[293]

48. Faoilleach Sheumais

Diluain 01Tha mo cheann goirt. Carson a tha mi atòiseachadh na bliadhna le ceann goirt? Chan eil mi cinnteach an robh mi acur fàilte air bliadhna ùr no aleigeil beannachd le seann bhliadhna. Droch bhliadhna a bha siud. Bha i làn de chogaidhean is de gheallaidhean briste. Tha mo cheann goirt mun àm seo a h-uile bliadhna. Cleachdadh a tha ann. Dìreach cleachdadh. Thathar adùileachadh gum bi do cheann goirt. Thuirt Murchadh agus Annag gun tadhaileadh iad a-nochd.

Dimàirt 02Tha mo cheann goirt a-rithist. Bha botal mòr aig Murchadh. Dhòl mi fhìns e fhèin gach deur a bha sa bhotal. Chan òladh Annag an t-uisge-beatha idir. Ach ghabh i an deoch a dhaindeoin sin. Chuir i an oidhche seachad ag òl bhodca. Agus ged a bha i acur orainds na cheann chuir e an deoch oirre. Chan eil fios agam carson nach eil Annag agus Murchadh apòsadh. Chan eil fios an tadhail duine a-nochd. Chan eil abhliadhna cho ùrs a bha i a-raoir. Tha mise cuideachd nas aosta na bha mi a-raoir. Agus Murchadh. Agus Annag.

Diciadain 03Cha robh duine a-staigh a-raoir. Tha, tha abhliadhna afàs sean mar tha. Faisg air mhìos dheug gus am BliadhnÙr eile ann. Ach ghabh mi drama no dhà ged bha mi nam aonar. Chan eil math a leigeil a dhìth. Bha mi aleughadh leabhar le Jilly Cooper. Bu chaomh leam tachairt rithe. Tha sneachd air an talamh, air mullaichean nan taighean agus air na craobhan. Tha e fuar. Tha am Faoilleach fuar.


[294]

Diardaoin 04Chan eil an saoghal cho cadalach an-diughs a bha e an-. Ach tha mise cadalach a dhaindeoin sin. Tha aBhliadhnÙr seachad. Ach cha tàinig aiteamh fhathast. Bha mi afònadh gu Màiri ann an Canada. Tha iad uile gu math.

Dihaoine 05Bhàsaich an . Bha e ceithir bliadhna deug a dhaois. Bha beatha shocair, mhath aige. Tha mi ga ionndrainn. Tha cnatan atighinn orm.

Disathairne 06Tha mi làn den chnatan. Fhuair mi litir bhonReader ’s Digest ’s iad amaoidheadh duine beairteach a dhèanamh dhìom. Thilg mi an litir don teine. Ach mas e mainm a thig às an aid? An deach mainm a-riamh innte? Bha tubaist aig Calum Ailig leis achàr. Cha deach duine a ghoirteachadh.

Didòmhnaich 07Ged a tha an cnatan orm fhathast, chaidh mi don eaglais anns amhadainn. Chuir am ministear Bliadhna Mhath Ùr oirnn. Ach cha tug e drama dhuinn idir. Bha e ag ùrnaigh airson luchd-riaghlaidh an t-saoghail. Agus airson nan daoine truagha a bha agabhail nan drogaichean. Airson nan daoine a bha fo bhròn. Cuideachd, dhiarr e air Dia stad a chur air na cogaidhean. ’S iomadh rud a dhiarr e air Dia anns na h-ùrnaighean an-diugh. Bha Peigi Alasdair san eaglais. Feumaidh gu bheil i nas fheàrr a-nise.

Diluain 08Chaidh mi air ais a dhobair. Diluain an t-Sainnseil. Tha aBhliadhnÙr dha-rìribh seachad. Bha an sgoil dìreach mar a bha i nuair dhùin sinn ron Nollaig. Làn de mheabanan crosta. Thuirt miBliadhna Mhath Ùrriutha, agus chuir Ùistean Dòmhnallach a-mach a theanga. Cha robh na tidsearan eile toilichte a bhith air ais na bu mhò. Chan eil Diluain math san sgoil uair sam bith. Uair a thìde gu leth de 2C. Chuireadh iad Iob fhèin gu a dhùbhshlan, ged nach cuala iad a-riamh mu dheidhinn. Cha robh na tidsearan abruidhinn mu chàil ach mu fhoghlam. Aithisg Mhic an t-Sealgair no rudeigin. ’S iongantach mura feum mi a leughadh, no cha bhi Mgr Clancy air a dhòigh. Gu h-àraidh ma thig luchd-sgrùdaidh.

