaois nuair chaidh e don sgoil. Bha an cianalas air amhadainn ud. Shaoil e gun robh a mhàthair ga shlaodadh a-mach às an dachaigh, a-mach à blàths na dachaigh, gu saoghal ùr a bha -chinnteach, agus uaireannan cunnartach. Leanabh nach robh còig bliadhna a dhaois, afalbh a threabhadh achaidhean an aineolais, agus gun fios fon ghrèin aige ciod a bha roimhe.

Bha comasan leughaidh agus comasan sgrìobhaidh aig Seumas mus deach e don sgoil, seadh mus deach e don togalach. Togalach mòr, deamhnaidh. Ballachan àrda anns an robh brùidean de uinneagan. na taibhsean abha acòmhnaidh os cionn nan sailean? Saoil an robh Donnchadh shuas an siud an àiteigin? Eadhon mus robh e còig bliadhna a dhaois, bha mothachadh aig Seumas mu thaibhsean. Ach leughadh e is thuigeadh e, ann an chànan. Cuideachd, ann an cànanan eile nach robh clàrte.

Bhiodh na bodaich acruinneachadh. Ag innse sgeulachdan mu thaibhsean. Agus bheireadh màthair Sheumais air a dhol don leabaidh, mus tòisicheadh na bodaich alabhairt. Ach liùgadh e sìos an staidhre, letheach sìos, gus an cluinneadh e ciod a bha atachairt. Agus chuala e rudan a chuir eagal a bheatha air. Bhiodh Donnchadh acoiseachd tron bhaile. Bha eagal air na daoine a dhol a-mach, mus tachradh Donnchadh riutha. Uaireannan thachradh. Agus uaireannan, bhruidhinneadh e riutha. Bhiodh Donnchadh agoid uighean nan cearcan agus bhiodh e gan cur don àmhainn. Ach cha tigeadh iseanan às na h-uighean, ged bha Donnchadh asmaoineachadh gun tigeadh. Bhiodh am baile ag ràdh gur e leth-chiallach a bha ann an Donnchadh. Ach bha sin aciallachadh? Ma bha leth-cèille aige, feumaidh nach robh ach leth-cèille a dhìth air. An robh ciall iomlan aig an fheadhainn nach robh air am meas mar leth-chiallaich?

Shuidh Seumas aig abhòrd, anns achathair. Bha am pàipear bàn agus am peansail ag innse rudeigin dha. Am peansail ga spreòtadh.


[201]

Donnchadh. Chuir Donnchadh am pàipear agus am peansail an siud. Ach cho seasmhachs a bha am bòrd? cho seasmhachs a bha achathair? Cha robh teagamh aig Seumas nach fheumadh e gabhail ris achuireadh. Agus thòisich Seumas asgrìobhadh. Air aphàipear bhàn. Cha bann air aphàipear dhorch a bha air na ballachan. Leis apheansail, a dhfhàg Donnchadh.

Sgeulachd. Bha feum air sgeulachd.

Bha Seumas na aonar anns an t-seòmar. Sin a bha e asmaoineachadh. Nochd iad. An rìgh. Agus am prionnsa. Agus Donnchadh. An taibhs. Thòisich iad aseinn. O, thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an t-searmoin; O thèid mi fhìn le mo ghaol dhan an èisteachd. Air fonn Chill Mhàrnaig.

Sgrìobhaidh mi òran ùr,” arsa Seumas.

Sgrìobh Seumas òran ùr. Sgeulachd ùr.

Òran gun cheòl. Òran gun bhriathran. Sgeulachd gun bhriathran.

Seumas na aonar ann an seòmar. Seumas na aonar. Bha am peansail afàs maol. Coltach ris an inntinn. Ach bha obair aig apheansail ri dhèanamh fhathast.

Chaochail an rìgh. Bha mulad acòmhdach na dùthcha. Dhiarr Dia air an dùthaich a bhith muladach. Agus bha an dùthaich umhail do iarrtas Dhè. Àm na Nollaig a bha ann. Cha tàinig aBhliadhnÙr fhathast. Cha bhiodh guth air an rìgh nuair thigeadh aBhliadhnÙr. Bhiodh an Nollaig seachad. Bliadhna ùr anochdadh. A-mach às an fhuachd. A-mach às an t-sneachd. A-mach à eachdraidh.

