4
Bha seòmar Mhgr Raghnaill Chrombie, Ceannard CML, air a’ chiad làr de thogalach a’ Chomainn. Bha an làr sin eadar-dhealaichte bho na làir eile. Ann an sin bha seòmraichean mòra spaideil, greadhnach, mar a bha iomchaidh air sgàth nan coinneamhan cudromach a bhiodh a’ gabhail àite annta, coinneamhan a bha a’ dol a dh’fhàilteachadh linn ùr a’ ghnìomhachais agus an t-saidhbhreis dhan Ghàidhealtachd ghleansaich ùir.
B’ e seòmar Mhgr Chrombie am fear bu spaideile. Co-dhiù, b’ e an aon fhear san togalach a bha sgeadaichte le bhàsa fhlùraichean. A h-uile madainn Diluain, lìonadh Ms Coulton, am PA aige, gu cùramach a’ bhàsa le flùraichean ùra agus chàraicheadh i gu h-ealanta i anns an uinneig air cùlaibh deasg Mhgr Chrombie. Dhèanadh esan gnòsail caran taingeil dìomhair o dhoimhneachd a sgòrnain. Chumadh ise na flùraichean le gluasad càilear grinn, agus sheasadh i air ais tiotan le sùil mheasail agus a ceann gu aon taobh. Dhèanadh i snodha-gàire snog ris. Bha an dithis aca deiseil airson obair na seachdaineach.
Dhèanadh Iain Murchadh gàire a h-uile triop a smaoinicheadh e air Raghnall Crombie agus na flùraichean. An t-aon le uallach
An ath dhoras bha rùm mòr eile, an t-ionad aig Mgr Calum MacCoinnich à Leòdhas, agus rùnaire a’ Chomainn. B’ esan a bha a’ cumail smachd air rianachd agus cunntas. Aocoltach ri Mgr Crombie, bha esan a’ faicinn ceangal làidir eadar cultar agus leasachadh. Ma bha daoine a’ dol a dh’fhuireach air a’ Ghàidhealtachd, gun teagamh, dh’fheumadh obair a bhith aca, ach cha bu chòir sin a bhith a’ ciallachadh gum feumadh iad cùl a chur ri an cànan agus an cultar fhèin. ’S ann an rathad eile a bha e: bha cànan is cultar a’ daingneachadh obair gnìomhachais, na bheachd-san.
Cha robh Mgr Crombie a’ tuigsinn cho cudromach agus a bha cultar. Cha robh e ga mheas ach mar nì diombuan, dìomhain, gun fheum. Dh’fhalbhadh e ann an àm nach biodh fada mar a bhiodh daoine a’ fàs cofhurtail agus math dheth air sàilleabh nan leasachaidhean gnìomhachais a bha An Comann a’ cur air adhart.
Bha an dòigh-smaoineachaidh aig Mgr Crombie a’ dèanamh Mhgr MhicCoinnich fiadhaich. Bha A’ Ghàidhealtachd fada ro làn de dhaoine coltach ris, daoine a bha gu tur aineolach air luachan nan daoine a bha a’ fuireach sna h-eileanan agus taobh siar na dùthcha. Ach bha rudeigin caran annasach air tachairt. Bha e air toirt an aire o chionn dhà no trì mhìosan nach robh e air a bhith buileach cho dian na bheachdan agus a b’ àbhaist dha a bhith. Co-dhiù, cha robh e a’ sparradh a bheachdan air daoine mar a bha e buailteach air a bhith dèanamh. Gu dearbh, cha robh e cinnteach dè na beachdan a bha aig Crombie a-nis. Bha e air fàs cho sàmhach mun deidhinn.
Cuideachd air ciad làr Taigh na Glainne bha seòmar eile, nas motha eadhon na fear a’ Cheannaird, far am biodh bòrd-stiùiridh CML a’ coinneachadh. Ann an sin bhithte a’ dèiligeadh ri iarrtasan airson cuideachaidh a bhiodh iad a’ faighinn. Thigeadh planaichean leasachaidh thuca bho Shealtainn sìos gu Eilean Bhòid: daoine ag iarraidh nithean mar taigh-òsta a thogail no a dhèanamh nas fheàrr; bàt-iasgaich a cheannach; ionad-àraich èisg a thòiseachadh; factaraidh a chur air bhonn agus ceud nì eile. Agus nam biodh na planaichean eirmseach, agus deagh chliù aig an neach, bheireadh CML tabhartas airgid agus iasad seachad airson an gnothach a chur air adhart. Bha e cudromach gum biodh eaconamaidh na sgìre a’ sgapadh agus a’ fàs agus gum biodh obraichean air an cruthachadh.
Ach an-diugh cha b’ e gin dhe na nithean sin a bha fa chomhair Mhgr Chrombie. Bha Ms Coulton air deannan litrichean a dh’fheumadh e a leughadh a chur air an deasg aige mu a choinneamh. Dhèiligeadh i fhèin ri cuid mhath de na litrichean a thigeadh thuca, ach bha cuid ann ris am feumadh e fhèin sealltainn. Bha tè ann bho Iain Murchadh MacLeòid. Bha MacLeòid ag iarraidh an Comann fhàgail. Cha robh e ach air a bhith bliadhna san dreuchd. Bha e air fhaicinn uair no dhà agus bha e a’ coimhead toilichte gu leòr na obair. Aig an àm cha robh e a’ smaoineachadh gur e obair uabhasach cudromach a bha aige, an taca ri oidhirpean eaconamach a’ Chomainn, ach bha am Mafia Gàidhlig air a bhith ag èigheach airson a leithid de dhreuchd o chionn iomadh bliadhna, agus mu dheireadh bha an Comann air gèilleadh. ’S e bodraigeadh a bhiodh ann nam biodh an t-oifigeach a’ fàgail mu thràth. Bha amharas aige carson a bha e ag iarraidh fàgail, ach dh’fheumadh e dèanamh cinnteach.