Diamàirt 09Chan eil mòran den t-sneachd air fhàgail. Thàinig Miss Butterworth don sgòi1 le fàinne oirre. Daoimeanan mòra, faileasach, a cheannaich croitear às aBhaile Tuath. Bha na


[295] daoimeanan cho gallta rithe fhèin. Thu mi aiste do 5M. Lèirmheas air bàrdachd na linne seo. Thàinig litir bhoSmith & Adamsag ràdh gu bheil mi air dheireadh le pàigheadh abhaidhsagail. Chuir mi thuca seic luach fichead nota. Chan eil iad atuigsinn gu bheil an t-airgead gann mun àm seo den bhliadhna. Thill mac aChluaisein à Glaschu.

Diciadain 10Tha uisge uabhasach ann. Fhuair am ministear gairm gu coitheanal ann an Canada. Bha coinneamh aig na tidsearan. Tha iad abruidhinn air stailc mur toir an riaghaltas tuilleadh ùine dhuinn airson ceartachadh. Rinn mi bàrdachd mun BhliadhnÙir san uair a thìde a bha mi saor. Dhinnis Miss Butterworth dhuinn gu bheil i fhèins an croitear adol a phòsadh sa Mhàrt. Thuirt Mgr Goodfellow gum bu chòir dhuinn uile a bhith ag ùrnaigh airson achroiteir.

Diardaoin 11Cha toigh leam Diardaoin. Anns an sgoil gu còig uairean. Bha mi ag obair air Aithisg Mhic an t-Sealgair. Chan fhaca mi a leithid de sgudal a-riamh. Thairg Murchadh cuilean dhomh. Cha do ghabh mi e. Chan eil cho fada bho bhàsaich Rex. Bha Miss Butterworth fada gun a dhol dhachaigh cuideachd.

Dihaoine 12Chaidh taigh Aonghais Ruaidh na theine. Ach fhuair e fhèin agus Seònaid às lem beatha. Chan eil suas dheth ach na ballachan. Chuala mi gillean san sgoil aseinn òrain chrosta, agus thug mi gu Mgr Clancy iad anns abhad. Rug Miss Butterworth air Seònaid Bhàn asmocadh san taigh-bheag. Thug Miss Butterworth òraid dhi mu chunnartan smocaidh, agus chaidh i fhèin an uair sin do rùm nan tidsear a ghabhail fag. Nuair bhuail an clag aig ceithir uairean bha mi toilichte gun robh seachdain eile san sgoil seachad. Tha mi aleughadh leabhar eile le Jilly Cooper. Tha prògram Gàidhlig air an telebhisean a-nochd. ’S ann mu ciamar a bheirear croitearachd a-steach do eaconamaidh nan Turcach a tha e. Fhuair Màiri NicLùcais cuairt don Tuirc a bhruidhinn ri na croitearan Turcach.

Disathairne 13Bha mi aig bùthWondercosa mhadainn. Chunnaic mu Ùistean aChlachair aceannach uisge-beatha saor. Mharbh càr cearc le nighean Aonghais Bhàin. GhabhMontroseairRangers3-0. Chaidh Beathag Uilleam Aonghais Màiri a thoirt don


[296] ospadal le stròc, às dèidh dhi a bhith sa bhaile-mhòr aig sluagh-dhearbhadh acàineadh an NHS.

Didòmhnaich 14Dhinnis am ministear san eaglais gun deach a ghairm a Chanada, agus gun ghabh e ris aghairm seach gun robh barrachd feum aig daoine air Dia ann an Canada na bha aig na daoine cràbhach an seo. Ach chan fhalbhadh e gus am biodh e an làithair aig pòsadh achroiteir is Miss Butterworth. Be Is beannaichte na daoine macanta an ceann-teagaisg a bha aige. Bha ad ùr eile air Eilidh. Pizzaaig mo dhiathad an-diugh – Gino Ginelli, no rudeigin. Thug mi sùil aithghearr air Aithisg Mhic an t-Sealgair. San leabaidh ro dheich uairean, agus siud gràisg adol seachad. Cha ghabh iad fois air an t-Sàbaid fhèin.

