[12]

2

Thàinig an carbad-eiridinn agus càr a’ phoilis aig an aon àm. Bha deòir ann an sùilean Iain Mhurchaidh. Bu toigh leis a bhith air ruith air falbh agus e fhèin a thilgeil san abhainn, ach bha fios aige gum biodh sin gòrach agus na poilis aig an doras. Chanadh iad an uair sin le cinnt gum be a choire-san a bha ann gun do mharbh i i fhèin, no gu dearbh bhiodh amharas aca gun do mhurt e i. Thug am medic sùil amharasach air. ’S e duine beag tana, fadàs a bha ann.

Chuir e an steatasgop ri a broilleach airson tiotan. Choimhead e na sùilean le inneal-sgrùdaidh. “Tha i marbh,” thuirt e ann an guth biorach, oifigeil.

A bheil sibh cinnteach,” ghuidh Iain Murchadh agus tachdadh na ghuth.

Choimhead an duine sìos a shròn air mar gum biodh e ag ràdh, “ fios a thagadsa mu dheidhinn a leithid?”

Dhfhairich e gun robh e cuideachd ag ràdh, “Agus bha i adèanamh leth-rùisgte san rùm agadsa co-dhiù?”

Dhfhairich e nimh na bhith dhan duine, ged nach robh e air fhaicinn a-riamh roimhe, agus ged a bha e làn bròin agus buaireis.


[13]

Nuair a chunnaic na poilis gun robh i marbh, chuir iad fios rèidio airson dotair agus airson nan lorg-phoileas. Nuair a bhiodh bàs aithghearr mar seo ann, dhfheumadh iad sin a dhèanamh.

An ceann greiseig, thàinig an dotair. Bfheàrr leis esan na fear na h-ambaileans. Duine na mheadhan-aois, le speuclairean. Bha e acoimhead tuigseach, còir. Choimhead esan cuideachd na sùilean. Chrath e a cheann. Thionndaidh e ri Iain Murchadh gu tùrsach. “Tha mi duilich, tha i air falbh. Feumaidh an corp a bhith air a thoirt air falbh airson postmortem, ach an toiseach bidh na lorg-phoilis ag iarraidh dealbhan a ghabhail.”

Cha bfhada gus an tàinig triùir lorg-phoilis bhon Roinn Rannsachaidh Eucoir. Thuirt iad ri Iain Murchadh fuireach aig an doras fhads a bha iad adèanamh rannsachadh air an rùm. Dhfhaighnich iad am baithne dha càirdean Lili agus thug e dhaibh seòladh a màthar. Bha iad mu leth-uair a thìde agabhail dhealbhan agus acur stuth ann am bagaichean. Thàinig an luchd-adhlacaidh agus thug iad air falbh an corp do dhionad nam marbh, far am biodh e gus am biodh postmortem air a dhèanamh. Ghul Iain Murchadh agus iad afalbh leis achorp.

Mu dheireadh thuirt am fear a bu shine ri Iain Murchadh, “Am burrainn dhut tighinn còmhla rinn chun an stèisein. Feumaidh sinn cunntas fhaighinn bhuat air na thachair.”

Lean e sìos an staidhre iad.

Bha an carbad-eiridinn air falbh agus càr nam poileas am meadhan an rathaid air beulaibh an taighe. Air taobh a-muigh agheata bha nàbaidhean agus luchd-coiseachd air cruinneachadh; iad nan seasamh acagarsaich ri chèile. Bha fathann air a dhol nam measg gun robh murt air tachairt. Nuair a chunnaic iad Iain Murchadh eadar an phoileas dhèirich am


[14] brunndail agus an torghan nam measg mar oiteag gaoithe anns na craobhan air latha geamhraidh. Chuala e òg le falt bàn ag ràdh ri a companach, “Siud agad e, am murtair.”

Ged a bha e afaireachdainn uabhasach, cha mhòr nach do rinn e gàire. Cho fada ceàrr agus a burrainn daoine a bhith.

Chaidh an corp a thoirt a-mach air sìneadair agus e ann am baga-cuirp geal. Chuir iad sa charbad e agus dhfhalbh iad leis.

Smèid am poileas ris a dhol ann an cùl achàir. Chaidh a thoirt chun an stèisein, seachad air an Ràthaig Mhòir. Thug iad gu seòmar e le bhòrd agus cathraichean. Rinn am fear a bu shine de na poileasmain soidhne ris e suidhe sìos. Bann à Glaschu a bha Iain MacIlledhuinn, an lorg-phoileas, duine mòr tomadach, misneachail. bhliadhna air ais fhuair e àrdachadh na dhreuchd agus chaidh a ghluasad a dhInbhir Nis. Bu toigh leis a bhith ga fhaicinn fhèin mar aon de na gillean. Bhiodh e aleantainn ball-coise agus a h-uile dàrnacha seachdain dheigheadh e a Ghlaschu a choimhead air na Gers acluich. An-diugh cha robh e toilichte idir. Bha a bhean air a bhith acur aiste mu dheidhinn an dearbh thurais sin.

