[42]

7

Cha dfhuair Iain Murchadh cothrom bruidhinn ri màthair Lili aig an tiodhlacadh. Chan fhaca e idir i aig achladh agus cho-dhùin e gun deach i dhachaigh. Thàinig Mgr Crombie a bhruidhinn ris aig doras na h-eaglais. “Fhuair mi an litir agad. Bu toigh leam bruidhinn riut. Am burrainn dhut tighinn chun na h-oifis agam a-màireach aig naoi uairean?”

Ghnog e a cheann. “Ma tha sibh ag iarraidh. Ach tha fhios agaibh gu bheil mi ag iarraidh fàgail.”

Tha fhios am air sin,” arsa Crombie gu goirid, “ach bu toigh leam dfhaicinn.”

Glè mhath ma-thà.”

Aguss ann mar sin a chrìochnaich an còmhradh.

Na bodraig mu dheidhinn-sa,” arsa Ailig anns an taigh-òsta às dèidh an tiodhlacaidh. “Chan eil sgot aige.”

Bhruidhinn e mu dheidhinn obair aChomainn agus cho cudromachs a bha dreuchd aCheannaird ach mar a bha cuid acur uibhreachd air Mgr Crombie o chionn mhìosan. Nuair a chaidh a chur dhan dreuchd, be beachd mhòrain gun robh e atoirt taic mhòr do dhfheallsanachd Mhairead Thatcher. ’S e bha dhìth air aGhàidhealtachd ach airgead agus gnìomhachas


[43] agus luchd-gnothaich agus daoine aseasamh air an casan fhèin. Bha cus leisgeadairean anns an Roinn, gu h-àraidh air achost an iar. Nach e sin a bha gam fàgail cho bochd agus cho fada air ais. Agus chaidh e ris an obair le uile neart, apiobrachadh chompanaidhean gus tighinn chun na sgìre agus atoirt cuideachadh airgid do dhuine sam bith lesgoinn agus tuigsemar a chanadh e fhèin.

Ach a-nis, cha robh e idir cho dians a bàbhaist dha a bhith. Bha cagar adol mun cuairt gun robh e air fàs bog. Bha feadhainn fiùs ag ràdh gun cuala iad gun robh e ag ràdh gun robh cultar cha mhòr a cheart cho cudromach ri gnìomhachas agus gum feumar sùil gheur a thoirt air mar a bha an Comann ag obair.

Tha mi adol a dhfhàgail co-dhiù,” thuirt Iain Murchadh, “ge brith thachras. Cha burrainn dhomh bhithg obair an siud tuilleadh às dèidh na thachair.”

Cheannaich Ailig an deoch phinntis shuidh iad aig bòrd. Ged a bha e tràth san fheasgar, bha an t-àite letheach làn le luchd-turais agus daoine à Inbhir Nis fhèin. Shuidh iad ann an oisean air falbh bhon bhàr far am faigheadh iad fois bruidhinn. ’S e duine beag, tuigseach, càirdeil a bhann an Ailig. Càil sam bith a chuireadh e a làmh ris dhèanadh e le uile chridhe. Bha e ag obair ann an Roinn Turasachd aChomainn. Bha làn earbsa aig Iain Murchadh ann.

Tha mise coltach riut fhèin,” thuirt Ailig nuair a shuidh iad.

Chan eil mi atuigsinn idir carson a chuireadh Lili làmh na beatha fhèin.”

“ ’S dòcha nach do chuir.. .”

Thug a charaid sùil chruaidh air. “ tha thu aciallachadh?”

Thug e an leabhar-latha a-mach às a phòcaid agus sheall e do dhAilig e. “Thoir sùil air seo.”


[44]

Leugh e e le iongantas mòr. “Murt,” thuirt e fo anail. “ ’S e murt a bhann.” Sheall e air gu -chreidmheach. “ bhiodh ag iarraidh a murt? !”

Chan eil fhios againn an e murt a bhann. Tha e dìreach ag ràdhCunnart, cunnart mòr IM,’ ach chan eil fhios againn seòrsa cunnairt.” Dhinns e dha Ailig a h-uile càil a thachair bho thùs gu èis, mar a chaidh e dhachaigh bho obair Dihaoine agus a fhuair e marbh i, mar a chaidh a cheasnachadh leis na Poilis agus às dèidh sin mar a fhuair e an leabhar sa chàr.

An robh nàimhdean sam bith aice?”

Chrath e a cheann. Thug e balgam às an leann. Thug e an aire gun robh Ailig acoimhead teagmhach.

Tha thu cinnteach?” thuirt e gu ceasnachail.

