[26]

Sarah

An sneachd a thann. Slinnteach, thuirt thubhairt? Tha e na laighe greiss an uair sin adol na lòns an àiteachan na lèig ruadh. Ameirgeadh air falbh gus an tig beul na h-oidhche a-rithist le reothadh teann. Na cabhsairean nan cunnart; an grèim a thaig nabooteesagam – suedeagusfur - lined – chan fhuilear dhaibh. Ma thèid mi air mo thòin sìosChurch Street,Thia nan gràs, ’s gu faic iad mi! Fada nas ciallaiche coiseachd as aghuitear às an t-slinnteach. Cuimhnam a-nis, faire, shaoghail, gur e Mr Craig a thuirtslinnteach’ – cinnteach gur h-e, eile?

Bodach glas às aCheann a Tuath a bhann, speuclanan air, putanan. Putanan a bhàdaidh, mo chreach-sa thàinig, a ghràidh, fosgailt’.

Tha do bhùth fosgailt’ ,” chanadh Doileag ris. Bha bùth aige uaireigin ach dhfhalbh i leis an stoirm, tha colach, as na 1920s … ’n e23 a bhann? Iongnadh nach do dhfhalbh i leis fhèin, grèim aige air a bhonaids e feuchainn ri freasgairt air beag no mòr. Agus sheinn an Topag, bean Nèill: “Uisge nam beann, O ho-ro laoigh, sìos na shruth leis … ” – chan eil agam ach siud dheth, amhran a thog i o bhoireannach à Barraigh, cha chreid mi, aig an robh na h-amhrain.

Thachair mi ris an Topag, mi fhìn agus Sarah. Bha mult ceangailte ri post na leap an ceann shuas an taigh, agus cearc-ghura


[27] ann an ciste-teatha. An fhàrdaich a bha siud.

n t-ainm a thort?” ars ise.

Angusina MacLeod,” arsa mise.

Homh,” ars ise, tro sròin, “ClannIc Leòid abhrochain thanas an droch aran-eòrna.” Cha chanadh tu seinn ris.

Bha seinn aig Mr Craig: seann òrain na cheann liath, liathadh tu ag èisdeachd riutha. Am fear a beagalaich: ‘Òran aChlaiginnair fonnAn t-Eilean mu Thuath, an iomall achuain’, mu dheidhinn an duine seo agus dòlas de chlaigeann gun teanga gun slugan agus gun anail na shròin. Càil ach daolagan is durragansin na cnuimhean, “durragan breun an t-sluic”, fàileadh achoin. Thigeadh èaladh nam fheòil ag èisdeachd ris. Sarah cuideachd, ged bu shuarach an fheòil a bhoirrese, cho caol ri bioran. Ach bha sinn cho modhailmo chreach, acluinntinn siud à leabhar le ciofar ruadh agus fàileadh na deathaich. ‘Latha aBhreitheanaisleis an aon duine, cha be bfheàrr.

Nach gabh thu fear aotrom, a bhreitheanais,” chanadh Doileag. Thuirt Sarah gun tigeadh e mach le feadhainn aotrom sa mhadainn, moch an àm èirigh:

An dfhidir non dfhairich non cuala sibh
idir thug briogais Mhic Ruairidh leis?”

Sin feare fhèin le putanan a bhàdaidh fosgailt’. “O mosglamaid gu suilbhir ait” – sin fear eile, ma chanas tuaotromris. Fhuair sinn lorg air as an leabhar: ‘Òran an t-Samhraidhair fonnWat ye wha I met yestreen’ . bha sin: ‘Wat ye wha’ – manScots wha hae’ ?An aon duine, thuirt Mr Craig, a dhfhaodadh sin innse dhuinnPearson a bhairdhfhalbh e. ‘An garbh-laoch Galltaa bhaig Mr Craig air, ’s e bha ruith an taigh-òsta, ’s bhiodh e seinnScots Wha HaeagusFor A That anA ThatagusMy Ain Folknuair a bhiodh no dhà aige, Pearson.

Co-dhiù, ‘Òran an t-Samhraidh’: bha Mr Craig ag iarraidh a sheinns cha robh am fonn atighinn thuige. Agus oidhche


[28] nan oidhcheannan ud, bha staigh ach Ailean nan Ceap leis amheileòidian agus balach Reubain leis an tromb. Làn ceòl, an dithis.

am fonn a chuireadh sibh air na facail sin?” dhfhaighnich Mr Craig. ’S thuirt Ailean nan Ceap, às dèidh cròchail is crònanaich: “ ‘O fàiltort fhèin, a chuthag ghorm’ .” ’S thuirt balach caol Reubain: “An diabhal cuthag sin. mu dheidhinnNead aghurra-gùg’ ?”

tha sin?”

