45. Am Prògram
Dh’òl Iain balgam den leann a bha sa ghlainne air a’ bhòrd ri thaobh. Lìon e a’ phìob le tombaca agus chuir e teine rithe. Shocraich e e fhèin sa chathair air beulaibh teine mòr guail. Bha an oidhche fiadhaich a-muigh le uisge agus le gaoth. Ged b’ e an samhradh a bha ann cha robh a bheag de choltas air. B’ ann a bha e na bu choltaiche ris a’ gheamhradh na ris an t-samhradh. Agus smaoinich e air cho dòigheil ’s a bha e an siud, na shuidhe sa chathair air beulaibh an teine, a’ smocadh gu a thoil agus glainne mhòr de leann aige ri thaobh.
Bha e a’ dol a choimhead an deilbh-chluiche a bha gu bhith air an telebhisean. Dealbh-chluich ùr. Leugh e mòran mu dheidhinn anns na pàipearan, agus seach gun robh ùidh aige na leithid de rud, smaoinich e gun cuireadh e seachad dà uair a thìde no mar sin den fheasgar seo ga coimhead.
Às dèidh nan sanasan nochd an dealbh-chluich air a’ bhogsa. Thòisich an dealbh-chluich leis an tiotal ’s le bhith ag innse cò a sgrìobh i. Cha chuala e mun ùghdar a-riamh. Feumaidh nach b’ e fear uabhasach cudromach a bha ann, oir bha ùidh mhòr aig Iain ann an litreachas, gu sònraichte ann an deilbh-chluich an là ’n-diugh. Ged a bha na pàipearan air mòran de mholadh a dhèanamh air an dealbh-chluich seo, cha do dh’innis iad idir cò mu dheidhinn a bha i; co-dhiù ma dh’innis, cha do leugh Iain sin anns na briathran a bha sgrìobhte annta. Cha robh fios aige idir dè bha gu bhith roimhe.
Goirid an dèidh don dealbh-chluich tòiseachadh, chunnaic e e fhèin mar gum biodh e a’ tighinn a-mach tro sgòthan, a’ tighinn
Mar a b’ fhaide a bha an eachdraidh a’ leudachadh, b’ ann a b’ iomagainiche a bha Iain a’ fàs. Ach cha robh e uabhasach cinnteach idir an e cuideigin a bha seo a’ sgrìobhadh, ’s dòcha, fo ainm-pinn, agus a bha a’ dol a dh’fhoillseachadh a bheatha fhèin don t-saoghal. Nam b’ e, b’ e rud dòrainneach dha-rìribh a bhiodh an sin dha.
Ruith e a-steach don bhanca, dìreach mar a dh’ullaich e. Ghoid e an t-airgead. Mharbh e an duine. Ruith e a-mach. Agus, an uair sin, anns an doras, mharbh e am poileas. Cha b’ e gun robh marbhadh a’ phoilis sa phlana aige idir. Ach bha peilearan gu leòr sa ghunna airson rud sam bith a thigeadh air. Agus chleachd e an gunna. Thàinig e dhachaigh agus bhruidhinn e ri Màiri.
“Dè,” ars ise, “a tha ceàrr ort?”
“Chan eil càil,” fhreagair e.
“Tha,” ars ise.
“Chan eil càil,” ars esan.
“Tha,” ars ise. “Tha rudeigin fada ceàrr ort. Dè rinn thu?”
Agus dh’innis e an sgeulachd dhi, mun fhear a mharbh e anns a’ bhanca, mun phoileas a mharbh e anns an doras air an t-slighe a-mach. Agus thuirt e rithe, nam b’ e ’s gun innseadh i do neach sam bith air an t-saoghal gun deigheadh urchair a chur innte-se cuideachd. Agus ged thug i iomadh gealladh nach innseadh, cha robh e ga creidsinn. Agus mharbh e i. Agus thiodhlaic e i anns an lios, anns a’ ghàrradh shìos am measg nan ròsan, ann am marbhan na h-oidhche.
