[229]

38. Bòrd do Dheichnear

Nuair chaidh Murchadh agus Iseabail air bòrd, chan aithnicheadh iad duine beò a bha air abhàta. Bàta mòr, eireachdail agus i dusan deic a dhàirde. Bfhada bho chuir iad romhpa gun deigheadh iad air cùrsa-mara, ach bha na prìsean cho daor. Co-dhiù, chunnaic iad sanas mòr sanDaily Mailaon Dhisathairne, a bha atairgsinn chùrsaichean-mara air prìs nach robh gu tur seach an rathad. Chunnt iad gach sgillinn a bha aca, agus chuimhnich iad gun robh Murchadh air airgead-urrais fhaighinn bho chionn bhliadhna no dhà, mar thoradh air poileasaidh a thug Iseabail a-mach air a bheatha trithead bliadhna roimhe sin. Cha robh am poileasaidh na mheadhan air airgead a bha uabhasach mòr, ach bha gu leòr ann airson cobhair a dhèanamh ann an àm na h-èiginn, nam be agus gun tigeadh an èiginn orra.

Bha an teaghlach a-nise air fàs suas agus bha iad an ceann an cosnaidh. Thuirt Iseabail gun robh feum aca air cùrsa-mara, gun robh feum aca air ùrachadh. Batharrachadh ùrachadh. Thuirt Murchadh nach robh dol-às aige ach gèilleadh do a cuid miannan, oir bise a thug a-mach am poileasaidh agus a phàigh air a shon nam bliadhnaichean.

Agus bha iad a-nise air bòrd, an dèidh siubhal gun chiall a dhèanamh mus do ràinig iad an cidhe far an robh am bàta air bhog. Ach chaidh iad air chall uair no dhà bho dhìrich iad an staidhre chun abhàta. Bha seòmar air leth snasail aca air bòrdleabaidh is cathraichean, preasan-aodaich is seòmar-ionnlaid a bha uabhasach spaideil, le siabann annasach, cùbhraidh air an robh dath uaine.


[230]

Ainm abhàta? – be anGlobal Princessa bha oirre. Bha fios aca mus deach iad air bòrd gum faigheadh iad biadh uair sam bith a thogradh iad, ach rùnaich iad gun deigheadh iad co-dhiù achiad fheasgar don t-seòmar-bìdhe a bu spaideile a bha air bòrd. Lorg iad e mu dheireadh. Bha e sgeadaichte le solais agus le dealbhan. Agus chan fhaca iad uiread de sginean agus de fhorcaichean agus de spàinnean nam beatha. Glainneachan is eile. Nach bu mhath a rinn Iseabail bho chionn trithead bliadhna leis aphoileasaidh!

Bha aca ri suidhe aig Bòrd 224. Biad achiad fheadhainn a ràinig am bòrd. Ann an ùine ghoirid, ràinig càch. Ochdnar eile. Bòrd do dheichnear.

Dhinnis Iseabail gum bise Iseabail. Dhinnis Murchadh gum besan Murchadh. Agus càch: Peregrine agus Elizabeth. Mairead agus Daibhidh. Bartholemew (Bart) agus Georgina. Bill agus Jill.

Bhiodh gille-frithealaidh aseirbheiseachadh abhùird fad na seachdaine. Marcas. Àisianach, a bha air leth gasta agus cuideachail. Modhail, cuideachd. Bheireadh e am biadh thuca, agus fìon is uisge ma bha iad ga iarraidh. Ged a bha am biadh pàighte ro làimh, dhfheumadh iad am fìon, agus eadhon an t-uisge, a cheannach.

Thòisich na bha aig abhòrd abruidhinn ri chèile, ag innse do chàch a chèile às a bha iad agus na dreuchdan san robh iad airson cosnadh. Be seo achiad chùrsa-mara aig Murchadh agus aig Iseabail. Bha Murchadh air a dhreuchd a leigeil seachad, an dèidh faisg air ceathrad bliadhna a chur seachad ag obair le fònaichean. Bha Iseabail air a bhith na nurs ann an ospadal mòr, ach bha ise air sgur a dhobair mar an ceudna. Bha iad afaireachdainn gun robh thìde aca an casan a gharadh ris an teine airson greiseig, ged bha iad fada bho bhith dìomhain, asgioblachadh timcheall an taighe is eile, rudan air nach dfhuair iad cothrom bho chionn fhada.

Ach bha Bart agus Georgina fhathast ag obair, esan san t-Seirbheis Shìobhalta ann an Lunnainn, ceangailte ri Taigh nan Cumantan. Be cunntair ann am banca a bhann an Georgina. Cha robh Elizabeth ag obair idir. Be fear-gnothaich a bhann am Peregrine, aig an robh sreath de bhùthan, a bhiodh areic aodach bhoireannach. Thug Bill


[231] a-mach dreuchd dotaireachd bho chionn còrr air còig bliadhna fichead, agus bha a raon-dèiligidh fhèin aige, agus bha dotair eile ag obair còmhla ris a-nise. Bha Jill na tidsear ann an sgoil mhòrbha i ateagasg eachdraidh. Sguir Daibhidh a dhobair bho chionn thrì mìosan. Be post a bha ann. Bha Mairead ag obair ann am bùth leabhraichean.

