10 AN T-SLIGHE AIR AIS
Bha sinn còrr is seachduinn am port-adhair Magdeburg, a cadal am broinn tighean mòra nam pleinaichean. Bha sinn a nis dealaichte bho gach nàsain eile; cha robh againn ann ach Breatainnaich is Canadianaich. Tha cumhn’ agam air duilgheadas nam polaich nuair a bha sinn ga fàgail.
“Tha sibhse fortanach,” thuirt iad; “Tha dùthaich agaibh gar feitheamh gus a dhol air ais innte, ach tha sinne gun dùthaich gun tighean.” Bha so fior. Bha gu leòr dhiubh ’s gun luchd-gaoil ann gus a’ fàilteachadh air ais, ’s cha robh fios aca dé bha rompa ged a rachadh iad air ais. Bha na Ruiseinaich na ’n dùthaich a nis, ’s air a réir fhein, cha robh iad dad na b’fheàrr na na gearmailtich. Cha b’ iadsan a mhàin a bh’anns an t-suidheachadh sin idir. Bha a mhòr-chuid do dhùthchannan taobh an ear na h’Eorpa ’s staid cheudna, ged nach robh an suidheachadh cho buileach dona ris na pòlich.
Chaidh ar roinn nar buidhnean — coig duine fichead anns gach buidhean. Chaidh gach buidhean àireamh bho’n fhigar aon suas, agus ’s ann am buidhean a deich a bha mise. Bha so a ciallachadh gur e an deicheamh pléine a theireadh leath’ a bhuidhean againne. Lathaichean nach tigeadh ach aon phlein, ’s lathaichean eile nach tigeadh gin idir, oir bha iad a g’aiseag a aiteachean eile, ’s a bharrachd air a sin, bha an cogadh a dol gu làidir fhathast.
Bha sinn a measgadh ri gu leor dha’n t-sluagh a’ so; muinntir na dùthchadh, agus bhiodh e freagarrach gu cuirinn sios na beachdan a bhàca nuair a chuiramaid ceistean oirne mu dheighinn mar a thionndaidh cùisean a mach. Bha a chuid bu mhotha dhiubh, gu ire gle bheag, dheth’n bheachd gu robh làn chòir aig Hitler a bhi air toirt
suas nuair a chaidh a nàmhaid tarsuinn na h’abhainn Rhine, mun do thòisich na Ruiseinaich air a phutadh mhòr a thug tarsuinn phòland gu Berlin iad. Nan robh e air a sin a dheanamh cha bhiodh a sgrios cho trom air an dùthaich no idir air beatha sluaigh. Bha iadsan a g’aideachadh gu robh e soilleir do neach ’s am bith gu robh an cogadh caillte nuair a chuir a namhaid cas air fonn na gearmailt. Bha fios aige-san cuideachd air, thuirt iad, ach bho’n a bha a thuiteam-san soilleir dha fhein, bheireadh e an dùthaich sios leis. Thuirt barrachd is aon dhiubh rium fhìn gum bu mhòr an call nach deach crioch a chur air anns an ionnsaigh a thugadh air anns an iuchar a bhliadhna roimhe sin.
“ ’S nach e sibh pein a chuir a stigh e,” arsa mise ri barrachd is aon duine dhiubh.
“Fhuair e a mhòr-chuid do bhòtaichean na ceàrnaidh so,” arsa fear rium, “ach gu dearbh cha do bhòt mise stigh e.”
Cha do dh’aidich aon ghearmailteach dhòmhsa gun do bhòt e le Hitler ann a 1933, ach ’s e mo mhòr-bheachd gur ann air an còt’ atharrachadh a bha iad anns an dusan bliadhna bho’n am sin.
Thàinig am plein againne mu dheireadh air maduinn di-domhnaich mu naoi uairean ’s a mhaduinn. Nuair a dh’eubhadh a mach an deicheamh buidhean, cha do dh’fhan an dàrna leth againn ri còta no abharsac no boineid ach leum a mach uice mar a bhà sinn, ach gun do dhinn mise rasar is siabunn is bruis nam phòca. Bha trì pleinaichean a fàgail a mhaduinn ud, ’s bha othail mhòr mun phort adhair oir be so a cheud uair do roinn mhòr dheth na gillean a bhi air turas-adhair an am plein. Cha robh mise mi fhìn riamh roimhe so am broinn plein, eadhon air an talamh.
