[7]

1

Inbhir Nis. 1986. Prìomh bhaile na Gàidhealtachd a chanar ris, e na laighe air bruaichean Abhainn Nis. Baile far a bheil duine fhathast buailteach tachairt ri caraid agabhail sràid, no coinneachadh le turchairt ri cuideigin nach fhaca e airson bhliadhnaichean. Baile nan eaglais agus nan stìopall, nan taighean-òsta agus nan taighean-bìdh. Baile na malairt agus nam bùithtean air am bi daoine atadhal on dùthaich mun cuairt agus bho na h-Eileanan fhèin a cheannach agus a dhèanamh an cuid ghnothaichean.

S ann dhan bhaile seo a thàinig Iain Murchadh MacLeòid. Bha e ag obair do Chomann Mòr an Leasachaidh. Bha togalach aca ri taobh na h-aibhne. Chaidh a chur an-àirde sna 60an, bogsa mòr le ceàrnagan glainne agus concrait. Ann an sùilean Iain Mhurchaidh, cha robh dad brèagha mu dheidhinn. ’S ann bhon ionad seo a bha spògan fad-shiùbhlach an leasachaidh aruighinn a-steach dhan cheàrnaidh a biomallaiche air aGhàidhealtachdatogail bùth-obrach an siud, atoirt airgead do dhentrepreneur an seo agus cuideachadh fìor mhath do chompanaidhean.

Bha dreuchd àraid aigeOifigear aChultair. ’S ann ris-san a bha an urra làmh cuideachaidh a thoirt dhan Ghàidhlig, dhan


[8] cheòls dhan t-seann dualchas. Bha dìreach bliadhna o thòisich e san dreuchd. An toiseach cha robh an obair air a bhith acòrdadh risgus an latha a thòisich e adol a-mach le Lili.

A-nise, ’s e Dihaoine a bhann agus bha an deireadh seachdain gu bhith aca còmhla. Bha e còig mionaidean an dèidh sia air latha brèagha foghair nuair a thàinig e a-mach às an Taigh Ghlainne, mar a bha aige air togalach aChomainn. Cha robh e adol air ais dhan Eilean Sgitheanach idir, far am bàbhaist an dachaigh aige a bhith. Bha an teaghlach aige ann, ach bha e fhèin agus a bhean dealaichte airson bliadhna agus cha robh miann sam bith aige iad faighinn air ais còmhla, ged a bhiodh e afaicinn na nighinne aige bho àm gu àm. Ann an Inbhir Nis bha rùm aige ann an taigh faisg air Eden Court. Rùm beag a bhann le leabaidhs àmhainn mheanbh-thonnachs chathairs telebhisean; cha robh mòran eile.

Duine sam bith a bha air fhaicinn afàgail togalach aChomainn, cha chuireadh iad uibhreachd sam bith air am measg sluagh na sràide. fhichead bliadhna a dhaois, faisg air sia troighean a dhàirde, air fàs maol, speuclairean le oirean adhairce orra agus màileid na h-obrach aige na làimh. Cha robh e ach mar na mìltean de dhaoine eile air feadh na rìoghachd, atighinn a-mach às an àite-obrach agus adèanamh le toileachas air an taigh. Cha toireadh coigrich an aire gun robh a shùilean na bu shoilleire nan àbhaist. Cha burrainn fios a bhith aca air an adhbhargun robh Lili afeitheamh ris san t-seòmar aige.

Bha ise cuideachd ag obair do Chomann Mòr an Leasachaidh. Bise Oifigeach an Luchd-obrach, ag obair ann am Personnel. Be a prìomh dhleastanas a bhith afastadh dhaoine dhan Chomann agus gan suidheachadh nan obraichean. Achiad latha a chunnaic


[9] e i bann aig an agallamh nuair a thàinig e an toiseach a shireadh obair aig CML. Ghabh e nòisean dhi san spot. Bha i brèaghachan eil teagamh sam bith mu dheidhinn sinle a falt fada dubh agus a craiceann bàn, bàn. Ach cha be sin bu mhotha a thug buaidh air ach a sùilean. Thug iad rudeigin na chuimhne, ach cha burrainn dha smaoineachadh .

Bha i na suidhe eadar dithis fhireannach, Mgr Crombie, Ceannard aChomainn, duine beag, caran reamhar, le falt liath-dhonn agus aodann ruiteach agus an Rùnaire, a bha acoimhead cho coltach ri sgoilear le aodann sèimh, reusanta. Bise a chuir achiad cheist. “Carson a tha sibh ag iarraidh na h-obrach seo?”

Cha robh e fada ag innse sin dhi. Mar a bha e acreidsinn ann an dualchas, gu h-àraidh dualchas nan Gàidheal. Cho cudromachs a bha e an cànans an ceòl a chumail beò. Thuirt e sin agus mòran eile. Rinn i snodha-gàire mar gun robh i ag aontachadh ris, nos dòcha gun robh i afeuchainn ri a mhisneachadh. Cha robh e cinnteach.

Bho dhoimhneachd inntinn bha freagairtean eile agoil an-àirdemar a bha e seachd searbh dhen obair a bhaige (bha e ag obair mar fhear-naidheachd dhan BhBC), mar a bha e sgìth dhen bhaile bheag san robh e afuireach. Àite beag, cho dùinte a-staigh ... ach chùm e na smaointean sin aige fhèin. Nuair a dh’fhàg e an t-agallamh, chùm e a’ smaoineachadh oirre. Na sùilean ud, bhann mu dheidhinn a sùilean?

Thàinig e thuige an uair sin: teachdaireachd nan sùilean.

Chuimhnich e nuair a bha e afuireach ann an Inbhir Nis, bliadhnaichean mòra air ais, às dèidh dha an taigh fhàgail, agus mus do phòs e. Biad siud na làithean geala. Bhiodh e adol gu dannsaichean ann an Srath Pheothair, Druim na Drochaid, Baile


[10] an Locha agus iomadh àite eile. Thug Lili na chuimhne na seann làithean. Sna h-amannan ud gheibheadh e teachdaireachd nan sùilean bho àm gu àm. Bhiodh fios aige sa bhad nuair a bheireadh nighean an t-sùil sin dha, agus cha bann tric a burrainn dha a mhiann àicheadh.

Ach bha sin o chionn bhliadhnaichean. ’S dòcha gun robh e gu tur ceàrr mu dheidhinn Lili. Carson nach be càirdeas a bhiodh sna sùilean aice? ma bha e air a sgil a chall agus nach burrainn dha an diofar innse tuilleadh eadar càirdeas agus miann. Co-dhiù, thuirt e ris fhèin: ’s math nach tug mo shùilean-sa cuireadh sam bith dhìse.

Mar a smaoinich e air an latha ud agus e acoiseachd ri taobh na h-aibhne, thàinig spreigeadh na cheum. Cha mhòr gum burrainn dha a chreidsinn: bha i afuireach ris san t-seòmar aige. Bha e air a bhith ceart mu theachdaireachd nan sùilean. Bha e a-nis faisg air bliadhna o latha an agallaimh agus bha iad air a bhith adol còmhla airson mu ochd mìosan. Bha miann air a dhol gu rud na bu làidire. Bha toil-inntinn aca an cuideachd a chèile. Bha spèis aige dhi, bha earbsa aige innte agus bha e afaireachdainn gun robh sin fìor dhìse cuideachd. Bha e atòiseachadh afaireachdainn gun robh gaol aige oirre agus aicese airsan. Bha, bha e cinnteach gun robh gaol aige oirre.

Cha bfhada gus an do ràinig e an taigh san robh an rùm aige. ’S ann shuas an staidhre a bha e. Bha an solas air. Feumaidh gun robh i ann. Mar a thàinig e chun an dorais, chuir e beagan iongnaidh air nach robh an telebhisean air. Bàbhaist dhi a bhith acoimhead an telebhisein uair sam bith a bhiodh i afeitheamh ris.

Dhfhosgail e an doras. Thug a chridhe leum às. Dhfhàs e


[11] bàn. Bha i na laighe leth-rùisgte air an leabaidh. Bha a sùilean fosgailte, gun ghluasad sam bith.

Lili, Lili, dùisg,” ghlaodh e, agus e aruith a-null thuice. Rug e air a làimh. Bha i blàth. Thug sin dòchas dha. Chuir e a chluas ri a broilleach a dhfheuchainn an robh gluasad na cridhe. Chan fhairicheadh e càil.

Chaidh e a dhfhosgladh achaibineit airson sgàthan fhaighinn. ’S ann an uair sin a thug e an aire dhan bhotal philichean. Bha e air a chliathaich, an ceann dheth agus e faisg air a bhith falamh. Murt, fèin-mhurt. Bha smaointean gun àireamh adòrtadh tro eanchainn. Cha do bhodraig e an sgàthan fhaighinn.

Chaidh e na ruith sìos an staidhre chun afòn agus dhfhòn e 999.

title1
internal date2010.0
display date2010
publication date2010
level
reference template

Caimbeul Teas %p

parent text Teas
<< please select a word
<< please select a page