FO SGAIL A’ SWASTIKA
Domhnull Iain MacDomhnaill
Do na gillean uile, mar theistanas air misneach, fad-fhulangas is uaisle ri aodann geur-leanamhain.
1 ST VALERY
Bha bàtaichean feachd mara Bhreatainn mu astar trì-chairteal a mhile mach bho thir. Bha’mhuir a soillseadh mar airgiod ann a solus soillseach na grèine oir ’s e latha air leth teth a bh’ ann gun a sgòth bu lugha a mì-dhathachadh liath dhomhain na speur. Bha na h’eòin a ceileiradh anns na craobhan timchioll. Be ceòl nan eun an aon fhuaim a bha bristeadh sìth agus sàmhchain an latha bhriagha shamhraidh so.
Ach mar a thuirt an sean-fhacal, bha “taobh eile air a mhaoil,” agus bha sinne air cìnnt agus dearbhadh gu leòr fhiosrachadh mu’n taobh sin anns an dà sheachdainn a bh’ air deireadh oirnn. ’S ann air cnoc àrd gorm craobhach os cionn baile Dieppe an ceann-a- tuath na Frainge a bha sinn nar suidhe air an latha shamhraidh àraid so, agus b’e a bhliadhna 1940.
Bha call agus buaidh Dunkirk seachad, agus bha an Dibhision ghuìdhealach air an iomain-chùil a ghabhail a nuas bho ’n abhainn Somme gu cladach caolas na Frainge. Bha sinne ma thà air a chnoc so a sealltainn a mach gu muir air bataichean ar dùthchadh nach b’ urrainn miontraigeadh na b’ fhaisge air a chladach; cho goirid dhuinn, ach aig a cheart am, cho fior fhada bhuainn.
B’e duil nan cumhachdan os ar cionn gun gabhadh am feachd gàidhealach sàbhaladh le an aiseag thar a chaolais o bhaile-puirt Dieppe, ach bha feachd cumhachdach Rommel na bu luaithe. Feasgar an latha bhoìdheach shamhraidh sin, chaidh an t-sìth bheannaichte a mheal sinn cho aithghiorr a ghrad-bhristeadh le nuallan agus àrd-thoirm nan gunnachan-móra, ’s fhuair sinne òrdan a bhi deisalachadh gu ath-ghluasad.
Thàinig na carbadean — carbadean móra bho’n
R.A. S.C. , ghabhadh gach aon dhiubh mu dheich duine fichead, agus bha sinn air an rathad a rithist. Chaidh sinn deagh chùnntais mhiltean anns na carbadean so, agus an sin stad sinn. Cha robh a bheag no mhór do dh’ fhios againne gu de ceart a bha tachairt, ach cha do dh’ fhàgadh idir fada ’s an t-suidheachadh sin sinn. Chaidh ar loinigeadh suas; Thainig fear dhe na h’oifigich, Màidsear Hill, far an robh sinn agus bhruidhinn e rinn. Duine mór cóir a bh’ anns a mhàidsear le pearsa dhìreach, dheante, chumadail, is falt liath. Bha e an cogadh a Khàisear tha mi ’m beachd. Dh’ inns e gu robh arm Rommel air bristeadh a dh’ ionnsaigh a chladaich, agus mu bha teasraigeadh an dàn dhuinn, gu feumte deanamh air baile beag a bha na b’ fhaide an ear na Dieppe, ach mar an ceudna air còrsa a chaolais. Be ainm a bhaile so St Valery-en-caux, an baile ’s an deach dòchas na sprùilleach, agus a chuir iomadh gille làidir, tapaidh ann an ùr-earrach na h’òige na shìneadh fuar reot’ ann an ùir choimheach.
