[18]

3 AM BARGE

Bha seachd no hochd do Bhàrges aig na Laimrigean so. ’S e rathad uisge trang a thanns a Rhine an am sìthe, leis gach seòrsa bàta sios is suas oirre, ach an turas so bha i dol a ghiùlan luchd eadar-dhealaichte bhon àbhaist, làn trì no ceithir do bhàrges do phriosanaichcogaidh air an t-slighe chruaidh-chasach gu braighdeanas cuingeil Hitler. Do neachs am bith aig abheil sùil do dhfhior-bhoidhchead dùthchadh, ’s a ghabhas tlachd ann a maise nàduir, tha seallaidhean nach gabh di-chuimhnachadh a tighinn mion air mhion fo chòmhair a shùilean air a thuras a seòladh suas an Abhainn Rhine. Tha so gu buileach cinnteach eadar baile Bonn is Bingen. Ged nach do ràinig sinne cho fad sin a deal oirre an turas so, bha seallaidean air leth taitneach dhan t-sùil ri leirsinn ann, ach sin a mhàin aig suil na saorsa, agus chan e sùil na trom dhaorsa nach urrainn tlachd fhaotainn a boidhchead eadhon aig a làn mhaise.

Chaidh lof bheag chruinn arain an urra thoirt dhuinn, agus chuireadh air bòrds a Bhàrge sinn. Nan robh fios ro-laimh air a bhi againn gum biodhmaid ceithir latha air bòrd cha bhiodh a mhór-chuid dhethn lof air a hitheadh idir a cheud fheasgar. Ach bha beagan do bhuntàtas do churrain Bhelgium nar pòcaidean fhathast.

Bha mo fhìn a gionndrainn an uaireadair. Cheannaich mi an Inbhirnis e aig toiseach a chogaidh, an deadh dhuinn a cheud phàidheadh fhaighinn. Cho fads is cuimhne leams e coig-tasdain deug a chosg e. Reic mi ri Belgian e seachduin roimhe sin airson deich cigarettes is bìdeag arain.

Ach chan e cion na huaireach a bha dol a dhfheuchainn


[19]

rinn aseo idir, ach cion a bhidhe. Bha sinn pacaichte gu hiosal ann an toll a Bhàrge mar nasardines’; cha robh agad ach t-fhads do leud fhein ann. Bha an deic gu hàrd a cheart cho làn, ’s a bharrachd air teas na greine feadh alatha, bha blàths murtaidh anail nan daoine a toirt tromasanaich cadail ort, oir cha robh air fhàgail do dhfhosgladh ach far am faigheadh duine mu seach suas gu hàrd air an fhàradh.

Cha robh na Bàrges adeanamh móran astair; ’s e siubhal fadalach slaodach a bhaca. Chaidh crioch air na dhfhàgadh dhan aran an dàrna lathas bha sinn a nis a freasdal smodal buntàtis churran, dileab a creach Bhelgiums na Frainge. ’S e aon stòbh a bhanns a Bhàrges mar sin, ’s ann ainneamh a gheibheadh duine cothrom air rud mar a bha buntàtabhruich, o chionn bha buntàtri bhruich aig a huile fear.

Ged a bhan t-acras trom oirnn, bha miann smoc gu math laidir cuideachd. Cha do mhair na cigarettes a fhuair misair an uaireadair ach aon latha. Chaidh Domhull Iain Moireasdan a Uidhist suas aon latha chun a stóbh le pana beag làn bantàta gus a bhruich. Bha frangach a còcaireachd rudeiginn roimhe, aguss ann an thill mo liagh a nuas le deich cigarettes. Ach bha tuilleadh buntàtagainn, ’s ged a bhan t-acras fhein ann, ghabh sinn deagh smoc!!

Thug gilleMhuinntir Phàislig bideag arain a mach a broilleach na seacaid; na bhair fhàgail dhethn lof a fhuair e a cheud latha. Bha am pios arain a gluasad le mialan. Duines am bith nach do dhfhairichs nach do dhfhiosraich acras riamh na bheatha, bi e car doirbh dha a chreidsinn nach do rinn am fear so ach na mialan a sgriobadh dheth le chorragean, agus dhith e an t-aran. Ann a staid dhethn t-seòrsa so, tha gach neach is bàigh aige ri bheatha, ’s chan eil e mach ach air a shon fhein. Mu ghéilleas to do lapachds am bith, tha thu caillte. Cha robh fear againne nach deanadh a cheart leithids a rinn esan, ach an t-aran a bhi againn.