Nuair rinn iad iomlaid air an eachdraidh seo, thàinig Marcas chun abhùird, agus dhòrdaich iad uile biadh. Abair biadh! Còig cùrsaichean. Agus bha an còmhradh( ’s na ceistean!) agus an ithes an òl agabhail àite fad uair a thìde is còrr.

Thuirt Iseabail gun robh farmad aice ri Elizabeth seach gun robh bùthan le aodach bhoireannach aig Peregrine. Nuair bha ise na nurs, cha robh a tuarastal aruighinn air dreasaichean no air brògan eireachdail. Dhfheumadh e bhith gun robh cothrom gu leòr aig Elizabeth air a leithid. Ach, is dòcha le dibhearsain, no bha amharas aig Iseabail nach bann, is math dhfhaodte gun robh Peregrine anochdadh mar dhuine spìocach. Chuir e an cuimhne Elizabeth nach robh càil a-riamh a dhìth oirre bho phòs iad, agus mhallaich e i le a shùilean.

Chaidh a ràdh ri Jill gur iongantach mur e obair inntinneach a bha aice mar neach a bha ateagasg eachdraidh. Dhaontaich Jill ris abheachd, mur a bitheadh na sgoilearan crosta a bha anns na clasaichean aice. Agus dhfhoillsich i, nam burrainn dhi a dhol air ais ann an tìm, gun lùigeadh i bhith beò Linn nan Ròmanach. Daoine innleachdach. Daoine foghainteach. Daoine sgairteil. Ach biongantach gun robh soithichean a leithidGlobal Princessair bhog anns na làithean sin.

Dhinnis Bill mu dhaoine annasach a bhiodh atighinn thuige le eucailean. Bhruidhinn e mu aon dhuine a thàinig thuige, agearan gun robh pian na chois. Rinn Bill rannsachadh agus sgrùdadh, ach cha lorgadh e càil seach an rathad ann an cas an euslaintich. Thuirt e ris an duine nach robh ann ach an aois. Ach cheasnaich an duine e, afaighneachd carson nach robh pian sa chois eile, oir bha i aige a cheart cho fada ris an san robh am pian!


[232]

Duine crost a bhanns aphost. Bhiodh e aleughadh nan cairtean a bhiodh daoine acur gu chèile nuair bha iad air falbh air saor-làithean. Dhinnis Daibhidh mu rudan a bhiodh daoine ag ràdh ri chèile. Bha Somhairle adol a chur sradagan fo chasan Anna, oir mheall i e. Fhuair e airgead mòr bhon chrannchur, ach cha tug e sgillinn dhi. Thuirt Barrabal ri Seumas gun robh gaol aice air, agus i an dòchas nach fhaiceadh bean Sheumais achairt. Duine crost!

Mairead, a-nise. Thug i bliadhnaichean ag obair ann am bùth leabhraichean. Bha leabhraichean-gaoilMills and Boonuabhasach mòr-chòrdtecailleachan asireadh òige. Agus chuimhnich i air aon chàraid a thàinig a-steach don bhùth, agus dhfhaighnich iad an robh leabhar aca mu òraidean. Bha esan, Wolfgang Dòmhnallach, adol a dhèanamh òraid aig banais a mhic. Stiùir Mairead iad gu na sgeilpean iomchaidh, agus thagh iad leabhar air an robh “Wedding Bloomers.” Cha do chuir Mairead crìoch air an sgeulachd!

Bart. Dhinnis e mar a bhiodh esans a leithid ariaghladh ciod a bha an riaghaltas acur an gnìomh. Bha cumhachd mhòr aig Bart. Sin a bha e ag ràdh co-dhiù. Air abhàta bha e daonnan air èideadh ann an aodach foirmeil, seacaid, briogais fhada, lèine is taidh, mar gun robh e fhathast aig obair. Is dòcha gun robh a chasan ro chaol airson nochdadh ann am briogais goirid! Dhinnis e mun Phrìomh Mhinistear agus mun chabanat, agus mar a bhiodh iad ag argamaid. Bha farmad aig gach neach ris aPhrìomh Mhinistear, oir bhiodh esan adol chun na Lùchairt gach seachdain. Seoba math, agus sin ann anJaguar XJcuideachd. Bha Bart ag iarraidh gum biodh luchd abhùird ga mheas cudromach. Ach cha do dhòrdaich e aon ghlainne fìon. Dhfhaodadh nach robh an tuarastal buileach cho math! No is dòcha gun robh e agabhail ris amholadh gum feumte na criosan a theannachadh. Ma bha, ciod a bha ga fhàgail air an t-soithich seo, ann am meadhan cuan gun chrìoch?

Aon fheasgar, agus am biadh nam broinn, thòisich an ceòl. “O, thèid mi fhìn le mo ghaol air achùrsa, ’s ge bith a thachras is sinne nach bi tùrsach, dannsaidh gu madainn sinn le sgailc a bhios lùthmhor, is fhathast anns amhadainn bidh sinn uile air bòrd.”


[233]

Thuirt Iseabail ri Murchadh gun dhionnsaich an seinneadair ud Gàidhlig air an son-san a-mhàin. Agus thuirt Murchadh ri Iseabail nach robh innte ach òinseach, nach robh e acluiche ach CD, agus gur ann a bha e amìmeadh nam briathran. Ach thuirt Iseabail gun robh buidhnean-foghlaim adèanamh feum, le bhith afoillseachadh CDan agus a leithid de stuth. Airson Bart is Peregrine is Georgina, cha chuala iad òran Gàidhlig a-riamh; bha cuid dhiubh aig nach robh fiù fios gun robh Gàidhlig idir ann.

Mhair an ceòl mu chairteal na h-uarach, agus bha e follaiseach gun robh Marcas agus an luchd-frithealaidh eile afàs beagan an-fhoiseil. Dhfheumadh iad na bùird a sgioblachadh fa chomhair bracaist làrna-mhàireach. Cha bhiodh e furasta àite ullachadh do chòrr air mhìle neach ro mhadainn.

Suas gu seo, cha robh Georgina air mòran a ràdh, ach gun dhòrdaich i a biadh. Nuair bha i air ithe, thòisich i ag innse mun obair a bha aice. Bha rudan èibhinn atachairt anns abhanca. Aon thàinig boireannach a-steach agus i ag iarraidh airgead a thoirt a-mach. Dhfhaighnich Georgina don bhoireannach an robh rudeigin aice a dhearbhadh gur i a bhann mus tugadh Georgina dhi an t-airgead. Thòisich am boireannach arùrach na baga, agus mu dheireadh thug i sgàthan beag a-mach às abhaga. Sheall i ri a h-aodann san sgàthan, agus thuirt i ri Georgina gu dearbha gum bi a bhann. Thuirt i gun aithnicheadh i a h-aodann fhèin an àite sam bith! Cha do dhinnis Georgina an tug i dhi an t-airgead a bha i asireadh, seadh gus an do dhfhaighnich Daibhidh dhi. Tha e coltach gun tàinig iad gu aonta air choreigin agus nach do dhfhalbh am boireannach às abhanca le sporan falamh!

Bha e a-nise afàs dorch agus bha aghaoth ag èirigh. Cha be gun robh i na gèile no eadhon coltach ri gèile, ged chluinnist sluaisreadh nan tonn abualadh abhàta. Cha robh Elizabeth toilichte leis aghluasad seo, agus dhfhoillsich i gun robh eagal oirre mu chur-na-mara. Dhfheuch Iseabail ri a ciùineachadh le bhith ag ràdh gun robh e follaiseach nach robh i air aChuan Sgìth a-riamh. Agus co-dhiù, smaoinich Mairead, ma bha uiread de eagal oirre, carson fon ghrèin a


[234] smaoinich i a dhol air cùrsa-mara. Agus chuir Peregrine na cuimhne gun robh dotair agus a bàbhaist a bhith na nurs aig abhòrd, agus gur iongantach mur smaoinicheadh iad air leigheas air choreigin, nan cuireadh amhuir air neach sam bith a bha an làthair. Rinn sin beagan feum do Elizabeth. Ach a dhaindeoin nam briathran, bha a stamag atulgadh coltach ris abhàta. Sia làithean eile agus bhiodh i tioram air tìr.

A-nise, bhiodh an t-soitheach atadhal air eileanan air an turas. Amhadainn mus robh an cùrsa-mara acrìochnachadh, chaidh Murchadh is Iseabail, Bart is Georgina, Peregrine is Elizabeth, Bill is Jill is Daibhidh is Mairead air tìr air Eilean Chòcaigh. Chaidh, agus iomadh neach eile a bha air achùrsa-mara. Chunnaic iad eachdraidh, a bha beò fhathast nan saoghal fhèin. Clachan is clachan. Ach cha do thill neach den deichnear gu bhith air bòrd idir. Dhfhuirich am bàta uair a thìde riutha, ach mu dheireadh bfheudar dhi falbh às an aonais, oir bha cùrsa-mara eile gu bhith atòiseachadh ann am beagan làithean.

Chan fhacas iad agus cha chualas bhuapa bhon uair sin. Bha feadhainn asmaoineachadh gun deach iad air chall no gu bheil iad fhathast nan suidhe cruinn mu bhòrd ann am fàsach air choreigin, fada bho thìr an eòlais, fada bho thìr nam beò, ag innse chriomagan de eachdraidh am beatha do chàch a chèile, agus Elizabeth aseinn no amìmeadh briathran an òrain:

Is truagh nach do dhfhuirich mi tioram air tìr,
An fhìrinn a thagam nach maraiche ,
Is truagh nach do dhfhuirich mi tioram air tìr
Rim mhaireann cha till mis’ a sheòladh.

title38.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page