[222]

37. Cafaidh Ranji

B’ fhada bho thàinig pàrantan Ranji don eilean. Chuala iad mun eilean bho chàirdean a bha air tadhal ann. Chòrd an t-eilean riutha. Agus nuair thàinig pàrantan Ranji, chòrd an t-eilean riuthasan cuideachd! Ach an cànan! An cànan! Bha mòran Gàidhlig san eilean. Agus chuala iad gun robh sgeama sa choimhearsnachd a bha aciallachadh gum faodadh clann Gàidhlig ionnsachadh. Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Cha robh Ranji ach òg. Agus chuir a phàrantan romhpa gun robh iad a-nise san Ròimh Ghàidhealaich, agus gun dèanadh iad mar dhèanadh na Ròmanaich. Chuir iad Ranji don Aonad Ghàidhlig ann an Sgoil Thobhtaboist.

Fhuair Ranji bogadh. Fhuair e tomadh. Agus dhionnsaich Ranji aGhàidhlig. Dhionnsaich e i chun na h-ìres gun robh e cho fileanta ri gach bodachs ri gach cailleach a bha air a bhith san eilean a-riamh. “Deagh theisteanas don fhoghlam,” theireadh cuid. “Deagh theisteanas do Ranji,” theireadh cuid eile.

Bidh am fear ud na phroifeasair fhathast,” bha feadhainn ag ràdh. Ach bha beachdan eile aig Ranji. Airson a bhith na phroifeasair, dhfheumadh e an t-eilean fhàgail. Agus cha robh am beachd sin idir ataitneadh ris.

Agus aig Feasgar nam Pàrantan, dìreach mus do dhfhàg Ranji an àrd-sgoil, thuirt Miss MacDuff, a bha ga theagasg, ri athair (Swahir) agus ri a mhàthair (Indira), gun robh ise an dòchas gun deigheadh gu math dha san oilthigh. Be comhairle adhartach a bha ann an Comhairle Thobhtaboist, oir bha iad atairgsinn foghlam tro


[223] mheadhan na Gàidhlig suas chun na siathamh bliadhna san àrd-sgoil. Agus fhuair iad moladh mòr bhon luchd-sgrùdaidh airson aphoileasaidh sin. Bha Miss MacDuff air leth moiteil gun robh ise mar phàirt den sgiobadh a bha ag adhartachadh an fhoghlaim.

Ach dhinnis athair agus màthair Ranji do Mhiss MacDuff gun robh Ranji adol a dhfhàgail an fhoghlaim cho luaths a chrìochnaicheadh e san t-siathamh bliadhna. Cha robh e idir adol don oilthigh no do cholaiste. A dhaindeoin sin, bha e ag iarraidh naHighersa shuidhe. Agus bha dhà ann a bha e asireadh gu sònraichteGàidhlig agus Eacanamas Dachaigh. Bha a sròn acur dragh air Miss MacDuff nuair chuala i seo, agus cha do chleith i sin air Swahir no air Indira.

Dhinnis iad dhi gun robh Ranji ag iarraidh fuireach air an eilean, agus nuair dhfhàgadh e an sgoil gum bu mhiann leis cafaidh fhosgladh ann an Tobhtabost. Cafaidh le soidhnichean Gàidhlig, far am faodadh muinntir Thobhtaboist a thighinn agus no cofaidh no deochan no uachdar-reòite a ghabhail. Bha e eadhon air togalach a shònrachadh airson achafaidh, agus bha a phàrantan adol a cheannach an togalaich dha agus adol a chur uidheam ann. Agus thug iad cuireadh do Mhiss MacDuff a thighinn don chafaidh nuair dhfhosgladh es gum faigheadh i cupan an-asgaidh.

