[235]

39. Tormod

Eadar Waverley Dhùn Èidinn agus Inbhir Chèitein bha boireannach rudeigin òg na suidhe rim thaobh san trèana. Bha an trèana làn agus acur thairis. Bha falt fada, bàn air abhoireannach. Cha do bhruidhinn sinn ri chèile idir. Bha fear afuireach rithe nuair stad an trèana aig Inbhir Chèitein. An sin thàinig dithis no triùir air bòrd, agus shuidh fear san t-suidheachan a bhlàthaich an bhàn.

Be duine òg a bha ann, mu thrì air fhichead, theirinn. Bha fhalt air a bhearradh gu goirid, coltach ri asbhuain foghair, agus bha failmheachan na chluais, coltach ri fàinne a bhiodh ann an sròn tairbh. Bha e air èideadh bho mhullach gu a bhonn ledenim, agus cluicheadair-ciùil beag aige na làimh, le uèir agus phluca a chuireadh e na chluasan. Cha do chòrd a choltas rium. Bheir mi Tormod mar ainm air, ged nach be sin an t-ainm a bha air idir.

Nuair chunnaic e gun robh mi aleughadh iris mu sheann chàraichean, mu chàraichean clasaigeach, bhruidhinn e rium.

Tha ùidh agad ann an seann chàraichean,” ars esan.

“ ’S dòcha gu bheil iad atoirt cuibhreann bheag dem òige a-steach orm,” fhreagair mi.

Baidhc as fheàrrr leam fhìn,” ars esan.

Agus chithinn e air chuibhle, adol sìos an rathad aig ceud mìle san uair, asgapadh chearcan agus chailleachan san fhuaim, san stùir agus anns an astar.

Agus thàinig fear mun cuairt le troilidh areic deoch. Dhiarr mise uisge-beatha, agus dhiarr Tormod ceithir botail de leannBecks. Bha


[236] eagal orm gun robh feasgar mòr, fada gu bhith agam. Cha robh inneal aig gille na troilidh leis am fosgladh Tormod na botail. Chuir Tormod aon bhotal suas gu a bheul agus spìon e an ceann bhon bhotal le fhiaclan.

An ann air làithean-saora a tha thu?” dhfhaighnich e.

Chan ann,” fhreagair mi. “Bha mi ann an Dùn Èideann aig coinneamh.”

an seòrsa coinneimh?”

Coinneamh mu fhoghlam,” arsa mise.

Bha Norton mòr agam uaireigin,” arsa Tormod. “500cc agus dhfhalbhadh e mar an donas.”

Bha briathran Thormoid (bann sa Bheurla a bha sinn abruidhinn) air am breacadh le facail ris an canadh mòran droch chainnt. Ach bha e mar nach robh e mothachail air gun robh e gan labhairt. Agus bha botal bho bhotal atraoghadh. Dhfhaighnich mi dha an robh obair aige.

Tha mi san arm,” ars esan.

Saighdear,” arsa mise.

Saighdear,” ars esan. “Trì bliadhna eile agus gheibh mi a-mach às an arm.”

A rèir coltais, cha robh an t-arm acòrdadh ris.

Cha toigh leam a bhith amarbhadh dhaoine,” ars esan. “Bha mi ann an Afghanastan,” ars esan. “Agus tha iad gam chur a dhAfghanastan a dhaithghearr a-rithist. Bha sinn stèidhichte sa Ghearmailt aig an àm. Agus chuir iad sinn a shabaid a dhAfghanastan. Bha mathair na shaighdear cuideachd nuair bha e òg. Cha robh mise agus mathair afaighinn air adhart idir. Agus chaidh mise don arm gus an dearbhainn dom athair gum bithinn nam shaighdear na bfheàrr na esan.”

Dhinnis Tormod dhomh mar a mharbh e fhèin daoine sa bhlàr.

Bha sinn asabaid ri na naimhdean,” ars esan. “Mi fhìn agus mo charaid, Tam. Bha iad alosgadh oirnn. Cha robh dragh agam dhìom fhìn, ach cha robh mi ag iarraidh gun deigheadh Tam a leòn. Ach chaidh Tam a bhualadh. Bha iad ag amas air an tanc. Bhàsaich e ann


[237] an tiotan, ’s bha fhuil agus fheòil air feadh an àite. Agus bfheudar dhòmhsa pìosan de Tam a sgrìobadh bhom chasaig. ’S bha na pìosan atuiteam don ghainmhich. Chuir iad dhachaigh na bloighean a lorg iad, ach bidh pàirt de Tam sgapte gu sìorraidh san fhàsach ud.”

Mhothaich mi gun robh beagan de chrith na ghuth. Agus shluig e steall eile à botal.

Cha robh Tormod acreidsinn ann an Dia idir. Cha robh e atuigsinn ciamar a b urrainn do Dhia cogaidhean a cheadachadh. Agus be an co-dhùnadh gun tàinig e nach robh Dia ann.

A bheil thusa acreidsinn ann an Dia?” dhfhaighnich e.

Bi siud ceist nach do chuir duine orm a-riamh. Stad mi greiseag.

Agus an uair sin: “Tha,” arsa mise.

Ach chan fhaca tusa cogadh a-riamh,” ars esan.

Chan fhaca,” arsa mise.