?” ars esan.

Nead aghurra-gùg.”

An rud a bhaig achoileach-fraoich,” ars esan.

bha sin?”

Thug an naosg am bàrr dheth.”

Chailleadh tu do lùths.

“LadyMagdalena na Ceàrdaich,” ars esan, atoirt srann air an tromb. Am fear eile gha thogail air abhogsa-ciùil. ’S thuirt Mr Craig nach robh e idir freagarrach, ’s chaidh sinn a dhanns.

Bha Sarah, ’s i cho bòidheach, air a h-aineol. An dèidh dha Pearson falbh cha robh duine ann a dhèanadh na leabhraicheans thàinig Sarahair iasadon Chaledonian. Bhan a bha sin, Bella Crisnidh, càirdeach dha Maighstir MacFhearchair leis an robh taigh-òsta an Druim a Tuath. ’S bha Sarah deònach gu leòr a dhol greis a dhàitùr.

“An experience,a ghràidh,” thuirt Bella Crisnidh.

You might chust get a disa at first, ”ars ise, “ach seall air marexperience ’s bidh tu ceart gu leòr.”

Chuir i fios orm goirid an dèidh dhi dhol ann: “Help! ”

Theab mi sracadh. Siarach a thannamsas chan eil sinn glè fhada bhon Druim a Tuaths bha sinn eòlach air an taigh-òsta bho bha sinn beag adol ann le uighean, mo chreach, nuair a bhiodh na cearcan abreith, no adol a dhiarraidh bainne nuair a bhiodh abhò seasg. A-null air an abhainn.

Thèid e null air an abhainn gun a chas a fhliuchadh. A shìorraidh. Ach co-dhiùs eFebruarya bhann. Sneachd agus


[29] slinnteach. Cha mhòr gun lèir dhomh an geatan-dràsta, an t-adhar glas le flin. Ach co-dhiùbha an seo ann: O! – leadaidh a bhinnte, le fàinneachan agusdressed up to the nines, lipstick – ’s bha an rann seo aice:

January brings the snow,
Makes our feet and fingers glow.

February brings the rain,
Thaws the frozen lakes again. ”

Na rudan a steigeas na do chuimhne.

Thàinig Sarah dhan tìr air racaid de bhana le Ailean arudanaich, Ceapach; fàileadh chaorach agus bhòtannan gus a tachdadh; duine leis an deoch as an deireadh agus roileach gun cus spùt a bha feuchainn ri h-ilmeachd gu bàs. Bha ise afeuchainn ri theich, ’s chanadh Ailean: “Chan eil as achruinne- cho càirdeil,” ’s chanadh an duine leis an deoch: “An cruinne- air fad.”

Sarah bhochd, cha robh i atuigse facal. “,” ars ise riumsa, “tha sachruinne- air fad?” Balaich Reubain, Angaidh aca, a bhiodh atighinn a-mach le na rudan sin. A shìol nan nathraichean nimhe! – bhiodh siud aige. Rudan às aBhìoballs an deoch air, air a riaghladh leis an t-Sàtan, thuirt an Topag, bean Nèill – “Ach bidh e na bhalach math fhathastfuirich thusort,” thuirt i.

Thuirt Sarah gu robh na leabhraichean nan cùis-uabhais, nach dèanadh tu bun no bàrr dhiubh. Agus sin agad a bha math air na cuisteanan, cha robh na bfheàrr, ge boil leis an trustar tidseir a bhagain: Càthanmurt, duine le sùilean dearg a bhiodh adol air chrith leis an droch nàdar. Sheall i dhomh leidsear: bollsagusbushels ; ‘Two pounds, thirteen shillings and sevenpence, onefàrdanann am pinseal purpaidh. Gun gleidheadh Dia thu, arsa mise. Four quarters, one hundredweight.Clach mìn-flùir, bholla mine, hih!