Uill, shuidh Ranji naHighers, agus fhuair e sia dhiubh air fadnam measg sin bha Gàidhlig agus Eacanamas Dachaigh. Agus cheannaich Indira agus Swahir an togalachs lìon iad e leis an uidheam a bfheàrr. Dìreach mus do dhfhosgail an cafaidh, chuir iad soidhne mòr ann an litrichean gorma os cionn an doraisCAFAIDH RANJI. Nochd sanas sa phàipear-naidheachd ionadail, Post Thobhtaboist, ag innse don t-saoghal gun robh an cafaidh a-nise fosgailte, agus ag innse cuideachd mu na goireasan a bha rim faotainn a-staigh.

Air an fhosglaidh cha robh an cafaidh fada alìonadh. Thàinig iad às gach ceàrnaidh, sean is òg, beag is mòr. Agus Miss MacDuff. Bha athair agus a mhàthair acuideachadh Ranji sa chidsin agus ga chuideachadh afrithealadh nan daoine a bha nan suidhe aig na bùird.

Bha dithis a bha suas ann am bliadhnaichean, Eilidh agus Dùghall


[224] Mac an Aba, nan suidhe aig bòrd ris an uinneig. Dhòrdaich iad agus briosgaidean milis. Chuir Ranji sin air am beulaibh. Rug Eilidh agus Dùghall air làimh air a chèile, dhùin Dùghall a shùilean agus thòisich e air altachadh. “Taing Dhut airson nan tiodhlacan a chuir Thu air abhòrd seo far comhair agus a chaidh ullachadh led làmhan gràsmhor fhèin. Beannaich an agus beannaich na briosgaidean. Beannaich an t-ionad ùr seo a dhullaich Thu. Amen.”

Chuala Ranji an t-altachadh aig Dùghall.

Fuirich mionaid,” arsa Ranji. “Mise a dhullaich an agus na briosgaidean. Mise agus mathairs mo mhàthair a dhullaich an t-ionad ùr seo. Agus chan e tiodhlacan a tha annta idirfeumaidh sibh pàigheadh mus fhalbh sibh. Chan fhaighear na seirbheisean seo an-asgaidh. Tha mi an dòchas gun còrd ur blasad-bìdh ribh.”

Bha gu leòr eile a-staigh, ach cha robh ann ach an aon altachadh. Bha Ranji air bhoil gam frithealadh.

Dhòrdaich Miss MacDuff deoch de chòc. Smèid Swahir ri Ranji.

Thuirt sinn rithe aig Coinneamh nam Pàrantan mus do dhfhàg thu an sgoil gum faigheadh i cupan an-asgaidh achiad turas a thigeadh i don chafaidh. A-nise tha fios agam gur e còc a dhiarr i, ach na iarr airgead oirre.”

Cuiridh sibh gu Bòrd nam Bochd mi,” arsa Ranji.

Cuideachd sa chafaidh bha feadhainn a bha còmhla ri Ranji san sgoilsan aonad Ghàidhlig. Fhuair iadsanHigherscuideachd, ach cha dfhuair uireads a fhuair Ranji. Dhiarr Ceit Dhòmhnallach agus Uilleam Brewster còc mar a dhiarr Miss MacDuff, dhiarr Murchadh Peutan agus Beileag Chamshron uachdar-reòite (le blas faoineig), dhiarr Tormod Bell cupan (nach fhaodadh a bhith ro làidir).

Ged a bha an cafaidh trang, bha ùine aig Ranji airson bruidhinn riutha uile agus bha iad ag innse do chàch a chèile bha san amharc aca, a-nise seach gun robh iad air an sgoil fhàgail. Bha dùil aig Ceit a bhith na nurs, aig Uilleam a bhith na mhinistear (ged nach do rinn e altachadh mus do dhòl e an còc! ), aig Murchadh a bhith na thidsear, aig Beileag dìreach pòsadhs teaghlach a bhith aice, agus aig Tormod a dhol don Arm no don Chabhlaich Rìoghail.


[225]

Abair measgachadh,” arsa Ranji. Ach bha esan cuideachd mar phàirt den mheasgachadh.

