[118]

19

Cola-deug às dèidh dha bhith aig taigh Ailig, fhuair Iain Murchadh fòn bho Iain MacIlledhuinn, an lorg-phoileas a bha ga cheasnachadh às dèidh bàs Lili.

Dhinns e dha gun robh iad air rannsachadh a dhèanamh air an obair aig Harthill agus gun deach casaidean a thogail na h-aghaidh. Bha i ag àicheadh gun do rinn i dad ceàrr agus dhfheumadh an gnothach a dhol gu cùirt. Chaidh cead a thoirt bhuaipe i a bhith ag obair mar neach-leigheis suainealais. Bha, bha e ceart gum faodadh e bhith gun robh na bha i ag ràdh ri Lili air buaidh a thoirt air a h-inntinn. Dhfheumadh achùirt tighinn gu co-dhùnadh mu dheidhinn sin. Bha e air innse do mhàthair Lili mar a thachair agus, mar a bhiodh dùil, bha i air a h-uabhasachadh leis a h-uile càil a thachair. Cuideachd, bhiodh esan agus a charaid Ailig MacAoidh air an gairm mar fhianaisean.

Nuair a thàinig e dhen fòn, bha e afaireachdainn fann. ’S ann a-nise a bha na thachair adrùdhadh air agus bha fios aige gum biodh greis mus faigheadh e seachad air a h-uile , nam faigheadh gu bràth. ’S e an rud a bha dèanamh a h-uile dad na bu mhiosa gun robh e atuigsinn mar a mheall Lili e. Bha i air a dhol a-mach le Crombie agus cha robh i air innse dha. Bha e air a


[119] bhith cinnteach gun robh gaol aig oirre, agus aicese airsan, achs dòcha gun robh e air a mhealladh ann an sin cuideachd.

Bha e soilleir gu robh i air a bhith falach rudan bhuaithe. Carson idir nach do dhinns i dha gu robh i adol gu suainealaiche? Carson, carson, carson? Nam biodhs dòcha gum burrainn dha a bhith air a cuideachadh. An e nàire a bhoirre innse dha?

Dhfheumadh e Inbhir Nis fhàgail agus obair eile fhaighinn. ’S dòcha gun deigheadh e air ais gu bhith na fhear-naidheachd. Ach mus dèanadh e dad dhe sin dhfheumadh e sgrìobhadh gu Daibhidh, bràthair Lili. Bha rudeigin ann mun duine a thug buaidh shònraichte air agus a bha ga bhuaireadh bho àm gu àm. Bha e cinnteach nach e dìreach gum be bràthair Lili a bha ann. Cha be idir. Bha charisma anns an duine. Bha e a’ deàrrsadh na ìomhaigh ’s na ghuth ’s na ghiùlan. Cnag na cùise, ’s e mar gun robh eòlas aige air an t-saoghal seos air abheatha seo nach robh aigesan, agus cinnt aige anns na bha e acreidsinn agus sin atoirt misneachd mhòr dha. Bha an duine acur eud ann: bha e ag iarraidh barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn agus mu a bheachdan.

Chuir e roimhe gun sgrìobhadh e thuige. Bha leisgeul math aige: dhfhaodadh e innse dha mar a thachair anns na seachdainean a chaidh seachad agus mar a fhuair e fhèin agus Ailig a-mach an fhìrinn mu na thachair do Lili.

Bha e cinnteach gum biodh a mhàthair air innse dha mu thràth na bha na poilis air innse dhi, ach bheireadh an sgeulachd aigesan sealladh eile dha. Dhfhòn e màthair Lili airson seòladh a mic ann an Uganda. Bha i ro dheònach sin a thoirt dha agus chuir e beagan iongnaidh air cho càirdeils a bha i ris. Ach nuair


[120] a smaoinich e barrachd mu dheidhinn, dh’fhàs e soilleir dha. Bha i a’ cur na coire air Harthill a-nis airson bàs na nighinne aice agus cha bann airsan.

Shuidh e sìos aig an deasg aig an uinneig. Bha e air ais anns an rùm aige fhèin agus chitheadh e gàrradh nan Gilliosach air a bheulaibh. Na duilleagan afàs buidhe, agus donn agus atòiseachadh air tuiteam: saoghal nàdair afreagairt an fhuinn a bha air fhèin. Shuidh e airson greis ann an neul agabhail beachd air an t-sealladh. Mu dheireadh, chuir e peann ri pàipear.

Inbhir Nis
10mh An t-Sultain, 1986

A Dhaibhidh choir,

Tha mi duilich ma tha seo na iongnadh dhuibh, gu bheil sibh afaighinn litir bhuamsa, ach bha mi ag iarraidh sgrìobhadh thugaibh a dhinnse dhuibh na tha air a bhith atachairt anns an t-seachdain no dhà a chaidh seachad. Tha mi cinnteach gum bi sibh air cluinntinn mu thràth bho ur màthair mu na fhuair mo charaid Ailig agus na poilis agus mi fhìn a-mach mu bhàs duilich ur peathar, ach bha mi ag iarraidh innse dhuibh mi fhìn bhon taobh agamsa.

Tha mi air a bhith uabhasach duilich agus tha e air a bhith dèanamh dragh mòr dhomh gun do chaochail i idir oir bha meas mòr agam oirre, mar a tha fhios agaibh ...

Dhinns e dha a h-uile càil a bha fios aige air mu Jane Harthill agus mar a bha e fhèin aice an toiseach airsonleigheasagus gun do rinn a charaid clàradh dhi. Dhinns e dha cuideachd mu na


[121] droch aislingean a bha aige às dèidh dha a bhith aig Harthill agus gun robh e cinnteach gur e an droch dhìol a fhuair i aig làmhan abhoireannaich ud a thug air a phiuthar làmh a chur na beatha fhèin. Chùm e air:

Cha bidir adhbhar math a thug oirnn coinneachadh ri chèile ach, an dèidh sin, chòrd e gu mòr rium coinneachadh ribh. Chuir e iongnadh orm cho sìtheil, sonas a bha sibh acoimheadged a bha adhbharan gu leòr agaibh airson a bhith a chaochladh. Tha sibh cuideachd nar lighiche ann an Afraga, acuideachadh nan daoine bochda thall an sin. tha toirt oirbh sin a dhèanamh? Tha mi an dòchas nach bi sibh asmaoineachadh gur ann -mhodhail a tha mi. ’S e tha air cùlaibh nan ceistean agam, tha mi fhìn cho neo-chinnteach mun a h-uile càil, gu h-àraidh nuair a tha e atighinn gu creideamh, agus aithnichidh mi oirbh gur e duine tuigseach a tha annaibh. tha atoirt oirbh leithid de chreideamh a bhith agaibh? ’S dòcha gum burrainn dhuibh mo chuideachadh. Chunnaic mi leabhar air an sgeilp leabhraichean agaibh le Paul Tillich. An dèanamh e feum dhomh an stuth aigesan a leughadh?

Ma tha na ceistean a tha seo gòrach agus mura h-eil sibh ag iarraidh an litir seo a fhreagairt, na gabhaibh dragh sam bith. Cha bhi diomb idir orm. Bhithinn duilich ur toirt air falbh ann an dòigh sam bith bhon obair phrìseil a tha sibh adèanamh ann an Uganda.

Co-dhiù, tha mi an dòchas gun coinnich sinn a-rithist.

Le mòr spèis,
Iain Murchadh MacLeòid


[122]

Seachdain às dèidh dha an litir a sgrìobhadh, dhfhàg Iain Murchadh airson Glaschu. Bha e dòchasach gum faigheadh e obair a-rithist aig aBhBC aguss e sin thachair. Dhfhàg e fios le Oifis aPhuist ann an Inbhir Nis airson litrichean sam bith a chur chun an t-seòlaidh aige ann an Glaschu. Cha bfhada gus an robh e air a bhogadh san obair ùir aiges chaidh seachdainean seachads cha mhòr nach do dhìochuimhnich e mun litir a sgrìobh e. An uair sin, aon lathas e air tighinn dhachaigh bho obair, bha litir afeitheamh ris agus stampa Afraganach oirre. Dhfhosgail e i gu dùrachdach:

Kampala
11/10/86

A charaid chòir,

Thug e toileachas mòr dhomh litir fhaighinn bhuat. Tha mi air a bhith adèanamh tòrr smaoineachaidh mu na thachair agus tha mi air a bhith acaoidh nach eil Lili tuilleadh còmhla rinn. Bha mi gu math dèidheil oirre ged a chaidh sinn air diofar shlighean. Tha na dhinns thu fhèin dhomh air a bhith na chuideachadh mòr agus tha mi a-nis atuigsinn nas fheàrr dìreach a thachair agus carson a chuir i às dhi fhèin. Tha e an-còmhnaidh na chuideachadh ma tha fios againn carson a thachair rud. Chan eil dad nas miosa na e bhith na chùis dhìomhairgu bràth afaighneachd, Carson idir a mharbh i i fhèin?

A thaobh Jane Harthill, nach e sin tric a tha tachairt, neach agus deagh amas aige no aice airson math a dhèanamh agus ann a bhith ro dhìcheallachs ann a tha e


[123] no i a’ dèanamh milleadh mòr. Cha leig a leas sin tachairt ach faodaidh e, gu math furasta. Sin as coireach gur e an gaisgeach as motha a tha agam Albert Schweitzer.

Bha thu faighneachd carson a tha mi adèanamh na tha mi ris, agus tha mi smaoineachadh gur e sin co-dhiù pàirt dhen fhreagairt, abhuaidh a bha aig an duine ud air mo dhòigh smaoineachaidh. Fhuair e an duais Nobel airson an teagaisg aigethoir urram do bheathano ‘reverence for life’ agus bha e a’ sealltainn sin na bheatha fhèin. Mholainn e fada dhut ro Phòl Tillich. Cha robh sin ach leabhar a bfheudar dhomh a leughadh nuair a bha mi nam oileanach.

Ach biodh misneachd agad, a charaid, tha beatha gach neach na cheum eadar-dhealaichte agus tha sinn uile aig ìre eadar-dhealaichte air an t-slighe. Ach aig deireadh an lathas e truas agus co-fhaireachadh a tha cudromach. Sin an searmon agam airson an-diugh! Tha thu fada ro chòir nuair a tha thu acleachdadh facal martuigseachmu mo dheidhinn-sa.

Taing mhòr dhut a-rithist airson sgrìobhadh thugam. Tha mi an dachas gun coinnich sinn a-rithist gu dearbh. An ath uair a bhios mi atighinn dhachaigh a dhAlba leigidh mi fios dhut.

Leis a h-uile beannachd,
Daibhidh

Phaisg e an litir. Cha mhòr nach robh deòir na shùilean, ged a bha e air a bhith duilich dha gal o bha e air a bhith na leanabh. Ged nach robh Daibhidh air am facalmathanasa chleachdadh, bha


[124] fios aige gur e sin a bha anns an litir seo, agus bha sin cudromach, gun robh an duine seo atoirt mathanas dha.

Chuir e roimhe gun deigheadh e gu Leabharlann Mhitchell nuair a bhiodh tìde aige. Dhfheumadh e faighinn a-mach mu Albert Schweitzer, ge brith a bha ann.

Seachdain no dhà às dèidh dha an litir sin fhaighinn, rinn e a shlighe a Dhùn Èideann far an robh achùis-lagha an aghaidh Jane Harthill atighinn chun na h-Àrd-chùirt. Bha e fhèin agus Ailig nam fianaisean na h-aghaidh. Fhuair an diùraidh ciontach i gu h-aon-ghuthach gu robh i air bàs adhbhrachadh le coire agus fhuair i trì bliadhna sa phrìosan. Cha toireadh sin Lili bhochd air ais, ach cha bhiodh co-dhiù an cothrom aice tuilleadh dhaoine eile a chur ann an cunnart.

title19
internal date2010.0
display date2010
publication date2010
level
reference template

Caimbeul Teas %p

parent text Teas
<< please select a word
<< please select a page