Siud ise, Johnina, bean Donaidh Crowdie, adol a dhiarraidh


[30] an Eich Bhàin, botal beaggill – four gills one pint.Ged a thigeadh an cafadh-làir, le tàirneanaich is tèin’ -adhair, cha chumadh sin an seana-bhun ud gun a dhol gha iarraidh. Na casan camagach aice fo earball a còtann am brògan tacaideach, tric air a tòin i a-steach an geat’. “Saoilidh mi geil rudeigin delullann a-nis. Cho math meantraigeadh a-mach. Gheibh mi gheibh mi? Pacaidfagsaguspork chop … ”

“ ’Eil fhios aid, ” arsa Sarah, “Mr MacFarquhar, chan ith e hama. ’S chan fhaod sinn òrdachadh hama nopork .Leugh e ann am pàipear gu robh hama ag adhbhrachadhcancer ,tinneas eagalach man achaitheamh.

“ ’S eil fhios aid, Murchadh, am fear a bhan ceann nam beathaicheancrodh, caoraich mhaola, an t-each Róger. Well, mac an ànraidh sin, nach do smuglaig e ceann muic a-steach dhan chidsins bhruich e e. Chailleadh tu do mhùn afaicinn achinn ud acoimhead a-mach à pana.

“ ‘Marbhaidh Maighstir MacFhearchair thu,’ thuirt Doileag. Bisen t searbhant. Doileag Effie. ’S cha chuimhne leam, ged a mharbhadh tu mi, leis a bha Murchadh.”

Rud eile. Rud eile a bha air a thoirmeasg dhaibhanelectric .Cha robh fuaim aige; cha robh fàileadh dheth; cha robh e nàdarrach, thuirt Mr MacFarquhar. Agus chunnaic a phiuthar, ann an aisling, taighean air an sgrios leis, gul is caoidh, agus clann-daoine adol nan gual leis. Kate a bhoirrechanadh tu gu robh ioff’ ,man Eòin ud ann an Eilean Phatmos. “O, mo chreach, na innis orm.”

Ach nach smaoinich thusorra, ann an siud le lampaichean Tilley apìochail air balla. Rinn Murchadh solas dha Sarah lebulbagusbatteries .Bha e crochaicht ri ceann na leap, dìreach ceart mar bu mhiann leathason leughadh nanlove stories.Na leabhraichean a bhas an àite fhèinna bi dol ghan cuimhneachadh dhomh: bha iad fuaraidh agus uaireannan gheibheadh tu cnuimhean beaga geala beò nan cùl. Bha na leabhraichean àbhaisteach ann: Iain Buinean – ’s en duinudagus Shakespeare, The Complete Works of Shakespeare,dealbh dha cumadh a chinna mhaoil


[31]s a shròins an fheusag bhiorach, còmhdaichtfo dhuilleag thana, mhìn. AgusBook of Verse,buidheach an t-saoghail mhòir agam air: “It is an ancient Mariner” ,buidheach an t-saoghail mhòir. ’S bha Dòrlach Sìl annGàidhligagus Vol III agus Vol VII agus Vol XVI dhaPractical Knowledge For All.Agus am fear a bfheàrr leamsa: Ambulance Hand- BookasealltainnContents of Abdomen and ThoraxSuperficial Anterior View’.

Seall air asgudal a tha na do bhroinn,” chanainn ri Sarah. Ach bha ise air chall as naRomances .Cha beMills and Boonno Annie S. Swan; cha be Mòrag adèanamh phanacakes sa bhothan bheag sa ghleannan uainsaPheople ’s Friend.Eadar iad fhèins na leabhraichean beaga bogapenny -dreadfuls,a ghràidh, a gheibheadh tu air ochd sginn, 8d, ann a Woolies. Air achiofar nighean bhòidheach, letheach-rùisgt’, a lèine air a reubadh sìos ma h-achlaiseans ig èigheachds asgreuchail, agus cuideigindroch bhugair a choreiginas an dorchadas air a cùlaibh. Bu bheag an t-iongnadh gu robh i ag iarraidh ormsa cadal còmhla rithe na h-oidhcheannan fuar reòthtud. Dhùisgeadh tus bhiodh do shròin bhos cionn na cuibhrig man cnap deigh. An gleoc as an lobaidh abualadh na h-uarach; an fheadhainn aosta le na fuaimean aosta aca fhèin: abrunndals ag osnaich, steall dhan aphoit-mhùin, deireadh an làithean.

Agus an oidhche seo, tàislich.