A dhaithghearr bhiodh rìgh ùr air a chrùnadh. Murchadh VIII. Cia mheud bean a bhiodh aig Murchadh VIII? Chaochail an rìgh. Gur fada a mhaireas an rìgh ùr. Cleachdadh deamhnaidh na stàite.

Ach bha Seumas na aonar san t-seòmar. Saoil an tigeadh Murchadh VIII a thadhal air Steòrnabhagh? Carson nach tigeadh? Chitheadh e dealbhan de na baraillean sgadain. De chlann-nighean an sgadain. Den chlò-mhòr. Chitheadh e na tràighean àlainn air an còmhdach le gainmhich. Seann bhotal còc an siuds an seo. Bha na botail falamh. Agus gun duine beò na laighe air aghainmhich.


[202]

Carson a bha aghainmheach ann?

Murchadh VIII. Murchadh Chaluim Aonghais Mhòir an t-Sruthain. An t-ochdamh Murchadh. mu dheidhinn a bhràthar? Seòras Chaluim Aonghais Mhòir an t-Sruthain? Prionnsa nan Eilean Cothromach. Oighre ùr aChrùin. An tigeadh esan a thadhal air Steòrnabhagh? No air Siabost? No air aBhac? No air Loch nam Madadh. No air Bàgh aChaisteil? No air Port Nis?

Ceistean. Ceistean a bha am pàipear bàn afeuchainn ri fhreagairt. Bha Seumas na aonar anns an t-seòmar. E fhèin agus a smuaintean.

Chunnaic Seumas togalaichean ùra adol suas. Feadhainn iomadhathach. Feadhainn a bha acur cais air. Feadhainn a bha acòrdadh ris. Geatachan afosgladh, agus geatachan adùnadh. Geatachan nach robh idir ann.

Bha am pàipear fhathast bàn. rinn na dealbhan a bha air aphàipear a bha air na ballachan? Dathan dorcha. Flùraichean dorcha. Carson a bha a h-uile càil cho dorch? Ceist. Nach bann airson a fuasgladh a bha e na shuidhe sa chathair aig abhòrd? Gach cho dorch. An saoghal cho dorch. Steòrnabhagh cho dorch. Siabost cho dorch. Am Bac cho dorch. Loch nam Madadh cho dorch. Siabost cho dorch. Am Bac cho dorch. Loch nam Madadh cho dorch. Bàgh aChaisteil cho dorch. Port Nis cho dorch. An saoghal mòr cho dorch. An dorchadas cho dorch. An solas cho dorch.

Bha dùil aig Seumas gum faigheadh e solas, biùgan de sholas a shoilleiricheadh a chuid cheistean. Ach bha am pàipear fhathast bàn. Cha robh sgrìobhte air ach a smuaintean, agus cha ghabhadh iad an leughadh le duine ach leis fhèin.

Bha am pàipear bàn agus bha an inntinn bàn. Bha am falt bàn agus bha an talamh bàn. Bha an t-each bàn agus bha na smuaintean bàn.

Ach nochd dùsgadh. Bha Seumas adùsgadh à cadal. Nuair dhùisg e, chunnaic e gun robh an seòmar fhathast falamh, ach loma làn de smuaintean.

Choisich e tro linntean a chaidh seachad, tro bhlàir mhòra an t-saoghail, tro Fhuadach nan Gàidheal, tro Linn an Sgadain, tro Linn nan Seumasach, tro Linn na Deighe, tro Bhriseadh nan Eaglaisean,


[203] tro Achdan an Fhoghlaim, tro eachdraidh an t-saoghail.

Choimhead Seumas a-mach tron uinneig, tron toll. Bha an sneachd acabhadh. Agus anns achabhadh chunnaic e Donnchadh. An taibhs. Bha Donnchadh asmèideadh ris. “Sin thu, Sheumais,” bha Donnchadh ag ràdh anns an smèideadh. Smèid Seumas air ais, agus chaidh Donnchadh às an t-sealladh.

Agus bha Seumas fhathast na aonar anns an t-seòmar. Bòrd is cathair. Agus smuaintean.

Dhfheumadh e tòiseachadh asgrìobhadh, no cha bhiodh sgeul air bòrd, no air cathair, no air pàipear, no air peansail.

