[12]

2 A CHOISEACHD MHÓR

Bha ghrian cho teth. Bha mi fhin gu tiachdadh leis a phathadh, ’s cha robh deurs a bhotull uisg agam. Bha sinn uile sgith. Bha cion a bhidhe agus cion a chadails gu hàraid an suidheachadh anns arobh sinn na reusan mór dhan tromasanaich inntinn is cuirp a bhair ar siubhal. Bha sinn an am pàirc mhór fhiarach astar goirid a mach as a bhaile far an deach ar toirt còmhla nuair a stad an cath. Bha Uidhisteach eile, Ailein Ruadh Thormaid Bhig, a Loch-Baghaisdail na shuidhe ri mo thaobh, agus dhiarr mi deoch air. Shin Ailein dhomh am botul uisg aige fhein, ’s chuir mise air mo cheann e. Bha mi cho fior thiorams nach burrainn mi stad dheth, agus gu dearbh cho do dhfhàg mi móran ann. Ach nuair thug mi far mo chìnn e thàinig aileag orm. SeCognaca bhaig Aileins a bhotul, ’s bha misair suas ri trì chairteil a phìnnt dheth òl. Shin mi mi fhìn air an fheurs an ùine ghoirid bha mi nam shuain chadail.

S ann mu leth-uair an deidh deichs a mhaduinn a bha so, agus bha e ceithir uairean feasgar nuair a chaidh mo dhùsgadh. Bha cùnntais cheudan eadar frangaich is breatunnaich cruinn còmhlas a phàirc sos a thuilleadh air a sin bha frangaich Mhorocco ann, daoine dubha. Cha robh na daoine so a creidsinn idir ann an géilleadh, ’s e cath gu bàs an dualchas aca. Chunnaic mi fear dhiubhan deidh a t-sith eubhach a mhaduinn sina gearradh leum air muin saighdear gearmailteachs a stobadh sgian chaoil, fhada na sgòrnan. Chaidh am fear dubh a mharbhadh an ath mhionaid le fras pheileirean bho charbad iaruinn.

Feasgar an latha sin thòisich a choiseachd a mhair còrr is trì seachduinnean. Saoilidh mi gu robh barrachd air


[13]

mìle a dhfhad, nos dòcha nas giorra do dhà, anns an loine sluaigh a bha coiseachd an rathaid. Bha an dùmhladas sluaigh so air an geàrd le saighdearean armaichte a coiseachd air gach taobh, cuid eile ann an carbadans airmotor-bikes.” Mun do dhfhàg sinn còrsa na Frainge bha ar ceum a dol seachad taobh na mara, agus chunnaic sinn bàta mór na laighe astar beag a mach bhon chòrsa. Thionndaidh Tanc ghearmailteach na gunnachean a mach ris amhuirs loisg iad oirre, agus chunnaic sinn na steallan far na bhuail na sligean glé ghoirid dhi.

An ath mhionaid, thainig teine bhon bhàta fhein. Bha so na bu mhiosa buileach. Bfheàrr a bhi marbh le gunnachean na namhaid fhein no le gunnachan ar luchddùthchadh, achs ann a sior tharruinn a mach bhon chladach a bhà sinns fhuair sinn caoiteas sligean a bhàta.

Cha robh dad a nis ach coiseachd. Bha sinn a gastarachadh mu dheich Kilometre fichead gach latha. Feasgar, rachadh ar campachadh ann am pàirc non àite freagarrach, leis na cotaichean-uachdair nam plaideachean dhuinn. Riaraichte lof fhrangach no lof do dharan seagail gearmailteach air siathnar fhear, nos dòcha air ochdnar mu bhan t-aran gann. Cha bhiodh cuid an urra dheth ach beag.

Ach iomadh uair an àm coiseachd troimh bhaile, gheibhte rud a thàradh a suds a so. Bha sinn an latha so a dol troimhyvetot,” baile beag taitneach air arathad suas gu Belgium. Bha feadhainn aig arobh beagan airgid, ’s feadhainn eile gun bheagan fhein! Chaidh fear no dithis a stigh do bhùthaidhs an dol seachad a dhiarraidh rudeiginn a ghabhadh ithebha an geàrd a bfhaisge pios air falbh. Ach man dfhuair na ceannaichean na dhiarr iad nan lamhan, bhrùchd mu fhichead againn a stigh dhan bhùthaidh. Cha robh ùine air paìgheadh mum biodh an geàrd a stigh nar deoghaidh, ’s cha mhotha na sin a bha ùine gus a riaraicheadh fear-frithealaidh na


[14]

bùthadh sinn. Cha robh ann ach gach aon air a shon fhein, ’ss em fear bu lapaiche bu lugha gheibheadh. ’S e, mar a their iads a bheurla, “Self-servicea bhann. Bha cuid mhór do bhathar na bùthadh sgaoilt air feadh an ùrlair, ’s a mach air feadh na sràideadh, ach bha cuid mhath againne nar pòcaideans a stigh am broilleach nan seacaidean. Se tachartas tric a bha na leithid so an am dol tro bhailtean, ’s ged a bha urchraichean ga losgadh iomadh uair cha deach duine baithne dhòmhsabhualadh. Ach chuala mirithist gun dfhuair feadhainn droch leòin an am togail creiches na bùthan.