Bha Sarah na suain, cho neoichiontach ris an uan. Cha chuali achagarsaich aig an doras; an doras gha fhosgladh. Chrùb mi sìos ri taobh, crith na mo thòins mi faireachdainn chodaftri sgona ann ancombinationschlòimh mo mhàthar, an gùn-oidhcheflannelette .Ailean an dòlais ud a chuir a cheann a-steach an toiseach. Bha dùil am ris, mar a bha a shùil orm. Làn dha na h-ana-miannan, làn dhan fhear-mhillidh. Agus asitrich air a chùl, balach caol Reubain. O mo chreubhag-s’ , chaidh e null chun taobh a bha Sarah agus sheas e ann an siud gha coimhead. ’S mar gun tuigeadh i gu robh rudeigin ceàrrs nach be pioc trom-laighe bhann, dhfhosgail a sùilean agus leig i sgreuch. ’S a Thia, ma leig, nach dàinig onghail


[32] nan creach bho Aosta nan Làithean a bha gu h-àrd, ’s gu h-àraid bho Mhaighstir MacFhearchair, a bha gu h-ìosal rùm air falbh.

Dèanaibh às,” thuirt mi riutha. Ach dhfhosgail an doras gu chùls bha e ann an sin na dhrathars, sia troighean is còrr dheth ann am brògan mòr a’ Home Guard,an raidhfil na làimh.

an sionagog gun chiall tha seo man tìdsa dhoidhch’ !” Leig Sarah sgreuch a bha na bàirde na chiad , ’s thug na gaisgich an casan leotha. A-mach seachad air man am peilear. Leig eshotsuas dhan adhar.

An ath thriop,” dhèigh e, “bidh rud ann.” Agus shaoileadh tu, nach saoileadh, nach tilleadh iad achiad ghreis. Ach thill, ’s bha e mar nach robh càil air tachairt. Chuir e fàilte orras bhan oidhche àlainn.

Fuirichibh a-nis. Istibh. Siud ise atilleadh, Mrs Crowdieknowes, abeatadh gu cala as na clabain bhrògan. Hup! Bit of a swerve there,man a thuirt maraiche à Ploc Loch Aillse oidhche fhrasach fada dhan oidhch’, an cèilidh seachad.

Cha robh Sarah air cluinntinn ma chaithris na h-oidhche a-riamh. Bhiodh Bella Crisnidh abruidhinn air dithis a bhiodh afeuchainn gu clann-nighean ann am Manors mar a bhiodh iad acur an athar, Roddy Sgealban, glan às a rian. Ach cho fad’ ’s a baithne dhi, cha robh claidheamhs cha robh gunna as an ruaig.

Am biodh Mr MacFarquhar air urchair a chur unnta?” dhfhaighnich Sarah.

“ ’N en duine,” arsa mise, “a chuir fras a chasan a pheathar?” Cha be Kate ach Jessie Anne. Dhinnis mi dhi mar a chuala mi. Bha Iain AlasdairAinIc Aonghais, ris an cante Isaac, agus Dòmhnall Gileas, ris an cante Dòmhnall Gileas èildearann am bus nan deich adol chun nan òrdaighean a-null dhan bhaile. Chunnaic iad Maighstir MacFhearchair air abhus air a dhòigh am measg chailleachan. Besan an t-àrd-eildear agus chuir e na h-uimhir a dhiongnadh orra gu robh e adol chun nan òrdaighean ann an deise a’ Home Guard.Agus an uair sin mòr-iongnadh nuair a dhèirich e mach às abhus aig ceann an rathaid a bha adol gu


[33] taigh an dotair.

“ ’Eil thu idir atighinn còmhla rinn?” dhfheòraich Dòmhnall Gileas.

Chan eil, a chàirdean,” ars esan, ’s chualam bus e. “Feumaidh misan dotair fhaighinn. Tha mi dìreach an-dràstairshota chur ann an Jessie Anne.”

S dhfhàg e mar siud iad, fo imcheist air madainn Dihaoine, Latha na Ceist.

Na mharbh e i?” dhfhaighnich Sarah, ’s i gha dhearg-choimheads en ceann abhùird an oidhcha dhith sinn an damh air an robh An Gille Ciarancha do dhfheuch thu riamh fod fhiacail feòil cho blasta. Tha cuimhnam gu robh na bùird air am bualadh ri chèile, esan aig an dàrna ceann, rinn e altachadh: “Tha sinn cruinn an seo a-rithist, ma-thà, fod chomhair uamhainn fhèin, a Dhè … ” Bheireadh e ort sealltainn suas; caogadh do shùl, aomadh do chinn: Tha thu an siud, a bhodaich. tha dol?