Sgrìobh e mu eachdraidh nan eilean. Mu Leòdhas, mu na Hearadh, mu Uibhist, mu Bheinn aBhaoghla, mu Bharraigh, mu Èirisgeigh, mu Rònaigh, mu Hiort, mu gach eilean eile mun iar air an smaoinicheadh e. Sgrìobh e mu bhochdainn agus mu thaighean dubha. Agus sgrìobh e mu shonas agus mu shàsachadh.

Chunnaic e tuathan-gaoithe mòra ag èirigh às an talamh. Ag èirigh à monaidhean Leòdhais. Bfhada bho chaidh an sìol a chur. Miann mac an duine air cumhachd. Carson nach robhar alìonadh nam monaidhean le craobhan? Thigeadh galar air na craobhan. Ach cha tigeadh galar air na muilnean-gaoithe. Càite an robh Donnchadh? Càite an robh an taibhs? Pàipear bàn a bha fhathast bàn.

Bhiodh Taghadh Coitcheann ann a dhaithghearr. ’S bhiodh iad uile asireadh nam bhòtaichean. Cha robh fios aig Seumas a chreideadh e. Iadsan a bha ag innse nam breugan, no iadsan a bha ag innse na fìrinn. Is dòcha gun robh iad uile ag innse nam breugan. Smaoinich e gum bu chòir dha a bhith asgrìobhadh mainefeasto dha fhèin. na seòrsachan gheallaidhean a bhiodh ann? Geallaidhean fìrinneach, no geallaidhean breugach? No geallaidhean nach robh nan geallaidhean idir?

Agus bha am pàipear fhathast bàn. Agus bha Seumas fhathast na aonar anns an t-seòmar. Co-dhiù, bha e asmaoineachadh gun robh.

Chaochail am Pàp. Chaochail bean Aonghais Ruaidh. Phòs am prionnsa. Phòs Seonaidh Chaluim Bhig. An còigeamh turas. Bha mòran abruidhinn. mu Mhurchadh VIII?


[204]

Chaidh Pàp ùr a thaghadh. Cha robh guth air an t-seann Phàp. Bha esan na chadal. Bidh sinn uile nar cadal uaireigin. Sin a bha Seumas asmaoineachadh.

Agus mun phàipear? Mun phàipear bhàn?

Seumas na aonar ann an seòmar. Shaoil e nach robh neach sam bith na aonar nuair bha e leis fhèin.

Port Nis. Bàgh aChaisteil. Loch nam Madadh. Am Bac. Siabost. Steòrnabhagh.

Càite an robh iad?

Bha sneachd air uachdar na talmhainn. Cho geal ris aphàipear bhàn a bha fa chomhair air abhòrd dheamhnaidh ud. Ach chitheadh e boinneagan fala air an t-sneachd. Seòrsa de dhealbhan. Seòrsa de sgrìobhadh. Fuil achogaidh, smaoinich e.

Thòisich Seumas asgrìobhadh. Sgrìobh e nobhail, a bha cho iongantach ri Tolstoy, cho iongantach ri Haraidh Potair. Sgrìobh e bàrdachd, a bha cho iongantach ri Milton. Agus sin nuair thuig e gun robh e dall. Cha robh e afaicinn càil. Cha robh e atuigsinn càil.

Agus lìon an seòmar le ceò. Ged bha e dall, chunnaic e an taibhs anns acheò. Bha a chuid smuaintean adèanamh dragh dha. Chan fhaigheadh e a-mach às an t-seòmar uabhasach ud. Agus tha Seumas fhathast san t-seòmar. Na aonar san t-seòmar. Tha fios aige gum bi e an siud gu bràth, agus nach tig a thadhal air ach Donnchadh. An taibhs. Bho àm gu àm bidh a smuaintean gus a mhùchadh.

Prìosan de sheòmar. Thòisich e asmaoineachadh gu bheil sinn uile ann am prìosan bhon mhionaid a thig sinn don t-saoghal. Chuala e trompaid asèideadh. Cha do dhaithnich e an ceòl. Donnchadh a-rithist dòcha.

Chuir Seumas a cheann na làmhan, agus chaidil e. Bha e na chadal fad bliadhna. Agus nuair dhùisg e, thuig e gun robh e fhathast na aonar. Na aonar ann an seòmar.

title33.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page