Bha creach mhath eile ri throgail anns na hiomairean buntatà. Ach dhfheumte so a dheanamh cuideachd a mach a fianuis sùilean geàird. Na faighte ceithir no coig a bharran a spionadh, bhiodh pòcannean nam briogaiss nan seacaid làn buntàta. Aig deireadh an latha , nuair a stadamid air son na hoidhcheadh, rachadh am buntàta a bhruich air teine togte le sgealban beaga fiodh, ’s le rud sam bith eile as an tigeadh lasair. Abair thusa gu robh iomadh deagh fhéusd air buntàta goilte nan seacaidean agus air uairean eile ròiste.

Ach smaointich thusa air no trì fichead duine a cromadh air achadh beag buntàta còmhla, eadhon air son trì mionàidean. Coig cheud slat air ais bha urad eile ann an iomaireile. Mu rachadh suas ri deich mìle duine seachad, tuigidh sibh nach biodh mòran buntàtair fhagàil san talamh. Air reir choltais, sgaoil asgeul air feadh na dùthchadh mu chreach a bhuntàta, agus mun do ràinig sinn crioch Bhelgium, bhiodh na frangaich le gunnachans le bataichean na seasamh an ceann nan iomairean a gleidheadh an cuid buntàtair na creachadairean.

Ach chan fhaicinn so ceàrr idir dhaibh. Bha an saoghal aca-san air a dhol buileach troimh-a- cheile, ’s cha robh fios aca de theireadh a latha màireach na an ath-sheachdainn mun cuairt. Bha slighe reidh na beatha a ruith iad fad fichead bliadhna roimhe sin air a spionadh gu tur as na


[15]

fhreumhaichean, ’s ged a bha fios aca gu robh acras òirnne, dhfheumadh iadsan am biadh a chuir iad fheins an talamh a ghleidheadh dhaibh fhein. Chan ann dhuinne no do ghearmailtich a chuireadh idir e.

Ach bha mòran coibhneis ga nochdadh cuideachd, agus sin gu hàraid ann am Belgium. Bha fios ro-laimh con latha bha na priosanaich gu bhi dol seachad, agus bhiodh te na seasamh asud san so le peilaichean mora eanaraich. Rachadh na Mess-tins againn a lionadh nan tachradh dhuinn a bhì faisg air a pheile, ’s abair thusa gu robh annas asin. Thilgte lof arain air uairean eile, ach am fear a gheibheadh greim oirres e e fhein, mar bu trice, bu lugha aig am biodh dhì mu dheireadh. Chunnaic mi aon fhear a faighinn lof mar so. Chaidh suas ri deich paidhraichean làmhan eile an greim innte, ’s cha robh aige fhein air fhàgail dhi mu dheireadh ach na bhan greim na dheich iongnan.

Bha daoine sior choiseachd. Fad an latha fo throm theas na gréine, ’s a stad feasgar far afaiceadh na geàird freagarrach. Mu bha an teas doirbh fhulang feadh alatha, bham fuachd fada na bu mhiosa feadh na hoidhcheadh. Cha robh na còtaichean uachdair fhein a nis aig a mhór chuidchaidh an fàgail gus a bhi na baotrome — ’s cha robh dad ach cadal air a chnoc lom gun eideadh-uachdairs am bith. Cadal caran corrach, ach le sgios coiseachd alatha, cadal air a shon sin.

Bha casan a tréigsinn. Dhatadh builgeanan mòruisgair bonnan chas, agus mun gabhadh cas cur air ais am bròig nuair a bheirtas i, dhfheumtam builgein a tholladh, ’s an t-uisg a leigeil as. Sin nuair a bhiodh an cràdh ceart ann. Cha deanadh e mòran feum suidhen taobh a rathaid. Phiobraicheadh buille ghoirt do stoc rifle a gheaird nad sheasamh gu healamh thu, agus chuireadh brodadh na beuglaid gu coiseachd thu, goirt is ga robh do chasan.