Chchchrrr … ” aig an fhear aost a bhaig ceann eile abhùird. Bart a bhair, mo ghràdh, air a chlaoidh le siataig agus giorrad-analach agus a chasan agusyou name it,mar a dhèirich dhà. “Iongnadh nan iongnadh,” arsa Maighstir MacFhearchair ri Dia, “geil duinidir againn fhathast ann, mìos marbhadh nan lus seo,” ars esan, “mìos marbhadh nan seann daoine.” Agus thug e taing airson na feòla agus mhol e an Gille Ciaran, a thàinig bhon achrodh a bfheàrr: sona, riabhach, ruadh. Agus thug e iormadh air ar feumalachdan: beò ro fhada air brochan agus sgadan meirgeach agus am buntàta beag leis abhuntàta mhòrduilich agus doilgheasachs gu robh e, dhfheumte an Gille Ciaran a chur gu bàs, ’s thàinig Dòmhnall MòrAin Tàilleir leis an òrd. ’S leig an Topag bìog aist’: “Hih!” ars an Topag,

Buille ma seach
Ma cheanns ma chas,
Tha Dòmhnall amarbhadh alaoigh.”


[34]

Ach nach be laogh a bhann. Ach damh. Feòil cho blasta … ’S na bha againn leis. Agus às a dhèidh, Sago.

O Sarah

Dhiùlt Rose ampudding .Rose an leis a’ lipstick ’s aneau -de-Cologne:thuirt i gun chuir Sago agusCornflourbuidheach nam buidheachan oirrese bho bha i na nighean bheag an taigh a seanmhar air na Lochan an àiteigin, Grabhair no àiteigin. An àite sin, ghabh iginanorains. Agus Bart, cha ghabhadh esan mòran co-dhiùs e leis an losgadh-bràghad, a gharbhan air sgrèitheadh.

Siuthad, an ainm an àigh,” thuirt Doileag Effie, “gad nach biodh ann ach làn do bheòil.”

Hoigh, you,am bioch!” arsa Rose. “Leig dha.”

Loisg e a gharbhan,” thuirt an Topag, “le na dhòl e bho òige.”

Chchchrrr … ” an gàire bhaig Bart. “Chan eil cothrom air,” ars esan ris an Topag, “ach bidh mi beò nas fhaide na thus.”

“ ’Eil e math a bhith aost?” dhfhaighnich Sarah dha.

Mìorbhaileach, a ghràidh,” ars esan. “Bidh do chuimhne afalbh.”

Dhfhaodainn a bhith air mo mhealladh, ach saoilidh mi geil mo chuimhne fhìn adol nas fheàrrs nas fheàrr, mar an sìneadh a tha a-nis atighinn dhan latha. Bha seinn ann, agus sruth bàrdachd bho Mr Craig amoladh nighean òg: a slios mar an eala no mar chanach nan gleannna facail sina h-anail chùbhraidh mar chaineal, beul meachair gun mheang. ’S chaidh sinn a dhanns. Jimmy Shand and his Band,mise le Ailean nan Ceap as anOld -Fashioned Waltz,a làmh atriall. ’S bha dannseilann: Quickstep ,cha chreid micha burrainn dhuinn a dhèanamh. Ach nam faiceadh tu Rose agus an Topag: burrainn dhaibhsanFred Astaire agus Ginger Rogers! – ach gu robh an dàrna le beagan de rabhla, bit of a swerve, ’s an tèile doolally co-dhiù, chailleadh tu do lùths.

S an uair sin thachair rud iongantach: chaidh Sarah is balach Reubain a-mach dhan oidhch’. An t-slinnteach sin air an talamh agus slisneag gealaich air a druim os cionn Beann nan Caorachchrochadh tum pùlais oirre.


[35]

S an toileachas a sgaoil nar measg.

Gaol na h-òige,’ thuirt Mr Craig.

Ist dheth,’ ars an Topag, an rudhadh ud na gruaidh.

Agus sheinn RoseMy Funny Valentine’ ,a guth cho critheanach, binn. Cho fann. Feuchaidh mi ri sheinn:

My funny Valentine,
Sweet comic Valentine,
You make me smile

Mo ghuth afalbh. Cha robh guth math agam co-dhiùduilich a bhith sùghadh mo shròin mar seobriseadh sìos mar seo

Och, Sarah,

le do shùilean donna, donna
s e naidheachd do bhàis-sa

titleSarah
internal date2015.0
display date2015
publication date2015
level
reference template

Caimbeul Sgeulachdan sa Chiaradh %p

parent textSgeulachdan Sa Chiaradh
<< please select a word
<< please select a page