Cha chuala duine e. Chan fhaca duine e. Cha robh duine mothachail air a’ ghleadhraich a bha a’ dol air adhart, agus e a’ ruamhar le spaid agus le pic airson uaigh Mhàiri a chladhach. Cha do chuir e carragh-cuimhne, no leac, no rud sam bith ann a chomharraicheadh far an
Agus làrna-mhàireach chaidh e chun nam poileas.
“Tha mi duilich,” ars esan ris a’ phoileas san stèisean, “mun rud a thachair an-dè aig a’ bhanca.”
“Tha,” ars am poileas. “ ’S e gnothach uabhasach a bha ann Ach gheibh sinne grèim air.”
“Uill,” ars Iain, “ ’s ann a tha mise a-nise a’ tighinn a dh’innse dhuibh gun dh’fhalbh Màiri, a’ bhean agam, a-mach às an taigh a-raoir, ’s gu bheil i fhathast gun tilleadh ... bha sinn ag argamaid. A bheil thu a’ tuigsinn? Cha do dh’innis i dhomh càite an robh i a’ dol, agus ged dh’fhalbh i orm uair no dhà roimhe seo, thill i gach turas. Ach an turas seo cha do thill i idir.”
“Dh’fhaodadh gun till i fhathast,” ars am poileas.
“Cha till,” ars Iain. “Cha till i idir an turas seo.”
“Ciamar a tha fios agad air sin?” dh’fhaighnich am poileas.
“O,” ars Iain, “tha rudeigin ag innse dhomh nach eil i a’ dol a thilleadh ... Dè ged thilleadh? Dè ged thilleadh i?”
“Dè ged thilleadh i?” ars am poileas. “Dè tha thu a’ ciallachadh le sin? Dè ged thilleadh i?”
Cha robh freagairt aige.
Sgrìobh am poileas gach nì a dh’innis Iain dha mu dheidhinn, cò ris a bha i coltach, dè an t-aodach a bha oirre an oidhche a dh’fhalbh i, dè cho àrd ’s a bha i, dè an seòrsa còmhradh a bha aice, agus mar sin air adhart.
Thill Iain dhachaigh. Shuidh e sa chathair, an aon chathair, air beulaibh an teine, air beulaibh teine mòr guail, agus dh’fhosgail e canastair leanna ’s dhòirt e an leann do ghlainne. Lìon e a’ phìob le tombaca agus chuir e teine ris an tombaca. Agus neach sam bith a chitheadh e, b’ iad a shaoileadh gur e bha dòigheil an sin na shuidhe air beulaibh an teine, a’ smocadh ’s a’ coimhead dealbh-chluich air an telebhisean.
Bha Iain a’ fàs beagan an-fhoiseil anns a’ chathair mar a b’ fhaide a bha an dealbh-chluich a’ dol air adhart. Bha e a’ fàs an-fhoiseil seach
Agus a-nis bha an sealladh a’ tighinn fa chomhair, gu soilleir, gu sìmplidh, dìreach mar gum biodh e a’ dùsgadh a chuimhne, agus a’ dùsgadh na cogais aon uair eile airson fiosrachadh mu na bha e air a dhèanamh.
B’ iomadh là, agus iomadh seachdain, agus iomadh mìos, bho rinn Iain an t-olc. Agus bha e a’ dol mun cuairt a ghnothaich dìreach mar nach robh càil air tachairt. Gun teagamh, thadhail am poileas uair no dhà airson a cheasnachadh, agus chaidh e fhèin uair no dhà chun nam poileas, mar gum biodh e a’ coileanadh seòrsa de dhleastanas uabhasach air choreigin, mar gum biodh e ag iarraidh toirt a chreidsinn orra, agus b’ e sin gu dearbha a rinn e, gun robh iomagain air mu dè a thachair do Mhàiri. Bha na poilis ga chreidsinn. Bha iad a’ creidsinn gun robh iomagain air. Bha iad a’ creidsinn gun robh an gnothach a’ dèanamh dragh dha. Ach b’ i an naidheachd cheudna a bha aca daonnan. Cha d’ fhuair iad sgeul air Màiri. Cha d’ fhuair iad fiosrachadh bho neach sam bith a dh’innseadh dhaibh càite an robh i. Chan fhacas a dubh no a dath bho choisich i a-mach às an taigh an oidhche ud.