Bha an sgoil air dùnadh, agus bha saor-làithean an t-samhraidh aig achloinn. Agus ciod a bfheàrr le grunn dhiubh na dhol airson uachdar-reòite gu Cafaidh Ranji? Bha còignear dhiubh ann, mu aoisean ceithir-deug is còig-deug. Bella, Stella, Finella, Cailean agus Ailean. Agus shuidh iad aig bòrd faisg air an doras. Mar a bàbhaist, chaidh Ranji a dhfhaighneachd dhaibh ciod bu mhiann leotha, seadh an dèidh don fheadhainn òga a bhith abruidhinn agus ag èigheachd ri chèile.

Dhiarr Bella, Stella agus Finella uachdar-reòite le blas subh-làir agus dhiarr Ailean agus Cailean uachdar-reòite le blas banàna. Fhads a bha iad afeitheamh bha iad fhathast abruidhinns ag èigheachds acoimhead mun cuairt. Prògraman air an telebhisean. Ceòl. Dannsan.

Agus thàinig an t-uachdar-reòite.

nota is caogad sgillinn,” arsa Ranji.

Carson nach eil deilbh agaibh air na ballachan?” dhfhaighnich Bella.

Cuiridh mi deilbh air na ballachan,” fhreagair Ranji.

Carson nach eil ceòl agaibh sa chafaidh?” dhfhaighnich Stella.

Cuiridh mi ceòl don chafaidh,” fhreagair Ranji.

Bidh sin math,” thuirt Cailean is Ailean.

Cha bhi e dona idir,” thuirt Finella.

Cha bhi gu dearbha,” thuirt Ranji. “Bidh e math. Cha bhi a leithid ann an Tobhtabost.”

Bha a h-uile neach a bha sa chafaidh acòmhradhs agàireachdainns afealla-dhà. Bha feadhainn afalbhs atighinn nach baithne do Ranji idir. Ach bha e toilichte gu leòr, oir bha an t-àite trang agus bha an t-airgead atighinn a-steach. Bha a phàrantan toilichte cuideachd. Ach bhiodh iad asmaoineachadh aig amannan gum bu mhiann leotha gun deigheadh Ranji don oilthigh, oir bha iad an dùil nach be rud uabhasach seasmhach a bha ann an cafaidh ann an Tobhtabost. Carson nach deigheadh e don oilthigh airson dotaireachd no rudeigin


[226] a thoirt a-mach? Ach bha Ranji rudeigin fada na cheann.

Shoirbhich gu math leotha achiad sa chafaidh. Bha gàire air am bilean nuair chunnt iad an t-airgead an dèidh àm dùnaidh. Ach bha an t-àite afaireachdainn cho falamh a-nis.

Carson nach fhuirich sinn fosgailte ceithir uairean fichead?” thuirt Ranji.

Cha robh a phàrantan ag iarraidh gun tachradh sin idir. Dhfheumadh iad luchd-obrach fhastadh agus bha eagal orra gur e gràisg a bhiodh atadhal sa chafaidh nam biodh e fosgailte ro anmoch. Agus an uair sin, gheibheadh iadsan agus an cafaidh droch ainm. Bha meas aig daoine sa choimhearsnachd orra, a-riamh bho rinn iad an dachaigh san eilean. Bha cunnart ann gun atharraicheadh sin, nan gabhaist ri beachd Ranji.

Co-dhiù, ghlas iad na dorsan agus thug iad dhachaigh leotha an t-airgead a rinn iad, oir cha robh iad asmaoineachadh gum biodh e sàbhailt fhàgail sa chafaidh fad na h-oidhche. Cha do thachair càil seach an rathad air an t-slighe dhachaigh. Corra dhuine leis an deoch adèanamh a shlighe a dhàiteigin. acomhartaich air cùl taighe nuair chuala e iad adol seachad. Càraichean afalbhs atighinn. Daoine agabhail cuairt mus biodh àm cadail ann. Feasgar gun bhreisleach sam bith, ach a-mhàin an toileachas a bha Ranji agus a theaghlach afaireachdainn.