Diluain 15Fhuair mi na h-aistean bho 5M. Dhìochuimhnich Aonghas MacLeòid aiste a thoirt a-steach, ach thuirt e gun tugadh e a-steach i a-màireach. Dhfhalbh Mgr Clancy gu coinneamh ann an Glaschu, far am biodh iad iad abruidhinn mu Aithisg Mhic an t-Sealgair. Sìos donRed Lionairson pinnt feasgar. Bha athair Aonghais MhicLeòid ann. Thuirt e nach eil fios aig Aonghas air mòran mu bhàrdachd, ach gum faighinn an aiste a-màireach.

Dimàirt 16Fhuair mi an aiste bho Aonghas MacLeòid. Chunnaic mi Miss Butterworth san trannsa. Thuirt i rium gun robh madainn mhath ann, ged nach robh. Thàinig anNational Geographictron phost.

Diciadain 17Thill Mgr Clancy feasgar. Bha coinneamh san sgoil nuair a thill e, seadh aig na ceannardan, ach cha do dhinnis iad dhuinne idir, do na h-ìslean, ciamar a chaidh coinneamh mhòr Ghlaschu mu Aithisg Mhic an t-Sealgair, ach a-mhàin gun tuirt Mgr Bottomley nuair sgaoil iad, “Atharrachaidhean mòra gu bhithn seo, a nàbaidh!” Fhuair mi litir bho Mhàiri à Canada. Tha Dùghall adèanamh gu math sa cholaiste. Thairg Murchadh cuilean eile dhomh, ach tha e ro thràth fhathast às dèidh Rex. Chuir mi dealbh de Rex os cionn an t-simileir.

Diardaoin 18Chomharraich mi na h-aistean aig 5M. Bha mòran dhiubh làn de dhroch Ghàidhlig. Cha robh aiste Aonghais


[297] MhicLeòid math idir. Cha dfhuair e ach 6 a-mach à 20. Fhuair Sùsaidh NicPhàil 18. Sgrìobh i mu mhòran de na bàird as ainmeileMac aGhobhainn, MacThòmais agus MacGillEain. Thug i iomradh air Anna Fraters air Aonghas Dubh cuideachd. Thàinig chun an dorais, ’s i acruinneachadh airgead airsonSave the Children. Chuimhnich mi air 2C, ach a dhaindeoin sin thug mi nota dhi.

Dihaoine 19Beagan sneachd an-diugh a-rithist. Thug mi na h-aistean air ais do 5M. “Tha mi ag iarraidh Gàidhlig a leigeil seachad,” ars Aonghas MacLeòid. Chuir mi sìos gu Mgr Clancy e, agus thug Mgr Clancy cead dha Gàidhlig a leigeil seachad. Leugh mu tuilleadh de leabhar Jilly Cooper. Sheall mi riCoronation Street – sgudal gun bhrìgh. TheabNews at Tenmo chur a chadalcha be naidheachdan a bhann, ach beachdan! Cha robh am film dona. Rudeigin crosta, ’s dòcha. Sgrìobh mi gu Màiri ann an Canada, ’s dhinnis mi dhi mun ghairm a fhuair am ministear.

Disathairne 20Sìde mhath, fuar ach tioram. Sgioblaich mi timcheall air an taigh. Bha cuideigin air leth-bhotal falamh a shadail a-steach don ghàrradh san dol-seachad. Bha mi abruidhinn ri Murchadh. Tha e adol cuairt a Shasainn, e fhèin is Annag. Tha na craobhan bochda acoimhead cho lom, ’s chan eil lorg air flùraichean an t-samhraidh. Tha na feasgaran cho fada agus cho dorch. Pinnt is telebhisean. GhabhMontroseairCeltic3-0.