Thàinig sinn a stigh do St Valery oidhche luan. Maduinn di-màirt, fhuair sinn òrdan deisealachadh ’s a dhol an uidheam-batail. Bha againn ri dhol an greim agus na gearmailtich a chur air ais bho chnoc àrd a bha taobh a muigh a bhaile. Dh’ fhalbh sin, ach astar beag bh’on bhaile chaidh ar cur nar sìneadh am pàirc mhòir arbhair. Dh’ iarradh oirnn fuireach sàmhach socair, agus air na chunnaic sinn riamh gun ar suidheachadh a leigeil fhaicinn dha’n nàmhaid. Cha chuala sinn riamh dé chaidh ceàrr ’s cha mhotha fhuaìr sinn reusan a bhi air ar fàgail nar sìneadh fad fiaraidh latha samhraidh ann am pàirc mhòir arbhair, ’s na peilearean a cur nan dias bhar nan sop os cionn ar cìnn.
Sud far an robh an t-arbhar eireachdail: ged nach robh ann ach mios meadhonach an t-samhraidh bha toiseach fàs buidhe aige. Bi mi tric a smaointinn saoil an deach a bhuainn. Nach beag dùil a bh’ aig an fhear a threabh ’s a chuir ’s a chliath e an t-earrach ud gum biodh e stampte fo
chasan ’s fo chuibhlaichean “Wehrmacht” na gearmailt mun tigeadh am foghar.
Ach co aig tha fios? Se na bha dheth na frangaich fhein ann an dlùth-chomunn ris na gearmailtich am priomh-aobhar air nach do sheas a Fhraing na b’fhaide. Ach feumaidh mi aideacheadh gu robh a mhór chuid dheth ’n arm fhrangach cho dìleas, daingeann ’s a tha bhàirneach ris a chreig. Chan eil dùthaich na nàsain ’s an bith nach fhaighear barrachd is aon Qhuisling innte.
Nuair a chiar am feasgar, ’s a thainig dubhar na h’oidhcheadh, fhuair sinne ar casan altachadh a rithist, ’s thill sinn a stigh gu St Valery. Thoisich an sin am batail a dion a bhaile. Mu uair no dhà ’s a mhaduinn bha móran dheth na theine, ’s bha na gearmailtich a cumail teine gun bhristeadh a stigh nar measg. Bha e soilleir gu leór a nis nach robh dòigh air faighinn as a gheimheal anns an robh sinn ach leis a nàimhaid a chur an comhair an cùil Bha m’ baile cuairtichte.
Bha mi fhìn ’s fear no dithis eile a stigh ann an tigh mór fada, ’s e coltas tigh-stoìr a bh’ann, a leigeil ar ’n anail. Mhothaich sinn do thogsaid mhoìr air sorachan an ceann shuas an tighe. Chaidh fear dheth na gillean suas uice, agus rinn e mach gur e liùnn a bh’innte. Uill! cogadh ann no as, bhiodh ar cuid againne dhi. Dh’fhuasgail sinn na mugaichean a bha crochte ri ar ’n acfhuinn agus dìreach aig a cheart am thainig a spreadhadh. Bhuail sinn uile sinn fhìn aìr an ùrlar ’s ar lamhan mur ceann. Nuair a dh’fhiosraich sinn gu robh sinn fhathast beò, dh’eìrich sinn. Chan fhaicamaid ach le eiginn a cheile leis a cheò ’s a’ smùr a bh’air feadh an tighe. Nuair a shocraich an dusd sios, cha robh sealladh air ceann shuas an tighe, no idir aìr an togsaid. Cha robh eadhon an t-urlar fhein fliuch far an robh i.
“Uill,” arsa mo ghille math a bh’anns a chuideachd, “dh’fhaodadh iad na tighean a bhristeadh, ach carson nach
do sheachain iad an togsaid! !”
Mu naoi uairean s a mhaduinn thàinig balbhadh ’s an stoirm. Bha sinn fhin ’s na frangaich fhathast a losgadh nan .303’s; sin na h‘aon airm a bh’againn an aghaidh tancaichean móra ìaruinn na taoibh eile. An luch ’s a’ leoghann a cath, faodaidh mi radh!!
Nochd Maidsear Hill a rithist. Dh’iarr e oirnn loinigeadh suas.
’S ann air rathad iosal a chaidh a chladhach a mach a cnoc àrd a bha sinn suidhichte a nis aig iomall a bhaile. Bha bruaichean àrd air gach taobh dheth’n rathad a bha fior mhath nan sgathan gus neach a dhion bho sgealban nan sligean. Thoisich a màidsear air bruidhinn, ’s bha na deòir a ruith nan sruth bho ’shùilean. “Tha ’n t-ordan air tighinn bho chumhachdan os ar cionn,” ars’ esan, “gu bheil aig na th’air fhàgail beò dheth’n Dibhision ri toirt suas air sgàth casgradh marbhteach a sheachnadh.”
Cha do ghlac inntinn duine bha làthair gu buileach gu dé an suidheachadh a bha ’n crochadh ris na briathran so. Cha do smaointich cridhe duìne bha na sheasamh a’ sud riamh air a leithid a thachartas. Cha robh fios no fath aig duine bha so gu robh a chuid a b’fheàrr dheth ’n arm bhreatunnach cheana ann a Sasuinn, air an tarruinn a nall a Dunkirk. Mar sin ’s e iongnadh a cheud rud a thug buill air inntinnean. Ach mar a bha a Màidsear a dol air aghaidh a bruidhinn, dhrùidh a chùis na b’fhaide stigh, agus thuig sinn gu robh an suidheachadh—chan ann a mhìn cunnartach—ach buileach gun dochas. Bha a nàmhaid mun cuairt oirnn. móran, móran na bu lionmhore ’s na bu chumhachdaiche na sinne, ’s cha robh dòigh no ìnnleachd aig bàta air tighinn faisg a mhìle dha’n chladach: Bha ’m blàr air a chur ’s bha ’m blàr air a chall.
Chaidh an t-òrdan “Ground arms” a thoirt seachad. Sheall gach fear air an fhear eile; ach bha gach duine ’s fhathast’s greim bàis aig air an rifle. Gu cumanta ’s an arm, nuair a rachadh òrdan a dhiùltadh ’s e cionta trom a
bh’ann ’s rachadh deiligeadh ris a chiontach air reir a chiont, ach ’s e bha so gnothach eile.
Thugadh an t-òrdan seachad an dàrna turas, a g’innse aig an aon àm air gu robh a nàmhaid deiseil gus am baile ’s gach duine beò a bh’air àrainn a chur gu bàs mur a toireadh na saighdearean suas. Leig dithis no triùir sios na h’airm. Sheall càch air a cheile rithist. Feumar a thuigsinn gur e suidheachadh doirbh a bh’ann. Mu bha thu leigeadh sios nan arm, bha thumar gum biodh-rùisgte; an aon bhall-cuidichidh a bh’agad gad dhìth . Bha thu mar sin a sealltainn air an rifle mar an aon bhonn-teasraigaidh a bh’agad an teis meadhoin do dhearg naimhdean.
De an t-iongnadh ma thà, ged a fhuaras ordan a dheanamh, ged a bhiodhmaid mì-dheònach dealachadh ris an aon nì a dheanadh deifir eadar bàs is beatha. Thaìnig fras do theine “machine-gun” tarsuinn mullach ar cinn a leigeil fhaicinn le dearbhadh làidir nach be briathran faoin a liubhair iad. Na dheidh so, leigeadh sios na h’airm. Thainig carbad iaruinn a stigh an rathad le grunnan ghearmailteach f’on armaibh nan seasamh ann. Nan deaghaidh thainig tuilleadh is tuilleadh. Bha na caisteil a thog an òige cho àrd ’s a ghaoith nan sprùilleach air an talamh, ’s a measg nan sprùilleach bha iomadh corp òg aig an robh làmh ann an togail nan dearbh chaisteil.
title | 1 St Valery |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p |
parent text | Fo Sgail A’ Swastika |