Aon latha air a rathad tro Bhelgium thainig càr beagse


[16]

tarrainn trailear as a dheaghaidh. Bha coignear no siathnar againn ann am baidean beag mu mhìle air deireadh air càchbha sinn air tuiteam air chùl le casan goirte. Leum gach fear chun a chàr. Lionadh an trailear; cha ghabhadh e ach mu shia daoines mun dfhuair mise na bhroinn bha e làn. Ach cha bhithinn air mo bheatadh! Leum mi air cùl a chàr eadar es an trailear agus ghreimich mi ris aspare wheela bha ceangailté ri cùl a chàr. Dhfhalbh an càr agus dhfhalbh e gu math. Leis a chudtrom a bhanns an trailear as a dheaghaidh bha an càr a sniomh a nùlls a nall, ’s bha mise sior shleamhnachadh sios eadar an inneal. Bhaghaoth a bha e tarruinn an impis mo thilgeadh dheth, ach bha mo dheich iongnan an greim-bais ris aroth, ’s gun mi faighinn manail ach le riasladh. Stad geàrd an càr an deidh mu dhà no trì mhìltean dheth so, ’s bha mise gu math taingeil mo chasan fhoighinn air làr, crùbach cuagach mar a bhà mi. Bha mo cheann a dol mun cuairt mar mhuilean-gaoithe.

Thug iomadh fear suas. Bha cion a bhithes asgios na mheadhoin do ghu leòr toirt fairis agus sineadh ri taobh arathaid. De thachair dhaibh sin uile chan eil cinnt agam. Chaidh feadhainn aca gun teageamh a ghiùlan ann an carbadean, achs e mo bheachd gun deach gu leòr dhuibh a chur as arathad. Cha robh mòran pris air beatha duines an àm ud, ach ceart mar gum pronnadh tu cuileag a laigheadh air do shròin. Tim dhubh ga-rìribh.

Se am pathadh is cion an uisge bu mhotha bha cur ri ar fulangas. Se beannachadh mòr a bhann a fras uisge gu hàraid goirid do thighean, oir gheibheadh neach leum a nùll le roids an t-uisge bha tuiteam bharr mullach an tighe a ghlacadh ann an crogan, nos amhess-tin. Bha balgam dhethn uisge gheibhte mar so cho miliss cho blasda ris an fhion bu daoires an Fhraing.

Mur a thuirt mi cheana, bha mòran coibhneis ga shealltainn dhuinn air arathad tro Bhelgium. Bha e follaiseach cuideachd go robh sluagh Bhelgium na bu


[17]

ghoimheile dha na gearmailich na bha na frangaich. Nuair a bhiodh boireannaich a muigh le peilaichean eanaraich, thigeadh an geàrd mun cuairt le breab air a pheile, nam biodh e faisg, ’s bhiodh gach deur na bhroinn air feadh a chnuic, ach gheibheadh esan e fhein ìnnse dha ann am briathran nach biodh freagarrach asgriobhadh an so, agus chunnaic mi eadhon te no dhà a dalladh air fear dhiubh so le deagh bhreaban.

Nuair a rainig sinn fearann na hòlaind, chuireadh feadhainn ann an carbadan, ’s feadhainn eile an trucaichean beaga treàna, a bha ruith air rathad-iaruinn troimh na sràidean, ’s troimh chuid dheth na rathaidean-mòra. Tha deagh chuimhnagam gun dfhuair mo cheann droch bhuilles mi ruighachas a mach thar cliathach na truc air lof arain a bha boireannach a sineadh dhuinns an dol seachad. Chna fhaca mi idir am póla mór a bhan taobh arathaid gus na choinnich mo cheanns e fhein a cheile. Ach ged a chaidh mo shaoghal-sa dubh an déidh na ceud lasair ghil, cha do chaill mi greim idir air an lof.

Bi e furasda thuigsinn, an deidh trì seachduinnean air an dol-air-aghart so, gun móran bidhe agus a cadal nad aodach, gum biodh duine air a phlàigheadh le mialan, agus tric nuair a stadadh a choiseachd feasgar, chite fear thalls a bhoss a léine air a ghlùinean, a marbhadh mhiàl. Ach cho mórs ga marbhadh duine, bha na biastan fhathast a siolachadh a sheachd fillte, gus nach gann nach coisicheadh an t-aodach dhiot. Banns an t-suidheachadh sin a ràinig sinn laimrig thrangs an Olaind, ceann-uidhe a bha ciallachadh deireadh na coiseachd, ach toiseach tuilleadh acrais is pathaidh is fulangais fad cheithir latha, a seòladh suas an abhainn Rhine.

title2 A’ Choiseachd Mhór
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p

parent textFo Sgail A’ Swastika
<< please select a word
<< please select a page