Ach bha sinn air barrachd mòr do thachartasean cumanta beatha cho-lionta sam bith fhiosrachadh ann an iomlaid coig bliadhna dheth ar saoghal, agus cha robh ann a siubhal-speur dhuinn ach tachartas ùr, annasach eile a bha
do-sheachanta an crochadh ris an t-seol-beatha a bh’againn fad na h’ùine sin. Mar sin bha sinn a sealltainn air an turas a bha romhainn mar cheum ùr thar criochan neo-aithnichte, ceart mar a shealladh Scott air a thuras a dh’ionnsaigh a phòl-a- tuath, no ’s dòcha Columbus air a thuras-cuain thar na h’atlantic.
Dh’eirich am plèin bho’n talamh leis a nuallan àbhaisteach, ’s cha b’fhada gus a robh i sìneadh a mach gu socair ’s a cùrsa dha’n àird-an-iar. Bha mhaduinn air leth àluinn, ’s bha i na bu bhòidhche buileach dhuinne agus sinn a fàgail dùthaich nan iomadh cruaidh-chàs air ar cùl, ’s a siubhal aig trì cheud mìle ’s an uair air an t-sligh’ air ais gu dùthaich ar ’n àraich.
Sheall am pilot an abhainn Rhine dhuinn, an abhainn air na sheòl mise anns a Bhàrge ann a 1940. Bha am pios dhith a bha gu h’iosal fodhainn an dràsda gu math na b’fhaide deas na am pios dhi air na sheòl mise, oir chitheadh mid gu soilleir baile Cologne, ’s air reir choltais gun chlach air muin a cheil’ ann ach ballachean is stiòpal na h’eaglais mhòir a mhàin. A tighinn tarsuinn crioch na Frainge ruith am plein a stigh do stoirm-shneachda, ’s cha robh sinn ach mar bhàta ann an droch mhuir. Chaidh am pilot gu àirde coig mile fichead troigh gus faighinn os cionn an t-sneachda ach bha ’n aimsir a cheart cho tuasaideach aig an àirde sin. Chrom e cho iosal ’s gu faiceadh mid mullaich nan craobhan air a luasgadh leis a ghaoith, agus gu ìre bhig a suathadh ann an taobh-iosal na plein. Ach fhathast bha ’n stoirm gun lasachadh, ’s am plein tiugh le sneachda air an taobh a muigh. Thainig fosgladh beag, agus thuirt e gun toireadh e nuas i air Port-adhair Metz. Rinn e sin, agus bha na pleinaichean eile romhaim ann. Fhuair sinn biadh an so, ’s chuir sinn seachad da uair a thid’ ann a feitheamh ri feabhas sìde.
Bha mise ann am baile Metz roimhe, anns a mhios ghiblein 1940, mun deach ar ’n aiseag gu cabhageach gu crioch Bhelgium nuair a phut na gearmailtich a stigh dha
’n dùthaich sin. Bha roinn do mhilleadh air a dheanamh air a nis, dìleab teine nan gunnachean, ach pris bheag airson saorsa.
Dh’fhàg sinn Metz nuair a thionndaidh a’ latha na b’fheàrr, agus lethach tarsuinn na Frainge bha latha soilleir grianach againn. Bha an abhainn Seine a nis gu h’iosal fodhainn mar nathair mhòir airgeadach ann a’ soillse na greine gus mu dheireadh an do leudaich i cho mòr ’s gun deach i na muir. Bha sinn os cionn Le Havre, am baile-puirt sinn anns an deach mis’ air tir ’s a cheud mhios dha’n bhliadhna 1940, tur aineolach ann an dòighean tuasaideach an t-saoghail, ach a nist, coig bliadhna air aghart, fiosrach agus foghlumte air gach seorsa gné uilc is mì-dhaonntachd a theid aig inntinn is cridhe duine uisneacheadh an àm grunnachadh troimh fhuil a cho-chreutairean gu inbhe àrd ’s an t-saoghal so.
Bha e ochd uairean feasgar, aon uair deug bhon a dh’fhàg sinn Magdeburg. Bha sinn a nis ann a le Havre ’s gun eadar sinn is Sasuinn ach Caolas na Frainge. Ach cha robh aon duine so an turas so gus ar bacadh faighinn tarsuinn a chaolais sin mar a thachair an turas mu dheireadh a bha sinn ann. ’S ann a bha gach duine bh’ann a deanamh an dichill gus ar faighinn a nall leis cho beag is a ghabhadh deanamh do mhoille. Cha robh am plein a thug as a Ghearmailt sinn a dol seach so, bha i tilleadh air ais dhan dùthaich sin. Nuair a dh’iarr sinn air a philot cumail tarsuinn a chaolais mun do laigh e’, “B’fheàrr leum,” ars’ esan, “gu faodainn sin a dheanamh.”