Didòmhnaich 21Bha am ministear asearmonachadh mu na h-òighean glices mu na h-òighean amaideach. Bha Murdag Ruadh acoimhead rudeigin -chofhurtail. Chuala mi na h-eòin anns amhadainn, ach cha do mhair an t-seinn ro fhada. Thuit mi nam chadal eadar trì is ceithir. Bha feadhainn san eaglais nach do dhaithnich mi, ach cha robh mòran den òigridh innte. Cha robh duine air 2C no air 5M innte. Cha robh Mgr Clancy innte, oir bidh esan adol don eaglais spaideil air an t-Sràid Àrd. Bha Miss Butterworth innte, ach cha robh an croitear còmhla rithe idir. Cha mhòr nach cuir duine umhail air an latha afàs beagan nas fhaide.

Diluain 22Rinn mi seanfhacail leotha an-diugh, ged a tha daoine mòra an fhoghlaim ag ràdh gu bheil iad sean-fhasanta. Thadhail Mgr


[298] Clancy san rùm agam, ach bha a h-uile càil mar bu chòir. Sheall mi bhidio do 5M, fear mu dheidhinn Blàr Chuil-lodair. Chuir e eagal air cuid de na caileagan. Bha mi abruidhinn ris amhinistear ann am bùth nam pàipearan, agus thuirt e gu bheil fadachd air gus am falbh e a Chanada a theàrnadh nan daoine truagha a tha thall an sin. Thuirt mi ris gum bithinn duilich ga fhaicinn afalbh, oir nach robh fios againne a bhann am peacadh gus an tàinig e nar measg. Rinn e gàire, oir bfhada bho chuala e siud. ThàinigJehovah ’s Witnesschun an dorais, afeuchainn ri creideamh a reic rium. Chuir i truas orm, afalbh nan taighean mar siud. Thuirt na naidheachdan gu bheil an cnatan air abhanrigh.

Dimàirt 23Tha abhanrigh fhathast air an leabaidh. Thàinig naidheachd-bàis Uilleam Dhòmhnaill Bhig a bhann am Manchester. Bha 2C glan às an ciall. Cha ghabhadh iad an ceannsachadh. Cha do dhionnsaich 5M na seanfhacail ach ma làimh. Thug mi còig eile dhaibh. Thòisich mi air leabhar ùr le Jilly Cooper.

Diciadain 24Tha abhanrigh nas fheàrr. Dhith i ciopair gu a bracaist. Chaidh mo bhaidhsagal a ghoid bho thaobh a-muigh na sgoile. Dhinnis mi do Mhgr Clancy gun deach am baidhsagal a ghoid, ach bu bheag a dhiù. Thuirt e gum bu chòir dhomh bhith air a cheangal ris aghàrradh faisg air Rùm 4. Dhinnis mi do Ghoodfellow cuideachd, ach cha robh dragh aigesan na bu mhò. Thàinig laigse airBatmanann an 2C nuair a bha sinn aleughadh sgeulachd. Chuir miBatmansìos chun na nurs nuair thàinig e timcheall, ach cha do thill e don chlas idir. Tha an leabhar aig Jilly Cooper uabhasach math. Dhfhòn cuideigin à Sabhal Mòr Ostaig a dhfhaighneachd am biodh sinn acur oileanaich thuca. Thuirt mi ri Mgr Clancy gum bithinn-sa toilichte 2C air fad a chur thuca. Cha do chòrd sin ri Mgr Clancy.

Diardaoin 25Thòisich na deuchainnean. Fhuaireadh mo bhaidhsagal ann an dìg trì mìle bhon sgoil. Cha deach a mhilleadh idir. Dhinnis mi do Mhgr Clancy gun deach am baidhsagal a lorg, ach cha robh dragh aige. No aig Mgr Goodfellow. Bha na sgoilearan asuidhe Beurla. Cha do chòrd am pàipear ri Aonghas MacLeòid, ged a thuirt càch nach robh e buileach dona. Ach cha robh Shakespeare no


[299] Chaucer idir ann. Thàinig litir eile bhonReader ’s Digest, ag ràdh gu bheil mi nas fhaisge air mfhortan. Chuir mi an litir don teine.