Ann an dòigh neònach, bha an dealbh-chluich a’ còrdadh ris. Ged a bha e mì-chofhurtail, ged a bha e an-fhoiseil, bha corra ghàire a’ ruith air a bhilean a’ smaoineachadh air an rud a rinn e, a’ smaoineachadh air mar a thug e an car às na poilis. Agus bha cuideigin a-nis mar gum biodh e air faighinn a-steach na eanchainn, a-steach na inntinn, agus air an rud a rinn e a chur sìos air pàipear agus air eadar-theangachadh gu dealbh-chluich.
Cha robh taigh-fhaire aca idir. Cha robh, oir bha sin air a bhith na aideachadh gun robh Màiri marbh. Agus cò aige bha fos an robh i marbh ach aig Iain fhèin? Cha robh esan a’ dol a dh’innse sin do dhuine sam bith. Ged bha na coimhearsnaich agus na càirdean a’ tadhal agus a’ feuchainn ri co-fhaireachdainn fhoillseachadh dha, cha robh e a’ gabhail co-fhaireachdainn bhuapa. Cha robh am briathran ach a’ dol a-steach air an dara cluais agus an sin gu h-obann a-mach air a’ chluais eile. Bha e a’ toirt a chreidsinn orra, dìreach mar a bha e a’ toirt a chreidsinn air an t-saoghal, gun robh e fhèin fo iomagain agus fo bhròn mòr air sgàth ’s nach robh Màiri a’ tilleadh. A thaobh Dhòmhnaill agus a thaobh Iain bhig, bha iadsan a-nis a’ fàs suas. Chleith e gach nì orrasan cuideachd ged nach robh iad a-nochd a’ coimhead na deilbh-chluiche seo. Bha eagal air, ann an dòigh air choreigin, gun robh fios aca dè a thachair. Ach bha e a’ smaoineachadh nach robh de chiall aca na dh’innseadh do dhuine e, eadhon de chiall na cheasnaicheadh e fhèin. Cha b’ e idir nach robh iad a’ faighneachd càite an robh am màthair. Bha iad a’ faighneachd sin dha gun teagamh bho àm gu àm. Ach dh’fhàs e na b’ fhasa agus na fhasa do Iain a bhith ag innse nam breugan dhaibh.
A-nochd bha iad nan cadal. Bha iad san leabaidh. Chuir e don leabaidh iad caran na bu tràithe na b’ àbhaist. A-nis cha robh e buileach cinnteach carson a rinn e sin. Bha fios aige gum biodh an dealbh-chluich air an telebhisean agus bha e ag iarraidh a faicinn. Bhiodh iad ag ùpraid agus a’ dèanamh fuaim. Agus bha esan ag iarraidh an dealbh-chluich fhaicinn.
Uill, chunnaic e an dealbh-chluich ged nach fhaca e idir i. Agus ged a bha dà dhealbh-chluich a’ bualadh air sùil na h-inntinn, cha robh e a’ faicinn ach aon. Aon ann an dhà. Agus thàinig an dealbh-chluich gu ceann, air an uair, dìreach mar a thuirt iad. Bha i math, smaoinich Iain ris fhèin.
Chuir e dheth an telebhisean. Agus nuair sguir aon fhuaim thòisich fuaim eile. Bha ùpraid air choreigin a-muigh.
Chaidh Iain a-null chun na h-uinneig, agus sheall e a-mach.
Shìos aig bonn a’ ghàrraidh, shìos am measg nan ròsan, bha triùir
“An donas oirbh!” dh’èigh e ris an fheasgar.
Bha spaid mhòr an làmh gach fir.
Agus bha iad a’ cladhach.
title | 45. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |