[94]

15

Faodaidh tu laighe sìos an sin air an t-sòfa.” Bha an guth cofhurtail, socair, cinnteach às fhèin, rud nach robh Iain Murchadh. “Bidh mi còmhla riut ann am mionaid.”

Bha e air tighinn air ais gu Jane Harthill, mar a gheall e, agus airson achiad uair na bheatha bha e gu bhith fo bhuaidh suainealais. Cha robh e cinnteach carson a bha e air aontachadh ris a leithid. Cha bann airson a mhath fhèin a bha e ga dhèanamh, bha e cinnteach à sin. Gun teagamh sam bith, bha e ann an droch staid, ach bha fios aige carson a bha e anns an staid anns an robh e. Mus dfhuair e a leannan na laighe marbh, bha e air a bhith ceart gu leòr. Gu ìre co-dhiù.

O bha, bha e air a bhith fiadhaich, gun teagamh sam bith. Fiadhaich nach robh fios aige ann a chreideadh e. Fiadhaich gun robh aGhàidhealtachd ag atharrachadh agus gun robh aGhàidhlig acrìonadh; fiadhaich gun robh amhòr-chuid den t-sluagh coma co-dhiù; fiadhaich nach burrainn dha dad a dhèanamh mu dheidhinn; fiadhaich gun robh am pòsadh aige air a dhol a thaigh na croich; fiadhaich gun do phòs e an cheàrr. Ach ged a bha e air a bhith fiadhaich, bha seòrsa de dhfhios aige càite an robh e adol. A-nis, chan ann fiadhaich a bha e, ach goirt, goirt agus trèigte, gu tur air chall.


[95]

Smaoinich e air a bhean, Nuha à Iòrdan, agus mar a choinnich iad ann an Glaschu agus e ag obair dhan BhBC agus mar a ghluais iad dhan Eilean Sgitheanach às dèidh dhà no trì bhliadhnaichean. A snuadh caran odhar, a sùilean dorcha ach le sanas de dhàbhachdas. I atrèanadh a bhith na dotair. Bha tàladh innte dhàsan, agus annsan dhìse. Dhinns i dha gun robh Nuha aciallachadhtuigseagusaigne’. Cha bfhada gus an robh iad adol a-mach còmhla agus mus robh abhliadhna suas, bha iad air pòsadh. Bha gaol aca dha chèile agus cha do smaoinich e aig an àm gum biodh duilgheadas sam bith eatarra. Mar a bha e asmaoineachadh an uair sin, bha e coma às a bha neach no an inbhe shòisealta a bha aige no aice. Nach robh an daonnachd leis an do rugadh neach ga dhèanamh co-ionann ri neach sam bith eile? San t-seagh sin bha an dèirceach aig nach robh sgillinn ruadh a cheart cho uasal ris abhànrigh air a cathair. Agus bha ann an dath achraicinn ach rud suarach nach bu chòir aire a thoirt dha. Sin mar a bha e asmaoineachadh nuair a phòs e Nuha.

Agus chaidh cùisean gu math an toiseach. Fhuair iad flat ann am Partaig agus bhiodh iad adol a dhAmman air làithean-saora far am fuiricheadh iad còmhla ri a pàrantan. ’S e dotairean a bha annta agus mas e Muslamaich a bha annta, cha mhòr gun robh e atoirt an aire ach gum biodh iad adol air an glùinean agus ag ùrnaigh aig amannan àraidh dhen latha.

Bann nuair a bha i trom leis an nighinn aca, Jumaana, a thòisich cùisean adol ceàrr. Bha esan ag iarraidh Cairistìona Anna a thoirt oirre às dèidh a mhàthar agus piuthar a mhàthar.

Tha e cudromach gum bi ainm Ioslamach oirre. Jumaana, nach e ainm snog a tha sin? Tha e aciallachadhneamhnaid airgid’ ,” chanadh ise.


[96]

Bha sin acur achuthaich air. “An diabhal ort, Nuha, tha thu afuireach ann an Alba a-nis. an ceangal a thaig Ioslam rinne? Agus tha thu pòsta aig Gàidheal agus Crìosdaidh.”

H-abair Crìosdaidh, duine nach eil acreidsinn ann an Dia no ann an càil sam bith. Tha mise co-dhiù acreidsinn ann an Allah.”

A bhidse a tha thu ann, ciamar a ghabhas tu ort ... ” Cha tigeadh an còrr a-mach. Bha e gu tachdadh leis an fheirg. Air a thàmailteachadh barrachd agus fios aige gur e an fhìrinn a bha ann an cuid mhath de na bha i ag ràdh.

Bha cuimhne aige air an latha uds bhiodh gu sìorraidh, mar a dhfhalbh e a-mach às an taigh, ga fàgail agal. Mar a chaidh e dhan taigh-òstas mar a ghabh e smùid achofaidhs mar a thàinig e air ais dhachaigh, ag èigheach rithes ag ràdh nach robh innte ach salchar de Mhuslamachs carson nach tilleadh i air ais dhan àite às an tàinig i.

An ath latha bha sàmhchair throm, shàraichte eadar an dithis aca. Agus an ath latha agus an latha às dèidh sin. Cha do thill am blàths agus an dlùth charthannas a bha aca bho thùs ach air èiginn agus bhon latha sin a-mach, aig an ìre a bfheàrr a bha cùisean, bha dubhachas daonnan air cùl an t-subhachais.

S e esan a bhruidhinn an toiseach. Air sgàth na sìthe, dhaontaich e Jumanna a thoirt air an nighean, ged bu leamh dha.

Bha i nise aon bhliadhna deug a dhaois agus afuireach còmhla ri a màthair anns an Eilean Sgitheanach agus iad adol a ghluasad air ais a Ghlaschu cho luaths a gheibheadh a màthair àite-fuirich dhaibh ...


[97]

Bha e cha mhòr air dìochuimhneachadh far an robh e, agus an a bu chòir a bhith ga shlànachadh. Chluinneadh e a guth bhon t-seòmar-shuidhe mar gum biodh i air afòn. Air abhòrd mu choinneamh chitheadh e leabhar fosgailte, an leabhar-latha far am biodh i acur uairean airson nan daoine ris am biodh i adèiligeadh. Gu faiceallach, theàrn e bhon t-sòfa agus chaidh e chun abhùird.

Bha smuain air tighinn thuige. Chitheadh e a bhiodh atighinn thuice agus cuin. Dhfhaodadh am fiosrachadh a bhith feumail dha. Thionndaidh e an duilleag gu Diluain. Bha ainmean ann nach robh e ag aithneachadh ach an sin nam measg aig còig uairean bha an t-ainm aig Raghnall Crombie. Chitheadh e cuideachd ainm no dhà eile de mhuinntir aChomainn. Thug e sùil air na seachdainean mu dheireadh. Bhreab a chridhe, ged nach be iongnadh mòr sam bith a bha ann, nuair a chunnaic e an t-ainm Lili NicLeòid abreacadh nan duilleagan. A rèir choltais, bhiodh i atighinn a h-uile seachdain.

Chluinneadh e an guth fhathast air afòn. Thug e sùil mu chuairt an rùm. Laigh a shùil air pìos bàrdachd air abhalla mu choinneamh agus e air a shoidhnigeadh leis na ciad litrichean JH.

Teas

teas feòla teas colainn,
teas fiabhrais teas fala,
teas grèine teas saoghail,
teas talmhainn teas daonnachd.
tha mi afàs teth agus nas teotha mo dheigh aleaghadh
sàbhail mi cuideigin tha mo thìrean atiormachadh


[98] mo choilltean air an gearradh mfhàsaichean afàs
beathaichean dol bàs sàbhail mi cuideigin
màile ga truailleadh smùid-cheò gam bhuaireadh

puinnseanan nam aibhnicheans nam mharannan
atachdadh beatha
tha mi afaireachdainn an teas atighinn thairis orm

fliuch le fallas an fhiabhrais
mar euslainteach adol bàs
mo bhrìgh aseargadh air falbh
sàbhail mi cuideigin.

Cha robh cus tuigse aige air bàrdachd aig achar a bfheàrr. Bfhìor thoigh leis na seann òrain agus bheireadh iad deòir gu a shùilean, ach cha robh e cinnteach a bha abhàrdachd a bha seo air a bheulaibh aciallachadh no mu dheidhinn a bha i. Dhfheumadh e faighneachd dhen a sgrìobh i, a rèir choltais an a bha adol ga chur fo shuainealas.

Bha e cho mòr air chall sna smuaintean aiges nach tug e an aire dhi atighinn a-staigh dhan rùm air achùlaibh.

Thug e leum às.

O, duilich, an do chuir mi eagal ort? Tha mi duilich a bhith cho fada. Bha cuideigin air afòn.”

Tha e ceart gu leòr; bha mi aleughadh na bàrdachd seo. An e thu fhèin a sgrìobh i?”

“ ’S mi.” Bha i mar nach robh i ag iarraidh cus a ràdh, ach lean e air.

Chan eil mi atuigsinn ro mhath, am burrainn dhut beagan mìneachaidh a dhèanamh.”


[99]

Laigh sìos air t-sòfa agus innsidh mi mu dheidhinn a tha i,” thuirt i gu beòthail.

Rinn e e fhèin cofhurtail agus dhinns i dha mar a bha an dàn mu dheidhinn an t-saoghail. Mar a bha an saoghal ateasachadh beag aig bheag agus mar a bha an teas a bha sin air adhbhrachadh le sannt mhic an duine. Agus nach e seòrsa de theas a bha ann an sannt fhèin? Sannt airson chàraichean nas cumhachdaiche, taighean nas motha agus nas fheàrr, àirneis nas fhasanta, airson a h-uile seòrsa rud a bha ùr agus annasach. Agus dhfheumadh a h-uile càil a bha sin cumhachd agus airson cumhachd dhfheumadh connadh a bhith air a losgadh agus mar bu mhotha de ghuals de dhola a bha air a losgadhs ann a bàirde a dheigheadh an teas. Sannt agus teas, bha na dhà ceangailte mar làimh is miotaig. Mhol i an leabhar Gaia: A New Look at Life on Earth le Seumas Lovelock.

Tha mi air a leughadh,” thuirt e.

Las a h-aodann. “A bheil gu dearbh? Ma tha, tuigidh tu air a tha mi a-mach.” Bha i acoimhead uabhasach toilichte.

Gu cinnteach, bha tuigse nas fheàrr aige a-nis air a bàrdachd agus bha e ag aontachadh ri tòrr dhe na bha i ag ràdh. Ach bha cuid de dhaoine ag ràdh nach robh an àile ateasachadh idir agus, ma bha, gur e rud nàdarrach a bhann a bhiodh atachairt bho àm gu àm co-dhiù.

Thug i sùil air achloc. “ ’S fheàrr dhuinn tòiseachadh,” thuirt i. “Tha sinn beagan air dheireadh.”

Rinn e e fhèin cho cofhurtail ’s a b’ urrainn dha agus sheall e suas air na sùilean mòra bàidheil.

title15
internal date2010.0
display date2010
publication date2010
level
reference template

Caimbeul Teas %p

parent text Teas
<< please select a word
<< please select a page