[49]

7. Am Bodach

Be an samhradh a bha ann. Bha an t-adhar gorm agus e air a bhreacadh le cuileagan. Bha an saoghal na thost agus e gan coimhead acluich san adhar.

Thèid sinn a chèilidh air abhodach,” arsa Seumas.

Am bodach?” arsa mise. “ am bodach?”

Ceart gu leòr,” arsa mise. “Thèid sinn a chèilidh air abhodach.”

Bha mi fhìn agus Seumas agabhail cuairt air feasgar cho ciùin, feasgar cho blàth, feasgar cho sàmhachs a thàinig bho chionn fhada. Cha robh mi cinnteach idir am bodach air an robh e abruidhinn. Ach co-dhiù, bha fios aig Seumas a rèir coltais. Bha na briathran a bha e alabhairt rium cinnteach gu leòr, agus ghabh sinn a-null thar nan cnoc, gus mu dheireadh an dfhuair sinn sealladh air abhainn aruith air taobh-thall na beinne. Agus ri taobh na h-aibhne, air an fheur ghorm, bha bothag bheag. Agus ged a be an samhradh a bha ann, ged bha am feasgar cho blàth, bha snàithleanan de cheò ag èirigh às abhothaig, mar gum biodh teine beag samhraidh na broinn.

thanns abhodach?” dhfhaighnich mi.

Dìreach am bodach,” fhreagair Seumas. “ ’S e am bodach a bha againne a-riamh air, ainm a thugte air nuair nach robh e na bhodach; eadhon nuair bha e na dhuinòg, ’s e am bodach a bhiodh acair.”

Ghabh sinn sìos air ar socair chun na h-aibhne. Chan fhaiceadh sinn càil agluasad. Cha robh , no cat, no cearc, no eile rim faicinn. Bha an abhainn fhèin asruthadh air a socair sìos gu muir, agus


[50] cha mhòr gun cluinneadh tu càil san fheasgar ach torman fann na h-aibhne. Agus gu dearbha, be torman fann, mall a bha aice air an fheasgar bhòidheach seo.

Mu dheireadh ràinig sinn doras na bothaig. Chaidh sinn a-steach. Bha am bodach na shuidhe an sin air seòrsa de stòl, agus e asgrìobhadh. Be bodach a bha ann ceart gu leòr, feusag liath air, beagan fuilt fhathast air fhàgail air mullach a chinn, agus claisean na h-aoise follaiseach air a ghruaidh.

Ciamar a tha sibh?” arsa Seumas.

Cha do fhreagair am bodach e. Cha do leig e air gun robh Seumas ann. Cha do leig e air gun robh duine den dithis againn ann. Agus bha e na shuidhe an siud asgrìobhadh. Bha beagan de theine sa chagailt, mar sheòrsa de dhearbhadh air acheò a chunnaic sinn a-muigh. Cha be gun dèanadh e mòran blàiths ann am fuachd agheamhraidh, ach cha robh mòran feum air teine am feasgar seo. Bha corra luideag de aodach sgapte air an làr, bogsa an siuds an seo, chupan shalach air bòrd fiodh thall ri balla na bothaig. Agus an crochadh bho bhalla gu balla bha sreang air an robh corra sheann stocainn, mar gum biodh cuideigin air uisge a mhaoidheadh orra a chum an nighe. Bha iad tolltach, agus lèine is geansaidh crochte rin taobh.

Ciamar a tha sibh?” arsa Seumas a-rithist.

Cha do thog am bodach a cheann an turas seo na bu mhò.

Suidh sìos,” arsa Seumas riumsa. Cha robh agam air ach sin a dhèanamh.

Bidh am bodach abàrdachd,” arsa Seumas.

Am bi?” arsa mise.

O, bithidh,” thuirt Seumas, “ach chan eil e airson gu leugh duine abhàrdachd aige gus am bi e air bàsachadh. ’S an uair sin tha e ag iarraidh gun tig abhàrdachd aige am follais.”

Carson sin?” dhfhaighnich mise.

Cha do fhreagair Seumas mi. ’S cha do chuir mi acheist a-rithist air.