Bha an trèana asiubhal gu tuath mean air mhean. Thàinig gille na troilidh a-rithist. Ach cha robh Tormod ag iarraidh an còrr de leann. Ach dhiarr e uisge-beatha. A-nise bha eagal orm nach seasadh e air a chasan nuair ruigeadh sinn Inbhir Nis. Ach cha bann dha fhèin a dhiarr e an t-uisge-beatha. Shìn e thugam e an dèidh dha a cheannach.

Tha sin mar thaing airson a bhith abruidhinn rium,” ars esan. “Mar as trice, nuair chì daoine mi tha iad ag iarraidh mo sheachnadh. Tha fios agam gu bheil mi acoimhead olc le mfhalt air a bhearradh mar seo. Achs e an t-arm a thug orm a bhith mar seo.”

Thug mi taing do Thormod airson an uisge-bheatha. Cha do leig mi guth orm ris nach robh mòran de roghainn agam sa chùis a thaobh a bhith na chuideachd, oir bha mise ris an uinneig nuair dhfhalbh an bhàn agus a shuidh esan na h-àite. Dhfhaighnich e dhomh an ann an Inbhir Nis a bha mi afuireach. Dhinnis mi dha gur ann a bha mi afuireach ann an Steòrnabhagh. Cha chuala e mun àite a-riamh. Ach bha fios aige càite an robh Afghanastan agus Dusseldorf agus Bonn.

Chan urrainn dhòmhsa uisge-beatha òl,” ars esan. “Bidh e gam losgadh. Chan eil fios agam ciamar is urrainn do dhuine sam bith uisge-beatha òl. Smaoinich. Saighdear, agus Albannach cuideachd,


[238] agus chan òl mi uisge-beatha.”

Bha mi afaicinn buaidh an leanna anochdadh rim thaobh.

Agus mu Afghanastan?” arsa mise.

Chan eil eagal orm idir,” fhreagair e. “Ach seall orm. eile a bhiodh annam ach saighdear? Cuiridh mi orm mo dheise, agus thèid mi a-mach do na sràidean lem ghunna, lem pheilearanullaichte gu daoine a mharbhadh. Agus cha toigh leam a bhith amarbhadh dhaoine. Cha tug an t-arm an cridhe asam fhathast. Agus feumaidh mi mi fhìn a dhìon. Feumaidh mi mo chàirdean a dhìon. A h-uile bidh mi asmaoineachadh air Tam. Feumaidh mi mo chàirdean a dhìon.”

Bha sinn mu uair a thìde à Inbhir Nis. Bha am botal leanna mu dheireadh an ìre mhath falamh.

Tha mi sgìth,” arsa Tormod, “agus tha mi adol a dhfheuchainn ri cadal.”

Chuir e an cluicheadair-ciùil air dòigh agus chuir e an phluca na chluasan. Chluinninn briathran an òrain ris an robh e ag èisteachd, ged a bha am fuaim air a thionndadh gu math ìosal. Bha Tormod air chall am measg nam briathran agus anns acheòl, agus iad ag èigheachd ris: I could do with a little help from my friends. Ann am mionaid no dhà bha e na shuain chadal. Ràinig an trèana Inbhir Nis agus phut mi Tormod airson a dhùsgadh. Cha robh buaidh an leanna buileach cho follaiseach. Rinn an cadal feum dha. Bha mi an dòchas gun rinn an còmhradh feum dha cuideachd.

Thuirt mi ris mus do dhfhàg e an trèana gun robh mi an dòchas gun deigheadh gu math dha ann an Afghanastan. Cha do fhreagair e mi. Bann a bha cùisean mar gun robh mi air rudeigin uabhasach ceàrr a ràdh. Thog e a bhaga. Chaidh e a-mach às an trèana gun fhacal. Chaill mi sealladh air anns achuan de dhaoine a thàinig bhon trèana.

Tha mhìos bho dhealaich mise agus Tormod. Ach bho chionn seachdain no dhà agus mi air an dearbh thrèana, nam aonar an turas seo, gun bhàn no saighdear air fàire, asiubhal eadar Dùn Èideann agus Inbhir Nis, bha mi aleughadh aphàipeir-naidheachd. Bha litrichean mòra, dubha ag èigheachd gun deach triùir shaighdearan


[239] Breatannach a mharbhadh ann an Afghanistan, nuair a spreadh boma fon charbad san robh iad asiubhal. Bha deabhan dhiubh sa phàipear. Theab mo chridhe stad nuair chunnaic mi dealbh Thormoid agus a thuig mi bha air tachairt dha.

Bha fadachd air Tormod gus am faigheadh e a-mach às an arm. Ach, bròinean, fhuair e às na bu luaithe na bha e an dùil. ’S tha taibhs de thrèana asiubhal gun sgur eadar Dùn Èideann agus Inbhir Nis mar fhianais air neach a roghnaich cogadh an àite sìth.

Slàn leat, a Thormoid. An tuirt mi an rud ceàrr mus do dhfhàg thu an trèana an Inbhir Nis air feasgar fuar foghair? Cha bhi fios agam air sin gu bràth, agus tha e cho math nach bi. Ach am bliadhna, cuiridh mi dìthean dearg nam bhroilleach dhut.

title39.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page