Chaidh e gu oifis an Rùnaire leis an litir. Nam biodh fios aig duine air dad mun ghnothach, bhiodh fios aigesan. Bha e air a bhith sa Chomann o chaidh a chur air bhonn leis an Riaghaltas fichead bliadhna air ais agus cha robh eòlas a b’ fhiach mun luchd-obrach nach robh fios aige air. Sheall e an litir dha.
“Carson a thu a’ smaoineachadh a tha e ag iarraidh fàgail?” arsa an Ceannard gu slaodach.
“Tha fhios agad fhèin dè thachair Dihaoine.”
“Tha, chaidh Lili fhaighinn marbh. A bheil gnothach aig sin ris, a bheil thu a’ smaoineachadh?”
“Carson a bhiodh e ag iarraidh fuireach an seo ma bha ... ”
Thàinig stad na ghuth. Cha robh e fhèin cinnteach às na bha e ag ràdh.
“Seadh, ma bha dè ... ?”
“Uill, ma bha gaol aige oirre, am biodh e ag iarraidh fuireach anns an togalach far an robh iad còmhla, gu h-àraidh às dèidh dhi bàs fhaighinn ann an dòigh cho brònach.”
“Chuala mi gun deach a faighinn marbh.”
“O, bhruidhinn mi ri a màthair air a’ fòn an-diugh. Tha postmortem air a bhith ann. Mharbh i i fhèin.”
Bha sùil aige air a’ Cheannard. Saoil ciamar a ghabhadh e ris an naidheachd sin. Ach cha robh faireachdainn làidir sam bith a’ sealltainn na aodann. Cha do chuir sin iongnadh air. Bha an seòrsa dreuchd a bha aige air ionnsachadh dha mar a dh’fhalaicheadh e mar a bha e a’ faireachdainn.
Chaidh Crombie a-null chun na h-uinneige, a chùl ris an Rùnaire, agus sheall e a-mach tarsainn na h-aibhne. Smaoinich e mar a bha iad air a bhith nan leannanan airson bliadhna. Cha b’ e a choire-san a bh’ ann gun do dhealaich iad – agus gun
Thionndaidh e air ais chun an Rùnaire. Bha esan mar a b’ àbhaist a’ coimhead cho glic ri cnoc, mar nach b’ urrainn dad san t-saoghal cus dragh a chur air. Chaidh fiamh beag den ghàire thairis air aodann mar gum biodh cion-eòlais an fhir eile a’ còrdadh ris.
“A bheil thu smaoineachadh gur e coire MhicLeòid a bh’ ann ann an dòigh sam bith? Tha esan pòsta, nach eil?” arsa Crombie.
“Cò aige tha fios. Tha e pòsta, ach tha iad air falbh bho chèile.”
Choimhead Crombie air an litir a bha aige na làimh.
Choimhead e ris an Rùnaire. Bha e follaiseach nach fhaigheadh e an còrr soilleireachaidh bhuaithesan. Chuir e beagan leamhachadh air cho cinnteach às fhèin ’s a bha am fear eile a’ coimhead. Bha e an-còmhnaidh mar sin. An robh e cuideachd a’ coimhead toilichte mu rudeigin? Rinn an t-amharas sin mì-thoilichte e. Ma tha bitheadh; bha e coma co-dhiù ged a dh’fhalbhadh MacLeòid. Nach robh gu leòr eile ann a ghabhadh àite? Agus ma bha e air a bhith a’ dol a-mach le Lili, nach e sin adhbhar eile ... Stad e e fhèin. Cha robh e ceart a bhith a’ leigeil le faireachdainnean pearsanta buaidh a thoirt air breithneachaidhean proifeiseanta, an robh? Bha amharas aige gun robh fios aig an Rùnaire mar a bha e a’ faireachdainn, gun robh e a’ leughadh a smuaintean. ’S e Gàidheal a bh’ anns an Rùnaire. Chan e ann fhèin. Daoine neònach, na Gàidheil, daoine neònach.
“Ma tha duine ag iarraidh fàgail, chan urrainn dhuinn a chumail air teadhair,” ars an Rùnaire.
“Tha thu ceart agus ’s dòcha gu bheil e a cheart cho math gu bheil e a’ toirt a chasan leis.” Dh’èirich e airson falbh.
“Tha an tiodhlacadh ann Diciadain,” thuirt an Rùnaire, “anns an Eaglais Shaoir.”
Thug e taing dha airson innse dha agus chaidh e air ais dhan rùm aige fhèin. Stad e a choimhead air na flùraichean airson mionaid, mus do shuidh e.
Anns an rùm eile, chrom Mgr MacCoinnich a cheann ris na pàipearan air an robh e ag obair. Dh’fheumadh e a dhol gun tiodhlacadh.
title | 4 |
internal date | 2010.0 |
display date | 2010 |
publication date | 2010 |
level | |
reference template | Caimbeul Teas %p |
parent text | Teas |