Nach eil an tìde agad fàs suas, gun thu a bhith nad ghille beag fad do bheatha,” chanadh i ris.

Nise bha e adol a cheasnachadh an fhir seo a bha fo amharas. Cha robh dùil aige gum biodh duilgheadas sam bith ann. Biomadh fèin-mharbhadh a bha e air fhaicinn anns na còig air fhichead bliadhna a bha e air a bhith na phoileasman. Cha robh e asmaoineachadh gun robh càil uabhasach àraid mu dheidhinn na cùise seoach dhfheumadh e dèanamh cinnteach.

Bha am poileas eileeileanach tana le crith na làmhandeiseil le peann agus pàipear airson gach iomchaidh a sgrìobhadh sìos.


[15]

’S e seo ach a thagainn ri dhèanamh far a bheil bàs aithghearr sam bith. Na cuireadh e cus dragh ort,” thòisich an lorg-phoileas. Dragh, nam biodh fios agad air a leth, smaoinich Iain Murchadh ris fhèin. Bha e fhathast ann am bruaillean mòr. Cha burrainn dha smaoineachadh ceart.

Thàinig an guth a-rithist tron cheò, “Dainm? às a tha thu? Àite dobrach?” Mar bu mhotha a bha an lorg-phoileas abruidhinns ann bu lugha a bha an duine amh seo acòrdadh ris. am fios a bhaigesan mun phian a bha e afulang? Dhinns e dhaibh na bha fios aige air, mar a thàinig e dhachaigh bho obair mar a bàbhaist agus mar a fhuair e marbh i.

Tha thu ag ràdh gur e do leannan a bhinnte. Carson tha thu asmaoineachadh a mharbh i i fhèin?”

Thàinig acheist na buille chràiteach dha. Cha robh beachd sam bith aige riamh gun robh leithid de adol a thachairt. Cha do chuir e riamh am bàs agus Lili còmhla ri chèile. Bha i cho beò anns ah-uile dòigh. A gàire, a seanachas, a blàths. Be seo abhuille bu chruaidhe a bhuail air na bheatha.

Chan eil fhios am, ” thuirt e mu dheireadh tron phian.

Chan urrainn dhut smaoineachadh air càil a thachair ... ?”

Bha e sàmhach airson greis. “Chan urrainn,” thuirt e mu dheireadh, agus be an fhìrinn a bha aige. Carson a mharbhadh Lili i fhèin? Carson? Carson? Carson? Bha acheist abualadh mar òrd na eanchainn. Lean an lorg-phoileas ga cheasnachadh.

An robh dragh sam bith eadaraibh?”

Cha robh no dragh. Bha gaol mòr againn air a chèile. O, bhiodh sinn ag argamaid uaireannan ... ”

Seadh?” ars an lorg-phoileas, mar gun robh seo uabhasach cudromach.

Cho gòrachs a tha an duine a tha seo, smaoinich Iain


[16] Murchadh. “Nach bi leannanan glè thric ag argamaid? Ma tha, chan eil e aciallachadh càil sam bith ... bhiodh sinne apògadh an ath mhionaid.” Ach cha robh an lorg-phoileas sàsaichte.

Co mu dheidhinn a bhiodh sibh ag argamaid?”

Cho bhiodh mu dheidhinn sìon.”

Ach thuirt sibh gum biodh sibh ag argamaid.”

Thuirtmu dheidhinn rudan gun stàth ... ”

Mar ... ?”

Cha robh e acòrdadh ri Iain Murchadh mar a bha an duine aineolach seo ga cheasnachadh. Bha fios aige nach robh còir aige a bhith air a ràdh gum biodh e fhèin agus Lili ri argamaid, ach bha na h-argamaidean air a bhith cho aotrom, ’s gun bhrìghs nach robh e asealltainn orra mar argamaidean. Ach cha robh còir aige air am facalargamaida chleachdadh idir, gu h-àraidh ris an lorg-phoileas seo. Ach bha na ceistean a bhathar acur air adèanamh dragh dha cuideachd. Bha an dubh eagal ag èirigh mar thonn bho dhoimhneachd anama. Cha burrainn dha ainm a chur air an eagal fhathast, ach bha e ga bhuaireadh gu mòr, mar phostair a chunnaic e uair de Hiort, na h-eileanan beag is dorcha ann am meadhan achuain dhuirch, mhòir, fhalaimh – ’s gun ach na h-eòin, nan dotagan beaga bìdeach air achlàr dhubh, acur an cèill gun robh beatha ri fhaotainn. Samhla air an t-sloc gun ghrunnd a bha mac an duine acladhach dha, agus dhi, fhèin.

Bha MacIlledhuinn acoimhead air, afeitheamh freagairt, na shuidhe air ais na chathair, mar iasgair air bruach aibhne acluich le iasg. Dhinns e dha an uair sin mar a bha e fhèin is Lili nan suidhe ann an cafaidh aon latha. Bha iad abruidhinn mu dheidhinn CML. Dhinns e do MacIlledhuinn mar a chaidh an còmhradh.


[17]

Nach eil e neònach gur tu fhèin an aon bhoireannach aig a bheil àrd dhreuchd sa Chomann?”

Chan eil idir,” thuirt i le gàire. “Tha mi nas fheàrr na fear sam bith.”

Tha fhios am air sin, agus tha thu nas brèagha cuideachd ... ach inns dhomh.”

Tha na fir acumail nan dreuchdan dhaibh fhèin.”

Ciamar a burrainn dhaibh sin a dhèanamh?” cheasnaich mi, ged a bha deagh fhios agam gun robh fir ann a chanadh: “Ach am burrainn boireannach obair mar seo a dhèanamh?”

Ach do bheachd fhèin?” tharraing i asam i le snodha-gàire.

Tha cuid de dhobraichean ann agus tha na boireannaich nas fheàrr annta, tha fhios.”

Mar ... ?”

Dràibheadh càr,” arsa mise, a’ spòrs.

Thog i a ceann, “No acàradh leapannan?”

Bha MacIlledhuinn acoimhead air gu -fhoighidneach bho thaobh eile abhùird. “Cha robh argamaid cheart agaibh riamh,” ghlaodh e.

Choimhead Iain Murchadh air mar gun robh e às a chiall. “Nuair a thuirt mi argamaid, siud an seòrsa faoineis air an robh mi abruidhinn.”

Chrom am fear eile a cheann. “Tha mi afaicinn.”

Dhfheuch e taca eile. “Thuirt thu gun robh thu pòsta.”

Dhaontaich Iain Murchadh. Bha e an dòchas nach faighnicheadh na poilis cus mu a mhnaoi, Nuha à Iòrdan a choinnich e nuair a bha e ag obair aig aBhBC ann an Glaschu, ged a bha i nis afuireach san Eilean Sgitheanach. Ach cha bhiodh i fada an sin. Bha i adèanamh a dìcheall obair fhaighinn ann an Glaschu.


[18]

Be Muslamach daingeann a bhinnte ach cha dfhuair e a-mach dìreach cho daingeann gus an do phòs iad. Bhiodh iad an-còmhnaidh ag argamaid mu chreideamh, ach mar a bha esan ga fhaicinn cha ghabhadh ise idir ri argamaidean reusanta. Chaidh iad na bfhaides na bfhaide bho chèile, gus mu dheireadh gum bu ghann a bha iad abruidhinn idir. Thàinig geamhradh air abhlàths a bha uair eatarra. Mu dheireadh thuirt e rithe gun robh e afàgail agus fhuair e obair an Inbhir Nis.

Cha do dhinns e guth dhe sin dhan lorg-phoileas, ach gun robh iad dealaichte agus gun robh fios aig Lili air sin, agus nach do chuir e dragh sam bith oirre.

Cha robh e acur dragh sam bith oirre gun robh thu pòsta?” ars MacIlldhuinn gu -chreidmheach.

Bha sinn dealaichte. Bha fios aig Lili air sin,” thuirt e a-rithist le sgìths na ghuth. Bha e cinnteach nach robh e adol a dhinnse dhan t-srainnsear a bha air a bheulaibh a h-uile mu a bheatha phrìobhaidich. Bha e amiannachadh gun sguireadh na ceistean. An rud bu mhotha a chòrdadh riss e faighinn air falbh gus am faigheadh e air smaoineachadh. Bha ceudan de cheistean ann a dhfheumadh e a chur air fhèin, ach cha robh e afaighinn cothrom. Chùm am poileas ga cheasnachadh Thòisich e afaireachdainn tinn. An robh gaol aige air amhnaoi? Amadain mhòir thiuigh! Am biodh e adol air ais ga faicinn? Cha bhiodh, ach bhiodh e adol a dhfhaicinn na nighinne. Carson a mharbhadh nighean òg, bhòidheach i fhèin? fo ghrian am fios a bhaigesan? Nam biodh fios aige, chanadh e. Dhfhairich e na deòir atighinn. Bha cnap na amhaich.

Mu dheireadh, stad an ceasnachadh. Chunnaic an lorg phoileas an rud a bha e ag iarraidh. Bha an duine seo ag innse


[19] na fìrinn. Cha do mharbh e idir i. Mharbh i fhèin. Bha e cinnteach gur e sin a dhinnseadh am postmortem. Cha robh fios aige carson a rinn i e. Cha robh fios aig na poilis cha mhòr uair sam bith carson.

Sheas e agus dhfhosgail e an doras do dhIain Murchadh. “Bidh fios againn ann an latha no dhà thug bàs dhi. Fòn thugainn feasgar a-màireach.”

Dhfhalbh Iain Murchadh. Cha robh e riamh cho toilichte faighinn a-mach à àite.

title2
internal date2010.0
display date2010
publication date2010
level
reference template

Caimbeul Teas %p

parent text Teas
<< please select a word
<< please select a page