Thug mi sùil mun cuairt am broinn na bothaig, agus bann a shaoileadh duine gur ann a bha i air a cruthachadh bho thùs an siud


[51] nuair chaidh an saoghal fhèin a chruthachadh. Cha robh i coltach idir ri gun thog duine a-riamh i. Bha i ann bho thoiseach tòiseachaidh. Agus fhads a bha mi acoimhead mun cuairt, bha mi afaicinn abhodaich asgrìobhadhs adian-sgrìobhadh. Be seann phàipear glas a bha aige, pàipears dòcha a bha uaireigin geal, ach a-nis a bha air fàs glas leis an t-salachairs leis an aois. Agus dhèanainn a-mach gur e bàrdachd a bha e asgrìobhadh air aphàipear, gun teagamh. Agus gu dearbha ma bha e asgrìobhadh na bha siuds ga dheasachadh aig acheart àm, le cho luaths a bha e ga dhèanamh feumaidh gun robh liut aige air bàrdachd a dhèanamh.

An ceann ùine stad e. Thog e a cheann agus sheall e ri Seumas.

Tha mi gu math,” ars esan. “Ciamar a tha thu fhèin? Agus tha seo còmhla riut?”

Thuirt Seumas gun robh esan gu math, agus bheannaich e am feasgar dha. Rug mise air làimh air abhodach.

Tha sibh asgrìobhadh,” thuirt Seumas.

O, tha,” fhreagair am bodach. “Tha mòran ann fhathast a dhfheumas mise a sgrìobhadh. Tha mòran atachairt san t-saoghal ged nach eil mise ga fhaicinn, ged nach eil mise ga chluinntinn, ach feumaidh mi sgrìobhadh mun t-saoghal. Feumaidh mi dìleab air choreigin fhàgail aig an fheadhainn a thig nam dhèidh.”

O, feumaidh gu dearbha,” arsa Seumas. “Agus gu cinnteach tha fadachd orm fhìn gus an leugh mi abhàrdachd.”

Dhfhàs am bodach rudeigin greannach.

An e gu bheil fadachd ort gus am bàsaich mi?” dhfhaighnich am bodach.

O, chan eil, chan e sin idir a thann,” arsa Seumas. “Is ann a tha fadachd ormsa gus an leugh mi abhàrdachd, agus gu dearbha bfheàrr leam fhìn gu foillsicheadh sibh cuid de na tha sibh asgrìobhadh mus bàsaich sibh. Smaoinichibh air an t-sàsachadh a bhiodh ann dhuibh fhèin leabhar de ur cuid bàrdachd fhaicinn air fhoillseachadh, fhaicinn ann an clò.”

Chan fheum mise,” ars am bodach, “sàsachadh bhom bhàrdachd. ’S ann a tha mise afaighinn sàsachadh bho bhith ga sgrìobhadh, chan


[52] ann bho dhaoine eile a bhith ga leughadh. Agus chan eil fios agam ciod a smaoinicheadh iad mum dheidhinn aon uairs gu leughadh iad i. Co-dhiù, chan eil i deiseil fhathast. Is fhada mus bi i crìochnaichte.”

Uill,” thuirt Seumas, “ann an dòighs math leam sin a chluinntinn, gu bheil dùil agaibh a bhith beò greis mhath fhathast.”

O,” ars am bodach, “eadar gum bi mise beò no nach bi, ’s fhada mus bi abhàrdachd deiseil. Nach eil sibh afaicinn bàrdachd mun cuairt oirbh fad na h-ùine? Nach eil sibh afaicinn bàrdachd anns na creagan, anns na h-uillt, anns gach bileag feòir? Tha òrain air leth annta uile.”

Bha sinn greis acòmhradh a-nulls a-nall mar sin, mu bhàrdachd, mu nàdars mu na cnuic, mu na cuileagans mu na h-eòin, agus mu gach eile anns an robh ùidh aig abhodach. Agus abair gun robh liut aige air còmhradh. Bha mi ag ràdh rium fhìn gum feumadh e bhith gun robh mòran sgeulachdan aige. Co-dhiù, cha robh sinn uabhasach fada a-staigh nuair thuirt Seumas gum bu chòir dhuinn a-nise falbh. Agus dhaontaich mise gum bu chòir dhuinn falbh. Cha robh mi air a bhith an siud a-riamh roimhe agus cha robh mi ach air aoigheachd.

