34. Bonaid, Plaide agus Cù
Thuirt iad rium gum feumainn mo dhreuchd a leigeil seachad seach gun robh mi air fàs ro aost. Is dòcha gun robh an corp na b’ aosta na bha e an-uiridh, no eadhon an-dè, ach bha an inntinn beòthail gu leòr. Chuirinn dhà is dhà còmhla agus fhathast gheibhinn ceithir. Chunnaic mi saoghal mì-chinnteach a’ fuasgladh air thoiseach orm, agus dorchadas an aineolais a’ cur sgleò air mo shùilean. Chuir mi fad mo bheatha seachad ag obair air an eilean – ag èirigh, ag obair ’s a’ dol a chadal. A-nise, bha na làithean buidhe sin seachad agus dh’fheumainn sealltainn romham ri làithean air am biodh dreach eile. Rinn mi suas m’ inntinn – bha an inntinn a’ dol gun sgur – gum biodh e iomchaidh an t-eilean fhàgail agus dèanamh air a’ bhaile mhòr. Bha mi cinnteach nan dèanainn deagh thaghadh nach biodh duine beò an sin a dh’aithnicheadh mi. Agus thog mi orm.
Ràinig mi am baile, ach feumaidh gun robh mi air fàs aost ceart gu leòr, oir cha robh obair sa bhaile mhòr dom leithid. Cha b’ e tuarastal tomadach a bha dhìth orm, ach bha miann agam nach biodh an tìde a’ laighe ro throm air mo làmhan. Tha cuideam eagalach ann an tide nuair tha i slaodach san dol-seachad.
Ann an imcheist na h-inntinne, cheannaich mi bonaid is plaide agus fhuair mi cù. Shaoil mi gum biodh am bonaid dìonach, gum biodh a’ phlaide blàth agus gum biodh an cù dìleas. Ach cuideachd bhiodh acras agus pathadh air a’ chù, agus dh’fheumainn a bhiadh ’s a dheoch làitheil a chumail ris a’ bheathach bhochd ...
Bha a’ mhadainn grianach agus tioram, le osag samhraidh a’
Chuir mi a’ phlaide sìos air a’ chabhsair. Shuidh an cù, air an tug mi Bongo mar ainm, air a’ phlaide mar a dh’iarr mi air, agus chuir mi am bonaid sìos eadar mi fhìn agus Bongo. Shad mi sgillinn no dhà dom bhonaid, gus an seallainn don luchd-siubhail ciod fàth mo bhonaid agus mo làthaireachd ...
Bha mòran dhaoine a’ dol seachad, agus abair seallaidhean. Bha iad ann de gach cruth agus de gach seòrsa. Corra uair stadadh cuideigin agus shadadh e, no i, bonn beag airgid don bhonaid. Cha robh na buinn idir mòr no air leth luachmhor. B’ fhada mus lìonadh am bonaid – gu dearbha bha mi a’ smaoineachadh nach lìonadh e gu sìorraidh.
Ach bha e inntinneach a bhith nam shuidhe an siud, a dh’aindeoin fuachd a’ chabhsair. A-nise bha cothrom agam an saoghal fhaicinn mar nach fhaca mi a-riamh roimhe e. Cha robh beartas gu bhith an dàn dhomh air na leacan ud, ach bha buannachdan eile ann, buannachdan an ionnsachaidh. Bha sgoil chruaidh na beatha daonnan fam chomhair. Ceistean gu leòr. Agus b’ iongantach mur an robh ceistean acasan cuideachd. Bha aon rud cinnteach, agus b’ e sin gun robh mo cheistean fhìn agamsa. Agus mo bheachdan. Ach dè bha Bongo a’ smaoineachadh? Cha robh fios agam. Agus cha robh corra ghliong nam bonn sa bhonaid a’ dèanamh dragh sam bith dha.
Bha cus dhaoine a’ dol seachad airson smaoineachadh orra san fharsaingeachd. Ach bha feadhainn a mhaireadh nam chuimhne air sgàth nan ceistean a bha iad a’ togail san inntinn. Buinn ann, no buinn às!
Fireannaich le falt air a bhearradh chun a’ chraicinn. Boireannaich is uile dhathan a’ bhogha-froise air an cuid ghruagan. Clann òga bho rian – carson nach robh iad san sgoil? Ministear le coilear cruinn is falt
Faisg orm bha fear a’ reic phàipearan-naidheachd air cùl bogsa, agus e ag èigheachd ris an t-saoghal mu naidheachdan an ama. Tubaist rèile san Fhraing. Cìsean a’ dol suas. Mìltean a bharrachd gun dachaigh bhon àm seo an-uiridh. Sgaineal mu chomhairleach a dh’fheuch, ma b’ fhìor, ri a bhràthair a shuidheachadh ann an àrd dhreuchd. Saoghal farsaing, deamhnaidh, muladach.
Stad bana-phoileas agus thòisich i a’ slìobadh ceann Bongo.
“Cù snog agad an sin,” ars ise.
Shaoil mi gun chòrd sin ri Bongo. Thòisich e a’ sguabadh a’ chabhsair le earball.
“Dè an t-ainm a th’ air?” dh’fhaighnich i.
“Bongo,” fhreagair mi.
“Chan fhaca mi an seo roimhe thu,” ars ise. “Tha cus de dhaoine a’ faoigh air na sràidean. Carson nach eil thu a’ faighinn obair agus a’ pàigheadh do chìsean? Chan urrainn dhòmhsa iarraidh ort gluasad gus an atharraich an lagh.”
Dh’innis mi dhi mar a thachair, mar a dh’fhàg mi an t-eilean, mar a chuir an aois às mo dhreuchd mi. Boireannach gasta a bha sa bhana-phoileas, le aodann soilleir agus le falt fada, bàn. Fiaclan deàlrach, geal. Shaoil mi gun robh i ro mheanbh airson a bhith na poileas. Bha daoine gar coimhead, a’ smaoineachadh, shaoil mi, gur ann a’ trod rium a bha i. Ach cha b’ ann. Dh’innis i dhomh mu fhear a b’ aithne dhi fhèin, a chaill a dhreuchd, cha b’ ann air sgàth na h-aoise, ach seach gun deach a’ chompanaidh aig an robh e ag obair fodha. Thug esan na sràidean air cuideachd. Cha do choisinn e mòran airgid tro bhith a’ faoigh, ach choisinn e droch chliù tro dhol an lùib dhaoine a ghabh brath air. Mu dheireadh chaidh a chur don phrìosan airson goid.
“Feuch nach tachair sin dhutsa,” ars ise.
Agus thog i oirre an ceann a dleastanais. Bha mi fhìn agus Bongo ga coimhead gus an deach i à sealladh ann an onghail na sràide. Thug mi sùil don bhonaid. Cha robh mòran airgid ann. Thòisich mi a’ norradaich, ach chan fhaodainn cadal, air eagal ’s gum falbhadh eucoireach air choreigin leis a’ bhonaid ’s leis a’ bheagan a bha na bhroinn.
Bha mo shùilean làn fhosgailte nuair stad dithis, fear is tè, faisg orm. Bha iad gam dhian choimhead agus chuir iad bonn dà nota don bhonaid. Thug mi taing dhaibh agus choisich iad air falbh.
Ach cha b’ fhada gus na thill iad.
“Tha sinne gad aithneachadh,” ars am fireannach.
Cha robh fios agamsa cò iad, ach dh’innis iad eachdraidh mo bheatha dhomh. Bhuineadh iadsan don eilean cuideachd, ach cha robh an t-eilean cho beag ’s gun aithnichinn-sa gach neach a bha a’ còmhnaidh ann. Cho fada ’s a b’ aithne dhomh, chan fhaca mi a-riamh roimhe iad. Shlìob iadsan ceann Bongo cuideachd, agus chuir e a theanga a-mach leis an toileachas.
Bha iad sa bhaile mhòr airson ceala-deug de shaor-làithean. Bha esan ag obair aig a’ Chomhairle agus bha ise na rùnaire ann an oifis fir-lagha. Bhruidhinn iad rium le co-fhaireachdainn shònraichte, ach bha mi a’ smaoineachadh ann an dòigh gun robh iad a’ coimhead sìos orm fhìn agus air mo chrannchur, le seòrsa de thoileachas a bha a’ toirt taing do Dhia nach b’ iadsan a bha nan suidhe a’ faoigh air cabhsair.
Chuir iad bonn eile, bonn nota, don bhonaid, agus choisich iad air falbh.
Bha mi nam aonar, ged bha an t-sràid làn de dhaoine. Ann am bruaillean na h-inntinne, chunnaic mi m’ òige a’ tilleadh thugam. M’ athair ’s mo mhàthair, peathraichean is bràithrean. An sgoil. An t-eilean. Caraidean. Feadhainn dhiubh a-nise ann an saoghal eile às nach till iad. Choisinn iad inbhe sa bheatha a chuir an dàn a-mach dhaibh. Agus mise ... air sgàth m’ aoise bha mise agus Bongo nar suidhe air cabhsair cruaidh sa bhaile mhòr, an urra ri coibhneas an
Agus chuimhnich mi air a’ chultar, air an dualchas, air an eilean dh’fhàg mi. Chuimhnich mi air Nollaigean m’ òige, air na stocainnean crochte a thug mo char asam nam neo-chiontas, agus Santa a’ sguabadh similear mo dhachaigh san tighinn a-nuas. Santa leis a’ chòta dhearg. Bha còtaichean dearga nar n-eachdraidh agus rinn iad milleadh is mealladh mòr air ar dòchas. Carson a tha an dearg cho cunnartach? Cho uabhasach?
Agus cò a nochd a-rithist ach a’ bhana-phoileas a bhruidhinn rium cheana. Shlìob i ceann Bongo uair eile. Thug Bongo taing dhi na dhòigh fhèin. Shuidh i air a’ chabhsair rim thaobh. Bha ad agus trusgan a’ phoilis oirre. Bha e follaiseach gun robh daoine gar coimhead san dol-seachad. Cha robh srianagan air a gàirdean, oir bha i òg.
“Chunnaic mi cheana thu,” ars ise. “Ged nach do leig mi guth orm, dh’aithnich mise cò thu. Thachair mi rim athair ’s rim mhàthair. Dh’fheuch mi ri comhairle a thoirt ort. Dh’iarr mi air m’ athair ’s air mo mhàthair bonn no dhà a chur nad bhonaid. Chan eil thu gam aithneachadh ... ”
Dh’aontaich mi rithe nach robh.
“Is mise,” ars ise. “Mòrag, nighean Chaluim Aonghais Òig à Crannabost.”
B’ aithne dhomh Crannabost, ged nach robh mi glè eòlach sa bhaile bheag sin. Lean i oirre:
“Nuair dh’fhàg mi an sgoil, thàinig mi a-mach don bhaile mhòr seo airson a bhith nam phoileas. Bha mi a-riamh ag iarraidh a bhith nam phoileas. Ach cha bhiodh math dhomh an dreuchd seo a ghabhail os làimh air an eilean – aithnichidh mi cus de dhaoine an sin. Agus chan aithnich mi mòran sa bhaile seo. Agus cha robh dùil agadsa gun aithnicheadh duine beò an seo thu. Is dòcha gun till mise don eilean uaireigin ... Chan eil càil an seo dhutsa. Tha mo dhreuchd agamsa.”
Bha mi ag èisteachd rithe gu mionaideach. Lean i oirre a-rithist, fhathast na suidhe air a’ chabhsair còmhla rium fhìn ’s ri Bongo. Bha
“Tog thusa ort,” ars ise, “thu fhèin agus Bongo. Till chun an eilein, agus seall dhaibh nach eil thu idir gun fheum seach gun rug na bliadhnaichean ort. Feumaidh mi falbh a-nise ... agus tha mi ’n dòchas nach fhaic mi tuilleadh thu!”
Dh’èirich i agus dh’fhalbh i.
Dh’èirich mise agus Bongo cuideachd, agus dh’fhalbh sinn. Thug mi leam am bonaid, na buinn airgid agus a’ phlaide, ged smaoinich mi air am fàgail far an robh iad. Bha daoine fhathast a’ gluasad air feadh na sràide. Thill mi chun an eilein agus mi a’ smaoineachadh air gliocas Mòrag Chaluim Aonghais Òig.
Bha mi a’ smaoineachadh cuideachd gu bheil daoine san t-saoghal nas miosa dheth na tha mise. Chunnaic mi mòran dhiubh sa bhaile mhòr nuair bha mi a’ faoigh air a’ chabhsair. Agus a-nise tha mo bhonaid a’ blàthachadh mo chinn agus mo phlaide a’ blàthachadh mo leapa. Tha Bongo a’ blàthachadh mo chridhe. Ach, ged nach till mi tuilleadh, bidh pàirt bheag den chabhsair ud leamsa gu bràth – leamsa agus le Bongo còir.
Is dòcha gun rinn iad fàbhar rium nuair chuir iad m’ aois nam chuimhne! Agus chunnaic mi saoghal mu nach ionnsaichear gu bràth bho leabhraichean.
title | 34. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |