[32]

5

Diciadain, latha an tiodhlacaidh. Leth-uair an dèidh deich sa mhadainn. Bha Iain Murchadh fhathast na leabaidh. Bha e air fònadh gu na poilis Disathairne, mar a chaidh iarraidh air. Thuirt iad ris fònadh air ais Diluain, nach robh fios aca air buil aphostmortem fhathast. Ach dhfhòn Iain MacIlledhuinn fhèin thuige Diluain. Bha e ag iarraidh innse dha gu pearsanta. Bha iad air fios fhaighinn bho forensics aguss e cur às dhi fhèin a rinn Lili ceart gu leòrdòs marbhteach de bharbiturate. Bha e duilich, achs ann mar sin a bha, mar a bha dùil aige.

Cha do dhinns e dhan Sgrùdaire mun leabhar-latha a lorg e sa chàr. Dhfhaodadh na facailCunnart, cunnart mòr I.M. ’ a bhith -sheaghach. nam biodh na poilis asmaoineachadh gur e esan a bha ga cur ann an cunnart? Smaoinich e agus smaoinich e mu a dhfhaodadh na facail a bhith aciallachadh. ’S dòcha gun deigheadh e gu na poilis ach dhfheumadh e fhèin beagan rannsachaidh a dhèanamh an toiseach.

Bha e air sùil a thoirt tron chòrr den leabhar-latha agus e an dòchas gum faigheadh e fiosrachadh na bu chinntiche air an cunnart anns an robh i air a bhith. An robh i ann an cunnart bho chuideigin agus i adol a dhinnse dhàsan, no an robh i


[33] a’ smaoineachadh gun robh esan, e fhèin, Iain Murchadh, na chunnart dhi. Chuir an smuain sin dragh mòr air. ’S beag an t-iongnadh ged a bha e ag òl.

Bha e air sùil mhionaideach a thoirt air achòrr den leabhar-latha ach cha robh dad eile ann ach fios mu choinneamhan aig an robh i agus feadhainn gum feumadh i a dhol. Bha aon ainm ann a bha atogail ceann a-rithist is a-rithistJane Harthill. Ach bhann an Jane Harthill? Cha burrainn dha smaoineachadh gun cuala e a h-ainm a-riamh. Bha e neònach nach tuirt Lili guth mu a deidhinn. Dhfheumadh e faighinn a-mach i. Bhiodh e afaicinn Ailig, caraid dha a bha ag obair ann an CML, às dèidh an tiodhlacaidh. ’S dòcha gum biodh fios aigesan.

Thug e sùil air an uair. Cairteal gu aon uair deug. Dhfheumadh e èirigh a dhaithghearr. Bha ABh-ph NicIllÌosa air an rùm aige fhèin a thabhann air ais dha agus bha e adol a ghluasad air ais ann làrna-mhàireach. Às an rùm anns an robh e chitheadh e achraobh uinnsinn air taobh a-muigh na h-uinneige, aghrian adeàrrsadh tro na duilleagan uaine agus na sgòthan mìorbhaileach geala air muin aghuirm afalbh cho slaodach, ach an dèidh sin cha robh e ag iarraidh gluasad. Bha a chuid aodaich nan laighe nan cnap air an làr far an robh e air am fàgail, agus leth-bhotal air abhòrdfalamh. O oidhche h-Aoine, nuair a fhuair e Lili marbh, bha e air a bhith ag òl. Càil sam bith airson am pian a lùghdachadh.

Ach chan fhalbhadh am pian.

Ge boil leis thigeadh an smuain air ais thuige, ‘ ’S e do choire-sa a bhann,’ ged nach burrainn dha a mhìneachadh dha fhèin ciamar. A-rithist agus a-rithist chanadh e ris fhèin, ‘ rinn thu ceàrr?’ agus cha robh freagairt aige. Cha robh e air a bhith dona


[34] dhi ann an dòigh sam bith. Cho fads a chitheadh e, bha i toilichte còmhla ris. Ach an dèidh sin chùm acheist ga bhuaireadh, ‘ rinn thu ceàrr? An robh gu robh i adol sàmhach aciallachadh gur e rudeigin a bha esan adèanamh ceàrr?’

Bha oidhche uabhasach air a bhith aige. Trom-laighe. Adùsgadhs acadal. Luasgan. Bruaillean. Acadals adùsgadh. Bhiodh Lili an-còmhnaidh anns abhruaillean. Uaireannan bhiodh i san leabaidh còmhla ris. Chuireadh e a làmh a-null airson a cur timcheall oirre, ach cha bhiodh càil ann. Bha aisling aige gun robh an dithis aca a-muigh anns na beanntan, ’s gun robh iad faisg air oir creige, ’s gun robh i ann an cunnart uabhasach. Cha burrainn dha ainm a chur air an eagal a bha ag èirigh ann. Dhùisg e agus e adòrtadh le fallas. Laigh e airson greis mhòr asmaoineachadh air na h-aislingean. Cuid dhiubh bha e air dìochuimhneachadh, mar gum biodh a chuimhne le cùirtear tròcaireach air an cur am falach.

Chuala e gliongadaich shoithichean bho shìos an staidhre. Bha e air barrachd fhaicinn den Bh-ph NicIllÌosa anns na ceithir làithean a chaidh seachad na bha e air fhaicinn dhi on thàinig e a dhfhuireach san taigh. Bha i air a bhith cho coibhneil ris. An- bha i air tighinn a-nuas le dìnnear dha air treidhe, rud nach do rinn i riamh ron sin. Bhiodh iadsan adol chun an tiodhlacaidh cuideachd, bha i air a ràdh gu socair.

Bha an eaglais ri taobh na h-aibhneeaglais eireachdail le stiopall àrd. Dhinns Lili dha gum biodh a màthair adol innte. Ach cha robh Lili fhèin. Bha cuimhne aige gun do dhfhaighnich e dhith aon latha carson nach robh i adol dhan eaglais. Bha iad nan suidhe anns aPhoenix, pinnt aig an dithis aca.

Bu toigh leam adhradh a dhèanamh,” fhreagair i, “ach chan ann an eaglais.”


[35]

Stad i agus ghabh i balgam dhen deoch.

Rinn e gàire. “Càite eile ach ann an eaglais an dèanadh tu adhradh?”

Thàinig sealladh fad às na sùilean. “A-muigh air amhòintich, aig aonan dhe na seann chearcaill chlachan a chì thu uaireannan. Bhiodh dìreach aghealach agus na rionnagan os ar cionn, bhiodh aghaoth asèideadh ... ”

Agus bhiodh sibh uile rùisgte, adannsa timcheall ann an cearcall, deiseil tha fhios, chan ann tuathal ... ”

Rinn i snodha-gàire. “O nach eil fhios agad, agus bhiodh sinn uile làn aoibhneis agus afaireachdainn saor agus beò agus ... faisg air Dia.”

Sin far na chrìochnaich an còmhradh. Thàinig Ailig a-staigh agus thòisich iad abruidhinn air rudeigin eile. Bu thoigh leis a bhith air barrachd fhaighinn a-mach mu a beachdan agus a creideamh. Nam biodh for aige bha adol a thachairt ... Achs e smuain amaideach a bha sin. Nam biodh for aige gun robh leithid adol a thachairt bhiodh e air dèanamh cinnteach nach biodh e air tachairt ...

Nuair a ràinig e an eaglais bha i air lìonadh. Chunnaic e gun robh aon suidheachan faisg air achùl nach robh buileach làn agus bhrùth e a-staigh ann. Cho fads a chitheadh es e luchd-obrach bho CML a bha anns amhòr-chuid de na bha an làthair. Aig an aghaidh chitheadh e shuidheachan le càirdean Lili agus a màthair nam measg. Bha an eaglais sàmhach ach airson casad do-sheachanta a dhèanadh cuideigin. Chunnaic e le toileachas gun robh Ailig ann, trì suidheachain air a bheulaibh.

Chùm na facail anns an leabhar-latha atighinn air ais thuige, ‘Cunnart, cunnart mòr I.M. ’ Bha sin acur dreach tur eadar-dhealaichte


[36] air cùisean. ’S dòcha nach do mharbh i i fhèin idir, a dhaindeoins na thuirt na poilis. An deachaidh a murt? Ach ? Carson? agus Ciamar? Cha robh freagairt aige dha gin de na ceistean sin; chan e a-mhàin freagairt, cha robh beachd sam bith aige càit an tòisicheadh e. Smaoinich e mar a fhuair e i na laighe agus am botal philichean ri a taobh. Cha robh sanas gun deach buntainn dhi ann an dòigh sam bith no gun robh spàirn no làmhachas-làidir air a bhith ann. Aguss e co-dhùnadh aphostmortem gun do mharbh i i fhèin. Bha rudeigin fada ceàrr, ach cha burrainn dha a ràdh .

Thàinig smuain oillteil thuige: mas e a murt a bhann, am buineadh am murtair do CML? An robh e no is dòcha na shuidhe faisg air anns achoitheanal? Bha faisg air cheud duine ag obair dhan Chomann. Cha robh e eòlach ach air earrann dhiubh, ach thòisich e acoimhead air an fheadhainn a dhaithnicheadh e le sealladh as ùr. nam measg a burrainn murt a dhèanamh? bhiodh ag iarraidh Lili a mharbhadh agus carson? Cha burrainn dha smaoineachadh air duine no air adhbhar.

Thàinig am ministear a-staigh agus dhìrich e chun na cùbaid. ’S e duine òg a bhann. Dhrùidh faireachdainn na h-eaglais agus achoitheanail air. Sàmhachd. Foighidinn. Urram dhan bhàs. Achs dòcha gur e dìreach a mhac-mheanmna a bha sin. Chuimhnich e air na tìodhlacaidhean aig an robh e anns an Eilean Sgitheanach na òige. ’S ann mar sin a bha e gun teagamh. Sàmhachdmar a bha dligheach. Foighidinn. Urram dhan bhàs. Asuidhe, acuimhneachadh air an neach a dhfhalbh. Agus bha a h-uile duine anns an eaglais, an ìre mhath, eòlach air a chèile agus eòlach air an neach nach robh maireann.


[37]

Bha seo diofaraichte. An àite craobh bhon aon fhreumh, mar a bha baile Gàidhealach, bha iad an seo às a h-uile ceàrnaà Sasainn agus bho air feadh Alba. Diofar fhreumhan, diofar fhaireachdainnean, diofar fheallsanachdan. Mòran dhiubh cha bhiodh iad eòlach air Lili, nam faithnicheadh iad idir i.

Bha seinn ann. Bha ùrnaigh ann. Bha seinn ann. Anns an ùrnaigh thuirt am ministear rudan brèagha mu Lili. “Tha ar cridheachan uile goirt,” thuirt e, “nuair a bhios flùra àlainn air a ghearradh sìos. Ged nach eil sinne atuigsinn nan nithean sin, tha sinn acreidsinn gu bheil ann a tha ariaghladh agus a tha atuigsinn gach uile . Tha sinn asmaoineachadh orrasan aig an àm seo a bha faisg oirre. A Dhè na tròcair, cuidich iad aig an àm chràiteach a thàinig thairis orra. Is tusa gu fìrinneach Dia Israel air nach aom cadal no suain, agus faodaidh sinn a bhith cinnteach gum bi iad uile agad nuair a thu suas do threud. Cha tèid gin dhiubh a dhìth. Ma tha, biodh creideamh againn annadsa, a Thì naoimh, creideamh gun tuig sinn aon latha na nithean a tha dorcha an-dràsta agus gun teich na sgàilean air falbh.”

Amen,” thuirt Iain Murchadh fo anail, “amen.”

Amen,” thuirt guth air a chùlaibh. Bha e asmaoineachadh gur e Mgr Crombie a bh’ ann.

title5
internal date2010.0
display date2010
publication date2010
level
reference template

Caimbeul Teas %p

parent text Teas
<< please select a word
<< please select a page