Tha,” thàinig am freagairt. Ach cha robh cus ùghdarrais air cùl nam briathran.

Smaoinich e air ais gu nuair a fhuair e i na laighe marbh. Nam be murt a bhann, ciamar nach robh sgeul gun robh spàirn sam bith air a bhith ann? Dhinns e do dhAilig na teagamhan a bhaige.

Tha thu ceart. Chan eil ciall sam bith ann,” dhaidich e. “Chan urrainn dhomh a thuigsinn ciamar a bheireadh duine oirre pilichean a ghabhail an aghaidh a toil, pilichean a bha adol ga marbhadh.”

Bha iad acòmhradh air aiss air adhart airson greis, afeuchainn ri smaoineachadh air dòigh anns an gabhadh i pilichean an aghaidh a toil gun dochann sam bith a bhith follaiseach, gu h-àraidh nan robh cuideigin afeuchainn ri a marbhadh. Cha robh e coltach gun tachradh a leithid.

Jane Harthill. An cuala tu riamh mu deidhinn?” dhfhaighnich


[45] Iain Murchadh. Agus sheall e do dhAilig cho trics a bha a h-ainm anns an leabhar-latha.

Gu dearbha chuala. Bidh daoine bhon Chomann adol thuice corra uair.”

A’ dol thuice ... ?”

Aidh. Bidh i aleigheas dhaoinemassage,a’ brùthadh bonn do choisreflexology,eil fhios agadagus gad chur ann an neul agus ga do thoirt ais ais.. .rudan mar sin.”

A bheil thu ciallachadh suainealas, hypnosis? ”

Tha, regression hypnosis.Bidh i ga do thoirt air ais, ma tha thu ag iarraidh, gu àm nuair a bha thu beò roimhe.”

Choimhead e air Ailig gu -chreidmheach. An robh a charaid acreidsinn anns an leithid? O fhuair e eòlas air bha e asealltainn air mar neach a bha afaicinn an t-saoghail tro speuclairean reusanta. Duine nach toireadh àite do shaobh-chreideamh sam bith. Duine a bheireadh an aon àite do chreideamh ann an ath-bhreiths a bheireadh e do chreideamh ann an sìthichean. Cho fads a chitheadh e bha a charaid acoimhead air daoine a bha acreidsinn a leithid mar dhearg amadain no, co-dhiù, mar dhaoine a bha soirbh an car a thoirt asta.

Am bi thu fhèin adol air ais?”

Rinn Ailig gàire. “Cha bhi gu dearbh. Cha deidhinn faisg oirre. Tha fhios agad fhèin nach eil mise acreidsinn ann an leithid de rud.”

Bàbhaist dha fhèin a bhith mar sin. Chuimhnich e agus e na òganach a bhith asmaoineachadh air cho glics a bha saidheans agus cho gòrachs a bha saobh-chràbhadh sam bith, no eadhon creideamh ann an anam no càil mar sin. Nach robh luchd-saidheans air a h-uile càil a mhìneachadh agus air sealltainn gun


[46] robh a h-uile nàdarrach. Nach robh iad air sealltainn mar a bha mìrean gach uile stuth ag obair: iad air stuth na cruinne a thoirt às a chèile agus air cur an cèill mar a bha na h-ataman fhèin ag obair. Cha robh ann an spiorad ach faoin-chreideamh. Agus smaoinich e cho dubhs a bha an saoghal dha aig an àm sin. Cha robh dìomhaireachd air fhàgail. Cha robh anns a h-uile ach sgiamh gun abhsadh, mar anns an dealbh aig Munch. Falamhachd gun ghrunnd.

Cha robh e asmaoineachadh mar sin tuilleadh. Bha e mar gun robh sìorraidheachd air a dhol seachad bhon àm ud. Ciamar a burrainn dha a bhith cho baoth. A-nise bha e afaicinn an t-saoghail mar mhìorbhail aig nach robh grunnds gun ann an saidheans ach leanabh beag acluich le dèideagan ri oir achuain.

Chaidh sgàil thairis air aodann Ailig. Choimhead e anns an leann aige. Cha tuirt e guth airson greis. Mu dheireadh thuirt e: “Feumaidh mi rudeigin innse dhut. Cha robh mi ag iarraidh rona seo.. .”

Stad e agus ghabh e deoch fhada dhen leann. Bha Iain Murchadh a-nis adannsa ri fhaileas.

thann? Siuthad, innse dhomh,” ghuidh e.

Choimhead Ailig sìos ris an làr. “Mus tàinig thusa dhan Chomann, bha Crombie agus Lili adol a-mach còmhla. Tha mi duilich.. .”

Bha an naidheachd mar bhreab dha an clàr an aodainn. Thàinig glacadh na anail. An toiseach cha burrainn dha guth a ràdh. Bha am fiosrachadh seo asùghadh a-staigh ann mar gum biodh puinnsean neo-aithnichtes ga fhàgail tinn. An saoghal ris an robh e cleachdte asnàmh bhuaithe mar aisling. A chasan afalbh bhuaithe agus an earbsa a bhaige ann an daoine agus


[47] ann an nithean a’ tuirling à sealladh. Ciamar a b’ urrainn dhìse a leithid a dhèanamh?

!” thuirt e mu dheireadh le sgreamh, “Crombie agus Lili.”

Nam be duine sam bith eile a bha air a bhith ann, ghabhadh e a chreidsinn. Ach Crombie! Duine aig nach robh spèis do ach airgead is cunntasachd: fear-poilitigs a bheireadh breith agus a dhèanadh co-dhùnadh a rèir bha goireasach aig an àm, chan ann a rèir bha ceart gu moralta. Meangan alùbadh leis aghaoith. Ciamar a dheigheadh i còmhla ri leithid de dhuine? Agus e pòsta cuideachd. Chuir e drèin air, acuimhneachadh gun robh esan e fhèin pòsta.

Chuir Ailig a làmh air a ghualainn. “Tha mi duilich. Tha fhios am ciamar a tha thu afaireachdainn. Cha robh mi ag iarraidh innse dhut ach às dèidh na thachair.. .well ... bha mi faireachdainn ... ”

Bha rudeigin na ghnùis a chuir glamhadh na bhroilleach. Cha burrainn dha an smuain a bha ag èirigh na inntinn fhèin a chreidsinn. “Chan eil thu asmaoineachadh gun do mhurt e i ... ri linns gun robh e ag eudach rium mu deidhinn, eil fhios agad.. .”

Rinn Ailig gàire ge boil leis. “Crime passionnel! Bheil thu fhèin a’ creidsinn gu bheil de dhoimhneachd fhaireachdainn san duine?”

Bha aige ri aontachadh gum biodh e fìor neònacha rèir choltais co-dhiùdo dhuine mar Crombie murt a dhèanamh air sgàth gaoil. Ach aige bha fios? Chuimhnich e an seanfhacal, ‘Na toir breith air rèir coltais.’

Dhfhàs aodann Ailig dorcha a-rithist. “Tha rudeigin eile a dhfheumas mi innse dhut. Bha Crombie e fhèin adol gu Jane Harthill. Na faighnich dhìom carson, ach bha e dol ann.”


[48]

Thàinig an glamhadh na chridhe a-rithist. Bha e a’ fàs na b’ fhollaisiche dha gach mionaid gu feumadh e coinneachadh ri Jane Harthill, às brith i. Dh’inns Ailig dha na burrainn dha mu deidhinn, gun robh i afuireach pìos a-mach à Inbhir Nis air rathad na Manachainn agus dhearalaich e dha fònadh thuice an toiseach airson àm a shuidheachadh coinneachadh rithe.

Bha iad air a bhith sa Phoenix uair a thìde no dhà abruidhinn air aiss air adhart, ach ged a bha e taingeil gun robh Ailig aige airson còmhradh ris ann an doimhneachd mu na thachair, cha robh cùisean air fàs dad na bu shoilleire dha. Bha an naidheachd a bha aige mu Chrombie agus Lili air dragh a dhèanamh dha. Carson nach robh Lili air innse dha gun robh i adol a-mach le Raghnall Crombie, Ceannard aChomainn? Bha dùil aige gun robh i ag innse a h-uile càil dha agus bha earbsa air a bhith aige innte. Mus deigheadh e a dhfhaicinn Jane Harthill, dhfheumadh e a dhol a dhfhaicinn màthair Lili agus a bràthair Daibhidh, a bha na mhiseanaraidh ann an Uganda. Cha robh e riamh air coinneachadh riutha. Cha robh fios aige an toireadh iad soilleireachadh sam bith dha air dad dhe na thachair. Ach bha e afaireachdainn gum bu chòir dha co-dhiù coinneachadh ri màthair Lili, ged nach biodh ann ach airson innse dhi gu dearbha a thachair an oidhche a lorg e an nighean aice marbh. Agus nam biodh fios aig duine sam bith carson a mharbh i i fhèin, mas e a marbhadh fhèin a rinn i, ’s ann aicese, a màthair, bu bhuailtiche fios a bhith.

title7
internal date2010.0
display date2010
publication date2010
level
reference template

Caimbeul Teas %p

parent text Teas
<< please select a word
<< please select a page