Air an t-slighe dhachaigh thòisich Seumas ag innse dhomh mun bhodach. Nuair dhfhàg e an sgoil aig aois còig bliadhna deug, smaoinich e gun togadh e abhothag seo ri taobh na h-aibhne. Cha robh e ag obair a-riamh. Cha robh e ann an colaist. Cha deach e na bfhaide leis an fhoghlam na an sgoil fhèin. Agus bha fadachd a bheatha air gus an dfhuair e air an sgoil fhàgail. Agus thog e abhothag, ’s chaidh e a dhfhuireach innte. Bhiodh e atighinn don bhailes dòcha uair a h-uile deich ach am faigheadh e gnothaichean a bhiodh a dhìth air, mar bhiadh. Agus a-mach air sin, cha robh duine ga fhaicinn a shamhradh no a gheamhradh, ach corra dhuine mar Seumas fhèin, a bhiodh atadhal air bho àm gu àm.

Agus mun bhàrdachd a tha seo?” arsa mise. “Saoil mu dheidhinn a tha e ga sgrìobhadh?”

O,” fhreagair Seumas, “chan eil fios aig duine air sin. Tha e fhèin ag ràdh gur ann mu bheatha a tha e asgrìobhadh na bàrdachd. Ach cha shaoil sinne, mise no thusa, gum facesan mòran den bheatha, na shuidhe feasgar bho fheasgar, an dèidh , air an t-seann stòl ud, ag


[53] èisteachd ri na siantan, acoimhead ris aghrèin, ag èisteachd ris an abhainn aruith air a slighe chun na mara.”

Agus,” arsa mise, “a bheil duine beò a bhuineas dha?”

Tha,” arsa Seumas. “Tha càirdean gu leòr aige. Tha bràithrean aige. Peathraichean. Agus càirdean eile.”

Agus am bi iad sin ga fhaicinn?” dhfhaighnich mi.

Cha bhi,” thuirt Seumas. “Cha bhi iad adol na àrainn. Chan eil e gan iarraidh. Tha e ag ràdh gu bheil iad adol san rathad air nuair thig iad. Tha e coltach gun deach fear de a bhràithrean agus aon de a pheathraichean chun na bothaig aon uair ceart gu leòr, ach cha bi an taing a bfheàrr a fhuair iad. Agus cha deach neach a bhuineadh dha ann bhon uair sin. Bidh mise bho àm gu àm atadhal air gun teagamh, ach, mar a chunnaic thu, cha bhi mi afuireach fada. Bidh eagal ormsa cuideachd gu bheil mi san rathad air, gu bheil mi acur dragh air, air abhàrdachd aige.”

Uill, bho chionn ghoirid, agus an samhradh ud air a dhol seachad, ’s am blàths air gèilleadh do fhuachd geamhraidh, thachair mi ri Seumas a-rithist. Ghabh mi naidheachd abhodaich. Cha tuirt Seumas facal. Ach thug e pasgan ann an cèis ghlais a-mach às a phòcaid. Shaoilinn gur e leabhar a bha am broinn na cèise. Agus gu dearbha cha robh mi ceàrr. Thug Seumas an leabhar às achèis agus sheall e dhomh e. Sgrìobhte air còmhdach an leabhair gu h-àrd bha am facal BÀRDACHD, agus na bfhaide shìos na facail LEIS ABHODACH. Thuig mi an gnothach.

Chaochail am bodach?” arsa mise ri Seumas.

Chaochail,” fhreagair e. “Chaochail am bodach.”

Shaoil mi gun robh fras uisge gus tighinn. Choimhead mi suas don adhars mi gam mhallachadh fhìn seach nach robh còta orm. Ann am briseadh san adhar, eadar na sgòthan agus sìorraidheachd, bha mi cinnteach gun robh mi afaicinn ìomhaigh air choreigin.

Bha.

Bha mi afaicinn ìomhaigh.

Bodach na shuidhe air seann stòl ... agus e a’ sgrìobhadh!

title7.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page