’S e pleinaichean eile bha dol a nùll a Sasuinn gar ’n iarraidh, ’s cha robh duil riutha gus ceann dà latha. Bha an ùine sin againne fhathast ri chur seachad ann a Le Havre.
An e cron a rinn na coig bliadhna a bh’air a dhol seachad air ar beatha, no an robh deagh bhuaidh sam bith aca oirnn. A bruidhinn air mo shon fhin, chanain nach do rinn e cron mòr sam bith, sgarte bho roinn do bhristeadh-slàinte, agus air a laimh eile thionail mi barrachd tuigse is
eòlais is leudachadh-inntinn anns an ùine sin ’s a thrusain ann an ceithir fichead bliadhna do bheatha réidh, chumanta. Mar a thuirt mi ann an earran eile dha’n leabhar so, dh’fhiosraich mi àrd-ghrìnneas nàdur daonnda ann an cruaidh-chas na h’eiginn. Dh’fhiosraich mi dlùth-chompanas agus gaol-ceartais ann an cridheachean, a sheasadh gun a laigse a b’fhaoine ri doruinn-chraidh, seadh ’s ri eadhon bàs brùideil, air sgàth chompanach is dùthchadh. Fhuair mi eòlas, air a laimh eile air an doimhneachd dhuibh dha an crom cridheachean is inntinnean cuid dheth ’n t-sluagh nuair a dhiobras iad bàigh is tròcair chriosdail, gan isleachadh fhein an cruth ’s an gniomhan co-ionnan ri dubh-ainglean an dorchadais. Chan eil teagamh mar sin, nach robh tomhas math do dheagh bhuaidh aig coig bliadhna fo sgàil a Swastika orm-sa, ach a dh’aindeoin sin nam bithinn an diugh aig aois fichead bliadhna gu dearbh chan iarrainn a dhol troimh a leìthid a rithist. Bi mi uairean a smaointinn saoil an e sgrios a thàinig air an t-saoghal ’s na bliàdhnachean ud, ceart mar a bha tuil Noah agus sgrios Sodom is Gomorrah. Se sgrios a bh’ann, gun an teagamh is lugha; agus sgrios anns na chaill muilleanean am beatha, ach co-dhuibh bha a leithid ordaicht’ gus nach robh ’s ann aig Dia Mòr fhein tha brath. Canaidh mi uairean eile gur e a’ Fear-Millidh fhein a fhuair buileach mu sgaoil agus a bha riaghladh ’s a stiùradh beairt-chogaidh na h’Eorpa Mheadhonaich. Aon nì a tha cìnnteach, ’s e sin gur e cumhachdan uilc is ana-ceartais a bh’ann, agus gun do bhuaidhaich cumhachdan a cheartais thairis oirre, agus air reir reusanachadh feallsanach be sin a chrioch onarach ris a’ faodte dùil a bhi na leithid a thachartas.
Bha Caolas na Frainge a soillseadh gu lainnireach gu h’iosal’, ’s bha sinn uile cumail sùil gheur a mach feuch co a cheud fhear a chitheadh corsa-a- deas Shasuinn a nochdadh air fàire. Bha gach duine beò ’s a phlein sàmhach; cha robh diog a tighinn a beul. ’S e mómaint thorrach a bha so,
agus cha sgriobh peann gu siorraidh sios a’ seòrsa faireachdainn a bha ’n com nan gillean uile ’s gach fear ’s a shùilean caogte a sealltainn gu dichiollach air aghart airson a cheud shealladh do thir a bhreith. Nuair a nochd creagan àrda cailceadh Dhover a mach as a mhuir, leig gach aon anam beò aìr bòrd an aon iollach àrd a beóil a chéile, ’s an fheadhainn air a robh boneidean, thilg iad suas os an cionn iad. Mionaid no dhà eile bha luchd-ionnlaid a bha grunnachadh air an tràigh ghil a smeideadh ’s a g’eubhach dhuinn, agus sinne ga freagairt ged nach cluinneadh iadsan sinne.
Bha sinn air tighinn dhachaidh.
A’ chrioch.
title | 10 An t-Slighe Air Ais |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p |
parent text | Fo Sgail A’ Swastika |