Dihaoine 26Fhuair Mgr Clancy càr ùr. Toyota, agus dath gorm air. Cha tug mi am baidhsagal don sgoil. Bha achlann acoimhead ris achar ùr aig Mgr Clancy, gu h-àraidh 2C. Ach thuirtBatmannach eil e idir cho snog ris achàr a tha aig athair-san. Bha coinneamh againn aig trì uairean. Bha sinn abruidhinn air Aithisg Mhic an t-Sealgair. Ma gheibh Mac an t-Sealgair leis, bidh sinn atòiseachadh san sgoil aig ochd uairean agus asgur aig leth uair às dèidh dhà. Chuir mi an aghaidh nam molaidhean. You ’re not progressive enough, old chep, thuirt Mgr Clancy. Chunnaic mi gàire air aodann Miss Butterworth. Bha aimhreit ann an Iorac.

Disathairne 27Tuilleadh aimhreit ann an Iorac. Fhuair mi cuireadh gu banais Miss Butterworth. Cairt àlainn le RSVP oirre. Litir bhon Chomunn Ghàidhealach afaighneachd a bheil mi ag iarraidh leabhar ùr a cheannachNa h-Uaislean le Calum OMurchaidh. Cairt-puiste bho Mhagaidh a bha air a dhol sìos guStratford Upon Avona shealltainn air a piuthar. CatalogbhoHosby & Son. Ghabh Montrose airHearts3-0.

Didòmhnaich 28Ad ùr eile air Eilidh. Cha robh mòran san eaglais.

Diluain 29Bha an deuchainn Ghàidhlig aig 5M. Bha an t-eadar-theangachadh rudeigin doirbh. Sheall mi tro na freagairtean. Obh, obh! Thuirt Iorac gun cuireadh iad na Stàitean Aonaichte nan teine, agus thuirt na Stàitean Aonaichte gun cuireadh iadsan Iorac na theine. Leig fear de mhinistearan aChrùin dheth a dhreuchdrudeigin mu mhì-chosg air airgead. Rinneadh Tòmas Barrington-Smythe na mhinistear na àite. Chrìochnaich mi leabhar Jilly Cooper. Bha mi acoimhead tro sheann lethbhreacan de Gairm. Bha Fear na Cathrach uabhasach èibhinn. Bha coileach àraid air còmhdach nan irisean. Cheannaich mi brogan ùra às dèidh na sgoile.

Dimàirt 30Bha mi acomharrachadh nan deuchainnean aig 5M. Fhuair Sùsaidh NicPhàil 89% . Thuirt i gu bheil dùil aice Ceiltis a dhèanamh san oilthigh, agus an uair sin a dhol a-steach airson


[300] teagasg. Ged a tha feum againn air tuilleadh luchd-teagaisg, cha leigeadh mo chogais leam misneachd sam bith a thoirt dhi. Thuirt mi ri Miss Butterworth gun deighinn chun na bainnse sa Mhàrt. Bha Mgr Clancy ann an droch fhonn. Chaidh e seachad orm san trannsa, le gùn fada dubh air, agus cha do leig e air gun robh mi ann. Bha ultach de phàipearan 5M agam nam làimh aig an àm. Chuala mi air an rèidio gum bi coinneamh mhòr aig na Comhairlichean a dhaithghearr, a bhruidhinn mu airgead airson na Gàidhlig. Thuirt Fear na Cathrach ann an Gairm uaireigin: Am faigh aGhàidhlig bàs? Chan eil, chan eil, chan eil. Tha dùil agam seo innse do 5M.

Diciadain 31Chrìochnaich mi pàipearan 5M. Bi Sùsaidh NicPhàil a bfheàrr a rinn. Thuirt Miss Butterworth gun rinn i math ann am Beurla cuideachd. Bha athair Aonghais MhicLeòid sanRed Lion. Thuirt e gu bheil Aonghas adol a dhfhàgail na sgoile achiad chothrom a gheibh e, agus gu bheil e adol a dhfheuchainn ri obair fhaighinn ann an Glaschu. “Bidh mise ag ràdh ris,” ars esan, “ciamar a gheibh thu obair ann an Glaschu? Chan eil obair gu leòr ann an Glaschu do mhuinntir Ghlaschu fhèin!” Cha robh Mgr Clancy cho greannach an-diugh. Siud ciad mhìos na bliadhna seachad. Paisgidh mi a-nise mo leabhar-latha.

title48.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page