Bha iad rudeigin anmoch gun a dhol a chadal an oidhche sin. Shuidh iad abruidhinn mu na planaichean a bha aig Ranji airson an cafaidh a leasachadh agus a sgeadachadh. Deilbh air na ballachan. Ceòl a bheireadh tlachd don òigridhceòl nach fhaodadh a bhith ro àrd, mus tugadh e oilbheum don fheadhainn bu shine a thigeadh don chafaidh. Agus mu dheireadh, rinn iad deiseil airson a dhol a laighe.

Feumaidh sinn a bhith air ar casan tràth sa mhadainn,” thuirt Ranji, mus do leig e beannachd na h-oidhche leotha.

Feumaidh gu dearbha,” fhreagair athair.

Oidhche mhath,” thuirt Ranji. “Siud achiad seachad. Agus rinn sinn sgillinn no dhà!”

Oidhche mhath,” fhreagair an dithis eile le chèile.


[227]

Ach, mu chòig uairean sa mhadainn, chualas gnogadh cruaidh aig doras an taighe. Dhèirich Ranji, agus e eadar a chadals a dhùisg, agus fhreagair e an gnogadh. Bha poileas agus bana-phoileas aig an doras.

Ranji Sarwar?” ars abhana-phoileas.

Sin mise. Ach tha ceàrr?”

Is ann leatsa a tha Cafaidh Ranji?” ars am poileas.

Ach bha fa-near dhaibh? Drogaichean? Deòch làidir? Chaidh mìle smuain tro inntinn Ranji, ged a bha fios aige nach robh a leithid de nithean air taobh a-staigh nan dorsan.

Tha eagal orm,” thuirt abhana-phoileas, “gun deach Cafaidh Ranji na theine. Chan eil air fhàgail ach an t-slige.”

Thàinig laigse air Ranji. Theab e fannachadh. Dhèigh e air athair agus air a mhàthair. Thàinig iadsan chun an dorais, sgeadaichte nan aodach-oidhche, dìreach mar a bha Ranji fhèin. Uill, chaidh rannsachadh a chur air chois mu adhbhar an teine, agus cho-dhùin na poilis agus an luchd-smàlaidh gur e rudeigin a chaidh ceàrr air dealan achafaidh.

Bha aisling Ranji a-nise air tionndadh gu trom-laighe. Smaoinich e air an obair chruaidh a rinn e fhèin agus a phàrantan airson an aisling a thoirt gu buil. Agus a-nise cha robh sgeul air achafaidh.

Chaidh na seachdainean seachad. Agus bu mhòr an còmhradh a bha eadar Ranji agus a phàrantan. Còmhradh mun àm ri teachd. Dhfheumadh Ranji a dhol don oilthigh a dhaindeoin na bha a chridhe ag iarraidh. Agus airson sin, dhfheumadh e an t-eilean fhàgail.

Is dòcha gu fosgail mi cafaidh ann an Glaschu, ged bhios mi nam oileanach,” ars esan ri athair.

Rinn athair gàire. Achiad ghàire bho chaidh Cafaidh Ranji na smàl. Bha athair cinnteach gur ann ri fealla-dhà a bha Ranji.

Co-dhiù, an ceann grunn bhliadhnaichean, thill Ranji don eilean. Bha e a-nise na dhotair. Agus stèidhich e raon-dèiligidh air an dearbh làrach far an do stèidhich e an cafaidh bliadhnaichean roimhe sin. Agus bha e abruidhinn ri na bodaich agus ri na cailleachan na Ghàidhlig ionmholta fhèin. Agus ris an òigridh cuideachd, nuair thuigeadh iad e.


[228]

Ach chan e no còc no cofaidh a tha e ariarachadh a-nise, ach caochladh chungaidhean air òrdugh-lèigh, eadhon ged nach eil Gàidhlig aig acheamast. A dhaindeoin sin is eCafaidh Ranjia tha aig muinntir Thobhtaboist fhathast air an togalaich.

Agus ma chluinneas iad cuideigin afulang le eucail, ge air bith cho suarach, bheir iad uile achomhairle cheudna don euslainteach.

Bu chòir dhutsa, a charaid, a dhol gu Cafaidh Ranji!”

title37.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page