[20]

S e am pathadh bu mhotha deuchainn, ged bha an t-acras dona. Bha feadhainn a leigeil crogan sios dhan abhainn, le sreang ceangailte ris. Shlaodadh iad an nuas an crogan leis an t-srings dhòladh iad an t-uisge. Chan fheum neach cumhachd-inntinn mhór sam bith gus tuigsinn gu de an seòrs uisga thanns an abhainn Rhine, no an abhainn sam bith a tha ruith tro bhailtean moras tro aiteachean gniomhachais. Mar sin cha bhi e na iongnadh do dhuine gu robh an fheadhainn sin air leth truagh is tinn le sgaoileadhmionaich an déidh an t-uisge sin òl, agus a thaobhs nach robh bìadh nam broinn. ’S e an fhuil bu mhotha bha tighinn bhuapa.

Chunnaic mi Donnchadh Iagain Ruaraidh a Dalabrog latha a githe buntàta. “Ciamar a fhuair thu bhruich,” arsa mise. “Cha do bhruich mi idir e,” arsesan, “bha feadhainn eile romham aig a stòbh, ach thòisich mi air itheadh amh mar a bhà e. Feuch thuses gu faiceadh tu cho maths a thà e.” Bha Donnchadh ga ghearradh sios na shlisnean tana, ’s ga bhogadh ann a salunn a fhuair e bho fhrangach. Dh fheuch mi fhìn dòigh Dhonnchaidh, agus feumaidh mi aideachadh gu robh e air leth blasda, ’s dhith sinn dhan bhuntàtamh gus arobh sinn buidheach. Chan eil teagamh nach toir an t-acras deagh bhlas air ruds am bith, ach gu dearbh chan ithinn am buntàtamh an diugh. Fhuair gu leór deuchainn ghoirt le droch stamagean na dheidh sos a Ghearmailt, ’s bha mi fhìn air fear dhiubh sin. Bha cuid eadhon a fhuair am bàs ri lìnn. Bha dotairean a gràdh gun do rinn droch bhiadh amh, air stamagean falamh, an suidheachadh so a thoirt gu bith.

Bha aon aislig na fior dhroch throm-laighe dhomh fhìn a huile turas a chaidlinn, ’s tha ì cheart cho ùr nam shùilean an dìughs a bha i air a Bhàrge. Bhìthinn a faicinn pucaidean loma-làn uisge a seòladhs a ghaoith air mo bheulaibh, ach a huile turas a dhfheuchainn ri greim a dheanamh air te dhiubh, ’s mo theanga mach chun an


[21]

uisge, bha phucaid a teannadh air falbh bhuam. Bha mo chridhe mach gu balgam dheth: mo lipeans mo theanga cho tioram ri eibhleag theine, ach mar bu mhotha rachainn as deaghaidh na pucaid, ’s ann a bfhaide theannadh i bhuam. Tha mi smaointinn gu robh am bruadar breisleinach so na bu truime orm nam pathadh fhein, aguss ann a bhithinn toilichte nuair a dhùisginn.

Ach chan eil dad nach tig gu crìch math no dona e. Tharruinn na Bàrges a stigh gu ceadhas chaidh an ceangal suas. Aig an am cha robh fios no forfhais againne an dearbh bhad anns an robh sinn. An ceann ùine chaidh ar toirt a mach. Mhothaich sinn an uair sin gur e baile Emmerich a bha so, agus thuig sinn gu robh sinn air fearann naimhdeil. Bha ar cas air fonn na Gearmailt. Chaidh asin ar toirt gu tallachan móra an iomall a bhaile; chan eil mi cìnnteach na togalaichean a bhann, tighean sgoile, ’s docha, no tallachan baile, ach ge be bhannta, ’s ann asin a fhuair sinnecheud bhlasad air neo-thruaichantas ar luchd-fòirneart.

title3 Am Barge
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p

parent textFo Sgail A’ Swastika
<< please select a word
<< please select a page